Skip to main content

Full text of "Eachdraidh na h-Alba : anns a' bheil gearr-iomradh air na nithibh is cudthromaich' a thachair 's an rioghachd, o na ceud linnibh, gu meadhon an naordheamh linn deug"

See other formats


f;- ^ 



Ìi 






-^ I — 






/ 



^5. 



EACHDRAIDH NA H-ALBA, 



ANXS A' BUEIL 



GEARR-IOMRADH 



AIR NA NITHIBH IS CUDTHROMAICH A THACHAIR 

'S AN RIOGHACHD, NA CEUD LINNIBH, GU MEADHON 

AN NAOIDHEAMH LINN DEUG. 



LE 



AONGHAS MAC COINNICH. 



GLASCHO: 

-NA-CEARDADH, 62 SRAID EARRAGHAIDHEIL. 
IJAN, S. MUILLEIR; INBHIRNIS, I. NOBLE. 

18 7, 




AN ROIMH-RADH. 



CHAb'ann air son dhaoine fòghluimt' a sgriobhadh an Eachd- 
raich a leanas, ach air son dhaoine neo-fhòghluimte. Cha'n'eil 
an • -ùghdar a' gabhail air, aon chuid comasan neo-àbhaisteach àrd, 
no eòlas neo-àbhaisteach farsuing, a thoirt a dh' ionnsuidh na 
h-o:bre. Agus mar sin, cha ruig an leughadair fòghluimte leas a 
ghedltuinn dba fèin gu 'm faigh e mòran innte nach 'eil ri 'fhaot- 
ainu 'an Eaclidraidhibh Beurla na rioghachd, nach 'eil tearo 'an 
àireamh. Ach cha ruigear a leas, air a shon sin, leth-sgeul sam 
bith a ghabliail air son na h-oidhirp so a thoirt air luchd labhairt 
ar cànain a shoilleireachadh 'an eòlas air nithibh a bha, mar a 
dh' fheumas sgriobhadairean Beurl' a dheanamh, aig nach'eil rùm 
air fhàgail gu sgriobhadh mu ni sam bith air nach deachaidh mòran 
a ggriobhadh cheana. 'Si so a' cheud oidhirp a thugadh air 
Bachdraidh Alb' o thoiseach gu deireadh a chur a mach 'an seana 
chànain na dùthcha. Agus mar sin, ged a bhiodh mì-fhoirfeachd 
timchioll oirre, mar gu bheil, 's còir giìilan ni's suairce le sin na 
dheantadh le mearachdaibh an luchd seanchais a thig 'n ar dèigh. 

Bha tri nithe àraidh air an cumail 'h an amharc ann an sgriobh- 
adh na h-Eachdraidh so, a bha mar shnàthainn-riaghailt air gach 
mir fa leth dhi mar a bha i 'dol air aghart. 1. I bhi firinneach. 
2. I bhi goirid. 3. Uiread 's a ghabhadh deanamh a bhi air a 
dheinneadh innte. A measg gach seanchais eil' a bhiodh feumail 
*ua taitneach 'an Eachdraidh Ghàelich, mheasadh iomchuidh beag 
no mòr a chur innte mu 'n Fhèinn. Agus a rèir sin bha'm focd 
8in, a tha na h-uile Gàel cleachdta ri 'chluinntinn o 's cuimhne leis, 
air a chur sios mar thiodal aon de na caibdeilean, faisg air an 
toiscach. Ach an dèigh moran dioghluim 'us rannsachaidh a 
a dheanamh anns gach àit' 'au saoileadh reach a bhitheadh 
eòlas air seanchas nan aman ud ri 'fhaotainn, b' èigin a' chuid 
80 de *n ghnothuch a leigeadh seachad. Agus mar is mò leughas 
n^iM^h, mos bith d^ ^giiobhaidhcau ^au ^asiumacU '^nm Crall 



it AN BOniH'BADfl, 

Albannacli mu thimchioll na Fèinne 's ann is soiUeire bhiose dha, 
gu bheil iad a' deanamh na 'surrainn iad gus an tuilleadh dorch- 
adais 'us troimhe chèil' a chur air a' chuid ud de eachdraidh ar 
dùthcha; agus mur meas' an aon mu dheireadh dhiubh sin a 
sgriobh na càch uile, cha 'n fhearr car. Ma shàmhlaichear luchd- 
rannsachaidh eachdraidh nan linnean ud ri muinntir 'n an suidh* 
ann am bàt', agus le gloìnneachaibh amhairc a' sealltuinn air a* 
ghrunnd a tha fopa, iomadh aitheamh air doimhne — fear ag ràdh 
gur grunnd shgeach 'us gainmheach a th' ann, 's fear eile gur e 
th' ann grunnd clachach no creagach — 's e na gheibh iad de chòmh- 
nadh o na Sasunnaich 's o na Goill Albannach, gu bheil sgaoth 
dhiubh sin a' tighinn le'n cuid bhàtaichibh beag' 'us mòra gus na 
h-uile gluasad is urrainn iad a chur air a' mhuir, agus an solus a 
dhruideadh a mach le co ro lionmhor 's a tha iad. Cha bu mheisd 
leinn idir seann laoch fhaicinn a' togail a chinn, a' toirt air falbh 
na gloinn' o 'shtiil, ag èiridh 'na sheasamh, agus le ùghdarras 'an 
aghaidh nach feudtadh seasamh, ga 'n òrduchadh sud uil' air falbh 
as an t-solus. 

A rèir na h-uile coslais cha *n 'eil rian eile bu luaitV a chuir- 
eadh 'n an tosd na h-uile connspaid 'us teagamh mu eachdraidh 
Taoibh tnath Alba rè na h-ùin' a bha na Ròmhanaich an Ceann a 
Deas an eilein, na gu'n ruigeadh hichd rannsachaidh air eòlas co 
mion air a' Gbàelic, scana chainnt na dùthcha, 's gu 'm b'urrainn 
iad a dhearbhadh o 'n dòigh 'san robh i air a labhairt c'uin, a bha 
Oisean a' seinn, agus c' uin a blia bàrd sam bith eil' a dh' fheudar 
ainmeachadh, roimhesan no 'na dhèigh, a' seinn. 

Anns a' chomh-dhùnadh, dh' iarradh an t-hghdar a bhi 'g 
altrum an dòchais gu 'n tòir mòran de chàirdean na Gàeltachd, 
nach 'eil gu h-iomlan 'an urra rìs a' Ghàelic, gnùis do'n oidhirp 
so air ar luchd-dùthcha 'shoillseachadh 'an eòlas air eachdraidh na 
rioghachd; agus mar sin gu 'n cuidich iad le bhi 'toirt o gach 
Gall 'us coigreach eile fàth a bhi ni 's faid' a' tilgeadh mar athais 
air na Gàeil, nach cùm iad suas litreachadh 'nan cànainfèin, ciod 
Bam bith eil' a chumas iad suas. 

GlMWbo An Hnh to Oo'n Mbaigb, 18C7. , , 



AN CLAR-INNSIDH. 



Caib I. — Eachdraidh neo-sgrìobhta — Cionnus a leughar i, 

Caib II. — Tighinn nan Ròmhanach, 

Caib III. — Tìghinn an t-Soisgeil, 

Caib lY.— Na Pictich--Na Sgaothaich— Callura-Cille, 

Caib V. — Alba 'tighinn gu bhi *na h-aon rioghachd, 

Caib VI. — ^Meudachadh na rioghachd, 

Caib VII.— Rìgh Daibbidh— Blàr na Brataich, 

Caib VIII, — Uilleam an Leòmhan, 

Caib IX.— Alastair II. agns III., 

Caib X. — A' Mhaighdean Lochluinneach, 

Caib XI.— UiIIeam Uallas, 

Caib XII. — Raibeart Brus, 

Caib XIII.— Blàr Allt a' Bhonnaich, 

Caib XIV.— Bàs Rìgh Raibeart, 

Caib XV. — Riaghladh na h-AIb' 'an dèigh bàis a' Bhrusaich 

Caib XVI.— Daibhidh IL, 

Caib XVII— Teaghlach nan Stiùbhartaoh, 

Caib XVIII.— Raibeart III., 

Caib XIX^TàinÌBtearachd Alba, 

Caib XX.— Seumas I, 

Caib XXI.— Seumas IL, 

Cwb XXn.— Seumas IIL, 

Caib XXIII.— Seumas IV., 

Ciab XXrV.— Seuraas V., , 



TAOBl 
1 

9 

U 

17 

24 

81 

38 

44 

62 

67 

67 

83 

102 

110 

115 

119 

125 

129 

136 

141 

148 

157 

165 

174 



Tl 



AN CLAE-nmsrDH. 



Caib XXY. — An t-Athleasachadh, 

Caib XXYI— Màiri, 

Caib XXVII.— Màiri, 

Caib XXYIII.— Màiri, . 

Caib XXIX.— Seumas YL, 

Caib XXX. — Seumas YI. agus I., 

Caìb XXXL— Staid Alb' aig'Aonadh an dà Chriiin, 

Caib XXXIL— Teàrlach L, ' 

Caib XXXIIL— An Cogadh Sìobhalt* gu bàs Theàrlaich 

Caib XXXIV.— A' Chomh-fhlaitheachd, . 

Caib XXXV.—An Ath-Aiseag, 

Caib XXXVL— A' Gheur-leanmhuinn, 

Caib XXXVIL— -Tuiteam an Tighe Fhuiltich, 

Caib XXXVIIL— UiIIeam IIL agus Màiri IL, 

Caib XXXIX. — Anna — An t-Aonadh, 

Caib XL. — Teaghlach Bhrunsuic— Seòras I., 

Caib XLL— Seòras IL . * . 

Caib XLIL— Bliadhna Theàrlaich, 

Caib XLIIL— Blàr Chuil-Fhodair, 

Caib XLIV.— Teicheadh Theàrlaich do'n Fhruing, 

Caib XLV.— Seòras IIL, . 

Caib XLVL— Seòras III., gu crioch a Rioghachaidh, 

Caib XLVIL— Seòras lY., 

Caib XLVIIL— UiIIeam lY., 

Caib XLIX,— *Ban-righ Uictoria, . 



lo 



EACHDRAIDH NA H-ALBA. 



CAIBIDEAL I. 

EACHDRAIDH NEO-SGRIOBHTA — CIONNUS A LEUGHAR I. 

Cha 'n 'eil e comasach a dheanamh a mach le cinnteas ciod an 
t-àm de eachdraidh an t-saoghail 's an tàinig daoine do na h-eil- 
eanaibh Breatunnach an toiseach. Chaidh, gu dearbh, mòran a 
sgriobhadh, araon 'an Alba 's an Sasunn o shean, le cuid a bha 
*gabhail orra 'bhi làn fhiosrach air a' phuinc so, agus a chaidh co 
fada ri bhi ag innseadh ainm a' cheud righ, no na ceud ban-righ. 
a bh' air Alba. Ach tha luchd-eachdraidh ar là-ne 'faotainn a 
mach gu bheil cantasan an luchd-seanachais ud, le beagan criath- 
raidh, a' tuiteam gu làr, seadh nach feudar creideas sam bith a, 
thoirt doibh. 

Gidhcadh cha'n-eil aobhar sam bith a chur an teagamh, nach 
tàinig clann-daoine gu maith moch gu bhi ag àiteachadh tir-mòr 
na Roinn-Eòrpa, ri oirthir na fairge, araon air an taobh sear 's air 
an taobh siar. Bha Noah beò 350 bliadhna an dèigh na tuile; 
agus tha e coslach gu'n robh an talamh air a roinn leis eadar a 
chuid mac 's an sliochd roimh àm a bhàis, ni a tha Eber, an aeath- 
amh pears' o Shem, a' cur 'an cuimhne leis an ainm a thug e air a 
mhac {ùuìi Peleg, ged nach do sgaoil iad o chdile gu beagan ùine 
au ddigh sin, 'n uair a leig iad diubh togail Bhàbeil. Chuir 
sliochd lapheit, an dòigh an sgapaidh a bh' an sud, an aghaidh air 
eileanaibh nan cinncach, a rdir a' chrannchuir a thuit orra roimhe 
«ud. Agus o nach robh leithid de ni is càbhlach air domhau 



2 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

's na h-amaibh ud, tha e furasd' a chomh-dhunadh gu'n triall- 
adh iad air an socair troimh 'n Asia Bheag, ri cois na mara, 'n am 
buidlmibh fo na cinn-fheadhna a roghnaich iad fèin, gus an ruig- 
eadh iad an caolas ris an abrar, Bosphorus, eadar an Asia Bheag 
'san Roinn-Eòrpa, a tha co cumhang 'an cuid de àitibh 'sgu'm 
feudadh daoine labhairt r'a chèile o gach taobh dheth air là feath- 
ach. Cha bhiodh doirbheadas sam bith, eadhon aig a' cheud luchd- 
turuis, ann am faighinn thairis air a' chaolas so. Aon uair 'sgu'n 
f aigheadh iad cas air tìr 's an Eoinn-Eòrpa, dheanadh iad an ath 
sgapadh ; aon bhuidheann a' dol an ear ri oirthir na Mara Duibhe, 
's an ceann beagan ùine troimh 'n dìithaich gu ceann na mara sear, 
gus an ruigeadh iad a' Ghearmailt 'us Lochlain; agus a' bhuidh- 
eann eile a' leantuinn rompa ri cois Muir Meadhon-tire, troimh 
n Ghrèig 's an Eadailt, gus an ruigeadh iad an Spàinn 's an 
Fhraing 'an ùine nach biodh fada; nah-uile ceum ri cois na mara. 
Nis, 'n uair a bheirear fainear cia co kiath an dèigh Tùr Bhabeil 
■'s a tha luchdeachdraidh ag innseadh gu'n robh rioghachdan air 
;an suidheachadh air taobh siar na Roinn-Eòrpa, ri cois Muir 
Meadhon-tìre, tha e sàbhailte gu leòir a ràdh gu'n robh luchd-àit- 
•eachaidh air taobh tuath na Spàinn 's na Frainge, mar a b' fhad- 
alaiche 200 bliadhna an dèigh na h-oibre ainmeil a bha 'n sud. 
Agus 'n a tha caolas na Frainge co cumhang 's gu'n deanadh 
eithear glè shuarrach e ann an greis de là samhraidh, cha bhiodh 
iad ùine sam bith gu'n tighinn a nall a dh'fhaicinn ciod an seòrsa 
dìithcha 'bha'n sud à tuath orra; agus mar sin sgaoileadh a' chuid 
's a' chuid cheann gu ceann de'n eilean, 'so thaobh siar an eilein 
tarsuinn gu Eirinn. Nis ma tha 'n co-dhunadh so cothromach, 
bheireadh e dhuinn mu'n cuairt do dhà mhìle bliadhna rè an robh 
luchd-àiteachaidh 'am Breatunn, 's gun an t-iomradh is lugha, de 
jiàdur creideasach, againn air cionnas a bha iad beò ann, no ciod 
a' ghnè caitheamh beatha a bh'aca. Bu linnean dorch'iad sud 
darireadh, — dorcha 's na h-uile seadh — rè an robh aon ghinealach 
a! siubhal, 's ginealach eile a' teachd an dèigh a' chèile, mar fheur 



CIONNUS A LEUGHAR I. 3 

na machrach no mar dhuiUeach iian craobh, gun eadhoii beul-aith- 
ris fèin a bhi 'tilgeadh uiread is gath soluis leis am faiceamaid 
cionnus a bha ar sinnsearan a' caitheamh am beatha, no air an 
riaghladh, agus a rdir coslais, nithe gu leantuinn mar so, gus mu 
dheireadh thall an do smuainich an t-Impire Ròmhanach air tigh- 
inn a nall a dh'fhaicinn cionnus a bha dol dòibh. 

2. Ach ged nach'eil aon chuid beul aithris no eachdraidh sgriobhta 
'toirt cunntais sam bith mu cheud luchd-àiteachaidh nan dìith- 
channa so, gidheadh tha daoin eòlasach a fòghlum ni eigin de 'n 
dòigh bhi-beò a bh'aca le bhi cladhach anns an talamh. Tha luchd 
siubhail fad 'us farsuing, air muir 's air tìr, ag innseadh an dòigh 
a bh' aig Innseanach neo-chàllaichte ciun a tuath America, 'an 
toiseach ua linn so, mur 'eil gus an là 'n diugh, air gearradh na 
craoibhe dheth am bheil e 'dol a dheanamh Canù, no feum sam 
bith eile timchioll air a ghnò ionaid-tàimh a th'aige. Fadaidhidh 
€ teine ri bonn na craoibhe, 's an uair a bheir e làthrach innte 
sgrìobaidh e *n sin air falbh le 'thuaigh-chloiche na bhios air a 
ghualadh dheth 'n chraoibh, 's cuiridh e 'n teine rìs rithe, 's bith- 
idh mar sin greis mu seach aige ga sgrìobadh 's ga losgadh, gus an 
tuit i le 'cudthrom fèin. Gabhaidh e 'n rian ceudna gu 'gearradh 
'san fhad iomchuidh, 'sanns na h-uile car eile a dh'fheumar a 
dheanamh timchioll oirre gus am bi i ullamh air son an uisge 
ghabhail leatha. Agus 's ann direach mar so a bha seann luchd- 
àiteachaidh Bhreatuinn, 's na ceud hnnibh, a' gearradh an cuid 
fiodha, 's a* deanamh an cuid eithrichean. Fhuaradh eithear beag 
mar so o cheann tearc bhliadhnachan air taobh deas amhuinn 
Cbluaidh, 'n uair a bha iad a' cladhach air son port Ghlascho 
fharsuingeachadh. Tha i air a cladhach a mach ù. aon mliaide 
daraich, le teine 's lc tuaigh chloiche, mar a tha na comharraidh- 
ean a tha oirre gus an là'n diugh a' dearbhadli. Fhuaradh mòran 
eithrichean eilc cosmhuil rithe so 'an àitibh eile de Alba, co 
maith ÌH timchioU air Glascho. Bha 'n seana Bhrcatunnach mar 
an ceudna a' cleachdadh an iuueil ud mar thuaigh-chatha. Fhuar- 



4 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

adh o cheann ghreis ciste-laidhe de chloich, air nach robh obair ' 
ghrinn, fo chàrn mòr ann am monadh, 'an ceann a deas Alba. Anns 
a' chiste bha cnàmhan duine de mheudachd neo-chumanta. Bha 
aon d'a ghàirdeanan ach beag air a sgathadh o'n ghualainn. Bha 
pronnag de chloich glè chruaidh a' leantuinn ris a' chnàimh 
sgaithte. Thugadh am buille a rinn an obair ud le tuagh chloiche.. 
'Nuair a sheall am fear a bhuadhaich 's a' chòmhrag air a thuaigL. 
chatha an dèigh dol dachaidh, chunnaic e gu'n robh i gu maith 
cabach leis an sgealb a dh'f halbh as a faobhar. Tha 'n sgealb ud 
a' tighinn an àird, an dèigh mìltean bliadhna dhol seachad, a< 
dh'innseadh a seanachais fèin. Tha mar an ceudna cinn shaigh-- 
dean a bha air an gearradh à ailbhinn dheirg aig a' chrann-treabh- 
aidh 'g an dùsgadh suas 'an iomadh àite dheth 'n^dùthaich. Tha 
iad 'an cuid de àitibh co lìonmhor 's gu bheil e soiUeir gu 'n do - 
choinnich cuid de na treubhan a' chèile gu còmhrag air an làth— 
raich. Tha mar an ceudna cinn shleaghan, 'us sgeanan ailbhinui 
'g am faotainn 's an talamh o àm gu h-àm 'an caochladh| àitibh. 
de'n dùthaich. Their seanachaidhean an Linn Chloiche ris na 
h-amaibh ud 'san robh ar sìnnsearan a' gnàthachadh uidheam 'us- 
armachd chloiche. Nis cha 'n urrainnear a thighinn ach gu aon 
cho-dhunadh a thaobh an lòin a bha iad a' cleachdadh 'sna> 
h-amaibh ud. Ge b'e sam bith "deargadh a dheanadh an tuagk 
no'n t-sleagh a bha 'n sud air feòil, cha deanadh e dad sam bith 
air tionndadh talmhainn leò, no leis a' mhaide dharaich air am 
mò a b' urrainn e a chur de fhaobhar ; 'smar sin gur i cleiteag 
glè bheag fearainn a bhiodh aig an tuathanach bu dìchiollaiche 
'n am measg, 's mar bu trice nach biodh iad a' stri ri fearann idir,. 
ach gu h-iomlan an urra ri measaibh fìadhaich nan craobh, 's na 
ghlacadh iad de iasg air aimhnichibh, bliochd 'us buannachd eile 
an cuid sprèidhe, 's feudaidh e bhi, ni's mò na riti sud uile, eun- 
achd 'us fiadhach nam beann. Agus mar a bha niòran de'n dùth- 
aich còmhdaichte le coille o shliabh gu sàl, 's nach robh an luchd- 
àiteachaidh ro lionmhor, bhiodh an t-sitheann gu maith pailt. 



CIONNUS A LEUGHAR I. 5 

3. Ach ri ùine thàinig na treubhau borb ud, air dhòigh air 

'chor eigin, gu eòlas fhaotainn air miotailtibh dheth am b' f husadh 

^rmachd a dhcanamh na clach ailbhinn. Bha na miotailtean, bog 

'us cniaidh, tàireil 'us priseil, 'am pailteas 's an talamh fo 'n cos- 

aìbh. 'S ann air a' chuid bu bhuige dhiubh a f huair iad eòlas 

an toiseach, stàin agus copar, a tha iad fèin co bog 's nach dean- 

adh iad armachd sam bith. Ach an uair a mheasgaichear le 

-chèil' iad 'an tomhas àraidh, ni iad stuth ris an abrar pràis, a tha 

^ maith cruaidh, *s a ghabhas geurachadh. B'e 'n ceud cheum 

aghartais a rinn iad gu càllachadh so f haotainn a mach, agus e 

sgaoileadli nam measg. Le tuagh de 'n mhiotailt so dh'fheudadh 

-an seana Bhreatunnach dol do'n choiUe, 's na thogradh e 'ghearr- 

.adh de chraobhan, 's am feum a thogradh e dheanamh dhiubh. 

Agus gun teagamh bha bhuil, araon air an àitibh còmhnuidh, 

''sairan cuid fearainn. 'An àite nan tighean fo thalamh'san 

robh iad a' còmhnachadh rè a' gheamhraidh fhad 's a mhair an 

Linn Chloiche, tha iad a nis a' deanamh thighean i» fearr, 's a 

• deanamh àimeis tighe, 'us nithe eile ni's comhfhurtaile. An àit' 

a* chòmhdaich de bhian nam fìadh, 'us bheathaichean eile, ris an 

robh iad cleachdta roimhe sud, tha iad a nis a' deanamh innciilan 

càrdaidh, sniomh, 'us figheidh eudaichean, 's ged nach biodh iad 

gld mhin, a bha comhfhurtail gu leòir 'an coimeas ris na nithibh 

a bh' aca 's na h-amaibh a dh'fhalbh. Gheibheg^dh na mnathan 

'uaisle nis pailteas de phrineachan umha gus am brat a cheangal 

umpa, 'an àite nam prineachan adhairc leis am biodh iad a' ceangal 

na tonnaig mu'n guailnibh roimhe sud. Aon uair 's gu'n d'f huairiad 

•eòlas idir air na miotailtibh bha iad a' deanamh aghartais chabh- 

agaich ann a bhi 'g iunnsachadh feum a dheanamh dhiubh. Feud- 

aidh e bhi gur ann o choigrich a f huair iad an ceud seòladh mu 

thimchioll nam miotailtean. Tha fios gu'n robh luingeas Thiruis, 

'us taobh 's ear Africa, a' ceannach stàin 'an ceann a deas Shasuinn, 

càireamh linntean mu'n tàinig coigreach sam bith an rathad air los 

>Breatunn a cheannsachadh. Theirear an Linn Phràis ris an ùin' a 



6 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

bha iad a* deanamh gnothuich leis a' mhiotailt, mu'n d'f huair iad 
eòlas air an iarrunn a leaghadh. 

4. Cha 'n fhaod teagamh sam bith a bhi a thaobh na h-aid- 
mheil a bha aig seann luchd-àiteachaidh nan eileanan Breatunn- 
ach. B* i'n aidmheil Dhruidheach a bha na Ceiltich Phàganach uile 
a' leantuinn anns gach àite de'n Eoinn-Eòrpa'san robh iad, araon 
air tir-mòr 's anns na h-eileinibh. Agus b' i sin an aidmheil a bha 
aca 'an Alba mu'n do sgaoil an creidimh JCriosduidh ann. Tha 
cuid de luchd-eachdraidh ag ràdh gu'n robh na Druidhich air an 
roinn 'n an tri òrduighibh ; an ceud òrdugh, na sagarta ; an dara 
òrdugh na Feallsanaich, no daoine gHce ; an treas òrdugh na Barda.. 
Ach 's e 's coslaiche, ged a bha àit' aig an dà òrdugh so mu dheir- 
adh 'n am measg, gu'm b' iad na sagarta a mhàin na Druidhich, 
an làn sheadh an ainme. Cha 'n urrainnear dad a ràdh le cinn 
teas mu thimchioll theagasgan nan Druidheach air son an aobhair 
so, nach do chuireadh focal diubh 'an sgrìobhadh riamh. Cosmhuil 
ris na cinnich iodhal-aorach uile a bha 'bonntachadh an aidmheil 
air sgeulachdaibh a dhealbhadh gu h-innleachdach, bha iad af 
cumail an teagasgan co dìomhair 'sa ghabhadh deanamh. Cha 'n 
fheudadh neach air bith dad f haotainn a mach mu'n tìmchioll ach 
òrdugh nan sagartan a mhàin : seann sagarta ga 'n iunnsachadh do 
shagartaibh òg, a dh'fheumadh àireamh bhliadhnachan a thoirt air 
clo-bhualadh air an cuimhne na dreabhlainn ud nach feudadh iad 
a chomh-pàirteachadh ri neach sam bith nach biodh dheth 'n òr- 
dugh fèin. Ach ged nach 'eil dad sgrìobhta mu an teagasgan, 
tha ni's leòir sgriobhta mu'n gnìomharaibh o 'm feudar nàdur an 
teagasgan a bhreithneachadh. Bha 'n aidmheil Dhruidheach, cos- 
mhuil ris gach aidmheil a bha aig cinnich fhiata an t-saoghail, 'na 
h-aidmhiel fhuiltich, ain-tighearnail. Bhiodh iad ag iobradh 
dhaoin' air an altairibh d' an diathaibh brèige. Bhiodh iad a' 
deanamh fiosachd o'n dòigh 'an sruthadh an fhuil as an lot an 
dèigh an sgian a chur ann, agus o 'n chràdh-chrith a bhiodh a" 
tighinn air an neach a lotadh gus am bàsaicheadh e. Mar bui 



CIONNUS A LEUGHAR I. 7 

trice, ged nach b' ann a ghnàth, 's ann ri ciontaich, a bha rèir an 
lagh' air an diteadh gu bàs, a bhiodh iad a' buntainn mar so. Cha 
robh teampuill idir ac' air son aoraidh. Bha a' ghnè aoraidh a 
bh' aca 's an deas-ghnàthaidhean air am frithealadh 's an achadh 
fhosgailte. Ach bhiodh àitean sonruicht' ac' air son aoraidh, anns 
an robh buailtean air an deanamh de chlachaibh mòr' air an cur 
nan seasamh 's an talamh. Bha cuid diubh sìu bu mhò na chèile; 
'js tha àireamh mòr dhiubh gus an diugh, faisg air a bhi co slàu 
's a bha iad riamh, air feadh eileanaibh 'us tìr-mòr na Gaeltachd 
Mar bu trice 's ann a measg nan craobhan daraich a bhiodh an doir- 
eachan, far am faighteadh craobhan daraich. Bha 'chraobh dhar- 
aich 'na h-aon de'n cuspairean aoraidh. Bha mòr ùglidarras aig 
na sagartaibh thairis air an t-sluagh anns gach treubh fa leth. 
B' iad na sagarta, araon luchd-deanamh 's luchd-frithealaidh an 
lagha. Cha bhiodh e tearuinte do dhuine sam bith, àrd no iosal, 
cur an aghaidh am focail no an reachd-san. Na'n iomsgaradh iad 
duine o an comunn, bu co maith dha bhi marbh fòin 's a bhi beò. 
B' eagalach an nì do dhuin' eile teine no uisge a thoirt do'n neach 
d'an do thoirmisg an sagart na nithe sin, no fasgadh no caoimh- 
neaa air bith. B' iad na sagarta mar an ceudna luchd-rèiteach- 
aidh ghnothuichean eadar na treubhan fa leth 's na rioghachdan 
'an dèigh cogaidh. Bhiodh au t-àite no an dreuchd a b' urram- 
aiche ac' a measg gach trèibh no dùthaich 's an robh iad. Bha 
iad ag aoradh do àrd-dhia, riaghlair an t-saoghail. Fo 'n ainm 
Bel bha iad ag aoradh do'n ghròin, a bha 'na dia iocshlaint aca, 
a chionn gur h-ann le teas na grc^ine a tha na luibhean a' fàs. 
Bha dia oogaidh aca, 's dia malairt, 'us dia deas-bhriathrachd 'us 
bàrdachd. Tha e co.slach gur h-ann 's an àird an car a dh'dirich 
a' ghnè aidmheil so an toiseach ; oir tha luchd-eachdraidh ag inn- 
scadh gur h-e 'm focal Greugach, Drus, a tha 'ciallachadh, craobh- 
dharaich, freumh an ainrae, Drui no Druidh. Aniis an UiHoc 
bha iad a' faicinn sarahladh neo-bhàsmhoireachd — bhiodh ise fo 
bhlàth aa uair a bhiodh nàdur gu h-iomlan seargta, agus a thaobh 



8 EACHDRDIDH NO H-ALBA 

coslais marbli. Cha ghearradh iad uair sam bith i ach air an 
t-seathamh là de aois na gealaich. Sgathadh aon sagart 'an tms- 
gan geal o'n chraoibh i le coran òir, 's bhiodh sagartan eile a' cum- 
ail brat geal gus a glacadh co luath 'sa thuiteadh i ; oir bha iad a* 
smuaineachadh nam buineadh i idir do'n talamh gu 'n caiUeadh i 
'feartan. Bha mar an ceudna an ais-innleachd ris an abrar an 
sgoil-dubh 'n am measg ; 's cha 'n 'eil teagamh air bith nach robh 
iad 'ga chleachdadh cuideachd. 'S ann a chionn gur ann acasan a 
thòisich e, 's gur iad bu trice a bha 'g a chleachdadh, a theirear 
druidheachd ris 'n ar cànain-ne, 's e sin cleasachd nan Druidhean. 
Feudaidh e bhi gu'n do ghabh iad aon leasan o'n diadhachd fhir- 
innich dheth an d' rinn iad am feum fèin, le bhi 'teagasg do 'n 
t-sluagh gur sith 'us sonas a gheibheadh iad 'an dèigh am bàis. 
'S an aimsir is ro shine rè na Linn Chloiche bha treun-laoicha' chath 
air an adhlacadh le 'n innealaibh cogaidh slàn, a' ciallachadh gu'n 
robh iad gu bhi 'cogadh 's a' sealgaireachd 'an saoghal nan spiorad, 
mar an so. Ach an dèigh sin, rè na Linn Phràis, thàinig iad gu 
bhi 'g an adhlacadh le *n armaibh air am briseadh, a* ciallachadh 
gu'n robh iad gu fois a ghabhail tuilleadh. Ach cha 'n urrainn a 
bhi againn ach barail co dhiubh is iad na sagarta Druidheach a 
thug gus an atharracliadh beachd so iad no nach iad, a chionn gu 
bheil eachdraidh na tosd air a' phuinc. 



CAIB. 11. 

TIGHINN NAN ROMHANACH. 

Anns a' bhKadhna 55 R C. thàinig an duine comharraichte ud, 
Hulius Cesar, Impire na Ròimh, gu oirthir a deas Bhreatuinn 's an 
àite ris an abrar Cent, le càbhlach lionmhor (ceithir-fichead long) 
air bòrd an robh àireamh mòr shaighdearan. Air feasgar là 
àraidh, 'am mìos meadhonach an Fhoghair, dhlùthaich e ris an 
fhcarann ; 's mar bha muinntir na tìre 'faicinn nam brataichean 
Hòmhanach a' snàmh 's a' ghaoith o chrannaibh nan luingeis, bha 
iad ag aithneachadh nach bu shìth no càirdeas a bh'air aire nancoig- 
reach. Chrioslaich gach fear air a chuid armachd, 's thug e aghaidh 
air a' chladach co luath 'sa dheanadh a chasan e ; 's 'nuair a bhuail 
an luingeas an sròn air tir bha 'mol còmhdaichte le saighdearaibh 
Breatunnach, rtinaichte nach faigheadh na h-eilthirich ud coth- 
rom an cas a chur air tir. Steall Cesar air am feadh fras chlachan 
mòra as na h-innealaibh cogaidh a bha na Ròmhanaich a' gnàth- 
thachadh air son briseadh bhallachan ann an teinne. Rinn so 
beagan sgaoilidh air an fheadhainn a bh'air a* mhol, ach cha do 
ghabh iad eagal no teicheadh. Fadhcòidh leum fear-iomachair 
brataich an deicheamh legion do'n mhuir, a' glaodhaich, ''Lean- 
aibh mi, a chompaidhean, mur maith leibh 'ur bratach fhaicinn 
air a glacadh!" Air chiinntinn so do na saighdearan cha chum- 
adh iad orra fdin ni b' fhaide ; lcum gach fear a mach dìreach 
roimhe, 's chum e 'aghaidh air tìr. Ach chaidh na Breatunnaich 
a mach gu'n leasraidh g'an coinneachadh ; bhuail iad air a' chdile 
'an sud, 's chaidh am muir a dheanamh dcarg leis na dhòirtoadh de 
fhuii 's a' cheud fhàilteachadh a rinn iad air a chèile. Ach le cuid- 



10 EACHDRAIDIl NA H-ALBA 

eachadli nan crann-tabhuillair bòrd nan luingeas, agus le lionmlioir- 
eachd an àireamh a bh'ann diubh (10,000) fhuair na Ròmhanaich 
gu tir tioram ; chaidh iad an òrdugh, 's chuir iad an ruaig air na 
bha làthair de na Breatunnaich. Tha eachdraidh ag innseadh gu'n 
robh armachd nam Breatunnach 's an àm ud co maith ri arm- 
achd nan Ròmhanach fèin. Tha e coslach gu'n robh iad air eòlas 
fhaotainn air an iarrunn greis roimhe sud, oir bha armachd iarr- 
uinn 'an làimh na h-uile fir, 'us innealan eile de iarrainn ri'm 
faicinn 'sgach àite. Ach bha na Ròmhanaich a' buadhachadh 
orra 's na h-uile blàr suidhichte a chuir iad riù, a chionn gii'n 
robh iad ni b'iunnsaichte 'an cleasaibh an airm, 'snach robh i a 
treubhan Breatunnach a dol 'an guaillibh a chèile air son cur an 
aghaidh an nàmhaid, ach gach aon fa leth dhiubh ag oidhirpeach- 
adh iad fein a dhion 'n uair thigeadh an nàmhaid air am muin. 
Mar so ghabh na Eòmhanaich air an aghaidh gus an d' ràinig iad 
faisg air an àit' an robh 'chrioch eadar Sasunu'us Alb' an dèigh sud. . 
Thog iad sreath dhaingnichean 'an sin o mhuir gu muir tarsuinn 
na dùthcha. Bu mhor-roinn Eòmhanach na bha deas air an 
t-sreith ud, air a riaghladh le uachdaran Ròmhanach; ach bu le 
seann luchd-àiteachaidh na tire na bha tuath oirre, ris an abradb 
iad Albion o shean, 's ris an abair na Gàeil, Alba, gus an là an 
diugh. 

2. Anns a' bhliadhna 80 A. D. bha uachdaran Bòmhanach a'' 
riaghladh ceann a deas an eilein d'am b' ainm Agricola, a smain- 
ich air an eilean gu h-iomlan a thoirt fo chis do na E.òmhanaich. 
Leis an rùn sin chuir e air a' bhliadhn' ud aghaidh gu tuath air 
ceann an airm. Bha sin 1 35 bliadhn' an ddigh dhoibh sealbh a 
ghabhail air ceann a deas an eilein. Ghabh e air aghart le 
cruaidh iomairt, gus an ceann thri bliadhna, (tri càmpichidheau 
mar theireadh iadsan), an do cheannsaich e 'n tir gu iomall a deas 
an àite de'n dùthaich ris an abrar a nis a' Ghàeltachd. Sud àit 
is cuinge de'n eilean gu h-iomlan. Cha'n'eil ach 35 mile eadar 
ceann na Frùi agus taobh amhainn Chluaidh. Thog Agricola. 



TIGHINN NAN ROMHANACH. 1 1 

sreath dhaÌDgnichean o mhuir gu muir an sud anns am bheil mu 
36 mìl' air fad. Ghoirteadh gàradh Antoniuis ris, oir b'e sud ainm 
an Impir' a bh' ann 'n uair a thogadh e. Bha e fichead troidh 
air àirde, 's ceithir traidhe-fichead air tiuighead, 's dìg leathann, 
dhomhain, air a cladhach r'a aghaidh. Bha rathad leathann air 
son nan saighdearaibh a' ruith air a thaobh deas o cheann gu 
ceann; 's bha daingnichean air an togail o cheann gu ceaim deth, 
'an uidhe dhà mhil' o chèile. Cha robh sud a' cumail muinntir 
nam beann o bhi 'n tràtlis 's a rìs a' toirt ionnsuidh air a' 
bhalla, 's orrasan a bha 'ga dhìonadh. 

3. Anns a' bhliadhna 84 A.D. rinn Agricola air son buiUe thoirt 
do na h-Albannaich air am fonn fèin. Ghabh e 'n t-aiseag air ceann 
an airm aig Port na ban-righ, 's thriall e troimh shiorrachd Fiof a gu 
tuath. Bha na h-Albannaich a nis an dèigh fliòghlum air an costas, 
gu*m b'e aonadh neart, 's eas-aonadh laigse. Chaidh an hichd- 
cogaidh 'an ceann a chèile 'n an aon bhuidhinn gus an nàmhaid 
cumhachdach ud a choinneachadh a bha rùnaicht' air an cur fo 
chis. Fhuair na Ròmhanaich iad air an tarruing 'an òrdugh air 
monadh Ardoich 'an Siorrachd Pheirt, aig bonn nam beanntan 
Grampianach. Tha an Seanachaidh Ròmhanach, Tacitus, ag ràdh 
gu'n robh iad 30,000 'an àireamh ; agus na llòmhanaich 26,000. 
B'e Galgacus ainm an àird Sheanalair ris an d' earb na h-Albanu- 
aich stiùireadh an ainn fèin. Cha *n 'eil iomradh sam bith 'eil' air 
an laoch so roimhe sud no na dhdigh, ach tha e coslach gu'm bu 
duine stuthail e, anns an robh a leithid de dh'earbs' aca. Agus o 
na tha Tacitus ag ràdh mu 'thimchioU 's an àm ud fèin tha e 
soilleir gu'm bu duine misneachail, geur-shuileach e. Thòisich 
aiD blàr gu maith tràth air an latha, 's lean e gus an do chuir an 
oidhche stad air. Tha na Ròmhanaich ag ràdh gur ann leò fèin 
a chaidh, 's gun do thuit deich mlle marbh mu'n do sguir iad. So 
an aon bhlàr mòr, air am bhei iomradh, a bh' eatorra. Ach cha 
d' rinn sud an gnothach ni b' f husadh do na llòmhanaich ua blia 
e roimhe. 'S ann tha e coslach a dhùisg sud suas spiorad luchd 



1*2 EACHDRAIDH NO H-ALBA 

lìam beann gus an tòrachd a thoirt a mach air son na chaill iad. 
Co dhiti b' èigin do Agricola an t-sreath dhaingnichean ud ris an 
do ghabh e uiread de shaothair fhàgail as a dhèigh goirid an 
di^igh sud, 's a dhol air ais a deas ceud mìle a dh'ionnsuidh an 
àite'sau robh e roimhe sud. 'Nuair a theich e deas chuir e 
'hiingeas timchioU Alba gu beachd a ghabhail air meudachd an 
eil<3Ìn, 's air nàdur an oirthir. Ghairm an t-Impire dhachaidh e an 
ath bhliadhna, 's bhàsaich e 's an Eadailt' ochd bhadhn' an 
dèigh sin. 

Thug na Ròmhanaich Caledònaich mar ainm air luchd-àiteach- 
aidh Bhreatuinn a tuath. 'S ann fo'n ainm sin a tha'n luchd-eachd- 
raidh Ròmhanach a ghnàth a' labhairt umpa. 'S i barail sgoileir- 
ean Gàelach gur Coilltich is ciall do'n fhocal 's gur h-ann o luchd- 
àiteachaidh Bhreatuinn a deas a fhuair iad e; 'so nach b' urrainn 
iad a ràdh mar bha e 's a' Ghàehc, gu'n do Laidinich iad e gun 
■€adar-theangachadh idir. Thug iad Caledònia mar ainm air an 
dùthaich aca — 's e sin dìithaich nan Coillteach. Bha fois o chog- 
adh aig na Caledònaich tuilleadh ri linn Dhomitian agus Adrian 
a lean e air an righ-chathair. Ach an uair a thàinig Antònius 
Pius g-u bhi 'na Impire, 138 A.D., chuir e uachdaran d' am b' ainm 
LoUius Urbicus os ceann Bhreatuinn. Goirid an dèigh do'n t-Sean- 
alair so gnothuichean a chur air dòigh 'an ceann a deas an eilein, 
€huir e 'aghaidh gu tuath, agus thòisich e air togail baU' àrd eadar 
ceann na Friù 'us taobh amhainn Chluaidh, far an robh na daing- 
nichean a thog Agricola. Bha cumhachd na Ròimh' aig a h-àirde 
'am Breatunn mu'n àm so. 'S i barail kichd-eachdraidh gur h-ann 
fo chomannda LoUiuis Urbicuis a thàinig an t-arm Ròmhanach an 
toiseach gu tuath co fada ri ceann a 'sear Loch Neis. Cha 'n 'eil 
.a bheag sgriobhta mu thimchioU an turuis sin, ach tha làthraich- 
ean nan raidean mòr a rinn iad troimh 'n dùthaich gus an àit' ud 
ri'm faicinn fathast. Co dhiu, cha tug iad fo chìs riamh aon de na 
treubhan a bha tuath air baU' Antoniuis. 'Sa' bhHadlma 170 
dh' fhàg iad na bha tuath air a' bhaU' ud aig na Caledònaich fèiru 



TIGHINN NAN ROMHANACH. 13 

Ach 'an àit' iadsan a bhi riaraichte le sin thòisich iad a' cur dragh 
mòr air na Ròmhanaich a deas air a chrich ud. 'An dèigh caocli- 
ladh ionnsuidhean fuilteach anns an d' rinn iad mòran creachaiùh 
air an dìithaich a deas, thainig an t-Impire Ròmhanach, Seuerus, 
's a' bhliadhna 209. Ghabh e roimhe tre 'n dùthaich air los nji 
Caledònaich uile thoirt fo chis, gus an d' ràinig e 'n Caol Muireach ; 
mar is coslaich' air na ròidibh a bha deanta roimhe sud, gun duim; 
beù ga choinneachadh, air son stad a chur air a thurus. Bha n;t 
Caledònaich ga chuairteachadh fad an rathaid, roimhe 'say a 
dhèigh, ach iad a' ruith tre'n choille gun bhi idir air am faicinn, 
a' gearradh as na h-uile neach a leigeadh an deireadh air, no rach- 
adli a mach as an t-sreith! 'Nuair a ràinig Seuerus ceann a thuruis 
bha 50,000 dheth 'chuid saighdearan air bàsachadh. Phill e air 
ais an deigh a thoirt air cuid de na treubhan tuathach gealltuinn 
gu'n cumadh iad an t-sith. iVch cha d' fhairich 'siad iad fein lo 
cheanglaichean sud a dheanamh. Lean iad air a' chogadh 's air a 
chreachadh mar bha iad, 's na saighdearan Ròmhanach a' feuchainn 
ri 'n cumail dhiubh mar a b' urrainn iad. Ach bha nis an t-ìiir 
a' dlùthachadh 's>m feumadh na Ròmhanaich na bh' aca de 
shaighdeàran air spn iad fèin a dhionadh aig a' bhaile. Bha ;ia 
Gearmailtich'us fineachau tuathach eile na E-oinn-Eòrpa a' brise< ' 
a steach 's a' gabhail sealbh air a' chuid a b'fhearr de 'na mòr-roi : 
ean. Bha an impireachd air fàs co mòr 's gu'n robh i 'dol a. 
chèile lc 'cudthrom filin. Ghairmeadli air falbh à. Breatunn a^ 
aon mu dheireadh de 'na legioua llomhanach 's a' bhliadhna 446, 
an dèigh dhoibh ceann a deas an eilein a chumail rè 500 bhadhna. 
'sdh'fhàg iad na Breatunnaich gu iad fèin a dhionadh mar a 
b* fhearr a b' urrainn iad. 



CAIB. IIL 

TIGHINN AN T-SOISGEIL. 

Co luatli 'sa thuig na Caledònaich, no Coilltich Alba, gu'n 
d' fhalbh na Ròmhanaich, dh' fhàs iad ni bu ro dhàine na bha 
iad roimhe gus an coimhearsnaich 'an ceann a deas an eilein a 
chreachadh 's a' cheannsachadh. 'S mar a bha iad sud co fada fo 
chis aig na Eòmhanaich a bha deanamh obair na saighdearachd 
uile, bha iad an dèigh cleachdaidhean cogaidh a leigeadh dhiubh, 
's cha b' urrainn iad seasamh ri cumhachd 'us cruadal nan Tuath- 
ach. Agus nach robh iad idir air son gèilleadh dhoibh, 's e rinn 
iad fios a chur air àireamh mòr shaighdearan as a Ghearmailt, 
da 'm b' ainm Anglo-Sacsonaich, a bha ainmeil air son an treubh- 
antais 'an cogadh. Thàinig na h-eilthirich ud a nall 'nam buidh- 
nibh lionmhor, agus le còmhnadh na muinntir sin chaidh aig na 
Breatunnaich air na tuathaich a ruagadh air ais do an dìdeanaibh 
beanntachail fèin. Ach cha b' fhada gus an do ghabh iad aith- 
xeachas as an earbsa 'chuir iad 's na coigrich ud. 'N uair a chunn- 
aic na Sacsonaich gu'n robh 'n tìr taitneach do'n t-sùil, 'us maith a 
chum bìdh, 'sann a dh' fheumadh iad an cuid fèin a dheanamh dhi. 
Thòisich an luchd-dùthcha air brìichdadh a nall g'an cuideach- 
adh, 's an ùine nach robh fada chaidh ac' air seann luchd-àiteach- 
aidh na tir' a' sguabadh a null do'n oisein ris an abrar Ueilse, agus 
Còrnbhal, far an deachaidh ac' air iad fèin a dhionadh rè ùin' o 
'naimhdibh, 's an robh iad a' gnàthachadh an seann chainnt fein 
agus an seann laghanana. Ach fadheòidh chaidh an ceannsach- 
adh 's an cur ri rioghachd Shasuinn. Co dhiìi tha 'n sliochd 's a' 
chuid ud de'n tir gus an la 'n diucirh, a' labhairt seann chainnt 



TIGHINN AN T-SOISGEIL. 15 

Ehreatuinn. 'N uair a ghabh na coigrich ud sealbh air a chuid bu 
mhò 's a* b' fhearr de'n tìr rinn iad, còmhladh ris gach caochladh 
cile, atharrachadh ainm a thoirt oirre. 'N an cànain ièìn theirt- 
eadh Angeli-land, no Angli-land rithe, air a ghiorrachadh 's air a 
chaocìiladh a nis gu England. Ach 's e thug seann hichd-àiteach- 
aidh na tìre, araon na Ueilsich, 'sna tuath Bhrcatunuaich air 
na coigrich ud, Sasgonnaich, agus Sasgoinn ns an duthaich, 'se sin 
air a ghiorrachadh 's air a mhineachadh, Sasuiuiaich agus Sasunn, 
mar a their na Ueilsich, 's ua Gàeil, 's na h-Eireannaich gus an 
la 'n diùgh. 

2. Fhad 's a bha ceaun a deas Bhreatuiun, no mar a theirear 
ris a nis, Sasunn, 'na mòr-roiun Ròmhanach, bha i 'mealtuinn na 
h-uile còir 'us sochair a bhuineadh do gach earrann eile de'n Im- 
pireachd mhòir, f harsuing sin. Bha cothrom ac' a dhol gu sàbh- 
aiit o aon mhòr-roinn gu aon eile, 's co tric 'sa thogradh iad do 'n 
Ròimh fèin, àrd-bhaile na h-Impireachd, 's cha 'n 'eil teagaình 
n:ìch robh so 'na mheadhon, 'am freasdal an Tighearn air an 
t-soisgeul a sgaoileadh feadh na Roinn-Eòrpa, ni bu luaithe na 
dheanadh e air sheòl eile. Lean an tighearnas Ròmhanach air 
cur an aghaidh a' chreidimh Chriosduidh, ùine fhada 'an dèigh nau 
Abstol; agus bha mar sin laghanna cruaidh air an deanamh 'an 
agliaidli nan Criosduidhean, gu h-àraidh na m biodh iad a craobh- 
sgaoileadh a' chreidimh. Ach mar bu trice bha iad saor o gheur- 
luci:imhuinn, mur tigeadh neach air bith gu bhi 'na fhear-casaid, ni 
a thàinig gu bhi mi-mheasail a measg nam Pàganach fdin. Bha 
mar so teachdairean an t-soisgeil a* siubhal o dhtithaich gu dùth- 
aich, leis an robh eòias air a mheudachadh. Tha hichd-eachd- 
raidh a' faighinn lorg an t-soisgeil gu soilleir 'an Sasunn mu 'ii 
bhliadhna A.D. 209. Bha eaglaisean 'an lionmhoireachd feadh 
Shasuinn o stid a mach tuiUeadh. Bha àrd-sheanadh, no comh- 
airl' caglaiseach air a cumail 'am bail' àraidli air tir-mòr na Boinn- 
Eòrpa 's an ath linn, 's bha teachdairean o na h eaglaisibh Sasunn- 
ach a làthair aig an t-seanadh. Ach cha d'fhuair an soisgeul fonu 



16 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

'an Alba gu foUaiseach co buileach tràth is sin. Cha'n e mhàin gu'n 
robh an creideamh Druidheach 'na aghaidh'an sin; ach bha'n sluagh 
cumanta, 's gu h-àraidh na cinn-fheadhna 's na h-uile àit' a tuath 
air a' bhalF a rinn na Ròmhanaich aig a' chrich Shasunnaich, co 
an-amharusach mu ni sam bith a thigeadh o dheas, 's nach èisd- 
eadh iad ris, eagal gur lion a bhiodh ann air son an ribeadh 's am 
glacadh. B' e òganach a mhuinntir ceann a tuath Shasuinn an?' 
ceud neach air a bheil dearbh-chinnt' a shearmonaich an soi- 
sgeul gu foUaiseach 'an Alba. Ninian a b' ainm dha, mac aoin de 
chinn-feadhna na dùthcha ud. Thachair dha bhi 's an Ròimh; 
's co-dhiìi 's ann an sin no aig a' bhaile 'fhuair e eòlas air an- 
t-soisgeul, cha 'n urrainnear a ràdh. Fhuair Easbuig na Ròimh',.. 
nach robh fathast air fàs 'na Phàpa, mach gu'n robh eòlas maith 
aig air an f hìrinn, 's choisrig e air son na ministrealachd e, 's chuir 
e nall e a shearmonachadh do na h-Albannaich. Thog an teachd- 
aire so eaglais bheag 'am bail' àraidh ann an Galabhaigh, 'am fior 
cheann a deas Alba. B' i sin a' cheud eaglais a thogadh air 
fonn Alba. Thàinig teachdair eile d' am b' ainm Paladius as 
an liòimh do Eirinn, 'sà sin do Alba, mu'n cuairt do'n aon 
àm ri Naomh Ninian. Bha iad le chèil' a' searmonachadh air 
letli, 'an ceann a deas na rioghachd. Ach cha 'n 'eil mòr iomradh 
air an tomhas de shoirbheachadh air an d' ràinig iad. Bha |so mu 
cheud gu leth bliadhna 'an dèigh an deadh sgeul freumh a ghabh- 
ail ann an Sasunn. Cha 'n fheud teagamh a bhi nach robh an 
soisgeul 'an Alba 's an Eirinn roimhe sud, ach gu h-uaigneach, air 
son an aobhair a dh'ainmicheadh. B' e Constantin Mòr an ceud 
Impire Ròmhanach a thàinig gu bhi 'na Chriosduidh, agus a thug 
do na Criosduidhibh làn shaorsa 'bhi air an riaghladh a rèir lagh' 
Chriosd. Thàinig esan a dh' ionnsuidh na righ-chaithreach 's a' 
bhliadhna 310. Bha sin còrr 'us 100 bliadhna mu'n d'fhàg na 
Ròmhanaich Sasunn gu h-iomlan. Agus mar a bha'^ làn shaor- 
sainn o'n taobh a mach aig an eaglais rè nan ceud bhadhn' ud, 
tha aobhar a bhi 'creidsinn gu'n d' rinn an eaglais leudachadh 



NA PICTICH. 17 

maith *s an dìithaich. Ach an uair a thàinig na Sacsonaich, a 
bha 'n am Pàganaich, gu làmh an uachdar fhaotainn, cha robh 
àit' idir aig a' chreidcamh 's an tìr, ach 'an Còrnbhal 's ann an 
UeiLs, far au robh seann luchd-àiteachaidh iia tire air an ruagadh. 
Ach an dà àite sin a mhàin 's e glè bheag de chraobh-sgaoileadh 
a rinu an soisgeul air feadh Alba no Shasuinn, gus mu 'n cuairt 
do 150 bliadhn' an dèigh Niniain 'us Phaladiuis an d' thàinig 
soisgeulaiche cUùiteach eile gu taobh 's iar Alba, d' am b' ainm 
Callum-Cille, air an toir sinn iomradh 'an dèigh so. 



CAIB. IV. 



NA PICTICH — NA SGAOTHAICII — CALLUM-CILLE. 

Chaidh Ainmeachadh cheana gu'n tug na sgriobhadairean Ròmh- 
anach Caledònaich, no Coilltich, mar ainm air na seann Albann- 
aich. Bha 'n t-aium sin a' gabhail càraidli gu h-àraidh ris a' chuid 
diubh a bha chòmhnuidh 'am meadhon na dùthcha, 's air an taobh 
an ear 's an iar dheas dith. 'S iad sin is mò bha 'cur de dhragh 
air na coigrich ud. Cha robh iad a* faicinn a' bheag de luchd- 
àitcachaidh taobh siar na dùthcha 'snan eilein. Ach mu'n 
d' fhalbh na Ròmhanaich à Sasunn thug iad Pictich, 'n an cainnt- 
san Picti, mar ainm air an treubh no na treubhaibh a bha chòmh- 
nuidh an taobh an ear-dheas Alba. Bha na Picti fo riaghladli 
. )ia cheannaird no Phrionnsa, 'smar a bha na h-uiread dc 
threubhan ann air dol an ccann a' chòile, bha iad gu maith làidir 
gu iad fòin a dhionadh o na llòmhanaich. Tha caochladh 
bhcachdan a measg luchd-caclidraidh mu sheadh an ainme, Pic- 
^•h. Ach 's e 's coslaiche gu'm buin e do'n fhocal Laidinn, a bhi 



3 8 EACHDRAIDn NA H-ALBA 

'datJi; margu'm biodli e'naclileachdadli aig nàsaighdearaibh tuatli- 
ach so a bhi 'dath an aghaidhean '^n àm cogaidh le sùil ri iad fòin a 
dheanamh ni b' eagalaiche do'n naimhdibh, ni a bha ri 'fhaicinn 
a measg cuid eile de fhineaclian leth chàllaicht' an t-saoghail. 
Bha Pictich Thuathach 'us Dheasach ann ; iad so mu dheireadh 
a chòmhnuidh 's a' chuid sin de Alba 'bha eadar an dà ghàradh 
ud a rinn na Ròmhanaich, ris an abrar machair na Galltachd. 
Ach 's a' bhliadhna 347 thàinig Ida, ceann-feadhna Sacsonach, air 
tìr mu Bheruic a tuath, *s cheannsaich e na Pictich Dheasach. A' 
chuid diubh nach do mharbh, 's nach d' fhuadaich e, mheasgaich 
iad le an luchd dùthcha. Agus 'an ùine nach robh fad' an dèigh 
sin, thàinig na treubhan ud uile gu bhi air an riaghladh le 
prionnsa nam Picteach a tuath tre chòmhnadh luchd cuideach- 
aidh thaobh siar Alba ris an abrar Sgaothaich, a tha tòiseach- 
adh air togail an cinn 'an eachdraidh Albannaich mu'n àm so. 

2. 'S gann a tha ceum sam bith eile 'an seann eachdraidh is tric' 
anns a bheil na Seanachaidhean Galld' 'us Sasunnach, aig a' bheil 
beaganas air na Gàeil 's air an cainnt a' sleamhnachadh, na eachd- 
raidh nan Sgaothach. Rinn an dara buidheann diubh fèin co 
.sleamhuinn do'n bhuidhinn eile an ceum so 's gu bheil iad a' tuit- 
eam ann muin air mhuin. Their aon Seanachaidh, thàinig na 
Sgaothaich as an Spàinn uair no uair-eigin, cha'n 'eil fios cuin, 
's thàinig iad do Alba 's a' bhliadhna 500, 's their am fear eil' as a 
bheul-san — thàinig na Gàeil do 'n Ghàeltachd air a leithid sud de 
bhliadhna. Nis tha e fìor gu'n robh buntanas aig seann luchd- 
àiteachaidh na Spàinne 's na Frainge ris na seana Bhreatunnaich, 
mar tha 'n cainnt gus an là 'n diugh a' dearbhadh. Ach le bhi 
coimeas nan eachdraidhean is sine r'a chèile, tha e co dhiìi co 
coslach — a rèir barail na muinntir is mò a rannsaich ni's coslaiche, 
gur h-ann a chaidh na Sgaothaich a nuU do Eirinn à Alba gu 
maith tràth 'an eachdraidh nan rioghachdan so, 's gu'n d' rinn iad 
ri ùine riim maith dhoibh fèin 'an cearnaidh fharsuing de'n tìr sin, 
air sheòl 's gu'n tàinig i fadheòidh gu bhi air a h-ainmeachadh 



NA SGAOTHAICH. 1 9 

orra fèin. 'S e Sgaothaich am fior ainm Gàelach, a tha 'ciallachadh 
an nòis a bh' aig an dream lionmhor ud, air a bhi dlùth leantuinn. 
lìs a' cheann-feadhna mar ni sgaoth sheillean ris a' mhàthair-àil. 
(je b' e sam bith àit' an stad ise, stadaidh iadsan. Agus aon uair 
''s gu'n stad iad idir, cha 'n 'eil e fìirasd an cur air falbh. Cha 
b' urrainn luchd Laidinn do nach b' aithne a' GhàeHc, Sgaothaich 
a ràdh, 's air son ich cha bhiodh gnothuch idir aca ris air deireadh 
focail. Nam f àgadh iad ao as 's e Scuti a theireadh iad ; na'n 
tugadh iad a as 's e Scoti a theireadh iad. A rèir so tha 'n seann 
luchd eachdraidh Ròmhanach a' gnàthachadh an dà f hocail air son 
an aon aiume. Ach fadheòidh thàinig iad, mar bu trice, gu bhi 
'ga sgriobhadh Scoti, oir 's e sin beagan a b' f huaimniche 's a' 
chainnt acasan. Mata, ma chreidear an luchd eachdraidh is faide 
a rannsaich, bha Scoti "an Gaeltachd Alba fèin o shean, co ciunt- 
each 's a bha 'n Eirinn. Bha treubh no dhà dhiubh 'an Siorrachd 
Rois, agus anns an Eilean Dubh. Bha dream eile dhiubh tim- 
chioll air bun amhainn Chluaidh, a bhiodh gu maith tric a' cog- 
adh còmhladh ris na Pictich 'an aghaidh nan Ròmhanach, 's nan 
Deasach an dèigh do na Ròmhanaich falbh. Tha e air a ràdh 
gu'n tàinig cuid diubh so, co dhiù, d Eirinn, agus gu'n d' fhuad- 
aicheadh a null a rìs ann iad. Ach ma rinneadh sin, thàinig iad 
air an ais 'an iiine ghoirid, no bha cuid diubh nach do chuireadh 
air falbh idir, a bhuineadli do sheann hichd àiteachaidh an àite 
8Ìn, o'n bha Scoti ann a ghnàth a bha 'n co-bhoinn ris na Pictich 
'an aghaidh nan Deasach. 

f^ [S a' bhliadhna 503 A.D. thàinig dream de na Sgaothaich a 
ludl à Eirinn 'n an tri buidhnibh beaga, fo thriùir cheann-feadhna. 
Ohabh fear dhiubh sin d' am b' ainra Fearghas, sealbh air Ceann- 
re le 'hichd-leanmhuinn. Ghabh fear eile d'am b* ainm Lath- 
:ma, sealbh air àit' a b'fhaid' an ear na sud air an tug e Lathairn, 
mar a theirear ris gus an h\ 'n diugh. Ghabh an treas fear d' am 
b' ainm Aonghas, sealbh air eilean Ile. Cha do chuircadh mòran 
grabaidh air na coigrich ud 'n au ceud tighinn air tlr a thaobh iad 



20 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

a bhi tearc 'an àireamh, 's nach d'èirich an-amharus sam bith 'an' 
inntinn righ nam Picteach mu'n timchioU. Agus mar a bha taobb 
siar Alba 's an àm ud air bheag sluaigh, 's ann a shaoileadh na 
Pictich gur h-ann g'an cuideachadli a bhiodh iad sud an aghaidh- 
nan naimhdean eile a bh'aca. Co dhiù, 'n uair a f huair na Sgaoth- 
aich a thàinig à Eirinn fàrdach air a cur air dòigh do gach fear- 
dhiubh fèin, thòisich buidheann 'us buidheann bheag eil' a tighinn^ 
a nall as an dèigh, gus mu dheireadh an robh àireamh mhaith ann 
diubh. Agus mar bu triùir bhràithrean na cinn-f headhna, 's a 
bhiodh iad 'an comh-bhoinn 'aii aghaidh naimhdean sam bith eilcr 
's ann a b' eagalach leis na Pictich aghaidh a chur orra, 's mar is- 
coslaiche cogadh eil' air an làimh aig an àm cheudna. 'S e bun a. 
bh' ann, chaidh Fearghas a chrùnadh 'na righ air a luchd lean- 
mTiuinn fein. Bha 'n dithis bhràithrean eile 'n an àrd-riaghalair- 
ibh thairis air an f hearann air an do ghabh iad sealbh, agus a rèir 
coslais, ullamh gu Fearghas a chuideachadh n'an tigeadh ceann- 
feadhna no prionnsa sam bith eil' a chur dragh air. Olaich thap- 
aidh a bha'n sud, ro theòma gu dachaidh a dheanamh dhoibh fèin 
an àite sam bith 'am faigheadh iad aon chas a steach. 

4. Cha 'n 'eil teagamh sam bith nach b' ann 's a' chreideamh. 
Chriosduidh a bha na cinn-fheadhna a dh'ainmich sinn, agus an 
luchd-leanmhunn air an togail suas. Ach cha tug ' iad oidhirp 
sam bith air an deadh sgeul a chraobh-sgaoileadh a measg nan? 
treubhan a bha mu'n timchiolL Cha robh ni air an aire ach an^ 
saoghal a chothachadh, ged a dh'fheudas e bhi 'am freasdal att 
Tighearna gu'n robh iadsan a thighinn do Alba 'na mheadhon air 
a bhi a' rèiteachadh an rathaid roimh an duine mhaith a rinn- 
eadh 'na inneal an soisgeul a thoirt do eileanaibh 'us tir-mòr na 
h-Alba, a bha *s an àm ud fo dhorchadas na Pàganachd. B' ann^ 
's a' bhhadhna 563 a thàinig Callum Cille 'nall à Eirinn do thaobk' 
's iar Alba, le dà fhear-dheug de luchd-leanmhuinn ionmhuinn, a- 
bha mar dheisciobluibh aige, 's mar hichd-cuideachaidh, a' sear- 
monachadh do 'n t-sluagh a thàinig e 'theagasg. Bha Callum- 



CALLUM-CILLE. 21 

'CilIe fèin 'na dhuin* òg, 'an trein' a neirt an sin, mu dhà fhichead 
bliadhn a dh'aois, 'na dhuine fòghluimte, a rèir an tomhais eòlais 
a bh* aig daoinibh 's an àm ud ; 'an dlùth dhàimh ri aon de 
theaghlaichean rioghail Eirinn, agus do'n righ Conall, de shliochd 
Fhearghais a bha 'rioghachadh 'an taobh 's iar na h-Alba 'san àm 
ud Roghnaich Callum-Cille eaglais 'us àite tàimh a chur suas 
air a shon fèìa 's a luchd-leanmhuinn 'an eilein beag air culthaobh 
Mhuile, ris an abairte I, agus o 'n uair ud, I Challuim-Chille, a 
thug an righ dha, a vèìv barail cuid, mar shaor-tliiodhlac. Cha 
robh cheud eaglais a] chuireadh suas ach beag 'us suarrach, ach 
'an d(^igh sin chuireadh eaglais a suas ris an abrar Abaid, 
aig a bheii mìrean de 'n bhalla 'na sheasamh fathast As an 
eilean bheag so bha iad air ais 's air aghart a' seamionachadh air 
feadh Alba gu h-iomlan. B' e aon de na ceud turuis a rinn Cal- 
lum-CiIle fdin a dhol a dh'amharc Bhride, righ nam Picteach, aig 
an robh a lùchairt an taobh-deas Alba. Tha luchd-eachdraidh 
ag ràdh gu'n d' iompaich Callum-CiUe Bride. Co dhiù bha 's nach 
robh barrachd ann air na b' urrainn Callum-Cille 'dheanamh de 
iompachadh thug an righ lìin chead agus, a rèir coslais, cuideach- 
adh do na soisgeulaichibh ud an deadh sgeul a chur an cèill anns 
gach ceama de 'rioghachd. Bha iadsan a' gabhaii a' chothroim 
mar a b'fliearr a dh'fheudadh iad. Bha Collaist aca 'an I anns 
an robh iad a' fòghlum mhinisteirean òga 's ga'n deasachadh air 
son searmonachadh an t-soisgeil. Bha na teachdairean so a' dol 
tre gach eilean 'us cearaa, air sheòl 's gu'n cual iad uile iomradh 
air slighc na slàinte. 

JjfC Bha saothair nan daoin' ud gu mòr air a beannachadh 
do'n t-sluagh ; cha b' ann a mhàin ri linn Challuim-Chille fdin, 
ach rè ixine mhòir an ddigh sin. B' e Cùil-dd-ich a theireadh na 
Laidinich ris a' cheud mhuinntir a thrdig an iodhalan, agus a 
dh'aidich an ùmhlachd do lagh Challum-Chille. Tha caochladh 
bharailean a measg luchd-eachdraidh mu sheadh an fhocail, Cìiil- 
dd-ich ; ach 's e 's coslaiche gur h-e 'n seann f hocal Gàclic, GiIIeau- 



22 EACHDEAIDH NA H-ALBA 

Dè a th'anii, leis an robh an luchd-dtithcha 'a' cur dealachadh 
eadar a' mhuinntir ud 's na bha fathast a' leantuinn breugair- 
eachd nan sagartan Druidheach. Their na Gàeil aig a bheil 
eòlas air eachdraidh, Cùildeich riù. Tha aobhar a bhi 'creidsinn 
gu'n do ghlèidh eaglais nan Cùildeach 'an Alba teagasgan 'us 
oideas an t-soisgeil co f ada ri eaglais eile 's an Roinn-Eòrpa, ach 
a h-aon, o mheasgachadh le mearachdaibh na Pàpanachd. Cha 
robh easbuigean ac' idir 'an Alba 's na ceud linnibh ud, no luchd- 
riaghlaidh sam bith eile 's an eaglais ach na ministeirean a bha 
'searmonachadh, agus seanairean no èildeirean. Mar nach robh a 
leithid de ni is stìpinean ann, ach gu'n robh na h-uile searmonaich* 
air a chumail suas le tabhartas saor-thoil an t-sluaigh, cha b' urr- 
ainn a leithid de ni is Pàtranachd a bhi ann ni bu mhò : 's ann an 
lorg truaiUidheachd a' chreidimh Phàpanaich a thàinig an t-olc 
sin a steach do'n eaglais. Bha fiùdhalaich an Ath-leasachaidh 
a' cuimhneachadh sin 'n an là fèin. Thàinig I Challuim-ChiUe gu 
bhi giè mheasail, cha 'n e 'mhàin aig an t-sluagh chumanta, ach 
mar an ceudna aig righribh 'us kichd-riaghlaidh Alba, 'sEirinn, 
's na Frainge, dheth am bheil cuid air an adhlacadh 's an eilean 
ud. Bha righrean taobh siar Alba 'dol do I gu bhi air an crùn- 
adh a rèir deas-ghnàth simplidh nan aman ud. Thug aon de na 
righrean clach phrìseil i Eirinn, ris an abradh iad, Liath-Fàil, air 
an suidheadh an righ òg 'an'àm a bhi 'g a chrùnadh. Bha gnàth- 
fhocal 'n am measg ge b' e àit' am biodh a' chlach so gu 'm biodh an 
sin righ de shliochd nan Sgaothach air a' chathair. Thugadh a* 
chlach an dèigh sin do Sgoinne, far am b'àbhaist righrean Alba bhi 
air an crùnadh. Bhàsaich Callum-Cille 'na sheann duine, agus làn 
de làithean air an 9mh là de mhìos meadhonach an t-samhraidh, 
597, 'an dèigh ceithir bhadhna-deug thar fhichead de 'bheatha 
'chaitheamh a' teagasg nan Albannach ann an eòlas air slighe na 
slàinte. Bha ceangal mòr aige ri I anns an do chaith e'n leth mu 
dheireadh, agus an leth a b' fheumaile d'a bheatha. Tha e air a 



CALLUM CILLE. 23 

ràdli gii'n do cliuir e f àidlieadaireachd mu 'n eilean sin 'an dàn 
mar a leanas : — 

"I mo chridlie, I mo ghràidh, 
'An àite guth IMhanach bidh geum bà ; 
Ach mu'n tig an saoghal gu crìch 
Bi'dh I mar a bha." 

Thàinig a' cheud chuid de 'n fhàidheadaireachd gu litireil gu 
teach o cheann fada, 's feudaidh e bhi gu'n tig a' chuid eile gu teach 
mar an ceudna 'na h-àm. Mhair eilean I mar lòchran laiste agus 
dealrach leis an t-soisgeul ri dà cheud gu leth bliadhna 'an dèigh 
bàis abstoil na Gàeltachd, mar theirteadh ris. Ach 'an toiseach 
an naoidheamh linn thàinig muir-chreachadairean Lochluinn gu 
taobh siar Alba le càbhlach lìonmhor, 's bhiodh iad a' dol air tk 
'p.n àite 's an àite. a thoirt leò nan uile nithe 'ghabhadh giùlan, 
a' losgadh thighean 's gach gnè àirneis nach b' urrainn iad a, 
thoirt leò. Bha iad sud 'n am Pàganaich air nach robh eagal Dè, 
mar nach robh urram aca do dhuine. Chaidh iad air tìr an eil- 
ean I mar anns gach eilean beag 'us mòr eile, 's rinn iad ris a' 
chollaist 's ris an eaglais mhòir, 's gach tigh àhiinn eil' a bh'anu 
laar a rinn na Babilonich air lerusalem, fhàgail 'na thòrr. Na 
h-uile ni a ghabhadh losgadh loisgeadh iad, 's na h-uile ni luach- 
mhor a ghabhadh toirt air falbh thug iad leò. Tha 'n t-eilean 
lar sin 'na fhàsach gus an là 'n diugh. Tha tearc de luchd-àit- 
cachaidh ann, ach ** 'an àite guth mhanach tha geura bà." Tach- 
raidh lorgan nan spìiinneadaircan so ruinn 'an àite 's an àite fath- 
ast, ann ar triall tre eachdraidh na rioghachd. 



CAIB. V. 

ALBA a' TIGHINN GU BHI 'kA H-AON RIOGHACHD. 

Bha Alba air a roinn 'na tri rioghaclidaibh mar a dli'aiumiclieadh 
cheana, eadar na Sacsonaich a deas air uisge na Friù, na Pictich 
air an taobh 's ear, 's an ear thuath, 's na Sgaothaich 'an Earra- 
ghàel, 's anns na h-eilcanaibh a siar. Mhair iad mar sin rè thrl 
ceud gu leth bliadhna an dèigh do na fiùdhalaich so mu dheir- 
eadh tighinn a nall à Eirinn. Bhiodh iad sin uile gu maith tric 
a' caigeadh air a' chèile, gu h-àraidh na Sacsonaich agus na Pict- 
ich. Tha eachdraidh a' deanamh iomradh air iomadh caonnaig 
fhuiltich eadar an dà bheag-rioghachd so, anns an robh an righ 
fèin air uairibh a' tuiteam. Ach cha robh aon aca 'deanamh uiread 
de lagachadh air an aon eile 's nach robh iad le chèile a' seasamh. 
Agus do bhrìgh nach robh buaidh mhaireannach sam bith a' lean- 
tuinn nan cathan ud, 's nach robh 'bheag de dhealachadh eadar 
iad 's na blàir a bha cinn-f headhn' an taobh tuath 's nan eilean a' 
cur air a chèile, tha e co maith leum thairis air a' chuid so de 
eachdraidh nara Picteach 'snan Sacsonach; agus da rireadh cha 
bhiodh foighidin gu leòir aig a' chuid is lionmhoire de leughad- 
airean gu dhol troimpe ged a bhiodh i air a cur f 'an comhair ; tha 
i co troimhe-chèile 's co neo-oideachail. Co dhiìi, feudar inn- 
seadh gu bheil iomradh againn 'an eachdraidh air dà fhichead 
righ a bha os ceann nam Picteach a bha 'tòiseacheadh le Drius, a 
bh' air a' chathair 'nuair a thrèig na Kòmhanach Sasunn, agus 
a' criochnachadh 's a' bhliadhna 843. Bha righrean nan Sgaoth- 
ach, aig an robh uachdranachd thairis air taobh 's iar Alba, rè 
ùin' fhada ro dhèigheil air rioghachd nam Picteach a chur ris aa 



ALBA. *NA H-AON RIOGHACHD. 25 

rìoghachd aca fèin, agus fadheòdh chaidh ac' air sin a dheanamh 
''^ an dòigh so a leanas. 

2. Bha na creachadairean Lochlunnach air an tugadh iomradh 
cheana an deigh sealbh a ghabhail air cearna fharsuing de Eirinn 
mu dheireadh an ochdamh linn, 'sged a chaidh moran fol' a 
-dhòirteadh ann a bhi feuchainn ri 'n cur air falbh, ghleidh iad an 
greim air an fhearann riamh, 's tha 'n sliochd air measgachadh leis 
a' chuid, eile de mhuinntir Eirinn. Bha dream eile dhiubh mu 'n 
àm sin an dèigh sealbh a ghabhail air roinn mhòr de Shasunn, agus 
fadheòidh thàinig saighdear ainmeil ris an abrar Cainiut, mac 
Suen, righ Lochluinn, gu bhi 'na righ air Sasunn. Ach ged a bha 
iad a' cur cuairtean air eileanaibh 's iar Alba, 's 'a deanamh mòran 
•call' an sin, cha do chuir iad dragh sam bith air rioghachd nam 
Picteach an taobh 's ear Alba gu faisg air meadhon an naoidheamh 
linn, 'se sin 'sa bhliadhna 839 no 840. Bha cogadh uamhasach 
fuilteach eadar na Lochlunnaich 'sna Pictich a' bhliadhna sin, 
anns an do thuit Uen, righ nam Picteach, agus Bran, an aon 
bhràthair a bh' aige, agus mòran de àrd uaislean na dìithcha. Bha 
iad co mòr air an lagachadh leis a' chogadh 'snachb'urrainn iad 
.aeaBamh roimh nàmhaid cumhachdach sam bith eile a thigeadh 
orra. B'e Coinneach, ris an abradh na bàird, Coinneach Cruaidh, 
a bha 'na righ air taobh 's iar Alba an uair ^in. Mar is tric their 
luchd-eachdraidh Coinneach MacAlpinn ris. B'e Alpinn ainm 
'athar. Phòs Eocha, no mar thcir na Laidinnich, Achaius, athair 
Alpinn, nighean righ nam Picteach. B'e ainm an righ sin Unguis, 
agus ainm a nighinn, a thàinig gu bhi na ban-righ aig Achaius, 
Unguia. Mar so, b' e Alpinn, rìgh nan Sgaothach, ogha righ nan 
Picteach. Bha Alpinn an dùil gu'm faigheadh e fein rioghachd 
a sheanar air gach aon chor, 's gu'n robh a chòir air sin co maith 
ri còir fir sam bith. Ach chaidh Alpinn a mharbhadh 's an treas 
bliadhna de 'rioghachadh ann aii siorrachd Ara, far an deachaidh 
c nuU lc àireamh shaighdearan a' chreachadh na dìithcha. Thàinig 
Coianeach a mhac an sin a' dh'ionnsuidh a' chrìiin 's a' bhUadhna 



26 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

836. Bha Coinneacli a' tagradh còir air rioghachd nam Picteach 
mar a bha 'athair, agus air son an aon aobhair. Ach ged a bha 
teaghlach rioghal an taobh 's ear 'nan dlil-chàirdibh dha, b' fhearr 
leò an rioghachd aca f èin no aige-san ; cha robh iad idir deònach 
air a dhol a mach 'gu esan a leigeadh a steach. Uime sin, o nach 
faigheadh e 'ni a bha e 'sanntachadh a dheòin, bha e deanamhair 
son f haotainn air sheòl sam bith eile. A rèir sin, 'n uair a chun- 
naic e na Lochlunnaich 's na Pictich a' dol am badaibh a chèile,. 
an àit' a dhol a chuideachadh a chàirdean, 's ann a dh'f huirich 
caomhan 'na thàmh, ged a bha fios aige nam buadhaicheadh na 
Lochlunnaich gu'n tigeadh iad air fèin a rìs. Ach biodh sin 
mar a bhitheadh e; b' fhearr le Coinneach a bhi 'feitheamh aa 
fhàth, cunnart ann no as. Agus 'nuair a chunnaic e gu'n d'fhuair- 
na Pictich a leithid sud de dhroch-laimhseachadh o na Lochhmn- 
aich, ged is ann leò a chaidh, rinn e air son an rioghachd aca a. 
ghabhail dha fdin gun dàiL Bha Uen 'us Bran a bhràthair, a thuifc 
au cogadh nan Lochlunnach, agus Coinneach MacAlpinn anns na; 
h-oghaichean. Ach cha robh e fein 'us Ured, an ath neach a 
ghlac an t-slat rioghail, co faisg sin air a chèile, ma bha iad idir 
càirdeach d'a chèile. A rèir na h-uile coslais 's e Coinneach a 
b' f hearr còir air a' chrùn na Ured, 's cha robh na h-uaislean Pictich 
aindeònach air a ghabhail mar righ. Co dhiù chaidh an cumh- 
achd rioghail a spionadh à làimh an fhir ud agus a thoirt do 
Choinneach 's a bhliadhna 843. Bha mar sin an dà rioghaclid air 
an aonadh, agus an ùine ghoirid theireadh Sasunnaich, tìr nan 
Scotach (Scotland) ris an rioghachd so, ga h-ainmeachadh air an 
taobh a fhuair làmh an uachdar. Ach theireadh Gàeil riamh o'n 
Tiair ud rithe an t-ainm a bha roimhe aice, Albainn, air a ghiorr- 
achadh, Alba. B'e Coinneach MacAlpinn an t-ochdamh righ thar- 
fhichead a bh'air na Dalriadaich, no na Sgaothaich a thàinig à> Eir- 
ìnn le Fearghas. Bha staid nan Sgaothach lè an tri cheud 'sdà. 
f hichead bliadhna anns an do rioghaich an ochd duine fichead ud, 
g\è choslach ri staid nam Picteach f èin, agus feudaidh sinn am fàg- 



ALBA 'nA H-AON RIOGHACHD. 27 

ail as ar dèigli leis a' bheagan a chaidh a radh mu'n timchioU 
cheana. 

3. Ged a fhuair Coinneach MacAlpinn barrachd cumhachd air 
na bha roimh' aige, cha d' fhuair e barrachd sìth, Bha na Loch- 
lunnaich air fàs ro dliàna 'na là-san leis an tomhas de shoirbheach- 
adh air an d' ràinig iad 'an Eirinn 's an Sasunn. Tha eachdraidh 
a* deanamh iomradli air iomadh 'us iomadh còmhrag a bh' aige 
fèin 's aig a shliochd air rìgh-chathair Alba ris a' phlàigh sgriosaich. 
ud a bha tonn air thonn a' tighinn d Lochkmn a tuath 's a deas. 
Theirear Norainnich (Norsemen) ris na Lochlunnaich a tuath. 
Ghabh iad sealbh air Sealtainn 'us Arcu, agus air an àireamh is 
mo de na h-eileanan a 's iar, a chum iad aca fèin rè uin' f hada. 
'S ann air son na h-eileanan so 'bhi fo riaghladh nan Norainneach 
a thugadh Innse-Gall orra, an t-ainm a tha aig na Gàeil dheasach 
's na Mòr-thirich orra gus an diugh. Gall, a' ciallachadh coigreach, 
Innse-Gall, eileanan nan coigreach. Cha b'e mhàin gu 'n robh na 
creachadairean ud a' toirt leò an airgid 's na sprèidhe, bha iad a' 
toirt 'nan daoine leò mar thràilHbh. Bha margaidhcan 'an Loch- 
lunn 's an robh iad a' reic 's a ceannach nam braighdean a thugadh 
as na h-eileanaìbh Breatunnach air an aon dòigh 's an robh na 
daoine dubh' air an reic 'an Stàitibh Deas America o cheann 
ghoirid. 'S e aon chrann a bhiodh 's nà kiingeas aca, agus aon 
seòl mòr ceithir cheamach, ni-eigin coslach ri siìiil nan sgothan 
iasgaich 's na h-eileanaibh a 's iar. 'S maith a dh' aithnicheadh 
luchd-àiteachaidh oirthir a 's iar 's a 's ear Alba an càbhlach a bha'n 
8ud 'le 'n 'cloiginn ghreannach, coslach ri ceann dràgoin, le beul 
fosgailte, 's an toiseach mar uchd geòigh air an t-snàmh co fada 
mach ri' ghob, 's dà adliairc fhada, bhiorach iarruinn a mach as an 
uchd 8Ìn beagan os ceann an uisge, gu bhi tolladh nan soithichean 
a thigeadh a chòmhrag riù; còrr is fichead ràmh fada, laidir a mach 
as gach taobh dhiubh leis an robh iad ga'n iomradh — iomradh 
còmhladh, agus an deireadh ag (5iridh suas gu carraigeach, cuaich- 
eanach, coslach ri earball nathrach, ni b' àirde na ceann an stiùir- 



28 EACHDRAIDH NO H-ALBA 

■eadaìr. Thug iad an oidhirp air righ a chur saas os ceann nan 
eilean 's a chuid de'n mhòr-thir air an do ghahh iad sealbh car 
uine ghoirid, mar a bha Gall-thaobh 'us Cataobh, pàirt de shiorr- 
iichd Rois, agus an taobh Muireach. Ach ma chuir iadsan rìgh 
suas, cha b' fhada gus an do chuireadh sìos e. Cha do leig righ 
Coinneach agus an fheadhainn a lean e air a chaithir, tàmh no 
fois leò gus an d' fhuadaich iad air falbh o thir-mòr Alba gu 
h-iomlan iad. Ghlèidh iad na h-eileana ni b' fhaide. A thaobh 
^n dragh a bha na Norannaich a' cur air righribh Alba 's an àm 
so, cha b' urrainn iad a' chrioch Albannach a chur ni b' f haide deas 
na bha i o shean ; b'e sin uisge na Friù 'us bun amhainn Chluaidh. 
Chithear an dèigh so cionnus a bha dol dhoibh air an làimh sin. 
Bhàsaich righ Coinneach ann an Fontelist, àrd-bhàile na rioghachd 
■air an t-seathamh là de cheud mhios an earraich 's a' bhliadhna 
859 an treas bliadhna ficheadd'a rioghachadh, seachd bliadhna air 
-taobh 's iar Alba, agus a tri-deug air Alba tuath gu h-iomlan. 

Dh' fhàg Coinneach mac da 'm b'ainm Constantin, 'us nighean 
da 'm b'ainm Maol-Muire — ach ghlac a bhràthair, Domhull Bàn 
Mac Alpinn an crìin an dèigh a bhàis 

4. Feumar a bhi o àm gu h-àm a' sealltuinn gu deas ri eachd- 
raidh Shasuinn a thaobh na dàimh 's an robh an dà rìoghachd a' 
-seasamh d'a chèile an sin, 's an dèigh sin. Goirid an dèigh do na 
Sacsonaich sealbh a ghabhail air an tìr roinn iad i 'na seachd 
rioghachdaibh, ris an abair hichd-eachdraidh, Sacson Heptarchi — 
Heptarch, focal Greugach a tha ciallachadh seachd rioghachda. 
Bha laghanna air leth aig gach aon diubh sin dhi fèin, ach bha 
àrd chomhthional ac' air son Shasuinn uile, coslach ri Pàrlamaid 
, anns an robh iad a' deanamh reachdan air son na dìithcha gu 
h-iomlan, gu h-àraidh iad fèin a dhìonadh o allamharaich sam bith. 
Bha na beag righrean ud coslach ri rìghribh na h-Alba fdin, gl6 
.aimhreiteach 'n am measg fèin, 's ro eudmhor mu 'n sochairean 
's mu 'mòralachd fdin. nach robh reachd sam bith air a dhaing- 
neachadh fathast air son an t-sreath rioghail a tharruing direach 



ALBA *NA H-AON EIOGHACHD. 29- 

thun a' chrìiin *us uaithe, bhiodh am fear a thachradh air an rìgh- 
chathair a' marbhadh nam mac a bhuineadh do'n t-sliochd riogh- 
ail a shaoileadh e bhi coslach ri grabadh a chur air a mhac fdin, 
no air fear èigìn cile 'bu mhaith leis a bhi 'na oighre air. Mar so 
thàinig an sliochd rioghail mhac gu bhi co tearc mu thoiseach an 
naoidheamh linne 's gu'm b' e Egbert, rìgh Uesecs oighre dligheach 
nam beag rìoghachdan ud uile. Bha so taitneach d'a nàdur dian- 
thogarrach, 's chuir e roimhe gu'n deanadh e 'chuid fèin diubh 
uile. Agus chaidh aig' air sin a dheanamh a lìon tè 'us tè, le cog- 
adh 's le seòltachd. Anns a' bhliadhna 827 bha iad uile air an 
aonadh fo a riaghladh-san, mu'n cuairt de cheithir cheud bliadhna 
an dèigh do na Sacsonaich tighinn do 'n tìr *an toiseach. Feudar 
leum thairis air rìoghachadh Ethelof, a mhic-san ; ach ri linn Al- 
fred, ogha Egbeirt, ris an abrar Alfred Mòr, thug na deas Loch- 
lunnaich iomadh garg ionnsuidh air an rioghachd a dbeanamh 
dhoibh fèin, agus mu dheireadh chaidh ac' air sin a dheanamh 
car greis. Bhàsaich Alfred 's a' bhliadhna 901 'an sìth. Tha e 
air àireamh a measg nan righrean a b' fbearr 's a bu chomasaiche 
'shuidh riamh air cathair. Anns a' bhliadhna 994 fhuair na Loch- 
lunnaich a dh'ionnsuidh righ-chathair Shasuinn, ri linn Etelred 
an treas, no'n ccathramh righ an dèigh Alfred. B' e Suein ainm 
an rìgh Lochlunnaich a choisinn a' bhuaidh sin. Fhuair Cainiut, 
mac Shuein, an crùn *an deigh 'athar. 'S ann ris an duine so a 
bha na h-uaislean Sasunnach a* dcanamh uiread de bhroscal 
's gu'n tug e mar airidh a chathair a shuidheachadh air an tràigli 
nuair a bha 'muir agèiridh, 's'nuairbhae'teannadhr'achosaibh, 
*8 ris a' chathair, thòisich e ri bagradh air a' mhuir na'm bu dàna 
leis tighinn ni b' fhaide. An uair nach robh am muir a' toirfc- 
ùmhlachd sam bith dha, thionndaidh e r'a luchd-broscail, ag ear- 
alacbadh orra gun a bhi 'toirt glòir do cho-chreutair nach robh 
dheth fèin ach fann ; ach iad a bhi 'toirt glbìv 'us urram do'n Ti 
a bha riaghladh na fairge 's nan uile nithe. Bha e, gun teaganih, 
ag aithneachadh gur mò a bha de nàdur magaidh na dc fhior 



30 EACnDRAIDH NA H-ALBA 

cliàirdeas 'n aii cuid broscail. Blia triìiir mac aig an righ. so, 
's dh'òrduicli e aig àm a bhàis fear dhiubh na rìgh air Lochlunn a 
Tuai:h, fear 'eil air Lochhmn a Deas, agus an treas fear a bhi 'na 
rìgh air Sasunn. Ach bhàsaich am fear mu dheireadh agus a 
mhac mu'n cuairt do shea bliadhna an dèigh sin, 's chaidh an crtin 
Sasunnach a thoirt air ais do'n t-sliochd rìoghail aca fèin, 's a' 
bhliadhna 1041. Bha Edmund, mac Ethelred, a' riaghladh car 
greis os ceann pàirt de thaobh tuath Shasuinn, 's de cheann a deas 
Alba ri linn Chainiut. Bha dithis mac aig Edmund so, Eduin. 
agus Eideard. Bha Eduin so a' cumail crìche ri rìghribh nah-Alba 
'na là fèin. Tha 'n diugh baile mòr ainmeil, inbheil, air machair 
na Galltachd aig a bheil creag anabarrach àrd air a thaobh a 
's iar. Cha 'n fhaighear a dh' ionnsuidh na creige so ach air an 
taobh an ear dhi. B' i 'chreag so ri linn Eduin a' chrioch eadar 
e 's Alba. Thog e daingneach làidir air mullach na creige, 's rinn 
e baile aig a bonn a bha furasd a dhìonadh o mhullach na daing- 
nich. Thugadh Eduin's burgh mar ainm air a' bhaile, air a ghiorr- 
achadh, Edinburgh, 's e sin Dùneidin, àrd-bhaile rioghachd Alba. 
Cluinnidh sinn fathast mu thimchioll a bhràthar, Eideard; ach 
thigeamaid a nis air ar n-ais do Alba. 

5. An dèigh bàis DhomhuiU MhicAlpinn, 's a bhliadhna 863, 
thàinig Constantin, mac righ Coinnich, thun a' chrùin. Bha esan 
's na righrean a lean as a dhèigh, mar iad-san a chaidh roimhe, 
air an cumail 'n an drip leis na Lochlunnaich, nach robh 'leigeadh 
tàmh leò ach a' feuchainn ri briseadh a steach air an rioghachd an 
àit' èigin. Feumaidh gu'n robh staid sluaigh Alba glè an-shocair 
's na linnibh ud, leis an trioblaid a bh' aca dheth na naimhdean 
o'n taobh a mach, agus gach troimh-chèile a bh' ac' aig a bhaile, 
eadar buiU fa leth an teaghlaich rioghail a' còmhstri co gheibheadh 
do'n righ-chathair na h-uile uair a bhiodh i falamh, rè 150 bliadhna 
an dèigh Choinnich; oir cha robh reachd air a dhaingneachadh 
fathast a' deanamh a' chriiin cimiteach do cheud ghin an righ a bha 
air a' chaithir. Do bhrigh nach do thachair ni ùr sam bith 's an 



MEUDACHADH NA RIOGHACHD. 31 

rioghachd ris am bheil mòr ghnothuch againii lè a' cheud gu leth 
bliadhn' ud ach gun robh i, mar tha sgriobhaidhean àraidh ag ràdh, 
.air an innein gu 'bualadh ri chèile, 'sgu 'toirt a dh' ionnsuidha* 
chruth 's a' chumaidh 's an robh i gu fantuiun vè iomadh linn an 
dèigh sud, feudar leum thairis air a' chuid sin de 'n eachdraidh 
gun tuilleadh leudachaidh. 



CAIB. VI. 

MEUDACHADH NA IIIOGHACHD. 

Feudar a ràdh gu'n d' f huair Callum II. an rioghachd 's a bhliadh- 
na 1003 anns an dearbh shuidheachadh's an d'fhàg a shinnsir Coin- 
neach MacAlpinn i ceud gulethbliadhnaroimhesin; na Lochlunn- 
aich co draghail 's a bha iad riamh, ged a bha iad a' faotuinn rotadh 
•uamhasach na h-uile turus as ùr a bha iad a' tighinn. Ach an 
dèigh sin uile chaidh aig' air a chrìochan a chur am farsuingeachd 
air an làimh dheis. Tha 'chuid is lionmhoire de luchd-eachdraidh 
ag aideachadh gur h-ann ri'linn-san a chuireadh a' chrioch Albann- 
ach 00 fada gu deas 's a bha i air a socrachadh anns gach linn 
o'n uair sin, ged tha e coslach gun d' thugadh ionnsuidh air a 
teannadh a tuath an dèigh a bhàis. Mhair rioghachadh Challuim 
deich bHadhna fichead. 'N uair a bhàsaich e ghiulaineadh a chorp 
gu ruig I Challum-Chille leis an t-sòluimteachd a bha cubhaidh aig 
a leithid de àm, 's dh' àdhlaiceadh c maiUe ri 'shinnsiribh 's an 
eilean ud air an robh an sluagli ag amharc mar thalamh naomh. 
Bh'fhhg e dithis nighean, agus b'e mac tè dhiubh sin, da'm b'ainm 
Donnachadh, a rioghaich 'na àite. Cha robh Donnachadh sca 
Miadhna a' rioghachadh 'n uair a chaidh a mharbhadh le duine 
.•mliarraichte da'm b'ainm Mac-Beith. 



32 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

2. Tlia luclid-seanachais ag innseadh co icmaah sgeul eug-samlr- 
aìl mu thimchioll Mhic-Bheith 'sgu feumar ni-eigin de rannsach- 
adh a dheanamh air son ruigsinn air an fhirinn. Bhonntaich an. - 
cleasaiche Sasunnach ainmeil sin, Shakespear, aon de na puirt- 
chleasachd aig' air na gniomharaibh bu mheas a bh' air an cur as 
leth Mhic-Bheith, 'sair na nithibh bu mheas a thachair dha gus 
an do chuireadh dheth 'n chathair e. 'S e bh' aig a' chleasaiche^ 
's aig gach fear dlieth sheòrsa 's an amharc cliù f haotainn dha fèin 
air son a bhi co comasach air aignidhean dhaoin a ghluasad le 
foclaibh maith 'us droch fhoclaibh, Gidheadh tha cuid de luchd- 
eachdraidh a' deanamh ceann-iùil de'n chleasaich' ud, a chionn 
gu bheil a sheanachas co sgeul-amhuil, 's co taitneach ri 'leughadh. 
Gu'n tug Mac-Bheith fiadhachadh caoimhneil do rìgh Donnachadh. 
gu a chaisteal fein, gu'n d' rinn e cuirm chàirdeil da, gu'n do chuir 
e mhisg air a gheard-pearsa, 's gu'n do mharbh e le 'làimh fein 'na 
sheòmar codail e — fad locha buidh' air a leithid sin de sheanachas. 
Ach cha 'n 'eil focal firinn 'an aoir an t-Sasunnaich do 'n Ghàel 
thapaidh ud. Binn Mac-Bheith aramach 'an aghaidh an righ;. 
chaidh an rìgh 'na aghaidh le àireamh shaighdearan gu 'cheann^ 
sachadh ; choinnich iad a chèile faisg air Eilgin. 'S ann le Mac- 
Beith a chaidh an là. Thuit an rìgh 's a' bhlàr, 's rinn am fear 
a choisinn na h-uile cabhag air son e fèin fhaotainn air a chrùnadh 
'na àite. Cha robh Donnachadh, mar tha cuid ag ràdh, 'na sheann 
duine 'nuair a bhàsaich e; oir cha b'e bhràthair, no eadhon 'athair 
a bha rioghachadh roimh'ach a sheanair, cha robh ach sea bliadhna, 
o thàinig e fèin a dh'ionnsuidh na righ-chaithreach, 'scha b'urr- 
ainn e bhi ach 'na dhuin' òg aig an àm ud. Ach tha e coslach . 
gu'm bu duine soirbh e, 's gu'n robh Mac-Beith a' smuaineachadh. 
gu'm b'urrainn e gu furasd a chur, beò no marbh, dheth'n chath- 
air, 's gur e fèin bu fhreagarraich air son àite righ a Honadh. Agus - 
mar a bha 'inntinn suidhicht' air sin, bha iomadli lethsgeul aig' 
air son a dhol air aghart. A thaobh a mhàthar bha e fèin de 'a 
t-sliochd rioghail. Bha e fein 'san righ 'an dlùth dhàimh da . 



MEUDACHADH NA RIOGHACHD. 33 

chèile; agus bha e 'na cheann-feadhna co cumhachdach 's a bha'n 

Alba. Bha e 'na Mhaor-mòr air Ros, agus bha e air pòsadh ban- 

trach Mhaoir-mòir Mhuireidh, agus mar sin 'na cheann air [an 

taobh Mhuireach gus an tigeadh Lìilaoch, mac a ceud fir-pòsda, 

gu aois. Craoch a b' ainm do'n bhain-tighearn so : bu nighean i 

do Bhoidlie, mac rìgh Coinneach, a bh' air a' chathair roimh 

'sheanair Dhonnachaidh, agus tha e coslach gu'n robh i de 'n aon 

chuideachd ri lesebel, bean Ahaib, a' sior bhrosuachadh a compan- 

aich gu h-olc. Co dhiìi, f huair Mac-beith e fèin air a chrùnadh 

'na righ, le cuideachadh nan Eosach 's nam Muireach, 's tha e air 

innseadh gu"m bu deadh riaghlair e gus an do thòisich a spiorad 

a' goirteachadh le iomaguin 'us eagal gu 'n deantadh ris mar a 

rinn e fèin. Binn e daingneach làidir air Dunsinnaìn 'an Siorr- 

achd Pheirt, air son e fèin a dhionadh 'an aghaidh eascaraid sam 

bith a dh'fheudadh tighinn. Agus tha cuid ag ràdh gur e bag- 

radh a leig e mach eadar 'fhiaclaibh 'an aghaidh aon de chinn- 

fheadhna Shiorrachd Fiofa bu mheadhon air a rioghachadh a 

ghiorrachadh. Fhuair an ceann-feadhn' ud sanas o charaid èigin 

's ruith e le 'bheatha gu cìiirt Shasuinn, far an do thòisich e fèin 

's oighre dHgheach Alba air deanamh ullachadh air son Mac-beith 

a thilgeadh dheth 'n chaithir. 

3. Dh' flìàg righ Donnachadh dithis mac, ainm an fhir bu shine 

Callum, da 'm bu cho-ainm Ceann-mòr, ainm an fhir a b' òige' 

Domhull Bàn. Theich CaUum Ceann-mòr gu deas gu ruig Sasunn ; 

theich Domhull Bàn gu tuath do eileanaibh lunse-gall. Bha iad 

le chèile, na 'm fògarraich, fear a tuath 's fear a deas rè nan cùig 

bliadhna deug a bha Mac-beith air a' chaithir. Bha CaUum Ceann- 

mòr roinn mhaith de 'ùin' aig cìiirt rìgh Shasuinn, a bha gl6 

chaoimhneil ris. 'N uair a ràinig ceann-feadhna shiorrachd Fiofa 

leis na h-ursgeulaibh a bh' aige fòin mu staid Alba, dheònaicli 

righ Shasuinn cuideachadh a thoirt do Challum Coann-mòr gus a 

chòir dhligheach a thoirt a mach; 'smar a bha iad a' triall troimh 

bhasunn 'us cheann a deas Alba, bha an luchd-leaumhuinn a' dol 
c 



34 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

'aii lioiimhoireaclid gus mu dheireadli an robh armailt mhòr aig 
Ceann-mòr a' dltithachadh ri daingneach Dhuinsinnain. Cha b'ann 
gu all-tapadh a chaidh Mac-beith 'nuair a chunnaic e 'n armailt 
ud a' tighinn 'na aghaidh, mar tha cuid a cur as a leth. Chrios- 
laich e chuid armachd air gu duineil, 's chaidh e'n aghaidh an 
nàmhaid air ceann a chuid saighdearan, ach tha e coslach gu'n robh 
cuid diubh ga thrciigsinn 's a' dol a null thun an taobh eile. Co- 
dhiìi, chaidh an ceud bhlàr 'na aghaidh, 's b' èigin teicheadh gu 
tuath, far an do lean e air a' chòmhrag rè dhà bhliadhn' iom- 
lan gus an do thuit e 'an cath/na 'Uiirich mhàilich, le 'chlaidheamh 
*na dhòrn. Cha 'n 'eil teaganih nach deachaidh Calhim Ceann- 
mòr a chrùnadh goirid 'an dèigh do Mhac-Beith teicheadh gu 
tuath ; ach cha robh fois aig' o chogadh ga ceann greis an dèigh 
sin. Co hiath 'g a thuit Mac-Beith chaidh a dhalta, Lùlaoch, a 
tha de shliochd Choinnich IV. èigheach 'na rìgh leis a' phàirtidh 
a bh' an aghaidh Challuim. Ach chuireadh fodha Lùlaoch goirid 
'an dèigh sin, agus rioghaich Ceann-mòr gu siochail 's gu soirbh- 
€achail v6 shea bliadhna deug thar fhichead. 

4. Goirid an dèigh do Challum Ceann-mòr a bhi air a stèidh- 
eachadh air rioghachd a shinnsearan rinn iad atharrachadh mòr 
air rioghalachd Shasuinn. Thàinig Harold, mac Chainiut, an Loch- 
lunnaich, thun na righ-chaithreach *s a' bhliadhna 1036. Bhàs- 
aich esan 's a' cheathramh bliadhna de 'rioghachadh. Thàinig 
Hardicainiut 'na dhdigh-san ; bhàsaich esan mar an ceudna fo 'n 
mhisg an ceann dà bhliadhna. Ghabh na Sasunnaich an cothrom 
8Ìn air a' chuing Lochlunnach a thilgeadh dhiubh. Thug iad an 
crùn do Eideard, mac a b' òige Ethelreid, a' gabhail seachad air 
Edgar Atheling, ogha Edmuind, am raac bu shine, a thachair a 
bhi 's an àm sin air chuairt ann a' Hungarì. Eioghaich Eideard 
25 bliadhna. Theireadh iad an Confessor ris, a chionn e bhi 'na 
dhòigh ni bu choslaiche ri sagart na ri prionnsa. Bhàsaich e gun 
sliochd anns a' bhliadhna 10G6. Bha e air pòsadh nighean larla 
Uesecs, agus bha mòr ùghdarras aig an larla thairis air. Cha 



MEUDACHADH NA RIOGHACHD. 35 

labhradh an righ a' chainnt Shasunnach gu ro mhaith. 'S ann an 
Normandi a thogadh e, aig cìiirt a charaid, Ditic na dhthcha sin ; 
mar sin b' i chainnt Fhrangach a b* fhearr a labhradh e. 'Nuair 
a bhàsaich esan b' e Edgar Atheling an t-aon oighre dligheach. 
Ach thug Harold, larla Uesecs, tàmhadh air a' chrìin da fèin, 
's bha 'athair an d^igh pàirtidh co cumhachdach a dheanamh 's an 
rioghachd 's nach b' urrainn an t-oighre dligheach a chòir fèin a 
thoirt a mach. 'N uair a chual Uilleam, Diùc Normandi, mar a 
bha, *sann a rinn e fèin airson tighinn a nall a thoirt a mach a* 
chrìiin, a bha e 'g ràdh air an d' rinn Eideard dileabaoh dheth. 
Rinn e gach uUachadh a bha 'na chomas air son a thaisteal do 
Shasunn a dheanamh soirbheachail. Fluiair e còmhnadh sluaigh 
'us armachd o na prionnsaibh a bha timchioll air. Thàinig e gu 
oirthir Shasuinn le càbhlach lionmhor. Thàinig e fèin 's a thrl 
fichead mile saighdear air tir 'an Susecs. Choinnich Harold e le 
àireamh shaighdearan nach robh faisg co lionmhor 'an àite ris an 
abrar Hastings, air a' cheathramh là deug de mhios mu dheir- 
eadh an fliogharaidh, 's a* bhliadhna 1066. Chaidh an là leis na 
Normanaich. Chuireadh mòran de na Sasunnach gu bàs. Thuit 
Harold i6ìn mar an ceudna, 's ghabh Uilleam sealbh dha Wm air 
an rioghachd. Their luchd-eachdraidh a* Bhuaidh Nòrmanach ri 
80, agus Uilleam am Buadhair ris an fhear a thàinig gu bhi 'na 
jigh air lorg na buaidh ud. Bha 'shliochd gu ceann iomadh 
linn 'n an righribh air Sasunn. 

Sgath a' Bhuaidh Nòrnianach air falbh na h-uile dòchas a 
^h'fheudadh a bhi aig sliochd rioghail Shasuinn gu'm faigheadh 
iad fèÌD, uair no uair-sigin gu righ-chathair an sinnsearan. Agus 
jnar sin rinn Edgar Atheling agus a dhà phiuthair 's a mhàthair, 
ban-phrionnsa Mairearat, air son Sasunn a chaoiteachadh gu buU- 
each 's gu bràth. Chaidh iad maille ri tearc de luchd-leanmhuinn 
air bòrd luinge air ti dol air an ais do Hungari, far an robh Athe- 
ling an àm do Eideard an crùn fhaotainn. Ach cha b' e dol 
rathad HuDgari a bh'an dàn doibh. Shèid a' ghaoith 'n an agh- 



36 EACHDRAroH NO H-ALBA 

aidh gu stoirmeil, 's dh' fhuadaicheadh'iad a nuas ri oirthir a 's ear- 
Shasuinn, gus an do ràinig iad Caolas na Friù, 's an do ghabh iad 
fasgadh 's an àite ris an abrar o'n uair sin, Port na Ban-righinn.. 
Bha Callum Ceann-mòr 's an àm sin a' tàmhachd 'an Caisteal na 
frìdh 'an DunfermUn, mu chùig mìl' o'n àite 'san robh 'n long Shas- 
unnach. 'Nuair a chual e cò bh'air bòrd 's an lulng, ghreas e gu'n 
amharc, 's dh'fhiadhaich e gu caoimhneil iad gu 'chaisteal fèin. 
Cha 'n 'eil teagamh nach d' fhuair e beagan de eòlas pearsant' air- 
na f ògarraich rioghail ud 'an àm dha fèin a bhi 'ria f hògarrarach, 
's mar is ionmhuinn leis gach neach a choslas, nach biodh e gu 
tric 'n an comunn. B' e 'char-san a nis a bhi caoimhneil riùsan. 
'An ùine ghoirid bha pòsadh ac' 'an caisteal frìdhe Dhunfermlin. 
Thàinig a' bhan-phrionnsa, Mairearat, gu bhi 'na ban-righ air 
Alba. Bha i 'na boirionnach sèimh, 'gniomhach, agus bha tomhas- 
maith de bhuaidh aice thairis air Ceann-mòr. Co dhiù a bhiodh 
e rèidh no aimhreit ghabhadh e 'comhairle-se. Bha i mar an 
ceudna fialuidh, oircheasach ri bochdaibh, 's leis gach subhailc 
a bha timchioll oirre tha cuid ag ràdh gu'm bu là sona do Alba 
a thàinig ise gu bhi 'na ban-righ; agus tha seadh 'sam feud sin a 
bhi firinneach. Ach leis gach ni maith a dh'fheudar a ràdh mu 
'timchioU bu bhana-phàpanach i co daingean 's a bha riamh air 
talamh. Agus feudar gu cinnteach a ràdh gu 'm bu là dubh,. 
dona do mhinisteiribh an t-soisgeil, 'sdo'n aobhar a bha iad a' 
cumail suas, a thàinig ise do Alba. Bhiodh i gu pearsanta ga. 
cleachdadh fèin 's na deas-ghnàthaichibh a bha eaglais na Ròimh' 
ag àithne. Dheasaicheadh i biadh naoinear dhinnleachdan 's a'' 
mhaduinn, 's bheathaicheadh i iad air a glùinibh. Nigheadh i 
cosan sheathnar bhochd na h-uil' oidhche. Bhiodh i gu tric a' 
trasgadh, agus ri nithibh cronail eil' a thug gu droch shlàint' i mu> 
dheireadh. Agus mar a bha i ro eudmhor air son maith muinntir 
eile 'na beachd fèin, dh'fheumtadh na ministeirean a chruinneach- 
adh a dh'ionnsuidh na hichairt, agus a dheanamh aithnichte- 
dhoibh gur i eaglais na Ròimh' an aon eaglais cheart, f s gu 'm; 



MEUDACHADH NA RIOGHACHD. 37 

feumadh iad gèilleadli d'a modli riagliladli 'us aoraidh. Cha robh 
focal Beurl' aig an t-Seanadh a bh 'au sud ach na bha aig a' bhan- 
righ. Bha ua ministeirean 's na linnibh ud co neo-eisimeileach air 
a' chainnt Shasunnaich 's a tha sinne an diugh air a' chainnt Nor- 
ainnich. Bha iad a' faotainu an cuid fòghluim 'an Laidinn 's an 
•Gàelic. 'Nuair a' bheireadh a' bhan-righ greis air labhairt 'na 
cainnt fèin dh'eadar-theangaicheadh an righ, a bh' air a' chainnt 
iunnsachadh 'nuair a bha e air fògradh 'an Sasunn. Fhreagradh 
na ministeirean a ris 'an Gàelic 'am fèin dhlon, 's chuireadh an 
Tigh an argumaidean fa chomhair na ban-righ mar a b' fhearr a 
b' urrainn e. Cha 'n 'eil e furasd a dheanamh a mach cia fad a lean 
an Seanadh ud, no cia lion Seisean a rinn iad deth ; ach ma's fior 
na sgeòil 's ann aig a' bhan-righ a'bha 'chuid a b' f hearr de'n argu- 
maid — ^gun teagamh 's ann air taobh na ban-righ a bha fear iunsidh 
nan sgeul. Agus feudaidh sinu a chreidsinn nach bu ni soirbh 
argumaid a chumail ri ban-righ; agus gu h-àraidh tè aig an robh 
Ceann-mòr air a deis, ullamh gus an còrr nach deanadh an 
argumaid a thoirt a mach leis a' chlaidheamh. Co dhiù, b' èigin 
an dà chuid, ìiin* agus ainneart, a dhol làmh air làimh, mu'n. 
deachaidh ac' air na miuisteirean 's an luchd-leanmhuinn a thoirt 
gu seòrsa de thosd-ghdilleadh. Ach cluinnear beagan mu'n tim- 
chioll 'san ath rìoghachadh. Clia robh fògblum sam bith aig 
righ Callum ged a bha e 'deanamh gniomh eadar-theangair 's an 
t-Seanadh ud. Cha leughadh e cainnt sam bith. Dh'iunusaich e 
cainnt nan Sasunnach 'nuair a bha e 'nam measg, mar a bhios 
•daoine gun fhòghlum ag iunnsacliadh Beurla 'chladaich. Cha 
Tobh dad aig' ach làn a chinn, 's clia bu bheag e, de Ghàelic 's de 
Bheurla 'chladaich. Thuit e fèin'sa cheud mac 'an cath 's e 
^teannachadh caisteal Ahmic, air a' chrìch Shasunnaich, 's a' 
bhlladbDa 1093, anns an t-seathamh bhadhn' deug thar fhichead 
<le 'rioghachodh. Bha 'bhan-righ 's an àm sin tinn 'an oaisteal 
Dhunòidin, 's 'nuair a dh'innis a dara mac, a theicli o'n bhlàr, dhi 
gu'n do thoit a feat 's a 'ccud mac, bhàsaich i fòin aig an àm 



38 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

cheudn', ag aideachadh a bhi rèidh ri toil an Tighearna. Bha i 
ro mheasail aig an eaglais Phàpanaich, agus air a sgriobhadh 'an 
àireamh nan Naomh 's an t-seadh 'am bheil an eaglais sin a' dean- 
amh naomh. Thàinig triùir de 'cuid mac 'an dèigh a' chèile a. 
dh'ionnsuidh a' chrìiin. 



CAIB. VII. 



RIGH DAIBHIDH — STAID ALBA — BLAR NA BRATAICH. 

'An dèigh bàis Challuim thug a bhràthair, Dòmhull Bàn, tàmhadh 
air a' chrùn. Agus feudar beachd a thogail air an staid 's an 
robh an rioghachd o'n cheud Achd a rinn an rìgh ùr. B' e sin na 
h-uil' eilthireach no neach nach buineadh do'n rioghachd g'a grad 
fhàgail. Tha so a' cur ni èigin de sholus air mar a bha àrd uais- 
lean na rioghachd air am brosnachadh leis an struidhealachd a 
bha Callum Ceann-mòr a' gnàthachadh ann a bhi 'buileachadh' 
fearann Alba air na deirleanaibh a thàinig à Sasunn an dèigb 
ban-righ Mairearait. Roinn Uilleam am Buadhair fearann Shas- 
uinn 'na thri fichead mìl' earrann, 's bhuilich e 'm fearann sin air 
a' chuid shaighdearaibh fèhi, tomhas ni's mò 's ni's lugha de'n 
fhearann a rèir na h-oifig a bh'aca 's an arm. Cha robh e 'foigh- 
neachd cò aig an robh còir air roimhe sud, no aig nach robh. 
Ghabh e sealbh air an rioghachd mar a dheanadh fear-reubainn- 
air tigh a ghlac e. Rinn e tràillean de'n chuid mhòr dc shluagh' 
na tire, a bha na h-oifigich ud a' reiceadh 's a' ceannach maille ris 
an fhearann, mar gu'm bu stoc sprèidh iad. Agus a' chuid de 
nach d* rinn e tràiUean bha iad 'an daorsa le seirbhis chruaidh, 
Dh'fheumadh iad a bhi 'n ceann gach seirbhis bu chruaidhe, 's bU'. 



RIGH DAIBHIDH. 39 

tàireile na chèile. Riaa am Buadhair Normanach sìn air son au 
rioghachd a dhcanamh cinnteach dha fein 's da shliochd. B' e 'n 
cumha air an d' fhuair na h-oifigich ud am fearann, gu'm biodh 
iad fèiu 's na bha de slihiagh air an fliearann ullamh gu èiridh a 
mach a chogadh leis an righ uair sam bith a thogradh e fios a chur 
orra. Bha na h-àrd oifigich ud a' toirt an fhearainn do oifigich 
bheaga fodhpa fèin air a' chumha cheudna. Bha mar so an 
sluagh uile ceangailte mar shaighdearaibh aig an Normanach. 
Kinn esan sud gu ghc 'na ghinealach fèin, ach gu h-ain-tighearn- 
ail 's gu f òirneartach, ged a ghiùlaineadh leis car ùine. Agus 
feumar a bhi 'g aithris droch ghnìomharan an uile-bheist ud 'aa 
eachdraidli Alba air son da aobhair. An toiseach, a chionn gu'n 
d' fhuadaich sud mòran de àrd-uaislean Shasuinn a mach as an 
rioghachd. Rinneadh orra ièìn a ni^ mar a rinn an aithricheaa 
airseann luchd-àiteachaidh na tìre. Agus a ris, a chionn gu 'n 
d' rinn rìghrean eile na Boinn-Eòrpa, 's rìgh Alba mar aon diubh, 
an dearbh ni so ri fearann 'us sluagh nan dùthcìianna aca fèin fa 
leth. Agus mhair an rian so rè cheudan bHadhna an Alba mar 
'an tiribh eile. Agus dh'fheudta iomadh eisimpleir mar dhearbh- 
adh air sin ainmeachadh 'an eachdraidh Alba. Nis an uair 
a fhuair agus a ghabh an creachadair Normanach an cothrom 
ud air Sasunn, bha na daoin'-uaisle o'n robh e 'toirt an cuid 
fearaiun a' tighiuu 'u au sruth a nall do Alb, le'u làmhaibh 
mu 'n ceanu gu 'u gearan a dheanamh ri ban-righ Mairearat. 
Dh' iarradh is' air an rìgh, 's bheireadh esan do na h-eilthir- 
licli stiallag mhaith fhearainn an so 's an sud air feadli Alba, 
air a* chumh' ud mu'u robh siun a* labhairt. Agus 's ann do na 
teaghlaichibh ud a bhuineas roinn mliaith de Mhorairean 'sde 
Tlidirean Galltachd Alba gus an là 'n diugh. Agus o nach robh 
, irkmaid anns na h-amaibh ud bha cothrom aig an rìgh a thoil 
fèin a dheanamh fhad 's bu bheò e. Feudar a bhi cinnteach mata 
nach bu ni taitneach le seann luchd-fearainn na Galltachd a bhi 
iaiciuu uau Sgaothach ud a' dòmhlachadh a steach air gach làimh 



40 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

dhiubh. 'S gun teagamh bha Domhull Bàn a* tuigsìnn sin an 
àm dha bhi deauamh air son leum a thoirt do'n righ-chaithir. Ach 
o nach do sheas an rioghachd air a thaobh, agus gur coslaiche nach 
robh iad idir air a shon, bha na tighearnan Sasunnach a bh' air 
ùr-theachd do'n tir ro chruaidh air a shon, 's dh' èirich iad 'na 
aghaidh. Agus le 'n còmhnadh-san fhuair Donnachadh, mac bu 
shine an righ mu dheireadh, agus a bha 's an àm sin na oifigeach 
'san arm Shasunnach, sealbh air an righ-chaithir. Ach cha b'fhad 
a mheal e'n onair sin. Chaidh a mharbhadh beagan mhìosan an 
dèigh sin, mar tha cuid ag ràdh, le brathadair a chuir Domhull Bàn 
■uaithe. 'S e 's coslaiche gu'm bu mhac diolain Donnachadh, oir tha 
e glè dhuilich a dheanamh a mach gu'n robh Callum Ceann-mòr 
pòsda dà uair. Fhuair Domhull Bàn an crìin mu 'cheann aon uair 
eìh an dèigh bàis Dhonnachaidh. Ach mu'n cuairt do dhà 
bhliadhn' an dèigh sin chuir Edgar, am mac bu shine 'bha làthair 
de'n t-sliochd rioghail, dheth'n chaithir e, chuireadh a shùilean a 
mach, *s chuireadh 'an gainntir e rè a bheatha. Eioghaich Edgar 
naoi bliadhna,'s thàinig a bhràthair a b'f haisge, Alastair, a dh'ionn- 
suidh na caithreach. Cha'n 'eil mòran r'a innseadh mu rioghachadh 
Alastair, ni's mò no mu rioghachadh an fhir a chaidh roimhe. 
Bha e anabarrach tighearnail 'na mhodh dèiligidh ris na h-uil' a 
thigeadh fagus da, ach ris na sagartaibh Pàpanach bha e sèimh gu 
leòir. Theireadh iad "Alastair an Gairgean" ris mar fhar-ainm. 
Chuir e sios gu h-ath-ghoirid aon troimhe chèilc dh' èirich 's an 
taobh Mhuireach 'na rioghachadh, 'n uair a dh' eirich Aonghas, 
ogha do Lìilaoch, suas an aghaidh an ùghdarrais rioghail 'an 
dòchas gu'm faigheadh e fèin thun na righ-chaithreach. Ged a 
chuireadh am Muireach sìos aig an àm sin, dh' èirich e rìs deich 
bhadhn' an dèigh sin 'nuair a chuireadh sios e gu buileach air 
sheòl 's nach d' èirich e tuilleadh. Bhàsaich Alastair an Gairgean 
gun chloinn an dèigh sheachd bliadhna deug de rioghachadh, agus 
thàinig Daibhidh a bhràthair a b'òige a dh'ionnsuidh na caithreach, 
's a' bhliadhna 1124. Thàinig mar so trìiir mac ban-righ Mairearait 



BIGH DAJBHIDH. 41 

^bhi naa rìghribh.agus amTear mu dheireadh gu bhi air thoiseach 
■a thaobh urraim 'us cumhachd. Bha aon phiuthar aige d' am 
h' ainm Maud, a phòs Eanruic Beau-clerc, rìgh Shasuinn. B'e Ean- 
ruic so mac a b' òig' Uilleim a' Bhuadhair. Phòs e nighean ban-righ 
Mairearait a bha de sheann sliochd rioghail Shasuinn, 'an dìiil gu'n 
neartaicheadh sin a ghreim fèin air a' chrùn. Tha e oillteil ri 
innseadh an dòigh 's an do lairahsich an righ ud a bhràthair bu 
.shine na e fein, agus a b'e oighre dligheach a' chrìiin, a rèir a' ghnè 
'dlighe 'bha 's an teaghlach ud. Bha Kichard thall 'am Palestin 
'nuair a bhàsaich Uilieam Rufus, an ceud aon de na bràithrean a 
TÌoghaich. Ghabh Eanruic sealbh dha iè'm air an rioghachd, chuir 
rn teich air Richard ann am blàr 'an Normandi, 's glilac e mar 
])hriosunach e 's chuir e mach a shùilean, 's chum e 'na phriosunach 
<• deich bliadhna fichead. So mar a bha na mic a' mealtuinn 
1 »uaidh an 'athar, Bha mac 'us nighean aig Eanruic o bhan-righ 
]^Iaud. Bhàthadh am mac so air an t-slighe tighinn as an Fhraing. 
^lar so thàinig an nighean air an robh ainm a màthar gu bhi 'na 
ban-oighre air crìin Shasuinn. Bha i air pòsadh Geofri Plantagenet, 
diiic Anjou. 'Nuair a bhàsaich Eanruic 's a' bhliadhna 1 135, thug 
e air a chàirdean mionnachadh gu'n cuidicheadh iad a nighean a 
•dh' ionnsuidh na caithreach. Bha mac peathar aige d' am b' ainm 
Stephen, a thàinig fo na h-aon bhòidibh ri càcli. Ach 'n uair a 
fhuair e 'chathair falamh, agus greim air iuchraichibh nan tighean 
ionmhais, sgap e'n t-òr a' measg nan àrd uaislean,'s fhuair se e ièm 
air èigheach 'na righ. 

2. 'N uair a chunnaic righ Alba gu'n robh nighean a pheathar 
air a eumail a macli o 'h-àite fein, rinn e air son dol a chogadh ri 
Stephen air los a thilgeadh bliàrr na caithreach, Iliiin e mòran 
creachaidh dà thuras 'an deigh a cheir air taobh tuath Shasuinn. 
Air an treas turus chaidh e co fada deas ri Siorrachd lorc. Bha 
'Ic'''r ai.' Stephen ri 'dheanamh aghaidh a chumail rì pàirtidh eil' a 
tÌJoL^ .Mutilda na h-aobhar fcin. ]]ba mar s'o an rioghachd fosg- 
ailt', a rèir coslais do righ Daibhidh^ aig an robh sea mìle fìchcad 



42 EACHDKAIDH NA H-ALBA 

saighdear ga leantiiinn. Rinn Turstan, arcl-easbuig lore, air soa 
armailt a tliional gus na h-Albannaich a choinneachadh. Chruinnicb 
e na h-àrd-uaislean 'am baile Iorc,'s shuidhich e là trasgaidh sòlaimte, 
Dh' àithn e do na h-uil' a b' nrrainn armachd a ghiùlan, èiridh "gus 
an eaglaìs a dhionadh o na borbanaich." Gheall e tearnadh do na 
h-uile a thuiteadh 's a' chath. Chuir e mach na sagartan air ceann 
muinntir nan sgìreachdan gus an treòrachadh 's a' bhlàr. Cha b' urr- 
ainn e fèin dol a mach a chionn e bhi tinn. Chuireadh suas a' bhrat- 
ach Shasunnach air monadh Chutoin, faisg air Northalerton. Chuir- 
eadh crann luinge 'na sheasarah air feun cheithir chuibhleachan. 
Chuir iad Crois-Chriosd' mhòr air mullach a' chroinn. 'Am meadhon 
na Croise bha bocsa airgid anns an robh abhlan coisrigte, no dia- 
arain nam pàpanach. Bha trì brataichean mòr eil* a' snàmh fo'n 
Chroìs. An deigh caochladh oidhirpean air a' ghnothuch a rèit- 
eachadh le sìth, thainig iad gu ionad tharruing lann ; na h- Albann- 
aich a' glaodhaich an duan catha fein, " Albainn ! Albainn !" Thàinig 
Da trùpairean Sasunnach dheth an cuid each 's chuir iad gu cùl an 
airm iad, 's champaich iad fein timchioll na Brataich. Chumadh 
an cath suas air gach taobh rè dhà uair de thìm. Tha luchd* 
eachdraidh ag aithris mòran gaisg' air gach taobh. Cliaidh Prionns" 
Eanruic, tàinistear rioghachd Alba, air ceann na buidhne 'bha e fèÌQ- 
a treòrachadh troimh 'n bhuidhinu a bha fa chomhair de na Sasunn- 
aich, mar gu'm bu lion an damhan alluidh a bhiodh fa chomhair;- 
aguf5 thug e garg ionnsuidh air taobh an nàmhaid. Ach bha buidh- 
eann lìonmhor do fhir bhogha 's an arm Shasunnach a bha caith- 
eamh shaighdean slaite-tomhais air fad a steach am measg nan 
Albannach leis an robh iad a' deanamh mòran millidh. Fadheòidh- 
thog saìghdear Sasunnach ceann fìr a thuit air bàrr a shleagha^ 
's ghlaodh e mach, "Ceann rìgh Alba." Sgaoil so mar le telegramy 
tre'n chuid de'n arm a bha 's an àra ri aghaidh teine, 's thòisich iad 
a' dol air ais. 'Nuair a thuig Daibhidh an ni a bh' ann thug e'n 
clogad dheth a cheann 'sthòisìch e ga shealltuinn fein gu'n robh e 
beò slàn. Ach cha deanadh e'n gnothach tuilleadh. Cha b'urrainn 



RIGH DAIBniDH. 4S 

a mheud 's a bìia tuigsinn a mhearachd, càch a chur 'an òrdugh. 
B' èigin cùl a thoirt do'n nàmhaid. Chaill Daibhidh dà mhìle-dheug 
'sa' bhlàr fhuilteach ud, a fhuair "Blàr na Brataich" mar ainm. 
Chuireadh e air an dara là fìchead de cheud mhios an fhoghair^ 
1138. Chaidh sìth a nasgadh an dcigh so eadar an dà rioghachd. 
Ach 's ann air cumhachaibh a bha fàbharrach gu leòir do Dhaibhidh,. 
leis an d'fhàgadh 'an làn-sheilbh air roinn mhòr de thaobh tuath 
Shasuinn e — Xorthumberland agus Durham. Cha tug Daibhidh 
claidheamh a truaill tuilleadh gu cogadh an aghaidh Stephein 'air 
aobhar nighean a pheathar, ged a lean mòran eil' air sin car tamuill.- 
Bha Daibhidh anabarrach eud-mhor air taobh na h-eaglais pàpan- 
aich a thàinig a nis gu bhi 'na h-Eaglais Stèidhichte 'na rioghachd. 
Thog e àireamh mòr eaglaisean, 's bhàirig e mòran fearainn air 
lachd-teagaisg nan eaglaisean ud gus an cumail suas. 'Se's cos- 
laiche gur h-ann air son fhialaidheachd ris an eaglais ud a thug iad 
an tiodal, "Naomh Daibhidh" dha. Mar a bha e ro chòir do'n 
eaglais Phàpanaich bha e ro gharg an aghaidh nan uile nach biodh- 
umhal dhi. Cha 'n 'eil teagamh nach do chaill na ministirean Cùil- 
de-ach an àite 's an seasamh mar mhinisteiribh ri linn ban-righ 
Mairireit, 's nach deachaidh sagartan pàpanach a shuidheachadh 
'b na h-uile sgìreachd. Bha barrachd cumhachd aig Daibhidh air 
na bh' aig a mhàthair, la 's gu'n robh na sagarta fèin air tighinn gu 
h-achdaidh gu bhì riaghladh na rioghachd. Dh'fhuadaich e air 
falbh dream de na Cùl-de-ich a eilean beag a th' air Loch- 
lebhen, far am faicear fathast lùthrach an aitreibh. Thug e 
natha am beagan leabhraichean a bh'aca, sea deug gu h-uile,., 
a measg an robh na Soisgeulaich, Gniomhara nan Abstol, trì 
Leabhraichean Sholaimh, Lcabhar mìneachaidh Dàn Sholaimh,. 
agus aon eil' air Genesis. Ma bha Daibhidh 'na Naomh dh' fheud- 
adh na Cùl-de-ich bhochd an "Naomh Goirt" a ràdh ris 'an- 
seadh gl6 eadar-dhcalaicht' o 'n dòigh 's an do ghnàthaich Rìgh 
Seumas am focal. Bhàsaich e 's a' bhliadhna 1153, 's a' naoith- 
eamh bliadhna fichead de 'rioghachadh. 



CAIB. VIII. 

UILLEAM AN LEOMHAN. 

Ehasaich prioRns' Eanruic dà bhliadhna roìmhe sin, agus mar sin b'e 
Callum Mac Eanruic a thàinig a dh'ionnsuidh a' chrùin 'an àit' a 
sheanar. Bha Callum de nadur ceanalta, soirbh, agus uaithe sin, 
theirteadh Callum a' Mhaighdean ris. 'An ath-bhhadhna an dèigh 
dhasan an rioghachd fhaotainn bhàsaich Stephen, ain-tighearn Shas- 
uinn, agus f huair Eanruic, Mac bu shine Matilda, air taobh an deach- 
aidh Daibhidh a chogadh, a dh'ionnsuidh crùn Shasuinn gu siochail. 
B' esan an ceud aon de'n teaghlach ris an abrar Plantagenet. Bha e 
f ein 's Callum a' Mhaighdean gle mhòr aig a cheil' a thaobh iad a bhi 
'nan càirdibh. Chaidh Callam aon uair do'n Ehraing a chogadh 
còladh ri righ Shasuinn. Ach chuir na h-àrd-uaislean teachdaireachd 
feirge 'na dheigh nach giùlaineadh iad le e bhi air a riaghladh le rìgh 
Shasuinn. Air cluinntuin so dha, ghrad phiil e do Alba 'srinn e reite 
ris na tighearnaibh. Bhàsaich Callum a'Mhaighdean 's a bhliadhna 
1165 agus thàinig a bhrathair, UiIIeam, dara mac Prionnsa Eanruic, 
thun na righ-chaìthreach. So am fear a fhuair an t-ainm, TJilleam 
an Leòmhan. 'S na linnibh ud bhiodh rìghrean 'us cinn-feadhna 'an 
Im cogaidh cbmhdaichte le clogadaibh 'us còtaichibh màìlich, o 
ibhonn gu mullach; agus bhiodh suaicheantas àraidh ac' air mullach 
:a' chlogaid, mar bu tric, leis 'an aithnicheadh an luchd-Ieanmhuinn 
iad. Ghabh rìgh UiIIeam leòmhan air a chorraibh cnàmh mar 
shuaicheantas, agus tha dealbh an leòmhain o'n uair sin air còt- 
armachd Alba. 

2. Cha robh Uilleam soirbheachail *an cogadh, leòmhanta 's mar 
bha e. Bha 'n aon troimhe chèile 'an teaghlach Eanruic, rìgh Shas- 



T7ILLEAM AN LEOMHAN. 4^ 

uinn, d' am bu chomh-ainm Eanruic Gearr-fballuinn, abha'ndlùth 
dhàimh do theaghlach rìgh Alba 's a bha 'n teaghlach rioghail 
Shasuinn roimhe sin. Fhnair ban-righ Shasuinn am fear bu 
shine de 'cuid mac gu eiridh suas 'an ceannairc an aghaidh 'athar 
gus a thilgeadh dheth 'n chaithir. Fhuair am mao so còmhnadh o 
rìgh na Fraing', a b'e athair-ceile, gus a' chòmhstri mhi-nàdurrach 
a chumail air a bonn. Ach 's ann tha ar gnothach ri Alba. Fhuair 
iad Uilleam an Leùmhan air a tharruing do phannal na ceannairc 
le gealltanas gu'm faigheadh e ath-shealbh air an fhearann a thug 
a shinnsir a mach leis a' chlaidhearah 'an taobh tuath Shasuinn, ach 
a llbhrig Callum a' Mhaighdean gu faoin air ais do Eanruic Gearr- 
fhalluinn. Le so 's an amharc chruinnich Uilleam armailt leis an do 
bhris e steach air taobh tuath Shasuinn, (1194.) Sgaoil an armailt 
air feadh na dùthcha, far an robli iad a' marbhadh,5's a losgadh, 's a' 
milleadh anns gach àite do'n tàinig iad. Bha'n Rigli fèin 'na luidhe 
'an campa faisg air caisteal Alnuic, far an do mharbhadh Callum 
Ceann-mòr. Bha e muigh a' sealg maduinn àraidh gun còmhladh ris 
ach trì fichead marcach mar glieard. Chunnaic e fein 's a luchd- 
coimhid àireamh mòr de mharc-shluagh a' dlùthachadh riù, 'so'n 
bha mhaduinn ceathach shaoil leò gur buidheann de'n armailt aca 
fein a bh' ann a' pilltinn air ais do'u champ. Ach fhuair iad a mach 
'n uair a bha e ro anmoch gur e bh' ann ceitliir clieud trùpair Sas- 
unnach a thàinig air son dioghaltas a dheanamh air dream sam bith 
a gheibheadli iad dealaicht' o'n champ. Cliuir Uilleam 's a luchd 
leanrahuinn an aghaidh gu duineil air còmhrag. Ach cha robli seas- 
amh aig trì fichead ri ceithir cheud. Fhuaradh làmh an uachdar 
air, chuireadh dheth 'n each e, 's rinneadh prlosunach dheth 'am 
fianuis armailt fcin, 's ghiùlaineadh e an oidhche sin foin do'n Chais- 
tcal Nomha. Thug iad air aghart e gu ruig Northampton far an do 
choinnich righ Shasuinn e air mharcachd, 's a chosa ceangailte fo 
bhroinn an eich. Cha do mheas Gearr-flialluinn sàbhailt am braigh- 
deanach fliàgail 'an Sasunn, gun fhios nach tugadh neacli cigin ionn- 
suidh air a chuir fa Bgaoil 's an &taid neo-shuidhichte 's an robh an 



46 EACIIDRAIDII NA II-ALBA 

riogliaclid. Cliuir e null thar cliuan e gu ruig Normandi, *s rinn e 
prìosunach deth an caisteal làidir Fhalais, a tha fathast ri 'fhaicinn 
'nanochd làthraich mliòlr, neònaich, aig ceann baile bhig Fhrangaich. 
Mhair braighdeanas Uilleam sea mìosan. Cha leigeadh Gearr-fhall- 
Tiinn a sud e gus an deanadh e ùmhlachd dha air son rioghachd 
Alba, 's gu'm biodh e 'na iochdaran dìleas do righ Shasuinn, a' cog- 
adh air a thaobh an aghaidh gach nàmhaid. Lìbhrig e dha àireamh 
ìiraidh de chaistealan 'an ceann a deas Alba mar gheall air a dhìl- 
seachd. Dh' aontaich Pàrlameàd Alba ris a' chumha so, air sgàth 
^ shaorsainn a chosnadh do'ii rìgh. Cha do mliair an cùmhuant 
truagh ud ach cuig bliadhna deug. 

3. B'ann ri linn Eanruic Gearr-fhalluinn a thugadh Eirinn fo chìs 
do Shasunn. Bha i aig an àm ud air a roinn 'ua cuig rioghachdaibh 
l)eaga. Ach bha àireamh mòr de phrionnsalachdan beag' annta sin. 
Thòisich an iorghail, air an do ghabh rìgh Shasuinn cothrom mar 
.so. Ghoid Dearmod, Mac Mhurchaidh rìgh Leinsteir, air falbh bean 
Therens Ruirc, rìgh Bhrefreigh. Fhuair an rìgh air an do rinn- 
-eadh an eucoir cuideachadh o na rìghribh eile, 's chuireadh Dearmod 
,dheth 'n chaithir. Ruith e 'n sin a nall do Shasunn a dh' iarraidh 
còmlmaidh, 's lean e rìgh Shasuinn do'n Fhraiug, 's chaidh e air a 
ghlùinibh ag aslachadh air dol 's an eadraiginn. Cha'n iarradh 
Eanruic a chaochladh. Bha e 'na aire roimhe sud rud eigin a dhean- 
amh ri Eirinn. Agus fhuair e Bula o'n Phàp' a' ceadachadh dha 
an rioghachd ud a cheannsachadh. Ach aig an dearbh àm bha e 
«€0 mòr 'na chabhaig 'snach b' uiTciinn e dad a dheanamh ach cead 
a thoirt do neach sam bith de 'chuid iochdarana leis am b' àill doi a 
^jhuideachadh Dhearmoid. Ghabh àireamh maith dhiubh an coth- 
rom 's chaidh àc' air an Eirionnach a chur 'na àite fèin a rìs. Ach 
jnar a bha Eanruic a' faicinn gu'n robh iad ag iarraidh cus, dh'òrd- 
uich e dhoibh pilltinn air ais, agus rinn e fèin air son dol 'n an àite. 
Chaidh e air tìr an Eirinn 's a' bhliadhna, 1172, le còrr 'us ceithir 
mìle saighdear, agus 'an ùine ghoirid, le cuideachadh na bha de 
Shasuunaich thall roimhe, chuir e'n tìr gu h-iomlan fodha fein: 



UILLEAM AN LEOMHAN. 47 

■dh' ùmlilaicli na cìna-fheadhna Eirionnach iad fèin dha anns gach 
cearna. Cha deachaidh Eirinn os ceann snd. Dii' fhaìrtich oirre 
riamh a rauinneal fhaotainn saor o'n chuing a chuir Gearr-fhalluinn 
oirre. Tha na truaighean a thug ain-tighearnas nan Sasunnach air 
an rioghachd nd, fad iomadh linn an deigh sud, do àireamh. 

4. Bhùsaìoh Eanrnic Gearr-flialluinn 's a' bhliadhna 1189, agus 
riogliaich a rahac, Richard Cour de Lion, no cridhe leòmhanta, 'na 
àìte. Goirid an dèigh do Richard tighinn a dh' ionnsuidh na caith- 
reach rùnaich c dhol do'n àird an ear a dh' fhuadachadh nan Sarasach 
a mach a Palestin, gus am fearann sin^a thoirt do na Criosduidhibh, 
Cha fhreagradh e falbh co fada 's gun fhios cuin a philleadh e gun 
ghnothuichean a bhi reidh eadar e fein 'us righ Alba. 'S e bun a 
bh' ann, dh' aisig e do rìgh TJiIIeam na h-uile saors' a thug 'athair 
naithe leis an eucoir, gun chòir fhàgail aige fein no neach a thigeadh 
'n a dheigh air ùmhlachd sam bith iarraidh air son na rioghachd. 
Phàigh rìgh UiIIeam deich mile marg air son na saorsa sin, a bha 
'san ùra sin na shuim gle mhòr, a thaobh aìrgiod a bhi gann. Agns 
a thailleadh air sin chuir e Daibhidh, larla Huntingdoin, a bhràthair 
fèin, do'n àird an ear còladh ri Richard, le àireamh maith thrìlpairean. 
Thàioig Daibhidh air ais da 'dhùthaich beò slàn, an deigh a dhol tre 
iomadh gàbhadh 's an àird' an ear, agus 's maith a gheibh leugh- 
adaireau caimho' a chamail air, oir clainnear mu thimchioll fathast 
'sa* chnid a tha romhainn de cachdraidh Alba. Ach bha 'n rciteach- 
^adh ud 'na mhcadhon air sìth a dhaingneachadh eadar an dà riogh- 
achd gn ceud bliadhna an d6igh sad. Bha dragh mòr aig TJilIeam, 
an deigh a shaorsainn fhaotainn de 'n eas-cbrdadh a bh* eadar na 
Goill 'sna Gàeil 'na rioghachd fein. Mar a bha rìghrean Alba, o 
linn ban-righ Mairircit, 'nan Goill iad feìn, *s a' labhairt na cainnte 
♦Sasannaich, aig a* chùirt co-dhiu, bha iad a' toirt cus caidreimh do 
8hasnnnaich 'us GhoiU cinn a deas Alba. Cha b' e mhàìn gu'n robh 
iad .1 h.igeadh cus lcì^ de'n toil fcin, ach mar an ceudna a toirt doibh 
mòran fcarainn feadh Gàeltachd Alba air taobh *s ear na dìlthchagu 
h-àraidh. Tha Gàeil an là 'n diugh air an sàrachadh, agus 'an iom- 



48 EACHDKAIDH NA H-ALBA 

adh àit' air an tionndadh a mach as an ionadaibh còmhnuidh le- 
Goill, ach cha'n 'eil iad a' togail claidheimh no lann 'an aghaidh 
nan coigreachud, oir tha làmh an cuid uachdaran 's a' ghnothuch. 
Ach 's na h-amaibh ud b' iad àrd-uaislean na tire, 's eadhon cuid 
de'n t-shochd rioghail a bha 'g èiridli an aghaidh nan Deasach, 
agus an tuath cheathairn ag èiridh leò gus iad sud fhuadachadh a 
mach as an tir, no mur rachadh sin leò, an deanamh co mi-shona 
's a b'urrainn iad 's na h-àitibh air an do ghabh iad sealbh. Tha 
eachdraidh a' deanamh iomradh air iomadh cuimeisg fhuiltich a 
bh' eadar saighdearan an righ 's cuid de 'na cinn fheadhna Ghàel- 
ach air son an aobhair ud. Bha 'n t-eas-còrdadh leantalach so 
eadar Goill 'us Gàeil a' toirt misneachd do shliochd Dhòmhuill 
Bhàin, bràthair Challuim Ceann-mòr, gu bhi 'sior thagairt còrach 
air crùn Alba. 'S a bhhadhna 1187 dh' èirich fear dhiubh sin 
d'am b' ainm DòmhuU Bàn, air ceann mòran sluaigh,, le rùn Uill- 
eam a thilgeadh dheth'n chaithir. Thàinig an rìgh fèin gu tuath 
air ceann an airm gus an nàmhaid so a' choinneachadh. Air do'n 
rìgh a bhi' na thàmh leis an arm aig Inbhernis, thachair buidheann 
dheth a chuid shaighdearan, fo chomannda Roland, Morair Ghal- 
abhaigh, ri D jmhull Bàn 'sa luchd-leanmhuinn air monadhMhaim- 
gairbh, 'an iomall siorrachd Mhuireidh. Cha teicheadh taobh 
seach taobh gun dol 'am badaibh a chèile. Chaidh Dòmhull Bàn 
agus cuig ceud de 'hichd-leanmhuinn a mharbhadh 'sa' bhlàr a 
chuir iad air a' mhonadh sin. Ghiùlain Roland ceann DhòmhuiU 
gu Uilleam, mar dhearbhadh allmhara air gu'n robh sith air a cos- 
nadh. Co-dhiù, lean cuid de theaglach Dhòmhuill Bhàin air àr a 
mach dheanamh ri Hnn an dithis righrean a thàinig an dèigh Uil- 
leim. 'S a' bhhadhna 1196 rinn Harold larla, Arcu 'us Ghallthaobh, 
ceannairc an aghaidh ùghdarrais an rlgh. Chaidh esan 's a luchd- 
cuideachaidh a cheannsachadh 'an ùine ghoirid. 'S e na bh' aig* 
air son a shaoìthreach gu'm b' èigin da 'mhac a thoirt seachad mar 
gheall air gu'm biodh e sàmhach tuilleadh, agus dealachadh ris a' 
chuibhrinn fharsuing sin de 'chuid fearainn ris an abrar, Cataobh, a. 



UILLEAM AN LEOMHAN. 49 

thug an rìgh do Uisdein Frescin, roimh-shinnsir larlachan Chat- 
aoibh. 

5. Ach 's e ni is ro shònruichte a thachair 's an rioghachd ri Hnn 
TJilleim, e fòin 'sam Pàpa a dhol a mach air a chèile. Cha 'n àite 
so gu bhi 'leudachadh, no idir ag iomradh air na ceumaibh fa leth 
leis an d' dirich Easbuig eagiais na Roimhe gu 'leithid de chunih- 
achd 's de ùghdarras thairis air gach cearna de'n lloinn-Eòrpa, 
'sgu'm feumadh rìghrean 'us prionnsachan a bhi mar chloinn bhig, 
ullamh gu peanas sam ijith a' ghiùlan, a chitheadh esan iomchuidh 
a leagadh orra. Dh' fheumadh sin eachdraidh nach bu bheag e 
fèin, air son a chur gu h-iomlan fa chomhair an leughadair. Agus 
cha bheag, 's cha tearc na h-eachdraidheaa a tha ga chur an cèiU 
'an cànainibh 'san rioghachdaibh fa leth na Roinn-Eòrpa. 'jSTuair 
a fhuair au luchd teagaisg, a bh' air taobh 's an làimh a' Phàpa, 
an sluagh gu bhi 'creidsinn nach b' urrainn iad a bhi air an tearn- 
adh a mach as an eaglais mhòir, dh' fheudadh iad a nis an toil a 
dheanamh riu. B' eigin do Eanruic Gearr-fhalluinn, righ Shasuinn, 
an dearbh dhuin' a rinn priosanach de Uilleam, peanas uamhasach 
fhulang le òrdugh a' Phàpa, air son Thomais-a-Becet, àrd-easbuig 
Chanterboruigh, a bhi air a mharbhadh 'na rioghachd, ged nach 
robh làmh sam bith aig an righ fein ann ach iad a bhi 'deanamh 
a mach gu'm feudadh e 'bhacadh 'nam b' àiU leis. Air a bheul 
fudha fhuair e eadar a tri 'sa cuig de bhuillean am fear, air a 
dLruim ruisgte, le iall-cuipc, o cheithir fichead duine, eadar eas- 
buigean 'us mhanaich mar a bha iad ann. Le fheòil reubta mar 
sud b' (jigin dol sios do'n bhogha* 's an robh 'n duine a chaidh a 
mliarbhadh air adhlacadh, agus an là 's an oidhche a chaithcamh 
air na lcacaibh loma ri ùrnuigh, gun bhiadh no deoch a bhlasad. 
Ged a theab e bàsachadh fo na fulangasaibh ud, 's fo'n tinneas a 
thamiing iad air, bu roghnuiche leis an t-iomlan diubh a ghiìilan 
na cur a mach air a' Phàpa. Bu co uamhasach a bha sin air a 



Vault. 



50 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

mlieas, le luchd riaglilaidh aimsireil 's na linnibh ud 'sair fhaireach- 
adh le mòran diubh. 

6. Aidichear leis na h-uile, mata, nach bu bheag an leòmhan- 
tachd do UiUeam an Leòmhan dùbhlan a thoirt do mhac tàirnean- 
aich na Ròimhe 'n uair a thionndaidh e 'na aghaidh fèin. B' i 
Phàtranachd a dh' aobharaich an connsachadh eadar an cumhachd 
spioradail 'us sìobhalta 'san àm ud. Bhàsaich Easbuig Chill- 
Eimhinn, 's thagh clèirich na ctiirt easbuig d'am b' ainm lain Scot, 
gus an dreuchd a' lionadh. Bha rìgh Uilleam air gealltuinn na 
h-easbuigeachd so do Uisdean, a mhinisteir-teaghlaich fèin. 'Nuair 
a chual e'n roghainn a rinn na cldirich^ mhionnaich e nach biodh 
lain Scot 'na Easbuig ChiU-Rimhinn fhad 's bu bheò esan. 'S a 
rèir sin chuir e Uisdean do'n Easbuigeachd. Bha fios aig lain ciod 
.a dheanadh e fèin, 's c'àit am faigheadh e èisdeachd. Thug e'n. 
Eòimh air, 's thog e 'chùis thun a' Phàp', a thionndaidh òrduchadh 
Uisdein gu neo-bhrigh, 's a choisrig an Scotach fèin thun na h-eas- 
buigeachd. Ach cha bu luaithe thàinig lain air ais 'na easbuig 
deanta na dh' fhuadaich an righ a mach à Alb' e. Thòisich am 
Pàp' air maoidheadh 's air bagradh, ach sheas UiUeam do-ghluas- 
adach. Bha fear-ionaid aig a Phap' 'an Alba, mar anns gach 
rioghachd mhòir eile, ris an abradh na Laidinich, legatus, agus ris 
;. an.abair luchd-Beurla, 'an rathad atharrais, "legate," ach is fearr 
';» thuigeas ar luchd leughaidh leis an ainm teachdair-cilirt' an ni 
a tha e 'ciallachadh. Dh' òrduich am Pàpa do'n t-seirbhiseach so 
rioghachd Alba chur fo bhinn iomsgaraidh, o nach deanadh ni bu 
lugha an gnothuch gus an rìgh a thoirt gu gèiUeadh. 

'N uair a bha bhinn so a" tighinn a mach 'an aghaidh cinnich 
sam Hth, bha na h-eaglaisean air an dilnadh, na cluig air an cur 
'nan tàmh, òrduighean a' chreidimh air sgur. Cha'n fheudta 
muinntir sam bith a phòsadh, no ùrnuigh a dheanamh maiUe ris 
a' mhuinntir a bha 'bàsachadh, no na mairbh adhlacadh mar 
chriosduidhibh, 'sbha iochdarain air an cur saor o ùmhlachd sam 
bith a thoirt do'n uachdaranaibh. 'An aon fhocal, bha'n t-inneal 



UrLLEAM AN LEOMHAN. 51 

eagalach ud de chumliaclid na Pàpanachd a' gearradh 'nam bloigh- 
dibh gach gnò ceangail leis an robh comunn dhaoin air a chumail 
ri chèile, 's a' cur an t-sluaigh, 'am beachd an Lagha, 's an aon 
suidheachadh ri allmharaich fhiata nan tìrean iomallach air nach 
do ràinig eòlas an t-soisgeil, no eòlas firinneach sam bith eile. 
Ach tha e coltach nach do luidh e co trom air x\lba 's an àm ud 
's a luidh e air dùthchannaibh eile. Gun teagamh thàrr UiUeam 
as le glè bheag ana-goireis fhaotainn uaithe. 

Thachair gu sealbhach gu'n do bhàsaich am Pàp' a chuir an 
cèill a' bhinn iomsgaraidh 'an ùine nach robh fad' an dèigh dha 
8Ìn a dheanamh. Ghrad chuir UiUeam teachdairean-cùirt' a 
dh'ionnsuidh a' Phàpa nuaidh, le cumhachaibh rditeachaidh, agus 
o nach deachaidh esan dheth a rian 's a' chonnsachadh o thois- 
each, bha e ni b' fhusa thoirt gu èisdeachd ris na bh'aig UiUeam 
ri ràdh air a thaobh fèin. 'S bun a bh'ann, chaidh an t-iomsgar- 
adh a ghairm airais; ghlèidh Uisdean easbuigeachd ChiU-rimhinn ; 
fhuair lain easbuigeachd Dhùn-cailinn, 's thàinig an t-uachdaran 
spioradail gu bhi 'na charaid dealaidh do'n uachdaran aimsireil, 
agus mar dhearbhadh air sin chuir e d' a ionnsuidh an ròs òir, a 
tha 'm Pàpa fathast a' leantuinn air a thoirt do'n phrionnsa air an 
toigh leis urram a chur. 



CAIB. IX. 

ALASTAIR II. AGUS III. 

Bhasaich Uilleam 's a' bliliadhna 1214, 'na leabaidh ann an Smil- 

eadh, 's an naoidheamh bliadhna thar dhà fhichead de 'rioghach- 

adh, 'na sheann duine, agus làn de làithean, agus rioghaich Ala- 

stair, a mhac, 'na àite. B' esan an dara righ de'n ainm sin. Bha 

e ainmeil air son a sheasmhachd 's a dhuinealais ann an cur sios 

gach troimhe-chèile 'bha tachairt 's an rioghachd. Bha cogadh. 

eadar e fèin agus rìgh Shasuinn 'an toiseach a rioghachaidh, mar 

a ghabh esan taobh nam Morairean mòr' an aghaidh rìgh lain, 

'nuair a bha iad 'ga èigneachadh gu Magna Cliarta 'thoirt doibh. 

Ach an uair a thàinig Eanruic IIL gu righ-chaithir Shasuinn, 'an 

d^igh bàis 'athar, 'sa' bhliadhna 1216, bha sith air a h-ath-nasg- 

adh ri Alba co daingean 's gu'n d' earb Eanruic gleidheadh taobh 

tuath a rioghachd ri Alastair II., agus cha do mheall sin air. Bha 

AJastair co dileas 's a bha Eanruic co muinghineach. Ach ged a 

bha sith aig Alb' o'n taobh a mach, bha roinnean 'us troimhe- 

chèile gu leòir innte fèin. An uair a bha'n rìgh air a thurus gu 

ruige Sasunn, 's a' bhliadhna 1222, ràinig sgeul e air iorghail eag- 

alaich a bh'an Gallthaobh, eadar an t-easbuig 's an sluagh. Bha'n 

t-easbuig, d'am b' ainm Daibhidh, ro chruaidh air an t-sluagh 

bhochd ann a bhi 'togail na deachaimh uatha. Chum sluagh na 

Siorrachd coinneamh eatorra fèin, gu'n comhaìrl' a chur ri 'chèile, 

'dh'fheuchainn ciod 'bu chòir a dheanamh 's an daorsa 's an robh 

iad. Dh' èigh duine tapaidh a bha 'n sin a mach, "'S iad 

briathra tearc briathran is fearr — marbhamaid an t-easbuig 1" 

Chabu luaithe 'dubhradh na 'rùnaicheadh. Mach a bheireadh 



ALASTAIR II. AGUS m. 53 

aad gu tàimlieachd fhir na deachaimh, ris an do chuir iad sèisd- 
^adh le boile, agus a ghlac 's a loisg iad gu h-ealamh, 's au t-eas- 
buig fèin a stigh ann, gus an robh an lìichairt air a losgadh mu 
'cheann. Aui feadh a bha 'm bròn-chluich' ud a' dol air aghart, 
ruith cuid de 'sheirbhisich an easbuig gu caisteal larla Arcu 'us 
•Ohallthaobh, a bha fagus dòibh, a dh'aslachadh còmhnaidh d' am 
maighstir o'n ^lhorair sin. Fhreagair an t-Iarla gu cealgach, 
nach robh aig an easbuig ach ruith d'a ionnsuidhsan, 's gu'm biodh 
«6 cinnteach à dìdean fhaotainn; mar gu'm biodh e comasach do 'n 
<diiine bhochd teicheadh as a thigh ri theine troimh' aireamh lìon- 
mbor de naimhdean cuthaich. Ghrad phiU Alastair air ais o 
dheas, agus thriall e gu ruige Gallthaobh le armailt, 's chuir e gu 
bàs ceithir cheud diubhsan aig an robh làmh ann am mortadh an 
Wbuig. Chaidh an t-Iarla cruaidh-chridheach a mharbhadh gù 
Ijoirid 'an dèigh sud, le cuid de shluagh an àite, mar dhioghaltas 
air son làmh a bhi aige 's a' ghniomh, agus a chum 's nach faight- 
eadh mach gur h-e mharbhadh a rinneadh, chuir iad air a leabaidh 
fdin e, 's chuir iad an caisteal ri theine. 

Bha tomhas maith de chumhachd aig rìgh Alastair, 's bha e 
measail araon aig Albannaich 's aig Sasunnaich ; agus mar a bha 
gach troimhe-chdile a bha 's an rioghachd ag agairt, bha armailt 
ghleusd' air dheadh iunnsachadh aige ga chumail air chois. Tha 
€achdraidh a* deanamh iomraidh air caochladh chaonnagaibh fuil- 
tcach a bh' aige ri chur fodha 'na là; ach o nach d' thàinig ni 
sam bith air an lorg ach an dragh a rinn iad aig an àm, 's a bha 
iad co cosmhuil ris na blàraibh a dh'aithriseadh cheana, cha ruig- 
ear a leas a bhi 'g an ainmeachadh. 

2. B' ann air ceann an airm, a' toirt gu iimhlachd aon de na 
tigheaman Gàelach a bhàsaich rìgh Alastair. Bha Aonghas,.Mor- 
Air Earraghàeil, a' toirt ìirahlachd do righ Lochhiinn air son cuid 
<io na h-cik'inibh asiar, thairis air an rdbh e 'riaghhulh. Cha ghlìi- 
laineadh r'igh AlaHtair ni b' f haidc le sin. ■ Chaidh e gu taobh siar 
na ddthcba air ceann an ainn air los am Morair a chomh-èigneach- 



54 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

adh gus an tinililaclid dhligheach a thoirt dha fèm. Bhuail teas- 
ach e air an turus sin leis an do bhàsaich e'n eilean Chearara, mu 
choinneamh bail 'an Obain, 'am mìos meadhonach an t-samhraidh, 
'sa' chùigeamh bhadhn' deug thar fhichead de 'rioghachadh, agus 
thàinig a mhac, Alastair III., thun a' chrtiin 'na àite. 

Cha robh Alastair IIL ach ochd bliadhn' a dh'aois aig àm bàis 
'athar. Gun teagamh 's ann a thaobh e bhi co ro òg 's a bha e 
a tha luchd-èachdraidh a' toirt uiread de chunntas air na nithibh 
a thachair aig a chrùnadh. Am measg nithe eile tha iad ag inn- 
seadh dhuinn gu'n do mhinich a luchd-comhairle na mionnan 
crùnaidh dha 'an Laidean agus 'am Fraingis Normanaich. Agus 
tha e air a ràdh anuair a chuir easbuig ChiU-Rimhinn an crùn air 
a cheann, 'an dèigh ungadh le olaidh, 's e 'na shuidh' air Clach a" 
mhanaidh (au Lia-Fàil) 'an eaglais Scoinne, gu'n d'aidich a 
chuid thighearnan ùmhlachd dha air an gliiinibh, agus a* sgaoil- 
eadh an cuid brat fo a chosaibh. 'An sin gu'n tàinig Seanach- 
aidh Gàelach air lom a thòisich, 'na chainnt fèin,- air innseadh a;- 
shinnsireachd do'n rìgh, air ais a dh'ionnsuidh a' cheud rìgh a 
theireadh iad fèin a bha riamh air Alba ; agus an uair a chrioch- 
naich am fiùdhalach so a dhuan le " Beannachd do rìgh Alba, 
Alastair Mac Alastair, Mhic Uilleim, Mhic Dhaibhidh, Mhic 
Challuim," gu'n do leigeadh air falbh e luchdaichte le tiodhlac- 
aibh luachmhor. 

3. Thug iad air an rìgh òg so pòsadh mu'n robh e ach deich 
bliadhn' a dh'aois. B' ann ri teaghlach rioghail Shasuinn a rogh- 
naich iad cleamhnas a dheanamh. Bha Eanruic IIL, righ na 
dùthcha sin, air bhi 'na charaid aig Alastair 11. ; ach bha e 'na 
dhuine co suarrach 's gu'n d' oidhirpich e air an òganach a thàinig 
gu bhi 'na chliamhainn dha aomadh gu rioghachd Alba thoirt suas 
d'a riaghladh fèin, no co dhiùbh gu'n aidicheadh e righ Shasuinn 
mar Ard uachdaran Alba, 's gu'm biodh e fèin a' riaghladh fodba. 
Fhreagair an t-Albannach gu duineil, a rèir aois, gur h-ann a 
thàinig e phòsadh bana-phrionnsa Shasuinn, 's nach robh e 'dol a 



ALASTAIR II. AGUS in. 55 

thoirt air aghart gaothuch fallaiseach aìr bith a bhuineadh 
do'n rìoghachd, 's nach b' urrainn ann e gun chomhairr 'us 
òrdugh a Phàrlamaid. Mar a blia Alastair a' tuigsiun nam 
beachdau a bh' aig athair-cèile rinn e cumha uair 's e air fhiadh- 
achadh an dèigh sud do Lunnuinn, nach feudadh co-labhairt air 
bith a bhi eatorra mu thimchioll gnothuichean stàite. Ach cha 
b* e mhàin gu'n robh righ Shasuinn a' gabhail brath air òigead 
righ Alastair, bha mòran de 'chuid ìochdarana fèin a' deanamh 
gin mar an ceudna. Fhuair an ni a thuirt Solamh coimhlionadh 
litireil a thaobh Alba fhad 's a bha 'n rìgh fo aois. " Is an-aoi- 
bhinn duit a rioghachd 'nuair is leanabh is rìgh dhuit." Kd nam 
bliadhnacha sin bha daoine mòra, air Ghalltachd 'us Ghàeltachd, 
a* tolladh fo a chèile. Bha Morairean na Galltachd, cuid diubh, 
air an roinn 'n am pàirtidhibh 'an aghaidh a' chèile, agus a' goid 
an righ o chèile. 'S ann aig a' phàrtaidh aig am biodh sealbh air 
pears' an rìgh a bha riaghladh na rioghachd f had 's a b' urrainn 
iad a chumail. Tha e araon mi-thaitneach 'us mi-tharbhach a bhi 
'leudachadh air na dòighibh 's an robh na fiùdhalaich ud a' caith- 
eamh bhead air a' chèile. Ann an aon de na caonnagan fuilteach 
a bha 'measg nan Gàel 's an àm ud, 'nuair a dh'èirich buidheann 
naimhdean 'an aghaidh larla Rois, chaidh seachdnar de oigh- 
reachan Foulis a mharbhadh còmhladh, 's thàinig an oighreachd a 
dh'ionnsuidh naoidhein a bha 's a' chrcithil. 

4. Ach ri ùine thàinig Alastair gu fearachas 's gu bhi comasach 
air toigh a thoirt araon air fèin 's air a rioghachd. Bha iomadh ni 
air feadh Alba 'bha 'g agairt aire an righ air àm dha teachd gu fear- 
achas. Cuid diubh sin ag èiridh o nco-thioralachd nan Gàel 's nan 
Gall ri 'chèile. Ach cha robh aon ni bu mhò 'bha cur Alba'n'cunn- 
art na staid nan eileanan tuath 'us siar, a bha uile fo uachdran- 
achd rìgh Loclduinn, o Arcu-chuain gu ruig an t-eilean Manain- 
each. Cha b' ann còmhladh, ach a Hon aon 'us aon a fhuair an 
Lochluinneach scalbh air na h-eileanaibh ; agus 's e 's coslaiche 
gu'n robh iad uile air an cur fo chis mu'n àm an d' fhuair Coinn- 



EACHDRAIDH NA H-ALBA 

eacli Mac Alpuinn dà rioghaclid Alba aonadh r'a chèile fo a riagli- 
ladh fèin. Bha 'dol aig righrean Alba air na h-eilthirich ud a 
rotadh air falbh as na h-uil' àite de 'n mhòr-thir, a siar 's a sear, 
air an robh iad a' gabhail sealbh car greis. Ach mar nach robh 
càbhlach aig righribh Alba a dh'fheudta idir a choimeas ri lion- 
mhoireachd nan luingeas Lochhmnach, agus mar sin nach b' urr- 
ain iad smuaineachadh air aghaidh a thoirt doibh air muir, b' èigin 
doihh na li-eileana fhàgail aca rè còrr 'us ceithir cheud bliadhna. 
Bha luchd-riaghlaidh a' faotainn a mach air an costas gu'n robh 
e 'na ni ro chronail do 'n rioghachd na h-eileanan a bhi fo thigh- 
earnas nan coigreach ud. Cha robh uair sam bith a dh' èireadh 
cogadh eadar Alba 'us Sai^.unn, nach robh e furasta gu leòir do 'n 
nàmhaid dheasach cuid de phrionn^chan nan eileanfhaotainngu 
dhol air tir le 'n luchd-leanmhuinn 'an àit' eigin de 'n mhòr-thir, 
's na b' urrainn iad a dheanamh de chall le togail chreachan, 'us 
marbhadh sluaigh, 's mar sin an t-arm Albannach a chur eadar 
dhà theine. Agus ged nach biodh cogadh ri Sasunn idir, 'nuair 
a rachadh fear no dithis dhuibh sud, le 'chuid dhaoine, a chòmh- 
nadh aoin sam bith de na cinn-fheadhna chumhachdach a thog- 
radh èiridh 'an ceannairc 'aii aghaidh an rìgh ; bheireadh iad an 
diibhlan do armailt sam bith a chuireadh e 'n an aghaidh. Mar sin 
cha bu chomasach e gu'm biodh righ Alba gu bràth 'na mhaigh- 
stir air fhonn fèin, fhad 's a bhiodh àireamh co lionmhor de 
naimhdean ga chuairteachadh, agu& co faisg a làimh. 

5. Bha saorsainn aig Alastair III. o chogadh ri Sasunn 'na latha 
fèin, a chionil e bhi 'n cleamhnas ri righ na tire sin; 's ghabh e'n 
cothrom air na h-eileanan a thoirt fo 'ùghdarras fèin. Chuir e 
càbhlach 'us armailt 'an aghaidh nan eileanach a lion aon 'us aon. 
Bha e 'sgiùrsadh air falbh na h-uile ceann-feadhna nach robh 
deònach air e fèin ùmhlachadh do ùghdarras rigli Alba. Tha e 
coslach gu'n robh baide maith dhiubh sin ann. Thog iad an cùis 
gu righ Lochluinn, a bha iad ag aideachadh a bhi 'na àrd righ 
dUgheach air na h-eileanaibh. Eùnaich Haco, a bha 's an àm sin 



ALASTAIR n. AQUS III. 57 

tdr CAÌthir Lochluinii, làn dhioghaltas a dheanamh orrasan a bha 
'fiiadachadh a chuid phrionnsachan air falbh as an fhearann a bha 
e 'n dìiil a bhiodh am fea^d ceangailte ri crùn Lochluinn. Dh'uigh- 
imich e càbhlach lionmhor luingeas air son brìseadh a stigh air 
Alba le sùil ris an rioghachd a cheannsachadh gu h-iomlan da fèin. 
Dh'fhàg e Lochlunn gu maith tràth air an t-samhradh le 'chuid 
luingeas luchdaichte le saighdearaibh, 's gach gnè armachd a bha 
cleachdta 's an là sin 'an cogadh mara no tire. Fhuaradh a mach 
gu maith trà 'an Alba gu'n robh an t-easoaraid so a' tighinn a 
thoirt ionnsuidh orra, agus bha luchd-riaghlaidh na rioghachd a' 
deanamh gach ullachaidh a b' urrainn iad air son làn di-bheatha 
'thoirt da, 's an t-seadh an àbhaist do aon nàmhaid sin a thoirt do 
nàmhaid eile, co luath *3 a thigeadh e. Cha smuainicheadh iad 
air aghaidh a thoirt da air a' mhuir ; ach shuidhicheadh buidh- 
èann thearc shaighdearan 'an sud 's an so, aig gach ceanii fearainn 
timchioll air an rioghachd^ far an robh e coltach gu'm feudadh e 
tighinn air tir; 'sbha iad gu comharadh a dheanamh ri 'chèile le 
teintibh, na'm faiceadh iad e 'dlìithachadh ris an fhearann, agus 
oidhirpeachadh gach grabadh a b' urrainn iad a chur air, gus an 
tigeadh feachd na rioghachd ga choinneachadh. Bha e mu 
mheadhon ceud mhios an fhoghair 'nuair a fhuaìr càbhlach Haco, 
anns an robh ochd fichead long, seachad air Maol Chinntire, 's a 
steach do chaolas Cliluaidh. Bu sheann laoch Haco, a bha dà 
fhichead bliadhna 's a sea 'na rigli air Lochhmn. Cha robh Alas- 
tair lll. leth sin a dh'aois; ach thug an laoch òg an car, gu sgiob- 
alt, a.s an t-seann laoch. Bha fios aig fear Alba gu'm bu bliuannaòhd 
dha fdin, 's gu 'm bu cha,!! do Haco, na h-uile là b' urrainn c 
'riieann a chur seachad gun tòiseachadh air a'chogadh. Chuir e 
sagartan cos-ruisgte air bòrd do luing Haco gu còrdadli ris mu na 
nimhachaibh air an tugadh e scachad an rioghachd dha fdin, mur 
faightcaflh sith air sheòl eile. L'jan na teachdairean-cìiirt so air dol 
air ai.s 's air aghart Ipis gach lethsgeul a gheibhte 'mach, gus an 
do tharruing an ùine car fada. 1X6 na h-ìiine sin uile bha Alasts^ir 



58 EACHDRAIDH NO H-ALBA 

a' deàiiamli gach ullacliadli a b' urrainn e air son a' chogaidh, le 
bhi 'tional shaighdearan as gach cearna de'n rioghachd, 'sga'n 
cur 'n am buidhnibh beaga mu'n cuairt do'n oirthir mu choinn- 
eamh nan luingeas; 'sa thuilleadh air sin bha gun teagamh sìiil aig 
Alastair ris na h-eileamaidean fèin a thighinn ga chòmhnadh 'an 
ùine ghoirid. B' amhuil a thachair : air an oidhche mu dheireadh 
de dhara mìos an fhoghair, sheid stoirm co uamhasach 'sco 
obunn 's gu 'n do shaoil na Lochhmnaich gu'm b' iad na ban- 
druidhean Albannach a bha 'togail na gaoithe. Dh'àithn Haco a 
shagartan a thoirt 'na fhianuis, 's ghabh e bàta 's chaidh e gu tir 
'an eilean Chumbrai, a bha dlìith do làimh, 's thòisich na sagartan 
air an aifrinn a ràdh ; ach a dh'aindeoin 's na theireadh na sag- 
arta cha robh 'ghaoth no'n fhairge 'sgur dheth 'm boile. Bh' an 
luingeas a' leantuinn air a bhi reubadh air falbh thar an acraich- 
ean, 's a' ruith suas an caolas roimh 'n ghaoith, 's a' briseadh air ' 
na cladaichibh, no 'sgailceadh ri chèile 's an oidhche dhìidhaidh, 
dhuirch, 's a' sioladh leis na bh' annta. 'Nuair a shoilleirich a' 
mhaduinn bha na cladaichean làn de luingeas bhriste, 's na seòl- 
adairean 's na saighdearan timchioU orra, ag oidhirpeachadh air 
an dìon o 'n tuath-cheathairn a bha air dol fo 'n armachd, 's a' 
gabhail nam fàth air na Lochlunnaich a chreachadh, 's a mharbh- 
adh mar a b' urrainn iad. Lean an doinionn lè an h\ sin 's na 
h-oidhche; ach air an ath mhaduinn thàinig ni-eigin de lasachadh 
oirre, 's chaidh Haco 's a chuid shaighdearan air tir gus na b' urr- 
ainn iad a shàbhaladh de 'n cuid. Ach cha b' e sin a bh' aca r'a 
dheanamh. Cha bu luaithe fhuair iad an casan air tir na chunn- 
aic iad an t-arm Albannach, a bha nis air tional as gach cearna, 
ag iadhadh mu'n timchioll gu neo-sgàthach, colganta, 's righ Alas- 
tair fèin air an ceann. Sguab iad na h-eilthirich sios rompa gu 
beul na mara leis a' cheud bhuille. Ach thilg na Lochlunnaich 
ìad fèin 'an cruth cruinn, ris an abair luchd-airm, cearcall, leis an 
tàinig am feachd gu h-iomlan gu bhi coslach ann an cumadh ri 
gràineig mhòir, còmhdaichte air gach taobh le sleaghaibh fada> 



ALASTAIR n. AGUg ni. 5^ 

stàilinn, troimh an robh e eu-comasacli briseadh a steach. Tim- 
chioll air a' chearcall so bha 'mhire-chath a' dol air aghart fad an 
latha. Ach mu fheasgar lagaich a' ghaoth, a bh' air bhi glè 
bheò roimhe sin, 'sfhuair an t-arm Lochlunnach gu h-iomlani air 
tlr, 's mar sin chaidh ac' air na h-Albanuaich a chur suas o 'n 
chladach; ach tuiUeadh cha d' rinn iad. Chuir an oidhche crioch 
air saothair an luchd-còmhraig sgith, a thug an là foghair air 
slachdadh a' chèile. Fhuair na Lochlunnaich air bòrd an cuid 
luingeas fo sgàile na h-oidhche, 's dh' fhoghainn sud fèin leò de 
chogadh. Bu bhuidhe le Haco uaibhreach fosadh iarraidh gu a 
chuid mharbh adhlacadh, 's 'nuair a fhuair e 'n dleasnas sin crioch- 
naichte chuir e 'chuid shaighdearan, slàn 'us leònta mar a bha iad, 
air bòrd an tearc de luingeas a dh'fhàgadh slàn aige 's thog e air 
gu falbh dbachaidh ; ach dhachaidh cha robh e gu dhol. Dh'fhàs 
e tinn air an rathad 's chaidh e air tìr 'an Arcu, far an do bhàs- 
aich e leis an t-sàrachadh a fhuair e 'n ceann a' ghnothuich 
thuaireapaich ud, 's leis an deamhadas air son an dòigh anns an 
do chriochnaich e. Bha e 'g aideachadh air leabaidh a bhàis gur 
h-i làmh Dhd chaidh a mach 'na aghaidh-san, 's mur b' e sin nach 
b* ann air an dòigh ud a philleadh e. 

6. B'e Làirg, baile beag an Siorrachd Ara, ainm an àite 'san, 
do choinnich na h-Albannaich 's na Lochlunnaich a' chèil' aig an 
àm ud. Their luchd-eachdraidh Blàr Làirg ris. Tha làthraich- 
ean a' bhlàir ri'm faicinn fathast air na cladaichibh ud. Chithear 
an sud na torran mòra chlach fo'm bheil an fheadhainn a chaidh 
a mharbhadh 's a' bhlàr air an adhlacadh, 's gheibhear fathast ann 
mirean de innealan cogaidli de gach seòrs' a bh' air an cleachdadh 
'sna linnibh ud. Feiidar a ràdh gu'n do chuir an aon bhlàr an 
gnothuch an dara taobh a choidhch tuiUeadh, a thaobh eileanan 
Innse Gall a bhi air an reubadh o na Lochhmnaich. Ach thar- 
ruing c 'dhà no thri bhliadhnachan 'an ddigh sud mu'n do naisg- 
eadh cìimhnant eadar Magnus, mac Haco, agus Alastair HL leis 
anj d' aontaich an Lochlunnach na h-eileanan uile ik Ubhrig- 



60 EACECDIIAIDH NA H-ALBA 

eadh do Alba, acli Arcu agus Sealtuinn, a clium e beagan ni 
b' fhaide. 

7. Bha Alastair glè ghniomhach ann abhi 'frìthealadh ceartais a' 
measg a chuid iochdaran o cheann gu ceann detfh'n rioghachd. 
Air son an aobhar so bha e 'n'a chleachdadh aig' a bhi deanamh 
cuairt bhliadhnail air feadh na rioghachd o cheann gu ceann. Bha 
buidheann thaghta dheth 'chuìd ridirean 'ns àrd-uaislean, 'us mar an 
ceudna àrd-bhreitheamh na rioghachd^ a' marcachd còmhladh ris do 
gach cearna fa leth. Thòisich Alba ri bhi air a roinn 'na Siorr- 
achdaibh ri linn righ Daibhidh; ach b' ann goirid roimh an àm air 
a bheil sinn a nis a' labhairt a thugadh na Siorrachdan a dh'ionn- 
suidh na meudachd 's nan ainmean a th' aca gus an là an diugh, 
no gle fhaisg air sin. Bhp. Siorraimh gach cearna fa leth, maille rì 
feachd cogaidh nan crìochan, a' coinneachadh an rìgh aig iomall na 
Siorrachd, agus a' toirt colmheadachd dha gu iomall na Siorrachd 
a b' fhaisge air sin, far an robh coimheadachd de'n ghnè cheudna a' 
feitheamh gu gabhail ris. Bha na h-uile gearan a' faotainn èisd- 
eachd, agus gach ana-ceartas air a leasachadh gun dàil. Bh' an 
rìgh, mar an ceudna, a' toirt eisimpleir 'us misneachd do'n t' sluagh 
ann an tuathanas. Bha mòran de'n chuid a b'fhearr a dh'fhearrann 
na tìre fathast 'na choilltich. Ach bha mòran dith air a thoirt a 
steach ri 'linn-san, mar a bha sìth ann air gach taobh an dèigh 
iuadachadh nan Lochlunnach. Bha pailteas a' measg gach inbhe 
fa leth dheth'n t'sluagh gus ithe, òl, 'sa chuir umpa, agus rud maìth 
ri 'sheachnadh air son mhargaidhean rioghachdan eile. Bha bèin' 
Tis sithionn 'am pailteas, 'us ainmhidhean de gach seorsa ga'n cur 
gu tìribh cèijie air son an reic. Ach feudar a ràdh gu 'n tàinig 
crioch, car ùin', air an t' soirbheachadh so le bàs a' phrionnsa ghlic 
agus chomasaich ud, a thachair gu truagh do Alba, 'n uair a bha 
e fathast an trèin' a neirt. 

Bha an rìgh air thurus o Dhunèidean gu àite tàìmheachd a bh* 
aìge ann am Fiofa. B'ami rathad Port na Bàn-righ a ghabh e fe 
tearc de luchd-coimheadeachd. Thàinig dorchadas na h-oidhch' 



A MHAIGHDEANN LOCHLTINNACH. 61 

orra faisg air àite ris an abrar Cinghorn. Bha 'n luchd-coimhead- 
achd air son an oidhche *chur seachad far an robh ìad, 's an turus 
a ghabhaìl ri solus an là. xVch cha robh an righ idir air sou stad, 
's ghabh iad uir air aghart. 'N uair a bha iad a' dol seachad aig 
ceann creig àird a bha rompa, shleamhnaich an t-each a bha fodha, 
's chaidh an t' ainmhidh 's am marcach còmhladh leis a' chreig. 
'N uair a ràinig a luchd-leanmhuinn an t-àit' an robh e aìg boun na 
creige bha e mairbh. Bha sin mu mheadhon dara mìos an earraich, 
'sa' bhliadhna 1286. Rinneadh caoidh mhòr air a shon an Alba. 
'S iad na marbh-raianean a rinneadh dha sgriobhuidhean co sean 
*s air 'bheil iomradh 's a' chainnt Albannaich. Seallaidh sluagh na 
dùthcha fathast an dearbh àit' 's an deachaidh an rìgh as an rathad, 
ged tha dlù aìr se ceud bliadhna o thachair an call. 



CAIB. X. 



A' MHAIGHDEANN LOCHLDNNACH. 



Bhasaich clann Alastair lU. uile romihe fein. Bha a nìgheau, 
Mairireat, air bhi pòsd' aig Eiric, mac righ Lochluiun, air lorg 
còrdaidh a rinneadh eadar an dà rioghachd 'au àm nasgaidh na sìth' 
an (l'ÌLrli blàr Làirg. Thàinig Eiric an deigh sin gu bhi na rìgh air 
Lochlunn. Ach bi aon nighean a bh'aig ban-righ Mairireat air an 
robh a h-aium fein. Bhàsaich Prionns' Alastair, mac an rìgh an 
dCìgh tighinn gn fearachas, agus ged a bha e pòsda cha d' fhàg e 
duine cloinne. Cha bu luaith' a chual a phiuthar, ban-righ Loch- 
loinn ma 'bhàs na 'dh'fhìls i fciu tinn, 'us bhìlsaich i goirid au dcigh 
lio. Cha robh, mar so, duine beò dheth'n teaghlach rioghail 'nuair 
a dh' fhalbh an rìgh ach an aou 0£ha nighinn a bh' aig' an Loch- 



62 



EACHDEAIDH NA H-ALBA 



lunn. Chaìdh a' bhan-phrionnsa sin èigheaeb 'na ban-righ Alba gun 
dàil an deigh bàis a seanar, 's gun i ach ochd bliadhn' a dh' aois. 
'S i 'Mhaighdeann, Lochlunnach a theirear rithe mar is tricVan eachd- 
raidh. Chuireadh luingeas 'an òrdugh air son a toirt a naU gu 
Tioghachd a sinnsir. Bha Sir Michel Scot, duine ro chlùiteach, 'na 
aon de na cùirt-theachdairean a bha ga coimheadachd a nall thar 
chuan. 

Aig an àm so bha duine ro '^shaoghalta, dàn'" air righ-chaithir 
Shasuinn, Eideard I, B' esan bràthair na ceud ban-righ a bh' aig 
Alastair III., agus bràthair seanar Maighdeinn Lochluinn. Bhiodh 
€'n tràths 'us a rìs a' tilgeadh sùil dhèigheil a nall air Alba. Bha 
'cheud oidhirp a thug e air Alba a cheangal ri 'rìoghachd fèin, lagh- 
ail gu leòir na'm biodh e air soirbheachadh leis; be sin cùmhnant 
pòsaidh a dheanamh eadar a mhac fein agus ban-righ òg Alba, 
agus i fathast 's an tìr 's an d'rugadh i. Ach 's e bha'n sud cùmh- 
nantachadh dhaoine, 's ged bu daoine cumhachdach iad, cha robh 
cumhachd ac' a bheireadh an rùintean gu crìch. Ged bu leanabh 
rioghail, agus ro mhùirneach 's an àm ud a' bha'n Lochlunn, bha i 
co buailteach do thrioblaid ri leanabh eile. Chaidh gach ni gu maith 
leis na teachdairean Albannach gus an d' ràinig iad Arcu a tighina 
air ais. Dh' fhàs a bhan-phrionnsa tinn, 's bhàsaich i 'n sin. Bha 
rioghachd Alba gun oighre, ach feadhainn a bha fad as, 's c' àit' a 
nis an robh cumhachan rìgh Shasuinn. Shaoileadh daoine gu'n 
leigeadh Eideard dheth a dhùil ri Alba fhaotainn tuilleadh. Ach 
cha b' e sin fear a bh' ann. Tha e air a shamhlachadh le cuid de 
luchd-eachdraidh ris an rìgh air a bheil an Sgriobtur a' labhairt, 
" a mheudaicheas a mhiann mar ifrinn, agus a tha mar am bàs, 
agus nach urrainn a bhi air a shàsachadh, ach a chruinnicheas 
thuige fèin na h-uile shlòigh." Bha e, goirid roimh sud an dèigh 
na Ueilsich a cheannsachadh, agus an rioghachd bheag ac' a chur 
ri rioghachd Shasuinn,. B'iadsan sliochd ceud luchd-àiteachaidh 
Bhreatuinn a deas, a bh' air am fuadachadh leis na Sacsonaich do 
oisinn an iar-dheas na dùthcha, mar dh' ainmicheadh cheana, agus 



A MHAIGHDEANN LOCHLUNNACH. 63 

a cliuir stia^ pTloimsa dhitbh fein os an ceanri, 's a sheas mar riogli- 
achd, le 'n laghannaibh 's an seana chainnt fein re còrr is ochd ceud 
foliadhna, gus an do chuir Eiaeard so ^na cheann an ceannsachadh. 
An deigh dha buaidh fhaotainn orra 'an COgadh, dh' fhàisg e uatha 
cnmhachan cruaidhe; agus an iiine ghoirid dh'eignich e iad le 
fòimeirt gus na cumhachan sin a bhriseadh, agus eiridli 'an ceann- 
Airc 'na aghaidh. Chaidh e' n sin a mach nan aghaidh le feachd 
-•cumhachdach leis an do sgap e o chèil' an armailt-san. Fhuair e'n 
.làìmh 'us chroch e Liu-ellen, am prionnsa, agus rinn e 'ni ceudna air 
a'mheud de'n cuid bàird 's air an d'fhuair e greim, a chum 's nach 
biodh iad le 'm bàrdachd a' cumail suas misneachd an luchd-dùthcha, 
.le bhi scinn gniomharan euchdaidh an sinnsireachd. O'n àm so tha 
TJeils aonaichte ri crùn Shasuinn, agus theirear prionnsa XJeiIs ri 
tànisteir rioghachd Shasuinn, Ach air a shon so uile ghleidh iad 
an seana chànain fèin gus a nis, 's tha caochladh phaipeirean naigh- 
eachd, 'us eMasan eile de gach seòrs' air an craobh-sgaoileadh innte. 
Theirear Gàeltachd Shasuinn ri TJeils, mar eadar-dhealaichte 
Ghàeltachd Alba. 

2. Bha Eideard 'na dhuine làidir 'am pearsa. Theirteadh am Fad- 
Inirgneach ris a thaobh co àrd 's a bha e. Bha e mar an ceudna 
co seòlta 's a bha e co fuilteach. B* aithne dha crùbadh sìos roimh 
dha leum air a' chreich, cosmhuil ris an liopard, a bha e 'giùlan 
mar shuaicheantas air a sgeith. 'N uair a chuir àireamh maith, 
mu'n cuairt do dhusan, de na tighearnan Albannach còir-thagraidh 
a steach air a' chrùn, mar mhuinntir a bha 'n dlùth chàirdeas ris 
an teaghlach rioghail, cho-aontaich iad, air sgàth dòirteadh fola 
'. heachnadh, an còraichean a chur fa chomhair rìgh Shasuinn, mar 
aa coimhearsnach bu chumhachdaiche a bh' aca, 's a bhi riaraichte 
leis a* bhreith a bheireadh e. Chuir e mar chumh' orra gu'm feum- 
adh iad e fein aideachadh mar àrd-thighearna, no uachdaran na 
riotrhachd. Chuir an t-agartas so iongantas 'us uamhas air an 
àireiimh de àrd mhaithean, 's dc luchd-eaglais na h-AIba, a bh' air 
tional gus a choinneachadh aig a' chrìch Shasunnaich, agus dhiùlt 



64 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

iad freagradh sam bith a thoirt gus am biodh ùìq' ae' an comh- 
airF a chur ri 'chèiF air leth. "Ach," ars' esan le speuradh uamh- 
asach, " air Naomh Eideard, d' am buin an crùn a th' air mo 
cheann, bheir mi mach mo chòir cheart, no caillear mi 's an oidh- 
irp." Aig an àm cheudna sgaoil e 'n comh-chruinneachadh Alban- 
nach, a' toirt doibh trì seachduinnean de dhàil gu iad fèin a thoirt 
a.nuas a dh'ionnsuidh an ni a bha e 'g iarraidh. 

Bha 'n rioghachd co mòr aìr a roinn le àireamh co lionmhor de 
luchd comh-shreip a bha 'sealltuinn air son a' chrùiu 's gu 'm faca 
na bha dhaoine glic' innte nach robh coslas sam bith air gu'm 
b'urrainn iad aghaidh a chumail ris an nàmhaid chuilbheartach ud, 
a bha ga chromadh fein sios gu grad leum orra aig a' cheud choth- 
rom a gheibheadh e. Dh'fhàg iad an gnothuch gu h-iomlan eadar 
6 fèin ^' 's an dusan." Agus 'nuair a thàinig an ceann là, choinnich 
an dà fhear-dheug sin Eideard a rìs, 's mar a bha gach fear 'an 
diìil gu'n cuirte comain air an aon a b' ullaimh a bhiodh gus am 
breitheamh a thoileachadh, dh'aidich iad uile, fear 'an deigh fir, gu'n 
robh iad deònach air a' chrùn a ghabhail o làimh Eideaird mar àrd 
thighearna na tìre!!! Bha fios aig Ead-luirgneach gu maith co 
dheth 'n deanadh e atharrais rìgh. Ach 'nuair a fhuair e iad uilo 
mar sud gu 'dhòigh fein, thòisich e le mòr shòluimteachd, ma b' fhìor, 
air rannsachadh còir gach aoin fa leth dhiubh air a' chriìn. 
Chunnacas gu h-ath-ghoirid gu 'n robh 'chòir a' seasamh eadar 
Raibeart Brus, Morair Annandail, agus lain Bailiol, triath Ghalo- 
bhaigh. B' iad sin da rìreadh a b'fhaisg', a thaobh càirdeis, air an 
teaghlach rloghail a dh'fh^Ibh. B' e BaiHoI ogha Mairèireit, nigh- 
ean bu shine Dbaibhidh, larla Huntington, bràthair UiIIeam an 
Leòmhan, mar a chaidh ainmeachadh cheana, agus mar sin b' e 
brathair seanar Alastair III. Thug Eideard an crùn do Bhailiol. 
Ehuair e cothrom tighinn gu ruige Scoinne gu bhi air a chrùnadh, 
ach b' eigin da dol a rìs do Shasunn a dheanamh ùmhlachd do 
Eideard. An dèigh an allabain so uile thàinig e air ais do cheann 



A' MHAIGHDEANN LOCHLUNNACH. 60 

bhaile na rioghachd gu suidh' air rìgh-chathair Alba 'bha glè 
dheilgneach. 

3. B'e 'n rian a ghabh Eideard air son fàth fhaotainn gu 'thil- 
geadh thar na caithreach, a bhi ga shior-shàrachadh le fanoid 's le 
fòirneirt, gus an èìgnicheadh se e gu èiridh 'an ceannairc. Na 'm 
biodh neach sam bith 'an Alba mi-riaraichte leis a' cheartas a bha 
Baliol a' deanamh dha, bha Eideard a' fiadhachadh gach aon 
dhiubh sin gus a chùis a thogail gu 'chùirt fèin. Bha e mar bu 
trice mar so a cur an neo-bhrigh gach cùis-bhreith a bha Baliol a' 
toirt 'an Alba, 's a deanamh cùis-mhagaidh dheth am fianuis a chuid 
iochdarana fèin. Na'n gabhadh e dhànadas air gearan sam bith a 
dheanamh air deanadas Eideard, bha 'n smachdachadh air a dhean- 
amh mòran ni bu mhiosa. 

Fadheòidh, leis gach gonadh 'us tàmailt a bha e faotainn, rùnaich 
Bailiol còmhnadh iarraidh air righ na Frainge gus a' chuing Shas- 
unnach a thilgeadh dheth ; agus sgriobh e dh'ionnsuidh Eideard nach 
robh e gu bhi ni b' fhaide 'na eisimeil 'an ni sam bith. "Ah!" ars 
am Fad-Iuirgneach, "an dàna leis an leth-chiallach ud gniomh co 
amaideach a dheanamh; o nach ruig e sinne, mar is dleasdanach dha, 
theid sinne far am bheil esan." Chruinnich an Sasunnach feachd 
lìonmhor air ceann an do thriall e do Alba. Chuir e 'n ruaig air 
Bailiol 'am blàr a chuireadh aig Dunbhàr. Mar a bha Bailiol 'na 
dhuine meath-chridheach leig e seachad an còmhrag. Thàinig e gu 
h-umhal ga thoirt fein suas do Eideard, ag aideachadh gu'm b' aun 
le droch comhairle muinntir eile 'bha e air a bhrosnachadh gu 
ceannairc 'an aghaidh an neach a b' e 'àrd-thighearna; agus ag ais- 
eag air aìs do Eideard rioghachd Alba, leis gach dligh' a bhuin- 
cadh do 'n chrùn, chaidh a rùsgadh an sin de gach inbh' 'us 
onair a bh' aige, agus a leigeadh air falbh, 'an deigh beagan prìos- 
anachaidh, mar chreutair gun diù, 'an d6igh ainmeachas rioghalachd 
a mhealtuinn re chùig bliadhna. 

4. Fhuair Eideard a nis an rud a bha e 'miannachadh 's ag iarr- 
vidh o cheauD fada, cion-fìlth no Icth-sgcul air son Alba thoirt ga 



66 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

h-iomlan fo a cliomaniida fèin, gun uiread 'us faileas rìghno uachd 
arain a bhi seasamh eadar e 'sa thoil fein fhaotainn deant' o cheann 
gu ceann de'n eilean Ehreatannach. Thriall e troimh Alba air 
cheann feachd chumhachdaich, a' toirt air an t-sluagh anns gach 
inbhe fa leth e fein aideachadh mar an rìgh dligheach uaithe sud a 
mach. Lion e daingnichean Alba gu h-iomlan le freiceadainìbh 
de shaighdearan Sasunnach. Dh' òrduich e larla Mhuireidh 'na 
fhear-dìon Alba, 's shuidhich e Sasunnaich 'an àrd dhreuchdaibh 
stàtail na rioghachd. Thug e leis crùn agus slat rioghail Alba, 
agus eadhon clach a' Mhanaidh, an Lia Fàil, air am b' àbhaist a 
bhi 'cur rìghrean na h-Alba 'n an suidh' aig àm a bhi ga'n crùnadh. 
Tha 'Chlach iomraiteach sin air lorg fathast 'an Lunuinn, agus a* 
deanamh suas pàirt de'n chaithir air am bi righ Shasuinn a' suidhe 
'n àm a bhi ga chrùnadh. Tha cuìd de luchd-eachdraidh ag ràdh 
mar an ceudna gu'n tug Eideard air falbh còraichean sgrìobhta nan 
tighean Mhanach, agus na h-eachdraidhean bu shine 'fhuair e annta 
gus am milleadh e na h-uile dearbhadh sgrìobht' air gu 'n robh 
Alba roimhe sud 'na rìoghachd shaoir. 'An deigh na h-uile nithe 
'ChvLT 's an òrdugh a thogair e fèin, phiU e dhachaidh le buaìdh 
.chaithream, a' giùlain nan seudan bu ro luachmhoir' a bhuineadh 
do 'n rioghachd ud a bha e nis an dùil bu leis fèin 's le 'shliochd 
^aithe sud a mach. 



CAIB. XI. 

UILLEAM UALLAS. 

'T^TJAIR a fhuair na Sasunnaich Alba fo smachd dhoibh fèin, 
mar a dh' ainmicheadh, bha iad a' cleachdadh na h-uile fòirneart 
a b' urrainn iad thairis air an luchd-àiteachaidh. Bha 'n t-àrd 
fhear-lagha, Ormeslie, a' gairm gu cunntas nan uile nach tugadh 
mionnan-striochdaidh do Eideard. Bha mòran de na h-Albann- 
aich a' diìiltadh sin a dheanamh mar ni air nach robh còir aig rìgh 
Shasuinn, a fhuair làmh an uachdair orrasan, ni's mò le seòltachd 
na le treubhantas 'us gaisg' a chuid saighdearan. Air son an 
diùltaidh so bha e 'toirt uath' an cuid fearainn 'us maoin, 's ga 'm 
I)eanasachadh air iomadh dòigh eile. Bha Uisdean Cresingam, am 
fear-ioumhais Sasunnach, mar an ceudna ga'm pianadh a' togail 
alrgid uatha fo chaochladh leth-sgeulan. Cha robh mòran airgid 
a* ruith a measg nan Albannach 's na linnibh ud, 's cha robh iad 
cleachdta ri bhi 'pàigheadh mòran do an righribh dhthchasach fèin, 
a bha ghnàth a' taisbeanadh comhfhulangas a bhi aca ri 'm bochd- 
uinn. Bha iad, mar 8Ìn,^gu mòr air an tàmailteachadh le bhi air an 
èigneachadh gu suimean ro mhòr iocadh do Chresingam, air son 
aobhar sam bith, no aig àm sam bith a b' àill leis. Agus a thuill- 
eadh air a mhi-riarachadh a bha 'g òiridh o na h-aobharaibh so, 
bha na saighdearan^Sasunnach leis an robh gearastona na riogh- 
achd air an lionadh, a' deanamh mòran ainneirt air an t-sluagh, 
's a' taisbeanadh^mòran tàir' ann an dòighibh dèiligidh ris gach 
losal 'us uasal 'n am measg. 'Bheireadh iad uatha gun fhoigh- 
neachd ni sam bith a chitheadh iad ac' anns an cuireadh iad sùil, 
^8 nan gabhadh neach sam bith a bhiodh iad a' crcacbadh air cur 
'nan aghaidh, gheibheadh c bhualadh 'salotadh, 's bha iad eadhon 



68 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

a' cur cuid gu bàs air son a bhi 'dionadh an codach. fèin uatha. 
Cha b' ioghnadh ged a bha na h-Albannaich air an tàmailteachadh 
co maith 'us air an sàrachadh leis na h-uile ni a bh' ann, 's ged a 
bhiodh iad deònach air a' cheud chothrom a ghabhail air èiridh 'an 
aghaidh an luchd-fòirneirt, na Deasaich, mar theireadh iad fèin 
riu, agus an dùthaich aiseag a dh' ionnsuidh na saorsa dheth an 
robh iad air an ^phinneadh le foill agus ain-iochd rìgh Shasuinn. 
Cha robh ni ga'n cumail gun sin a dheanamh ach easbhuidh fìr 
treòrachaidh as am biodh làn earbs' aca, 's a bhiodh 's na h-uile 
seadh freagarrach air son a dhol air an ceann, 's an cumail air rian 
ann an 'oidhirpibh air an'luchd sàrachaidh fhuadachadh a' mach 
as an tir. Agus gu freasdalach, bha leithid sin de fhear-treòrach- 
aidh air a thogail suas ann am pears Uilleim Uallais. 

2. Cha b' aon de àrd-mhaithean Alba UiUeam Uallas, ach bu 
mhac duin uasail e da 'm b' ainm Sìr Callum Uallas à Ellersli, 'n 
Siorrachd Eenfriu. Bha Sìr Callum so air a mharbhadh leis na 
Sasunnaich, agus a bhantrach air teicheadh gu taobh tuath amh- 
ainn Thatha, far an robh a cuideachd. Bha mar so aobhar fuath 
gu leòir aig UiUeam do na Sasunnaich. Ach thàinig iad ni bu ro 
fhaisg na sud air mu'n do dhtiisgeadh suas a spiorad gu ceannairc^ 
Tha luchd-eachdraidh ag innseadh, a' measg sheanachasan eile mu 
thimchioll, gu'n robh e là àraidh ag iasgach ann an amhainn Inbhir 
a bha 'na choimhearsnachd. 'An àm dhabhi pilleadh dhachaidh, 
còmhladh ri balachan a bha'giùlain an èisg a ghlace, annam bascaid, 
choinnich dithis no thriùir dheth na saighdearan Sasunnach e, a 
bhuineadh do Ghearaston Ara. Rinn na saighdearan gu neo 
mhodhail, air son am bascaid leis na bh' ann a thoirt o'n bhalach. 
Bha Uallas deònach roinn de na bric a thoirt doibh. Ach o nach 
biodh na Sasunnaich riaraichte le ni bu lugha na'n t'iomlan, 
thàinig na fir o fhoclaibh gu builHbh. Cha robh armachd aig 
Uallas ach a shlat-iasgaich. Le ceann reamhar na slaite bhuail e 
buiir air fear de na saighdearan 's a cheann leis 'an do mharbh e 
air a bhad e. Thug e grad thàmhadh air claidheamh an duine 



UILLEAM UALLAS. 69 

mhairbli, 's chog e co duineil leis 's gu'n do chuir e càch gu teich- 
eadh, 's gu*n d' f huair e dhachaidh leis a* bhascaid èisg slàn, f allain. 
Ach b' digin da teicheadh air son a bheatha, 's a bhi fo 'n choill 
car ìiine, 's an dèigh sin àit' eile de'n dùthaich a thoirt air far nach 
Tobh an gniomh co aithnichte. B' ann an ath-bhliadhn' an dèigh 
sud a dh* èirich e'n aghaidh nan Sasunnach. Bha e air pòsadh an 
«in, 's a chòmhnuidh 'am baile Lanairc. Air là àraidh, 'an àm an 
earraich, bha e 'coiseachd tre 'n bhaile, air a sgeudachadh le deis' 
uaine, a bha fasanta 'measg nan uaislean 'san àm sin de'n bhliadhna, 
agus tearc de luchd-leanmhuinn 's de chàirdean còmhladh ris, a' 
measg an robh Sìr lain Greumach. Thàinig Sasunnach mi-mhodh- 
ail an rathad, 's thòisich e ri magadh orra. " Seadh," ars esan, ri 
IJallas, "a bheil thu air tighinn as ùr a nall thar fairge ? Tha thu co 
Tiomhach 's gu'n do shaoil leam gur h-e bh' ann diot cùirt-theachd- 
air a* toirt ban-righ nuadh da'r n 'ionnsuidh." Ghabh Uallas air 
aghart a' giùlain na h-athais gu foighidneach, ain-deònach air mi- 
thlachd sara bith a thogail. Ach dh' iath mòran de 'n phràpar 
Shasunnach mu 'thimchioll, a' sior thilgeadh athais air. Mu 
dheireadh bhuail fear dhiubh ceann na tniaiU anns an robh'n 
claidheamh a bha Uallas a' giìilan air a thaobh. Ghrad tharruing 
-csan a chlaidheamh 'schuir e'n Sasunnach gu talamh le aon bhuiUe. 
Ann an tiota bha 'n t-sabait air a' bonn. Rèitich 'na bha làthair 
-de 'na h-Albannaich, mu chùig duine-fichead — rathad doibh fèin 
gu tigh Uallais. Dh' fhosgail a bhean an donis. Ghabh Uallas 
fèin, 's a reir coslais tearc de luchd-leanmhuinn, a mach air dorus 
-chil 's ràinig iad coill' a bha dlù dhoibh anns an robh Gil ris an 
abrar Creagan Chartland, anns am b' urrainn siad iad fdin a dhion- 
adh o' luchd tòrachd sam bith a dh' fheudadh a dhol air an lorg. 
Ach rinn Haselrig, an riaghladair Sasunnach, dioghaltas eagalach 
air Uallas air son na thachair. Loisg e tigh Uallais 's chuir e 'bhean 
gìi hìm. Theich ban-oglach a bh' aicc gun fhios, a mach do 'n 
-choille, 's dh' innis i na h-uile ni do Uallas 's d'a luchd-leanmhuinn. 
Bha 'chrà<lh spioraid eagalach ri fhaicinn. Sheas a luchd-lean- 



70 BACIJDRAIDH NA H-ALBA. 

mliuiim timchioll air a' gul. Fadheòidh thuirt TJallas rra,/'Togr 
aibh dheth fheara, is pian gun fheum so. Cha 'n urrainn sinn ise, 
a thoirt air ais. Ach cha 'n fhaicear tàmh agamsa: gus an deanf. 
mi dioghaltas air son ise a bha co taitneach 's co^àiUidh, a chur. 
gu bàs." Air an dearbh oidhche sin thionail ejdeich fir fhichead. 
de dhaoine dileas, misneachail, 'schaidh e^gu sàmhach a steach 
do'n bhaile. Ràinig iad tigh an uachdarain. Bha e fèin na. 
luidh' 'an rùm uachdrach gu dorus an robh ceuman staidhreach.. 
ia' direadh suas o 'n t-sràid. Dhìrich Uallas suas an staidhir so^ 
chuir e 'neart 'an aghaidh an doruis, 's dh' fhàisg e steach roimhe e.. 
Leum an Sasunnach, làn uamhais, a mach as a leabaidh, 's ghlaodk 
e, ''Co tha deanamh na h-iorghail so?" "Tha mise, Uallas, a bha. 
thusa sireadh fad an là." Le sin bhuail e co guineach e, 's gu'n 
do sgoilt e 'cheann, 's gu'n deachaidh an claidheamh sios gu cnàimh 
na h-amhach. Dhùisg buaireas air feadh na sràide. Thionndaidh. 
na saighdearan Sasunnach a mach, 's dh' èirich fir Lanairc thun a' 
chòmhraig. 'N uair a shoiUeirich a' mhaduinn bha dà fhichead. 
deug de na Sasunnaich nan luidhe marbh air na sràidibh, 's na 
h-Albannaich 'n am maighstiribh air a' bhaile. 

5. Sgaoil iomradh a' ghniomh-euchdaidh so air feadh na diith- 
cha gu h-ath-ghoirid, agus thòisich àireamh de dhaoine tapaidh,. 
colgant' air tional gu UaUas, mar an ceannard, Bu duine neo- 
chumanta foghainteach UaUas, 'am pearsa co maith 's an inntinn^ 
Ma 's fior na bheil air innseadh mu 'thimchioU le luchd-eachd- 
raidh feumaidh gu 'm b' aon e de 'na curaidhean co treun sa bha 'm 
linn no 'n àite sam bith. Ach tha e soiUeir gu leòir o chaochladh. 
nithibh mu nach urrainn teagamh a bhi, gu 'm bu duine neo- 
chumanta calm e. Ann am pearsa, garbh-chnàmhach ; aghaidh. 
fhada shoiUeir; folt soiUeir donn; siiilean soiUeir geur-sheaUachj 
scòrr air taobh cli na smeigid ; coslas a ghnuis' smuaireanach, dubh- 
ach. So dealbh UiUeim UaUais, duine sònruichte a measg mhòran 
mhiltean. B'e 'n garg-churaidh so, air a lotadh 'na spiorad, 's air a 
dhiisgadh suas mar leòmhan boirionn o'n|do bhuineadh a cuUeanan, 



UILLEAM UALLAS. 71 

a rìinaich, le co-chuideachaidh a luchd-dhthcha, gu'n rotadh e 
mach, aig roinn na bèigileid, a h-uile Sasunnach a bha eadar ceann 
a tuath 'us ceann a deas Alba. B' ann goirid an ddigh dlia 'n cuid- 
eachadh a dh' ainmich sinn fhaotaiuu, agus tighinn a dh' ionn- 
suidh an rùin ud, a thachair an ni ris an abrar an ceann a deas 
Alba, Saibhlean Ara.* Bha na Sasunnaich a nis a* tòiseachadh a* 
gabhail eagail roimh an treubhantas agus a' ghliocas a bha Uallas 
's a luchd-leanmhuinn a' taisbeanadh ann an oidhirpibh air an tir 
a shaoradh o luchd-fòimeirt. Agus 's ann a smuainich na h-uile- 
bheistean ud a nis air dèiligeadh ri Uallas 's a luchd-leanmhuiun 
le foill. Leig iad orra gu'n robh iad air son sìth a dheanamh. 
Dh' fhiadhaich cuid de 'n luchd-riaghlaidh Uallas agus a' chuid 
oifigearan gu comh-labhairt riu fèin mu chumhachan sìth. Bha 
'choinneamh gu bhi air a cumail an taobh a muigh de bhail' Ara, 
ann an aitreabh mhòr fhiodha. Gheall na h-Albannaich coinn- 
eachadh riu gu siochail, a reir an t-sean-fhocail fhirinnich, " an 
duine nach bi olc air aire, cha smuainich e olc fir eile." Air taobh 
a muigh na h-aitreibh bha nah-uile ni gu maiseach agus an deadh 
òrdugh mar bu chòir a bhi. Ach air an taobh a stigh bha inneala^ 
bàis. Bha àireamh shaighdearan a' feitheamh air son gniomh 
chrochadairean a dheanamh. Bha buill chainbe air an ceangal 
gu h-àrd ri sailibh na h-aitreibh, agus snaimeanna-ruith air na 
ceannaibh a bha sios diubh air son cinn nan Albannach a thilgeadh 
annt' a lion fear 'us fear, mar a bha iad a' dol a steach. B'e Sir 
Eeginald Crauford, Siorraimh na Siorrachd ud fèin, 'us bràthair- 
màthar Uallais, aon de'n cheud fheadhainn a thuit 'san rib' ud. 
Lean mòran as a dhèigh-san, gun duin' -a' toirt rabhadh dhoibh. 
Cha tàiuig duine riamh a mach a chaidh a steach. Bha 'n cuirp 
air an tilgeadh 'n an aon dùn air muin a chèil' 'an ceann shuas na 
h-aitreibh, Ach fhuair boirionnach firinneacli 's a' choimhears- 
nachd nach robh saor o an-amharus, innleachd digin air sealltuinn 

• Barns of Avr. 



72 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

a steach agus na nitlie a bha dol air aghart fhaicinn. Bha Uallas, 
gu freasdalach, rud-èigin fadalach gun tighinn, 's bha bhean so ga 
f heitheamh air son rabhadh a thoirt da. Co luath 's a chunnaic i 
e tighinn fagus, chaidh i 'na choinneamh 'sghlaodh i, "Oh Uallais 
ghaisgich, chroch iad do chàirdean mar dheanadh iad air na coin- 
luirg!" Stad an gaisgeach ag èisdeachd na sgèil eagalaich, agus 
*s gann a b'urrainn e suidhe 'na dhiollaid le bròn 'us thireadh. 
Ach ged bu duine teodh-chridheach Uilleam Uallas bha e 
fad o bhi meath-chridheach. Cha robh maith sam bith dol 
a dh' iarraidh lorg air a leithid de ni is ^'gèill," 's an fhoclair 
aige-san. Cha robh e riamh ann. Agus uime sin b' e'n ath char 
Dioghaltas! Dioghaltas! Ghabh e cuairt 'sa' choimhearsnachd 
toiseach na h-oidhche, gus am faiceadh e ciod a thachradh. 'Nuair 
a chaidh na mortairean, 's an t-sabhal mhòr ud, air mhisg le fuih 
ghabh iad an sin a' mhisg le dibh làidir, leann Eireannach, 'us 
deochaibh mealltach eile, 's chuir iad roinn mhòr de 'n oidhche 
seachad le danns 'us misg. Choidil mòran diubh 'an ceann eile na 
h-aitreibh 's an robh cuirp na muinntir a mhort iad na 'n sineadh. 
'S bha mòran diubh air bhileitibh 'an caochladh thighibh feadh 
bail' Ara. 'S e àireamh ro bheag dhiubh a chaidh do'n Chaisteal 
an oidhch' ud. Bha na tighean 'an ceann a deas Alba 's na linn- 
ibh ud air an togail le fiodh, mar tha tighean cinn a tuath Ame- 
rica an diugh. Thug Uallas òrdugh do'n ''mhnaoi fhirinnich" 
ùd comhara so fhaicsinneach a chur le cailc air na tighibh 's an 
robh na Sasunnaich a' cur seachad na h-oidhche. Thàinig e fèin 
air mharbhan a' mheadhon oidhche le tri cheud fear, *s le mòran de 
bhuill chainbe, 's cheangail iad co diongalta o'n taobh a muigh na 
h-uile tigh air an d' fhuair iad an *'comharra" 's nach gabhadh iad 
fosgladh o 'n taobh a stigh. Chruinnich e mòran connlaich 'us 
gheugan leis an do chuir e na h-aitreabhan fiodh' ud ri theine. 
Bha mòran air an losgadh gun dùsgadh idir à codal. A' chuid a 
bha dùsgadh 's a briseadh a mach troimh'n cheò 's an lasair, bha 
na h-Albannaich ga'n coinneachadh 's ga 'm piUeadh air ais do 'n 



UILLEAM UALLAS. 73 

losgadh, no ga 'n reubadh as a chèile le *n cuid armachd. Cha 
deachaidh Sasunnach beò as an oidhch' ud a bha mach air geat' 
2k chaisteil. *N uair a dh' fhàg buidheann Uallais an t-àite 's a' 
mhaduinn, cha robh ri f haicinn ach làthraichean nan aitreabhan a 
bha na'n connadh a* losgadh cuirp na muinntir a chaidh a mharbh- 
adh. Mar so chriochnaich "Parlamaid Dhubh Ara." 

7. Ach a nis gu obair a' ghlanaidh air an dùthaich o na mort- 

airibh Sasunnach, le spionnadh 'us rtin ath-nuadhaichte. B' e 'n 

rian a ghabh Uallas 'n a cheud èiridh, a bhi 'cumail tearc de 

luchd-leanmhuinn còmhladh risfèin,leis antugadh e garg-ionnsuidh 

air buidheann bhig sam bith de'n arm Shasunnach a gheibheadh 

e air leth o chàch, 's leis an glacadh e stòr bidh no armachd a 

bhiodh a' dol gu aon sam bith de na caistealan. Leis an rian so 

bha e deanamh mòran call* air an nàmhaid, aig an àm cheudna au 

robh e 'toirt a' cheart aire gu'n seachnadh e aghaidh a thoirt do 

bhuidheann lionmhor sam bith dhiubh air nach robh e cinnteach 

gu 'm b* urrainn e buaidli fhaotainn. Bha aig an àm cheudna 

mòran de luchd-fearainn *s de àrd-mhaithean na rioghachd ag oib- 

reachadh fo òrdugh-san agus far am b* urrainn iad, a' creachadh 

's a' marbhadh nan Sas innach, *s a* cur na h-uile moill' a b' urrainn 

iad orra. Cha robh fear no bean 's an tir leis nach feudadh Uallas 

teachdaireachd a chur. 'S 'nuair a chitheadh e àm fàbharrach 

ghrad thionaileadh e àireamh de na beag oifigich ud as gach cearna 

timchioll air, *s nuair a chriochnaicheadh iad obair an là, le gearr- 

adh as buidheann Shasunnach a bh' air thuras o aon àite gu àit 

' ile, ghrad sgaoileadh e rls iad, gach fear da chearna fèin. Leis 

gach lotadh 'us bruthadh a bha ann, bh' na naimlidean a' dol an 

tcircead. Ach an ddigh Saibhlcan Ara, *san dioghaltais a lean, 

dhhi.sg spioradan t-shiaigh suas, air fcadh na dìithcha gu h-iomlan, 

*8 fhuair Uallas uiread de hichd-leanmhuinn 's nach gabhadh na 

Sa^nnnaich orra coinncamh a* thoirt da *8 an àm anns an achadh 

fho.sgailt, ach dhruid 'siad iad fein suas *8 na daingnichìbh gus 

an tigeadh tuilleadh cuideachaidh d Sasunn. Ach thòisìch na 



74 EACHDEAIDH NA H-ALBA 

h-Albannaich air glacadh nan daingnichean fèin, 's air marbhadh 
na dream a bha 'cumail freiceadan annta. Bha iad a' spealgadh 
as a chèile le 'n cuid tuaghaibh geatachan cuid de na caistealan, 
's gun na saighdearan ccmasach air an cur air falbh, 's bha iad a' 
glacadh cuid eile dhiubh le seòltachd. Thriall Uallas troimh 
thaobh 's ear Alb' air ceann armailt lionmhoir, agTis air a cur aa 
deadh òrdugh, 's cha robh caisteal, eadar uisge Thath' agus- 
Crombagh, nach do thuit roimh' 'am beagan sheachduinibh, ach 
caisteal Dhundeagh a mhàin. Phill Uallas gu deas a chur sèisd 
ris an daingncach so an ceud mhìos an fhoghair, 1297, direach au 
ceann bHadhna an dèigh do Eideard dol air ais do Shasunn, 'ani 
dùil gu'n robh Alba gu do-sgaraicht' aig air a-h-aonadh ri 'riogh- 
achd fèin. 

'S ann a' teannachadh caisteal Dhundeagh a bha Uallas leis slh 
arm Albannach 'n uair a chuireadh teachdairean thuige gu 'n 
robh larla Shurreigh a' tighinn 'n a aghaidh le feachd Sasunnach 
anns an robh leth-cheud mile fear, 's gu 'n robh e cur roimhe thigh- 
inn thairis air amhainn na Friù aig drochaid Shruileidh. Dh'' 
fhàg Uallas Dundeagh air ball, 's rinn e air son a bhi aig an droch- 
aid, na 'm bu chomasach, mu'n ruigeadh na Sasunnaich i. Mhàr- 
sail e 'n t-arm co cabhagach 's a b' urraìnn iad, 's ràinig e mullach 
cnuic a tha dà mhile 's ear air Sruileadb, mu'n tàinig Sasunnach 
idir air f àire. Ach cha b' fhada gus am facas am brataichean a' 
snàmh 's a' ghaoith, 'us tromlach an airm a' dlùthachadh ris an 
drochaid. Bha larla Shurreigh glè shean agus an droch sblàinte.. 
B* ann aig Uisdean Cresingam, Fear-ionmhas Alb', a bha comannd' 
an airm da rireadh. 

Bu shagart Cresingam, duine dàna, fuilteach, leis am bu rogh- 
nuiche gu mòr clogaid an t-saighdear na còt' an t-sagairt. Rinit 
cuid de na tighearnan Albannach cabhag gu iad fèin ùmhlachadh 
do righ Shasuinn 'n uair a chunnaic iad an armailt so a' tighinn air 
a h-aghart, air eagal gu 'n caiUeadh iad an cuid fearainn. Cha. 
robh iad a' creidsinn gu 'm b' urrainn Uallas seasamh ris an. 



UILLEAM UALLAS. 75, 

fheachd ud a bha tri uairean ni bu lionmhoire na 'n armailt a 
bh' aige fèin. Ach air a shon so uile sheas Uallas agus a luchd- 
leanmhuinn gu neo-sgàthach,a'gabhail alla ris an armailt Shasunn- 
aich a' tighinn air aghart. Dhlù lean Sir lain Greumach ri 
Uallas, 's bha e 'na aon de 'chàirdean bu dealaidh. Lean mar an 
ceudna Sìr Uilleam Dùghlas, uachdraan Shrath Dhùghlais, agus 
ceann-tighe tha gu tric air ainmeachadh 'an eachdraidh Alba, ris. 
Cha robh dòighair faotainn seachad air an amhainn, achair drochaid 
fhada, chumhaing, fhiodh' a blia ni b' fhaide shuas air an amhainn 
na drochaid an là'n diugh. Champaich Uallas airtulaichibh àrd' air 
taobh tuath na h-aimhne, 's dhlùthaich an t-arm Sasunnach ris a' 
bhruaich dheis. An dèigh seasamh greis fa chomhair a chèile, chuir 
Uareinu, an t' larla Sasunnach, dithis shagartan anull far an robh 
Uallas a thairgseadh maitheanais dha fèin 's d'a luchd-leanmhuinn 
na 'n leigeadh iad sios an armachd. B'e freagradh Uallais iad a 
dhol air ais gu Uareinn 'us iunseadh dha nach b' ann a dheanamh 
chùmhnantan sìth a thàinig iadsan an sud, ach a thoirt blàir do 
na Sasunnaich agus saors' aiseag do'n dìithaich. " Thigeadh na 
Sasunnaich air aghart, tha sinn a toirt dùbhlain doibh gu 'm feusag- 
aibh." 'N uair a chual na Sasunnaich am freagradh uaibhreach so, 
bha iad ro dheònach air a dhol air aghart thun a' chòmhraig. Ach 
bha cuid de na h-oifigearan bu tùreil' a' cur impidh orra fuireach 
air ais a thaobh meud a' chunnart a bh' anns an drochaid chumh- 
aing a ghabhail anns nach robh ach rùm dithis air leud, 'san 
nàmhaid aig a ceann. Ach cha ghabhadh Cresingam diùltadh. 
Bha e air son a dhol air aghart air na h-uile cor, 'scrioch a chur 
air a' chogadli leis an aon bhlàr, 's dh'f heumadh e thoil fdin f haot- 
ainn deanta. Fhuair an armailt òrdugh dol air aghart. Ghabh 
Slr Marmaduke Teng air thoiscach air ceann nan rèisimeid 
each, a bha còmhdaichte le armachd thruim stàilinn, araon each 'us 
marcach. Lean Cresiugam an dòigh sin leis an roinn de'n arm a 
bha fo 'chomannda fèin. Sheas na h-Albannaich air an taobh. 
tuath a* gabhail alla riu a' dol thairis air an drochaid. Fhuair 



76 EACHDRAIDH NO H-ALBA 

an rèisimeid each an òrdugh cath' aìr an taobh tuath; ach dh' òrd- 
uich Uallas buidheann threun luchd-sleagha dhol timchioU sios 
air taobh na h-aimhne, 's 'nuair a bha mu leth an airm air tighinn 
a nall smèid e orra iad a ghabhail sealbh air an drochaid 's na bha 
thall a chumail thall, 's na bha bhos a chumail a bhos. *'Nis" ars' 
XJallas ri chuid saighdearanibh, "air 'ur bonnaibh 's nam badaibh." 
Bhuail na h-Albannaich le 'n uile neart air na marcaichibh a bha 
dìreadh leathad an tulaich, 's ruaig iad sios iad air muin nan cois- 
ichean a bh' air ùr thighinn a nall. Chaidh na coisichean 's na 
marcaichean troimh a chèile, 's an àit' a bhi cuideachadh, 's ann a 
bha iad a' cur moill' air a chèile, 's na h-Albannaich ga'n sgathadh 
sios mar am feur air gach taobh. An còrr nach deachaidh a 
mharbhadh dhiubh's an fhaing sin, leum iad a mach air an amhainn 
'an dùil gun tearnadh siad iad fèin air an t-snàmh. Ach mar 
bha iad co trom le 'n cuid armachd, bha iad a' dol fodh' air ball, 
no 'n sruth ga 'n giùlan sios ni b' fhaide far nach robh dol as o 
bhàthadh. De'n àireamh mhòr sluaigh a thàinig thar an drochaid 
an L\ ud cha d' fhuair as beò ach tritiir. B' e Sìr Marmaduke 
Teng an treas fear dhiubh sin. Bha Cresingam a measg a' cheud 
fheadhainn a chaidh a mharbhadh, 's tha cuid ag ràdh gu'n do rùisg 
na saighdearan e, 's gu'n d' fhionn iad an craicionn deth leis an 
fhuath a bh' aca dha, air son e bhi fionnadh an t-sluaigh leis a 
chìs thruim a bha e 'leagadh orra. 

4. 'N ualr a chunnaic larla Sharreìgh 's na h-oifigearan eile bha 
<;òmhladh ris air taobh tearuinte na h-aimhne, mar a bha 'n la 'dol 
's mar a chaidh e, 's nach b' urrainn iadsan a leasachadh, cha do 
mheas iad taobh tearuinte na h-aimhne tearuìnte ni b' fhaide. Thug 
iad na buìnn di gu deas, Cha do lasaich larla Shurreigh eang gus an ' 
do ràinig e Beruic aig a' chrìch Shasunnaich. Sgaoil a chuid feachd'* 
feadh na dùthch' anns an ruaig, 's thilgiad uath' an cuid armachd *us ' 
bhrataichean gus am faigheadh iad an cosan as o na h-Albannaich.-' 
ghuineach a lean gu dìan air an tòir. Cha b'e mhàin gu'n do tlieìch " 
iarmad sluaigh Shurreigh a mach as an rioghachd an dèigh àr droch- - 



UILLKAit JJALLA.S. 77 

aid Shruileidh, ach co luath 's a sgaoil iomradh gaisge nan Albann- 
ach an là ud air feadh na tìre, thrèig na saighdearan Sasunnach gu 
h-iomlan an tearc de chaistealan a bha fathast 'n au làmhaibh 'an 
ceann a deas Alba, 'stheich iad a mach as an rioghachd. Cha 
d' fhoghainn le Uallas an t-saorsa so oibreachadh d'a dhùthaich 
fein, ach bhris e steach air taobh tuath Shasuinn le fichead mìle 
fear, 's rinn e mòran call' air feadh na dùthcha sin mar dhìoghaltas 
air son an fhòirneirt a bha na Sasunnaich a' deanamh air Alba. 
'X aair a phill iad air ais o 'n sgrìob so ghairm an t-arm agus an 
sloagh Uallas gu bhi 'n a Ard-riaghlair air Alba. Theirteadh ris, 
an dèigh so, Sìr Uilleam Uallas, Riaghladair Alba. 

5. Bha Eideard ann am Flànreis, air tir-mòr na Roinn-Eòrpa, 
'n uair a fhuair e sgeul gu'n robh na h-AIbannaich air èiridh 'an 
ceannairc 'na aghaidh, air a chuid shaighdearan a chur air theich- 
eadh a mach à Alba gu h-iomlan, 's gu'n robh iad fèin air briseadh 
a steach air taobh tuath Shasuinn, 's a' deanamh mòran calla. Ghrad 
cho-dhùin e f osadh ri rìgh. na Frainge, ris an robh e san àm sin a' 
cogadh, 's ghreas e air ais do Shasunn. Mu mheadhon an t-samh- 
raidh bha armailt aig' air fhaotainn deas gu màrsail a nall do Alba, 
gus an rioghachd sin a' cheannsachadh as ùr. Ghabh e air aghart 
air cheann an fheachd so anns an robh ceithir fichead mìle saighd- 
ear, de'n robh ochd mlle 'n am marc-shluagh. Cha robh dad a' 
coinnp ir^hadh ris na Sasunnaich 'an ceann a deas Alb' ach bailtean 
.La- iuji ia.sachadh, 'stighean air an losgadh, 's machraichean air an 
gearradli sìos, ged nach robh an t-arbhar fathast abuich. B' e so 
an rian a ghabh Uallas air a' mhàrsail a dheanamh doirbli do na 
Sasunnaich, 's nach faighcadh iad biadh dhoibh fèin no d' an cuid 
each. Cha robh creutair beò de sprèidh no eile ri 'fhaicinn, agus 
mu'n do thriall Eideard troimh cheann a deas Alba bha 'luchd-lean- 
mhnum gu mòr air an sàrachadh le gorta. Agus a thuilleadh air 
to bha buidhncan shaighdearan aig Uallas air an òrduchadh gu bhi 
'crochadli air gach taobh de 'n nàmhaid, 's gun a bhi idir a' tighinn 
'am fradharc. Leisnah-uile ni a bh'ann blui na Sasunn&ich gu 



78 EACHDRAIDH NA. H-ALBA 

mòr air an sàrachadh mu'n do ràinìg iad faisg air Dunèidin, far an 
Tobh dùil aig Eideard ri tionacadh o luingeas cogaidh a bh' air an 
t-slighe gu Lìbhte. Ach ged a bha Uallas air a ghairm leis an 
t-sluagh^ 'sleìs an arm, gu bhi 'n a Ard-uachdaran Alba, 'sged a 
bha e 'cleachdadh nam meadhona bu fhreagarraich' air son an tìr a 
dhìonadh o naimhdibh, gidheadh bha mòran de mhaithibh na dùth- 
cha aig an robh cus farmaid ris air son co ro mheasail 's a bha e aig 
an t-sluagh, 's leis nach bu diù gu'm biodh iad air an riaghladh le 
neach bu lugh' inbhe na iad fein, 's nach robh 'na thighearna fear- 
ainn mar bha iadsan. Thug am farmad 's an spiorad eudaich so a 
mach an droch thoradh 'an Alba bhochd aig an àm ud a thug iad 
n mach an iomadh àite de'n talamh, agus 's an Roinn-Eòrpa o 'u 
Tiair ud, 's eadhon 'n ar latha fèin. Bha mòran de na h-uaislean 
ud nach do chruinnich an luchd-leanrahuinn idir gu Uallas a chòmh- 
nadh 'an aghaidh a naimhdean, ged a bha fios maith aca nach robh 
neach eile san rioghachd co freagarrach ris air son na dreuchd gus 
an do ghairmeadh e, 's a ghabh e os làimh. Ach an dèigh sud uile 
fhuair Uallas feachd maith cruinn a measg an t-sluaigh chumanta, 
's na'n uaislean a bha 'g aideachadh a bhi dìleas da. A rèir coslais 
cha b' e 'rùn Eideard a choinneachadh 'am blàr fosgailt', ach na 
h-uile dragh 'us moill a b' urrainn e chur air, gus am b' eigin da 
pilleadh dhachaidh. Ach an uair a bha Eideard 'an imcheist ma 
ciod a dheanadh e, 's a chuid saighdearan ocrach a* maoidheadh 
fhàgail air a dhlò, thàinig dithis bhrathadaìrean, larla Dhunbàrr 
agus larla Aoughais do'n champa, 's dh' innis iad dha gu'n robh 
'Uallas 'na luidh' 'am frìdh na h-Eaglais-brice, fa rùn ionnsuidh a 
thoirt air na Sasunnaich an oidhche sin fein. 

Ann an uair a thìm bha 'n t-arm Sasunnach ullamh gu gluasad 
air aghart gu Uallus a choinneachadh. Stad an t-arm an oidhche 
Bin air monadh faisg' air Linlithgo. Mu bhriseadh na fàire ghabh 
iad air aghart tromh 'n bhaile sin, 's 'nuair a shoilleirich an là 
•chunnaic iad na h-AIbannaich air aghaidh cnuic mu'n coinneamh 
dlùth air an Eaglais-bhric. Cha do mheas Uallas iomchuidh teich- 



UILLEAM UALLAS. 79 

«adli rolmli *n nàmhaìd, a thàiaìg mar so co dlùth a thaìrgseadh 
cbmhraìg. Ged a bha triùir aig Eideard mu choinneamh gach duine 
'bh' aige feìn, chuir e dhaoine *s an òrdugh a b' fhearr a ghabhadh 
deanamh air son blàir a chur. Chajrobh aig' ach aon mhìle marc- 
ach. Bu luchd-sleagha 's fir-bhogh' a' chuid eile de'n arm, a bha 
uile 'n an coisichibh. Roinn e 'n luchd-sleagha 'n an ceithir buìdh- 
nibh cruinn' air leth, 's na fir-bhogha 'n an sreathaibh eatorra sin. 
Shuìdhich e na marcaichean mar bhuidheann còmhuaidh air cùl a' 
chuid eile de 'n arm, air son buidheann air bith de'n nàmhaid, a 
dh' oidhirpicheadh tighinn orr' o'n cùl, a chumail air ais. 

'S ann air taobh nan Sasunnach a bha tòiseachadh na cònnspaid. 
Thàinig iad air aghart nan trì buidhnibh. 'N uair a chunnaic na 
morairean a bha stiùireadh na rèisimeid each an dà thaobh a' tighìnn 
gu ionad tharruing lann, agus a' cheart da rìreadh a' tòiseachadh 
air obair a mharbhaidh, thionndaidh iad ceann an cuid each, 's ruith 
Ìad air falbh o'n àraich le leum cheithir bonn, a' fàgail an iuchd- 
dùthcha bochd gu iad fèin a dhionadh o 'naimhdibh mar a b' fhearr 
a dh'fheudadh iad. Dh' aithnich Uallas, 's dh' aithnich na h-uil' eile 
gu 'n robh 'n fhoill ann, 's gu 'm b' ann fa rùn e f6in 's a luchd- 
leanmhuinn dìleas a bhrath thairis do Eideard a bha oifigich nam 
marcaichean ud co fada ga leantuinn. Co dhiu lean e air a 
chòmhrag co fad 's a chaidh aig air, gus am f ac e gu 'n robh 'n là 
gu bhi air a chall. Thug c 'n sin an t-òrdugh air son retreit gu 
h-athaiseach, òrdail, 's thog e fein 's a' chuid eile de na h-oifigich a 
b' fhearr a bh' air an armachadh an àit' air deireadh an airm, mar 
a bha iad a' màrsail air falbh o'n àraich. Cha do lean an nàmhaid 
air an ruaig, *s co mòr a bha iad air an claoidh le obair an là. Ach 
cha robh teagamh sam bith nach h-ann aig na Sasunnaich a bha 
ooairna buaidh-Iàthraich . Thuìt mòran sluaigh air gach taobh 
Phill tFalIas an là air na mhàireach air ais a dh' ionnsuidh na. 
h-àraich, 'sfhuaradh cùig mìle deug de 'na h-Albannaich nan 
luidhe marbb air an achadh, 's nam measg sin Sìr lain Greumach. 
'N nair a fhuaradh a chorp-san, leum TJalIas dhetli 'n each, 's thog 



80 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

e 'na ghlacaibh e, 's pliòg e'n aghaidh ghlas-neulach, ag ràdh, "Mo 
thruaighe ! mo bhràthair a V fhearr — m' fhìor charaid 'n uair bu 
chruaidh' a bha mi air mo theannachadh." Tha 'm fiùdhalach so- 
air adhlacadh 'an cladh na h-Eaglais-brice, agus seann leac-hghidh 
fathast a' comharrachadh an àite 's am bheil e 'na luidhe, agus an 
dòigh 's an robh e air a mharbhadh. 

An dèigh blàr na h-Eaglais-brice, a chuireadh air an 22 de mhios 
deireannach an t-samhraidh, 1298, mhàrsail Eideard an t-arm gu 
baile Shruileidh an dùil gu 'm faigheadh a chuid saighdearan rud- 
eigin a dh' itheadh iad 's a' bhaile sin. Ach fhuair e 'm baile na. 
lasraichibh, 's an dùthaich mu'n cuairt deth air a fàsachadh, 's air a 
losgadh leis na h-Albannaich fèin. Fhuair buidheann de 'n arm a 
chuir e troimh Shiorrachd Fiofa baile ChiII-Rimhinn air a losgadh 
mar an ceudna, 's fhuaradh baile Pheirt air an aon dòigh. Cha 
robh rian aig sluagh coimheach air a bhi beò 'an dùthaich 's am bu 
roghnuiche leis an luchd-àiteachaidh na h-uile ni air an leagadh 
duin' a dheud a losgadh, na e thuiteam nan làmhaibh-san. B' èigia 
do Eideard, le cion bìdh', an fheachd a mhàrsail air ais do Shasunn, 
an ceann a dhà no thrì sheachduinean an deigh là na h-Eaglais-brice, 
gun bhuille tuilleadh a bhualadh, ged a dh' fheudadh e bhi air sheòl 
eile furasd' an rioghachd a cheannsachadh gu h-iomlan a chionn iad 
a bhi co mòr air an roinn an aghaidh a chèil', agus an t-arm air a 
lagachadh 's air a mhi-mhisneachadh. 

7. 'N uair a thuig Uallas là na h-Eaglais-brice co neo-shàbhailte 
's a bha e dha earbs' a chur 'an cuid de àrd uaislean na tìre, leig e 
dheth dreuchd TJachdarain Alba, a chionn nachb' urrainn e 'cumail 
ni b' fhaide le tairbhe do'n aobhar a bha e 'dìonadh. Bha e deònach 
air na b' urrainn e dheanamh air son saorsainn a chosnadh d'a dhùth- 
aich mar shaighdear cumanta, no co-dhiù, oifigeach os ceann àireamh 
shaighdearan. 'S rinn e na b' urrainn e 's an t-suidheachadh sin. 
Ach bha 'n gnothuch a' dol air ais, 's a' fàs ni bu mhi-choslaiche 
riamh o leig esan dheth riaghladh an airm 's na dùthcha, ged a 
chaidh àireamh dhaoin' uaisl' eil' ainmeachadh 'n an àrd-riaghlairibh. 



uiltj:A3i uallas. 81 

Oed a chuir an t-ocras dachaidh Eideard goirid an dèigh buaidh na 
h-Eaglais-brice, gidheadh b' fhad' o 'smuaintibh Alb' a leigeadh 
as a spuiribh gus am faigheadh e i air a h-ath-cheannsachadh. 
Cùig taruis an deigh sud ruith e thairis air Alba, mar thonnaibh 
cuain, le feachd honmhor. Mu 'n cuairt de shèa bliadhn' an dèigh 
là na h-Eaglais-brice, bha gach àrd 'us ìosal 's an rioghachd air 
aideachadh ùmhlachd a thoirt do righ Shasuinn ach Uallas a mhàin, 
's tearc de luchd-leanmhuinn dìleas a bh' aige. Leò sin lean e air 
na b' urrainn e dhragh 's a chall a chur air na Sasunnaich còrr 'us 
bliadhn' an dèigh do gach dùchair eil' an armachd a leigeadh sios. 
Bha e fèin 's a luchd-Ieanmhuinn a' tighinn beò air a' chreich a bha e 
toirt o na Sasunnaich. Bha e tuineachadh mar bu trice 's an dùth- 
aich choilltich eadar Glascho 's Dunbarton. Chuir Eideard suim 
mhòr de airgiod ceann air, 's fadheòidh thug fear d' am b' ainm Sìr 
lain Monteith, a bha uaireigin 'n a charaid aig Uallas, ach a nis 
''na cheannard air caisteal Dhunbartoin fo Eideard, brìb do aon d' a 
sheirbhisich air son a bhrath. Thug an seirbhiseach foilleil ud 
comliarra do'n cheathairn a chuir Monteith uaithe, leis am biodh fios 
aca 'n uair a bhiodh e tearuinte dhoibh ionnsuidh a thoirt air. A 
reir a' chomharraidh so thàinig iad air 's e 'n a chodal 'an uamhaig 
anns a' choille. Chaidh a ghiùlan gu ruig Lunainn, trom luchd- 
aichte le iaruinn, far an robh Eideard garg gu neo-fhoighidneach 
a' feitheamh air son a chuid fola. Thugadh fa chomhair cùirt 
lagh' e gu dhol fo dheuchainn air son a bheatha. B' i 'cheud chùis- 
dhìtidh a chuireadh as a leth, gu'n robh e 'n a cheannairceach 'an 
aghaidh crùin Shasuinn. Fhreagair e 'n sin nach b' urrainn e bhì 
'na cheannairceach 'an aghaidh rìgh Shasuinn, o' nach robh e 
riamh 'na iochdaran aige. B' i 'n ath chasaid, gun do ghlac 
's gu'n do loisg e bailtean 'us caistealan, 's gu'n do mharbh e mòran 
dhaoine, 's gn'n d' rinn e mòran ainneirt. Fhreagair esan gu'n robh 
c fior gn'n do mharbh e ro mhòran Shasunnach, ach gur h-ann a 
chionn iad a bhi dol a cheannsachadh 's a chreachadh^'na dùthcha 
d'am buineadh e i6m, Alba; agu3 'an àit' aithreachas a ghabhail air 



82 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

son sìn, gur h ann a bba e ro dhoilich nach do chuir e ga bàs 
mòran eile dhiubh. Cha robh leithid sud de fhreagraidhean a' dol 
a riarachadh Eideird 's a chuid bhreitheamhna dioghaltach. Dhìt 
iad Uallas gu bhi air a chur gu bàs leis a' cheann a chur dheth. 
Chaidh a ghiùlan air càrn-slaodaidh gu Smithfield, àit' a' chasg- 
raidh, air an 23 là de cheud mhìos an fhoghair, 1305, 'sa làmhan 
ceangailt' air a chùlaobh. Agus an dèigh a chur gu bàs anns 
na dòighibh 'bu phiantail' agus bu bhuirb' air am b' urrainn a 
mhortairean smuaineachadh, ghearr iad 'n a cheithreannaibh e, 
*schuir iad a cheann suas air crann aig drochaid Lunainn, — a 
làmh dheas os ceann drochaid a' Chaisteil Nodha, 's a làmh thoisg- 
^eal 'an àite follaiseach ann am Beruìc. Chuireadh ceithreamh eile 
<dheth gu ruig Peirt, 'us ceithreamh do Abaraidhean. Shaoil le 
ÌEideard gu'n sgaoileadh e leithid de chrith-oillt 's de uamhas a 
-measg chàirdean na h-Alba 's nach gabhadh aon sam bith dhiubh a 
,dhànadas aìr tuilleadh àr a mach a dheanamh 'na aghaidh, ach 
gu'n robh luchd-àiteachaidh na dùthcha sin, an sin 's uaithe sud a 
mach gu bràth fo 'mheachainn gus na laghan a ghabhail a b* àill 
leis-san 's le 'shliochd a thoirt, 's a bhi air an riaghladh 's an dòigh 
. am f aiceadh esan iomchuidh. Ma bha rèisd. 



CAIB. XII. 

KAIBEART BRUS. 

Sè miosan an dèigh do Shir UiUeam TJaUas a bhi air a chur gu bàs, 
<;haidh Raibeart Brus a chrìinadh 'na righ air Alba. Ach chaidh e 
troimh mhòran nithibh mu'n do ràinig e air sin. B' ogha an|Raibeart 
iBrus so do 'n Bhrusach ud eiF a bha 'còmhstri ri Bailiol air son crùn 
Alba fhaotainn, agus aig an robh còir co maith air 's a bh' aig 
Bailiol. Bha araon 'athair 's a sheanair, a reir barail cuid, air bàs- 
achadh aig an àm so, ged nach robh ach cùig bliadhna deug o 
rinn Eideard rìgh de Bhaliol. Bha athair a' Bhrusaich so 'na char- 
aid 's na f hear-eòlais aig righ Shasuinn, 'na oifigeach 's an arm 
aig', agus a' cogadh ri 'thaobh fèin 'an iomadh blàr. Bha, mar so, 
am Brusach òg air a thogail suas a measg chùirteirean Eideird a bha 
ga mhealladh le bhi 'gealltuinn crhn Alba dha 'n uair a gheibhteadh 
Uallas air a cheannsachadh. Cha'n'eil teagamh sam bith aig 
luchd-eachdraidh nach robh Brus a' tighinn do Alba 's a' cogadh 
an aghaidh a luchd-dìithcha fèin ri linn Uallais, air sgàth taobh 
xèidh a chumail ri Eideard ; oir bha mòran fearainn aig' an Alba, 
Annandail agus Carraic, air'an robh e 'na larla. Bha na h-Albann- 
jùch mu'n àm so air fàs co sgith de ain-tighearnas nan Sasunn- 
4M;h 's a bha iad mu'n do thog Uallas a làmh riamh 'n an aghadh, 
Bha na Sasunnaich a' cumail freiceadan 's na h-uile caisteal a 
ì)ha 'n Alba, 's luchd-dreuchd Shasunnach a' toirt air aghart uile 
^hnothuichean na riogliachd. Cha robh ni anns an cuireadh na 
Sasunnaich sùil nach feumadh iad fhaotainn, olc air mhaith leis 
an f headhainn d'am buineadh c ; 's nan gabhadh neach sam bith 
AÌr gearan a dheanamh air Sasunnach, bhiodh e 'n cunnart gu'n 



84 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

cailleadh e 'cliuid de n t-saoghal, no eadhon a bheath' air son » 
dhànadais. Chaidh mòran de uaislean fiachail na tlr' a chroch- 
adh mar na triuthairibh bu mhò, air son nan aobharan bu lugha,. 
no gun aobhar idir. Bha mòran eile, mar bha Raibeart Brus, air 
an gonadh 'n an cridhe leis an tàmailt air son an ain-tighearnais 
leis an robh iad a' gidlan. B' e lain Coimin, uachdaran Bhàidean- 
ach, an duin' eil' a bha co faisg air crùn Alba ri E-aibeart Brus. 
Bu mhac peathar an Coimineach so do Bhailiol; agus còir sam bith 
a bh' aig an duine sin air a' chrùn 's ann do mhac a pheathar, mar 
an t-oighr' a b' fhaisg* air, a bhumeadh i. Bha càirdeas aig 
Coimin mar an ceudna ri teaghlach rioghail Alba, 'thaobh 'athar. 
Bha Brus mu'n àm so 'an Alba, a rèir coslais air ''gnothuch an 
righ." Fhuair e fàth air bruidhinn ris a' Choimineach. Bha iad 
a' marcachd cuideachd air falbh o bhaile Shruileadh, agus a' 
comh-labhairt air staid thruaigh na dùthcha. "Thoir thusa 
dhomhsa do chuid fearainn," arsa Brus ris a' Choimineach, " agus 
cuidichidh mis' thu gus ar naimhdean f huadachadh a mach ; no 
bheir mise dhuitse mo chuid fearainn fèin agus cuidich thusa mi 
'n am oidhirpibh gu righ-chathair mo shinnsear fhaotainn.'* 
Chòrd an Coimineach ri fearann Bhrus a ghabhail, agus cuideach- 
adh leis gus an rioghachd fhaotainn. Bha 'n còrdadh so air a chur 
'an sgriobhadh, 's ainm gach fir air a chur ris, 's ghlèidh iad le 
chèile dùblachadh dheth; ach thug Raibeart Brus e fèin as gu 
ruig Lunainn gun dàil, air eagal fàth teagaimh sam bith a thoirt 
do Eideard mu 'thimchioll. Fhuair an Coimineach a mach mar 
an ceudna gu'n d' fhuair Brus gealltanas, gu diomhair, air cuid- 
eachadh o chuid de àrd mhaithean na rioghachd anns am b' urr- 
ainn e earbsadh.*' Ach 'an àite bhi dìleas da ghealladh 's ann a chuir 
an Coimineach a dhùblachadh fèin de'n chùmhnant gu Eideard, 
agus beag no mòr de innseadaireachd air an ullachadh uaigneach 
a bha 'dol air aghaidh a measg mhaithean Alba, gus a' chuing Shas- 
unnach a thilgeadh dhiubh. Cha do leig Eideard dad air. Bha e, 
ma b' f hior, co dèigheil air comunn a' Bhrusaich 's a bha e riamh. 



RAIBKART BRUS. 85 

B' e 'm beachd a bh* aige gu'm faigheadh e cinn-ibil na comh-^ 
bhoinn so air an glacadh gu h-iomlan, 's air an casgradh ceart 
còmhladh. Cha b' urrainn e iad sud fhaotainn an làimh gun 
ciiid eigin de na bha timchioll air fdin fhaighinn a mach ciod a* 
choir' a bha 'n an aghaidh. Agus mar so thug neach èigin de 'n 
mhuinntir a bha faisg air pears* an righ sanus do 'n Bhnisach 
mu'n chunnart 's an robh e. Cha bhiodh e sàbhailt sin a dhean- 
amh le cainnt beòil, 's tha cuid ag ràdh gur e paidhir spuirean a 
chuir an caraid ud thuige. Ghrad leum e 'na dhioUaid, 's mharc- 
iùch e nall do Alba co luath 's a dheanadh ceithir-chosach e. 
Ràinig e caisteal Lochmabein, air an robh Eideard a bhràthair 'na 
chomanndair. Bha 'n Coimineach ri bhi 'n Dumfries an là air na 
mhàireach aig cìiirt a' Bhreitheimh Shasunnaich. Mharcaich 
Kaibeart Brus a null do'n bhaile sin còmhladh ri dithis chàirdibh, 
Lindsi, agus Sir Ròger Circpatric, air los bruidhinn a dheanamh 
ris a' Choimineach. Thug e fiadhachadh dha a choinneachadh 
aig eaglais nan Glas-bhràithrean* 's a' bhaile. Dh'altaich iad beath' 
a chèile, 's phòg iad a chdile 'n uair a choinnich iad, a ròir nòis 
nan aman ud, *s ghabh iad suas a dh'ionnsuidh na h-altrach, a* 
dian chomh-labhairt. Chuir am Brusach an ire dha *mhi-dhìls- 
€achd da ghealladh, 's mar a bhràth se e do righ Shasuinn. *' Is 
Ìjceug e," are* am brathadair dalma. Ghrad las nàdur a' Bhrus- 
aich ri aghaidh na leamhalachd ud, 's gun fhocal tuiUeadh thug 
^ tarruing air a chlaidheamh, 'sbhuail e sios e air ceumaibh na 
.-altrach. Phill e mach air ball mar le sgreatachd, air son an 
Tud a rinn e. 'N uair a chunnaic a chàirdean a bha 'feitheamh 
air taobh a muigh na h-eaglais e làn uarahais 'us glas-neulach, 
dh* fheòraich iad ciod a b'aobhar dha sud? "Tha teagamh agam," 
rsaBrus, "gu'n do mharbh mi'n Coimineach." "A bheil sibh a' 
igail a leithid de ghnothuch teagmliach?" arsaCircpatric, "ni mise 
iimteach e." Le sin chaidh e fòin 'sa chompanach a steach, 

• Grey-friari, 



86 SACHDBAIDH NA H-ALBA 

'smliarbh iad buileach an Coimineach leònta le*m biodagaibh^ 
Chaidh brathar-athar dha, Sir Raibeart Coimin, a mharbhadh aig 
an àm cheudna. 

'An dèigh a' ghniomh bàis a bha 'n sud dh' fheudtadh a ràdh 
gu'n robh cùisean a' Bhrusaich eudòchasach. Bha e fiachaicht'" 
air càirdibh a' Choiminich, a bha cumhachdach agus lionmhor, an. 
tòrachd a thoirt a mach air son a bhàis, a rèir an lagha ris an 
robh saighdearan a' sealltuinn 's na h-amaibh ud. Bha righ Shas- 
uinn gu èiridh 'na aghaidh air son a' ghniomh ud, agus an aobh- 
air mu'n d' rinn se e. Agus ni b' eagalaiche na iad sin uile, bha 
eaglais na Ròimhe gu a cumhachd fèin a thionndadh 'na aghaidh 
air son e dhòirteadh fol' an taobh a stigh do bhallachan eaglais,. 
a bha 's an àm ud air a mheas 'na naomh ionad dion 's na h-uile 
cunnart. Ach an àite tuiteam 'an alltapadh 's ann a bha spiorad 
a' Bhrusaich air a dhùsgadh suas gus an tuilleadh duinealais 'us 
misneachd ann an coinneachadh nan doirbheasan leis an robh e air 
a chuairteachadh. Thug e leum, agus dol air ais cha robh ann.. 
Bha fios aige gu'm feumadh a cheann, an dara cuid crhn a ghiù- 
lan, no bhi air a thogail suas ri taobh ceann Uallais air drochaid 
Lunainn. Chuir e fios air a* mheud de àrd mhaithean na tìre 'us^ 
as am feudadh e earbsadh, 's thug iad sin leò na b' urrainn iad de 
luchd-leanmhuinn. Thionail cuid de sheann luchd-leanmhuina 
Uallais mar an ceudna, mach as an àitibh foluich, 's chuir siad iadi 
fèin fo a bhrataich. Leis an armailt bhig so mhàrsail e timchiolli 
Ghlascho, gu Peirt 'us Scoinne, an t-àit' am b* àbhaist righrean 
Alba bhi air an crùnadh. 

2. B' ann air 29 là de 'n Mhàirt, 1306, a chaidh Raibeart Brus 
a chrùnadh 'na rìgh air Alba. Deich bliadhna roimhe sud bha 
righ Shasuinn air crùn Alba, 's an t' slat-rioghail, 's an Lia Fàil, 
's gach ni air bith eil* a bhuineadh do rioghalachd a thoirt leis. 
Bha iomadh là soilleir, greadhnach 'an Abaid Scoinne roimhe sud 
aig àm crunaidh righrean; ach ged is e E^ibeart Brus, gun teagamL 
sam bith, righ bu mhò bha riamh air Alba roimhano na dheigh,. 



^ 



RAIBEUIT BRU8. 87 

cha robli co beag greadhnachais co-cheangailte ri crùnadh aon sam 
bith dhiubh 's a bha ri 'chrìinadh-san. Rinn còran beag òir, a 
chuireadh ri 'chèile le cabhaig 's an àm, a' chùis air son a' chrùin. 
Thug Aba Scoinne seachad caithir 'an iasad, agus thug Easbuig 
càirdeach earradh an iasad. Air an 18 là de 'n Mhàigh an dèigh 
sin, bha e air iom-sgaradh o chomunn nan Criosduidhean leis a' 
Phàp' air son fuil a dhòirteadh anns an eaglais. Bha 'n t-iom- 
sgaradh so a' filleadh a stigh gu 'm feudadh duine sam bith a thog- 
radh a mharbhadh, agus nach feudadh Criosduidhean comh-pàirt- 
eachadh ris 'an nithibh aimseireil, 's nach feudtadh sochair eaglais 
a thoirt da. 

'N uair a chuala rìgh Shasuinn mu dhol a mach a' Bhrusaich 'an 
Alba, thug e bòid shòluimt' aig fleadh mhòir an làthair a chùirt- 
eirean, gu'n deanadh e làn dioghaltas air fèin 's air a luchd-lean- 
mhuinn; agus an dèigh sin nachtarruingeadheclaidheamh tuilleadh 
ach an aghaidh nan Sarasach, naimhdean a' chreidimh ann am 
Palestin. Bha Eideard fèin a nis air fàs tròm 'us anfhann. Cha 
b* urrainn e 'each marcachd a làimhseachadh co aigeannach 's a 
dheanadh e roimhe so, ged a bha e co garg 'na spiorad 's a bha e 
riamh. Ach chuir e larla Phembroc air aghart gus am Brusach 
's a luchd-leanmhuinn a cheannsachadh. Ràinig Pembroc baile 
Pheirt. Chuir Brus armailt bheag fèin 'an òrdugh 'an achadh 
dlù do'n bhailc sin, 's thug e fiadhachadh do 'n t-Sasunnach gu 
còmhrag. Chuir Pembroc fios thuige gu 'n robh cus de 'n là air 
dol seachad, ach gu'm biodh e ullamh air son blàr a thoirt dha tois- 
each an là màireach. Dhi-chuimhnich an righ aig an àm so, a 
lèir coslais, gu 'n robh e fo bhinn iom-sgaraidh a' Phàpa, 's nach 
lobh n(3ach sam bith mothachail air a bhi fo fhiachaibh firinn no 
ceartas a chumail ris, ach gu 'm bu ni glòrmhòr 'an sealladh a 
naimhdean cothrom fhaotainn le foill, no air sheòl eil' air làmh a 
chur 'na bheatha. Agus mar sin, gun teagamh a chur 'am focal 
an larla Shasunnaich, thamiing e air ais a chuid daoine gus an 
oidhche 'chur seachad 'an coillc Mhethbuin, 's a choimhearsnachd. 



88 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

Aii dèigh an cuid each a leigeadh mii sgaoil, 's an cuid armachd a 
chuir dhiubh thòisich gach buidheann air còcaireachd roimh dhoibh 
hiidhe sios gu tàmh. Ach gu h-obann, thogadh glaodh gu 'n robh 
na Sasunnaich a tighinn orra 'n an teann ruith le sùil ra 'm beò- 
shlugadh suas, mas farradh iad air tionndadh. Rug gach fear 
air armachd co grad 'sa ghabhadh deanamh, 's am fear a dh' fbeud- 
adh chaidh 'na dhiollaid. Ach bha 'n nàmhaid orra co grad 's nach 
b' nrrainn iad a dhol 'an òrdugh ; 's a chionn gu 'n robh triìiir Shas- 
unnach mu choinneamh gach Albannach cha b' urrainn teagamh 
a bhi'na leithid de chàs, ciod an taobh air an deigheadh. Chaidh an. 
t-each aig rìgh Raibeart a mharbhadh fodha, 's bha e fèin tearc 
de mhionaidean 'an làmhaibh a naimhdean. Ach thachair gu 'm 
b' Albannach bu cheannard air a' mhuinntir a ghlac e, ged a bh^ 
e 's an arm Shasunnach, 's o nach robh e air son a thoirt thairis 
do Eideard leig e cead a choise dha. Ach a thuiUeadh air na 
mharbhadh 's an t-sabaist so, chaidh mòran a ghlacadh 'n am 
priosunaich 's an cur gu bàs an dèigh sin. 

3. Bha Brus 'na dhuine neo-chumanta treun 'an corp 's an 
inntinn ; o thugadh air falbh Sìr UiUeam UaUas cha robh duin 
eil' an Alba a ghabhadh coimeas ris 'an neart, 's an duinealas, 's am 
freagarrachd 'sna h-uile seadh air son feachd a threòrachadh. 
Agus cha b'fhad' an dèìgh blàr Mhetuin gus an d'fhuair na 
comasan sin làn chleachdadh, an dà chuid ann e fèin a dhionadh 
o 'naimhdibh, agus 'an giùlan 'us foighidin fy na deuchainnibh a 
bha 'coinneachadh ris. Thòisich a chuid daoin', a Hon buidheann 
'us buidheann, ga fliàgail, o nach robh dòigh aig' air an cumail 
suas. Ach dhhith-lean àireamh maith de fhior chàirdean dìleas 
ris. 'N am measg sin bha Morair Seumas Dùghlas, ris an abrar 
an deadh Mhorair Seumas ; agus mar an ceudn a bhràthair fèin, 
Eideard. Thàinig a' Bhan-righ, mar an ceudna, 'n an ceann, maiUe 
ri mnaibh 'us peathraichibh an tearc de uaislean a bha ga lean- 
tuinn. Thug iad beanntan na Gàeltachd orra, far an robh iad air 
an ruagadh car ùin' o chnoc gu cnoc, 's o ghleann gu gleann, air 



RAIBEART BRUS. 80 

feadh AdhoiU taobh *s ear Eayra-ghàeil. Bha iad a' tighinn beò 
mar a b' fhearr a dh' fheudadh iad, air seilg 'us iasgach. Bha 
♦agal air an luchd-àiteachaidh fein mòran caoimhneis a nochdadh 
do na fògarraich bhochd ud, a chionn gu'n deanadh na Sasunnaich 
dioghaltas orra na 'm faigheadh iad a mach e. Fa dheòidh thug 
Erus an oidhirp air faotainn a steach do Lathairn, cearna f harsuinn 
<ie Earra-ghàeil, 'an dùil gu 'm biodh e na b' fhusadh dha e iè'm a 
dhionadh 's a chumail suas 's an ddthaich sin. Ach bha teaghlach 
nan Dìighallach, de'n goirteadh 's an àm sin tighearnan Lathairn, 
<àirdeail do na Sasunnaich. Agus bha mòr fhuath aig lain 
Lathairn, a bha 'n sin 'na cheann air an teaghlach ud, do Bhrus air 
son e mharbhadh a Choiminich, a bha fagus an càirdeas da fèin. 
Thog e, uime sin, a chuid daoine 's chaidh e mach an aghaidh a 
Bhrusaich air los a ghlacaidh mar phriosunach, no fhuadachadh 
air falbh as a dhùthaich. nach robh aig Brus ach àireamh beag 
dhaoine, cha b' urrainn e aghaidh a chumail ris an fheachd hon- 
mhor a bha leantuinn a chinn-feadhn' ud, agus mar sin dh' òrduich 
e d'a chuid daoine teicheadh tre bhealach cumhang eadar dha 
l>heinn, tre nach b' urrainn a dhol còmhladh ach ro thearc de 
dhaoine. Bha'n rìgh fòin air mharcachd; sheas e air deireadh na 
<;uideachd gus an luchd tòraclid a chumail air ais, gus am faigheadh 
iad teicheadh 'an tearuinteachd. Bha e 'marbhadh 'an sin, 
thar muin an eich, neach sam bith a bha 'gabhail air an ruaig a 
leantuinn. Bha triùir de luchd-leanmhuinn an Dùghallaich, athair 
agus a dhithis mac de 'n goirteadh Mac Androsair, daoine calm', 
a bhòidich gu 'm marbhadh iad Brus no gu 'n deanadh iad prios- 
unach dheth, air son e 'bhi mar sud a' seasamh 'nan rathad a* 
d\onadh a chuid daoine fdin. Bha creag àrd, gheur air an dara 
taobh dheth, 'us loch domhain air an taobh eile, 's iad sin co faisg 
air a cheile 's nach leigeadh e creutair seachad air. Leum an 
triìiir ud ceart còmhladh air an righ. Rug a' cheud fhear dhiubh 
air srèin an ejch; ach ghearr Brus a ghàirdean deth le aon bhuille 
de 'chlaidheamh, 's bhàsaich eh tràghadh fola. Rug a bhràthair 



90 lACHDEAIDH NO H-ALBA 

air cois a Bhrusaich, 's thòisich e ai^; a tharruing gu làr, ach chuir- 
am marcach spuirean ris an each a thug a leithid de leum as, 's a 
leag MacAndrosair gu talamh, agus an àm dha hhi 'g èiridh sgoilt 
am Brusach a cheann le aon bhuille de'n chlaidheamh mhòr. 
Ach mas gann a bha so deanta bha 'n t-athair an dèigh leum air 
a' Bhrusach o chulaobh, 'us greim bàis a dheanamh air a làmh- 
aibh 'us fhalluinn air sheòl 's nach b' urrainn e làmh a shìneadh 
no e fèin a chur saor air aon chor. Acli ghabh e dha le dul a 
chlaidheimh gus an do bhris e slig' a chinn aige ; agus ged a bha 'n. 
duine marbh bha leithid de ghreim aig' air falluinn an rìgh 's gu'n 
robh e 'n impis a thachdadh 'an crochadh ris an each. B' èigin 
da mar sin, gu e fèin a chur saor, am bucall a bha ceangal na fal- 
luinn 'uime fhuasgladh, 'sa leigeadh sios thun an làir leis an 
duine mharbh. Tha 'm bucall so fathast air a ghleidheadh 'au 
teaghlach an Dùghallaich, mar chuimhneachan air a' chaol thear- 
nadh a rinn rìgh Raibeart o thuiteam an làmhaibh lain Latharna. 
an là ud. 

4. Ach an dèigh iomadh teugbhail fhuiltich de 'n t-seòrsa so„ 
V èigin do'n rìgh 's da chàirdibh sealltuinn a mach air son àite 
bu tìoraile na na monaidhean fiadhaich ud gus an geamhradh a 
chur seachad. Bha 'n là nis air fas goirid, 's an oidhche air fàs 
fada, fuar; 's cha b' urrainn na bain-tighearnan am monadh a. 
chumail m h' fhaide. Bha caisteal ChiU-drumaidh, 'an Siorrachd. 
Abaraidhein fathast a' cumail a mach 'an aghaidh nan Sasunn- 
ach, agus 'an làmhaibh chàirdean do'n righ. Agus 's e rùnaich. 
e na bain-tighearnan a chur do'n chaisteal sin, maille ris a' chuid 
eir a b' anfhainne de'n chuideachd, agus a bhràthair fèin, Nigel^ 
òganach tlachdmhor, 'na fhear-iiiil doibh ga 'n treòrachadh thun. 
na daingnich sin, 's na f hear-frithealaidh dhoibh an dèigh sin,. 
' s cha b' ann gun mhòran iomaguin, 'us dheur a shileadh la 
gruaidhibh neo chleachdta ri taiseachadh, a thachair an dealach- 
adh so, gun fhios an coinnicheadh iad gu h-aithghearr, no idir air 
thalamh, Ach cha robh leasachadh air a' ghnothuch ; b' èigioi 



EAIBEART BRUS. 91^ 

V 

sgaraclidumn a bhi ann. Fhuair Nigel Brus a steach do'n daing- 
neach gu tearuinte còmhladh ris na càirdibh a bh' air an earb- 
sadh ris. Ghabh an rìgh fèin, 'us tearc de luchd-leanmhuinn, a 
measg an robh a bhràthair Eideard, air an aghart tre'n mhonadh, 
gus an do ràinig iad Maoil Chinntlre. Ghabh e 'n t-aiseag à sin 
'am bàta beag gu ruig Rachluinn, eilean beag air taobh tuath 
Eirinn, mu thuaiream ceithir mìl' o thir-mòr. 'S an eilean so 
chuir e feiu 's a chàirdean an geamhradh seachad tearuint' o thòr- 
achd a naimhdean fuilteach. Ach cha b' ann mar sin a thach- 
air do'n bhuidhinn ris an do dhealaich iad air monaidhibh fuara 
Bhraidalba. Ghlac na Sasunnaich caisteal ChiU-drumaidh, 's chuir 
iad gu bàs ISfigel Brus àluinn, agus Sìr Cristopher Seton, bràthair 
na ban-righ, agus mòran eile de f hior chàirdean a' Bhrusaich, a 
bha'n an àrd-mhaithibh na rioghachd. Thugadh a' bhan-righ 
fèin, maille ri 'leanaban nighinn, agus dithis pheathraichean an 
righ, do Shasunn mar phriosunaich ; agus chuireadh Ban-Iarla 
Bhuchain 'an gainntir, ann an aon de na prlosuna 'bu treise 's an 
rioghachd. Thug ise mòran oilbheim do na Sasunnaich air son 
i chur a' chrhin air ceann a' Bhrusaich ann an Scoinne; 's bha do 
rèir sin ni's mò de thàir 's de chuing aice ri 'ghiiilan 's a' phriosun 
na aig na bain-tighearnan eile. Agus a thuiUeadh air so uile 
chaidh fearann a' Bhrusaich arfhuntachadh, no a thoirt air falbh 
o theaghlach-san gu h-iomlan, agus a bhuileachadh air daoinibh 
mòr eil* a bha 'g aideachadh ùmhlachd do righ Shasuinn. Is ca 
iosal sin a thàinig nithe gu bhi maiUe ri Raibeart Brus air a* 
cheud bhliadhn' an dèigh crùn Alba fhaotainn. Cha bu bheag an 
spionnadh cridhe do neach sam bith seasamh ris gach cruaidh 
fhortan a bha 'n sud gun ni-eigin de lagachadh a thighinn air a 
mhisueachd. Agus ma's fior na sgeòil, cha 'n 'eil e mi choslach 
nach tàinig eadhon Raibeart Brus, 'an uair dhuirch, gu bhi 'cur 
teagamh co dhih rachadh no nach rachadh e air aghart a 
dhaingneachadh a chòraichean air a rioghachd f6in. 'S ann an 
uair a bha e gu muladach a' cunntadh na bha roimhe 's na dhèigh 



92 EACHDBAIDH NA H-ALBA 

a thaobh a' ghothuich sin, a thachair an ni ud o na thogadh an 
seanachas mu dhèighinn an damhan-allaidh, a bha 'na bheul- 
aithris aig an àm ud, 's o'n uair sin air feadh Alba. Bha 'n rìgh 
'na hiidh' air a leabaidh maduinn àraidh, 's na smuaintean mul- 
adach ud a' dol tre 'inntinn, co dhiubh a b' f hearr crìin Alba 'chur 
uaithe, 's aghaidh a chur air Palestin, gus na Sarasaich fhuadach- 
adh air falbh, 's gu'm biodh an tìr sin aig na Criosduidhibh, no 
oidhirp a thoirt fathast air a dhiithaich fdin a shaoradh o fhòir- 
neart 'us ain-tighearnas nan Sasunnach, 'n uair a bhuail a shùil 
air damhan-allaidh os a cheann, a bha crochta ri snàthainn fada 
air a shnìomh as fèin, agus a bha e 'g oidhirpeachadh a thilgeadh 
seachad o aon sail gu ceann sail eile, le sìiil ri lion fhigheadh air 
:an t-snàthainn sin eadar an dà shail. Thug am faoin-chreutair 
ud oidhirp an dèigh oidhirp air an t-sail a ruigsinn leis an t-snàth- 
ainn gun an gnothuch a dhol leis, gus mu dheireadh an do chunnt 
Brus gu'n d' rinn e deuchainn air sud sè uairean, agus co tric sin 
gu'n robh 'shaothair air a call. Agus 's e 'smuainich Brus gu'n 
robh 'n damhan-allaidh 's an aon suidheachadh ris fèin. Bha e air 
sè blàir a chur ris na Sasunnaich, no ri'n càirdibh, mu'n d' fhàg 
e Alba, agus chaill e iad uile. "Nis," ars an righ, "ma bheir an 
damhan-allaidh aon oidhirp fathast agus gu 'n teid leis, gabhaidh 
mise sin mar chomharr' air gu 'n soirbhich an t' aobhar leam fèin 
ann am oidhirp air mo rioghachd a shaoradh o 'namhaid." Thug 
an damhan-allaidh an seachdamh oidhirp leis an deachaidh aig air 
greim a dheanamh air an t-sail 's an snàthainn a cheangal rithe. 
Bha 's an aithris gu'n do ghabh am Brusach misneachd o sin Tha 
ouid de Bhrusaich gus an là 'n diugh nach fuiling damhan-allaidh 
a mharbhadh, a chionn gu 'm b' ann le seòladh an f haoin-chreutair 
sin a ghabh am fear-cinnidh misneachd gu aghaidh a chur a ris air 
.an nàmhaid. 

5. Co-dhiù, 'n uair thàinig a steach gu maith 's an earrach rinn, 
an rìgh na h-uil' uUachadh a bha 'na chomas air soa a chòraich- 
ean fèin a thoirt a mach o 'naimhdibh cumhachdach. Fhuair e 



RAIBEART BRUS 93;. 

càirdean 'us cuideachadh a measg cinn-fheadhna nan eilean a 
'siar, 's mar sin thionail e càbhlach beag 's an robh tri bàtaichean 
deug thar fhichead, agus tri ceud fear air bòrd annta. Leis au 
fheachd so thàinig e air tir 'an eilean Arrain, fo sgàile na h-oidh- 
che. Tha 'n t-eilean beag so air taobh Caolas Chluaidh, dìreaoh. 
mu choinneamh a chuid fearainn fèin, Carraic, a th' air taobh deas 
a' chaoil sin. Dh' fheòraich an righ de 'n cheud mhnaoi a choinn- 
ich e 'n dèigh dol air tìr, ciod an àireamh shaighdearan a bha 'san 
eilean? Fhreagair ise, gu 'n tàinig buidheann de choigrich arm- 
aichte do 'n eilean o cheann ghoirid ; 's gu'n do chuir iad an ruaig 
air an oifigear Shasunnach a bha na fhear-riaghlaidh air Caisteal 
Bhrothaic, gu'n do mharbh iad e fèin 's a' chuid bu mhò de chuid 
daoine, 'sgu'n robh iad a nis a' caitheamh an aimsir a' seaJgfeadh 
an eilein. Thug an righ mu 'n airidh e fèin a bhi air a threòr- ■ 
achadh a dh' ionnsuidh na coille bu tric leis na coigrich so a bhi 
taghall. Nis b'e ceann-feadhna na muinntir ud a chuir an ruaig 
air na Sasunnaich, agus a chuir cuid duibh gu bàs, Morair Seumas 
Dùghlas, caraid a' Bhrusaich, ris am b' èigin dealachadh mu'n do 
ghabh e 'n cuan Eireannach toiseach a' gheamhraidh. Shèid Brus 
an adharc 's a choille, 's co luath 's a' chuala Seumas Dìighlas am 
fuaim ghlaodh e mach le aoibhneas, gu'm b'e sud an rìgh; gu'n 
robh e ga aithneachadh air an dòigh sdididh a bh' aige. Cha 
b' fhada gus an robh na càirdean a' fàilteachadh a chèile le mòr 
shubhachas, ged nach b' urrainn gun searbhadas a bhi ac' a' cuimh- 
neachadh air ciod a thachair o dhealaich iad. Ach cha bu daoine 
meath-chridheach na laoich a bha 'n sud. Chuir iad an cinn ri 
chèil' ach ciod an dòigh an tòisicheadh iad air ruagadh an nàmhaid 
a mach as an tìr gu h-iomlan. Rùnaich Brus tòiseacheadh 'na 
chearna fèin de'n dùthaich, a measg a luchd-eòlais, a bha e'n dùil 
a dheanadh còmhnadh ris. B'e 'cheud ni a chaisteal fèin, a bha 'an 
Tumberi, a' bhuntainn à làmhaibh nan Sasunnach. Chuir e null 
duin' earbsach a mhuinntir Charraic fèin, mar blieachdair gu 
sealltuinn timchioll air, 'b gu faotainn a mach ciod an inntinn 's an 



94 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

rrobli an sluagh, agus ciod an àireamh shaighdearan a bh' aig na 
Sasunnaich timchioU air a chaisteal. Agus na 'm mothaicheadh 
e gu 'm biodh an sluagh deònach air èiridh an aghaidh nan Sas- 
unuach, no gu 'n robh coslas sam bith air gu 'n soirbhicheadh leò, 
bha e gu teine fhadadh air cnoc os ceann a' chaisteil air là àraidh. 
Thàinig an là, 'sbha Brus 'sa luchd-leanmhuinn gu h-iomguineach 
a' spaisdearachd air ais 's air aghart air a mhol, 's cha robh teine 
no soillse ri fhaicinn. Fa-dheòidh goirid an dèigh an àm shuidh- 
ichte, chunacas solus air an dearbh bhad 's an robh Cutbert, 
beachdaira' Bhrusaich, gu 'fhadadh; sgaoil 'us mheudaich an solus 
gu bhi na theine mòr, lasrach. Thòisich Brus 's a chuid daoin' air 
tarruing nam bàtaichean thun na mara le mòr aigneadh, an dìiil 
gu 'n robh iad air am fiadhachadh leis a' bheachdair gu leum air 
na Sasunnaich. Cha deachaidh iad fad' o thir 'nuair a thuit an 
oidhche dhoibh. Ràinig iadfearann Charraic mu mheadhon oidh- 
che. Choinnich Cutbert dileas air a' chladach iad le sgeul dhubh- 
ach. Thuirt e gu 'n robh Morair Percey 's a' chaisteal le àireamh 
mòr shaighdearan, 's gu'n robh e air uiread de eagal a chur air an 
t-sluagh le 'bhagraidhibh 's le 'ghniomharaibh, 's nach robh mis- 
neachd sam bith aca gu èiridh an aghaidh righ Shasuinn. 

"^'Agus a bhrathadair," ars an righ, "carson a dh' fhadaidh thu 
'n teiiie ud?" "Oh! Fhir-uasail," ars Cutbert, "cha d' fhadaidh 
mise riamh e, 's cha 'n 'eil fios agam co rinn e, no car son; cha 'n 
fhaca mi e gus an do dhorchaich an oidhche, 's o'n bha fios agam 
gu'm mealladh e sibhse ghreas mi'n so gu bhur cunnart innseadh 
dhuibh. Chuir an naigheachd so oglachd mhòr air Brus. Bha e 
car greis eadar dha bharail co dhiubh a dh'fhanadh no philleadh e. 
Dh' fheòraich e de 'chàirdean ciod a bha iad an dùil bu chòir a 
dheanamh? "Air mo shonsa, mar aon neach" ars Eideard Brus, 
" cha 'n 'eil mi dol a philltinn, la 's tàinìg mi do dhùthaich mo bhreith 
air an dòigh so; an dara cuid aisigidh mi saorsa do 'n tìr, no tuitidh 
mo cholunn air an fhearann 's an d* rugadh mi." An dèigh beagan 
-smuaineachaidh thàinig an rìgh fèin thun na h-inntinn cheudna. 



RÀIBEABT BBUS. 95 

'Eùnaich iad nile, mar so, fantuinn a dh' fhaicinn ciod an soirbheach- 
adh a chuireadh freasdal nan rathad. 

Bha mu dhà chead saighdear aig Morair Percey air chairteilibh 
's a' bhaile ri taobh a' chaisteal, a thuilleadh air àireamh àraidh a bha 
'freiceadain a stigh 's a* chaisteal fèin. Air mharbhan a' mheadhon 
oidhche nd fein chualas fuaim, 'us glaodhaich, 'us eigheach neo- 
àbhaistieach feadh a' bhaile. Ged a bha freiceadain a' chaisteil a' 
cluinntinn so uile 's a' gabhail uamhais mu ciod bu chiall da, cha 
dùraichdeadh iad tighinn a mach rè na h-oidhche, gun fhios co an 
nàmhaid ùr a bha air tighinn, no cia co làidir 's a bha e. 'N uair 
a shoilleirich a' mhaduinn chunnacas na h-Albannaich a' roinn mòran 
creiche — armachd, eich-chogaidh, agus uil' acfhuinn campachaidh 
Mhorair Percy. Fhuair an Sasunnach dùbhlan a rìs tighinn a mach 
as a' chaisteal do'n achadh fhosgailt' a chogadh ri Brus. Ach o 
nach robh saighdear beò aig' ach an dòrlach a bha 's a' chaisteal 
còladh ris, bu bhuidhe leis fantuinn far an robh e, 's tàmailt an diùlt- 
aidh a ghiùlain. B'e so an ceud car soirbheachail a chuir Raibeart 
Brus deth ann a oidhirpibh air Alba shaoradh o fhòirneirt nan 
Sasunnach. Ach goirid an dèigh sud thàinig feachd eile Shasunn- 
ach do chaisteal Charric, 's b' eigin da aig an àm a chùl a chuir air. 
Ach aig an àm cheudna chuir e 'n ruaig air dà larla Shasunnach 
'am blàr tarruingte, 's theich iad gu caisteal Ara, far an do chuir e 
ts^isde theinn rin. 

6. Goirid an dèigh dhoibh dol air tìr an Carraic rinn Morair 
Seumas Dùghlas aìr son a chaisteal fein a spionadh à lamhaibh nan 
Sasunnach. Thàinig e do 'n choimhearsnachd rè na h-oidhche agus 
nochd se e fein do iochdaran dìleas a bh' aig 'athair, a b' aithne 
dha 'n uair a bha e 'na bhalach, agus a ghuil le aoibhneas 'n uair a 
chunnaic se e. Dh' fholuich se e fein 'an tigh an duine so, *s chuir 
e fios gu h-uaigneach, a lion fear 'us fear, air àireamh maith de 
"chàirdean dlleas as am feudadh e earbsadh. Chuir e 'chomhairle 
rìa Bin mu ciod an rian a ghabhadh iad air cumhachd an nàmhaid a 



96 EACHDRATT>H NA ET-ALBA 

bhriseadb. Bha aon de làithean fèiUe nam Pàpanach dlùth air làimii, . 
Di-domhnuich Buadhach, air an robh fios aca gu'm fàgadh na saif^k- 
dearan uile an caisteal, 's an rachadh iad a dh' èisdeachd na sear- 
moin Phàpanaich do 'n eaglais a bha 's a' choimhearsnachd. Bha 'n ■ 
Dùghlasach 's a luchd-cuideachaidh ag ullachadh air son dol do 'n 
t-searmoin iad fèin. Bha iad rud-eigin fadalach mu 'n do ràinig iad 
an eaglais. Bha cuaille fada bata aigesan 's aig a' chuid mhòr de- 
'luchd-Ieanmhuin,'gus nach aithnichteadh iad o'n chuid eile de thuatb 
cheathairn na dùthcha; 's bha eudaichean uachdair fad' orra fo 'n 
robh an cuid armachd foluichte. Mu 'n robh an ceann-feadhna air e 
fèin a nochdadh 'an taobh a stigh de bhallachan na h-eaglais bha e 
air aithneachadh, 's thuig mòran, mar is maith a dh' fheudadh iad^ 
nach b'i'n t-slth a bh' ann. Thogadh an' eigh thall 's a bhos, "An 
Dùghlasach ! an Dùghlasach." Thilg gach fear uaithe a chuaiHe 
's fhalluing, 's thug e tarruing air a chlaidheamh. Bha 'n sagart a' 
dol air aghart le seirbhis na h-aifrinn; ach cha robh urram sam bith . 
gu bhi air a thaisbeanadh dha sin. Shuidhicheadh freicidein mhaith 
làidir 'an dorsaibh na h-eaglais; 's ghabh buidheann eile troimpe 
le'n armailt rùisgte, a' reubadh 'sa' marbhadh nan Sasunnach. 
Chaidh na saighdearan uile 'mharbhadh no ghlacadh 'n am priosun- 
aich. Co luath 's a bha obair a' chasgraidh so criochnaichte thug 
an ceann-feadhna, le 'luchd-Ieanmhuinn aghaidh air a' chaìsteal. 
Cha robh 'chaismeachd air an aitreabh sin a ruigsinn. Fhuair iad 
an geata fosgailte, gun duine stigh ach am portair 's an còcaire. 
Bha 'n dìnneir deas, 's am bòrd air a chòmhdachadh 's an talla air • 
choinneamh nan saighdearan. Dh' òrduich an Dùghlasach an geat* 
a dhruideadh 's a' chuideachd a shuidhe timchioll a' bhùird. 'N uair- 
a ghabh iad an dìnneir, chruinnich esan ri chèile gach ni a b'urraina 
a chuid daoine a ghiùlan leò — armachd, eudach 'us seudan. Aa 
dèigh sinn rinn e aon tòrr de gach gnè bìdh a bha 's a' chaisteal, 
's dhòirt e air an tòrr sin gach gnè deocha bha ri 'm faotainn ann — 
mharbh e'n sin na priosunaich, 's thilg e'n cuirp 'san tòrr còladh ris 



) 



gach uieile, 'schair.e'n caÌ5tQaVi;'a5;^drx^.l^is n|^lp|^; ap^.v T^9^. 
sluagh ua duthcU^ " Tigix-biaU^clid an DHghlasa^ich" mar jiinm,^r 
an dioghaltas uamhasach so. ^r . ■..;...:•'■(, 

7. Cha robh ioniradh air gnioinharaibh enchdach ,a'. .Bhrusaicli. 
's an D^hla^aidi fi^da gun Lunuinn a ruigsinn. Bha *m Fadlnirg-. 
neach fathast beò, ged a bha e air fùs gu maith tròm, lag, le aois.^ 
Cha* b' urraiun « tuilleadh an ,t-eacU warcachd a laimhseachadh^ 
mar dheanadh :e rQÌmhe. Acl^ Ijha- Q^ ,Q0 briìidcU, garg 'na spÌQf a^ 

.^^bha e riamh, agtts co rìUiaicht' .air^ na h-Albannaich a cheann-^,^ 
sacbadh, 's am peanas a b' eagqlaich' a dheanamh air na cinn-^ 
fheadhna chrosd ud nach roblji idii' air choslas geilleadh dha. Thogg 
e air gu tighina;%iial^,i<^q,All?a^f^dh'òrduich e dq.^^ivf^Ji^PPpl^ìl^^^ 

ad ga choinneadiadh aig Carslile. 'N uair a ràinìg e fein am baile 
sin leig e air gu'n robh e aiir ath-nuadhachadlì.,, cp MÌ^y 'an nearfc, 
■i^ga'ii tug e suas an cai;b^d,.^iubliail a bh'a»igQ inar J;habhartas 
anns an àrd-caglai^^ 's gu'n do ghal?h e each marcachd,-, ^ A.ch thu^^ 
" '•'^•thir la air marcachd sca mìle. .Leis au triall mhall so ràlnjg ^ 
iis ao abrar BaiI'Tair-tr^igh, air taobh deas Ghallbh{;ii«^-h.- 
' ihabh e 'leabatl|^i-a^sjp,/^^l)jj^/iicj^ c^^ir an 6mli l|l de mhìos ^d§iVj<f 
e&oQach a^^i^A^^idh, 1307, mu'n cuairt do chùig miosan 'an 
dtfigh do'n .Bbfo^ac^ eilean liachlaiun fhàgail. B' e, cfiannsc^chadlw 
^lb' an Qi ìlraidb a bh' air smuaintibh Eideird air leabai^^.a bhài^^^ 
Thog e air a mhac, air an robh ainm feÌD, bòideachadh, co luatii. 
'ia db'fhalbhadh an t-ànam as, gu'm bruicheadh e a chorp ann aq^ 
C9\ce mòr, giLS am falbhadh an fhcòil bhàrr nau cnàmh; gu 'n adh-. 
Uicoadh e 'n sia an fheòìl, 'sgu'iitt fuaighes^dh e. ^u^^ .n,a . cq^|^^ 
aon an seichc tairbh, 's gu'n tugadh e ma'n airidh an giùlan gu ruiff; 
Alb' air ccann ^a.airm Sha^unuaicl^, co ,tric 's a dli' cirejìdh iia 
brAlbannaich 'an cpannairc 'ua aghaj^L Bha c ii diiil gu'n da 
dhòisg na rinn c dh' fhòirneirt 's a shìkrachadh air sluagh ..na riogl^,- 
»chd 6ia a leithid do uamhas ua'n uchd, 's gu 'n tugadh glagadaicb' 
^.cbuid.chnàmhan fada, fuar', or^a ^an cuid armachd a thilgcadh; 
Mtha^ oaa tachradb dhoibh.aig ùia fi^m.bith droch comhairr, ^ 



98 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

ghabhail gu 6iridh. Cha robh na h-eòlaich a toìrt creideas sam 
bith do Eideard II. air son gèire no gliocais. Ach bha de chèiU 
aig' 'an toiseach a rioghachaidh nach do choimhUon e 'bhòid a thug 
an uile-bheist ud, 'athair, air a dheanamh, ach gu 'n do chuir e'n corp 
air ais gu bhi air adhlacadh le eireachdas 'an Abaid na h-Iarmhin- 
steir 'au Lunuinn. Ghabh Eideard òg fein air aghart do Alb' air 
cheann an airm gus an do ràinig e siorrachd Ara, 's mharsail e'n 
ain air ais gu ruig Sasunn, gun bhuiU' a bhualadh. Dh'fhàg e aig 
a chuid oifigearan stiùireadh an airm, 'us ceannsachadh Alba. Bha 
e, gun teagamh, a' deanamh a ghnothuich ni b' fhusadh do rìgh Alba 
gur leanabh a thàinig 'an sud gu suidh' air righ-chaithir Shasuinn. 
Ach an deigh sin uile bha obair gu lebir roimhe fathast, na nàimh- 
dean a sguabadh a mach as an tìr. Ged phill Eideard dhachaidh 
bha mòran shaighdearan aige fathast 'an Alba. Bha caistealan 'us 
daingnichean làidir na rioghachd, cha mhòr, gu h-iomlan aige 'na 
chumhachd fèin. Agus ni bu ro mhiosa na sin, bha mòran de àrd- 
mhaithean na h-Alb' ag aideachadh an ùmhlachd do rìgh Shasuinn 
mar an rìgh dligheach, air eagal gu'n caiUeadh iad an cuid fearainn 
buileach na'n aidicheadh iad Brus, agus nach soirbhicheadh leis an 
deigh gach saothair. Ach air an làimh eile, bha mòran a' gabhail 
misiieachd gu cruinneachadh thuig' as gach cearna de 'n dùthaich, 
*n uair a bha iad a' cluinntinn an tomhas de shoirbheachadh a 
bh' aige fein 's aig Morair Seumas Dùghlas air feadh siorrachd 
Ara. Agus 'an ùine ghoirid thàinig a luchd-leanmhuinn gu bhi co 
lionmhor 's gu'n do chuir e gu maith tric an ruaig air na h-oifigear- 
aibh Sasunnach, de Ualens agus Morair Cliford, air sheòl 's nack 
gabhadh iad orr' a choiuneachadh tuilleadh 's an achadh fhosgailte, 
gus am faigheadh iad àireamh mòr sluaigh cruinn. Ach o nach 
robh rian aig Raibeart air an armailt a phàigheadh, b' 6igin a bhi 
ga 'n cumail aig seirbhis thall 's a bhos, 'n am buidhnibh, a' creach- 
adh na Sasunnach, 's a* glacadh air an rathad an cuid bìdh 'os 
armachd; agus mar sin bhiodh an rìgh gu maith tric air fhàgail na 
aonar le gle thearc còmhladh ris mar gheard pears', agus aig na 



RAIBEART BRUS. <)9 

1j-amaibh siu bhiodh e 'n cunnart a bheatha chalì leis na buidhnibh 
Sasunnach, 's an càirdibh 'an Alba, de 'n robh siorrachd Ara nìs air 
a lionadb. ThàÌQÌg lain Lathairn, mu 'n cualas roimhe so, a nall 
do Ghallobhaigh, far an robh fearrann aige fein, 's fhuair e buidh- 
eann 's au robh da cheud fear cruinn, gu dhol air tòir a' Bhrusaich. 
Thug iad coin-luirg leò, chum *s mur glacadh iad aig an tigh e 
gu 'n lorgadh iad e 's na monaidhibh, ge b'e àit' an teicheadh e. 
Fhaair an rìgh sanas o charaid eigin gu'n robh na naimhdean so a* 
deanamh air son a ghlacadh an oidhche sin fèin. Bha fios aige fein 
dod a dheanadh e 'n a leilhid sin de chàs. Cha robh ach mu thrì 
fichead fear co faisg air *s gu'n cluinneadh iad uaithe le cabhaig. 
Chruinnich e iad sin, 's dh'fhalbh e air an ceann tre mhouadh 's tre 
choille nach robh fad as, agus an sin tre amhainn a bha 'ruith tre 
iitc cas, agus bruthach àrd air a thaobh thall, agus rathad domh- 
ain, cumhang air a chladhach 's a' bhruthach sin, anns nach robh 
rùm ach aig aon dnine còmhladh. Cha robh beul-àth fagus do 
Uimh ach sin a bha mu choinneamh a' cheum chumhaing so. Chaidh 
« fèin *sa chaid daoine seachad air a* bheul-àth so. Threòraich e 
ÌAdsan tacan beag suas o sin, gus an leigeadh iad an anail, 's gu 'n 
§ibbadh iad beagan tàimh an dèigh an turais. PhiH e f6in 's dà 
(hear-frìtheHlHÌdh a dh'ionnsuidh a' bhenl-àth. Bha fios aige ma 
bha na coin-luirg aig an lachd-tòrachd gu'n treòraicheadh iad a 
dhlonnsuidh an àit' nd iad; *s cha 'n iarradh e chaochladh a dh'àite 
gns an coinneaclmdh. An dC'igh feitheamh ùine ghoirid, chualas 
iabhaiinaich nan con a' tighinn air a;;hart. Ach cha robh e 'dol a 
dhùsgadh a chuid daoine trom, sgìth, air son fuaim coin sam bith. 
Fadheì^idh, ri solas na gealaich chnnncas an luchd-tòrachd a* tigh- 
iim air aghart, a* bras choiseachd an dcigh nan con. Ghrad chuir 
e air falbh a sheirbhisich a dhùsgadh nan daoinc ; shcas e fcin roimh 
sn nàmhaid aig a' cheann chumhang. Bha *n ceud fhear a thàinig 
•ir aghart air mharcachd; gliabh c troimh'n bheui-àth, 'us guas 
tre 'n rathad cbumhang nd. Ach clia bu luaithe ohaidh e steach ann 
4M bha sleagh a* Bhrusaich sàithte 'oa chorp; thug an atl) shiithadh 



l^ EACH^BAID&^A .H^ALBA 

dhi tre chorp au eich an t-ainmhidh gu talamh. Bha mar so an^ 
t-each 's am marcach marbh a' torradh suas an rathaid air sheòi 
's nach bu ni soirbh faotaÌDn seachad orra tre 'n cheum chumhang- 
's an robb iad. Chaidh an aon diol a dheanamh air an ath fheaFK. 
's air an treas fear a dh'oidhirpich dìreadh. 'S bha 'n fheadhainn a. 
bh' air t^obh thall ng, h-aimhne 'glaodhach riu greasad air agh-^ 
artj^llach bn chomasach do aon duine seasamh ris na bh' acasan d&r 
shluagh. -^ Ach/ffiu'n deachaidh obair a' chasgraidh ro fhad air 
aghart chunncas luchd-cuideachaidh an rìgh nan teann ruith a nuas-; 
gn bruaich na h-aimhne. An sin thug lain Lathairn's a chuid daoin^-s 
na buinn dhi, 's cha do chuir iad tuilleadh dragh air aig an àm sin,g 
'N uair a ràinig a chuid daoin' e fhuair iad an gaisgeach 'an deigh 
a chlogad a chur dheth, agus a' tiormachadh an fhalluis air falbh; 
dheth 'eudan, agus cùig fir dheug, mar a tha cuid 'ga chunntadh, à,^ 
'naimhdean muin air mhuin air bruaich na h-aimhn' air tuiteam^^ 
Ach 's e 'n cuanart bu mhò 's an robh 'n rìgh gu'm biodh e air a 
bhrath le cuid a, bha 'g aideachadh a bhi 'n an càirdibh dha, chum 
'S'gu'm faigheadh iàd an t-airgiod ceann a bha rìgh Shasuinn an 
dèigh a chur air, agus a bha 'n a suim anabarraich mhòir 's an lin% ; 
ud, anns an robh airgiod co gann. Thugadh iomadh ionnsuidh airr. 
a,bheatha le cuid a bha 'sanntachadh an airgid so, ach uatha sin 
uile shaor an Tighearn e. 

•7. Ach mar bha moran, araon de àrd-mhaithean na tìre, 's de'n 
t-filnagh chumant* a' gabhail misneachd o'n tomhas de shoirbheach- 
adh ris an robh Brus a' coinneachadh, 'sle bhi 'faicinn nach robh 
aon chuid comasan no togarrachd air son cogaidh aig Eideard òg 
Shasuinn, Ihòisich iad air,tional as gach cearna dhe 'u dùthaich gu 
bratach an rìgh dhlighich fèin. Fhuairenis e fèin comasach air 
aghaidh a thoirt do bhuidheann sam bith de na Sasunnaich a choiu- 
ncachadh e 's an achadh fhosgailte. Ghabh. e null thar amhainn 
Chluaidh air .cfann armailt lionmhoir air los seìsd a chur ris na daiug- 
nichibh bu treis' a bh' aig an nàmhaid air taobh, sear na dùthcha, 
's anglacadh. 'S mar a bha e 'g an toirt uatha lion aon 'us apn bha 



RAIBEART BRUS. 101 

« 'g an leagadli gu talamh, chnm 's nach deanadh iad dion do 'n 
nàmhaid aig àm sam bith 'an deigh sud. Bha cuid de na daing- 
nichean ba ro threis* a bh*ann, mar bha Caisteal Dhaneidin 'us Lin- 
lithgo, &c., air an glacadh le seòltachd. Ach cha do dhi-chuimh- 
nich rìgh Raibeart an tàir *s aà dra^. a chuir lain Lathairn air 
roimhe sud. An deigh cumliachd nan Coimineach, a bha 'cogadh 
air taobh nan Sasnnnach, à bhriseadh, le niòran diubh a chnr ga 
bàs leis a' cheann a chur dhiubh, 's an adhlacadh 'an aon uaigh, ris 
laìi abrar, "Uaigh nan Coimitìeach gun chearin/' chuir e mu'n cuairt 
•^u tighinn air lain Lathaim. 'Nuair a chual làìn ga'n robh àìi 

' '1 'n a aghaidh aìr cheann feachd lioumhoìr, rinn e ull- 

L.... . .11 a choinneaehadh mar a b'fhearr a dh' fhendadh e. 

Ohabh e sealbh air bealach cumhang, eadar bonft Beinn Cruachiui 
'e a' hheinn eile *s faisg oirre. Bha 'm bealadh so co Cumhang 's nach 
f"' '• "■ " '^' *"-— 'le dhaoine còmhladh ann, 's am fearann ro 
1 dheth. Ach fhuair am Brusach a makoh 
nàdiiranòrdn t *n so, 's tharruing e buidbeann de 'chttid 

•• ' * * ^tich ud, 'schuir e leth eile na h-armailt, 

■l! timchioll na beinue gu tighinn air 

cììlaobh. ' 'lJ^-4aif^ft rinn an Dù- 

";i robb e air tighinn gu ionad 

' .....^.. t .. . i, ...^iwo^f jt^ Biighe dhpjsnamh 

' i. 'Noairad: i h-Earghaolich' gfl'n 

! i theiue, 's gu*n doK asafiB; chaìU iad am mis- 

' " m cur gtf bàs' le àr mòr. Bha % 

1 soitheaeh beag àfr Loch Odha, 

'^ 11 u^ff a chaonaio mar chaidh an là? thelch e, 'teihiw.ir e rian air 

dol a nnr ' ' . *s an teaghhich uilo, do 

àghdarni. _.., ...,,, .....^ . M .-.•(^iche, 'smòran fear- 

'Afclrtii a blmUich o^air mac a phe i m Caimbeul. Tha~e 

n ' ' . hd sm dnine sin, a tha 'n m teaghlach aìnmcil 'saa tìr, gas 



CAIB. XIII. 



BLAR ALLT A BHONNAICH. 



B'iAD Sir Tomas Randolph, mac a pheathair, Morair Seuma^ 
Dùghlas, agus Sir Eidcard Brus, a bhràthair fèin, Seanalairean, a 
V àird' a bh' aig righ Raibeart os ceann na h-armailt, agus fodha 
fdin. Chum e obair riu eadar a sea 's a seachd a bhliadhnachan 
na bha chaistealan 's an rioghachd a spionadh a' làmhaibh nan 
Sasunnach. Bha Caisteal Shruileidh ro làidir, agus freiceadain 
lionmhor Shasunnach ann. B' e sin an aon daingneach a bha nis 
aig an nàmhaid 'an Alba, agus chuir Sìr Eideard Brus sèisd theann 
rithe mu 'n cuairt, gun ni no neach a leigeadh a mach no steach. 
*Nuair a chunuaic Sir Philip Moubraigh, an comanndair Sasunn- 
ach, gu 'n robh gach biadh 'us dibh a' fàs gann, 's nach b' urrainn 
c cumail a mach fada, thairg e do Eideard Brus an daingneach a 
libhrigeadh thairis dha, mur cuireadh righ Shasuinn còmhnadh 
thuige roimh leth an t-samhraidh. Ghabh Eideard Brus ris an 
tairgse sin, 's leig e le Sir Philip a dhol gu ruig Lunuinn a dh'inn- 
seadh so uile do 'n rìgh. Ach chuir righ Raibeart fios gu 'bhràth- 
air, gu 'n do rinn e ro amaideach leis a' chothrom 's an ùin' ud a 
thoirt do righ Shasuinn, a'bha co cumhachdach, le Eirinn'us mòran 
de 'n Fhraing, a thuilleadh air Sasunn a bhi fo a thighearnas 's gu'm 
V urrainn e roimh 'n àm ud feachd a thoirt do Alba, bhiodh ro 
làidir air an sonsan. " Tha chead aige," ars' Sir Eideard, " thig- 
eadh rigli Shasuinn leis a h-uile duine a th' aige, cogaidh sinne 
riu ged a bhiodh iad ni bu lionmhoire." Bha fios aig an righ gu 'n 
robh 'bhràthair 'na shaighdear misneachail, ged a bha e braa, 
'sleig e leis na cumhachan ud seasamh, 's chuir e fios thuig' Ob 



BLAR ALLT a' BHOKNAICH. 103 

'g ann mar sud a bha gu 'n seasadh iad ri hlàr gu duineil, 's air son 
&n aobhar sin gu 'n coinnicheadh ua h-uil' aig an robh saorsainn 
Alba mòr gu bhi deas air choinneamh an t-Sasunnaich 'n uair a 
thigeadh e. Thòisicheadh air ullachadh air son a' chogaidh a nis 
a cheart da rireadh, araon *an Alba 's an Sasunn. Ged a bha 
Eideard òg, rìgh Shasuinn, 'na dhuine slaodach, gun suim do ni sam 
bith ach cluich, gidheadh 'n uair a chuir Sìr Philip Moubraigh f a 
chomhair staid Alb' aig an àm, 's mur cuireadh e còmhnadh 
sluaigh 'us armachd, roimh leth an t-Samhraidh, a dh' ionnsuidh 
Caisteal Shruileidh, an aon daingneach làidir a bha fo 'ùghdarras, 
gu 'n robh 'n caisteal, 's mar sin Alba gu h-iomlaii, gu bhi air a 
liìibhairt do llaibeart Brus air a cheann \h, 'Nuair a chunnaic 
'sa chual àrd-mhaithean Shasuinn, a bha timchioll air a' chìiirt 
mar a bha *n gnothuch, cha leigeadh iad tàmh no fois do 'n rìgh 
gus am falbhadh e fèin do Alb' air cheann armailt co lionmhor 
'fl a b' urrainn e thogail, 'sgu'n deanadh e'n aon diol air gach 
ceannairceach a bha 's an rioghachd, 's a b' àbhaist d'a athair 
roimhe 'dheanamh. Their an leisgean tha leòmhan 's an t-slighe. 
Clia robh uiread de aobiiar aig leisgean riamh air a leithid de leth- 
igeul a' ghabhail 's a bh' aig Kìgh Eideard II. 'S ann roimhe 
fèin a bha 'n leòmhan. Ach co dhiù, b' èigin falbh. Chaidh 
annailt Shaaunnach, 'us Eireannach, 'us Fhrangach a thogail anns 
an robh ceud mile fear, eadar choisichean 'us eile, 's thriall an rìgh 
fèin a nall do Alb' air an ceann. 

2. Bha righ Raibeart Brus, aig an àm cheudna 'trusadh nan 
Albannach ri chèile mar a b' fhdarr a dh' fheudadh e, agiis bha 'n 
àireamh sluaigh a fhuair e cruinn mar nach b' olc, 'n uair a 
bheircar fainear an staid 's an robh a rioghachd, agus gu 'n robh 
cadhon cuid de na h-Albannaich fòin, thall 'sa bhos, nach robh 
fàthast ga 'aideachadh mar an righ dligheach. Bha fios ga maith 
aig gach inbhe sluaigh, air Ghàeltachd co maith 'sair Ghalldachd, 
ci<xl rÌ8 am feudadh sùil a blii aca, na'm faigheadh rigli Shasuinn 
cothrom ruith mar thuil thairis air an tìr a rìs. Agus 's e rùnaich 



*¥d4 E ACtì*feÀÌDH If A ft-lLBl 

f%^;^^''tnJÌtK •sà'deàs, an stritecm 's an cogaidfeean bèa^a Mà a 
'"lèigeàdh fà; l§ir car greis/ agns an guailleàn a chur ri chèile còmh- 
*'ladh ris an rìgh^^'an aghaidh nàmhaid eoitchionn na rioghachd. Cha 
*% '-eil iomradh air gu 'n robh' tiiread riamh de'nà Gàdl ittt.^^ii 
' Bhlàr còmhladh ris na Gaill, 's a bh' ann là Allt- a Bhonnaich. 'Tfea 
^^analair Stiùbhart ag innseadh dhuinn gu'n robh na h-ochd cinn- 
'^■Ìh^adhna dheu^''sò''a'leànas a làthàir àn là ud. Mà&'Aoìdh, 
*^Ì^acantòisich, Mac a Pheai-soin, an Gamshrònaeh, an Sincleireat^, 
''kh Caimbeulach, am Mengiseach,Mac 'llleadhain, an Sutharlanaeh, 
-^àn Robastonach, an Granndach, am Frisealach, MacFarlain, an 
^Ròsach, MacGriogair, an Rothach, MacCoinnicli^,^ agus MacCuàr- 
' aidh. Agus mar tha fios gu 'm biodh àireamh maith de luchd- 
■ leanmhuinn còmhladh ris gach ceann-cinnidh dhiubh sud, tha e 
<^%billfei*' gti 'iì robh nà Gàeil a' 'deanamh' suas ròitttì'^ ifeèh' bu bheag 
'-d^ annailt na rioghachd an là ud. Ach leis gach tionàl abh' ann, 
'■^v^ 'tuath 'us deas, cha bu mhò na deich mile ficheri.d ^aighdear a 
ti-lli^ir*àn Wgh thun na h-àraich,-' Bha so rii bu'lugha ìlar'^h tt^eas 
' (itìid de 'n f heachd Shasùnnaoh.^ Agu& cha Ve rohàÌTi- gu 'ti robh 
-'iad co fad air deireadh air na Sasunnaich ai thaobh àireinih; ach 
t>jyia iad mar sin a thaobh armaclid niar an ceudna. Bìta na Sàs- 
xi^fì»tìRch,'èadar cachraidh '^is ^^iòisicheatìj^'to^'èin^rmachadh co 
^ mai'th ri feachd'san Roinn-Eòrp' aig an ànvnd/^^'tìi b' fhèarr. 
: Agus bha na fir-bbogha Shàsivnnach air an iutìn.yc1^.Ji^lh' gu foir- 
feachdann an cleachdadh an cuid#itt de ebks'tìrW." -Àièlf a'*d¥ain- 
iD-rtfeoin 'sin uile rinn rìglV'Raibèàrt ^ir son- '%ghaidli a cbuteatt riu. 
n'Thi'eòraich e'n t-arm siò^ db'ehòiijh'natd'a'tha fài^g^aÌT^sSruilèadh^ 
€i m an abrar a' Phàirci ''S ann dlùth-dò 'h PhkM'sin,' àgus àir 
ii<%mi^nd" arsfe' isli a '(ih''fiieUffiàdfe^ àn^'t^i^m-'^Sa^tìnach-'pbhail 
ii'4eachad tre bhoglàch 'us shruthaibh uisge. '" Bha mhr sò fogha 
f''^làthraich aig na h-Albannaich. Bhalàn fhios aig an rìgho chuid 
.biljgr làrd-oifigearan fèin, ciod an rathad^^aii *' òrdug'h 's àtì'"^èbh-%n 
n .^fheachd a tighinn. 'N uair a nochd iad mu dheireadh o'n Eaglais- 
iii-ittiric, le 'n cuid bhrataiohibh 'us eile, 's a bha 'n dìithaich uile mar 



wLar AtÈf A* Bnòinfiàck. ÌÒS 

^ 'm b' eadh, còrahdaicbtele^ltHjHdkrmachd, aifmbaTcachd Vàir 
^hoiseachd, cba robb feacbd 'san Roinu-Eòrp* an agbaidb am biodb 

id a' tighinn, nacb fendadh fiarab a gbabbail. 

Bha riirb Raibeart a nis an" d^igb an t-arm Albannacb a tharr- 

MÌug; aii òrdugb o dbeas gu tuath, air làtbraìch a thàigbe Fdin,^sa 

bba fios aiga bbi ro ffiàbbarracb. •^Bbà'èàir àireanib mòr sblocbd 

'h rè na b-oidbcb*, anns an talamb chòmbnard, tre *ià 

f- ;. :in eacbraidh Sbasunnacb ruitb anns a bbì 'dol a chòmb- 

;;adb nam fear-bogba, agus beòil nan slocbd a cbòmbdacb 'thairìs 
a rìs leis na sgratbaibìi a bba e air tboirt asd' an toiseacb. Agnk 
fir nacìi robb slocbd bba bioran geura de fhiodb cruaidb an sO 

- an snd air an sàthadh 's ari talamh, 'sgu leòir ris de 'n cbeann 

hiorach gu eacb sam bitb a sbeasadh air'aon diubb a dheaìiamh 
Bha ceann a deas àn airm a* ruigsinngu bruaMìaibh 

. -jnnaicb, a tha 'n sin co creagaeh'snaeb'b'urrainnrèadi- 

midh sam bitb ionnsuidh a tboirt orr*-àir an làimh'" an; '^s bha. 
^' ^h an airm a' ruigsinn glè' dhlìi air baile ' Shruilcidb'. 

1 -^^' mòr sbeirbhiseacb, nach robb idir fo armachd a' lean- 

t np; gillean cartach, co-cbàirdean, 's alcithid sin. 

^)h' ftrdnich'e -n dreara sin uile air falbh gu chl cnnic a;'bha tufith 
Air à"' * '" ' ' T'noc nan gilk'an" o'n là sinf. 

Bba I , >airaghartocheiànn'gu cearìn 

'le'n arm, ti* ii^hhfiìl beacbd air aii èrdngh Vàn robh ìitd;*agns ag 
. ir.ilachadh ri 1 a bhi fearail, seasmbach, agus a* 

bhuaidb atb^^ ., ;, > .....^achadh 's an àraich: ag innseadh 

<iboibh ai<r an 1 riHf^ì'iì Tobh f^ffiijì Winaicht* air ìt bhuaidh 

•ich -iobV^eichcàdh 

^u r.fi: ri!: •; •• ' '•■ ■ 

B. .'\ir i : i'lht)nach ftnt-èambr^idh, 

1314, dblhtbai<»h att l^rm Sa^mmmch rihi 'TIiKinig òuid dc *na 

'us am faiccadh iad dod a Wia 

...;.....,... .....,.,.,..;.. liw.t righ Raibcart an sin a' mar- 

l fa chombaif an airiii,' air ais 'sair aghart, 'sgun fodb' ach 



106 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

beag-each, a' chionn nacli robh sùil aige ri cath air an fheasgar sin, 
Bha e aithnichte thar gach oifigeach eile, le còran òir a bh' air a 
cheaim os ceann a' chlogaid. Bha e 'giùlan tuagh-chatha stàilinn 
'na làimh. Bha gaisgeach mòr an sin a nieasg nam marcaichean 
Sasunnach da 'm b' ainm Eanruic de Bohun. Smuainich e sa 
gu 'm bu ghasd an cothrom a bh' aig a nis air cliù a chosnadh leis 
an rìgh a mharbhadh, a bha marcachd air each co beag, agus air 
leth o 'chuid saighdearaibh. Chuir e 'n t-each cogaidh na chruinn- 
leum a null air muin a' Bhrusaich. Bha 'n t-Albannach neo- 
sgàthach gafhaicinn a' tighinn 's dearbh-fhios aige ciod mu 'n robh 
e. Ach teicheadh cha deanadh e. Bha 'n t-sleagh fhada, gheur, 
aig Bohun ga cumail roimhe gus a sàthadh troimh chorp an fhir 
eile; ach 'n uair a bha e gu bhi aige, tlmg am Brusach starradh 
beag as a rathad de 'cheann air sheòl 's gu'n do sheachainn e 'n 
t-sleagh, agus ag diridh 'na sheasamh 's an diollaid, thug e *n 
t-suaibeag ud thar a ghuaille air ceann a' Bhohuin leis an tuaigh- 
chatha, a chaidh tre 'n chlogad 's tre 'n chloigeann a bha 'na 
bhroinn. Thuit am Bohun mòr as a dhiollaid, 'sbha e marbh 
mun do ràinig e'n talamh. Thug a chuid oifigearan aghaidh dha 
nis, air son e dheanamh gniomh co bras, agus na'm b'e fèin a bha 
air tuiteam gu 'm bu cho maith dhoibhsan teicheadh còmhladh. 
Ach 's ann a bha'm Brusach a' sior amharc air a' bhearn a chuir 
clogad a' Bhohuin as an tuaigh, 'sgu'n e 'toirt freagradh sam bitb 
ach "Mhill mi mo dheadh thuagh-chatha." 

Air maduinn a' cheathramh là fichead dhlhthaich an dà arm- 
ailt ri 'chèile air son còmhraig. Thòisich a' mhire-chath leis na 
fir-bhogha Shasunnach a dhòirteadh a nall làdach Bhaighdean air 
na h-Albannaich, agus 's eagalach an cunntas a tha luchd-eachd- 
raidh, le aon ghuth, a' toirt air a' mharbhadh sluaigh a rinneadh 
f had 's a mhair i. Mur biodh grabadh sam bith air a chur air na 
sgriosadairibh ud, dh' fheudadh iad an aon diol a dheanamh air 
na h-Albannaich an là ud 's a riun iad sea bliadhna deug roimhe 
snd air daoinibh UaDais, là na h-Eaglais-brice. Ach bha marc- 



BLAK ALLT A* BHONNAICH. 107' 

ahluagh a' Bhrusaich dileas agus làn uUamh air son ùmhlachd a 
thoirt do *n òrdugh a bhi thall a measg nam fear-bogha. Bhuail 
iad air na Sasunnaich a ghearradh sios thar muin nan each le 
claidheamh 'us sleagh, 's o nach robh aig a* chuid ud de 'n arm 
SBasunnach ach bogh* 'us saighead, cha b' urrainn siad iad fèin a- 
dhionadh o gharg bhuiUibh nam marcaichean, 's chaidh iad gu tur 
'n am breislich, 's dheth 'n rian. Bha àireamh mòr de eachraidh 
thaght' aig rìgh Shasuinn a bha uUamli gus na marcaichean Alb- 
annach a chumail air falbh. Ach mar is maitli a bha fios roimh 
làimh aig rìgh Raibeart air an rathad a bha iad gus a ghabhail a' 
tighinn 'an aghaidh a chuid marcaichean fdin, bha e uile 'n a^ 
thalamh toll, 'sair a lionadh le bioraibh sgriosach. An àm tigh- 
inn air aghart 'n an leum, thachair do mhòran diubh dìreach mar 
bha sùil aig righ Raibeart a thachradh. Bha na h-eich a' dol 
fodha 's na slochdaibh, 'sa' briseadh an cnàmhan, 's na marcaich- 
ean air an tilgeadh as an dioUaidibh, 's an druim ri talamh gun 
chomas èiridh aig truimead an armachd mhàilich, 'n an creich do 
thleaghaibli fada, geura, nan Albannach. Chaidh, mar so, gach 
earrann de'n arm Shasunnach gu all-tapadh; chaill iad an òrdugh 
*B an comas air a chèile chuideachadh. ' An ùine nach robh fada,. 
'n uair a bha na gillean a bha 'fàireachas air cìil a' chnuic a' faic- 
inu gu'n robh an càirdean fdin a' gleidheadh an gruinnd gu maith,. 
^gu'n robh an là air lunn a dhol leò, bhrùchd iad a nuas 1& 
;athad a' chnuic 'n an aon mheall, gun rian, gun òrdugh, 'sni 
.igin de atharrais armachd — cabar no ni sam bith air am faigh- 
eadh c greim aig gach fear air a ghualainn, no na làimh. 'Nuair 
a chunnaic na Sasunnaich am pràbar ud a* dòmhlachadh a nuas. 
taobh a' chnuic, 's a smuainich iad gur e bh' ann armailt lion- 
mhor a bha 'm Brusach a' toirt as ìir ri 'n aghaidh, 's ann a 
thuit an tud 's an tad builcach uatha. Thionndaidh iad air falbh, 

rinn gach buidheann air leth, 's gach neacli fa leth, air son am 
.tatha theamadh mar a b' fhearr a dh' fheudadh iad. 

Bha righ Eideard fòin a measg a' cheud fheadhainn a thug. 



W8 EACnDRAlDH NA H-ÀLBA 

1)uinn dhi. Clmir e aghaidh an toiseach air Gaistèal ShruileidK, 

'"^àn dùil gu'm faigheadh e dìdean 'an sin. ^ch dh* innis ceann- 

%rd na daingnich sin da gu m feumtadh a toirti suar'do rigli A!b' 

^n là air-na-mhàireach, 'snach rohh e sàbhailte dhà;faTTelitj][iÌjfe,!r 

a thìm innte. Thionndaidh e 'n sin gu deas, agus' mharca!ch ^e 

fèin -san grunnan a bha còmhladh ris tri fichead mile mu'n ào 

teaich iad eang. Eàinig e'Gàisteaì Dhun^bàrr àir a* cMch Shas- 

'nnnaich. Bha fear-gìeidhidh n'a daingnich sin dìleas da gus an 

uair mu dheireadh. Leig se e fèin 's a luchd-coimhideachd a 

steach do'n Chaisteal, 's dh'aisig e ann am' "bàt' iasgaich a null 

do Shasunn e. Phill Morair Seumas Dhghlas, a bhà gaL ruagadh 

i Shruiieadh gu Dun-bàrr, air ais gun dad air son a shaoithtreach, 

.ach an t-eagal a chuir e air an t-Sasunnach. - ^•- -- ;^ 

^"''4. '^Cha do chaill Sasunn riamh blàr a'b' fhuiltièffej*'^ bii cKa^- 

ràile na blàr Allt a' bhonnaich. Thuit dcich mìle ficheacl diubh 

:iàn là ud, eadar an cath 'san ruaigà lean an dèigh a' cnatha'. Bh'a 

^ilbheag ai th' ànns an'Allt, aig ;cea:nti'a deas an airm, air a lìon- 

.'^'àdh suàs, 'sair a deanamh còmhnard le ejtch'aibh 'us daoinibh, mar 

Igu'm bu drochaid a bh' ann, 'sbha uisg' ari uillt sin co dearg le 

fuil nam marbh 's ged a b' fhuil e uilò. Ghlac na K-Albannaich 

'iiiòi'an phtibèuhach 'us mòran creiche. Tha Sa^unnach àraidh, 

^Mànach tìhàmèsbufg, anns an tuireadh a rinn e "air an là dhubh 

^d, ag ràdh gu'n do chaill iad co maith ri fiach thrì muilliona de 

/lfi%iòd"an Ì^ 'ti dìugh.' ' Chatdli'^iric mhòr a phàigheadh aii^'soii a* 

• cnuià dè na^riosunàich a bha 'il'an daoinibh saoibhir. Agus ailns 

. àih iomlaideachadh SD f huair rìgh HtiibGart a bhàn-righ agus'a 

nighean àir ais d SàsUnn, far àn robh iad 'nàm priosùnaich fè 

:SMi)iìadhna.:-^'^f;^ ^-s ^^^/?3/- 

5. Cha do bKuinnil Xlba'^ bfe' riamh, 'an linn sam bith, a 
^' fheumaile dhi na blàr Allt a' Bhonnaich. 'Leis a' bhuaidh so, 
'l)ha làh shàofsàirin air à cosnadh o àintigheamas Shàsuinn. Agns 
ged nach do leig an tàmailt leis an rìgh siri aideachadh, nò sith 
a dheanamh ri Alba rè a là fèiri/'b' i rioghachd-san is mò gu mòr 



a chailj,air ^Jn aì^ AH)^-'- Blm cupjhapbd. Shasuiun co mòr air ^.. 
brisea^h: *s nadb b' urrainn i ni. b' fhaide legionan de eachraidh, 
'sde choisi ^^ - - - --ht' a thaomadh a nall air Alba. Ach air. 
ai) làimh < lairean a' Bhrusaich, Sìr Tòmas Kandolph,,, 

ag , gu maith tric a briseadh a steaqh air taobhi 

tii ' deanamh mòran millidh, 'us creachaidh feadh- 

na: : ..-- L'ha do thuit ach ÌpreAmh. beag de na h-Albr,. 

annaich là Allt a' bhonnaich. Cha'n'eil luchd-eachdraidh ag 
aithris ach dithis dhaoiu* ainmeil a thuit 's a' bhlàr. Sìr Uilleam 
Utpont agus Sìr Ualter lloss, dh'ith-charaid Eideird Bhruis. Lean 
an còmhrag ri Sasunn ri Hnn Eideird. Ach anns an dara bliadhna 
de rioghachadh a mhic, Eideard III, chaidh an t-sìth a nasgadh ri 
Alba, leis an d' aidich rìgh gha§uinn gu 'n robh xVlba saor o sud a 
mach gu bràth o thighearnas sain bitììabhi aig righribh Shasuinn 
thairis oirre. Agus gus an t-sith a dheanamh ni bu treise dh' aon- 
taich Eideard gu'm biodh loanha, aphiuthar, air a pòsadh ri Daibh- 
id]» mor- M'rn^ "'•/'>re rìgh Alba. Rinneadh an còrdadh so's^'' 

bl: 

lli mu l'lideard Brus, a bha.na sliaighdearg 
cg ••uriinia n : - •. j^jrinp a shaoradh o chumhach^ 

Shnsuinn. ; i h-Eireannaich gu 'n deacbaidh 

ing Shasuinu a thijg^a^h dhiubh gu 
Ih do'n Albannach theinnteach so giir 
;] .i.rii^ .AUtabhonnaich eile a dhean-t 
'.s aig righ Raibeart ged b,u^ 
d :,hdear a blirathair uach deapadh e righ maith am f easd'^ 

^n w-<iiiiU leig e lcis falbh an sitli air an turus, 'sgheall e gach 
còmhnadh a b' iinainu e 'dheanamìi ris. ('huir e 'n ruaig gu niaitb. 
tr lejia Sasunna. an.tùne ghoirìd,chaidli 

a chrùiiaAlh ^u .sòiuimte na righ air i'jiniia. Ach cha do mheaÌ o'n- 
op^r f^in r.KÌ.'L- TjOftti ,1 l)]irai-''.'id luidiin'acli ris gus an l.à mu 
d^ey-'. 1 linn sam ìfith h^ 

h:|drctkniiaicli aA^nit^, ri 'gii|i]u^ ,|^ar nagh gabh iftrpunu 'us QJ^ 



110 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

tàthadh r'a chèile, bha na Sasunnaich a' gleidheadh an grèim air 
an tìr. Bha cath aige fèin 's a chuid Eireannach riu sin air a' 5 là 
de rahios deireannach an fhoghair, 1318, anns an do chòmhraig Eid- 

*eard agus curaidh Sasunnach da 'm b' ainm lain Maupas ri chèile. 
Lean iad air cath gus an do mharbh iad a chèile, 's gu'n do thuit 
iad muin air mhuin. Thug nah-Albannaich thairis an sin còmh- 

.ixadh tuiUeadh a dheanamh ri Eirinn. 



CAIB. XIY. 

BAS RIGH RAIBEART. 

=^ Chunnaic Kaibeart Brus a nis crioch a shaothrach, 's a thrioblaid- 
^ean uile, a rioghachd a chur saor o chumhachd 'us ain-tighearnas 
• coigrich sam bith. Ach tharruing na h-easbhuidhean 's na cruad- 
- alan troimh an deachaidh e 'n toiseach a rioghachaidh, tinneas air 
. nach gabhadh leigheas,'n uair nach robh e fathast ach am meadhon 
t,ok. Chuir e seachad a' chuid mu dheireadh de 'làithean 'an 
lùchairt Chairdrois air amhainn Chluaidh. 'Nuair a bhiodh dad 
de fheabhas air, bhiodh e luingeireachd air an amhainn ann am 
"birlinn a bha e 'cumail a db' aon bhàgh air son sin ; agus gu maith 
tric ag amharc thairis air togail luingeas, araon air son malairt'ui 
cogaidh, ni a bha e ro dhèigheil air fhaicinn 'an Alba. Bu ro 
thoigh leis raar an ceudna bhi faicinn aitreabhan na rioghachd a* 
dol ara feabhas, ni anns an robh e fèin a' toirt eisirapleir d'a chuid 
iochdaranaibh. 

An uair a dh'aithnich e 'chrioch a' teannadh ris chuir e fios air 
àrd-mhaithibh na tìr' as am feudadh e earbsadh, agus thug e 
■teann òrdugh dhòibh, air an onair 's air an dilseachd, a bhi fìrinn- 



BAS RIGH RAIBKART. 111 

€ach d'a mhac, Daibhidh, agus aD crìin a chur air a cheann co 
luath 's a thigeadh e gu aois a bhiodh freagarrach. Ghairm e 
thuig' an sin Morair Seumas Di'ighhxs, agus labhair e ris 'an èìsà- 
eachd chàich uile. "A charaid chaoimh," ars' esan, **cha'n 'cit 
neach sam bith aig an fhearr a tha fios na agadsa cia mòr an 
t-saothair agus na fulangais troimh an deachaidh niis' air sgàth 
chòraichean na rioghachd so. 'N uair bu mhò bha mi air mo theann- 
adh thug mi bòid do Dhia, na *m bithinn air mo chaomhnadh gu 
crioch fhaicinn air mo chogaidhibh, agus an rioghachd so a riagh- 
Udh an sith, gu 'n rachainn an sin a chogadh an agliaidh naimh- 
dean ar Tighearn' agus ar Slànuighir. Cha do sguir mo chridhe 
riamh a lìibadh do'n mhiann so, ach cha tug an Tighearn aonta 
do'ni so, oir bha ni's leòir agam air mo làmhaibh rè m' uile làithean, 
agus tha mi nis air mo bhualadh leis an tinneas throm so, mar a 
chi 8Ìbh uil', air sheòl 's nach'eil ni* air mo shon ach bàsachadh. 
Agus o nach urrainn mo chorp dol an sud, rìinaich mi mo chridhe 
'chur ann an àite mo chuirp, air son mo bhòid a choimhlionadh. 
Agus a nis, a charaid ionmhuinn agus dhileis, a chionn gu 
bheil fios agam nach 'eil 's an rioghaclid air fad uasal is gaisgeile 
Ba thu.sa, tha mi 'g aslachadh gu'n gabh thu os làirah an turus- 
cuaia 80, agus gu'n diol thu na fiachan so air soii m' anma; oir 
tha 'bharail sin agam air d'fhirinn 'sair d'uaisleachd gu bheil mi 
dcarbhta gu'n coimh-gheall thu ciod sam bitli a ghabhjis tu os 
làimh. 'Si mo thoil, uime sin, co luath 'sa bhàsaicheas mi gu'n 
toir BÌbh an cridh' as mo chorp, 'sgu'n toir sibh mu'n airidh spìos- 
faidh a chur air, 's gu 'n gabh sibh de 'ra chuid ionmhais a mheud 
*ia fihaoileas sibh a bhi pailteas araon duibh fdin 'sdo bhur com- 
panachaibh; agus gu 'n toir sibh lcibh mo chridhe 'sgu 'n càirich 
tibh e 'an iiaigh naoimh ar Tighcarn, a chionn nach urrainn an 
coTp so a dhol an sin." Bha gacli neach a bha làthair a' sileadh 
nan dcur ag èisdeachd na h-òraid so, agus an Dùghhusach curanta 
■aar chàcb. 'N uair a fhuair e fo 'anail, fhreagair e gu 'n robh c 
'. )irt mile taing do 'n righ air son na h-earbsa bha e cur ann ; agus 



HfjSi EACHDftAIBH 2fA S-AX.BiA 

g\j 'n robh € jo-^e^(}lwf ,ÙDilij^gb|^ ft^^^ ro dhìleas à'a^ 
àithne. < .i"(c-^Tr/!;:^^-?ì f^fjofrfd <> »foB f^' t Hi -jf 

Thug an rìgh an sin taing dha, 's thug e air gealltuinn, air focal 
firinneach ridire> gu 'n deanadh e ni a bha e ag iarraidh. 'N uair 
a gheall an Dùghlasach a rèir sin e; thug an righ taing do Dhia 
an "BÌn, 'sthuirt e gu 'm bàsaicheadh e'n sìth a chionn gu 'n robh.. 
fios aige gu 'n deauadh an duine bu treubhaiche 'na rioghachd an 
ni ud air a shon nach b' urrainn e fèin a dheanamh riamh. 
...An dèigh so thruimich a thrioblaid air, '^schaochail e, anns a 
bhliadhna 1329,an 7 là de mhios-meadhonach an t-samhraidh. Bha. 
e da fhichead 'sa cuig deug a dh' aois agus na rìgh 23 bliadhna. 
Binneadh caoidh mhòr 'an Alb' air a shon. Agus na'm b' fhiach 
do Alba cumha dheanamh air son aon sam bith.de 'cuid mac, 
b' e phearsa rioghail so/gun teagamh, a b' fhearr an airidh air an 
onair sin. Acb bha aobharan an caoidh ni bu mhò na bha iad a' 
faicinn anrlàiiid/ Rinnjad uaigh rioinhacb mharmoir air a shoa 
ann an coisin chùil Abaid Dhunfermlin. Ghnàthaich an eaglais- 
gach greadhnachas a bha 'na comas aig àm a bhi ga adhlacadh> 
na 'n deanadh ceòl-thuireadh, 'us tional easbuigean/^ 'us luchd- 
dreuchd de gach inbh' 'us ainin e. ; Ach anns na stadaibh a Iha 'n. 
tràths 'us a ris a' dol air ceòl nan innealan, chluinnteadh fuaim a 
ghuil 's an tuiridh a measg a chomh-chruinneachadh lionmhoir ud, 
. Tha e soiUeir gu 'n tàinig eaglais na Roimhe gu bhi gabhail ri 
righ Eaibeart a dh' aindeoin an iomsgaraidh a rinn i air 'an tois- 
each 'a rioghachaidh. Bha 'n eaglais sin ro ghlic 'na ginealacb 
fèin, air son a bhi seasamh a mach 'an aghaidh neach a bha co- 
soirbheachail ri Eaibeart Brus, agus co cunnartach d'a leas fèin e 
bhi dealaichte ri 'comunn. Cha b'e mhàin gu 'n robh clèireachd 
a rioghachd fèin 'na'm fior chàirdibh dileas da 'uachdaranachd, 
ach tha e dearbhta o eachdraidh gu 'n robh eomh-sgriobhadh eadar 
e fèin 's ctiirt na Ròimhe. Sgriobh am Pàpa d'a ionnsuidh 's a' 
bhliadhna 1324, a' gearan gu 'n robh mòran shaobh-chreidmheack 
a%Alba, agus ag iarraidh air.rian a dheanamh air. aa,cur fcdha. 



BL^R ALLT ▲ BHONNÀICH. 113 

Cha 'n 'eil teagamh sam bith nach b' iad na saobh-chreidmhich ud 
luchd-leanmhuinn theagasgan nan Cùil-de-ach a bha, rèir coslais, 
gu maith lionmhor 'an cearnaibh àraidh de Alba fathast, ged a 
thugadh uatha gach uile chumhachd air an cìiisean fèin a riagh- 
ladh, no cruth [eaglais f haicsinnich a ghabhail ; agus mu thim- 
chioll an robh a chuid easbuigean a' sgriobhadh gu Pàpa na 
Roimhe. Ach 's e 's coslaiche nach robh Raibeart Brus a' dol a 
thionndadh a chlaidheamh 'au aghaidh a chuid iochdarana sioch- 
ail, dileas, fèin air chomhairle Pàpa no easbuig air domhan. Tha 
rìgh Raibeart air a chumail fa chomhair luchd-leughaidh mar is 
trice, mar fhear-cogaidh — ^mar neach a dhoirt mòran fola. Cha 
bu deic leis na b' èigiu da dheanamh dhe);h sin 'an dion a bheatha 
fèin, 'sa* seasamh còraichean a rloghachd. Ach tha caochladh 
nithe sgricbhta mu'thimchioU a tha deanamh 5;oilleir gu'm bu duin' 
iochdmhor, truasail e, co maith is gaisgeil ri aghaidh cruadail; ach 
ris nach b' urrainn sinn eadhon beantuinn anns a ghiorrachadh 
so a^rinn sinn air a ghniomharaibh euchdail. 

3. Goirid an dèigh bàis an righ, dh' f halbh am Morair Dùghlas, 
le àireamh maith de luchd-leanmhuinn, air los cridh* a' Bhrusaich 
adhlacadh 's an uaigh Naoimh 'an lerusalem. Bha e aig' ann an 
soireig aÌTf^d, crochta m'a amhaich, le sreing de òr 's de shìde. 
Air an turus do'n àird an ear chaidh na h-Albannaich air tìr 's an 
Spainn. Ghabh righ na Spainne riìi gu subhach. Thachair gu'n 
robh cogadh 'san àm eadar Alphonso, righ na Spainne, agus 
Osruin, righ nan Sarasach, luchd-leanmhuinn Mhahomeit, a bha 'n 
dèigh sealbh a ghabhail air roinn mhòr de'n Spainn fada roìmhft 
aud- Thug Alphonso air na h-Albannaich aontachadh ri dbol 
ga chuideachadh an aghaidh nan naimhdean so. Choinnich an dà 
armaiit ann an achadh faisg air Gibraltar. Rinn Alphonso Mor- 
air Seumas Dìighlas 'na Shcanalair air roinn mheadhonach an 
airm. Chuir a' chuid siu de'n armaiit air theicheadh na bha mu'n 
coinneamh de'n nàmhaid. Ach lcan iad an ruaig ro fhada, 's thug 



114 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

na Spaìnnich an aghaidh air creachadh. Ach phill an eachraidh 
Sharasach air an ais, 's chuartaich iad an tearc a bha *g an ruag- 
adh. 'N uair a dh' fhairich an Dhghlasach an nàmhaid a' dòmh- 
lachadh timchioll air, dh'fhuasgail e 'n còrd a bha 'ceangal na 
soireig 'bhroilleach 's thilg e i fad a ghàirdein do mheadhon an 
nàmhaid, ag ràdh aig an àm cheudna, *'Gabh air thoiseach 'sa' 
chòmhrag mar bu nòs duit, 's leanaidh an Dhghlasach thu, no 
bàsaichidh e." An sin dh'oibrich e 'chlaidheamh mòr co maith 
's gu'n do rèitich e àit' anns an robh cothrom dol mu'n cuairt 
aige. Ach bha na naimhdean co lionmhor 's co guineach timchioll 
air 's nach robh dol as aige. Fhuaradh a chorp làn de lotaibb, 
faisg air an àit' 's an robh an t-soireag airgid le cridhe an rìgh 'na 
luidhe. Phill na mhair beò 'an dèigh a' bhlair ud de na h-Alb- 
annaich dhachaidh. Thug iad leò cnàmhan an Dùghlasaich, agus 
chuir iad air leth am fear a b' urramaiche 'na measg air son an 
t-soireag phriseil a ghiùlan air ais do Alba. Dh' adhlaiceadh 
cnàmhan an Dhghlasaich/na eaglais fèin, maille ri 'aithrichibh. 
Dh' adhlaic iad cridhe Raibeirt Brus 'an Abaid Mhelros. 

Anns a' bhliadhna 1818 bha luchd-oibre 'gearradh bunait air 
son'eaglais ùr a thogail air làthrach seann Abaid Dhunfermlin. 
Anns a' ghlanadh a bha iad a' deanamh an sin thàinig iad air 
uaigh righ Raibeirt. Bha còmhdachadh hiaidhe air a tharruing 
'an cumadh crùin aig a cheann, a' cuairteachadh a chuirp. Bha 
mirean de'n lion-eudach òir 's an deachaidh 'adhlacadh fath- 
!ast ri 'm faicinn. Fhuaradh gu 'n robh na h-aisnean air taobh 
cll a^ bhroillich air an sàbhadh as a' chèil' air son an cridhe 
thoirt a mach. Thàinig òrdugh a nuas à Lunuinn na cnàmhan 
a bhi air an gleidheadh gu cùramach gus am biodh tàmh-thigh ùr 
air ullachadh air son an càradh ann le mòr urram. Chruinnich 
mòran de shluagh na dùthcha, iosal 'us uasal, gu sealladh fhaicinn 
de 'na bha 'n èis de 'n ghaisgeach chliùiteach. Bha iad a seall- 
tuinn le ioghnadh 'us fiamh aìr a' chloigionn 's an robh comhairle 



RIAGHLADH ALBÀ. 115 

<x) glic a' còmhnachadh uair eigin, agus air a' chnaimh chaithte 
ud, a b 'e aon uair an gàirdean neartmhor a bhuail gu talamh am 
Bohun garg. 



CAIB. XV. 



BIAGHLADH ALBA AN DEIGH BAIS A BHRUSAICH. 

O NAcn robh Alba riamh roimhe co soirbheachail 's a bha i ri linn 

Raibeirt Bras, tha so 'na àite freagarrach air son cunntas goìrid a 

thoirt air cionnus a bha laghanna na rioghachd air an deanamh, no 

cò aig an robh còir air suidhe 's an àrd-chomhairle ris an abrar 

Pàrlamaid a nis. Rinneadh iomradh chean' air an rian ud a bh* air 

àite 'gbabhail, fada roimhe so air feadh rioghachdan na Roinn-Eòrpa, 

i r6ir an robh gach rìgh air a mheas mar àrd-uachdaran an fhearainn 

àch fein, agus a reir an robh na h-oifigich, air an do thoil- 

;i sam bith de'n fhearann a bhuileachadh, ceangailte gu'a 

ùmhlachd a thaisbeanadh dha rì àm cogaidh, le greasadh a dh' ionn- 

uidh a bhrataich air cheann a chuid iochdarana fcin. Thàinìg an 

rian so a steach do Alba gle ghoirid an deigh dha tighinn do Shas- 

unn, mar chaidh ainmcachadh. Bha 'n còraichean, aig na tighearn- 

aibh fearainn uil' o'n rìgh fC'in; 'sma bha iadsan a'toirt chòraichean 

do oifigich eile fopa fcin, bha iad sin fo na h-aon cheanglaichibh 

dboibhsan *s a bha iadsan do 'n rìgh. 'N uair a shumaineadh an rìgh 

la h-Ard mhoraircan, shumaineadh na morairean sin gach uachdaran 

beag 'os iochdaran a bh' air an cuid fearainn, 's dh' fhalbhadli iad 

oilc chuideachadh an rìgh an aghaidh an nàmhaid choitchionu. 



116 EACKDRAIDH NA H-ALBA 

2. Nis cha b' e mhàìn gu 'n robh na Morairean ud fo fliiachaibli 
gu làmh chnidich a thoirt do 'n rìgh ri àm cogaidh, ach bha e fiach-- 
aicht' orra mar an ceudna frithealadh aig a' chùirt air son comhairla 
ghabhail cbmhladh ris mu ghnothuichibh follaiseach na rioghachd. 
Bha so fiachaicht' air na h-uile fear fearainn, am beag co maith ris 
a' mhòr, aig an ijobh an còraichean o'n rìgh. Ach mar a bhiodh e 
draghail do na h-uachdaranaibh beaga, agus a' tarruing mòran 
costais orra, a bhi feitheamh air a' chomhairl' ud, thàinig e lion 
ceum 'us ceum gu bhi 'na chleachdadh ac', anns gach Siorrachd fa 
leth, a bhi tional an ecann a chèil' agus a' taghadh aon as am measg 
fèin a chuireadh iad thun na Comhairl' air an son uile. Theirteadh. 
Fear-ionaid, no Ball-ionaid ris an fhear sin. 'S ann uaithe so a 
dh' èirich an cleachdadh a fhuair àit', o chionn iomadh grathunn< 
'an Siorrachdaibh fa leth nan trì rioghachdan so; a bhi cur fear- 
ionaid uatha fèin gu suidhe 's a' Phàrlamaid air an son. Ach thàinig 
rìghrean Alba, gu maith tràth 'an eachdraidh na rioghachd, gu bhi 
'toirt chòraichean do bhailtibh àraidh an sud 's an so a bh' air an 
togal air an oirthir, 'an àitibh goireasach air son malairt ri tìribh 
cèin, 's ri cearnaibh eile na'n tìr fèin. Theirteadh Borgh Rioghail 
ris gach baile dhiubh sin aig an robh còraichean o'n rìgh. Bha iad 
saor ain-tighearnas gach Morair 'us Aba 's an tìr. Theirteadh 
Saorannaich ri luchd-àiteachaidh nam Borgh Rioghail sin; gu h-àr- 
aidhrisa'chuiddenaBuirghRioghaiIabhauilecuairtichteleballach- 
aibh làidir, le geatachaibh 'us crannaibh làidir air gach rathad a bha 
treòrachadh da 'n ionnsuidh. Bha 'n luchd-àiteachaidh uil' iunn- 
saicht' 'an arm-chleas a' chogaidh, mar a dh' fheumadh iad araon a 
bhi ga 'n dionadh fèin o chonachd nam morairean, a bhiodh ag iarr- 
aidh an spùinneadh ; agus a bhi ullamh gus an rìgh a leantuinn ri' 
àm cogaidh, an aghaidh nàmhaid coitchionn na rioghachd. Bha^ 
cbir, ma ta, aig na Buirgh Rioghail so, air fear a thaghadh as » 
measg fèin a bhiodh a' tagradh 's a' seasamh air son an còraicheaiu 
's an àrd chomhairle. 

3. Ach a thuilleadh air na tighearnan mòr 'us beag ud, agus- 



RIAGHLADH ALBA. 117 

luchd-ionaid nam Borgh Rioghail, bha dream eil' aig an robh àite 
""s an àrd chomhairle, ris an abradh iad A.n Treas Stàite. Bha làmh 
an uachdar aig eaglais na Rolmh', an Alba, 's na linnìbh ud, mar a 
bh' aic' 'an rioghachdaibh eile na Roinn-Eòrpa. Agus mar bha 
caochladh dhòighean 's an robh buntanas aig laghabh na rioghachd 
ri gnothuichibh na h-eaglais, fhuaradh rian air rathad a rèiteachadh 
d'a cuìd Easbuigibh a steach a dh' ionnsnidh na h-àrd-chomhairle, 
air sheM 's gu 'n robh làrahan luchd-dreuchd na h-eaglais co guiomh- 
ach ann a bhi deanamh nan reachdan leis an robh 'n tìr air a riagh- 
ladh, ri lamhan nam Morairean a b' àird' inbhe 's an rioghachd. 
Agus mar a bha na trì Stàitean so a dh'ainmich sinn, — luchd- 
fearainn, luchd-ionaid shaor-bhailtean, agus luchd-dreuchd na 
h-eaglais, a' deanamh suas na h-àird-chomhairle, theirteadh Stàitean 
na rioghachd ris a' chomhairle 'n uair a bhiodh i 'na suidhe. 

4. Bha atharrachadh an dràsd 's a rls ga dheanamh air comh- 
shuidheachadh na comhairl', air fheabhas tha sinn an dòchas, ach 
lean iad riamh air suidh' 's an aon tìgh fhad 's a bha Alba na riogh- 
achd air leth; gun tigh Mhorairean idir a bhi aca mar 'an Sasunn. 
Mar bu trice b' amanna carraid^ach 's an robh aig an t-seann luchd- 
lagh ud ri suidhe gu reachdan 'us breitheanais a dhealbh, agus ma 
tha daoìn', a reir an t-sean-fhocaìl, air an atharrachadh leis na 
timibh, cha b' ioghnadh ged a bhiodh na laghanna a bha iad a* 
deanamh gu maith cnapach mar, gun teagamh, a bha cuid diubh. 
Ach 'sann as na cnapaibh garbh ud, a bha dol tre làmhaibh nan 
Trì Staitean, a tha lagh Alba gus an là 'n diugh air a gearradh a 
mach. Ged a chaidh Alb' aonadh ri Sasunn greis mhaith an dèigh 
bàis Raibeirt Brus, gidheadh bha solarachadh air a dheanamh 'san 
aonadh sin gu'm biodh au rioghachd air a riaghladh le a seann 
reachdaibh fcin, mar anns na linniljh a chaidh seachad. Feudaidh 
gu 'n cluinn sinn tuilleadh air a' phuinc so *n uair a ruigeas ar sgeul 
àm an Aonaidh. Ach aig an dearbh àra feudar ainmeachadh go' 
b'o sam bith co raaith 's a dh' fheudadh na laghauna a bhi, gu 'u 
Tobh e anbarrach doirbh an cur an gniomh, gu h-àraidh am Gor 



118 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

cheann a deas na rìoghachd, ris a' chrìch Shasunnaich, agus a ris^ 
an leth 'tuath na rioghachd, 's e sin, 'an Gaeltachd Alba. Bha 
luchd-àiteachaidh na roinn sin de 'n rioghachd, riamh o linn Challum 
Ceann-Mòr, araon 's na h-eileanaibh agus air tìr-mòr, air tighinn gu 
bhi na'n treubhaibh, no na'm fineachaibh air leth; gach fine dhiubh 
sin, co aonaichte ri chèil' am bannaibh càirdeis 'us fèin-dhion 's ged. 
a b' aon teaghlach a bhiodh ann. Bha mhi-riaghailt 's an troimhe 
chèir a bh' anns gach cearna fa leth de 'n tìr ag agairt gu 'm biodh 
Clanna na Gael, mar so, 'an guaillibh a' chèile. Cha robh dòigh aig 
duin' air a bhi beò air f eadh nan garbh chrioch 's na h-amaibh ud, 
mur dionadh a chinneadh fein e. Nis bha gach fine dhiubh sin 
mòran ni bu cheangailte ri 'n ceann-feadhna fèin na bha iad eadhon 
ris an teaghlach rioghail. Agus bha na treubha so air an riaghladh 
le 'n laghannaibh fèin, nach robh aig na h-uil' àm dìreach a rèir 
lagh na rioghachd. Cha robh ròidean ann, 's bha e ro dhoirbh 
turusan tric a dheanamh o thuath gu deas. 'N uair a thogradh 
fear de na cinn-feadhna, fhritheileadh e 'n àrd-chomhairl', agus 
'n uair a thogradh e fèin dh'fhanadh e aig a' bhaile. 'N uair a bha 
rìgh cumhachdach air a' chaìthir, roimh an robh eagal air, 's da 'n 
robh urram aig na] cinn-fheadhna, bhiodh iad a toirt tomhas èigin de 
ùmhlachd do reachdaibh na h-àrd-chomhairle. Ach 'n uair a bha 
lìgh fann air a' chaithir, no rìgh fo aois mar is tric a thachair an 
dèigh a' Bhrnsaich, b' èigin a bhi fàgail nam fineachan gu bhi nan 
lagh dhoibh fèin. 



CAIB XVI. 



DAIBHIDH IL 



Thoqadh fainear gu tric gu'm bu daoine beaga mic dhaoine mòra ; 
gam bn daoine gòrach mic dhaoine glice. Bha sin, gun teagamh, 
firÌDDeach a thaobh an aoin mhic a dh'fhàg righ Raibeart mòr. 
Cha robh Daibhidh ach mu chùig bliadhn' a dh' aois 'n uair a 
bhàsaich 'athair. Thugadh an t-ainm sin air mar onair ri 'roimh- 
flhÌQnsir a rioghaich ceud bliadhna roimhe sud. Shuidhich rìgh 
Raibeart, roimh a bliàs, gu 'm biodh Sìr Tòmas Randolph, larF 
an taobh Mhuirich, air a dheanamh 'n a Thàinistear, 's e sin 'na 
àrd-riaghlair, air an rioghachd gus an tigeadh Daibhidh gu aois. 
Bha Randolph 'na dhuine comasach, agus bha e 'riaghladh na 
rioghachd 'an ceartas ; car cruaidh, theireadh daoine 'n diugh a 
bha e. Fhuair e Achd air a dhaingneachadh leis a' chomhairle, 
go*iD feumadh na h-uile Siorraimh pàigheadh air son gach coltair, 
no inneal treabhaidh eil' a rachadh a ghoid an taobh a stigh de 
chriochan na Siorrachd, a chionn gu 'm b* e dleasdanas an fhir- 
dieuchd sin luchd-braid a chumail fo eagal. Ghabh fear-eigin de 
dhànadas air iaruinn a chroinn fholuch, agus a ràdh gu'n do 
ghoideadh iad. Fhuair e o 'n t-Siorraimh an t-suim a mheasadh 
do na h-iaruinn sin. Ach fhuaradh a mach air 'an dèigh sin gu'm 
Vefòina dh'fholuich iad. Chroch an Tdinistcar e air son a 
chaid deasachd. B' ann air an dòigh so a bhuin Kandolph ris 
gieh fear droch-bheirt. Bha e 'na shaighdear gaisgeil; agus cha 
b' fhad* an dèigh bàis an rìgh gus an robli e air a ghairm gu dhol 
air ceann an airm an còdhail an nàmhaid. Thug Eideard BaiHoI 
idhirp air criin Alba fhaotainu da fèin goirid au dùìgh. bàis a* 



120 BACHDRAIDH NA H-ALBA 

Bhnisaicli. Bu mhac e so do lain Bàiliol, dheth 'n d' rinn Eid- 
eard I. Shasuinn rìgh ma's fhior, agus a dhruid e rìs 'am prìosun 
'n uair a rinn e fèin air son sealbh a ghabhail air Alba. Fhuair e 
cead a choise greis an dèigh sin, 'schaith e deireadh a làithean 
's an Fhraing *an dimeas. Thàinig a mhac a nis a nall as an 
Fhraing, 's thug righ Shasuinn cuideachadh dha os iosal, gu riogh- 
achd Alba thoirt o theaghlach a' Bhrusaich, air chumha gu'n aid- 
eachadh e righ Shasuinn fèin mar Ard-uachdaran Alba. Fhuair e 
àireamh luchd-leanmhuinn a measg dhaoine mòra Shasuinn, agus 
mar tha 'nàr ri aithris, a measg dhaoine mòr' Alba mar an 
ceudna. 'N uair a bha Randolph a' cur an airm an òrdugh air 
son an ceannairceach ud a chur sios, bhàsaich e bàs grad 'am Baile 
nan Feasgan, 'am mios deireannach an t-samhraidh, 1332. Rinn 
Pàrlamaid na rioghachd larla Mhàrr, caraid eile do righ Raibeart, 
'na Thàinistear 'an àite Randolph. Cha bu shaighdear larla 
Mhàrr ann ; 's bha bhuil. Thàinig Eideard Bàiliol air tìr 's an 
Eilean-loisgte, 's àireamh Shasunnach 'ga leantuinn. Fhuair e 
beagan cuideachaidh air taobh 's ear Alba. Bha larla Mhàrr le 
buidheann de'n arm Albannach air campachadh air monadh Dhup- 
lin, ri taobh amhainn Earna. Agus tha e dearbhta gu'n robh 
luchd-brathaidh 's a' champ aig', a thug misneachd 'us seòladh 
do Eideard Bàiliol tigliinn orra gun fhios feadh na li-oidhche. Cha 
robh freiceadan no luchd-fair' aig Màrr idir timchioll a' chaimp; 
agus mharbh daoin' a' Bhàliolaich àireamh mòr de na h-Albann- 
aich, 'n uair thàinig iad orra gun fhios, agus an Tàinistear fèin 'us 
triùir no ceathrar eile de àrd mhaithean na tire 'measg chàich. 
Bha larla Mharch a' triall gu tuath le roinn de'n arm gus an Tàin- 
istear a chuideachadh ; 's 'n uair a chual e mar a thachair chleachd 
se e fèin 'an dòigh co neònach 's gu'n do smuainich an sluagh gur 
h-ann air taobh a' Bhàiliolaich a bha e. An dèigh na buaidh big' 
ud, ghreas Eideard Bàiliol gu ruig Scoinne, far an d' fhuair se e 
fèin a chrùnadh. Thug e 'n ath starradh as gu ruig Sasunn a 
dheanamh ùmlilachd do Eideard, 's an ath char air ais do Alba gu 



DAIBHIDH n. 121 

fleadhachas. Ach cha b' fhad' a mheal e 'n onair. Cha'n fhuiling- 
€adh na h-Albannaich a chluinntinn gu*a robh iad gu bhi air au 
riaghladh le seirbhis^ach do rìgh Shasuinn; 's miir sin rlnn iad air 
son Eideard a rotadli air falbh an taobh as an tìiinig e. Thog dithis 
no triìiir de'n flieadhainn bu tapaidh a measg àrd-mhaithean na 
rioghachd buidheann luchd-leanmhuinn gu folchuidh, 's thuit iad 
air a' Bhàiliolach 's e air fèisd an àite faisg air 'Annan, 's ghearr 
iad 'd am mlribh a luchd-coimhideachd, a measg an robh a bhràth- 
air, 's theich e fein air muin eich gu ruig Sasunn le leithid de 
chabhaig 's nach d' fhuirich e ri 'fhalluinn a chur uime, no dioll- 
aid a chur air 'each. 

2. Fhuair Eideard Shasuinn samhladh lethsgeil a nis gu bris- 
€adh a steach air Alba, gus an sluagh a pheanasachadh air son an 
ceaimairc. Threòraich e armailt mhòr do Alba, 's chuir e sdisd ri 
B«aruic, baile mòr air a' chrìch Shasunnaich. Thog Sir Aindreas 
Muireagh, a bha nis 'n a Thàinistear, armailt bhsag, 's chaidh e 
gu deas 'an coinneamh an t-Sasunnaich. Chuir iad blàr air cnoc 
Halidoin, mu dhà, mhile o Bhearuic. Chaill na h-Albannaich an 
latha, 's bha'n Tàinistear fdin a measg an fheadhainn a thuit. An 
dèigh a' bhlàir so thnall Eideard gu tuath, 's chuir e Bàiliol suas 
a hs 'na righ air taobh 's iar 'us tuath Alba, 's ghabh e sealbh air 
ccarnaibh deas na rioghachd dha Uìn. Cha d' fhuair Bàiliol ach 
àireamh beag de na h-àrd-uaislean gu ìimhlachd idir a thoìrt da. 
Agus an dèigh caochladh oidhirjKìan neo-shoirbheachail a thoirfc 
air cuid de na caistealan a bha 'cumail a mach an aobhar righ 
Daibhidh a cheannsachadh, b' digin da 'chasan a thoirt leis à Alba 
amuigh'sa mach, agus an duigh sin rinn e atharrais air an 
dearbh ghniorah tàireil, fealitach, a rinn 'athair roimhe, ann an 
toirt seachad riagliladh Alba gu h-iomlan, 's gu bràth do righ 
Sbasuinn; 's mar shamhladh air a' mhagaireachd so thug e dha 
làn a dhuirn de iiir Alb' agus crìin òir. Ma b' fhìor do Eideard 
III. gu'm bu leòir sud gu làn chòir a thoirt dha fèin air Alba. 



122 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

Thug e blàthachadh pàighidh do 'n Bhàiliolach, a thug a chasan 
leis do'n Fhraing, 's cha 'n 'eil eachdraidh a' deanamh tuiUeadh 
iomraidh air. Rinn Eideard Shasuinn a nis air son Alba fhaotainn 
air na h-uile cor. 'An toiseach nan trioblaidean so bha Daibhidh 
òg Brus ga ghleidheadh 'an Caisteal Dhunbartoin, daingneach co 
làidir 'sa bha 'n Alb' an uair ud. Ach 'n uair a chunncas gu'n 
robh righ Shasuinn 'san eadraigin chuireadh Daibhidh a null 
do'n Fhraing, anns a' bhliadhna 1332, a chum gu'm faigheadh e 
f òghlum iomchuidh do'n inbhe 's an robh e, agus gu'm biodh e 
tearuint' o chunnart gus an tigeadh e gu aois. Agus lean an cog- 
adh gun lasachadh eadar Alb' 'us Sasunn am feadh a bha e air 
chuairt 's an rioghachd sin. Ach cha 'n 'eil eachdraidh a' dean- 
amh iomraidh air gu'n do sheas an t-arm Albannach làblàirrèna 
h-ùine sin ris an nàmhad an dèigh Halidoin. Bhiodh buidhneanf 
beaga gun teagamh, a' coinneachadh a chèile dhiubh, timchioU" 
air sèisd chaistealan, agus a' tarruing fol' o àm gu h-àm. Ach. 
an dèigh an là fhuiltich ud a dh'ainmich sinn, tha e soilleir gu'n. 
do lean na h-Albannaich a' chomhairr a thug rìgh Eaibeart dhoibh,. 
ris a bheil " Tiomnadh an deadh rìgh Baibeirt," air a ràdh 
B'e sin, co tric 's a bhriseadh na Sasunnaich a steach air an tir, 
gu'n tugadh an sluagh iad fdin as do na beanntaibh, 's do na 
h-àitibh garbh eile a bha feadh na dìithcha le 'n cuid sprèidh', 'us 
gu'n loisgeadh iad na h-uile sion a bha fàs à talamh de 'm 
b* urrainn an nàmhaid feum a dheanamh; 's gu'n tugadh so air 
an arm Shasunnach piUtinn air an ais gun dad air son an saoth- 
rach. Agus fhuair na h-Albannaich a mach le 'm fèin-fhiosrach- 
adh gu'm b' e sud dòigh bu fhreagarraiche sam bith air son iad 
fèin a chumail saor o chuing nan Sasunnach. Thàinig Daibhidh 
air ais gu 'rioghachd fèin 'sa' bhUadhna 1341. Bha e ochd 
bliadhna deug a dh'aois 'an sin, agus air pòsadh loanna, piuthar 
rìgh Shasuinn. Bha e ro mheasail aig a chuid iochdaranaibh an 
uair a thàinig e air ais; ach bha aobhar ac' am barail uime chao- 



DAIBHIDH II. 12^ 

chladh an dèigh sin. Bha e ro fhada *na cheann, ro bhras 'na 
nàdur, ro dhèigheil air cUiich, agus anns na h-uile seadh neo- 
fhreagarrach air son riaghlaidh. 

3. Mu 'n àm *s an tàinig Daibhidh air ais do Alba, bha cogadh 
cadar Sasunn *s an Fhraing, ni a thug cothrom anail a tharruing 
do na h-Albannaich bhochda. Chuir rìgh na Fraing* impidh air 
Daibhidh briseadh a steach air Sasunn le armailt 'gus an tarruing- 
eadh e uaithe fèin ni-eigin de chumhachd na rioghachd sin, Bha 
Daibhidh co amaideach *s gu 'n do ghabh e 'n impidh sin o rìgh na 
Frainge; 's bha e co fada 'na cheann 'sgu'm feumadh a luchd- 
comhairle, comhairl' a ghabhail uaithe. Ghabh e air aghart gu 
deasle àireamhmaith shaighdearan, ag oidhirpeachadh a dheauamh 
air na Sa^unnaich an ni is tric a rinn iadsan air Alba, creachadh 
'os losgadh le tein' 'us claidhcamh. Bha Eideard III. 's an Fhraing 
an sin. Ach thog na Sasunnaich arm aig a bhail' a chuir iad 'an 
aghaidh nan Albannach. Choinnich an dà armailt aig aite ris an 
abrar Crois Nebhil. Cha robh Daibhidh ach mu thrì bliadhna 
fichead a dh' aois an uair sin, agus gidheadh dh' fheumadh e 
comannd an airm fhaotainn 'na làmh fèin. Dh* innis àrd-oifigich 
an airm dha mar bu chòir na daoin' a chur 'an òrdugh, agus an 
cunnart a bhiodh ann mur biodli marc-shUiagh deiseil air son na 
fir-bhogha Shasunnach a sgapadh. Cha tugadh Daibhidh èisd- 
eachd do mhòr no beag, ach a dhòigh fdin a leantuinn. 'S e bun 
a bh' ann, chaill na h-Albannaich an là. Thuit mòran de 'n àrd- 
uùslean 's a bhlàr, 's chaidh, mòran a ghlacadh nam priosunaich, a 
measg an robh Daibhidh fèin. Lean làmh chll an airm air cath 
fad' an d(5igh do'n chuid eile an ruaig a ghabhail, tharruing iad an 
tin air falbh an deadh òrdugh, agus gu sàbhailt. Bha 'chuid so fo 
stibireadh larla Mharch, agus Stiubhart Alba. Chuireadh Daibh- 
idh air muin eich mhòir, dhuibh, 's threòraicheadh e 'm fianuis an 
t-slnaigh uile, mar phriosunach gu Tìir Lunuiun, far an do choinn- 
kh e lain, righ na Fraing', a bha co ionann mi-fhortanach ris fcin» 
mir a dheanamh na phriosunach cogaidh leis a' Phrionnsa Dhubh, 



124 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

mac righ Shasuinn. Chumadh Daibhidh aon bliadhna deug 'na 
"bhraighdeannach 'an Sasunn. Agus lean Eideard rè na h-ùine sin 
air cogadh ri Alba mar a b'urrainn e, le siiil ris an rioghachd a 
cheannsachadh dha fèin gu h-iomlan. Bha cuimhne rè ùine fhad' 
air garg-ionnsuidh a thug e air Alb' an toiseach na bliadhna 1355. 
Tha meud a challa 'rinn e air an turus ud air a chuimhueachadh 
leis an FhèiU-Bhrìde Loisgte. Tha e coslach gu 'n robh araon na 
Sasunnaich 's na h-Albannaich a' losgadh 's an àm ud. Fadheòidh, 
'n uair a dh' aithnich^an Sasunnach nach robh feum a bhi ri Alba, 
leig e cead a choise le Daibhidh, air chumha gu 'm pàigheadh e 
còrr maith 'us muillean punnd Sasunnach mar èiric air son a shaor- 
sainn. Ghabh Daibhidh os làimh an t-suim sin a thional co luath 
^s a gheibheadh e d'a thir fèin. Ach cha robh na muilleana co lion- 
mhor an Alb' an uair sin 'sa tha iad a nis, bha'n t-airgiod a' tighinn 
an ceann a chèile gu h-anabarrach mall. Bha na fiachan ud mar 
chloich-mhuiUinn mu mhuinneal an 'righ, ga chumail 'an seadh 
àraidh, 'na chiomach, ged a bha 'shaorsainn aige. Agus 's ann a 
fhuaradh a mach gu'n robh Daibhidh a' cùmhnantachadh ri Eid- 
€ard Shasuinn air son oighre 'dheanamh dheth air rioghachd Alba, 
chionn nach robh duine cloinn' aige fèin, air sgàth e mhaitheadh 
nam fiachan da. Ach an uair a thàinig an gnothuch os ceann 
bùird, b' digin do'n dà righ sgur dlieth. Cha robh na h-Albann- 
aich a' dol idir a ghèilleadh d'a leithid. Bha, mar sin, bha gnothuch 
an airgid air fhàgail aig na righribh gus a rditeachadh eatorra 
mar a b' fhearr a dh' fheudadh iad. 

4. B'ann mu'n àni so a bha plàighroeagalach air feadh uile riogh- 
achdan na Roinn-Eòrpa. Bha na h-ainmhidhean fèin ga gabhail 
^o aon a chèile, agus eadhon o dhaoinibh, na'm buineadh iad ri 
.eudach duin' a bhàsaich leatha. Bha i air sgaoileadh feadh Shas- 
^iiinn greis mhaith mu'n tàinig i dh'Alb' idir. Theireadh na 
"h-Albannaich "bàs sgreataidh nan Sasunnach," rithe. Thachair 
gu'n robh arinailt Albannach cruinn 'am fridh Shelcirc, 'an ceann 
<ieas na rio^hachd. Thàinig a' phlàigh 'n am measg gun fhios 



TEAGHLACH NAN STITJBHARTACH. 125 

cionims. Cbaidh cùig mile de*ii annailt adhlacadh an sin mu 'n do 
Bgaoil iad o chdile. Ach lean a' phlàigh iad do gach cearna de'n 
rioghachd. Tha hichd-eachdraidh ag aithris gu'n do bhàsaich 
treas earrann an t-sluaigh leatha. Gun teagamh 's i plàigh a 
b* oillteil*, agus is mò chuir dejuamhas air daoinibh air a bheil 
iomradh *an eachdraidh an t-saoghail. 

Bhàsaich Daibhidh II. 'sa' bhHadhna 1371, 'san t-seachdamh 
bliadhna thar dhà fhichead de 'aois, agus rioghaich Raibeart 
Stiubhart, mac a pheathar, *n a àite. 



CAiB xvn. 

TEAGHLACH NAN STIUBHAETACH. 

A-MEASG an àìreimh mhòir lachd-Ieanmhuinn a thàinig à Sasunn do 
Alb' an dèigh ban-rìgh Mairireit, bha fear XJalter Fits-AIan. 
Fhoair am fear so an dreuchd urramach sin, a bhi 'na Stiùbhart 
air tcaghlach an rìgh ri linn Dhaibhidh I. An deigh sin thàiuig an 
àrd dhrenchd so gu bhi oighreachail 'an teaghlach Fits-AIain. Agus 
mar sin thàinìg iad gu bhi air an sloinneadh a rèir an dreuchd,Stiubh- 
srtaich. Bha TJaltar Stiubhart, an seathamh fear de'n teaghlach 
80 'na àrd-stìùbhart air tcaghlach an rìgh ri linn Raibeart Brus.. 
Bha Ualter so 'na shaighdear gaisgeìl. Bha Raibeart Brns co 
riaraichte Icis an d?)igh 'b an do chleachd an Stiubhart e fcin là Allt- 
a'-Bhonnaìch, *8 gu 'n tug e dha Margori, a nighean fcin, ri pòsadh, 
an ath-bhliadhn' an d6igh sin. Cha robh dnine cloinn' eil aig a 
Bbrnsach an nair am. Thàinig Daibhidh, a rugadh an deigh sud, 
a dh* ionnsnidh a' chrùin aig bàs 'athar. Ach mar a bhàsaich. 
esan gnn chloinn b'i 'phiuthar 's a teaghlach, a b' fhaisg air an rìgh- 
cbaithir. Tbug Uilleam, larla Dhùghlais, aig an àm cheudna tàmh- 



126 EACUDRArDH NA H-ALBA 

adh a dh' ionnsuidh a' chrùin, ged nach robh còir dhligheach sam 
bith aig/ ach gu 'm bu duine buaireasach e, a bha ro chumhachd- 
ach; agus is gann a b' urrainn na Stiubhartaich leis a chlaidheamh 
cur 'na aghaidh. Ach fhuair e nighean Raibeart II. gu bhi air a 
pòsadh ri mhac fèin. Thug sin air a bhi sàmhach aig an àm, agus 
<;haidh Raibeartll.* a chrùnadh an sin gu'n neach a'cur'na'aghaidh. 
Bha e dà fhichead 's a cùig deug 'n uaìr a thòisich e air rioghachadh. 
Bha e air bhi na 'dheadh shaighdear 'na òige. Ach bha e nis gu 
maith trom; agus bha galar 's na sùilìbh aig' a bha ga 'n deanamh 
dearg mar fhuil. Bu duine measail e; ach cha robh e co smachdail, 
's 00 treun 's a dh' fheumadh prionnsa 'na àite-san a bhi, air son 
ùghdarras a ghlacadh 's a chumail thairis air an t-sluagh. Cha 
robh smachd sam bith ga chumail orra ri linn riaghladh fann Dhaibh- 
idh, 's bha na cinn-fheadhn', araon a tuath 's a deas air dol ann am 
fiadh le cogadh 'us creachadh nam measg fein, 's an aghaidh nan 
Sasunnach. Ged dheanadh righ Raibeart sìth ris na Sasunnaich, 
bha teaghlach nan Dùghlasach, 'us cinn-fheadhn' eile ris a' chrìch, 
ga 'm faotainn f èin aig saorsainn gus an coimhearsnaich Dheasach 
a chreachadh an deigh sin uile. Agus bhiodli sin a' toirt dragh air 
an rìgh anns nach robh làmh air bith aige fèin. 

2. ThàinigbuidheannFhrangach mu'n àmsoachòmhnadhnan Alb- 
annach 'an aghaidh nan Sasunnach, 'an dùil gu 'm faigheadh iad cliù 
'us saoibhreas mar dhuais an saothrach. Bha Admaral de Yienne 
'na cheannard air na Frangaich. Chruinnich Richard II., rìgh Sha«- 
ninn, armailt ro lionmhor a chuir e nall do Alba. Bha na Frangaich 
a brosnachadh nan Albannach gu là blàir a sheasamh ris an nàmhaid, 
ach cha deanadh na h-AIbannaich sud. Thuirt na h-oifigearan Alb- 
annach gu 'm faicteadh gu h-aithghearr na Sasunnaich a' pilltinn 
dachaidh le call mhòran sluaigh, 's gun dad air son an turuis, gun 
chlaidheamh a tharruing à truaill. B' arahuil a thachair. 'N uair 
a chunncas na Sasunnaich a tighinn, chaidh teinntean rabhaidh fhad- 

* Mac l>a«hine nighinn a Bhrusaich. 



TEAaHLACH NAN STIUBHARTACH. 127 

:adh air mullaìchibh nan cnoc mar a b* àbhaist, aon chnoc, mar gu *m 
b' eadh ga chur uaithe fein gu cnoc eile. Ghluais an sluagh le 'n 
cnid ftpreidhe do 'n ionadaibh dionaidh a measg nan creag 's nam 
beann, 's chuir iad ri theine an àitean còmhnuidh. Cha 'n fhaigheadh 
na naimhdean dad a dh'itheadh iad, no duin' air an deanadh iad 
dioi^haltas. Agus an deigh cuairt fhada, sgìth, a ghabhail feadh na 
dùthcha, phill iad air an ais, a' fàgail as an deigh mòran de 'n cuid 
daoin' 'us each a thuit le sgìos 'us ocras. Aig an àm cheudna 
thòisich na saighdearan Albannach air creachadh an taobh tuath 
Shasuinn, far nach robh neach a b' urrainn seasamh na 'n aghaidh. 
Thionail iad pailteas creiche 's bha iad a' caitheadh na h-iiine gle 
shòghmhor 's an tìr bheartaich ud, 'n uair a bha na saighdearan 
Sasunnach a' bàsachadh le gort 'us sgìos 'an tìr fhàsail. Thàinig 
na Frangaich gu aimhreit air son a lughad 's a bha iad fèin a faot- 
ainn de thuarasdal. Ach cha b'e mhàin nach pùìghteadh dad dhoibh 
8in' an Alba, ach cha *n fhaigheadh iad cothrom falbh do 'n tlr fein 
gus an gealladh iad pàigheadh air son an cumail suas rè na h-ùìne 
a bha iad 'an Alba. Ach bha 'n D àghlasach deònach gu leòr air cath 
a chnmail ris na Sasunnaich 'n uair nach biodh ann diubh ach 
àireamh cuimseach, ni-eigia cosmhuil ris an àireamh luchd-Iean- 
mhuinn a bhiodh aige fèin. Bu nàr leis e fein fholuch 'an teugmhaii 
de 'n t-seòrsa sin. 

3. An deireadh an t-Samhraidh 1388, bhris an creachadair so a 
8teach air taobh tuath Shasuinn le buidbeann lionmhor luchd-Iean- 
mhaion. Chuir larla Northumberland a dhithis mac, Sìr Eanruic 
agas Sìr Ralph Perci, 'an coinneamh nan ceatharnach Albannach ga 
stad a chur orra. Chaidh na fir am badaibh a cheil' air taòbh a 
moigh balla Chaisteil Nomha. Theireadh iad Hotspur ri Sìr Ean- 
ruic a thaobh co bras 's a bha c. Bhuail am fear so agus larla 
Dhùghlais air còmhrag ri ch6iie raar dhà churaidh. Anns a' chòmh- 
rag 80 fhuair an Dùghlasach greim air sleagh an t-Sasunnaich, ri 
ceaon an robh saaicheantas teaghlaich nam Perciach ceangailte, mìr 
grinn de shide air a ghr^iseadh le neamhnaidibh air an robh dealbh 



128 EACHDKAIDH NA H-ALBA 

leòmhaìn air a tharruing. Thog an Dùghlasach an comharradU' 
buaidh so gu h-àrd os ceann a chloiginn, 's ghlaodh e gu 'n tugadh e 
eis do Alb' e, 's gu'n càireadh e air a' chaisteal fèin an Dail-cè e^ 
"Cha dean thu sin gu bràth," ars' an Sasunnach, "coisnidh mi fathast 
mo lann, mu 'm faigh thus air t-ais a dh' Alba." 'S ann mar sud a 
bha. 'N uair a thruis an Dùghlasach de chreich na chaidh aig air,. 
thionndaidh e aghaidh gu tuath. Ach 'n uair a ràinig e àite ris ani 
abrar Oterburn, mu fhichead mìl' o chrich Alba, rùnaich e cam- 
pachadh an sin gun fhios nach tugadh Hotspur oidhirp air a' lanQ> 
a chosnadh a rìs. Bha 'n cluich co milis 's gu 'm bu mhòr am beud 
leis an Dùghlasach a leigeadh seachad. Mu anmoch, an dara feasgar- 
an dèigh dhoibh stad, bha na h-Albannaich a' gabhail an suipeiry 
's cuid air gabhail mu thàmh, 'n uair a chualas àrd-ghlaodh, "Perci, 
Perci." Bha 'n oidhche soilleir le àirde gealaìch. Bha na h-Alb- 
annaich an òrdugh co grad 's a ghabhadh e deanamh ; sheas na^ 
laoich aig a chèile. Chuireadh bratach an t-Sasuuuaich mu choinn- 
eamh bratach 'an Dùghlasaich. Ach bha triùir aig Hotspur mu 'n. 
aon a bh' aig an Dùghlasach; agus goirid 'an dèigh bualadh gui 
chèile thòisich na h-Albannaich a' dol an coinneamh an cùil. Air 
faicinn sin do'n Dùghlasach ghabh e tuagh chuth' anns gach làimh 
's ghlaodh e mach, " Dùghlas, Dùghlas," 's rèitich e rathad dha fèini 
troimh an nàmhaid. Ach mu'n gann a bha sin deanta thuit e sios 
air a leònadh le trì lotaibh bàsmhor, 's cha bu luaithe a bha e ri taU 
amh na chuir Sasunnach eil' an tuagh troimh 'n cheann aige, 's gun 
fhios aige co bh' ann. Bha càirdean an Dùghlasaich fein air a chul- 
aobh 's mu 'n cuairt da, agus air tòiseachadh le neart nuadh a' cur 
air aìs nan Sasunnach. Dhliithaich Sìr lain Sinclair, a bu charaid 
dha, ris, 's a' togail a chinn làn fola o'n talamh thuirt e, "Cionnus a 
tha thu charaidf' "Cha 'n 'eil ach gu meadhònach" ars' an ceann- 
feadhna, "ach buidheachas do Dhia cha do bhàsaich ach tearc 
de 'm aithrichean air an leabaidh. Tha mi guidheadh ort mo bhàs 
a dhioladh, oir tha mo chridhe a dol an laigead na h-uiletiota: tog 
mo bhratach a tha air an làr o bhàs an uasail a bha ga giùlan, 



KAJBEAKT m. 129 

's tboir do neacb eil' i; glaodh, Dùghlas! 's na innis do charaid na 
do eas-caraid nach'eil mi 'n 'nr measg." Air a sin bhàsaich e; thilg 
iad falluing air a' chorp, 's rinneadh mar a dh' iarr e. An uair a 
cbuala na b-Albannaicb an Glaodh-catba, tbionail iad timchioU na 
brataich, 's bbrùcbd iad air ais na Sasunnaich, a thionndaidh an cùl 
Tia 'an ùine ghoirid. Ghlac iad mòran diubh 'n am prìosunaich, a 
measg an robh Hotspur fein. Thugadh e foiu agus sleagh na 
còmbstri gu ruig Alba. B' ann mar so a choisinn an Dùghlasacb 
marbb a' bbuaidh. Thug iad a chorp do Abaid Mheh'os, 's chrocb 
iad sleagb au t-Sasunnaich os ceaun na h-uaigh a rinneadh dha. 

Bbàsaicb Raibeart II. 'an deadb shean aois, anns an fhichead- 
amb bUadhna de 'rioghachadh. Dh' ihàg e ceathrar mhac, agus 
rioghaich am fear bu shino dhiubh, ris an abrar Raibeart III., 'na 
àite. 



CAIB. XVIII. 

RAIBBART IIL 



Bha trioblaidean'gu leòir, araon 'na tbeagblacb agus 'na rioghacbd, 
aig Raibeart III. rè a riogbacbaidh. Bba e còrr 'us 50 bliadlina 
'n uair a cbrìinadb c. Cha robb e f(5in freagarracb air son seasainb 
au: cbeann airm. Bba ceum bacaicb ann, o bhreab a thug eucli 
dha 'na òige, ann an spleadh-cbòmbrag. Agus mar a bha e socair^ 
nco-bbuaireasacb 'na nàdur, cba robb e air son a ghabbail acb co 
bcag *sa b'urrainn e de dhragh ri gnotbuichibh foUaiseach na 
rio^iachd. Bba fear dc 'bhràitliribh a bha comharraichte geur, 
dàDa, agus teom' air son ghnothuicbean a ghabhail os làimh. 
lUnn e Dihc Albani do 'n fbear sin, agus dh' earb e ris, cba mliòr^ 



130 EACHDEAIDH NA H-ALBA 

riagliladh na rlogliachd gu h-iomlaii. Rinn e mar an ceudna 
Diìic Bhòid de 'mhac bu shine fèin, agus oighre 'chrhin. Bu le 
teaghlach nan Stiùbhartach Uìn eilean Bhòid uile ; 's bha mòran. 
fearainn eile ac' an ceann deas Alba, gu h-àraidh 'an Siorrachd. 
Reinfriu. Cha robh Diùc riamh 'an Alba roimh 'n dithis so. Cha 
robh tiodal ann a b' àirde na larla. Bha bràthair eil' aig an rìgh 
a bha 'na thriath air Baideanach, agus aig an robh riaghladh aìr 
taobh 's ear Alba sios gu Gall-thaobh, Bha 'm fear so a' deanamh 
uiread de chall air feadh na dùthcha mu 'n cuairt, 's gu 'n tug iad 
Sionnach Bhàideanach mar f hrith-ainm dha. Thug an " Sionnach'* 
tàmhadh air fearann an easbuig Mhuirich gus a chuid fèin a dhean- 
amh dheth. Chuir an t-easbuig binn iom-sgaraidh 'an cèill an 
aghaidh an t-Sionnaich air son e bhi 'gleidheadh sealbh air an. 
fhearann. 'Chur a bhinn sin an Sionnach gus an ro thuilleadh 
tuaireis. Dh'fhalbh e le àireamh Kichd-leanmhuinn agus loisg e 
baile Forres, pàirt de 'n eaglais, agus tigh còmhnuidh an àrd- 
■dheaeoin. Goirid an dèigh sin loisg e bail' Elgin leis nabha timchioll 
air de eaglaisean 'us tighean luchd-dreuchd na h-eaglais. Chuir- 
eadh an lagh siobhalt as a dhèigh an sin, 's thugadh e gu ni-eigin 
de aideachadh ùmhlachd. Thàinig e gu eaglais ann am Peirt a 
dheanamh ùmhlachd, far an do choinnich an righ, agus mòran de 
naih-àrd uaislean ris, agus ghabh iad ris air chumha gu 'n tugadh 
e làn-riarachadh do'n easbuig Mhuireach, agus gu'm faigheadh e 
jDaitheanas o'n Phàpa. 

3ha mac diolain aig a' Phearsa rioghail so, ris an abradh iad 
Donnachadh Stiubhart, a bha co dona ri 'athair. Chabhiodh ann 
de eachdraidh an fhiìidhalaich so ach ath-aithris air na chaidh. 
innseadh de dhroch ghniomharaibh 'athar fèin. Ach cha b* e 
mhàin gu'm feudtadh a ràdh mu chàirdean an rigb gu'n robh iad 
mar mic Sheruiah, ro chruaidh air a shon, ach bha 'chuid mhòr de 
na cinn-fheadhna Ghàelach mar sin mar an ceudna. Agus tha 
cuid ag ràdh gu 'n robh Dihc Albani a' comhairleachadh do'n 
righ, a bhi toirt cead doibh cur as da chèile, gus am biodh e ni 



RAIBEAHT Iir. 131 

V fhnsadh dha fein a ris treubh sam bith dhiubh a dh' èireadh. 
'an ceaunairc a cheannsachadh. Tha caochladh nithe aig luchd- 
eachdraidh ga 'n innseadh a tha coslach ri bhi toirt gnìiis do 'n 
l'heachd so. Tha ni-eigin cosmhuil ri so anns a* chòmhrag a leig- 
eadh air aghart 'am fianuis an rìgh 's na ban-righ, us mòran uais- 
lean' eile 's a' bhliadhna 1396. Bha clann Chatain, agus clann 
Dhaibhidh, no clann Cliai, a' creachadh 's a' marbhadh a ch(5ile, 
gun tàmh, rè dheich bliadhna roimhe sud. Agus 'n uair nach. 
gabhadli iad comhairle gu sgur de 'n droch obair siu, f huair iad 
cead o 'n rìgh a' chòmhstri a rditeachadh le deich fir fhichead air 
^ch taobh a dhol a chòmhrag ri chèile le claidheamh mòr, 's tuagh- 
chatha, agus gu 'm biodh urram 'us toiseach aig an taobh a chois- 
ueadh air an taobh eil' an dèigh sin. B' ann do 'n aon treubh a 

luineadh an dà mheòir so, Clann Chatain 's Clann Chai, 's be 
•aobhar na còmhstri, co dhiubh a b' urramaich' agus aig am biodk 
jm toiseach ri àm cogaidh. 'N uair a ràinig iad an làthrach a 
bh' air ullachadh roimh laimh, bha fear de Chlann Chatain air e 
i&in thoirt as gu h-uaigneach, mar gu 'm biodh e coma air son a 
«1ìaid a bhi aige de ghlòir a' chatha. Cha lelgeadh Ceannard 
Chlann Chai aon duine air falbh gus an àireamh a dheanamh co 
ionann. Ach thairg'fear a mhuiuntir a' bhaile, ris an abrar Ean- 
juic Uind, e fèin do MhacPhearsoin, Ceannard Chloinn Chatain, air 
.leth-chrun gus an cath a chur air Clann Chai. Chaidh sin a. 
s ghealltuinn da, 's thòiaich an còmlirag gu geur, guineach. 'N uair 
A mharbh am fear-tuarasdail so aon duine sguir e ; dh* digh an 
Ceannard ris ciod a b' aobhar dha sud, an robh eagal air. Thuirt 
•^san nach robh, ach gun d' rinn e seirbhis gu leòir air son letli- 
chnin. Dh' èigh MacPhearsoin, " Am fear nach cum cunntas air a. 
.ghniomharaibh cuchdail, pàighear e gun chunntas a chumail ris." 
Chuìr iad so anns an rann, " Am fear nach cunntadh rium cha» 
channtainn ris." 

Thòisich an gillc-tuarasdail air obair a mharbhaidh a rls. 'S ana 
leis an taobh air an robh esan a chaidh. Mharbhadh naoi fir 



1$2 EACHDKAIDH NA H-ALBA 

f hichead de Chloinn Chai; theich am fear m\\ dheireadh a bha heÒ^ 
Mharbhadh naoi fìr dheug air au taobh eile. Bha na mhair beò 
dhiubh air an gearradhì's^air an lotadh gu h-uamhasach, ach Eanruic 
na aonar. Bha esan gu maith air armachadh, 'sbha e ro làidir:. 
bu cheird da bhi deanamh dhioUaidean stàillinn, 's theireadh na . 
Gàeil, an Gobba Crom ris. Tlmg MacFhearsoin an deadh phàigh- 
eadh dha. 

2. An ìiine ghoirid an dèigh so, bha caonnag f Imilteach eadar 

Callum Beag MacLeòid, uachdaran Leòdhais,agus buidheann de na 

Cataich, 's de Chlann Aoidh, Shrath-nàbhair. Bha Aonghas Mac 

Aoidh, uachdaran Shrath-nàbhair, air pòsadh piuthar do Mhac 

Leòid. Bhàsaich esan 's dh' fhag e dithis mac, Aonghas Dubh, 'us • 

Euairidh Gallda. Einneadh Uisdean Dubh, bràthair athar do 'n 

chloinn so 'na oid-iunnsaich orra an dèigh bàis an 'athar, 's bha e 

aig an àm cheudna 'na stiubhart air an cuid fearainn. Chuala 

MacLeoid gu 'n robh Uisdean Dubh a cumail droch ceann ris a' 

bhantraich, a phiuthar. Dh' fhalbh e le ceathairn mhaith Leodh- 

asach còmhladh ris a shealltuinn air a phiuthair air los ceartas 

fhaicinn aic' a dheòin no 'dhaindeoin. 'S e 's coslaiche nach tàinig 

MacLeoid 's Uisdean Dubh MacAoidh gu còrdadh idir. Co dhiù, 

dhealaich MacLeoid ris'am feirg mhòir, 's thoisich e air losgadh 'us 

fàsachadh pairt de Shrath-nàbhair, 's thog e mòran creiche, crodh 

Tis caoraich, leis an d' fhalbh e gus an aiseag gu ruig Leòdhas. 

Ach chuir Clann MliicAoidh a dh' iarraidh cuideachadh o 'n larla 

Chatach, ris an robh iad 'an sith 's an àm sin mar nach b' àbhaist. 

Chuir an t-Iarla Alastair Muireach na Cìibin le dream de dhaoine 

tapaidh a chòmhnadh muinntir au t-Srath' Chaidh na Caoidhich 

's na Cataich le chèil' air tòir MhicLeòid, 's rug iad air aig Tuiteam 

. Turbhigh, anns a' chrìch eadar Cataobh 'us Bos. Thòisich iad an 

toiseach air an sprèidh a thoirt o chèile, mar bhitheas buachaiìlean 

a' deanamh air a' phunntair. Agus 'n uair nach robh na Leòdhas- 

aich a cur rompa speir de 'n chreich a leigeadh as, bhnail iad air a 

chath, a bha mar tha Sìr Raibeart Gordon ag ràdb, fada, guineach. 



RAIBEAET m. 133 

-fuilteach, teagmliach. Ach *s ann air MacLeòid a chaìdh. Mharbh- 
3Àh. e fèin 's na h-uile dnin' a hha còmhladh ris, ach aon fhear a 
thàinig dhachaidh *sa bhàsaich leis na lotaibh a fhuair e. Fhuair 
a bheag no mhòr de mhuinntir an t-Srath air ais beò leis an sprèidh. 
3. Ach cha robh trioblaidean air bith 's an rioghachd co cianail 
riu sud a bha 'n teaghlach an rìgh ft^in. !Cha robh clach gii *ii 
tionndadh aig Diìic Albaui a dh'fheuchainn am faigheadh e 'a 
rioghachd gu h-iomlan da fèin 's da theaghlach. Agus mar sin, 
»" '■' ladh e mic an rìgh a chur as a rathad. Bha Diìic Bhòid, 
i \, igheach a' chrhin, 'na dhuin' eutrom, car ceannasach agus 

beothail 'na spiorad. Bha Albani 'deanamh na b' urrainn e gu 
droch inntinn a thogail eadar am mac sin agus 'athaìr. Acb. 
•smuainich an rìgh 's a' bhan-righ na 'ra pòsadh an Diìic òg gu 'n 
tigeadh e gu blii ni bu shuìdhichte. Cha b* urrainn Albani 
-car an aghaidh so, ach a mhàin gu 'm b 'e fdin a dh'fheum- 
^h còrdadh a dheanamh air son a' phòsaidh. Agus b' e 'n 
xian a ghabh e nach feudadh am prionns' a phòsadh ach 
nighean a' Mhorair is mo bheireadh seachad de airgiod aig àm a' 
phòsaidh. B' e larla Mharch is mò 'thairg de airgiod 'an toiseach, 
aguBrÌQDeadh rèiteach eadar a nighean-san agus an Diùc; ach 
an dèigh sin thairg an t-Iarla Dhghlasacli barrachd, agus thug iad 
aii a* phrionns' òg gealltuinn a' bhan Dùghla^ach a phòsadh. B' i 
pìuthar an righ màthair a* chinn-feadhna so; agus bha e nis air 
8on a nighean a phòsadh ri oighre na righ-chaitlireach. Ann an 
•droch uair cìiaidh am pòsadh a dheanamh. Ach bha 'm prionns' 
'an deigh sin mar a bha e roìmhe. Thug Albani an sin a chreid- 
ònn air an righ gu'm b' fheaird am prionnsa beagan ciosnachaidh 
a dheauamh air le 'chur 'am priosun greiseag bheag. Dh' aont- 
^ch an righ bochd gu h-eagalach, 's gu teagmhach ri so, leis gach 
droch thuaileas cile bha 'bhràthair ag innseadh dha. Fhuair Al- 
baui cead-rìgh, no barantas, air son am prionns' a chur an làimh. 
Ohaidh an t-òganach a chur an làimh, 's gun an-amharus sam bith 
AÌgc c'ar 80Q. Kinneadh priosunach dheth 'an Caist^al Falcland, a 



334 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

"bu le Albani. An ceann chùig là deiig f huaradh a chorp an sin aÌF 
a leigeadh bàs do 'n ghort. Ghiìilaineadh an corp air falbh, 
's dh' adhlaiceadh e gu folchuidh 'am Monasteri Lindores, 's fhuair 
na mortairean iomradh air a sgaoileadh aig an àm, gur h-ann lo 
tinneas cuim a bhàsaich e. 

4. Goirid roimhe sud bha Eideard III. Shasuinn air bàsachadh; 
agus mar a bha 'mhac, am Prionnsa Dubh, air bàsachadh roimhe 
fèin, thàinig 'ogha, Richard IL, thun na caithreach; agus e aorc 
bliadhna deug a dh' aois. Ach an dèigh do'n rìgh dhligheach so 
a bhi tri bliadhna fichead a' rioghachadh, dh' èirich Diìic Lanca- 
stair, oighre bhràthar 'athar, 'an ceannairc 'na aghaidh, agus 
fhuair e aonta na Pàrlamaid gus a chur dheth 'n chaithir. Chuir- 
eadh Richard an sin 'am prìosun far an do mhortadh e gu li-uaig- 
neach goirid an dèigh sin, agus ghabh Diùc Lancastair crùn Shas- 
uinn da fèin fo ainm, Eanruic IV. Thachair so 's a' bhhadhna 
1399, agus le sin thòisich an cogadh fuilteach, maireannach ud 
eadar teaghlach Lancasteir agus teaghlach lorc, ris an abrar cog- 
adh nan Ròsan, a tha co ainmeil 'an eachdraidh Shasuinn. 

5. Ach gu pilltinn ri rìgh bochd Alba. Tha e coslach gur 
h-ann a' chuid 'sa' chuid a thuig Eaibeart III. gur bàs ainneart- 
ach a fhuair a mhac. Ach ged a bhiodh e air a làn thuigsinn o'n 
toiseach, bha fios aige gu'n robh a bhràthair 's a luchd-cuid- 
eachaidh ro chruaidh air a shon, 's nach deanadh e ach an gnoth- 
iich ni bu mheasa dha fèin le oidhirpeachadh air a thoi?t gu cear- 
tas. Bha e aithnichte gu leòir dha nis gur h-e bha 's an amhara 
aìg Albani an crhn fhaotainn da fèin 's da theaghlach. Bha aon 
mhac eil' aig an rìgh air an robh Seumas, an ceud fhear èe' na 
Seumasan. 'S e smuainich e fèin 's a' bhan-righ air an òganach a 
chur air falbh gu cùirt righ na Frainge, far am faigheadh e inri'n- 
sachadh iomchuidh do'n inbh' àird 's an robh e, agus 'am biodh &' 
tearuint' o ais-innleachdaibh bhràthar-athar. Rinn iad uUach- 
adh air son a chur air falbh co cabhagacb, 's co uaigneach 'sa 
ghabhadh deanamh; ach mu'n d' fhuair an soitheach a bha gua 



BAIBEART lU. 135 

jun prioims' a ghiùlan fo slieòl *s fo astar, thuig Albani an rud 
a bh' ann, 's gu'n robh 'n t-eun air lunn a bhi gu sgiobalt' a 
mach as a lìon fdin. Ach au aon ni a ghabhadh deanamh a nis 
TÌnn se e gu cabhagach ; ghrad chuir e teachdaire 'thoirt sanas do 
rìgh Shasuinn. 'N uair a ràinig an soitheach 's an robh am prionns' 
oirthir Norfoc, bha càbhlach beag Sasunnach a' feitheamh oirre. 
Ghlac iad i, 's thugadh Seumas òg 'am fianuis Eanruic IV. Thog 
larla Annain, ris an robh am prionns' an earbsa, Protest 'an agh- 
aidh so mar ni mi cheart, a chionn gu 'm b' àm sìth a bh'ann, 
'b gu'r h-ann air gnothuch siochail a bha iad. Ach fhreagair Ean- 
raic, o'a a thachair an ni nach bu chòir a bhràthair air caithir 
Alba bhi air a mhealladh. Ma bha e 'giarraidh na cainnt 
Fhrangaich a theagasg da mhac, gu'n robh eòlas maith aigesan air 
»* chainnt sin, 's gu'n tugadh e leasan Frangach dha co maith ri 
fear sam bith eil', agus nach b' urrainn an t-òganach tuiteam 'an 
làmhaibli a b' fhearr. Ged a thuirt Eanruic so uil' 'an rathad 
sgeigeil, thachair e 'n riaghladh an fhreasdail gu 'n d' f huair 
Seumas iunnsachadh de na h-uile seòrsa, co maith aig cùirt Shas- 
uinn 's a gheibheadh e 's an Fhraing, no ni b' fhearr. Cha leig- 
eadh Eanruic à sud e. 'N uair a chuala rìgh Alba gu'n robh 'aon 
nihac 'na phriofiunach an Sasunn, 's a dh' aithnich e gu'n robh so, 
mar gach olc eil', air a thoirt mu'n cuairt tre chuilbheartachd a 
bhràthar fdin, bhris a chridhe, 's cha do thog e ceann riamh tuiU- 
eadh. Bhàsaich e air an ath bhliadhna, 1406. 



CAIB. XIX. 

TAINISTEARACHD ALBA. 

Fhuair Albani a nis an ni gus an robli e 'g iarraìdh o cheann 
fada, rioghachd Alba dha fèin, cha b' ann gus a riaghladh, ach a 
h-an-riaghladh. Fhad 's bu bheò mac a bhràthar aig cùirt rìgh 
Shasuinn, cha bu dàna leis tàmhadh a thoirt air a' chrùn. Ach bha 
e 'na rìgh, co cinnteach ri Eanruic lY. fèin, 's na h-uile seadh ach au 
t-ainm. Fhuair Albani, agus Eanruic lY. an cumhachd tre na h-aon 
mheadhonaibh — le ain-neart a chleachdadh a thaobh an dlù-chàird- 
ean a bha seasamh 'na 'n rathad. 'S maith a thuigeadh an dithis a 
bha 'n sud a chèile. Bha fios aig Eanruic nach robh ni air^omhan ^ 
bu lugh' air Albani na gu 'n leigteadh dhachaidh air Seumas òg 
Stiùbhart. Agus uime sin bha e ga chumail mar hhòcan os a 
cheann gu eagal a chumail air ach am biodh e 'na choimhearsnach. 
sìochail. Agus bha buaidh an eagail ud, an caochladh dhòighibh, 
ri fhaicinn air Albani. Ma b' fheudar dha air uairibh a bhi, air 
sgàth coslais a' cumail suas còmhstri ri Sasunn air son ni-eigin de 
thoileachadh a thoirt do na Morairibh Albannach, bha e ri fhaicinn 
aig gach àm dhiubh sin gu'n robh e ga chleachdadh fein air a leithid 
de dhòigh 's nach faigheadh Sasuun ach co beag calla 's a b' urraìnn 
e o bhriseadh a steach nan Albannach. Anus a' bhliadhna 1405 
chuireadh an ceud mhairtireach gu bàs 'an Alba leis na Pàpanaich, 
air son theagasgan an Ath-Ieasachaidh, mar a dh' fheudtadh ràdh 
riu. Bu Shasunnach an duin', a dh' fhuiling aig an àm sìn. Aon 
de dheisciobuil Uiclif. B'e 'ainm lain Resbidh. Bha e 'teagasg 
nach b' e'm Pàpa Pear-ionaid Chriosd air thalamh; agus nach bu 
chòir duin' aig an robh caitheamh beath' ain-diadhaidh a bhi 'na 






TAINISTEARACHD ALBA. 137 

Phàpa. B'e losgadh am bàs a dh' fhailing e. Ach bha mòraa 

troimh' chèil' 'an Alba feiu fhad *s bu bheò Albaui. Bha so ag èiridh 

o'n aon aobhar ris gach ceannairc bheag eil' a thachair ri linn aa 

dithis righrean a chaidh roimhe; b' e sin, nach robh mòran eagail air 

•na tighearnan camhachdach rompa, no mòran urraiin doibh. Bha 

ni ba ro lagh' urraim aca do Aibani. Agus tha ri chur as a leth 

gu *n robh e leigeadh cus de 'n toil fèin leis ua daoinibh sin, ged a 

ha e, ga coitchionn, a* cumail ceartais a measg dhaoine bochda. 

^ch *s e ni bu ro chomharraichte *s bu challail' a thachair rè a 

thàinistearachd, a' cheannairc fhuilteach a riun tighearna nan eìleau 

< a' bhliadhna 1411, agus air son an robh'n urra mhòr siu a* smuaiu- 

-WJhadh gu 'n robh deadh aobhar aige. Fhuair aon de larlachaa 

JElois bàs gun ftiàgail ach aou nigheau a bha pòsda ri Sìr XJalter 

-Ijesli. Bha dithis chloinn' aig Sìr Ualter — Alastair, a thàinig 

.:i dèigh sin gn bhi na larla Rois, agus Mairireat a phòs Tighearna 

.-: Kilean. PJiòs Alastair, larla Rois, nighcau do DIiiùc Albanì; 

_ .> cha robh duine cloinu' aigesan ach aou nighean — Euphemia, 

) m-Iarla Rois. Ach chaidh a bhan-tighearna siu 'ua h-òige steacli 

do chomuun nan Cailleachan-dubha, 's dh' fhàg i larlachd Rois, 

nìg bràthair a màthar, larla Bhuchain. Cha 'n 'cil teagamh nack 

jbh Morair nan eilean a' faicinn làrah Albani anns gach car dhiubh 

sad. Ach co-dhiù chuir am Morair a steach air sou larlachd Rois 

-'haotainn da rahnaoi fèin, mar an t-oighre dlighcach, 's a' tagairt 

; ich robh còir sam bith aig larla Bhuchain air ni a bhuiueadh do 

leaghlach a mhuà-san, 'snach robh còir aig an òig-mhnaoi a leig 

.dhith an saoghai, air an oighreachd mhMr ud a tlioirt scachad do 

iHeach nach buineadh do 'n teaghlach idir. Ach cha 'u cisdeadh 

Albani rì cùis-thagairt fhir nan eileao. Bha e air son an dà larlachd, 

'a tiodalaibh, a bhi aig a mhac fuin. Thog au t-eileauach an sin 

j:is bratach na Ccannairc. Chaidh c 'n comh-bhoinn ri Sasunn as 

an robh e gu cùbhlach fhaotainn bu chumhachdaiche na càbhlach 

Alba. Agas thog e deich niìle saighdear, a chuir e fo làn armachd, 

I '. bogha 's dòrlach, a roir nòis naa eileaa, agus leis au do ghabh e 



1SB EACKDRAIDH NA H-ALBA 

sealbli air larlaclid Kois dha fèin, a' cur air theìcheadh nan uil* 
a bha seasamh roimhe. A thuilleadh air feadhainn eil' a sheas^ 
roimh 'n Mhorair, thug Aonghas Dubh MacAoidh, le àireamh dè 
luclid-leanmhuinn deannal maith air; ach ghlacadh Aonghas fèin'na^ 
pliriosunach, 's mharbhadh mòran de 'hichd-leanmhuinn a measg aa 
robh a bhràthair. Ghabh Morair Dòmhull an sin air aghart thua 
a mhachair Ghallda, gu Abaraidhean a losgadh, mar bhagair e*. 
Toìmhe sud. Cha robh ni no neach a' coinneachadh ris a b' urraintt 
"bacadh a chur air. Fhuair e leasachadh mòr sluaigh timchioll air 
Inbhernis. Ach'n uair a bha e teannadh ris a' bhaile a' bha e gu 
'sgrios, thaghadh àireamh maith shaighdearan fo chomannda larla^ 
Mhàrr. Bha Probhaist Abaraidheiu 'us àireamh maith de mhuinn- 
tir a' bhaile 's an armailt Ghallda. Choinnich na GaiII 's na Gàeil a.- 
chèil' a tuath air Abaraidhean, aig amhainn Urui, dlùth air bailè- 
beag ris an abrar Harlagh. Thug Deasaich 'us Tuathaich na h-aoii' 
rioghachd deannal eagalach air a chèil' an sin. Bha na Gàeil mòraa' 
ni bu lionmhoir', ach bha na G aill ni b' fhearr air an armachadh,. 
Thuit mòran air gach taobh, a measg an robh Probhaist Abaraidh- 
ein agus mòran a mhuinntir a' bhaile. Ach ghleidheadh bratach a 
bhaile, 's thugadh air ais i, reubta agus dearg le fuil. Tha i ri 
laicinn fathast 'an Talla an t-sean bhail' ud. 'N uair a thàinig an.- 
oidhche, 's a bha na laoich air an sàrachadh le obair an là, luidh. 
larla Mhàrr 's na bha beò dheth na Gaill air an àraich. Cha b' urr~ 
ainn iad dol ni b' fhaide, bha iad làn lotan 'us chreuchdan. 'N uair 
a shoilleirich a' mhaduinn an ath là chunncas gu 'n robh na Gàeil air • 
togail air falbh, 's nach robh iad air son tuilleadh còmhraig aig aa< 
aUn sin. Chuireadh blàr Harlaigh air a 24 là de mhios-meadhonacli 
an t-samhraidh, 1411. 'N uair a chuala Diùc Albani mar bha, thog & 
lèin armailt air cheann an deachaidh e air tòir an eileanaich, gus & 
thoirt gu gèilleadh. Bha neart Mhorair DòmhuII air a bhriseadh, 
's cha robh e ach a' cumail air falbh mar a b' urrainn e. B' eigin da 
larlachd Rois a' leigeadh seachad, agus aideachadh a bhi 'na ioch-^ 
daran nmhal do chrùn Alba, agus riaraichte leis na bh'àige de fhear- 



TADnSTEARACHD ALBA. 13^ 

ann, agus braighde-gill a thoirt seachad mar dhearbhadh air a 
dheadh chaitheamh-beath' an deigh sud. Chaidh cùmhuantau a 
sheulachadh eadar na pàirtidhibh, a reir a' chòrdaidh so, aig ceana 
Lochgilp, 'an Siorrachd Earraghàeil. 

3. A* bhliadhna an dèigh blàr Harlaigh, fhuair Alba a ceud Oil- 
thigh, no Collaist. B' e so oil-thigh Chill-rìmhiun. Cha 'n fhaigh- 
eadh iad ni sam bith de 'n t-seùrsa so *s na linuibh ud gun chead aj 
Phàp', air son a chur air chois air an costas fèin. 'N uair a thàinig^ 
an teachdair, a chuir easbuig Chill-rìmhinn a dh' iarraidh cead a 
Phàp' air ais as an Ròimh a' giulan làn chead o'n Phàp' air son aa 
oil-thigh a chur suas, bhuail iad na cluig le aoibhneas 'us aighear, 
Bu tioram, falamh, crion, am fòghlum a bha na sagartan a' toirt 
seachad 's an oil-thigh rè iomadli bliadhn' an dèigh a chur suas'. 
Ach cha mhaith a bhi deanamh tàir air là nan nithean beaga^ 
Thàinig e 'n dèigh sin gu bhi ro fheumail do 'n rioghachd. 

4. Bhàsaich Diùc Albani air an 3 là de dhara mios an fhoghair, 
1419, agas bha e air a leantuinn 's an tàinisteireachd le 'mhac,- 
Murchadh, dara Diùc Albani. Bha e so air tighinn gu greis mhaith 
de aois mu 'n tàinig e dh' ionnsuidh na tàinistearachd, agus bha 
mhic air fàs suas. Bha eachdraidh na rioghachd a' ruith 's a' chlaia 
ghnàthaichte re na h-ùin' a bha esan air ceann an riaghlaidh. Cha 
do thachair nithe àraidh sam bith an taobh stigh de chriochan na 
rioghachd fcin. Ach tha mòr iomradh 'an eachdraidh an ama so 
air cruadal 'us gaisge cuid de na h-AIbannaich au tìribh eile na 
Soion-Eòrpa; gu h-àraidh 'an cogaidhibh na Frainge. Ach mar 
Bach buin sin gn h-àraidh do eachdraidh Alba, cha bhi sinn a' leud- 
achadh air. Cba robh Diìlc Murchadh aon chuid co maith no co 
olc ri 'athair. Cha robh e co cuilbheartach no co seasmhach ris. 
Bha e furasd a mhealladh. Agns a measg cuid eil' a bha deanamh 
tàir air air son sin, bha mhic fein a' taisbeanadh cas-ùmhlachd dha» 

I Agns tha 's an aithris gu 'ra b' e sin an t-aobhar àraidh a thug air 
aontachadh ris an oidhirp a thoirt air Seumas, righ dligheach na 
h-Alba, fbaotainn air ais as a* bhraighdeanas. Rinn a mhic cleasachd 



140 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

mhì-mhodliail, thàireil 'na fhianuis, air son an do bhagair e orr', o 
nach gabhadh iad comhairl' uaithe-san, gu'n tugadh esan maighstir 
dhachaidh orr', a riaghladh gu maith teann os an ceann uile. 
Riamh o 'n là sin shocraich e 'chrìdh' air mac bhràthair athar fhaot- 
ainn dachaidh gu caithir a shinnsir. Bha cùirt Shasuinn'sau àm 
so air tighinn gu bhi ni bu chàirdiche. Bha Eanruic IV. a rinn 
priosunach do Sheumas, air bàsachadh 's a' bhliadhna 1413, agus a 
mhac Eanruic a rioghachadh 'na àite. Bha Seumas air pòsadh 
nighcan larla Shomerset a bha 'n dhVdhàimh do theaghlach ricghail 
Shasuinn. Agus bha luchd-riaghladh 'na rioghachd sin a' meas 
gy 'm biodh e 'na choimhearsnach maith dhoibh a thaobh e bhi 's an 
dàimh sin riu. Agus mar sin dh' aidich iad a bhi toileach air Seumas 
a leigeadh dhachaidh gu 'dhùthaich fèin, ach a mhàin air a' chumha 
gu 'm feumadh Alba bribid beag a phàigheadh air son na chost 
Sasunn ris ga fhòghkim, 's g'^. lìheathachadh rc ùinc co fada. 
Chuireadh an cunntas so a steach gu Pàrlamaid Alba. Cha robh 
ann ach dà fhichead mìle Punnd Sasunnach, a bha co maith ri 
dheich uiread sin de airgiod an là 'n diugh. Chaidh bailtean Dhun- 
eidin, Pheirt, Dhundeagh, agus Abaraidhean 'an urras air gu'm 
biodh an t-suim so air a pàigheadh, 's mar sin phiU Seumas gu 
dùthaich 'us lùchairtean a shinnsir an ceann a naoi bh'adhna fichead 
a dh' aois, an dèigh a bhi ochd bliadhna deug 'na bhraighdeanach 
■:aig cùirt Shasuinn. 



CAIB. XX. 



SEUMAS I. 



Chaidii Seiimas 1. agus a' bhan-righ a chrìinadh 'an Scoinn' air 
an ceud là fichead de cheud mhìos an t-samhraidh, 1424, agus rtin- 
aich e co hiath 's a shuidh e air a' chaithir tòiseachadh air ath- 
leasachadh a thoirt air aghaidh feadh na rioghachd gu h-iomlan. 
O bhhsaich rìgh Raibeart bha na cinn-flieadhna 's na h-àrd-uais- 
lean air fàs co ceannasach 's nach tugadh iad ach an tomhasùmh- 
lachd a thogradh iad fòin do'n lagh shìobhalt. Bha 'chuid mhòr 
dhiubh sud a' gabliail brath air an-fhainneachd nan rìghrean a 
lean 'na dhdighsan, agus ni's ro mhò na sin air an dà thàinistear. 
Chnir Seumas roimhe nach giùlaineadh e le sud ni b' fhaide ; an 
dara cnid gu'n cuireadh e fodha na ceannaircich ud, no gu'n cuir- 
eadh iadsan esan fopa. Fhuair Seumas 'an Sasunn am fòghlum 
a b' fhearr a bha ri 'fhaotainn 's an linn ud, agus bha comasan 
inntinn aige mar dhuin', air son feum a dheanamh dheth na 
chunnaic 's na dh'fliòghlum e. Thòisich e gu riaghailteach ach 
gu h-eagallach airobair an ath-leasachaidh. Ghairm e Pàrlamaid 
cruinn 'am baile Pheirt, air son comhairl' a tlioirt mu nithibh 
a bhuineadh do'n rioghachd. 'N uair a bha iad uil' air tional, 
agus gu deas-bhriathrach, 's gu nco-umhaileach a' comh-labhairt 
mu ciod bu chòir a dheanamh, chuairtich feachd armaicht' an 
tigh 's an robli iad cniinn, 's chaidh sca duine fichead de na Mor- 
airean co cumhachdach 'sa bha 'san tìr a ghlacadh 'sa chur 'am 
pTÌosnn. 'N am measg sin bha Murchadh, Diìic Albani, agus a 
dhithis mac, agus larla Lenocs, 'athair-cdile. Aig an àm cheudna, 
bba buidhncan Bhaighdearan air an cur air Icth gu ionnsuidh a 



142 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

thoirt air na daingnicliibh. làidir a bh' aig cuid de na morairean 
bu cheannairich am feadh a bha iad fèin o'n bhail' aig a' Phàrla- 
mad. Agiis o nach robh smuaineachadh sam bith aca roimh làimh 
air ciod a bha 's an amharc aig anrìgh, fhuair e sealbh air na cais- 
tealaibh ud uile gu furasd, 's gun dòirteadh fola. Chuir ealamhachd 
nan gluasadan sin eagal 'us uamhas air mòran a bha cleachdta ri 
bhi cur an neo-shuim òrdugh sam bith a gheibheadh iad o righ no 
o Thàinisteir. Chaidh Diùc Albani, a dhithis mac, agus athair- 
• cèil' a dhìteadh, agus an cur gu bàs còmhladh, leis a' cheann chur 
dhiubh. Bu ghniomh cothromach, gun teagamh, ceud Diùc 
Albani a thoirt gu deuchainn, 's a dhiteadh gu bàs; thoiU e sin. 
Ach bha esan air dol far nach ruigeadh dioghaltas duin' air. B'iad 
na cùisean ditidh abha 'n aghaidhan daraDiùc agus a chuid mac 
gu'n d' rinn iad mi-ghnàthachadh air an ùghdarras rioghail ri àm 
dha bhi 'na Thàinisteir. Ach tha daoin' a' cur' an teagamh gu'm bu 
ghniomh ceart a mhac 'us mic a mhic a chur gus bàs air son nithe 
ain-dligheach de 'm feudadh iad a bhi ciontach. Bha na h-ògan- 
aich na'n daoinibh àrda, flathail, 's bha tomhas de chomh-f hul- 
angas ri fhaicinn a measg an luchd-amhairc 'nuair a chuireadh 
an ceann diubh. Ach'nuaira dhirich larla Lenocs an sgàlan, 
's a chuir e 'cheann air an ealaig, thàinig goirseachadh 'us grath a 
measg an t-sluaigh, a bha 'taisbeanadh gu'n robh iad diombach. 
!Bha 'n t-Iarla ceithir fichead bliadhna, 's bha 'fhclt air gealadh. 
Bu shealladh sgreataidh a leithid de cheann fhaicinn làn fola; 
agus cha 'n fhurasd a dheanamh a mach a nis ciod na coirean a 
bha ri 'n cur as a leth. 

2. 'An dèigh laghanna maith fhaotainn troimh 'n Phàrlamaid, 
■chuir righ Seumas aghaidh air a' Ghàeltachd, a bh' air dol dheth 
a rian buileach, le cleachdaidhibh mi-laghail cuid de na cinn- 
iheadhna. Ghairm e coinneamh Pàrlamaid 'an Inbhernis, 'sa' 
l)hliadhna 1427, agus chuir e fios air na cinn-fheadhna Ghàelach 
a b' ainmeil' iad 'ga choinneachadh 'an sin. Bha Aonghas Dubh 
MacAoidh Shrath-nàbhair air togail mòran creich' 'an cearn 



SEUMAS I, 143 

àraidh de Ghall-thaobh, goirid roimhe siid. Chuir e f^ìn *us 

dream lionmhor a' mhuÌQntir an àite sin blàr aig àite ris an abrar 

Harpisdail. Chaidh mòran a mharbhadh air gach taobh; ach o'n 

& thearuiun Aonghas ft^in 'us roiun mhaith de 'chuid daoine, lean 

« air togail chreachan mar roimhe sin. Thionail na cìnn-f headhna 

.gu ruig Inbhernis, co dhiùbh a b* eagal peanais o'n righ na'n diìilt.- 

adh iad, no dùil gu'n gabhadh e gu caoimhneil riu, 's gu'n tugadh 

-e làn mhaitheans doibh, a thug orra sin a dheanamh. Ach co luath 

'sa chaidh iad a steach do'n talla 'san robh 'Phàrlamaid cruinn, 

^aidh dà fhichead diubh chur an làimh, 's an druideadh 'am. 

jriosunaibh fa leth, le òrdugh an rìgh. Cha 'n fhaigheadh iad 

• <»throm aon a chèile, no aon de'n luchd-leanmhuinn f haicinn. Bha 

A.onghas Dubh MacAoidh, 'us Alastair Dòmhnullach, morair nan 

•eilean, agus a mhàthair, ban-Iarla Rois, a measg na muinntir a 

•chuireadh 'an làimh. Chuireadh iad sin uile fo dheuchainn air 

.aon ambeatha,agus chaidh an fheadhainn bu ro chiontaiche dhiubh 

a chur gu bàs. Fhuair Fear nan eilean 'us Aonghas Dubh cead 

an cois', an ddigh an cumail greis na 'm priosunaich. Ach b' èigin 

<io Aonghas a mhac, Nial, a thoirt seachad mar gheall air gu 'n 

cumadh e 'n t-sith an dèigh sin. Rinneadh priosunach de Nial 

'b an sgeir mhara ris an abrar am Bas, far an do chumadh àireamh 

bhliadhnachan e, 's air son an d' f huair e 'n t-ainm Nial Basa Mac 

Aoidh. Dh* dirich Alastair DòmhnuUach nan eilean 'an ceannairc 

I .a ris, co luath 's a phill an righ do 'n taobh deas. 'Phog e deich 

mìle duinc 'sna h-eileanaibh agus 'an Bos; leis an fheachd làìdìr 

80 loisg 'us dh' fliàsaich 'e roinn mhòr de 'n ddthaich, agus ga 

I .h-àraidh fearann a' chrùin, ris an robh fearg mhòr aige; agus loisg 

e gu làr bailc Inbhemis, a bha na bhaile rioghoil. Ach thionail an 

Tigh armailt lionmhor air cheann an deachaidh e 'n dara uair do 'n 

Ghàcltachd a' ruagadh a chcannaircich so. Thàinig e co grad air 

fear nan eilean aig Lochabar 's gu 'n do ghlacadh le clisg' e. Ach 

rinn Alastair air son c fdin a dhionadh le còmhrag mar a b' fhearr » 

b' urrainn e. Mu'n tàinig na laoich gu ionad tharruing lann, thcich 



344 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

na Camshronaich agus Clann Chatain gu taobh an rìgh 's mar a 
chaidh taobh Alastair a lagachadh co mòr leis an treigsinn ud, 
cha do sheas e fad sam bith ri armailt an rìgh. Lean iad an 
t-eileanach bochd co teann 's an ruaig 's gu 'n d' aithnich e nach 
robh dol as aige. Chuir e teachdaireachd thun an rìgh a dh' iarr- 
aidh maitheanais, agus a' gealltuinn gu 'm biodli e 'na iochdaran 
■umhal, dìleas as a dhèigh sud. Ach cha 'n èisdeadh an rìgh ris. 
Thug e teann òrdugh da chuid oifigearaibh Alastair a glilacadh, 
's gun deigh a chur gu bàs. 'N uair a dh' aithnich an t-eilean- 
ach nach robh dol as ann o shior leanmliuinn a luchd-tòrachd, rinn 
e air son e fèin a thilgeadh air tròcair an rìgh 'an dòigh co iriosal 
'sair am b' urrainn e smuaineacliadh. Ghoid e do Dhun-eidin co 
iiaigneach 'sa b' urrainn e, agus thaisbean se e fdin 'am fìanuis an 
righ 's na ban-rìgh air Didomhnaich-càsg, ann an eaglais HoUrud, 
'n uair a bha iad ag aoradh fa chomhair na h-altrach, air an cuairt- 
eacliadh le àrd-uaislibh na cùirte. Cha robh gruag no bonaid air 
Alastair, no armachd no breaghaclid sam bith; bha ghàirdeana 'sa- 
luirgnean dearg lomnochd. Cha robh mu 'cholainn ach aon fhiU- 
eadh plaide, agus bha claidheamh rùisgt' aige 'na làimh, agus a' 
cumail a' chlaidheamh air a roinri, thairg e 'n dòrn-chur do'n rìgh, 
a' tuiteam air a ghluinibh 'na fhianuis. Rinn a' bhan-righ 'sna 
h-ard-uaislean uiread de aslachadh air an rìgh 's gu 'n robh e air 
aomadh gu beath' an truaghain a chaomhnadli. Ach chuir e air 
ball 'na phriosunach e do Chaisteal Thuntalla, fo churam larla 
Aonghais. Ach thaisich an rlgh goirid an deigh sin agus thug e 
'shaorsainn do Alastair an d^igh a chumail bliadhna 'na phriosun- 
ach. Fhuair a mhàthair, ban-Iarla Eois, a saorsainn aig an àm 
cheudna. Thachair so 's a' bhhadhna 1429. 

3. Am feadh a bha mòrair nan eilcan 'na phriosunach, thog 
DòmhuU Ballach caraid dha, feachd Konmhor 's na h-eileanaibh, 
agus air tirmòr na Gaeltachd an iar, leis an d' rinn e mòran 
cair air feadh na dùthcha. Chuir e air theicheadh larla Mhàrr 
'us larla Ghall-thaobh le àr mòr aig Inbherlòchaidh. Ach thàinig 



seumàsi. 145 

feachd lionmhor a bhuineadh do'n rlgh, air ann an sin, agus 
dh'ftiàg Dòmhull 'armailt air a' bhad, 's theich e do dh'Eirinn, far 
an do mharbhadh e goirid 'an dèigh sin. 

4. Ach mu'm fàg sinn eachdraidh na Gàeltachd 's an rioghachadh 
so, feudar aon saimpleir fathast a thoirt air a' mhi-riaghailt agus 
an troimhe-chèil' a bh'anns a' chuid sin de 'n rioghachd. Thug 
creachadair comharraichte d'am b' ainm Dòmhull Ros, air falbh, 
a measg nithean eile, dà bhoin o bhantrach bhochd 'au Siorrachd 
Rois. Ann an searbhadas a spioraid air son an fhòirneirt a rinn- 
eadh oirre, bhòidich i nach beanadh bròg da 'cois gus an ruigeadh 
i 'n righ, 's gu'n innseadh i le 'beul feiu da ciod an t-ana-ceartas 
a fhuair i. Thàinig so gu cluas bhraidein. "Is bòid blirist' a 
bhitheas an sin," ars' an t-uamhair. Thug e ma'n airidh greim 
a dheanamh air a' bhoireannacb, agus crùidhean eich a thairing- 
neachadh air a bonnaibh le gobha. ^'Nis," arsa Dòmhull, ^'rach 
do Dhuneidin co luath 's is urrainn thu." Cha do rinn so ach a 
cur thuigel ni bu ro mhò gus a bòid a choimhlionadh, Cho luath. 
*8 a shlànuich a bonnan chaidh i do'n taobh deas. Fhuair i coth- 
Tom an rìgh fhaicìnn, 's dh'innis i 'n rdidh sheanachas da mar a 
rinn Dòmhull oirre. Ghrad chuir an righ òrdugh gu Siorraimh na 
Siorrachd 's an robh e, Dòmhull a chur da ionnsuidh gu ruig 
Peirtw 'An ùine nach robh fada bha Dòmhull 'us dà chompanach 
ilheug nan seasamh air beulaobh an righ. Thugadh binn am bàis 
a mach. B' e 'n dòigh bàis a fhuair Dòmhull fèin an ceann a chur 
dheth. Chrochadh an dà fhear dheug eile. 

5. Mu'n àm so bha Pòl Cragh a' tarruing air' an t-sluaigh 'an 
taobh deas Alba gu teaga.sgaibh an Ath-Ieasachaidh. Bu lèigh- 
ini ionairi am Pòl so, a chuir càirdean na fìrinn a nall d, rioghachd 
lil.uhcmia, gus na h-AIbannaich bhochd a theagasg 'an eòlas na 
tirinn. Bha àircamh ann aig an robh cuimhne airteagasgauResbi, 
^ 1 - a flmair maith dhiubh. 'S e 's coskicko gur h-ann air iarrtus 

i muinntir sin a chuir Criosduidhean Bhohcmia, ara feav so a 
i.iil. Ged L9 ana 'an rathad folchuidh, 'an comh-chcangal ri blii 



146 EACHDRAIDH NA H-ALBA. 

'toirt seachad chungaidhean leighis do'n chorp, a bha e 'g oidhirp- 
eachadh slàint' an t-soisgeil a chur fa chomhair neach sani bith 
a thigeadh 'na rathad, gidheadh 'an iiine nach robh fada tharr- 
uing e aire nan sagartan Pàpanach aig an robh an sluagh fo'm 
meòraibh. Thugadh Pòl Cragh fa chomhair an Fhir-cheasnach- 
aidh Phàpanaich, Prior Laurence à Lindores, an dearbh dhuin' a 
chuir Resbi gubàs. Dhion am Bohemianach gu duineil na teagasgan 
a bha e 'cur fa chomhair an t-sluaigh ; ach cha b' aithne do'n chùirt 
aig an robh e tròcair. Cha 'n aidicheadh Pòl mearachd, ach b'ur- 
rainn e bàsachadh. Dheinn iad peileir ùmha steach 'na bheul gus 
nach cluinnteadh focal uaith' aìg a bhàs. Threòraich iad an sin 
e 'dh'ionnsuidh a' bhàis-theine, 'an Cill-Rimhinn — an ceud teine 
de'n t-seòrsa so a chaidh fhadadh 's a' bhail' ainmeil ud. So an 
di-bhe : tha 'thug Alba dhorcha do theachdaire na sith à tir chèin. 
6. Aoh ged a b' fheumail do'n rioghachd an duinealas 's an leth- 
bhreitaeachd leis an robh Seumas a' frithealadh ceartais anns 
gach cearna, 'sa measg gach inbhe, bha sin a' dùsgadh suas 
mòran mi-ruin 'us naimhdeis 'an aghaidh a phearsa fèin a measg 
cuid air an robh an ceartas a' deanamh greim, o àm gu h-àm. 
Agus thòisich cuid diubh sin a* dol 'an comh-bhoinn a nis air son 
a bheath' a thoirt deth, agus aon de theaghlach bhrathar-athar, 
Diiic AdhoU, a chur air a' chathair 'na àite. Bha fear àraidh, 
Sir Raibeart Greumach, co dàna 's gu 'n do chomhairlich e 's a* 
Phàrlamaid an righ a chur an làimh, 's a chur am priosun air son. 
co cruaidh 's a bha e air luchd-deanamh uilc. Rinneadh peanas air 
a' Ghreumach air son na cainnt* ud, agus thugadh uaithe 'chuid 
fearainn uile. 'An sin rùnaich an uilebheist air dioghaltas. 
Theich e do bheanntaibh na Gàeltachd, 's chuir e teachdaireachd 
thun an rìgh, gun do thilg e dheth na h-uil' iimhlachd dha, 
's gu'n robh e ga mheas fèin aig saorsainn a bheatha thoirt deth, 
na'm faigheadh e 'n cothrom. Fhuair an ceannairceach ud mòran 
eile de dhaoinibh inbheach a cho-aontaich ris an droch ghniomh. 
Cha do chuir an righ cùram sam bith 's a' bhagradh ud. Chuir e 



SEUldAS L 147 

seacliad a' bliliadhn* ùr, 's deireadli a' gheamhraidli 'am baile 
Pheirt. Cha robh àitc 's a' bhaile sin freagarrach ris a' chìiirt a 
bhi 'tàmhachd ann, ach tigh mòr Mhanach, a bh' air a thogail am 
meadhon lis mhòir, air taobh a muigh a' bhail', agus a bha cuairt- 
ichte le dìg mhòir, dhomhain. Bha seòmradair an rìgh fèin 'na 
aon de *n luchd comh-bhoinn. Air an fhicheadamh là de cheud 
mhìos an earraidi rinu iad airson an righ a mhortadh. Fhuair an 
seòmradair glasan gach riim fa leth de'n tigh air a milleadh, air 
sheòl 's nach gabhadh aon diubh glasadh ; 's bha ullachadh àraidh 
aig air a dheanamh air son na spriudhairean a leigeadh a steach 
air an dig 'n uair a dhorchaidh an oidhche. An uair a bha'n rìgh 
'u3 luchd-dreuchd na cùirt' ag ullachadh air son gabhail mu 
thàmh, chunnacas solus neo-àbhaisteach a' dealrachadh tim- 
chioll an tighe ; 'an tiota chaidh na dorsan a thilgeadh fosgailt* 
o'n taobh muigh, 's cha robh seòl air aon diubh a dhùnadh. An 
uair a thuig an rìgh an rud a bh 'ann, 's nach robh dol a null no 
nall aige, rug e air a' chlobha, 's reub e o 'chòile dhà de na duill- 
eagan a bha 's an làr, 's leig se e fèin sìos do thigh-làir a bha fo'n 
t-seòmar. 'An dèigh do'n luchd-tòrachd cuairt a thoirt air feadh 
gach seòmair 's gu'n iad ga fhaotainn, thòisich e air fàs mi-fhoigh- 
idneach 's an àite dhorch, an-shocair, 's an robh e, agus dh' iarr e 
LÌ-eigin air aon de bhain-tigheaman na cùirte. Thachair gu 'n 
t^inig aon de 'luchd-tòrachd a steach do'n t-seòmar 'n uair a bha i 
«0 agus an rìgh a' comh-labhairt. Fhuaradh a mach mar sin c'àit 
an robh e, 'schaidh an Greumach sios do 'n tigh-làir, agus dithis 
bhràithrean d'am V ainm Hall, 's bhuail iad air 'n an triàir gus an 
òo lot iad gu bàs e. Mu *n gann a bha obair nam mortairean 
scachad chualas feadh a' bhaile am fuathas a bh' ann, 's thionail 
dAoin* as gach cearna gu tigh nam Manach. Ach thug na mort- 
airean an casan leò, 's fhuair iad an oidhche sin fdin do 'n mhon- 
adh, ach fear no dithi.s air an d' rugadb 'san ruaig. Thog a' bhan- 
rigb, a bha iomraitcach air son maise, oirre gus na mortaircan a 
thoirt gu ceartas; agus an taobh a stigh de cheann mios an ddigh 



148 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

a' ghniomh oiUteil ud, cha robh aon duine dhiubh nach robh air a 
ghlacadh 's air a chur gn bàs. Chaidh an Greumach agus seòm- 
radair an righ a chur gu bàs 'an dòigh a dh'fheumadh a bhi ro 
sgreataidh do'n mhuinntir a bha 'g amharc orra. B' ann 's an treas 
bliadhna deug de 'rioghachadh, agus 's an dà fhicheadamh bliadhna 
'sa trì dheth aois a chaidh righ Seumas a mhortadh. Rinneadh 
caoidh mhòr air a shon. Agus bha aobhar aig sluagh bochd Alba 
a bhi ga ionndrainn. Rinn e mòran laghanna maith air son nan 
daoine bochd a chur saor o ain-tighearnas nan uachdaran. Bha 
e *na dhuine gleusta, tàlainteach an iomadh dòigh. Rinn e mòran 
bàrdachd, agus tha cuid dhith a th' air a leughadh gus an là 'u; 
diugh, 's an taobh deas. 



CAIB XXI. 

SEUMAS II. 



Thainig Seumas II. thun na caithreach gu siochail aig bàs 'athar,. 
agus gun e ach sea bhadhna dh'aois. Mar a bha na h-uiread an 
crochadh ri treabhantas '^s neo-lethbhreitheachd an rìgh 's na h'nn- 
ibh ud, 's nach robh 'n t-òg rìgh so air tighiun gu aois gu 'n tugtadh 
riaghladh sam bith dha, thuit an rioghachd gu grad a dh' ionnsuicìh 
an troimhe chèile, '^ na mi-rìaghailt a bha coitchionn roimh riogh- 
achadh a' cheud rìgh Seumas. Bha mòran còmhstri 'us farmaid' 
eadar an dithis dhaoine a bh' air an cur air leth leis a' Phàrlamaid' 
air son an dà dhreuchd bu chudthromaiche 's an rioghachd, Sìr 
Alastair Mac-an-Lèigh, fear-gleidhidh pears' an rìgh, agus Sìr XJill- 
eam Craighton, àrd-riaghlair ghnothuichean follaiseach na riogh- 
achd. Bha 'n tiodal aig Sìr Alastair ni b' fhaisg air dreuchd na 



SEUMAS II. 149 

stàìriistearachd, acli bha 'm fear eile a' cumail a mach gur h-ann ri 
dhreuchd fein a blia na h-uile gnò riaghlaidh ceangailte. Chuir Mac» 
an-Lèigh gairm a mach aig Crois gach baile mhòir, gu 'm feuraadh 
Da h-uile dhaoin' ùmhlachd a thoirt dhasan fo phèin a bhàis. Chuir 
Craighton gairm de 'n t-seòrsa cheudna mach gur h-ann dha fein a 
dh' fheumadh na h-uile bhi umhail. Bha'n còmhrag so a measg aa 
luchd-riaghlaidh a' meudachadh tàir dhaoiue ceannairceach air gach 
lagh 'as riaghailt. Thachair do Chraighton a bhi 'na cheannard 
air Caisteal Dhuneidin roimh bhàs a' cheud Sheumas. Chuireadh 
Seumas òg do 'n daingneacli làidir sin air sgàth dion an dèigh bàis 
'athar. Bha Caisteal Shruileidh aig Mac-an-Lèigh. Agus ged b' ann 
do'n fhear so a dh' òrd'àIohea,da a bhl gieiuuedJli pears' an rìgh, cha 
leigeadh am fear eil' a mach as a dhaingeach fèin e, aìr eagal gu 
meudaicheadh e cumhachd an fhir eil' an rìgh a bhi air a chùram. 
Àch bha ban-righ loanna air taobh Mhic-an-Lèigh, agus 'sann aige- 
san bu roghnuiche leath' a mac a bhì. Agus smuainich i air seòl 
a dheanamh air a ghoid o chumhachd Chraighton. Chaidh i steach 
do Dhun-eidin, 's dh' iarr i cothrom a mac fhaicinn, 's a bhi ga 
fhaicinn gu tric gus am biodh fios aice gu 'n robh cùram iorachuidh 
ga ghabhail dheth. Thuirt i ris a' cheannard air là ùraidh gu 'n 
robh i air son a dhol air naomh-chuairt gu eaglais gheal Bhrechin, 
a dheanamh ùrnuigh air a soij fein 's air son a mic, agus gu'm feum- 
adh i dà chist' fhaotainn a mach as a' chaisteal anns an robh a cuid 
eudaich agus a seudan. Fhuair i ccad sin a dheanamh. Chuir i 
'cuid eudaich 's an dara cist' agus a mac anns a* chist' eile, 's fhuair 
i mar sin seacliad air an luchd-freiceadain, gun an-amharas sam 
bith a thogail. Bha i fein 's an righ ùg gu tearuint' 'an Caisteal 
Shroileidh mu 'n do thuig fear Uhuncidin gu'n tugadh a char as. 
Ach bcagan bhliadhnachan an dòigh sin, chaidh aig Craighton air 
a chùiueadh fein a thoirt air ais do fhear Shruileidh. Bha luchd- 
•brathaidh aig* a ghnàth timchioll air a* bhailc sin ag innseadh dha 
'CÌonnus a bha nithe a' dol air aghaidh. Fhuair e mach gu'n robh 
*o rìgh gu bhi sealg 'am Pàirc Shruileidh air maduinn àraidh, 's gu'n 



150 EACHDRAIDH MA H-ALBA 

robh Mac-an-Lèigh air falbh o'n tigh. Thug e leis ceud fear fo 'n 
armachd, 's thug e orr* a dhol a steach do'n Phàirc gu folchuidh au 
oìdhche roimhe sin. Bha 'n oidhche gu maith dorcha, 's cha d' fhidir- 
neach gu 'n robh 'n fheall-fholuch air a suidheachadh. Gu maith 
moch air a' mhaduinn thàinìg an rìgh a mach le tearc luchd-coimhr 
eadachd a shealg. Ghrad leum Craighton 's a luchd-leanmhuinn as 
an ionadaibh foluich, 's chuairtich iad an rìgh, a bha nis air fàs 'na 
phroidseach tapaidh, comasach air 'each fèin a mharcachadh. Thug 
Craighton le mòigheanachd 'us mìn-chainnt air an rìgh aontachadh 
ri dhol còmhladh ris fein a Dhuneidin, far am biodh e saor o 'n 
chuing 's an robh e nis, agus am faigheadh e cothrom na nithe a 
thogradh e fèin a dheanamh. Mharcaich iad do Dhuneidin, co luath 
's a dheanadh ainmhidhean e, 's bha iad 's a* chaisteal mu 'n cuala 
riaghlair Shruileidh ciod a thachair. 

2. Ach 'n uair a bha 'n luchd-riaghlaidh mar so a caradh 's a* 
mealladh a chèile bha staid na tlre glè thruagh, le ain-neart 'm 
ceannairc'nan ceann-feadhna, araonair Ghalltachd'sair Ghàeltachd, 
Bha iad sln mar nach biodh rìgh no àrd-uachdaran idir ann, gach 
fear a' deanamh an ni a bha ceart 'na shùilibh fèin. Ach bha aon 
fhear dhinbh sin a bha comharraicht' a measg chàich, agus fad os 
ceann gach tighearn* eile 'am mòrchuis, 's an cumhachd. B' e so au' 
t-Iarla Dùghlasacb, a thàinig o theaghlach an deadh Mhòrair Dùgh- 
lais, caraid a' Bhrusaich. Bha 'n teaghlach so a nis air cinntinn gu 
ro mhòr 'an saibhreas agus 'an^cumhachd. Cha robh teaghlach eil 
ann aig an robh uiread de fhearann 'sde luchd-Ieanmhuinn ris an 
teaghlach so. Cha robh Gilleaspuig, larl' an là sin, a' toirt ach 
glè bheag ùmhlachd do 'n cheud rìgh Seumas. Bha barrachd 
greadhnachais timchioll air a chaisteal aige na bha timchioll air cùìeìI? 
an rìgh fèìn. *N uair a rachadh e mach air chuairt taobh sam bithc 
cha b' uilear leis mìle marcjich a bhi ga leantuinn. Cha robh e coa- 
lach gu'n tugadh a leithid sin a dhuine bonaid a nuas do'n dithis a* 
bha nis a' comhstri mu riaghladh na rioghachd. Ach bhàsaich an 
urra mhòr so 's a bhliadhna 1439, agus lean 'oighre agus a mhac^ 



i 



tiUMA^ li. 151 

TJilleam, airna h-aon dòighibh a bh'aig 'aithrìchibh roimhe, a thaobh 
mòrchuis 'us neo-eisimeileachd do 'n luchd-riaglilaidh. Bha iad sin, 
le cheil' air bheag neirt. Agus an còmhstri fein a' lughdachadh an 
neart, le bhi ga 'n deanamh tàireil an sealladh an t-sluaigh, agus 
mar sìn ged a dh' oidhirpicheadh iad an Dùghlasach a chur fodha le 
neart *s gann a gheibheadh iad de dhaoine air an togail na dheanadh 
8in. Agus o 'n bha eagal orr' aghaidh a chuir air an leòmhan gu 
follaiseach 's gu leòmhanta, 's e rinn iad lion a dhealbh air son a 
ghlacadh gun fhios, agus cur as da air dhòigh a bhiodh saor o na 
h-nile cunnart dhoibh fèin. Chuir Mac-an-Lèigh 'us Craighton an 
coid còmhstri a thaobh car greiseig gus am faigheadh iad an gnoth- 
uch 80 seachad. Riun iad cuim, gu 'm biodh an t-Iarla Dùghlas- 
ach, nach robh ach sea bliadhna-deug a dh' aois, agus a bhràthair, 
Daibhidh, air am fiadhachadh gu càirdeil gu Caisteal Dhuneidin, far 
an robh a' chùirt 's an àm sin, gu cuideachd a chumail ris an rìgh òg. 
Bha càirdean fad-sheallach aig an larla nach robh idir air son da 
dhol thun na cùirt. Ach cha ghabhadh e bacadh. Ràinig e fèin 
'sa bhràthair Caisteal Dhuneidin, 'sbha 'n rìgh òg, mu dheioh bliadha' 
an uair sin, ro thoigheach air an comunn, 's air na seanchasaibh a 
bha iad ag innseadh dha mu ghniomharraibh euchdail an sinnsir- 
eacbd. Ach cha robh so gu marsninn fada. 'N uair a bha na h-nile 
nithenllamhj'sa shuidh a' chuideachd sios aig bòrd'an àm na dinneir, 
chuireadh ceann tairbh dhuibh fa-chòmhair nan Dùghlasach òga. 
Thuig na h-òganaich, a rèir cleachdaidh a bha coitchionn 'an Alba 
's na linnibh ud, gu 'ra bu shuaicheantas bàis a bha'n sud. Dh' 6ir- 
ich iad o'n bhòrd le graide, 'sle sgreatachd. Ach bha'n seòmar a 
nis air a chuairteachadh le daoinibh armaicbt', a rug orra, 's a tharr- 
uing a mach iad ga cùirt chùil a* chaisteil. Chaidh ceannairc 'us 
droch ghniomharan eile an aithrichean a chur as an leth an sud, 
agns chaidh an dìteadh'gu bàs gu grad. Ghuil an rìgh, 's dh'aslaich 
e mar a b* nrrainn e, am beatha bhi air a caomhnadh. Bha aslach- 
adh an rìgh co saarrach aig na mortairibh ud ri aslachadh nan 
Dùghlafiach fòin. 'S ann a rÌDu iad fanoid air a cbionn e bhi caoidh 



152 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

nan naimhdean is mò a bli' aige 's an rioghachd. Chuireadh an 
ceann deth 'n dithis bhràithrean anns a' bhad. [Rinneadh an aon diol 
air Callum Fleming,fear leanmhuinn dìleas do'nteaghlach,a thachair 
a bhi làthair. B' i so an dinneir dhubh. 

3. Bha 'n gniomh ud co amaideach 'an seadh saoghalta, 's a bha 
e 00 peacach, an seadh eile. Oir ged nach d' fhàg na h-òganaich 
ud bràthair as an dèigh a thogadh an ainm 's an àite, gidheadh bha 
bràthair athar aca, Seumas, a chaidh a ghairm 'na larla Dliùghlais 
air ball. Bu duine solta, neo-ghniomhach e so, a bha araon trom 
'am fcòil 's an inntinn. Cha robh e air son trioblaid a chur air duine 
sam bith. Ach cha do mheal esan an onair ach dà bhliadhna, 'n uair 
a bhàsaich e, agus thàinig a mhac, Uilleam, 'na àite. Bha XJilleara 
80 co gniomhach, conachdail ri aon sam bith a chaidh roimhe, de na 
h-Iarlachan Dùghlasach. Bha e 'cur roimlie nach tugadh e bonaid 
a nuas do rìgh no do ridir. Bha dinneir dhubh a' feitheamh airsan 
mar an ceudna. 

4. Ach cha b' iad na Dùghlasaich a mhàin a blia 'togail sàil na 
ceannairc 'an aghaidh ùghdarrais an luchd-riaghlaidh. Bha tuill- 
eadh 's gu leòir ri 'fhaicinn de sin feadh na rioghachd a tuath 's a 
'deas. Agus thachair e mu 'n àm so le ro-lionmhoireachd nan còmh~ 
ragan a measg nan ceann-feadhna gu 'n do leig daoine seachad a 
bhi saoithreachadh na talmhainn, agus gu 'n do bhuadhaich plàigh 
ro eagalacli air feadh gacli cearnà de 'n dùthaich, air a h-aobharach 
leis a' ghort. Theirteadh plàigh gun tròcair rithe so, oir cha robh 
duine a' tearnadh a bha ga gabhail. Bha iad a' bàsachadh an 
ceann cheithir uairean fichead. 

5. Ach mar a bha 'n dithis fhiùdhalach a bh' air ceann an riagh- 
laidh a' taisbeanadh a bhi neo-fhoghainteach, 's neo-fhreagarrach 
air son na rioghachd a stiùireadh, thugadh an cumhachd as an làmh- 
aibh 's thugadh do 'n rìgh fèin i, a bha nis dlùth air tighlnn gu fear- 
achas. B' e 'n ceud ni a chunnaic an rìgh aige fèin ri dheanamh, 
oidhirp a thoirt air cumhachd nan àrd-uaislean a bhriseadh, an 
dearbh ni a bha 'na mheadhon air beath' athar a ghiorrachadh air 



SEUMASIL 153 

8011 e fein ga oidhirpeacbadh. Bha deadh fhear-còmhairr aig 
Seumas aig dol dha'n ceanu a* ghnothuich mhòir so, ann an Easbuig 
Ghill-Rimhinn, da 'm b' ainm Ceanadaidh, agus a bha 'n dlìlth dhàimh 
do 'n rìgh fèm. Bha e 'na ni ion-mholta 's an rìgh so gu 'n tuigeadh 
e còmhairle mhaith, 's gu 'n leanadh e i 'n uair a gheibheadh e i. 
Thuig an t-Iarla Dùghlasach gu 'n robh e 'n rùn an rìgh au ionu- 
suidh a thoirt air a chumhachd fèin a lagachadh, agus chrioslaich 
se e fein air son na bh' aig a chumail 's an dòigh a b' fhearr a 
dh' fheudadh e. Chaidh e 'n comh-bhoinn ri larla Rois, agus ri 
dnine fuileachdach eile da 'm b' ainm Alastair Lindsi, mac bu shìne 
larla Chràford. Chomh-bhòidich iad so uile gu'n cuidicheadh 
's gu 'n dionadh siad iad foin 'an aghaidh co sam bith a dli' fheudadh 
ionnsuidh a thoirt orra, ged a b' e 'n rìgh fein e. Thug an Dùgh- 
lasach mar an ceudna air gach duin' uasal a bh' air a chuid fearainn 
gealltuinn gu 'n leanadh iad fein ris 's a chomh-bhoinn so. Ach bha 
aon duin' uasal tapaidh nam measg sin a dhiùlt gnothuch sam bith 
& bhi aige ris a' chomunn ud, a chionn nach robh ann ach ceannairc 
gnn fholuch 'an aghaidh ùghdarrais an rìgh. B' e Mac-an-Leaghlain, 
ainm an fhir so. Rug an t-Iarl' air gun dàil, 's rinn e priosunach dheth 
'an Caisteal Dhùghlais. Ach bha bràthair màthar aige da 'm b' ainm 
Sir Pàdruig Mac-'IIle-Ghlais 'na cheannard air freiceadain an rìgh. 
Dh' aslaich an t-oifigeach so air an rìgh a dhol 's an eadraigin air 
son a charaid a shaoradh o 'u chunnart 's au robh e. Sgriobh au 
rìgh litir air ball fo 'n t-seula mhòr, a dh' ionnsuidh an Dùghlasaich, 
agns dh'fhalbh Sìr Pàdruig fein leatha far an robh'n t-Iarla. 
'N uair a ràinig e 'n caisteal bha 'n t-Iarla a' suidhe sios gu 'dhinneir. 
Dh' flioighnich e de 'n teachdair-rìgh so an do ghabh e 'dhinneir? 
^* Cha do ghabh" arsaSìrPàdruig. " Cha'n'eil 'còmhradh gu bhi ann" 
Afs* am Morair, " eadar duine lìln 'uh duin* ocrach, suidheadh Sìr 
Pàdruig gu dhinneir, 's dcanamaid comh-Iabhairt an deigh sin." 
Shuidh an Ridir 's an t-Iarl' aig an aon bhòrd, 's co bhitheadh co 
gcanail 'sco briathrach ri fear an tighe? Ach aig an àm cheudna 
thuge òrdugh uaigneach seachad Mac-an-Leaghlain a bhiair a thoirt 



154 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

a mach as a' chaisteal agus an ceann a bhi air a chur dheth, agus 
endach a bhi air a sgaoileadh air a chorp a muigh air a ghlasaich: 
'N uair a bha 'n dinneir thairis lìbhrig Sir Pàdruig Htir an rìgh do 'n 
Mhorair a ghabh i le mòr urram, ma b' fhior. 'N uair a leugh e i 
thuirt e '' gn 'm bu chòir ùmhlachd a thoirt do àithn' an rìgh, agua 
gu ro àraidh air sgàth Sìr Pàdruig fèin. Ach bha Sìr Pàdruig cai^ 
fadalach gun tighinn." Threòraich e 'n sin a mach an Ridir thui% 
na glasaich, agus ars' esan, 's e tomhadh a mheòir ris a' chorp^,, 
"Tha mac do pheathar an sud, feudaidh tu 'n rud a thogras tn 
dheanamh ris, ach tha'n ceann a dh' easbhuidh air." "Ach," arsa 
Sìr Pàdruig, 's e cumail aìr fèin mar a b' fhearr a b* urrainn e, " ma 
thug sibh leibh an ceann, feudaidh sibh an ni is àill leibh a dhean- 
amh ris a' choluinn." Ghrad leum e na dhioliaid an sin, 's nuair a 
fhuair sè e fèiu gu socair innte, chuir e car 'an ceann an eich^, 
's ghlaodh e, "Mhoralr, ma's duine beò mise, gheibh sibh 'ur duais 
air son so." Chuir e 'n sin spuirean ris an each a bha 'na ainmhidh 
tagbta. Ghlaodh am Morair a mach ri chuid oifigeach fèin, iad a 
leum na 'n diollaidibh agus Sir Pàdruig a chur an làimh. Ach aa 
dèigh do dhream mhaith dhiubh a ruagadh fad còrr 'us leth-cheud 
mìle, leis na h-ainmhidhibh bu luath-chosaich a bh' aca, b' èiginì, 
pilltinn dachaidh gun dad air son an saothrach. Ràinig Sìr Pàdruig 
an rìgh, 's dh' innis e dha focal air an fhocal mar thachair. 'N uair 
a chuala Seumas an tàir a thaisbein an t-iochdaran ceannairceach 
ud d*a ùghdarras fèin,' s an dòigh air an do laimhsich e 'theachdairy 
bha e làn feirg', agus tàmailt. Ach b' eigin da sin uil' a chumail 
air fèin. Bha 'n t-Iarla ro-làidir eadhon air son an rìgh fèin. 'N 'an 
■cuirteadh gu dhùbhlan e, dh' fheudadh e greim Sheumais II. air a! 
cbaithir a chur an cunnart. 

6. Ach 'an ùine nach robh fad' an dèìgh sud, 's ann a smuainick' 
an rìgh gu 'n tugadh e 'n Dùghlasach gu ni-èigin de ùmhlachadh,. 
Ba *m faigheadh e fàth air bruidhinn ris aghaidh ri aghaidh 'aa 
uaigneaB, agus reusonachadh ris air cunnart 'us olcas nan dòighean! 
a bh' aige. Bha rìgh Seumas a nis air tighinn gu fearachas, air doll 



8EUMAS II, 155 

thairis gu maith air fichead bliadhna. Bha e 'na dhuine tapaidh 
tlachdnihor. Ach bha comharra mòr, dearg, air o rugadli e, a bha 
còmhdachadh an dara taoibh, dheth aghaidh; air son so, theirteadh 
Senmas na h-aghaidh teinntich ris. Thug cuid de luchd-eachdraidh 
fainear gu 'm feudtadh Seumas an spioraid theinntich a ràdh ris ca 
maith. 'S e rinn e nis, fiadhachadh a thoirt do 'n larla gu conal- 
tradh càirdeil a chumail ris aig a' chùirt, a bha 's an àm sin a chòmh- 
nuidh 'an Sruileadh. Dh' aontaich an t-Iarla ri tighinn thun na 
cùirte, na 'm faigheadh e litir fo sheul an rìgli a' deanamh cinuteach. 
dha gu 'm biodh a bheatha tearuinte gus am pilleadh e air ais. 
Fhuair e sin, 's ghreas e thun na cùirte le tearc de luchd-Ieanmhuinn, 
a measg an robh a cheathrar bhràithrean fein. Thog na h-uaislean 
eil' an cairtealan 's a* bhaile, 's chaidh an t-Iarla do 'n chaisteal a 
dh' amharc an rìgh a ghabh ris le mòr shubhachas. Air an ath là 
ghabh e dhinneir aig bòrd an rìgh, agus dh' fhan e ri shuipeir, a bha 
gu bhi aig seachd uairean. An dèigh na suipeir thug an rìgh a 
leth-taobh an t-Iarla, 's thòisich iad air dian chomh-Iabhairt eatorra 
fein, a' spaidsearachd sios 'us suas air feadh an t-seòraair. Ach a 
lion coid us cuid bhlàthaich iad gu maith leis na h-argumaidibh a 
bha eatorra; an rìgh a' sparradh air an larla na boinn a bh' eadar 
e f6in 's na morairean eil' a bhriseadh, agus a thighinn gu bhi 'na 
charaid do'n rlgh, 'sgu'm faigheadh e sin ni bu tarbhaiche dha fein 
aira'cheann mu dheireadh. Ach bha'n t-Iarla gu neo-eisimeileach 
a' freagairt nach deanadh e sud, 's nach b' fhiach Inchd comhairl' an 
rìgh earbsa sam bith a chur annta, 's gu'n robh e fein 's iadsan a 
deanamh ain-tighearnas thairis air an rioghachd. Mu dheireadh^ 
Ihàinig spicyad teinnteach Sheuraais gu leithid de àirde, 's nach 
gabhadh e cumail fodha. "A bhrathadair fhoilleil," ars' esan 'se 
toirt tarruing air a bhiodaig, " mur bris thus' am bann brisidh so e." 
Shàth e bhiodag'na sgòrnan, 's gu grad arìsna bhroinn. Bha Sìr Pùd- 
niig Mac-'IlIe-Ghlais 'na fihcasamh dlùth dhoibh, 's a shuil 's a chluas. 
'an clcacbdaidh. Cha bu luaith a chunnaic e'n rìgh a sìncadh 
Uimbe tbua an nàmhaid na thug c fein an ath bhuillc dha leis au da 



156 EACHDRAIDK NA H-ALBA 

leag e *n truaghan leònta gu làr, le tuaigh-chath' a bha 'na làimh. 
Chuii' gach fear eile de na cùirteirean làmh 's an droch ghniomh, 
's an ùine ro-ghoirid bha sea lota fichead 'an eorp an Dùghlasaich, a 
bhàsaich gun fhocal a ràdh. 'S ann an seòmar uachdrach a bha iad. 
Chaidh an uinneag fhosgladh, 's an corp reubta thilgeadh a mach do 
chùirt a' chaisteil. Mar so fhuair mortair Mhic-Leaghlain a dhinneir 
dhubh. 

7. Ach bha crioch shearbh aig a ghnothuch a bha 'n sud. 'N uair 
a chual a bhràithrean gu'u robh an t-Iarla air a mhortadh ghairm 'us 
dh' aidich iad air ball am fear" bu shine dhiubh fèin 'na larla 'na 
àite, Bha gach fear dhiubh 'na thighearna fearainn cumhachdach, 
aig an robh mòran luchd-leanrahuinn. Thionail iad mòran dhaoine 
leis an tàinig iad air ais gu Sruileadh, 's na loisg 's na chreach iad 
mòran de 'n bhaile. Ach bha 'n caisteal ro làidir air son iad a thoirt 
ionnsuidh air. An dèigh sin thog iad ceannairc co eagalach air 
f eadh taobh deas na rioghachd 's gu 'n tàinig e gu bhi 'na cheist 
air an rìgh co dhiii a b' e ruith le 'bheatha do Shasunn a b' fhearr 
dha, 's an rioghachd fhagail aig an larla fcin, no fuireach a' cath 
riu. Fa-dheòidh, le comhairli))h easbuig Ceanadaidh, fhuair e aon 
de na morairean bu chumhachdaiche 's a' chomhbhoinn air a dheal- 
achadh ris an Dùghlasach; b' e sin larl' Aonghais, a bha e fein de 
theaghlach nan Dùghlasach. B' eigin a nis do 'n larla Dhùghlasach 
teicheadh le 'bheatha gu ruig Sasunn. Bhuilich an rìgh air larla 
Aonghais am fearann 's an inbhe gu h-iomlan a bhuineadh do'n 
fhear eile. Mar so thogadh am focal gu 'u do chuir an Dùghlasach 
ruadh sios an Dùghlasach dubh. 

8. Fhuair rìgh Seumas a nis beagan lasachaidh air son an aire 
thoirt do ghnothuichibh a rioghachd. Thachair gu 'n robh caisteal 
làidir Rocsburgh air a' chrich 'an cumhachd nan Sasunnach riamh 
o bha Daibhidh II. na bhraighdeanach aca. Chuir rìgh Seumas 
a nis sèisd ris a' chaisteal so £tir son a thoirt fo lagh dha fèin. Bha 
e fèin agus àireamh de àrd-uaislean mu choinneamh a' bhalla a' 
faicinn cionnus a bha Bateri de ghunaidhean mòr' a shuidhicheadh 



SEUMAS II. 157 

na'n àite ri cluicheadh. Sgoilt aori de na gunnaidhean sin as a 
chèil' aig losgadh làdaich, 's bhuail aon de na sgealban an rìgh 's a* 
bhroinn, a mharbh air a' bhad e, anns an deicheamh bHadhna fich- 
ead de 'aois. An uair a chual a' bhan-righ mar a thachair ghreas 
i thun a' chaisteil, 's dh'earalaich i air na saighdearaibh tuireadh a 
leigeadh dhiubh an là sin, 's an ni bh' aca r'a dheanamh a thoirt 
gu crìch mhaith, mar onair ris an fhear a dh'fhalbh. An uair a 
chunnaic na h-oifigich curantachd na ban-righ 's an t-suidheach- 
adh 's an robh i, chuir iad sìird air a' ghearaston a ghlacadh, 
's thuit e 'n an làmhaibh gun dàil. Tha cuid ag ràdh gun do 
chuir iad gu bàs ceannard a' Chaisteil le feirg air son na chaiU 
iad fèin ris. Tha craobh chuilinn 'am pàirc caisteil Fleurs fathast 
a' comharrachadh a mach an àit anns an do thuit an rìgh. 



CAIB XXII. 

SEUMAS III. 



Cha robh Seumas III., mac bu shine, agus oighre Sheumais 11. , 
ach ochd bHadhn' a dh' aois aig àm bàis 'athar. Ach f had 's a 
bha Easbuig Ceanadaidh Chil-Rimhinn, caraid 'athar, beò bha 'n 
deadh chomhairleach aigc. Bha gnothuichean foHaiseach na 
rioghachd air an cumail 'an deadh òrdugh lè na h-ìiine sin. Ach 
bhàsaich Easbuig Ceanadaidh 'n uair nach robh Seumas ach trì 
bHadhn' deug a dh'aois. 'An ddigh sin thuit an rìgh a measg 
luchd-treòrachaidh neo-dhìlcas. Blia bràthair an easbuig, Gilbeart 
Ceanadaidh, fathast 'na fhear-teagaÌ3g aig an rigli. Ach mar a bha 
e fèin 'na sheann duine, thug e fiadhachadh do Shir Alastair, 
bràthair Mhorair Boid, gu arm-chleasachd iunnsachadh do 'n rìgh. 



158 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

Le so thàÌDÌg teaglilacli 'us càirdean Mhòrair Bòid gu bhi 
co eòlach 's co dàn' air an rìgh 's gu*n tug iad air falbh e o Ghilbert 
Ceanadaidhguh-iomlan. Bha'chùirt air bith fuireach'am baile Lin- 
lithgo roimhe so. Bha'n rìgh agus fhear-teagasg a muigh air 
•chuairt seilge là àraidh. Chuairtich àireamh de na h-tir chàirdeau 
ud e, 's thionndaidh iad ceann an eich aige rathad Dhuneidin far 
am biodh e 'na 'n cumhachd fèin. 'N uair a rug an Ceanadach 
-air srian an eich gus an righ a thoirt air ais gu a thàimheachd 
àbhaisteach, bhuail Sir Alastair Boid buille de 'n bhata sheilg air, 
leis an robh e air èigneachadh gus a ghreim a leigeadh as, agus an 
rìgh fhàgail fo mheachainn a luchd meallaidh. Thug iad an sin 
'do chaisteal Dhuceidin e, far an do thòisich e air riaghladh ghnoth- 
uichean na rioghachd 'na 'ainm fè'm, ach da rìreadh b' e Morair 
Boid 's a theaghlach an kichd-riaghlaidh. Goirid an dèigh sin, 
an uair a dh'f hàs e ni bu shine 's ni bu tapaidh dheònaich e maith- 
^anas follaiseach a thoirt do gach aon de 'n teaghlach sin air son 
ni mi-chubhaidh sam bith a dh'fheudadh iad a bhi air a dhean- 
amh 'na chùis-san roimhe sud ; agus an dèigh sin lean e air an 
<;umail car iiine mar àrd luchd-riaghlaidh a ghnothuichean. 
Fhuair Sìr Tòmas, aon de mhic a' Mhorair so, a' bhan-phrionnsa, 
Mairireat, piuthar an rìgh, ri 'pòsadh, agus rinneadh larl' Ar- 
ain deth. Agus chaidh inbh' agus saibhreas a bhuileachadh air 
buill eile de 'n teaghlach. Ach 'an ùine nach robh fada thionnd- 
•aidh an sruth 'n an aghaidh. ChaiU iad fàbhar an righ aix slieòl- 
€Ìgin nach 'eil furasd fhaotainh a àiach. Thionndaidh e iad uile 
mach as an dreuchdaibh. Chuir e fo dheuchainn am beath' iad 
air son an f hòirneirt a thaisbeia iad 'an Linhthgo ; gcà a bha e air 
toirt maitheanas dhoibh. Chaidh Sir Alastair Boid a dhiteadh 
"s a chur gu bàs. Theich am Morair 's a mhic le 'm beatha, 's bhàs- 
aich iad air fògradh 'an tìr chèin. Bhàsaich Sir Tòmas, larl* 
Arain, goirid 'an dèigh sin, 's phòs a' bhan-phrionnsa, Mairireat, 
Morair Hamilton, a thàinig an sin gu bhi 'na larl' Arain. 

2. Mu 'n àm so bh 'an rìgh air cùmhnant pòsaidh a dheanamh 



sEUALis m. 15? 

TÌ luglieaTi Tigli Locliluinn, a fhuair mar phàirt de 'dubhairidh 
riaghladh nan eileanan Sealtaineach'us Arcach,abhuineadh roimhe 
so do Lochlunn, Lean na h-eileana so ri crìin Alba o 'n uair sin, 
Ach bha 'chainnt Lochlunnach air a labhairt 's na h-eileanibh so 
gus o cheann ìiine leth-cheud bliadhna roimhe so. 

Bha dà bhràthair aig rìgh Seumas III. Bha 'athair an dèigh Diùc 
Albani a dheanamh de 'n fliear bu shine dhiubh sin, agus bha 'm 
fear eile 'na larla Mhàrr. An dèigh tuiteam nam Bòideach, 
ihàinig an righ gu bhi cumail comunn ri daoinibh a bha de inbhe 
BÌ b' isle na gu 'n giùlaineadh na h-àrd-uaislean le iad a bhi co 
iaisg air a phearsa, no co mùirneach aige. B'e fear dhiubh sin 
Cochran, fear-togail, agus fear eile da 'm b' ainm Rogers, fear-ciùil. 
A thuilleadh air an dithis so, bha taillear agus fear teagaisg arm- 
<;hleas air an gabhail a steach a measg a luchd comhairl', agus 
gobha, agus reultair, Leonard, 'us Anders. Thòisich uaislean na 
tìr a nis a' sealltuinn sios air an rìgh, mar dhuine gun diù, gun 
ihèin-mheas no gaisge, agus a' moladh a bhràithrean os a cheann, 
ag ràdh gur e fear dhiubh bu chòir a bhi air a' chaithir. Dh' èir- 
ich a bhràithrean le chèil' 'an ceannairc 'an aghaidh an rìgh le 
droch comhairle nan àrd-uaislean ud. Agus chaidh an glacadh 
'b an cur 'am priosun le chèile. Bhàsaich larla Mhàrr 'a a' phrio- 
fiun. Agus tha cuid ag aithris gur h-ann le òrdugh an rìgh a 
chuireadh gu bàs e. Cha 'n 'eil dearbh-chinnt ciod an dòigh 'san 
do bhàsaich e. Bha Diìic Albani ni b'an-dàna 's ni bu chiont- 
aiche na 'bhràthair a b'òige; 'sghabh a chàirdcan eagal gu 'n 
cuirteadh esan gu bàs mar an ceudna. Ach fhuair e rian air a 
chosan a thoirt leis a mach as a phriosun, agus teicheadh an toiseach 
do Shasunn, agus a rìs do'n Fhraing. Bha 'n Fhraing 's an àm sin 
-a' cogadh ri Sasunn, agus chuir rìgh na Frainge mar impidh air 
Seumas III. briseadh a steach air taobh tuath Shasuinn le armailt 
air son cuideachadh le ui-(^'igin de chumhachd Shasuinn a tharruing 
iiaithe fèin. Bha Seumas co-gearr-shcallach 's gu 'n do ghabh e 
•comhairr an Fhrangaich 's a* chìiis so. Ach o nach do shcall e 



160 lACHDBAIDH NA H-ALBA 

roimhe 's a ghnotlinch so, fhuair e aobhar sealltuinn as a dhèigh^ 
Cha b' ann fo chomannd an righ, a bha 'n t-arm 's na linnibh ud^. 
ach fo riaghladh nan àrd-uaislean. Bha gach fear dhiubh sin a' 
tighinn a mach gu cath air ceann a luchd-leanmlminn fdin, a bha 
de'fhine, guh-àraidh'sa' cheudàite. /Nuairthigeadhàireamhdhiubh. 
sin 'an ceann a chèile le 'n cuid saighdearaibh aig àm cogaidh, 
dh'fheudadh iad an ni a b' àill leò dheanamh. Agus bhiodh iad 
gu tric a' gabhail a leithid sin a chothrom air an rìgh èigneachadh. 
gu nithe 'dheanamh 's a thoirt air an àm so nach biodh e deònach 
a dheanamh aig amaibh eile. 'Se rìinaich na tighearnan Albannach 
a dheanamh air teachd dhoibh 'an ceann a chèile, an rìgh agus a 
dhroch luchd-comhairF a chur an làimh, — esan a chur 'an cuing 
car tamuill, agus iadsan a ghrad chur gu bàs. Chum iad comhairl' 
iiaigneach 'an eaglais Laudeir gu comh-labhairt eatorra fèin mu 
cionnus a rachadh iad 'an ceann a leithid so de chluiche cunnart- 
ach. Bha na dearbh nithe a bha ga 'n cur-san air bhoil gus an 
gnothuch so a ghabhail os làimh, ga dheanamh anabarrach cunn- 
artach. Bha Còchran air a dlieanamh 'na larla Mhàrr 'an àite 
bràthairan rìgh a bhàsaich. Ach bha e 'na dhuine cumhachdach, 
tapaidh e fèin, 's cha robh e gun luchd-cuideachaidh. 'S bha na 
càirdean ud eil' a bh' aig an rìgli, air an dòigh cheudn' an ddigh 
cròileagan de luchd-cuideachaidh a thional timchioll orra fèin. 
Agus a thaobh an rìgh fèin, dh' fheumadh iad a bheag no mhòr 
de mhisneachd air son a chur 'an làimh an aghaidh a thoile. Do 
bhrigh gu'n robh'n gnothuch làn dhoirbheas,mar so,ghairmMorair 
Mac-'Ille-Ghlais, a bha làthair, an aire gu sgeulachd nan luch 'sa' 
chait, a bha coitchionn a measg an t-sluaigh 's an àm. Bha na hich- 
ain gu mòr air am brosnuchadh air son cothrom a bhi aig a' chat 
tighinn orra 's an glacadhf gun fhios, co tric 's a thogradh e, agus 
rhnaich iad le aonta nan uile gu 'm biodh clag air a chrochadh mu 
amhach a' chait leis am biodh rabhadh air a thoirt dhoibh gu teich- 
adh o chunnart. Ach thuit an rùnachadh gu làr, a chionn nach 
faighteadh a h-aou nam measg a ghabhadh os làimh an clag a 



i 



SEUMAS m. 161 

chrochadh. Fhreagair GiUeaspuig, larl' Aonghais, ceann dara 
teaghlaich nan Bùghlasach, "gu'n robh e tuigsinn an t-samhlaidh, 
's gu 'n robh esan an sud a chuireadh an clag air a' chat." Air son 
BO lean am frith ainm, Gilleaspuig clag-an-cat, ris fhad 'sbu bheò 
e. Bha larla Mhàrr air tighiun do 'n champ roimhe so le tri ceud 
de hichd-leaumhuiun, a bha uil' eudaichte le trusganaibh geala. 
Eha greadhnachas rioghal timchioll air pears' an larla fèin. Bha 
clogaid air a lìneigeadh le òr ga ghiùlan roimh', 'us^slabhraidh òir 
mu 'mhuinueal. 'N uair a chual' e gu 'n robh na Morairean cruinn 
le chèile 's an caglais ud, smuainich e dhol a dh' fhaicinn ciod mu'n 
Tobh iad. Goirid an dèigh dhoibh a shuidheachadh co chuireadh 
an clag air a' chat, chualas bualadh aig an dorus. Dh' fheòraich 
an dorsair o'n taobh a stigh, co bha 'n sud.^ *'Tha mise, larla 
Mhàrr." Co luath 's a thàinig e steach spìon Gilleaspuig Clag- 
an-Cat an t-slabhraidh òir air falbh dheth 'mhuiuneal, ag ràdh 
gu'm b'e aghastar a b' f hearr a fhreagradh dha. Spìon fear eil' 
air falbh an adliarc fhoghaid a bha 'n orochadh r'a thaobh. "A 
Mhorairean," arsa Cochran, "an e fealadhà tha 'n so, no 'n ann da 
lìreadh a tha sibh?" *'A cheart da rìreadh," ars' iadsan, "'s fair- 
ichidh tusa gur h-ann." Gu seanachas fad a dheanamh goirid 
chaidh Cochran agus uile dhroch eomhairlichean an righ a chroch- 
adh an là ud fèin o mhuUach drochaid Laudeir, an t-arm a sgaoil- 
eadh, agus an rìgh a thoirt air ais gu Caisteal Dhuneidin. 

4. Chuir na Morairean ceannairceach ud dream àraidh dhiubh 
fèin air leth air son a bhi riaghladh ghnothuichean na rioghachd. 
Bha Gilleaspuig clag-an-cat 'na cheann-laghair. Rinn iad sith ri 
Sasunn goirid an dèigh sin. Ach ghlèidh an rioghachd sin tuiU- 
eadh an grèim a f huair i air Beruic aig an àm ud, ged a dh' oidh- 
irpich Alba gu tric an ddigh sud fhaotainn air ais. Bha Diùc 
Albani, bràthair an righ, a measg nan teachdairean a chuir Sasunn 
a nàpgadh na Bith ris na tighearnaibh Albannach. Dh' iarr esan 
an rìgh a chur fa sgaoil, a ròir coslais, air son an gnothuch a dhean- 
amh ni b' fhusadh dha f<;in. Bha 'n righ 'b a bhràthair . an sin air 



162 EACHDRAIDH NA H-ALBl. 

an rèiteachadh ri chèile. Bha Albani 'na àrd-riaghlair air gnoth- 
uichibh na rioghachd, agus an rìgh a' leantuinn air a bhi ranns- 
achadh a mach 's a' fòghlum nan ealaidhean 's nan eòlasan air an 
robh e riamh a' taisbeanadh a bhi co dèigheiL Ach 'an ùine 
ghoirid thàinig a rìs os ceann btiird gu 'n robh 'n Diùc a dennamh 
suas ri rìgh Shasuinn air son còmhnadh fhaotainn uaithe gus a 
bhràthair a chur dheth 'n chaithir agus an crùn a ghabhail da 
fèin. 'N uair a thuig e gu *n robh 'n gnothuch air f haotainn a 
mach, 's gu 'n robh e gu bhi air a chur an làimh gu 'n dàil thèicb. 
e as an rioghachd, 's cha do stad e gus an d' ràinig e 'n Fhraing. 
Phòs e nighean do larla Bhouloin 's an rioghachd sin, agus bha 
mac aig' a bh' air ainmeachadh air an teaghlach sin, agus a thàinig 
an dèigh sin gu bhi 'na Thàinistear Alba ri linn righ Seumas V. 

6. 'Nuair a chunnaic na Morairean ceannairceach ud a dh' ainm- 
icheadh cheana gu 'n d' fhàg Albani an dùthaich gun dhil ri tighinn 
beò ÌTìv.o 's gu 'n robh an rìgh saor o na h-uile casgadh gus an ni 
a b'àil! leis a dheanamh, 's ann a rùnaich iad èiridh 'an ceannairc 
■a ris; an clag a chur air a' chat an dara uair, air eagal mur dean- 
adh iad sin gu 'n tachradh ni bu mheasa dhoibh. Thàinig a' 
chomh-fheall so gu cruth 'us àird' 'an tiine co goirid, 's gu 'n robh 
na Morairean air tional ri chèil' air ceann an cuid daoine mu 'n 
gannanrobhfiosaig an rìgh gu'n robh èirigh gu bhi idir ann. Ghlais 
Seumas suas a chuid ionmhais an Caisteal Dhuneidin, 's ghabh e 
gu tuath le stiil ri còmhnadh o n^Morairibh tuathach. Thaghail 
e 'n Caisteal Shruileidh 's an dol seachad, air an robh fear da 'm 
b* ainm Shaw a Fintri 'na cheanard. Neartaich e 'n daing- 
neach 's dh' fhàg e 'mhac 'us 'oighr' ann, 's thug e teann-sparradh. 
do'n cheannard air a bheatha gun e leigeadh neach sam bith an 
goire a' phrionns. Ach leig an ceannard foilleil^ud na Moraireaii 
ceannairceach a chonaltradh ris a phrionns', air son duais mhòir. 
Thìjg iad an sin air a' phrionns aontachadh ri dhol air an ceann a 
chogadh an aghaidh 'athar 's gu'n deanadh iad rìgh dhethsan 'na 
àite. 'N uair a fhuair iad am prionns' òg do 'n champ, rinn iad 



SEUMAs m. 163 

gairm fhoUaiseacli air'feadh na dùtlicha gu 'n do chaiU Seumas 

III. na h-uile còir air a' chrhn, 's gu'n robh 'mhac bu shine, Seumas 

IV. a nis 'na righ 'an àit 'athar. Am feadh a Lha 'n àrd chean- 
nairc so a* dol air aghart 'an ceann a deas na rioghachd bha na 
Morairean tuathach le 'n cuid daoine 'tr^ndadh gu bratach an 
rìgh. Thriall e gu deas air cheann armailt liònmhoir gus na cean- 
naircìch a sgapadh. An àm dha bhi 'gabhail seachad air Sruil- 
eadh, thaghail e aig a' chaisteal. Ach cha 'n fhosgladh Shaw an 
geata dha. Dh' iarr e cothrom labhairt ris a' phrionnsa. Thuirt 
Shaw gu'n robh 'm Prionnsa 's a' champa còmhladh ris na Morair- 
ibh. " A bhrathadair" ars' an righ, ma 's beò mise gheibh thusa 
do dhuais air son do neo-dhilseachd. Ghabh an righ air aghart 's 
fhuair e na ceannaircich air campachadh aig Blacnes, faisg air 
Linlithgo. Ach an àit* an dà armailt a thoirt gu bualadh air a 
chèile, 's ann a bha 'n righ deònach air sith a dheanamh riu uile, 
agus am beatha, 's an onair 's an stàitean a dheanamh cinnteach 
dhoibh nan sgaoileadh iad, 's gu'n gealladh iad a bhi na 'n iochd- 
arain umhail an dèigh sud. Bha e furasd gu leor leòsan 'us dhoibh 
sin a ghealltuinn aig an àm ; agus rinneadh seòrsa de rèite eadar 
iad Wm 's an-righ an sin. Ach an uair a chunnaic iad gu'n deach- 
aidh an rìgh air ais do Dhuneidin, 's gu'n do phiU mòran de *n 
luchd-cuideachaidh dhachaidh, chruinnich iad a ris le rìin suidh- 
ichte 'thilgeadh dheth 'n chaithir. B' èigin do'n righ a nis, a dheòin 
no dh'aindeoin, coinneachadh riu 'san àraich. Chaidh an dà 
fheachd a tharruing 'an òrdugh catha, aig àite ris an abrar Allt- 
Shauchaidh. Theich armailt an righ an ddigh mòran tuiteam air 
gach taobh. Theich an righ air muin eich bheothail a thug duin* 
nasal da an là sin fèin. Bha 'n t-ainmhidh luath-chosach 'na leum 
a* gabhail seachad mu dhorus muilinn a bh' air AUt a' bhonnaich. 
Thachair do bhean a' mhuiUeir, a bha 'togail soithcacli uisg' as an 
Allt, an uair a chunnaic i cach le raarcach armaiclit' a' dh'ithach- 
adh rithe 'na leum, gu'n do thog i 'coann gu grad, 's ruith i air 
falbli. Bha 'n t-each air tighinn fagus di mu'n tug e 'n airo dhi. 



164 BÀCHDKAIDH NA H-ALBA 

'sgliabh e eagal leis an dòigh air an do ruith i, 'sthug e leum- 
taoibh as, leis an robh am marcach rioghail air a thilgeadh as a 
dhiollaid. Thàinig fannachadh air leis a' bhuille throm a fhuair 
e 'na chuid armachd. Thug am muillear 's a bhean a steach do'n 
mhuilinn e; 's an uair a thàinig a chainnt thuige dh' innis e 
dhoibh co a b' e, 's gu'm bu mhaith leis aideachadh a dheanamh 
do shagart. Chaidh a' bhean a mach a dh'iarraidh lorg air sag,- 
art. Dh'innis i f àth a turuis do choigreach, a choinnich i le cabh- 
aig a' tighinn a dh' ionnsuidh an doruis. Air do'n choigreach so 
aideachadh gu 'm bu shagart e fèin, chaidh a threòrachadh a 
dh'iounsuidh an àit an robh an righ; ach 'an àite gniomh caraid 
a dheanamh do'n duine thinn, 'sann a chrom e os a cheann, 
's thug e ceithir no cìiig de lotan bàsmhor dha mu 'n chridhe.- 
Ghrad thug am mortair a chasan leis, 's cha d' fhuaradh a mach 
riamh co rinn an gniomh oillteil so, ged a bha amharus air dithis 
no triùirachunncas a dian ruagadhan rìgh'an am dha teicheadh air- 
falbh o'n àraich. Chuireadh Seumas III. mar so gu bàs gu tàireil, 
anns a' bhliadhna 1488, le ceannairc a chuid iochdarana tuaireap- 
ach fèin, anns a' chuigeamh bliadhna deug thar fhichead de 'aois; 
agus bha 'n gnothuch ni bu chianaile le 'mhac bu shine fèin a bhi 
^na cheann-iù.il aig na ceannaircich ud. 



CAIB. XXIII. 



SEUMAS IV. 



Thainig Seamas lY. gu siochail thun na caiihreacli an dèigh bàis 
'athar 's a 'n t-seachdamh bliadhna deug de 'aois. Cha 'n 'eil e cos- 
kch gu 'n robh smuaineachadh 's am bith aige 's a' cheud dol a mach, 
;air an olc a bha fillte stigh 's a' ghnùis a thug e do 'n cheannairc a 
chriochnaich 'am bàs 'athar. Bha e cur seachad na h-ùine ann an 
cridhealachd 's 'am fleadhachas; fleadli a'n dèigh fleadha, cha mhòr 
gun sgur idir. Ma bha cruinneachadh cruaidh, bha co cinnteach. 
sÌQ, leigeadh tais, aig an ionmhas a dh' fhàg 'athair anns a' Chiste 
Dhuibh. Ach cha b' e mhàin gu 'n robh fearas mhbra 's cathanaich 
mar so, nàdurrach do Sheumas lY. ach 's e 's coslaiche gu 'n robh 
€ fèin *s a luchd-comhairl' a' faicinn iomchuidh 'us feumail na h-uile 
meadhon a ghabhadh deanamh a chleachdadh air son an dà phàirt- 
idh a bha 'n aghaidh a chèile 's an stàit' a thoirt gu bhi 'n deadh 
rùin do *n chùirt, agus gu tomhas èigin de chòrdadh eatorra fèin 
mar an ceudna. B' iad greadhnachas, ith* 'us òl 'us aighear, cuid 
de na meadhonan a mheasadh freagarrach a ghnàthachadh air son 
an aobhair sin, Bha iad sin air an gnàthachadh, 's cha b' ann leis 
an tomhas bbcag. 

2 'S gann a fhuair na moraircan ud a rinn ceannairc 'an aghaidh 
an rìgh rau dheireadh, iad fein air an socrachadh 'an cumhachd le 
dreochdan fa leth na rioghachd fliaotainn doibh fèin 's do 'n cìlirdibh, 
'nuair a thng iud ma'n airidh Achd fhaotainn tre 'n Phàrlamaid, a* 
coireachadh 's a' dìteadh na morairean a sheas, mar bu chubhaidh 
dhoibh, air taobh an rìgh Seumas III. rls nach do thogair iadsaa 
'fl an t-sumonadh ad a ràdh ach Athair an righ. Bha 'n t-Achd ud. 



166 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

. s na briathra 's an robh e air a cliur, da rìreadh, 'na cheol-gàire, 
'n uair a smuainichear gur h-iad a' mhuinntir a thug ma 'n airidh an 
t-Achd fhaighimi air a dhaingneachadh mar laghabha, da rìreadh, 
ciontach de cheannairc agus toillteannach air a bhi air an coireach- 
adh. Ach 's e bh' ann saimpleir de 'ni a bha riamh a' tachairt 's an 
t-saoghal throimh-chèile so, am fear is treis' an uachdar. Co-dhiù. 
chaidh ac' air sliseagan maithe thoirt o chuid de 'na Moraireaa 
dìleas ud, a bha ni b' airidh air a bhi 'riaghladh na iad fèin. Acb 
chaidh aig cuid eile dhiubh air iad fèin a dhionadh uatha. 'N a 
'measg sin bha Sìr Aindreas Wood, marsant agus maraìche son- 
raichte. 'N uair a chaidh Sìr Aindreas so a ghairm an làthair na 
comhairl' air son e sheasamh ro fhad' a mach air taobh Sheumais 
III. dhion se e fèin gu duineil, 's dh' innis e dhoibh ri 'n eudanaibh 
gur h-iadsan a bha toillteannach air an dìteadh 's an coireachadh, 
's thuirt e ris an rìgh, a bha làthair, na 'm faigheadh iad sud an 
cothrom air gu 'n deanadh iad an aon diol air 's a rinn iad air 'athair 
roimhe. Thug Sìr Aindreas a cheart aire roimh làimh, gu 'm biodh 
cumhachan air an seulachadh leis am biodh a bheatha cinnteach dha, 
's nach gabhadh na tighearnan fuilteach ud a dhànadas orr' a chur 
an làimh. Ach 'n uair a fhuair e gu tearuint' air bòrd a shoithich, , 
chuir iad fios air maraiche cruadalach eil' a bha 'm Port-Libhte, 
's thairg iad duais mhòr dha na 'n armaicheadh e àireamh luigeas, 
's gu 'n glacadh, 's gu 'n tugadh e suas dhoibhsan Sìr Aindreas air 
son an an-dànadais a ghnàthaich e 'n làthair na comhairle. 'Se 'm 
freagradh a thug am maraiche so, ged nach robh aig Sìr Aindreas 
ach an dà luing gun robh i^d co maith air an armachadh 's air an 
daoineachadh, 's e fèin co gleusta, 's co duineil, 's nach faighteadh 
de luingeas an Libhte na ghlacadh e. B' èigin do na morairean 
an tàmailt a shlugadh, Bha Gilleaspuig Dùghlasach, Clag-an-cat, 
'na aon diubh. Ghabh an rìgh Sìr Aindreas an dèigh so gu bhì 
'na aon de 'chàirdean 's a luchd-comhairle. Thuig Seumas gu 'nt 
biodh sin a chum a leas fèin. 

'S ann mu 'n àm so a bha 'n Roinn-Eòrpa gu h-iomlan air a 



SEUAIAS IV. 167 

glnasad leis an iomradh a sgaoil air feadh gach tìr gu 'n robh Col- 
nmbas air fearann nan Innsean a 'siar fbaotainn a mach. Anns a' 
bhliadhna 1-197, fhuair lain Cabot, agus Sebastian a mhac, mar- 
santan Eadailtcach a bha chòmhnuidh 'au Sasunn, a mach Florida, 
an rudha's faide deas de cheann a tuath America. Agus air an 
ath bhhadhna fhaair Americus Uespucius a mach oirthir a 's ear 
America. Agus goirid an dèigh sin, fiiuaradh a mach shghe do na 
h-Innsibh a 's ear timchioU ceann a deas Africa, no Cape of Good 
Hope. Leis na nithibh so uile bha staid marsantachd an t-saoghail 
ga mòr air atharrachadh. Ghluais so Alba mar gach rioghachd 
cile gu8 an cabhlach a mheudachadh 's a neartachadh. Ghairm an 
rìgh saoir luiugeas as gach tìr 'us àit' an robh iad ri 'm faotainn. 
'S leis gach saothair 'us costas a bh' ann, chunnaic e càbhlach nach 
ba chearbach aig an rioghachd ri 'latha fèin. 

3. Thàinig Seumas, a chuid 's a chuid gu bhi 'faicinn gu 'n d'rinii 
e gu h-olc le aontachadh leis namorairibh 's a' cheannairc a chrioch- 
naich 'am bàs 'athar. Agus le comhairl' an luchd-iùil spioradail a 
bh* aige, dh' aontaich e bhi ga pheauasachadh fèin fhad 's bu bheò 
e air son na h-eas-ùmhlachd mhacail sin. 'S e ghnè peanaìs a rogh- 
nuich e, bhi 'giùlan crios iarruinn, deanta 'an crulh slabhraidh mu 
'mheadhon. Cha robh 's a chrios ach beagan ùnnsachan 'an tois- 
each ach bha e cur beagan ris na h-uile bliadhn', air sheòl 'sgu 'n 
tàinig e ga bhi gu maith trom mn dheireadh. Air son so thugadh 
Seumas a* chrios iarruinn air. Bhiodh Seumas air uairibh a' tuit- 
eam an trom-mhulad air son na h-amaideachd 's na ceannairc a 
dh' aobharaich an crios iarruinn. Aig na h-amaibh aithreachail sin, 
bhiodh e 'dol a chur seachad beagan ùin' 'an aon de na tighibh 
mbanach de 'n robh 'n tìr làn, agus ga chleachdadh fèin an dleas- 
danasaibh cràbhach. Ach an ceann ghreis dh' fhalbhadh am mulad 
*8 philleadh Seumas gu comunn a chuid cùirteirean a measg am 
biodh e co cridhcach 's a bha e riamb. Lean a chaochlaideachd 80 
zii r6 a bhaatha. Ach thionndaidh e air falbh o chuid de na mor- 



168 EACHDRAIDH NA n-ALBl. 

airibh a thug thar a bhuinn e gu ceannaìrc an aghaidh 'athar, agus 
iadsan uaithe-san. 

4. Phòs Seumas lY. Mairireat, nighean rìgh Eeanruic Yir. 
Shasuinn. 'S ann aig Eanruic YII. a stad crìln Shasuinu an dèigh 
gach troimhe chèil' uamhasach a bha 's an rioghachd nd, eadar 
teaghlaichibh lorc 'us Lancaster. B' e Eanruic oighre teaghlaich 
Lancaster, ach phòs e Ealasaid, nighean bu shìne Eideird lY., a 
bha le còir bhreith na h-oighre dligheach air an rioghachd. Mar 
so bha 'n dà theaghlach air an aonadh, agus stad air a chur air 
an dòrtadh fola. Ged a bha Eanruic 'na dhuine fuilteach bha e na 
dheadh fhear-rìaghlaidh, agns fad sheallach a thaobh nithe saogh- 
alta. iJha sùil aige gu'm feudadh an t-àm a theachd anns am 
b' urrainn aon de righrean Shasuinn còir agairt air crùn Alba tre'a 
bhan-phrlonnsa so; ach 'se thachair, 'an aghaidh sin, g'u do thag- 
air fear de righrean Alba còir air rioghachd Shasuinn air a 
sgàthsa. 

B' e rìgh Seumas YI. Alb' a thàinig 's an ath linn gn bhi 'na 
rìgh 'an Sasunn, iar-ogha na ban-phrionnsa so. Ach bha Bùil ai^ 
Eanruic YIT. mar an ceudna ris an tairbh' a gheibheadh an dà rìogh- 
achd dheth 'n t-sìth a bh' air a daingneachadh eotarr' air lorg a* 
chleamhnais so. Lean an t-sìth so a bha ro fheuraail, araon do 
Alba 's do Shasunn, rè dheich bliadhna, ach briseadh beag a rinn 
Seumas oirre air sgàth mealltair a thàing gu 'chùirt thar tìr-mor na 
h-Eòrp', agus a bha 'cumail a mach gu'm b' e fèin Diùc lore, 
oighre dligheach Shasuinn. Chreid rìgh Seumas seanachas an fhir 
80, 'sthug e bean da à teaghlach a bha 'n dlùth dhàimh dha fein, 
'sbhris e steach air taobh tuath Shasuinn le feachd gu 'athair-cèile 
thilgeadh dheth 'n chaithir, 's am fear so a chur 'na àite. Ach 
fhuair e mach air a chostas nach gabhadh sad deanamh, 's leig e 
seachad e. 

5. Dh' èirich troimhe chèile mòr 's a' Ghàeltachd aig àm pbsaidh 
an rìgh, le oidhirp a thug cuid de na tighearnan Gàelach air ogha 



6EUMA8 IT. 169 

Hhorair nan Eilean a shaidheachadh 's an ùghdarras a bh' aìg a 
shinasiribb, agas a bha 'n rìgh so foin an deigh a thoirt o 'sheanair 
"'sa' bhliadhna 1491. Chaidh a' cheannairc so chiir fodha le saoth- 
air 'as mòr dhragh; ach bha Seamas ni bu toighiche ma ghnoth- 
nichibh na Gàeltachd an dèigh so na bha e roimhe sin. Bhiodh e 
gu maith tric 'san taobh taath, air a chaairteachadh le 'chàirteir- 
ibh. Dh' atharraich 'us chuir e 'n iionmhoireachd na Siorrachdan 
feadh na Gàeltachd,air sheòi's gu'm biodheni b'fhusadhdhanacearn- 
aidhean fad as ud a riaghladh tre'n lachd-drcuchd a chuir e fein os 
an ceann. 

6. Bha trì Colaistean, no Oil-thighean 'an Alba 's an rioghachadh. 
-80, Bha Colaistean Chill-Rìmhinn 'us Ghlascho air bith air an 
togail roimhe so. Thug Seumas IV. ma 'n airidh Colaist' an rìgh 
'an Abaraidhean a bhi air a togail. B' ann 's an rioghachadh so, 
mar an ceudn', a thugadh eòlas air clo-bhualadh leabhraichean a 
steach do Alba. Bha 'n t-innleachd feumail so air fhaotainn a mach 
'sa bhliadhna 1440 le lain Gutenbergh 's a' Ghearmailt; ach cha 
tàinig e do^AIba gus an do thòisich Ualter JChapman, a bh' air 
bith 'na sheirbhiseach aig an rìgh, air clo-bhualadh leabhraicheau 
'sa' bhliadhna 1509. Thug an rìgh do 'n fhcar so na h-uile mis- 

■achd a bha fenmail, 's gun teagamh sam bith bhiodh e 'ceannach 
cuid de na leabhraichean a bh' air an deanamh leis an ealaiun ùir 
ni bu phailte 's ni bu shaoire na bha iad roimhe. Tha na nithe so 
a' deanamh soilleù' ga 'n robh eòlas a' meudachadh, 's gu 'n robh 

: righ 'na fhear-taic do na h-uil' eòlas feumail. Feudaidh e bhi gur 
'.-ann o na h-aobharaibh sin a bha e 'g èiridh gu 'u robh au tearc a 
bbi taigsinn na firinn's a fnathachadh mhealltaircachd na Pàpanachd 
a' fàs ni ba dàine 's ni b* fhollaisiche. Theirteadh Lollardaich mar 
flir ■' 1 riu so anns ^'ach ri ' ' I 's an Roiiin-Bòrpa. Bu ro 

1: is na h-easbuif(ihh i , li a bha iad a' fàs 'an Alba. 

im'n airidb àireamh àraidh dhiubh a ghairm 'am fianuis 
iia, Cuuihairle gu freagradh air son saobh chreideamh, mar theireadh 
iadaan ris na beachdaibh a bha iad ag àrach. Chriochnaich aoi 



170 EACHDBAIDH NA H-ALBA 

mòd eaglaiseach so le stoirm ghàireacbdaich anns nach b' urrainm 
an rìgh no a chùirteirean cumail orra fèin, le bhi cluinntinn an dòigh 
's an robh na LoUardaich gheur' ag aoireadh nam Pàpanach agus 
an rian aoraidh a bh' aca. Trè chàirdeas an rìgh, cha bu dàna le^ 
Pàpa no easbuig làmh a chur 'an duine de 'n mhuinntir bhig ud. 

7. Bhàsaich Eanruic YII. Shasuinn 'sa' bhliadhna 1509. Thàinig 
a mhac, Eanruic YIII. 'na àite thun na caithreach, agus e ochd 
bliadhna deug a dh' aois. Bha esan mothachail air a chòir air a 
chrùn a bhi co daingean 's nach robh duine sam bith a cur teagaimh 
ann; 's mar a bha e 'na dhuine tapaidh, misneachail gu nàdurrachy 
bba so ga dheanamh ni bu ro dhalma. 'An ùine nach robh fada . 
dh'èirich eas-còrdadh eadar e fèin 's a chliamhuinn, Seumas lY. 
Alba. Bha ni-èigin de bhonn aig an eas-còrdadh sin eatorra fèiii 
na 'n dithis, mar tha cuid ag ràdh, a chionn nach robh Eanruic a*" 
pàigheadh d'a phiuthair, ban-rìgh Alb', an airgid a dh' òrduich a^ 
h-athair dhi aig àm a bhàis. Ach b' e 'n t-aobhair àraidh air son 
an tàinig iad ga naimhdeas foUaiseach d'a chèile gu 'm bu mhaith le- 
lulias n. Pàpa na Ròimh' iad a thighinn gu sin. 

Bha 'm Pàpa goirid roimhe so air sealbh a ghabhail dha fèin air 
dà mhòr-roinn ris an abrar Parma 'us Piacensa, 'san Eadailt- 
TJachdraich. Ach bha Luthais XII. Rìgh na Fraing' a bha 's an. 
àm sin, a* cogadh 's an Eadailt, a' tagairt còir air na mòr-roinnibh 
sin, 'sbha eag^ mòr air a' Phàpa gu 'n tugadh e uaith' iad. Cha 
V e 'm Pàpa 'm fear a dh' fhàgadh clach gun tionndadh mu 'n. 
leigeadh e as a làimh ni sam bith air am faigheadh e grèim. 'S e- 
rinn e aig an àm ud tòiseachadh a' miodal ri Eanruic VIII. rìgb 
Shasuinn, ach am faigheadh e gu 'thaobh fèin e, gu 'n deanadh e 
cù cogaidh dheth 's gu 'n stuigeadh e 's an Fhraing e. Chinnick 
sin leis. Chaidh cogadh èigheach eadar Sasunn 'san Fhraing;: 
'fi mar sin b' èigin do rìgh na Fraing' an cogadh Eadailteach a leig- 
cadh seachad 's oidhirpeachadh air e fèin a dhionadh o' n t-Sas- 
nnnach. Ach aig an àm cheudna dh' oidhirpich e 'n cleas ceudna. 
'chluicheadh air rìgh Shasuinn, a chluich am Pàp' air fèin. B' e 



SEUHAS 17. 171 

sm righ AIV a tharruing gu bhi 'n comh-bhoinn ris fèin, agus a 
stuigeadli an taobh Shasuinn, gus an tugadh so air Eanruic pill- 
eadh uaithe fèin gus an airc thoirt air a ghnotlmichibh aig 
a* bhaile. An dèigh mòran brìdeil o chùirt na Frainge dh' aontaich 
Seumas IV. ri briseadh a steach air taobh tuath Shasuinn le feachd 
lionmhòir anns an robh, a rdircuid de hichd-eachdraidh, dUith air 
ceud miJe saighdear. Chuir e feachd mara mar an ceudn' air 
ghleos gu briseadh a steach air taobh tuath Eirinn. Ach cha robh 
'an t-Iarl' Arrainneach a rinneadh 'na chomanndair air a chàbh- 
lach so, freagarrach air son na dreuchd. Cha robh e aon chuid 
*na sheòladair no 'na shaighdear agus chaidh na luingeis a bhris- 
eadh 's a sgapadh gun dol 'an ceann a ghnothuich air son an do 
chuireadh a mach iad. Chaidh an righ fèin, mar àrd-sheanalair air 
cheann an airm thire. An ddigh beagan ùin' a chur seachad 'an 
taobh tuath Shasuinn a' togail chreachan gun duin' a sheasamh 
rompa, champaich na h-Albannaich air cnoc ris au abrar Floden 
ami an comhnard Achaidh na muinnle. Bha rìgh Shasuinn 's an: 
Fhraing; ach bha e air larla Shurreigh fhàgail na àrd-sheanalair 
air an arm Shasunnach aig a' bhaile. Fhuair an t-Iarla sin feachd 
lionmhòr air a togail air feadh Shasuinn leis an do thriall e gu 
tuath air los an t-.Vlbannach a phiUeadh air ais. Mu 'n àm an do 
ràinig Surreigh coimhearsnachd a* cliaimp Albannaich, bha mòran 
de luchd-leanmhuinn Sheumais IV. air pilltinn dachaidh ; oir bha 
biadh a' fàs gann na 'm measg a thaobh 's nach robh sìiil ac' o 
tboiseach a bhi air falbh o 'n tighibh ach dà f hichead là. Bha 
mar an ceudna dream maith eile de na dcas Albannaich air tigh- 
inn a nall air a' chrich a*dh' fholuch an cuid creiche. Mar so bha 
*li t-ann Albannach gu mòr air a lughdachadh. Ach air son sin 
uile bha 'n righ 's a chuid oifigeach deònach blàr a sheasamh ris 
na SaBonnaich. Chum na Ii-oifìgich comhairle 'roimh 'n bhlàr air 
ton am barail a chur an cdill mu ciod bu chòir do 'n rìgh a dhean- 
.inh, git pcaraonta. Agus bha iad uil' aon-sgculach air nach bu 
chòir do'n righadhol do'n chath idir, ach e dh' ainmeachadk 



172 KACHDRAIDH NA. H-ALBA 

àrd-sheanalair 'na àit' agas e fòin a pliilltinn dacliaidh, no e bhi 'n 
àit' èìg'm 'an coimhearsnachd an airm anns am biodh a bheatha 
tearuinte. Cha'n èisdeadh rigli Seumas ri sin. Ach bhagaìr e gu 
^eur air an fheadhainn a chomhairlich esan a chumail as an àraich. 
gu'ncrochadheiadmuchoinneamhandorsanfèin/nuairaphilleadh 
e do Alba. B' èigin a thoil fèm a leigeadh leis 's a ghnothuch so. 
Ach cha b' e mhàin sin, ach b' èigin a thoil fèin a bhi deant' 'an 
iillachadh air son a chath', agus an dèigh tòiseachadh air cath. 
Bha làthrach ro fhàbharrach ac' air a taghadh roimh làimh, agus 
cha ghabhadh Surreigh air ionnsuidh a thoirt orra, gus am feuch- 
adh e ri 'm breugadh a sin, gu àit' eil' anns am biodh a chothrom 
fèin ni b' fhearr. Bha Seumas a' leigeadh leis, 'an aghaidh toil 
^us comhairr a chuid oifigearan, a bhi dol mu 'n cuairt air a champ 
mar a thogradh e fèin; cha leigeadh e le duine grabadh sam bith 
a chur air; ach mar dhuine fo gheasaibh, leig e leis an t-seann 
^aighdear sheòlt' ud a dhòigh 'us àite fèin a roghnuchadh. Agus 
bu daor a phàigh esan 's a hichd-leanmhuinn air gu 'n do leig. 
'N uair a fhuair an Sasunnach, gu h-òrdail, seachad air drochaid 
a bha fagus do 'n arm Albannach 's gu 'm feudadh e dheanamh air 
mar rinn Uallas aig drochaid Shruileidh, 's a chaidh e direach 
€adar armailt Sheumais agus an diithaich fèin, thug an rìgh òrdugh 
na pàilliuna 'san robh iad a 'fuireach a bhi air an losgadh agus 
na daoin' a bhi air an tarruing 'an òrdugh catha. 'S gann a tha 
luchd eachdraidh a toirt iomraidh air blàr sam bith eile co min 
's a tha iad a' toirt air blàr Flodein. Ach feudar na tha feumail 
do 'n leughadair a chur an cèill 'an tearc de bhriathraibh. Bha 'n 
dà armailt air an roinn na'n eeithir buidhnibh fa leth. Bha 
buidheann de 'n arm Albannach fo chomannd an rìgh agus buidh- 
eann de 'n arm Shasunnach fo chomannd larla Shurreigh. Choinn- 
ich an dà bhuidheann so a chèile; agus choiunich aon bhuidheann, 
buidheann eiF air gach taobh. Chuir a 'chuid de 'n arm Albann- 
ach a bha fo chomannd larla Home an ruaig air a bhuidhinn a 
bha mu 'n coinneamh. Ach cha do leig am marc-shluagh Sasunn- 



SEUMAS IV. 17^ 

ach leis an larla sin còmhnadh sam bith a dheanamh ris na buidh- 
nibh eile, ged a bha iad a faotainn a chuid bu mheasa dheth. Mu 
cheithir uairean 's a mheadhon là tiiòisich an cath agus lean e gus 
an do dhorchaich an oidhche, gun taobh seach taobh a theicheadh, 
ged a bha e soilleir gur h-ann an aghaidh nan Albanuach a bha^ 
dol. Rinn a mheud 's a bha faisg air an rìgh de 'n arm Albannach 
cnairteag mu dheireadh, air son iad fèin a dhionadh air na h-uile 
taobh 'o 'namhaid. Sheas an rìgh 'na làn armachd 'am meadhon 
na cuairteig so, agus cuid de na h-oifigich a b' ard-inbhich còmh- 
ladb ris. Thuit e fèin 's a chuid bu lionmhoire de 'na h-uaislean 
a bha timcbioll air. Bha e air a lotadh gu bàsmhor le dà shaighid, 
agus air a ghearradh le inneal marbhtach eile ris an abrar bill. A 
thuilleadh air an righ, chaill na h-Albannaicli dithis easbuigean, 
agus dithis abachan, dà iarla dheug, tri morairean deug, agus 
cuigear mac bu sliine mhorairean. Cha robh cunntas air na chaiU 
iad de uaislean eile. Cha robh teaghlach uasal 's an rioghachd 
nach do chaill caraid an sud. Chaill na h-Albanuaich còrr 'us- 
dèich mil' eadar àrd 'us iosal air àraich " Flodein Dhuirch.'* 
ChaiU na Sasunnaich mu 'n cuairt de chuig mile. Chuireadh am 
blàr fuilteach so air an naoidheamh là de mhios meadhonach an 
fboghair 1513. 'N uair a dhorchaich an oidhche gu maith, theich 
Da h-Albannaich air falbh o 'n àraich, a' fagail nara marbh 's nan 
daoine leònta fo mheachainn an nàmhaid. Ach bha na Sasunn- 
aich co mòr air an lagachadh iad fèin, 's nach do ghabh iad orra 
tigbinn ni b' fhaidc gu tuath air los tuilleadh creachaidh a dhean- 
amh air Alba, ged a bha e^al air an luchd-riaghlaidh gu 'n dean- 
adh iad sin. Tha cuimhne gus an là 'n diugh, 'an ceann deas na 
riogbachd air an èigin 'san truaigh' a thàinig air lorg blàr Flodein, 
mar is ann as a cheann sin de 'n rioghachd gu h-àraidh a bha 
tromlach an airm air a tharruing. 



CAIB. XXIV. 



SEUMAS V. 



An uair a thuit Seumas IV. 'am blàr Flodein, cha robh 'aon mhac 
agus 'oighre tri bliadhn' a dh'aois. Chrùnadh an leanaban so 'an 
lùchairt Scoinne fo thiodal Seumas'V. Bha Caisteal Shruileidh 
-air a chur air leth mar àite còmhnuidh dha, air an robh Morair 
Borthuic 'na cheannard; agus chaidh 'dreuchd na tàinistearachd 
earbsadh ri 'mhàthair, a' bhan-righ, aig an àm sin. Bha Ard- 
easbuig Ghlascho, maille ri larla Huntlaidh, agus larr Aonghais, 
air an òrduchadh mar chomhairlich dhi gus an coinnicheadh a' 
Phàrlamaid. Goìrid an dèigh bàis an righ dh'aiseadadh i air lean- 
^bh mic air an tugadh Alastair mar ainm, agus a rinneadh 'na 
Dhiìic Rois, Agus bha i air a daingneachadh 'an dreuchd na 
Tàinisteireachd leis a' Phàrlamaid a choinnich an dèigh sin, agus 
'an amharc thairis air fòghlum 'us altrura an righ òig agus a 
bhràthar. Ach 'an ùine ghoirid fhuaradh a mach nach 'Vobh 
eomasan inntinn aig a' bhan-righ freagarrach ri bhi riaghladh 
Tioghachd 's an t-suidheachadh 's an robh Alba 's na h-amannaibh 
<5arraideach ud. Bha teagamh aig daonibh nach robh i freagarr- 
ach air son sin, eadhon mu'n do chuireadh 's an dreuchd i, 'chionn 
gu 'm b'i piuthar righ Shasuinn, agus gu 'n robh e coslach gu 'n 
oidhirpicheadh an duin' ais-innleachdach sin air inneal a dhean- 
amh dhith air son Alba 'riaghladh mar bu toigh leis f èin. Ach 
ana bha creideas sam bith aic' a measg cuid de na h-uaislean air 
son seasmhachd 'us disleachd do'n rioghachd, chaiU i sin gu 
h-iomlan air son i dh' ath phòsadh 'an ìiine co goirid an dèigh a 
bhi air a fà.cjail 'na bantraich. Cha robh i ach ceithir bhadhna 



SEUMAS Y, 175 

^chead mu 'n hm so ged a bha i air bi pòsda deich bliadhna 
Toimhe sin. B' e larl' Aonghais a roghnuich i air son a dara 
fear pòsda. B' e so ogh' an duine thapaidh ud ris an abradh iad, 
Clag-an-Cat. Bha fearann 'us cumhichd nan Dhghlasach air an 
ceangal roimhe so ri larlachd Aonghais, agus cha robh Morair 
'an Alba bu chumhachdaiche na 'n t-Iarl' aig an àm so. Ach. 
bha e òg, air bheag fèin-fhiosrachaidh, anabarrach bras, agus fada 
'na cheann. 

2. Chuir cuid de uaislean na tire nis fiadhachadh gu Diùc Albani 
's an Fhraing, mac do 'n Dihc a theich a Alba ri linn Sheumais 
III. B* e so an t-oighre dligheach a b' fhaisg air a chrhn an dèigh 
an dithis leanban a dh' fhàg Seumas IV. Bu Bhan-Fhrangach 
a mhàthair-san, agus 's ann 's a' chainnt Fhrangaich a bha e air 
fhòghlum, agus 's i b'f hearr a labhradh, 's a thuigeadh e 'na chainnt 
Albannach. 'S mar sin an deigh dha tighinn a nall do Alba, 
chunncas gu'n robh e's na h-uile seadh ro Fhrangach air son daoine 
co eudachail ris na h-Albannaich a bhi saor is an-amharus mu 
'tbimchioll. A thuilleadh air so uile, bha e beag 'an inntinn 's 
goirid 'an nàdur, 's fada 'na bheachd, agus ro iomluath 'na dhòigh, 
a' leum ro ghrad gu barail, agus co grad sin ga tilgeadh uaithe. 
Ach an dèigh tomhas maith de chòmhstri, bhuadhaich pàirtidh 
Albani 'an aghaidh pàirtidh na ban-righ ; agus b' digin di fèìn 's 
d'a fear pòsd' an rioghachd fhàgail agus teicheadh do Shasunn gu 
cìiirt a bràthar. Dh' aiseadadh i air lcanabh nighinn 'an sin, a 
bhan-tigheam Mairireat Dhghlas, a chaidh altrum aig cùirt righ 
Shasuinn, agus air a bhoil iomradh an ddigh so 'an eachdraidh 
Alba. Bha 'n rioghachd a nis roinnte 'na h-aghaidh fòin co mòr 
's a bha i riamh. Ged a bha 'bhan-righ 'an Sasunn bha 'pàirtidh 
'an Alba a* sior chur an agliaidh Albani agus a phàirtidh. Bha 
morair seòmradair na cùirt' 'an agliaidh Albani. B' e so an urra 
mhòr a bha buadhach là Flodein, agus a bha cuid a' coireachadh 
air son nacb tug e cuideachadh do 'n bhuidhinn a bha fo chomannd 
«Q righ. Fhuair Albani am morair so agus a chàirdean air am 



176 EACHDKAIDH NA H-ALBA 

"breugadh a steach do Dhuneidin ; chaidh an diteadh, agus an cur 
gu bàs. Ach cha d' fhuaradh a mach ciod a' chùis dhitidh a hha 
'n an aghaidh. Ach an àite so suidheachan Albani a dheanamh 
ni bu shocraiche, 's ann thàinig gnothuichean gu bhi ni bu 
mheasa na bha iad riamh. Agus cha b' fhada gus an d' aidich e 
fèin do 'chàirdibh gu 'm b' fhearr leis nach robh e riamh air seas- 
amh 'an Alba. Agus goirid an dèigh so, thug e chosan leis 
do 'n Fhraing gu beagan bhliadhnacha de shith f haotainn. 

3. Rè na h-ìiine so uile bha 'n rìgh òg air a choimhead 'an 
caisteal Shruileidh fo chùram deadh òid-fhoghhiim, Sir Daibhidh 
Jjindsi, duine cliùiteach 'na là, leis am b'fhuath an t-olc 's na h-uile 
cruth ; agus a rinn mòran air son taobh na fìriun a sheasamh, agus 
iuchraichean eaglais na Roimhe 'bhriseadh 'n uair thàinig an 
gnothuch, gu dlù chòmhrag ris a chumhachd sin. Fo threòrach- 
adh an fhiùdhalaich so bha 'n rìgh a' deanamh aghartas maith anns 
gach eòlas a bhiodh f eumaii dha mar dhuine 's mar rìgh. Bu tearc 
iad, ma bha iad idir ann, da 'm b' fhearr a b' aithne sin a theagasg 
iia Sir Daibhidh. Ach an dèigh do Albani teicheadh do 'n Fhraing, 
thàiuig màthair an rìgh agus a fear pòsd' air an ais do Alba. Bha 
aimhreit dho-reiteachaidh air ^iridh mu 'm àm sin eadar i fèin 's an 
t-Iarla. Agus fhuair i htir-dhealaich uaithe, leis an robh iad 
gu laghail air an dealachadh o chèile. Rinn so lughdachadh mòr 
air cumhaclid an larla. Ach bha e fathast 'na cheann-feadhna co 
cumhachdach 's a bha 'n Alba. Bha gnàth chomhstri eadar e fèin. 
agus an t-Iarl' Arraineach, agus gu maith tric còmhragan fuilt- 
each. Thachair aon de na teugmhailean sin eatorr' 'an teis- 
meadhon laile Dhuneidin, aig àm cruinneacbaidh na Pàrlamaid, 
'sa bhliadhna 1520. Le cuideachadh a fhuair na Dùghlasaich o 
Sìr Daibhidh Home, sguab iad air falbh luchd-Ieanmhuinn an 
Arrainich co buileach 'sgu 'n tug muinntir Dhuneidin, ''Glan an 
Cabhsair," mar ainm air an t-sabaist. Agus gus i fèin a neart- 
achadh 's an Tàinistearachd, thug a mhàthair ma 'n airidh an rìgh 
a thoirt o chuid foghluim do chaisteal Dhuneidin gu riaghladh na 



SBUMAS V. 177 

riogbachd a ghabhail 'na làimb fèin, ma b' f hior, 's gun e acb tri 
bliadbna deug a db' aois. Mar a bha cothrom aic* a ghnàth a bhi 
mach 's a steacb o mac foin gun anamharus aig ueacb sam bith 
ciod mu 'n robb i, bha i gu seòlta a' cur fa chomhair co cuingeil 
'us tàireil 'sa bha'n suidheachadh 'san robh e 'n sin 'an coimeas 
rÌ3 an urram 'sa' chumhachd, 'san t-saorsainn, a bhiodh aige le 
bhi rioghacbadh e fèin. Dh' aom i cridh' an òganaich air falbh 
air sbeòl 's nach robh dòigh air a chumail. Agus aig an aois òig 
80, thaisbein e bralsead agus graide nan daoin' o'n tàinig e. 'N uair 
a mg aon de 'n luchd-frithealaidb air gus a chumail air ais, an àm 
. iba bhi deanamh air son falbb, shàtb e bhiodag 'an gàirdean an 
t-seirbhisich sin. 

4. Ach bha tuillcadh 's ni bu leòir aig a mhàthair 's aig a mhac 
ri dheanamh ann an rian a chumail eadhon air a chuid de 'n riogb- 
i^jbdabba mu'n cuairt doibh fèin. Agus mar a bha righ na 
Fraing' air son gu 'm biodh Alba 'an staid ais-sith ri Sasunn, thug 
e tiodblacadb maith airgid do Dbiìic Albani, 's mhisnich e gu. 
tighinn air air ais do Alba, 's gu 'n cuùreadb e troimhe cbèile 
taobb tuath Shasuinu, mur b* urrainn e 'n còrr a dlieanamh. 
Ghabh màthair an righ gu suilbhir ri Albani aig an àm so, le sùil 
ri cuideacliadh f baotainn uaitb' 'an aghaidb a fir pòsda fèin. Thug 
i dba iuchraichean a' cbaisteil, agus lan-shaors' an rìgh f haicinn co 
tric 's a thogradh e. Chuir i^àirtidb na ban-rigb agus Albani a 
nìs an guaillean ri cheile; fbuair Albaui an Tàinisteareachd 'sb' èigin 
do larl' Aonghaifl e ièìn thoirt as do thir choigrich. Thòisicb an 
Tàinistear a nis le dichioll a' cur sios na mi-riaghailt a bb' air 
feadh Alba gu h-iomlan tre ne^)-laghalachd nan ceann-feadhn' air 
Ghàeltachd 'us Gballtachd. Cha do ràinig e ach air tomhas beag 
dc Hhoirbhcachadb 'sna h-oidhirpibb sin. Agus 'se b'aobhar 
àraidb do 'n chion soirbbeachaiilh so, scòltachd 'us^fòirneart cùirfc 
Shasaion. Bha na Sasunnaicb air faotainn a mach a nis gu 'm 
b'e òr bu fbreagarraiche na stàilinn gu Alb'a cheauusachadh. 'Se'n 
Eiao a ghabh iad » nis a bhi ceannach na ghabhad}i ceannach de 



178 BACHDRAIDH NA H-ALBA 

na h-uaislean Albannach gu bhi 'deanamh na b' urrainn iad 'aa 
aghaidh uachdaranachd na rioghachd, agus a' brath an Tàinistear 
doibh fdin, air sheòl 's gu 'm biodh fios aca roimh làimh ciod a bha 
e 'deanamh. Bha ceithir ceud brathadair de 'n t-seòrsa so aig righ 
Shasuinn air feadh Alba 'na phàigheadh fèin. A rèir seòlaidhean 
Morair Dacre, priomh mhinisteir Eanruic VIII. bha 'n luchd-foiU 
so a' sgaoileadh sheanachasan breugach air feadh na tìr' 'an agh- 
aidh an Tàinisteir. Thog so cogadh eadar an dà rioghachd. 
Chaidh an Tàinisteir do 'n Fhraing a nis a chur a chomhairle ri 
Prannsi I. rìgh na tìre sin, agus a dh' iarraidh cuideachaidh uaithe. 
Achan dèigh dhatighinn air ais le còmhnadh'amfeachdmara's tìre, 
fhuair e mach nach gabhadh na h-Albannaich eudachail ri cuid- 
eachadh mar sud o choigrich, no co-dhiù, gu 'n robh luchd-foill 
rìgh Shasuinn an dèigh gnothuichean a' chur gu do-rèiteachaidh 
thar rian. Agus 'n uair a bhreithnich e gu 'n robh eadhon màthair 
an righ a 'comh-sgriobhadh ri Morair Dacre 's a 'deanamh aith- 
nichte dha na h-uile car a bha 'n Tàinistear gus a chnr dheth, rtin- 
aich e 'n gnòthuch fhàgail aice fèin gus i ga riaghladh mar a 
b' fhearr a b' urrainn ì. Mar so dh' fhàg Albani dhthaich a shinn- 
searan an toiseach an t-samhraidh 1523, guntighinn gu bràth tuill- 
eadh air ais innte. 

5. Fhuair màthair an rìgh, agus larl' Arain a nis riaghladh na 
lioghachd na 'n làimh fèiu. Ach 'an ùine ghoirid chuir iad a mach 
air a chèil', agus tre ais-innleachdaibh rìgh Shasuinn fhuair larl* 
Aonghais, a bh' air chuairt 's an Fhraing, air ais do Alba, agus a 
lion ceum 'us ceum a dh' ionnsuidh na Tàinistearachd, agus nan 
còraichean teaghlaich a bhuineadh dha roimhe sin. Fhuair e 
mar an ceudna sealbh air pears' an righ òig, agus bha e 'riaghladh 
na tìr' 'an ainm an rìgh. Ach da rìreadh b' i thoil fèìn a bha e 
'deanamh 's na h-uile nithibh, agus an rìgh na phriosunach ni's 
mò na bha e riamh roimhe sin. Dh' fheumadh e 'làmh-sgriobh- 
aidh a chur ris na h-uile paipeir stàit' a chuireadh a mhaighstir 
fa chomhair, biodh e maith no olc leis. Mhair am braighdeanas 



8EUMAS y. 179 

60 eadar a dha 's a tri bhliadhnachan. Rè na h-hine sin bha na 
h-nile dreuchd fhoUaiseach 's an rioghachd aig càirdibh 'us luchd- 
•^deachaidh larl* Aonghais; b'iad sin na Dhghlasaich 'sna bha 
air an taobh. Ged a thugadh dà ionnsuidh air an rìgh a chur saor 
o'n chaing so, thàinig iad gu neo-ni. Anns a' cheud ionnsuidh 
dhinbh 8Ìn, chaill Sìr Ualter Scot, Bhucleuch, mòran sluaigh, 
's chttiieadh an niaig air. Agus anns an dara h-ionnsuidh, le larla 
Lennocs, chaidh an t-Iarla fèin a chur gu bàs, agus mòran de chuid 
•claoine mharbhadh. 'Nuair a bha Lennocs a* dlùthachadh ri 
Buneidin air ceann dèich mìle saighdear, chaidh larl' Aonghais 
'na choinneamh le chuid daoine fèin agus sgaoil e bratach an rìgh. 
«Caia robh an rìgh idir deònach air an Dùghlasach a leantuinn do'n 
chath. Thuig] a luchd-coimhideachd gu 'm bu roghnuiche leis 
Lennocs a bhuadhachadh. " Na smuainich," arsa Seoras Dùghlas, 
1)rilthair an larla, "gu 'n teid thu as uainne, oir ged choisneadh 
ar naimhdean an là, reubadh sinn as a chdile 'na 'd mhiribh thu 
ni bu luaithe na bheireadh sinn seachad thu." 'N uair a thuit 
Lennocs 's a ruaigeadh a chuid saighdearan, b' èigin do Sheumas 
a bhi mar bha e roimhe, ach cha do dhi-chuimhnich e riamh bag- 
radh an Dùghlasaich. Agus bha sin, maiUe ris gach rud eil', a' 
deaoamh a bhraighdeanais ni bu deacaire dha. £u bhhadhna leis 
gach là an dèigh so, a bha e fo chuing ianiinn nan ain-tigheaman 
ud. Agus o nach leigeadh iad saor d' an deòin e, rinn e air son e 
fdin a shaoradh uatha a dh' ain-deòin; ni a chaidh aigair a dhean- 
amh gu sgiobalt anns an dòigh so a leanas. Thachair aigàm araidh 
gu 'n robh an t-IarU 's a bhràthair, agus Gilleasbuig Dùghlasach, 
bràthair athar air falbh o 'n chhirt air ceann an gnothuichean fèin. 
Cha Tobh air fhàgail timchioU air an rii,'h ach Dìighlasach a cheum 
chinn, ceannard freiceadain an rii,'li. Bha 'chhirt a' fuireach 'an 
ìiì ' " 'lcland aig an àm. Chuir an righ fios a mach air feadh 
»a .rsnachd gu'n robh c gu bhi sealg 'an coiUe Fhalcland 

Ka maith moch air an ath-mhaduinn,'8 rè an là, 's na h-uile duin 



IgO BACHDRAIDH NA H-ALBA 

•aig an robh cìi luath a bhi air an làthraich gu maioh tràth, 'gus- 
a chuid fhaotainn de 'n t-seilg. Rinneadh na h-uil' uUachadk 
*s an talla rioghail air son tional maith sluaigh air a' mhaduinn^ 
Agus o'n a bha dtiil aig an rìgh a bhi air a chois glè mhoch chaidh 
e d'a leabaidh gu maith tràth. 'N uair a ghabh gach duine mu 
thàmh, 's a shuidhicheadh an f haire, chuir an rìgh deise giUe stàp- 
nill air, 's shleamhnuich e sios a dh' ionnsuidh nan stàpull gun 
neach a thoirt an aire dha. Bha e 'n dèigh a rìin a leigeadh ris 
-do aon ghille stàpuill, Seoc Hart, agus do ghill' eir a bha 'na 
fhear-frithealaidh aige. Choinnich an triuir aig dorus an stàpuilL 
Bha na tri eich bu luaith' aig Seoc an dèigh an diollaideachadh. 
Ghluais iad gu mall air falbh o 'na tighibh gus an d' ràinìg iad àit 
am feudadh iad na h-eich' a ghreasad. Agus an sin cha robk 
easbhuidh greasaid orra gus an d' fhuair an triìiir mharcaicheaa 
seachad air drochaid Shruileidh, 's gu geat' a' chaisteil a' bha ull- 
amh gu fosgladh dhoibh. Pha fìos aig a mhàthair roimh làimk 
air ciod a bh' aige 's an amharc, 's bha i air gach ullachadh a 
dheanamh air son a ghabhail do 'n chaisteal làidir so. Ged a bha 
Seumas glè sglth an dèigh a thuruis chabhagaich, cha leagadh e 
ceann air aghartan gus am faiceadh e iuchraichcan geatachan a 
chaisteil air an cur fo a chluasaig. Bu co mòr an t-uamhas a 
ì)\i air dùsgadh 'na bhroilleach gu 'm feudadh na Diighlasaick 
•grèim fhaotainn air fathast. 

6. Cha 'n 'eil teagamh nach robh iomairt agus casaid nach bu 
iheag a measg an fhreiceadain rioghail 'am Falcland 'n uair a 
thuig iad mar a bha. Ach cha 'n e sin ar gnothuch-ne. Bha rigk 
Seumas 'na sheachdamh bliadhna deug 'n uair a fhuair e 'shaorsa. 
Ghabh e nis srian na rioghachd 'na làimh fèin, agus a measg nithe 
eil' a rìinaich 's a chuir e roimhe, bhòidich e nach biodh na Dùgh- 
lasaich agus esan le chèil' 'an Alba. Choimh-lion e bhòid so. 
'N uair a thuig an t-Iarla 's a chàirdean gu 'n robh an righ b^ 
deanamh air son cur as doibh, thog iad bratach na ceannairc ; 



SEUMAS T. 18t 

's rinn iad faaim 'us iomairt nacli bu bheag. Acb mu dlieireadli 
V èigin doibli an cosan a tboirt leò nuU air a' chndh Sbasunnaich, 
Cha tàinig iad a nall oirre, fbad 's bu bbeò rìgb Seumas. 

7. Cha tugadh iomradh air leth fathast air a' Gbàeltachd <> 
tbòiseachadh an riogbacbaidh so. Agus is aon aobbar air son sin, 
00 ro mhòr 's a bba *n troimbe cbèile *s a mbi-riagbailt anns aa 
leth sin de'n riogbacbd. Bba larl' Arcu, larla Gball-tbaobh, 
larla Chataoibb, agus MacAoidb Sbratb-Nàbhir, cba mbòr gun 
lasachadh a' raarbbadb 'sa' creacbadb a cbèile, 'sa' toirt a steach 
•tòrachd sin air aon a cbdile, no air an coimbearsnaicb, o bbàsaich 
Seumas IV. Cba b'fbearrna sin clann Cbatain 'sna Guinicb, 
's cha mbòr gu 'm b' fbearr na Rosaich, 's lucbd-àiteacbaidh na 
<5àeltacbd an lar, 's nan Eilean. Cba 'n e mbàin gu 'n robh iad 
fèin 'na'm breislicb — 'na'n tur bbreislicb — air mbisg le fuil 'sle 
<5reicb, acb cbuireadb e ceann duine 'na bbreislicb a bbi leugbadh 
na bbeil sgriobbta mu tbimcbioll an drocb gbniombaran. Cbaidk 
màthair an rìgb aon sgriob do'n taobb tuatb, 'nuair a bba'n. 
•Pàinistearacbd aic' air los ni-èigin de cblos a cbur air an kicbd- 
aimìireit ud. Acb ma rinn i sin fbad 's a bba i 's an làtbair, cba , 
bu luaitbe tbionndaidb i cùl riu, na bba iadsan 'an ceann obair a' 
mharbhaidh 's a* cbreacbaidb mar bba iad roimbe. Ach *s ann a 
thionndaidh an rìgb aire 's a cbeud àite an dèigb a sbaorsainn. 
fhaotainn, gu ceann a deas na riogbacbd. Tbug e ma'n airidh 
gairm fbollaiijeach a bhi air a deanarah air feadb na riogbacbd 
AÌr son gich tigbearna fearainn no Morair leis am b-àill a tbigbinn 
A steach do Dbuneidin lc 'n cuid dhaoin', 'us cbon gu iad a dbean- 
amh ullacbadh air son cluicbe raòr seilg* air feadb cboilltean an 
taoìbh deas. Tbionail mu 'n cuairt do ochd mìle fear, 'sgbabh iad 
ga deas thun na seilge. Bba cinn-feadbna cbreacbacb an taobh 
deas gu neò-umbailleach le 'n cuid cbon 'us dbaoine gus an cuid 
fhaotainn de 'n chluich. B' iad so na bcatbaicbean fiadbaicb a bba 
Seumis a' dol a shealg. Cbaidb greim a dbeanamh air Cocburn, 
triath Ilenderlaod, agus air Scotacb, triatb Tbusilagb 's an croch- 



182 BACHDRArDH NA H-ALBA 

adh air na craobhaibli a b' àird' a bha 'n coimhearsnachd an caist- 
ealan. Thàinig lain Armstrong le 'cheithir fir fhichead de luchd- 
leanmhuinn air mharcachd, a measg na muinntir a thàinig. Bha 
lain 'na chreachadair barraichte. Bha e fèin 's a chuid daoin' an 
dèigh leth-cheud eaglais sgireachd a losgadh rè beagan bhHadh- 
nachan roimhe sud. Bha na h-uile fear gabhail an rathaid o thaobh> 
's ear gu taobh 's iar na dùthcha, fad' iomadh mìl' air gach taobh 
de'n chrich Shasunnaich, a' pàigheadh màl dubh dha air son e leig- 
eadh leò an rathad mòr a ghabhail gun an creachadh. Co luath 
's a thàinig an t-òlach so 'am fianuis an righ, chaidh a chur an 
làimh. Chaidh e fèin 's a luchd-leanmhuinn a chrochadh air na 
cuig craobhaibh fichead a b' fhaisg' a làimh. Bu sheilg gharbh, 
chnapach, theireadh duine, bha 'n so. Ach chunnacas gu 'm 
Vfheumail aig an àm, saimpleirean follaiseach a dheanamh de 'n 
mhuinntir bu ro chomharraichte mar luchd brisidh an lagh', air 
son eagal a chur air càch, agus a' leigeadh fhaicinn doibh nach 
feudadh iad a bhi ni b' f haide beò mar a thogradh iad ; gu 'n robh 
cumhachd 's an rioghachd a b' àirde na 'n cumhachd-san, agua. 
da'm feumadh iad striochdadh. 



CAIB XXV. 



AH T-ATH-LEASACHADH. 



TiLA eachdraidh Alba nis a' tighinn gu bhi anabarrach farsuing air 
son sinn ga glacadh 's ga giùlan air aghart gu h-iomlan. Tha i 
cosmhuil ri amhainn aig a bheil a tòiseachadh cumhang, eu-domh- 
ain 'am mullach cnuic, ach a' sior dhol a meud mar tha i 'triall 
troimh 'n ehòmhnard, leis gach allt 'us feadan a tha dol 'na 
ceann ; air Bheòl 's gu bheil i ro leathann, domhain, mu 'n rnig ì 'n 
cuan — far a bheil tìr fharsuing. Tha caochladh nithe a' deanamh 
eachdraidh ar dùthcha farsuing mu'n àm gus a bheil sin a nis air 
tigbinn, a measg am feudar ainmeachadh, màl aìrgid air son fear- 
aiiiD, mar tha tuathanaich a' paigheadh a nis, 'an àite màil duine, 
mar a bha tnathanaich a' pàigheadh 's an rioghachd so, gus an àm 
mo'm bbeil sinn a nis a' dol a labhairt ; agus a rìs an t-atharrach- 
mdb a rìnoeadh leis an lagh 'an comh-shoidheachadh bhailtean àraidh 
leadh Alba, rÌB ao abrar Bnirgh Rioghail, leis an robh iad air an 
cor saor o ain-tigheamas oachdarana fearainn, agus cothrom air a 
tboirt doibh BàiUidhcan 'us Probhaistean a' roghnachadh as am 
measg fèio, a bba go h-achdaidh 's gu litireil 'n an luchd aon bhaile 
rio lèin; agos air nach h-nrrainn sinn tnilleadh leudachaidh a dhean- 
aah aig ao àm so, ach a bhios a' coinneachadh ruinn 's an t-suidh- 
•acbadh atharraicbte so 'n ar triall tre 'n eachdraidh uaithe so a 
a roach. Ach 's e ni sònruichte leis am bheil sruth ar n-eachdraidh 
co mòr air fhartoiogeacbadh 's air a dhoimhneachadh, an t-atharr- 
fhadh loBgaatach ann fèin, 'sgo h-àraidh iongantach aig an àm 
lin, a thachair 'am beachdaibh an t-slaaigh mo thimchioli nithibh 
na diftdhaehd, a ihòiaich aoos a' Gbearmailt, a sgaoil feadh na 



184 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

Roinn-Eòrp' nìle, 's a ràìnig a nis air Alba, agus ris an abaìr 
Bgriobhatlairean, an t-Ath-leasachadh. Leis a* ghluasad mhòr so air 
slòigh 's air rioghachdaibh, tha sinn air teaehd gu àìte 'n ar n-eachd- 
raidh ris am feudar, a rèir an t-samhlaidh a ghnàthaich sinn, bun 
dà-amhainn a ràdh ; 's e sin àite 's am bheil dà amhainn a bha 'rnith 
air leth, 'us fad o chèile roimhe sin, air tighinn *an ceann a chèile, 
agus a' deanamh suas aon amhainn ro mhòr agus chumliachdach. 
Agus do bhrigh gur h-ann mar sin a tha, 's nach 'eil a rùn oirn, 
's nach freagair e dhuinn leabhar a sgriobhadh anns am bì aon 
chuid eallach no ultach, feumaidh sinn a bhi rif>.raichte 1f* bhi toirt 
leinn cinn na h-eachdraidh, agns a' chuid sin diubli air an ro fheum- 
aile do ar luchd-leughaidh, a rèir ar beachd-ne, fios a bhi aca. 

2. Anns a' bhliadhna 1517, an uair a bha Seumas Y. fathast fo 
fhòghlum ceud thòiseachadh an t-saoghail, aig cosaibh an duin' 
urramaich ud Sìr Daibhidh Lindsi, cheangail Martin Luther a 
phaipeir le firinnibh a' Bhiobuill ri dorus eaglais Uitimbeirg 's a* 
Ghearmailt, agus thug e dùbhlan do'n t-saoghal uil' a dhenrbhadh 
nach robh iad firinneach. Bha 'n gaisgeach treun so an Ath-leas- 
achaidh, mu thimcholl an deachaidh mòran bhreugan a labhairt *s a 
Bgriobhadh, air cùl buileach a chur ri eaglais na Ròimh roimhe so. 
Ach 'sann a nis a thòisich e ga. follaiseach a* searmonachadh 
's a' teagasg an aghaidh na h-eaglais sin. Agus b' e suim a* phaì-^ 
peir a chuir e ri dorus na h-eaglais ud, a bhi deanamh soilleir do'n 
t-sluagh co mi-sgriobtaireil agus sgriosail do anamaibh dhaoine 's a 
bha teagasgan 'us modh riaghlaidhna h-eaglais Papanaich. Sgaoil 
teagasgan Lutheir, 's a luchd-cuideachaidh, air feadh na Roinn- 
Eòrp* 'an ùine ro ghoirid. Agus thng seòladairean 'us ceannaich- 
ean mòran de a sgriobhaidhean do Shasunn 's do Alba. Tha sinn 
a' leughadh ann an sgriobhadh neo-thuiteamach, gu'n tàinig aing- 
eal treun a nuas o neamlj, aig an robh bogha frois air a cheann, 
aghaidh mar a' ghrian, agus a chosa mar phuist theine, gu 'n robh 
leabhran aige na làimh, *s gu'n do ghlaodh e mar a ghlaodhas 
leòmhan; agus an uair a ghlaodh e labhair seachd tàirneanaich an 



AS T-ATH-LBASACHADH. 18S 

•gTithanna f6m. Ma*s e t-aingeal treun cead lacbd-searmonacbaidli 
tbeagasgan an Ath-leasacbaidh, a reìr barail cuid; tbacbair an ni 
nd eile ga cinnteacb 'n aair a sgaoil teagasgan Lutbeir an agbaidh 
na Pùpanacbd. Cha *n e mbàin gu'n do bbeuc Pàpa na Roimb, 
air an robb Leòmban mar ainm baiste; acb rinn cumbachdan eile 
na Roinn-Eòrpa na b' urrainn iad air son teagasgan an Atb-leasach- 
aidh a chamail a mach as an criocbaibh. Agns fbuair na h-eas- 
buigean Pàpanach Acbd air a gbìiìlan trc Pbìlrlamaid Alba, 's a* 
bhliadhna 1525, nacb feudadh duine sam bith leabbraicbean Lutb- 
€ir a cbeannacb no leugbadh ; 's nacb feudadh tearc no lionmhor, a 
bhi 'deasboireacbd mu tbeagasgan Lutbeir, acb a mbàin fo sbealU 
-adh luchd-dreucbd na b-eaglais. 

3. Acb an dèigh so uile bba na leabbraichean a' sgaoileadh, 's gu 
leòir ga 'n leagbadh ; 's cba bu gbann nach robb deasboireacbd 'na 
measg, biodb an sagart a làtbair no as làtbair. Bha sean 'us òg 
a' fàs ni bu deidheil* air na puìncean teagaisg a bh' eadar eaglais 
na Roimbe 'san t-Athleasacbadh a thuigsinn ni b'fhearr. A 
measg na b òigridh a bba dian tbogarrach air fàs 'an eòlas naa 
nitbesinbba Pàruig Harailton, Aba Feirne, ro sbònruicbte. Bha'n 
■drcacbd bbaannacbdail ud air a faotainn da le 'cbàirdibh 'n uair a 
bha e fatbast glc òg. Cha robb e so idir riaraicbte leis an t-seòrsa 
rsghluira a bha e 'faotainn o'n luchd-teagaisg Phàpanacb, 'an Oil- 
thighibh Alba. Chaidh e nuU do'n Ghearmailt 's a bbliadhna 1526, 
air son an tuilleadh eòlaìs fbaotainn air teagasgaibh an t-soisgeil. 
Chuir e eòlas an sin air Luther 's air Melanthon, a bh' air am meas 
'n am puist an Ath-leasachaidh. 'An ceann dà bbliadhna pbill e air 
ais a dh'Alba, 's shearmonaich e na tcagasgan sin a bha co niòr aige 
ièin. Bha gach inbhe Rhiaigb air an togaìl gu mòr ris an dòìgh sear- 
iBOoaehaidh a bli'aig an è.:]^anach so. Bha deasbhuaghan sluagh- 
mfaeasach ri'm faicinn timchioll air raar dbuine 's mar Chriosduidh. 
'S cha b* fhada gns an do thuig àrd Inchd-dreucbd na h-eaglais gu'n 
tnitearDi an tigh mu'n ceann, an ùine ghoirid, mur faìgheadh iad 
b*»nl 'in n.ir vo '. ^!hùnadh. Cha bn daoin' iad sud a sheasadb fad 



38& EACirDRAlDH NA H-ALBA 

eadar dhà bharail mu ciod a dheanadh iad 'na leithid de chàs. Rùn- 
aich iad cur as do Phàruig Hamilton. Cha robh ach aon rud beag- 
a' seasamh 's an rathad air iad a dheanamh sin; agus b' e 'n rud 
■beag a bha'n sin, co dlùth 's a bha'n t-òganach uasal so do theagh- 
lach an rìgh 'an dàimheachas, 's nach robh c coslach gu 'm biodh 
an rìgb deònach air binn a bhàis a sheulachadh. B' i bhan- 
pbrionnsa, Mairireat, a phòs Morair Hamilton 's a' bhliadhna 1470^ 
sean-mhàthair Phàruìg Hamilton. Bha e fèin 's an rìgh mar sift 
's na b-oghachaibh, mar theirear. Acli o nach robh Seumas fath- 
ast alr faotainn saor o chumhachd nan Dùghlasach, chuir am Beu- 
tonach, àrd-easbnig Chill Rimhinn, impidh air a luchd-coimhid- 
eachd dol air thurus cràbhaidh leis gu ruig Baile-Dhùthaich 's an 
taobh tuath, gus am faigheadh iad seachad an ni 'bh'aige 'san 
amhare. Thug iad an sin fiadhachadh do Phàruig Hamilton tigh- 
inn do ChiII-Rimhinn, gu conaltradh càirdeil a chumail riu fein ma 
thimchioll theagasgan an Ath-Ieasachaidh air am bu mhaith le^ 
tuilleadh eòlais fhaotainn. Ghabh e 'm fiadhachadh sin gu neo- 
Timhaileach. Chuir iad Alastair Caimbeul, fear de'n luchd-dreuchd, 
a chumail conaltraidh ris uair no dhà. Bha 'n cealgair so ag aon- 
tachadh ris na theireadh am fear eile. Chuir an Caimbeulach, 's am 
Beutonach, 's an luchd-cuideachaidh, ri cheile tearc de na puincean- 
a bh'aca 'n aghaidh Hamiltoin. Bu leòir sud gu cùis-dhìtidh a 
l)honntachadh air. Thugadh an làthair comhairr eaglaisich e; 's o 
nach àidhcheadhadh e na puincean sin, dhìt iad ga bàs e. Tha 
lain Kocs ag innseadh nan ceithir poncan a thug iad 'n a aghaidh.. 
Ach 's e bha uath' a bheath* a thoirt air falbh; agus lethsgeul beag^ 
DO mòr fhaotainn gu sin a dheanamh. B' e losgadh am bàs gus aa 
do rùnaich iad a chur; agus rinn iad air son gu'm biodh e air a. 
losgadh an latha sin fèin. Bha e mi-Iaghail duin' a chur gu bàs 
gun làmh-sgriobhaidh an rìgh a bhi ris a' bhinn: agus gus an eas- 
bhuidh sin a dheanamh suas, thug iad air gach duin' inbheach 's a*^^ 
choimhearsnachd an làmh a chur ris a' bhinn fhuiltich so ; agns- 
'a am measg bha balachan thrì bliadhna deug, larla Chasilis. Adl 



ÀN T-ATH-LEASACHADH. 187 

uair a fhnair 's iad iad fein air an neartacbadh, 's air an dionadh 

mar so, thug iad mu'n airidh tom connaidh a bhi air a thogail tim- 

chioU air post a bh'air a chor sios anns an talamh^ ris an robh am 

mairtireach air a cheangal. Am feadh a bha na mortairean a' cur 

an tein' air dòigh, bha esan gu ciùin, foighidneach a' labhairt ris an 

t-sluagh a thàiuig a dh* fhaicinn an t-seallaidh, ga 'n earalachadh 

gu dùrachdach. Dh' oidhirpich an Caimbeulach mealltach air stad 

a chur air ag ràdh ris e tharruing air ais, agus ùrnuigh a dheanamh. 

ris an ùigh Mhuire. Ach 'sann a tharruing sud crouuchadh geur,. 

BÒlaimt' 'o 'n fhear a bha 's na lasraichibh. " Tha mi togail mo- 

chùis gu breith an Tighearn' losa, agus tha mi ga'd' ghairmsa 

'n diogh gu caithir a bhreitheanais-san." 'N uair a dli' eirich na las- 

raichean suas os ceann a chuirp dh' eirich a ghuth os ceann fuaim 

nan lasraichean, agus e ag ùrnuigh, "Cia fhad, Thighearn', a 

chòmhdaiciieas dorchadas aghaidh na rioghachd so! Cia fhad a 

dh' fhuilingeas tu an ain-tighearnas so o dbaoinibh! A Thigbearn'' 

losaglac mo spiorad." Mar so bhàsaich Pàruig Hamilton airanlàmu 

dbeireadh de cheud mhios an earraich, 1528, agus anns a' cheathramh 

bliadhna fichead de 'aois. 

4. Cha d' rÌDQ losgadh Mhr Pàruig Hamilton bacadh sam bitlk 
ft chur air sgaoileadh theagasgan an Ath-Ieasachaidh feadh na tìre, 
ach 's ann a chuidich e gu mòr Ic sin a dheanamh. Thòisich 
daoine de gach inbhc measg an t-sluaigh agus mòran de na 
HADaich 's de na sagartan ga 'n ceasnachadh fòin 's a ceasnachadh 
aon a chèile mu ciod an t-aobhar air son an d' fhuiling an duin& 
r>ghluimt', uasal ud, a bha co dlùth 'an dàimh do 'n teaghlach 
rìogbai]. Mar so tbàÌDÌg daoinc gu bhi cur an teagamh gu 'n/obh 
iad ceart 'an ni sam bith a bhuineadh do theagasg 's do riaghladh 
eaglais, lcis an robh iad gu mòr air an cur saor o eagal tràilleil 
roimb cbomhachd nan sagart agus ullamh gu 6isdcachd a thoirt do- 
tbeagBtgaibb na fìrinn. Uaithc so tha daoine solusach de 'ii> 
bharaii, gu 'n robh bàs Mhr P. Ilamilton air son na firinn, ni 
b' fheomaUe do tbeagasgaibh an Atb-Iesachaidh aig an dearbh àna 



188 KACHDRAIDH NA H-ALBA 

nd na ged a bliiodh e beò iomadh bliadlma 'searmonachadh nan 
teagasgan sin. 'N uair a chunnaic Ard-easbuig Beuton 's a luchd- 
cuideachaidh' gu 'n robh an gluasad so a' farsuingeachadh a meas"- 
-an t-sluaighj bha iad air an gonadh; 's rinn iad air son gu'm biodh 
tuilleadh air an losgadh. Dh' aidich an t-Ard-easbuig gu follais- 
each, gu 'm feumtadh tuilleadh dhiubh a losgadh, o nach robh iad 
co umhail 's bu chòir do laghaibh na h-eaglais. Ach thog duin* 
àraid a bha 's an èisdeachd a ghuth, agus ars esan, " Mo chomh- 
airle-sa dhuit agus dean air do shocair, 's bi air d' fhaicill; — ma 
lclsgcas gu tuilleadh faic gu 'n loisg tliu fo 'n talamh ìad; oir tha 
mi 'faicinn nach do shèid deatach losgaidh Mhr Pàruig Hamiltoin 
air aon duine nach do bhnaileadh le galar Mhr Pàroig." Ach lean 
an t-Ard-easbuig 'us àrd-Iachd-dreuchd eile na h-eaglais air a bh 
gu dian a cur air an aghaidh theagasgan an ath-leasachaidh, agus na 
muinntir a bha ga 'n teagasg air an tug iad saobh-chreidmhich mar 
fhrith-ainm; agus anns a bhliadhna, 1534, chaidh Tormad Gourlai 
agu3 Daibliidh Straiton a dhìteadh gu bàs an Diineidin. Chaidh 
-an toiseach an leth chrochadh, agus a rìs an losgadh. Agus a rìs 
chaidh seisear dhaoin' a dhìteadh 's a losgadh 's an aon torr air 
cnoc a chaisteil an Duneidin'an toiseach na bliadhna, 1538. Agus air 
a' bhliadhna sin fein, chaidh dithis eil' a losgadh 'an Glascho: bha 
iear dhiubh roimhe sin 'na Mhanach, agus am fear eile na ghill òg. 
Chriothnuich cridh', a' ghill òig so 'n uair a thàinig an gnothuch 
dlÙL dha; ach an deigh sin fhuair e neart gu fulang 'an aobhar na 
■firinn; agus a' tuiteam air a ghlùinibh thug e buidheachas do Dhia 
'an làthair an t-sluaigh air son an neirt a fhuair e. Bha na seall- 
aidhean so uile gu mòr a' cur air aghart aobhar an Ath-Ieasach- 
aidh 'an àit a bhi ga bhacadh, mar a bha dùil aig luchd na genr- 
leanmhuinn a dheanadh iad. 

5. Bha rìgh Seumas re na h-ùine so uil' an dèigh dha tighinn 
gu fearachas \gu h-iomlan air a riaghladh le comhairHbh nan 
easbuigean Pìipanach. Na bha de fhòghlum 's an tir, 's ann na 
•msasg sin, 'am bitheantas, a bha e ri 'fhaotaìnn. Agus bha iad air 



àn t-ath-lkasachadh. 18^^ 

taobh a' chrùin an aghaidh ceannairc 'us neo-dhìlseachd nam 
Morairean, 'b nan ceann-feadhn' eile. Agus mar bu tric, bhiodh 
CDÌd de'na dreuchdan sìobhaltabu bhuannachdaile's an rioghachd aig^ 
fear èigin de àxd Inchd-dreuchd na h-eaglais. Bha bràthair a 
mhathar, Eanruic YIII. rìgh Shasuìnn, air cur dheth ùghdarrais a*' 
Phàpa gu bnilcach 's gu bràth, mu 'n bhliadhna 1533. B'e'tt- 
duin' ain-tighearnail so dara mac 'athar agus bha e air fhòghlum 
fùr son dreuchd 's an eaglais. Ach bhàsaich a bhràthair bu shine 
Toimh' athair, agus thàinig esan gu bhi 'na oighr' air a chrùn. Thug 
'athair air bantrach a bhràthar a phòsadh. Bha mòran airgid aice.. 
Fhnair e cead o'n Phàp' am pòsadh mi-laghail so a dheanamh. An 
dèigh a bhi pòsd' aice so ochd bliadhna deug, rinn e air son a cur 
uaithe, a' gabhail mar leth-sgeul nach leìgeadh a choguis leis a cum- 
ail ni b' fhaide 'chionn gu 'm b'i bantrach a bhràthair. Ach b'e 'm 
fior aobhar a bh' aige, gu 'm faigheadh e cothrom nighean òg eil' a 
phùpfidh, Anna Bolein, a bha na h-aon de mhaighdeannan onarach 
ban-rìgh Catrìne. Cha tugadh am Pàpa cead dha ban-rìgh Catrìne 
a chur naithe. Bha iomadh leth-sgeul aig a' Phàpa ga 'n gnàth- 
achadh air son ceann Eanruic a chur seachad. Ach b' e 'n t-aobhar 
nach robh e toirt cead dha, gu 'm bi bhan-righ piuthar athar Impire 
na Gearmailt, fear-cuideachaidh a b' fhearr a bh' aig a' Phàpa ga 
bhi comail fodha beag rioghachdan na Gearmailt, a bha nis, a rèir 
teagasgan Lutheir, a' tilgeadh dhiubh ùghdarrais eaglais na Kòimhe. 
'N oair a ihuig Eanruic gu 'n robh 'm Pàpa a' caitheamh bhead air,. 
•g e rinn e, le comhairle Chranmeir, 's dhaoine fòghluimt' eil' 'an 
Sasunn 's air tìr mòr na h-Eorpa, ùghdarras a' Phàp' a thilgeadh 
dheth gu h-iomlan, agus e f6in òrduchadh lo Achd Parlamaid 'na 
cbeaim air eaglais Shasuinn. Bha o fèin 's a chnid mhòr de 'iochd> 
arana, co Pàpanach 's a bha iad riamh aig an àm so, ach a lion cuid 
'us cDÌd ihàinig teagasgan an Ath-Ieasachaidh gu bhi sgaoileadh, 
agas a* freumhachadh 'an Sasunn mar thoradh air a bhriseadh ud, 
Fhòs Eanroic, Anna Bolein. B' ise màthair Ealasaid, a thàinig gu 
bhi ainmeil 'ao d6igh sio. Har a blta solos na firinn, a' briseadh a 



190 EACnDRAIDH NA H-ALBÀ 

steach, a' chuìd 'sa* chuid, air inntinnibh nan Sasunnach, 's a thbisich 
iad a' cur cùl ris na teagasgaibh Pàpanach, agus a' fàs leth choma 
mu na tighean cràbhaidh a bha co lionmhòr feadh na tìre, 's ann a 
smuainich Eanruic gu'm biodh e nis sàbhailte dha na tighean ud a 
chreachadh; agus an cur a stigh mòr a bh' aca, leis an robh na 
h-uiread deluchd-dreuchd diomhanach aìr am beathachadh, a ghabh- 
ail dha fèin. Chaidh aig' air sin a dheanamh 'an ùine ghoirid, le 
l)eagan seòltachd, a' measgadh bhreugan leis an fhirinn/agus a' 
sgaoileadh aithrìs feadh na dùthcha mu thruaillidheachd 'us mi- 
bheusalachd nan tighean cràbhaidh ud, tighean mhanach, tighean 
ohailleachan dubha, colaistean &c. Bha còrr maith 'us mìl' ann 
diubh. 'N uair a chuireadh ri chèile 'na aon suim cur a stigh nan 
tighean so uile, bha e deanamh còrr 'us trì muilleanan 's a' bhliadhna 
de airgiod an là 'n diugh. Dheth 'n t-suim mhòir so, ghabh Eanruic 
dha fèin earann an leòmhain, agus roinn e *n còrr a measg an lochd- 
cuideachaidh a bh' aig' 'an obair a' chreachaidh. 

6. Am feadh a bha na nithe so a dol air aghart an Sasunn, bha 
Seumas V. a' saothrachadh ann a bhi faotainn a mach beachdan 'us 
caitheamh-beatha uaigneach gach inbhe fa leth a measg a chuid 
iochdaran fèin, agus an rian bu f hreagarraich air son an riaghlaidh. 
Air son an aobhar sin bhiodh e gu tric a 'dol a mach a measg an 
t-sluaigh chumant* anns gach àite de 'n diithaich 'an cruth eile, 
agus a cur seachad oidhch' an so 's an sud, mar choigreach bochd; 
le so bha e faotainn a mach aobharan gearain a bh' aig an t-sluagh 
'an aghaidh nan ceann-feadhna 'san luchd-riaghlaidh a bh'aca; 
agus mar an ceudna na beachdan a bha measg an t-sluaigh mu *n 
rìgh fdin 's a luchd-comhairle. Ach bha e aig an àm cheudna a* 
dol troimh chunnartaibh anns nach biodh e glic do fhear inbhe-san 
a bhi ga thilgeadh fèin. Anns a' bhliadhna 1532, chuir e air chois 
a' chùirt mhòr lagha, a mhair gus an là 'n diugh ris an abrar Cùirt 
an t-Seisein. Bha ceithir breitheamhna deug gu bhi suidhe 's a' 
toirt breìth 's a' chìiirt so. Bha seachdnar dhiubh na 'n luchd- 
dreuchd 's an eaglais, agus an seachdnar eil' air an taghadh a 



AN T-ATH-LEASACHADH. 191 

measg dhaoin' uaisle na dtithcha aig an robh eòlas an lagha. Ach 
ghlèidh an rìgh cumhachd aige fèin gu'm feudadh e ceathrar 
bhreitheamhnan eil' a chur a shuidhe do 'n chìiirt 'n uair a bhiodh 
gnothuch àraidh ri rèiteachadh a bhuineadh dha fèin. 

7. 'N uair a chuir righ Shasuinn cùl ri eaglais na Koimhe, bha 
e air son gu 'n leanadh mac a pheathar 'an Alb* 'eisimpleir 's an ni 
sin. Thairg e dha ri pòsadh a nighean bu shine, a bhan-phrionsa 
Màiri, agus Diùc lorc a dheanamh dheth. Ach bha Seumas co 
mòr air a riaghladh leis an àrd-easbuig Bheutonach 's nach biodh 
gnothuch sam bith aige ri rìgh Shasuinn, aon uair 's gu 'n do bhris 
e air falbh o eaglais na Roimhe. Bha mac bràthar do 'n àrd-eas- 
buig a chaidh a thogail 's an Fhraing, agus a thàinig air ais mu 'n 
àm so. Agus 's e chomhairlich am pears' eaglais so, gu 'n cuirt- 
cadh an t-òganach, Daibhidh Beuton, a bha ro charach, seòlt', air 
ais do 'n Fhraing air son cùmhnanta pòsaidh a shocrachadh eadar 
Seumas agus ban-phrionnsa Fhrangach. *S a* bhliadhna 1536 
chaidh an righ a nuU do *n Fhraing a phòsadh nighean a b' òige 
Frannsi. Dh' fhuirich e naoi miosan 's an dùthaich sin. 'N uair 
^ thàinig e air tlr 'an Libhte leis a* bhan-righ òig so, thaisbein na 
li-Albannaich uiread de aoibhneasagusaludhaigeadhambochduinn. 
Ach bha tinneas caitheamh air tòiseachadh 's a' bhan-righ, agua 
bhàsaich i *n ceann dà fhichead là an dèigh tighinn air tìr 'an Alba. 
An dèigh so bha Seumas co fuathach air cleamhnas ri cùirt bhràth- 
idr a mhàthar *s a bha e riamh. Agus chaidh am Beutonach òg 
s chur a rìs do 'n Fhraing gu chmhnant pòsaidh a dheanamh air 
•Son an righ ri ban-phrionns' eil' as an rioghachd sin. Le co-aonta 
CÙÌTt na Frainge phòs Seumas a ris Mairi d Guise, bantrach Diùc 
Longville, agus piuthar do Chardinal Lorràine. Rinneadh am 
l*«adh *an Cill-Rimhinn mu 'n cuairt do bhliadhna 'an d^igh bàis 

i ceud ban-rìgh. Bha larl' Aonghais agus a chàirdean a theich 
.. Alba còmhladh ris, air an cumail suas gu stàtail ann an Sasunn 
le pension o Eanruic, agus bha iad a' gealltuinn 'na ath dliiol 
'lo'n choimhncas sin, gu 'n deanadh iad na b' uarrainn iad air soa 



192 XACHDBAIDH NA H-ALBA 

Alb* a thoirt gu ùmlilachd do rigli Shasuinn, 's niur biodh e gu 
L-achdaidh 'na rìgh air an tir sin, gu'm biodh i co dhiù air a riagh- 
ladh 'an tomhas mòr a rèir a thoile. Bha càirdean 'us luchd-cuid- 
eachaidh nan Diighlasach 'an Alba co lionmhor 's gu'n robh iad a* 
deanamh dragh do 'n righ. Cha robh car a chuireadh e dheth, 
nach robh air innseadh do na Dùghlasaich an Sasunn. Bha brath- 
adairean aca 'na 'm pàigheadh fèin a measg luchd-frithealaidh 
Sheuraais fhad 's a bha e 's an Fhraing, ag innseadh dhoibh nan 
uile nithe air am b' fhiach iomradh a dheanamh, a theireadh na 
dheanadh e. Goirid an dèigh dara pòsaidh an rìgh thugadh ionn- 
suidh no dhà air a bheatha thoirt air falbh' le puinnsein. Chuir- 
eadh a bhan-mhorair Glamis, piuthar larl' Aonghais, gu bàs air 
fion so; agus duin' uasal eil', an iiine thri bliadhna an dèigh sin, 
da 'm b' ainm Sir Seumas Hamilton. Bha cuid a' cur 'an teag- 
amli nach b' ann le ceartas a chuireadh an duine so gu bàs. Ach 
bha na nithe so a' tarruing cianalais air an righ, 'sga thoirt gu bhi 
smuaineachadh gu 'n robh a naimhdean dionihair ni bu lionmhoire 
na bha iad. 

7. Bhàsaich Seumas Beuton, àrd-easbuig ChiU-Rimhinn, 'sa 
bhliadhna 1539, agus thàinig Daibhidh Beuton 'na àite do'n»- 
dreuchd sin. Bha e nis air àrdachadh a dh' ionnsuidh na h-inbh' 
is àirde 's an eaglais Phàpanach, fo 'n Phàpa fein. Fhuair righ na 
Fraing'ebhi air a dheanamh'na Chàrdinal, air son an làmh a bh'aig 
ann a bhi 'toirt mu 'n cuairt nan cùmhnantan pòsaidh eadar rìgk 
Seumas, agus na ban-phrionnsachan Frangach. Goirid an dèigh. 
dha bhi air^ shuidheachadh 's an dreuchd, chruinnich e coinn- 
eimh mhòr de luchd-dreuchd na h-eaglais, agus de na h-àrd-uais- 
libh a bha fathast air a thaobh, Shuidh e fèin air ceann na coinn- 
eimh so leis gach greadhnachas talmhaidh a bha e comasach r 
nochdadh. Chuir e 'n cèill aig a' choinneimh so cia mòr an cunnart- 
's an robh an eaglais o na teagasgaibh ùr ud a bha tighinn a nuadL 
do'n tir; 'sgu 'n robh e meudachadh a' chunnart, na teagasgan sor 
a bhi faotainn uiread de mhisneachadh o'n rìgh fèin. Bha'n Càr- 



AN T-ATH-USASACHADH. li<3 

dinal, guii teagamb, eudachail air son an tomhas de chàirdeas a bha 
fàthast a' mairsiun eadar an rìgh agus a sheau charaid Sìr Daibh- 
idb Lindsi, a bha 'na aon de phuist an atli-leasachaidh. Bha 
Lindsi 'na bhàrd 's bhiodh e ag aoireadh nam Pàpanach le geurad 
caiunt a bha anabarrach sàraicht' orra. Bha bàrdachd 'us sgriobh- 
aidhean eil' an duine chòir so, 'na meadhon air mòran cuideach- 
aidh a dheanamh le aobhar na firinn aig an àm ud, agus air son siu 
tha e fein air a chur far comhair 'an seann dealbhaibh 'na shuidh' 
air caithir agus innein aig air a bheulaobh air a bheil e cumail 
iuchair mhòr le 'laimh thoisgeil, agus òrd maith trom aige 'na làimh 
dheis, air a ghualainn leis a bheil e briseadh na h-iuchrach 'na 
bloighdibh. Ach cha bu dàna le Beutonach no eile làmh a chur, 
air Sìr Daibhidh. Bha^'n righ 'na charaid aige. Agus 'au àit' a 
bhi diombach dheth air son a bhi ro chruaidh air na sagartaibh^. 
*s ann a bhiodh e feln a' cur rann an sud 's an so ris a' bhàrdachd 
gus a' deanamh ni bu ro gheire. Bha 'n righ, mar an ceudn a' 
deanamh taoibh ris an sgoileir ainmeil ud Seòras Buchanann, a 
bha 'na aon de 'n luchd-saothrachaidh 'an obair an ath-leasachaidh. 
Ach aig a' choinneimh mhòir so, thug au Càrdinal iomradh air Sir, 
laiu fiorthaic mar neach a ghabh ri beachdaibh an t-saoibh-chreid- 
imb, agus ghairm e air tighinn a làthair agus freagradh a thoirt 
do 'n chuis-dhitidh so, a bha 'na aghaidh. Ach bha Borthuic air 
rabhadh fhaotainn, agus theich e gus an d' fhuair e stigh do Shas- 
unn. Agus o nach b' urrainn iad grèim fhaotainn air fèin gu 
pearsonta, ioisg iad a dhealbh goirid an dèigh siu, araon 'an Dun- 
eidin agus 'an Cill-Rìmhinn. 'S e 'm beachd a bli' aig an righ mu 
thimchioll na h-eaglais, gu 'n robh i glè thruaillidh, ni a bha soilleir 
do na h-uile, agus fcumach air a leasachadh, ach aig an àm 
chcudoa gur h-ann leis an eaglais fein, agus innte fèin bu chòir do 
obair an ath-leasachaidh sin tòiseachadh agus dol air aghart. So 
am beachd a bh'aig mòran, agus a th' aig cuid gus an là 'n diugh; 
gun a Lihi toirt fainear gur ni eu-comasach e, mar eaglais; cha 'n 
e fiin an ni a tha feitheamh oirre. 



194 BACHDBAIDH NA H-ALBA. 

7. Anns a' bhliadhna 1540 chuir righ Seumas roimh' a dhol air 
turus air an robh e smuaineachadh iomadh bliadbna roimhe sin. 
B' e sin seòladh timchioll air Alba. Chuir e 'n uidheam càbhlach 
anns an robh dà luing dheug le 'n cuid armachd, 'us foghnadh lòin 
air son an turuis. Chaidh an Cardinal agus larlachan Huntlaidh 'us 
Arain còmhladh ris le luingeas a bhuineadh dhoibh fèin. Agus 
'n uair a chuireadh iad sin uile còmhladh ri chèile, bha feachd ann 
a bha co mòr ri armailt bhig. Bha Lindsi air bòrd aon de na 
luingeis, air son a bhi 'tarruing dhealbh an oirthir mar a bhiodh 
iad a' dol air aghart. Tha na mapachan, no cairtean a rinn e air 
an turus so air an gleidheadh gus an là 'n diugh. Sheòl a* chuid- 
cachd rioghail so gu tuath ri oirthir a 's ear Alba gus an do ràinig 
iad bun nan lochan *an coimhearsnachd Inbhernis 'us Chrombaigh; 
a sin shoòl iad gu Cataobh, 'us Gall-thaobh, 'sna h-eileanaibh. 
Arcach, 'sair aghart uaithe sin timchioll a' Chairbh, suas ri slios 
an fhearainn Mhòr-thirich; sheòl iad a sin tarsuinnCuan-sgith thun. 
an eilein Leòdhasaich, *s an dèigh an t-Eilean fad* uile fhaicinn, 
ghabh iad a deas thun an eilein Sgiathanaich. Agus an dèigh 
cuairt a chur air an eilean Mhuileach 's air na h-eileanaibh eil' a 
th' air taobh 's iar Earraghaeil, chaidh iad timchioU Maoil Chinn- 
tìrc gu eileanaibh Arain 'us Bhòid, 's sheòl iad a steach Amhainn 
Chluaidh, far an tàinig iad gu crioch an turuis aig Dunbarton. 
€hoìnnich Pàrlamaid na rioghachd goirid an dèigh so, agus fhuaìr 
an righ co-aonta na cuideachd sin gus na h-Eileanan a 's iar uile, 
Cheanntire thun a' Chairbh a ghabhail dha fèin mar ni a bhuin- 
eadh do 'n chrùn, a chionn gu 'n do chaiU uachdaranan an fhear- 
ainn sin na h-uile còir air, air son an àir a mach 'an aghaidh ùgh- 
darrais an righ. A thuiUeadh orra sin ghabh e eileanan Arcu 'us 
Shealtainn, agus mòran fcarainn air tir mòr Alba, gu h-àraidh 'an 
ceann a deas na rioghachd. Cha 'n 'eil e furasd a dheanamh a 
mach le dearbh-chinnt o eachdraidh nan aman ud gu 'n robh còir 
lat^hail aig an righ air a leithid sud a sguabadh a dheanamh air 

tighearnaibh Gàelach 'us Gallta còmhladh. Tha fios gu 'n d' aid- 



AN T-ATH-LEASACHADH. 195 

icli na L-uile ceann-feadhria, araon air taobh tuatli is sear na mòr- 
thir, agus anns na h-eileanaibh, iad fèin a bhi fo lagh do 'n righ air 
an turus chuain a rinn e'n sud, air dhoibh fhaicinn o'n ghreadh- 
nachas agus an taisbeanadh cumhachd a bha timchioll air nach. 
robh mait h dhoibh smuaineachadh air cur na aghaidh, agus mar 
sm ceudna gu 'n tug e leis 'an iarruinn air bòrd an luingeis teara 
de na cinn-fheadhna, le leth-sgeul nach robh iad umhail gujeòir; 
agus gu *n d' èigaich e cuid eile dhiubh gus a leantuinn mar 
bhraighdibh-gill air sou gu 'm fauadh an luchd-leanmhuinn o mhi- 
riaghailt an dèigh sin. Agus mar sin, feumaidh gur h-ann le leth- 
sgeul air son samhla ceannairc nan linnean a chaidh, a fhuair 
Seumas Achd a bha ludhaigeadh a' ghniomh chreachaidh ud. Ca 
dhiù chaidh neart thar chearfc aig an àm a bha 'n sud, agus feud- 
aidh nach b' fheird ciiisean sin an dèigh làimh. 

8. Bha uachdarain an fhearainn, a tuath's a deas, a nis a'faicinn 
gu'n robh 'n righ rìinaicht' air an cur fodha, 's an toirt a dh'ionn- 
suidh a bhi gu h-iomlan 'na chumhachd fèin, mar a rinn a shean- 
air, agus bràthair a mhàthar air na Sasunnaich. Uime sin rùn- 
aich iad an guaillean a chur ri chèil' agus cur an aghaidh an tigh- 
darrais ud, a dh'fheuchainn an cumadh iad aca fèin a' chuid 's an 
cumhachd a bha chean* aca. Bha mòr earbs' aig an ligh as a* 
chuideachadh a gheibheadh e o àrd luchd-drcuchd na h-eaglais 
's a' chòmhrag so 'an aghaidh a chuid Morairean. Bha'n Càr- 
dinal agus càch uil' a' gealltuìnn sin a thoirt dha, ach bha iad a' 
sealltuinn air son ni eigin mar luach an saothrach. Dh'fheumadh 
an rlgh a bhi ga'n cuideachadh-san 'an agliaidh na buidhne roimh 
am mò a bha dh' eagal orra fèin — muinntir an t-saobh-chreidimh, 
raar theireadh iadsan riu. Cha 'n 'eil e coslach gu'n robh 'n righ 
;i' cur gu mòr 'an aghaidh'so. An uair a blia buidheann an agh- 
;-: Ih buidhne mar so 'an Alba, thuig Eanruic VIII. gu'n robh co- 
bhoinn ga deanamh eadar cuid dc righrean tir mòr na Roinn- 
EJrpa 'na aghaidh {6ìn, a chionn c thrèigsinn a' Phàpa, 'se 
clircachadh nan eaglaisean fcadli a rioghaohd; ugus gu 'n robh i^ 



196 IXCHDEAIDH NA H-ALBA 

nàimlidean cèin-thìreacli nd ag oidhirpeachadh air rìgh Alb' a 
tharruing do'n chomh-bhoinn so. Ach gu so a bhacadh co fad^ 
's a b' urrainn e, 's ann a dh'oidhirpich Eanruic air mac a pheathar 
a thoirt a dh'ionnsuidh nan aon bheachdan ris fèin mu theagasgaibK 
an Ath-leasachaidh, agus mu thruaillidheachd na h-eaglais, agus 
co feumail 's a bhiodh e dhasan 'an Alba e fèin a dheanamh 
saoibhir le maoin na h-eaglais, mar a rinn e fèin 'an Sasunn. Chuir 
e teachdair cùirt thuig' a dh'aon bhàgh air son nan nithe so a 
sparradh air, agus fiadhachadh a thoirt dha gu e fèin a choinneach- 
adh ann am baile lorc, gu comh-labhairt mu na dòighibh 's am. 
feudadh iad a chèil' a chuideachadh ann an cur an aghaidh 
chumhachdan na Pàpanachd. Cha robh ni nach gealladh Ean- 
luic do rìgh Alba na'm b' e 's gu 'n aontaicheadh e ri 'eisimpìeìr 
fèin a leantuinn a thaobh na h-Eaglais Pàpanaich. Bha Seumas,. 
a rèir coslais, air a theannachadh eadar dhà bharail mu ciod ani 
taobh a ghabhadh e — taobh Eanruic, no taobh a' Chàrdinail. Cha 
robh e 'na charaid no 'na nàmhaid, aon chuid do'n Ath-leasach- 
adh no do'n Phàpanachd. 'S e ni sònruicht' a bha 's an amharc 
aìge cumhachd a chuid Morairean a lagachadh, agus Alb' a thoirt 
gu 'leithid de chruth, 'an seadh siobhalta, 'sgu 'm b'urrainn e 
ga riaghladh le 'ùghdarras fèin, gun chomas a bhi aig iosal no- 
Tiasal bacadh a chur air. Agus mar a bha e 'faotainn hichd- 
dreuchd na h-eaglais ullamh gus a chuideachadh 's a' ghnothuch. 
so le'n comhairle, agus gach dòigh eil' a bha 'n an comas, dh'àich- 
eidh e muigh 's a mach làmh a chur air cuid na h-eaglais air 
sgàth a shaoibhreas fèin a mheudachadh leis. Ach air eagal cur 
a mach air Eanruic gu buileach, gheall e dol ga choinneachadh. 
gu ruig baile lorc, na'n ceadaicheadh gnothuichean follaiseach a 
rioghachd fèin sin da; agus chaidh an t-àm a shuidheachadh anns 
an robh an dà rìgh gus a' chèil' fhaicinn 's a bhaile mhòr ud. 

9. Mu mheadhon an fhoghair air a' bhliadhna siu fèin, 1541, 
thàinig Eanruic le mòr ghreadhnachas gu ruig baile lorc, gu 
coinneamh a chumail ri rìgh Seumas. Bha là 's là 'dol seachad,. 



AU T-ATH-LEASACnADH. 197 

ach cha robh rìgh Alba ga nochdadh Wm. Thàinig an seathamh 
là a bha Eanruic a' feitheamh, 's cha tàinig Seumas, 's cha tigeadh. 
€ha 'n fheitheadh Eanruic ni b' fhaide. Phill e do Shasunn ana 
am mòr chomiich. Ciod a thug air righ Seumas 'inntinn atharr- 
achadh agus a ghealladh a bhriseadh aig an àm ud ? Thug aa 
Càrdinal Beutonach 'sa chuid easbuigean. Bha iad a' sealltuinn 
air Eanniic a nis mar shaobh-chreidmheach agus mar an nàmhaid 
bu mhò a bh* aig an eaglais, agus bha e na ni oiUteil leò ri smuain- 
eachadh gu 'n rachadh rìgh Alba chumail coluadar ri leithid de 
dhuine, gun fhios nach feudadh e 'thoirt a dh' ionnsuidh nan aon. 
bheachdaibh ris fèin. Tha lain Nocs ag ràdh 's an eachdraidh a 
sgriubh e fèin, gu 'm bu roghnuiche leò a dhol do ifrinn na gu 'n. 
leigeadh iad leis an righ a dhol a chumail na coinneimh ud. Thug 
iad brìb mhòr da chuid cùirteiribh air son impidh a chur air fan- 
tuinn à Sasunn. Rinn cùirt na Fraiuge na ghabhadh deanamh 
air .son an aobhair cheudna. Agus a thuilleadh air gach ni dhiubh 
sin, gheall an Càrdinal agus a chomh luchd-dreuchd, leth-cheud 
mìle crùn òir a phàigheadh do 'n righ 'sa' bhliadhna na 'm fanadh 
€ air falbh o Eanruic an uair ud. Gheall iad dha mar an ceudna 
còmhnadh maith a dheanamh ann an cur cruinn armailt na 'm b'e 
's gu 'n smuainicheadh rìgh Shasuinn air cogadh. 'N uair a chuir- 
eadh gacb ni dhiubh so 'an ceann a chèile 's an aon sh'ge, thug iad 
ceann na meidhe gu làr. Rìinaich Seumas dlùth-leantuinn ris a 
"bhuidheinn Phàpanaich, agus fantuinn air falbh o bhràthair a 
mhàthar, ciod sam bith na dh' fheudadh e fhulang air son sin. 
'S e bun a bh' ann chuir Eanruic fcachd lionmhor ri chèii' 'an ìiine 
ghoirid leis an do bhris e steacli air ceann deas Alba, agus an robh 
e losgadh 'sa' fàsachadh nam bailtean, mar a bha e gabhail roimlie 
gu tuath. Bha Diìic Norfoc air ccann na h-armailt so. Chuir 
Bf umas teachdairean an coinneamh an DIùc gu cìimhuantan sìth 
Iheanamh, agus dh' àithn e do larla Huntlaidh agus larla Ilome, 
SL-i an robh lan-earbs' aige, iad a blii furachar mu glihiasadaibh 
an Diìic. Chuir an rìgh, aig an àm cheudna, sùrd air togail shaigh- 



398 BÀCHDRAIDH NA H-A.LBA 

dearan gn seasamli 'an "aghaidh nan Sasunnach. 'An ùine nach 
robh fada fhuair e deich mile fichead fear cruinn air monadh dliith 
air Duneidin. Leis an fheachd so mharsail e thun na crìche Sas- 
■annaich. Charapaich iad 'an àite ris an abrar monadh Fala. Ach 
mu 'n tàinig iad idir gu"^ ionad tharruing lann ris an nàmhaid, 
chualas gu 'n robh an Diùc a* pilltinn air ais do 'n taobh deas, air 
èigneachadh gu sin a dheanamh le gainne lòin, 'sle fuachd a' 
gheamhraidh. Dh' òrduich'an rìgh an sin do 'n fheachd marsail 
air aghart gu Sasunn, agus tòrachd na rinn na Sasunnaich de 
chall, a thoirt a mach. Ach cha chuireadh na morairean Albann- 
ach cos air ùir Shasuinn. Thuirt iad gu 'n tàinig iad an fhad 
ud air chomhairr an righ, a dhionadh an dùthcha o 'n nàmhaid, 
ach la *s gu 'n do theich na Sasunnaich, nach robh iad a dol a 
chogadh riu 's nach robh aobhar sam bith air son a chogaidh, acK 
esan a bhi gabhail cus de chomhairle nan easbuigean. Chhiinn^- 
teadh, mar an ceudna, gearan an sud 's an so, air feadh a' chaimp, 
gu *n robh e 'na righ shagartan ni b' fhearr na bha e 'na righ. 
dhoibhsan. An dèigh do Sheumas na b'urrainn e dheanamh, an 
toiseach, 'an rathad bagraidh, 's an sin 'an rathad impidh, air son 
na morairean a chur a chreachadh nan Sasunnach, 's iadsan a bhi 
leantuinn air diìiltadh, phiU e air ais do Dhuneidin lan feirge. 
Bhris na morairean sios an camp' air an ath là, 's phiU iad dhach- 
aidh. 

lO. Bha righ Seuma^ gu h-anabarrach air a thàmailteachadh 
air son an dòigh 's an do làimhsich na Morairean e. Bha e soilleir 
dha nis gu'n robh iad a' cur an guaillean ri chèil' air son cur- 
an aghaidh 'ùghdarrais aig na h-uile cothrom fàbharrach a gheibh- 
eadh iad. Bha so 'na aobhar brisidh cridhe nach bu bheag dha, 
Ach bha tearc de chàirdean aìge fathast a measg nan àrd-uais- 
lean, as am feudadh e earbsadh; agus bha na h-easbuigean uil' 
jdr a thaobh. Rhnaich iad sin uil' armailt a chur air ghleus air 
son briseadh a steach air taobh tuath Shasuinn, gu ni-eigin de 
thogail a thoirt do'n rìgh ann an rathad a thoileachadh. Fhuair 



A:< T-ATH-LKASACHADH. 199 

iad mu*n cuairt air deich mile saiglidear cruinn. Air ceann na 
h-armailt so thriall an rìgh gu deas. Stad e fèin aig àite ris an 
abrar Carlablieroc. Ghabh Morair Macsbhel air aghart leis an 
armailt ; ach bha droch au-amharus fathast a' leantuinn rìs an 
rìgh nach robh am Morair so, no aon sam bith dhiubh, dìleas da; 
agus thug e òrdugh dìomhair, co luath 's a i-uigeadh an t-arm 
amhainn Esk, gu'm biodh OHbher Sinclair, fear làimhe deis' a 
bh' aige fèin air èigheach 'na àrd Sheanalair. Bha na h-oifigich 
'san sluagh gu h-iomlan a' sealltuinn sios air an fhear so chionn 
e bhi 'ua mhac duine bhochd, agus tre mhòran seòltachd e bhi 
'mealtuinn cus de fhàbhar an rìgh. Thogadh suas e air àireimh 
shleaghan, air guaillibh ceathrar de na saighdearaibh gus am bar- 
antas a bh'aig' air son comannd an airm a ghabhail a leughadh. 
Ach cha bu luaithe chuala na saighdearan an t-òrdugh so na 
chaidli iad dheth'n rian buileach. Dh'èirich troimhechdile mor's au 
fheachd. Aig an uair chunnartaich so bha buidheann mharcaich- 
ean Sasunuach, anns an robh ceithir no cuig a cheudan, air tigh- 
iun air fàir' a dheanamh amharc-gloinne air an arm Albannach, 
An uair a chunnaic iad an t-eas-òrdugh 's an robh an tarm, gua 
uiread is sreath slàn, 's c smuainich iad ionnsuidh a thoirt orra^ 
tcarc 's mar bha iad. 'S gann a bha din' aig an arm Albannack 
gu dhol an òrdugh mu'n do ràinig na Sasunnaich iad. Ach cha 
b' ann air cogadh no iad fdin a dhionadh o 'n nàmhaid a bha 'n 
aire; 's ann a bha iad air bhoil le feirg 'an aghaidh an ceannard 
's an righ fèin. 'S gann a tharruing iad armachd idir gu iad fèin 
a dhionadh, 's thug iad cùl do'n nàmhaid. Chaidh àireamh mor- 
dhiubh a mharbhadh, agus chaidh mìle priosunach a ghlacadh; 
'n a measg sin bha Morair Macsbhel fèin, agus seisear no mòr- 
aheiscar Mhorairean eile. Bu roghuuiche leò lcigeadh leis an 
nàmbaid an glacadh na'n aghaidh a chur a ris air an rìgh 's an 
staid an rolh e. An uair a chunnaic 's a chuala rìgh Seumas mar 
a thachair do*n armailt so, leis an robh e 'n dìiil dioghaltas a dhean- 
amh air Sasunn air son iad a chreachadh 's a losgadh bhailtcan air 



200 EACHDRAroH NA H-ALBA. 

a thaobh fdln de 'n chrìch, bha 'chridh* air briseadh leis an tàmailt. 

Phill e air ais do Dhuneidin air a nàrachadh 's air a sharachadk 

mòran ni bu mho na ged a bhiodh e gu pearsont' air a ruagadh 

ann leis an nàmhaid. Luidh tròm-chianalas a nis air a spiorad, a 

bha e eu-comasach dha chur dheth fèin. Shuidheadh e laithean 

iomlan 'na sheòmar gun duine còmhladh ris, agus 's gann a gheibh- 

teadh focal uaithe. Bha e faicinn gu 'n robh na h-uile nithe a' 

dol 'na aghaidh. Cha robh aige de theaghlach ach dithis leanaban 

mhac, Artur agus Seumas, 's bha iad le chèil' air bàsachadh goirid 

roimhe so. Bha ceannairc a chuid iochdaran agus an tàir a bha 

iad a' deanamh air 'ùghdarras, agus air a luchd-comhaiiT a' sior 

dhol am meud; agus bha h-oidhirpean a rinn e mu dheireadh air 

'ùghdaras agus 'onair a chumail suas air dol buileach 'na 'aghaidh. 

Ghoid e air falbh, cha mhòr na aonar, a dh' ionnsuidh na lùchairt 

a bh' aig' ann am Facland. Ghabh e 'leabaidh an sin. Dh' fheòr- 

aich a luchd-frithealaidh dheth c' àit am V àill I«is ullacliarlh a 

dheanamh air son an NoIIaiga chur seachad, "Ullaichibhsefaran 

àill leibh," thuirt e, " ach mu 'n tig là Nollag, bithidh sibh gun 

mhaighstir agus an rioghachd so gun righ." Ghiùlaineadh teachd- 

aireachd thuige goirid an dèigh so gu 'n robh bhan-rìgh air a h-ais- 

ead air ban-phrionnsa. "Ma'sann mar sin a tha," ars' esan, 

''biodh toil Dhe deanta, thàinig e le nighinn, 's falbhaidh e le nigh- 

inn," a ciallachadh gu 'n tàinig an crtin do theaghlach nan Stiubh- 

artach le nighean righ Raibeirt 's gu 'm falbhadh e as air an dòigh 

cheudna. Bhàsaich an righ leis a bhriseadh cridh', an ceanu 

seachduin an dèigh breith an naoidhein so, anns an naoidheamh 

bliadhna fichead de 'riogliachadh, agus an t-aonamh deug thar 

fhichead de 'aoi.^. air an dafa là thar fliichead de mhios meadbon- 

ach a gheamhraidh 1542. 



CAIB. XXYI. ^ 

MAIRL 

B' E Màiri ainin an naoidhein so a thàinig a nis gu bhi 'na ban- 
oighr' air crùn Alba. Thòisich a trioblaidean aig a chreithil, 
's dhlìith lean iad rithe dh' ionnsuidh na h-uaighe. Nochd au 
Càrdinal litir leis an robh e fèin air òrduchadh, a rèir toil an rìgh, 
'na Thàiuisteir air an rioghachd, agus 'na fhear-gleidhidh pearsa 
na ban-righ òig gus an tigeadh i gu aois. Cha chreideadh àrd- 
mhaithean na tire gu'n do sgrìobh rìgh Seumas a leithid de litir 
riamh. 'S ann a mheasadh am Beutonach mar bhreugair air son 
na b-oidhirp ud a thug e air an riaghladh a ghlacadh dha fèìn. 
B' e Seumas Hamilton, larl' Arain, an ath oighr' a b' fhaisg air a' 
chrùn. Rinneadh roghuinn deth sau air son na Tàinisteireachd. 
Bha 'n t-Iarl' Araineach aig an àm so 'na charaid do 'n mhuinntir 
a bha 'craobh-sgaoileadh theagasgan an Ath-leasachaidh. 'S e 's 
coslaiche gu'n robh an t-ana-ceartas agus an nàimhdeas a nochd 
luchd-riaghlaidh na h-eaglais d'a charaid, Mr Pàruig Hamilton, 
an dèigh a thionndadh an aghaidh nam ministeirean fuileachd- 
ach sin. Rìmaich Eanruic VIII. a nis Alb' agus Sasunn a chGingal 
ri chdil', anns an dòigh 's an d' oidhirpich Eideard I. sin a dhean- 
amh, dà cheud gu leth bliadhna roimhe so, le 'mhac fdìn a phòs- 
adh ri ban-righ Alba. Chuir Eanruic ctiirt-theachdairean do 
D' ''i gu chmhnantachadh ris an larl* Araineach mu 'n 
'.: 1 so. Bha na cìimhnantan 'sa' cheud dol a mach co 

ruaidh 'snach èisdeadh na morairean Albahnach riu. Ach mu 
dheireadh thàinig an Sasunnach a nuas co fada 'sgu'n d" fliuair 
an Tàinifitcir cothrom na chmhachdan a sheulachadh. 'N uair a 



202 EACHDRAIDn NA H-ALBA 

thuig an Càrdinal, 'sa chomh-luclid dreuchd gu'n robh am ban- 
rìgh air a gealltuinn 'am pòsadh do mhac rìgh fehasuinn air an 
Tobh iad ag amharc mar an nàmhaid bu mhò a bh' aig an eaglais 
air fad, lèugh iad an t-eagal, 's rùnaich iad, na 'm bu chomasach 
e, gu 'm bitheadh an còrdadh ud air a bhriseadh. Bha fios aig a* 
Chàrdinal gheur-sheallach, gu 'm bu duine meath-chridheach, neò- 
sheasmhach an t-Iarla, 's a rèir coslais, gu 'n gabhadh e toirt mu 'n. 
cuairt gu 'bheachdaibh fèin, na'm biodh innleachdan freagarrach 
air an cleachdadh ris. Bha bràthair diolain aig an larla 's aa 
FhraÌLg, lain Hamilton. Chuir an Càrdinal fios air an fhear so^ 
agus air fear €Ìle, Daibhidh Panter, duine carach, a bha 'n dèigh 
so 'na easbuig Eois, iad a ghreasad dachaidh. Chinnich leis a' 
Chàrdinal, Panter fhaotainn faisg air pears' an larla còmhladh ri 
bhràthair fèin, lain Hamilton. Cha b' fhada gus an do chinnich 
leò sin an Tàinisteir a thionndadh gu bhi 'na eas-caraid do 'n Ath- 
leasachadh, 's na sheirbhiseach umhail do 'n Chàrdinal 's na h-uile 
ni a dh' iarradh e. Lh' àicheadh e gu follaiseach an creideamh 
Ath-leasaichte, 's a measg nan ceud nithe a lean mar thoradh air 
an àidhcheadh sin, bha briseadh a' chùmhnaint pòsaidh eadar a- 
bhan-rìgh òg 'us mac rìgh Shasuinn. Bha Eanruic VIII. gu mòr 
air a bhrosnuchàdh leis a bhriseadh coimh-cheangal ud. Chuir 
6 'n uidheam feachd lionmhor mara 's tìre, leis an do bhris e steach 
air taobh deas Alba, o 'n chrich Shasunnaich, agus an deachaidh 
mòran call' a dheanamh timchioU air ceann-bhaile na rioghachd. 
Fhuair an t-Admaral Sasunnach, Hertford, cothrom a'chuid saigh- 
dearan a chur air tir 'an Libhte gun ghrabadh sam bith. Chreach 
iad Duneidin, 's loisg iad e rìs. Mhair na lasraichean tri làithean. 
Chreach 'us ioisg an t-arm tire, na 'n tighinn 's nan dol, a' chuid a. 
V fhearr de 'n dùthaich a deas air^Duneidin. Bha so 'an toiseach 
an t-samhraidh 1544. Air an ath bhliadhna thug Hertford 
CTiairt sgriosail eile cfo cheann a deas Alba. Cha d' fhan e 's art 
Tioghachd ach cuig laithean deug, ach 's an ùine ghoirid sin loisg 
ua Sasunnaich seachd tighean mhanach, se caistealan deug, cuig 



MAIRI. 205^ 

bailtean margaidb, dà cheud dà fhichead 'us tri heag bhailtean, tri 
mùilleaii deug, agus tri Osbadalau. Bha 'n losgadh 's an creach- 
adh, 's am marbhadh so uil' air sgàth Mairi òig Stiùbhart. Ach 
ged a bha'n dioghaltas so, 'na riarachadh do spiorad fuilteach Ean- 
luic, bha e deanamh lagachadh mòr air 'aobhar a measg gach inbhe 
sluaigh 'an Alba, a bha 'g ràdh "nach bitheadh an aignidhean am. 
feasd air an cosnadh le leithid sud de gharbh shuirghidh.'* 

2. B'e 'n ath ni a lean mar thoradh air an Tàinisteir a thionn- 
dadh o'd chreidimh Ath-leasaichte, gu'n d'fhuair 's gu'n do ghabh. 
am Beutonach a nis an t-srian fhuasgailt' air a ghualainn gus a' 
gheur leanmhuinn an-tromachadh gu h-anabarrach an aghaidh 
chàirdean na firinn. Thòisich e 'm baile Pheirt. Chaidh cuigear 
fhear agus aon bheau phòsd', a thugadh 'na làthair an sin, a dhit- 
eadh gu bàs. B' i 'chìiis dlùtidh a thugadh nan aghaidh gu 'u 
robh iad na'n saobh chreidmhich, agus b' e 'm bàs a dh' òrduick 
an Càrdinal dhoibh gu'm biodh iad air an crochadh, agus am boir- 
ionnach air a bàthadh. Bha i air a h aisead goirid roimhe sin^, 
agus an uair a bha i 'na hùdhe dh'iarr boirionnach eil' a bha mu'ft 
cuairt di oirr' ùrnuigh a dheanamh ris an Oigh Muire. Thuirt ise^ 
nach deanadh i ùrnuigh ach ri Dia a mhàin. Air son na cainnte 
80 dhiteadh i. Dh'aslaich i cothrom fhaotainn am bàs fhulang 
còmhladh ri a fear pòsda; ach dh'àicheadhadh sin di. Co luatb 
's a chunnaic i 'companach a' fulang a' bliàis, chaidh a giùlan air 
falbh gu lochan uisg' a bha dlùth air làimh, agus a naoidhean 
fathast an crochadh ri h-uchd. Tharruing i air falbh an leanabh 
o 'cich, agus thug i seachad e do 'bana-choimhearsnaich, agus 
do chùram an Ti sin is e athair nan dinnleachdan. Thilg iad an 
8Ìn 's an uisg' i agusbhàsaich i gun spàira sam bith, làn de chomh- 
fhurtachdaibh nan sgriobtuirean. Ghabh an Càrdinal borb an sin 
a mach air feadh na dìithcha mu 'n cuairt, a' cur ùmhlaidheaa 
airgid aircuid, agus a' cur cuid eil* 'am priosun, agus a' geur-lean- 
mhuinn cuid eile gu bàs. Bha e giùlan an Tàinisteir thruaigh 
còmhladh ris na h-uile taobh a blia e 'dol, gus am bithcadh 



204 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

saraliladh ùglidarrais, gu siobhalta co maith 's gu spioradail, aig 
na h-uile ni' a bha e 'deanamh. 

3. Ach bha 'n t-àm a nis a' dlhthachadh anns an robh cupan 
aingidheachd a' Chàrdinail fhuiltich gus a bhi air a lionadh suas. 
-Thugadh fainear le cuid de luchd-eachdraidh gu 'n do bhuail e 
clag a bhàis fèin, ann a bhi cur gu bàs an duin' urramaich ud, 
Seòras Uiseart. Bha 'm Fiiidhalach so an toiseach a' teagasg na 
cainnte Greugaich 'am baile Mhontròis. B' ann 'sa* chainnt so a 
sgriobhadh an Tiomnadh Nuadh an toiseach. Cha 'n fhuilingeadh 
an eaglais Phàpanach gu 'm biodh eòlas aig daoinibh air ua Sgriob- 
tuiribh 'an cainnt sam bith, no idir 's a' cheud chainnt. Dh' fhua- 
daich easbuig Bhrechin air falbh as an tìr e air son a bhi teagasg 
eòlas na cainnt' ud. An dò'gh fantuinn àireamh bhliadhnacìiatt 
air f ògradh 'an Sasunn, thàinig e air ais do Alba, mu 'n bhliadhna 
1543. Thòisich e air searmonachadh thcagasgan an Ath-leasach- 
aidh gu follaiseach, agus le mhv bjiuaidh 'am bnilc "Dhundeadh. 
Dh' fhuadaich luchd-dreuchd na h-eaglais air falbh a ris e. Chaidh 
e do thaobh 's iar Alba far an do lean e air searmonachadh. Ach 
air do 'n phlàigh briseadh a mach 'an Dundeadh, phill e do 'n 
bhaile sin. Agus ged a bha mòran a' tuiteam leis a ghalair ghabh- 
altach so, dh' fhan Uiseart na 'measg a' fritliealadh chomhfhurt- 
achdan nan sgriobtuirean doibh, agus chomhfhurtachdan corporra 
mar a b' urrainn e. Thug fear de na sagartan ionnsuidh air a' 
bheatha thoirt dheth an sin, agusan dèigh caol-thearnadh o ioim- 
suidh a rinneadh air a thoirt suas do churahachd a' Chàrdinail, 
chaidh e do Dhuneidin. Bha nàimhd'-jan folchuilh ga chuairteach- 
adh a nis na h-uile ceum a dheanadh e, agus mheasadh iomchuidh 
a bhi gihlan claidheamh mòr roimhe gns a phears' a dhionadh o 
ainneirt. B'e lain Nocs a bha giùlan a chlaidheamh mu 'n àm so. 
'An tiine ghoirid chaidh e do bhaile Hadington, far an do shear- 
monaich e agus à sin do Ormiston. Bha uachdaran an àite sin 'us 
fear no dithis cile de uaislean na dùthcha 'na chuideachd. Dh'iarr 
lain Nocs a dhol còmhladh riu, ach cha do leig Uiseart so dha, ag 



MAIBI. 205 

radh, "PiU gu 'd chuid cloinn', is leòir aon duin' a chur gu bàs 
aig an aon àm." Bha Is^ocs 'na mhaiglistir sgoiF 'au teaghlach 
duiu' uasaìL Air au oidhch' an dèigh do Nocs dealachadh ris 
chaidh an tigh *s an robh Uiseart a chuairteachadh le marc shluagh 
armaicht', agus larla Bhotuel air an ceann. Bha 'n Tàinisteir agus 
an Càrdinal fagus doibh le feachd eil', air sheòl 's nach robh dòigh 
air teicheadh, no cur 'n an aghaidh. Dhiìilt an duin' uasal aig aa 
Tobh Uiseart air aoidheachd a thoirt suas doibh gus an do gheall. 
Botuel air 'fhocal gu 'n dionadh e beath' Uiseart o naimhdeas a 
Chàrdinail no mur b' urrainn e sin a dheanamh, gu 'n tugadh e air 
ais d'a chàirdibh e. Thug an Càrdinal agus a' bhan-rìgh, bantrach 
an rìgh, air Botuel an gealladh so a bhriseadh. Chaidh Uiseart a. 
ghiùlan do Chill-Rìmhinn agus fhàgail 'an sin 'na phriosunach 
an làrahaibh a nàmhaid. Ged a dh' oidhirpich cuid de uaislean na 
tlre stad a chur air cuthach a' mhortair aig an àm so, dh' f hairtich 
orra sin a dheanamh. Ghairmeadh Uiseart air beulaobh a Chàr- 
dinail 's a luchd-cuideachaidh, 's f hreagair e gu buadhach na h-ochd 
cinn deug a bha 's a chtiis dhìtidh 'na 'aghaidh. Ach bu shuarr- 
ach sin acasan. Chòird iad uile le aon ghuth e bhi air a losgadh 
gu bàs mar shaobh-chreidmheach air an ath latha. A rèir na bina 
80, thugadh a mach am mairtireach gu bhi air a losgadh 's an aon 
dùigh a rinneadh air Pàruig Hamilton. Bha gunnaidhean mòr a* 
chaisteil air aa tionndadh ris an àite 's an robh an tòrr connaidh.> 
air a tbogail, a chum 'snach gabhadh dream sam bith de 'chàird- 
ean orra tighinn ga theasairgin. Bha barra-bhalla, àrd-thùir,.. 
agus uinneagan a' chaistcil air ^an crochadh thairis le eudack 
riomhach de obair ghrèis, agus suidheagana le cluasagaibh-suidhe 
greadhnach air an sgaoileadh agus air an uidheamachadh mu 
bhonn nan uinneag, far am feudadh an Càrdinal 's na h-easbuig- 
ean iad fdin a shincadh aig an socair, agus làn an sìil a ghlacadh 
mar àilghios d'an cridheachaibh de phiantaibh bàis sheirbhisicli 
an Tighcarn, a bha nis r'a fliianuis do fliirinn Chriosd a shculach- 
ada le 'bhàa Anu a bhi ga cheangal ris a' phost iaruiuu, 's na. 



206 EACHDRAIDH NA. H-ALBA 

lasraiclieaii a bhi 'giathadh uime gu goirld, bha e 'g earalachadh 
an luchd-aimhirc leis an robh e air a chuairteachadh gun iad a 
bhi idir a' gabhail oilbheum de fhocal Di, ged a bha iad a faic- 
inn nam fulangais a bh' air an uUachadh fa choinneamhsan; dh'as- 
laich e orra focal Dè a chreidsinn agus gèill a thoirt dha. An 
dèigh do na lasraichean èiridh suas timchioll air, sheall e rathad 
^' chaisteil 'sghlaodh e mach, "esan, a tha nis an sud, o'n ionad 
àrdaicht' ud a' gabhail àilghios d' a shhilibh o'm phiantaibhsa, 
^am beagan laithean crochar a mach o 'n ùinneig cheudn' e fèia, 
agus e 'n tàir co iosal, 's a tha e 'n diugh ga shocrachadh fèin 'na 
uabhar." Bha 'n tein' a nis air lasadh suas ga fiadhaich garg, 
agus'an tearc de mhionaidibh bha 'chorp 'na luaithre. 

4. Cha robh easbhuidh molaidh aig a luchd-cuideachaidh fèin air 
a' Chàrdinal a chionn i bhi co misneachail; ach chuir àìreamh nach 
bu bheag de mhaithibh na tìr' an cinn cuideachd gu rian a ghabb- 
ail air stad a chur air obair a' mhortaidh leis nach feudtadh giùìan 
ni b' fhaide, mur robh iad toileach iad fèin a thoirt thairis gu bhi 
nan saor chreich do'n rahortair ud gus an casgairt a rèir a thoìle 
fèin. A measg na cuid a b' aithnichte de bhuill na comhairle 
dìomhair so bha laìn Lesli, bràthair larla Rothais, Uilleam Cir- 
caldi, 'oighre, Pàruig Carmichael, agus Seumas Melbhil, de theagh- 
lach Charbi. liha àireamh maith de dhaoin' a b' isle 'an inbh' a 
Ma co daingnichte 'n an rùn ris na ceannardan fèìn 's a* ghnothucb. 
Tha cuid de luchd-eachdraidh a' gabhail orra fèin a dhearbhadh 
gur h-ann mar luchd-tuarasdail air son blàthachaidh maith pàighidh 
o rìgh Shasuinn a rùnaìch na diùlanaich so an tìr a shaoradh o 'n 
mhortair ain-iochdmhor ud. Bha e soilleìr gu leòir gu'n robh Ean- 
ruic ro dheònach air cur as do'u Chàrdìnal air shebl-eigin. Acb 
fendaidh neach sam bith a sheallas air a' ghnothuch o thoiseach gu 
deireadh, 'an eachdraidh a' ghniomh 's an ama, e fèin a riarachadh 
air a' phuinc nach robh aobhar air bith eil' aca sad air son an ni a 
riìnaich iad a dheanamh a thaobh a' Chàrdinail, agus a choìmhlion 
iad, ach dìreach gu'n robh iad a' toirt seirbhis do Dhìa leis a' 



MAICI. 207 

'ghniomh, agus mar ba luaithe bhiodh breitheanas Dhè aìr a chur 
an gniomh 'an aghaidh au duin' eucoraich ud, gur h annab'fhearr, 
co dhiù bha iad ceart no mi cheart ann a bhi tighinn a dh' ionn- 
8uidh na barail sin. 

5. Air maduinn an ochdamh là fichead de cheud mhìos an 
t-samhraidh, fhuair sea fir dheug de'n mhuinntir ud a dh' ainmich 
sinn a steach do Chaisteal mòr Chill-Rìmhinn a lion fear 'us fear 
agus dealaicht' o chèil' a measg luchd-oibre bha dol a steach — 
<aoir 'us clachairean, de'n robh àireamh lionmhor a nis air an tnar- 
asdalachadh air son an caisteal a chur *an uidheam sèisd a sheas- 
arah, na'n èireadh sluagh na tlre 'na aghaidh aìr son an droch 
ghniomh a rinn e mu dheireadh, agus gach olc eil' a rinn e. Cha 
Tobh fios aig neach sam bith nach b* ann de 'n luchd-oibr' a' 
"bhuidheann mhisneachail ud, o'n a bha iad a measg chàich. Ach 
'n uair a fhuair iad uil' a steach, ghlac iad fear gleidhidh a* gheata^ 
dhùin iad an geat', agus ghlèidh iad na h-iuchraichean. Ghabh 
ìad an sin romp* o sheòmar gu seòmar, agus mar a bha seirbhìsich 
a chaisteil a' coinueachadh ria, bha iad ga *n glasadh a stigh, no 
ga 'n cur a mach as a chaìsteal. Fhuair iad mu dheireadh gus an 
t-«ebmar *8 an robh an Càrdinal 'na chodal. *N uair a dhùisg e 's a 
mhothaich e gu 'n robh 'n càisteal 'an làmhaibh a nàìmhdean thug e 
ionnsuidh air teicheadh. Ach bha gach dorus glaiste. Ghlais e 
'sheòmar air an taobh a stigh 's dh* oidhirpich e cùmhnant a dhean- 
amh ria gu 'n caomhnadh iad a bheath', ach cha tug iad gealiadh 
sam bith dha. 'N uair a bha e 'diultadh fosgladh, ghlaodh iad 
air son teine. Dh* fhosgladh an sin dorus an t-seòmair, 's thilg an 
Càrdinal e fèin sios 'an caithir ag èigheach "is sagart mis* ìs sagart 
mise, cha mharbh sibh mi." Leum lain Lesli, agus Pàruig Car- 
michael air, agus shàth gach fear dhiubh a bhiodag 'na chbrp. 
*'Ach,** ars' Seumas Melbhil, "'se tha'n so obair agus breìtheanas 
D6 ged Ì8 ann 'an uaigneas a tha iad." Chuir e *n sin roinn a chlaidh- 
eimh ri broiUeach a Chàrdìnail, agiis thug e earail da aithreachas 
a dheanamh air son a bheath' aingidh, 's gu h-àraidh air son dòirt- 



^08 EACHDKAIDH NA H-ALBA 

cadh fol' an duine dhiadhaidh sin, Seòras Uiseart, agus ars' esaDy 

**Tha mì 'n so a' deanamh fianuis an làthair mo Dhè nach e eagal 

sam bith a th'agam roimh olc a dh'fheudadh tu dheanamh orm fèin 

a tha toirt orm am buille so a thoirt duit, ach a mhàin gu'n robh thu, 

's gu bheil thu a d' nàmhaid do shoisgeul Chriosd." Air a so shàth 

e 'chlaidheamh troimh' choluinn an truaghain a dhà no thrì uair- 

ean, agus bhàsaich e 'glaodhaich, "Is sagart mise! is sagart misel 

-ino nàire! mo nàire!" 'Sgannabha'n Càrdinal marbh 'n uair a 

Sk dh'eirich iorghail mhòr feadh a' bhaile leis an sgeul a dh'innis an 

dream a chuireadh a mach as a' Chaisteal. Chruinnich mòran de'n 

t-sluagh mu choinneamh a' Chaisteil, 's ghlaodh iad, ciod a thach- 

air do'n Chàrdinal? 'sgu'm feumadh iad fhaicìnn. An sin ghabh 

^n luchd-tòrachd an corp agus chuir iad na luidhe sìnt' e aig bonn 

iia dearbh uinneig far an do shuidh e goirid roimhe sin ag amharc 

air piantaibh XJiseirt. Smuaiuich an sluaghgu'n robh briathran 

bàis an duine mhaith sin a nis air an coimhlionadh, 'sphill iad 

dachaidh gun tuilleadh a ràdh no dheanamh. 

6. Bha deadh fhios aig Seumas Melbhil 's aig a luchd-cuideach- 
aidh gu'n robh iad a nis 'an suidheachadh cunnartach, agus gu 'm 
bitheadh cumhachd sìobhalt na rioghachd, agus gu h-àraidh cumh- 
achd nam Pàpanach air an cleachdadh 'n an aghaìdh fèin. Agus 
mar sin 's e rùnaich iad gun dìonadh siad iad fèin 's a' Chaisteal co 
fad 's a b' urrainn iad, le còmhnadh chàirdean sam bith le'm b'àill tigh- 
inn a steach do'n daingneach còmhladh riu. Thàinig an Caisteal 
so nis gu bhi 'na uaimh Adullaim. Na h-uile neach air an robh 
eagal gu'n cuireadh na h-easbuigean Fàpanach làmh ann bhiodh 
iad sin a' teicheadh a dh'ionnsuidh a' Chaisteil mar gu ionad dìdein. 
Bha saorsainn ac' a bhi mach 's a steach as a' Chaisteal mar a thog- 
radh iad, a cluonn muinntir a' bhail' a bhi bàigheil riu. Ach 'an 
ùine ghoirid chuir an Tàinisteir sèisd ris an daingneach gus a 
glacadh. Cha robh aig' ach beagan ghunnaidhean, 's cha d' rinn 
iad làthrach air ballaibh làidir na h-aitreibh ud. B' èigin da 'n 
t-eeisd a thogail; ach an uair a thuig rìgh na Frainge ga 'n robh 



MAIRI. 209 

Sasnnn ag nllacbadli air son còmhnadh leis na laoicli ud a bha ga'n 
•iionadh fèin 's a* Chaisteal chuir e feachd lionmhor naithe leis an 
robh 'n daingneach gu h-obann air a cuairteachadh air muir 'us tìr 
air gach taobh. Bha lain Nocs air dol a steach do 'n Chaisteal 
mu thoiseach an earraich roimhe sin, agus bha muinntir Chill- 
Rìmhinn air toirt gairm fhollaiseuch dha gu bhi 'na mhinisteir 
Pròstanach ac* a* searmonachadh theagasgan an Ath-Ieasachaidh. 
B' ann 's a' bhaile so agus aig an àm so a tliòisich e air seirbhis 
fhollaiseach na ministrealachd. Theireadh an luchd-èisdeachd gu*a 
robh a* mhuinntir a chaidh roimh' a' cinnteachadh air geugaibh 
ja Pàpanachd, ach gu'n robh am fear so ga bualadh aig a freumh- 
aibh. Cha do labhair Pàruig Hamilton no Seòras Uiseart riamh 
co geur ris an fhear so: chaidh iadsan a losgadh, agus cionnus a 
thèid am fear so as? Ach cha bu duin' lain Nocs a mhùchadh a 
sbolns, no chumadh air ais na b' aithne dha air eagal Pàpa no 
sagart. Bha coinneamh mhòr air a cumail eadar e ièìn 's luchd- 
dreuchd na h-eaglais Pàpanaich a bha fosgailte do mhuinntir a* 
bhaile. Lean buaidh chomharraicht' a' choinneamh so. Chunn- 
cas leis na h-uile nach robh seasamh cas aig na sagartaibh ri agh- 
aidh an t-soluis a thug Nocs o na sgriobtuiribh gu bualadh air 
saobb theagasgaibh 'us cleachdaidhibh na Pàpanachd. Dh' aidich 
e*n làthair nan uile, nach e mhàin gu'n robh iad clì, ach gu'n robli 
e soiUeir gu leòir dba f^in gu'm b' i 'n eaglais Phàpanach, — eadar 
cheann 'us bhuill mar bha i ann — an t-Ana-criosd, agus thàinig 
mòran de shluagh a* bhailc ga bhi de'n aon bheachd ri Nocs. 
Db'aithnich na sagartan a nis gu'n robh cunnart ga 'n cuairteach- 
adh, agus o nacb b' àill le^ an fhirinn aideachadh, rùnaich iad gaefe 
ìnnleacbd a bha 'n an comas a ghnàthacbadh gus a cur sìos. Agus 
tha cnid v.^ ràdh gu'n tug so orra fios a chur air na Frangaich 
grcaijad a nall le'n cuid armachd gu luchd teagaisg an Ath-Ieasacb- 
aidb a sgapadh ri ceithir ghaothaibb nèimb. Bha arraachd nam 
Frangach co cumhachdach 's gu'n tug iad bearnan mòr air ballach- 
aibh a' Cbai^teil, 's b' fheudar do 'n luchd dìonaidh striochdadh 



210 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

aìranlàmu dheireadh de mliìos deireannacli an t-samliraidh, 1547; 
ach air chumha gu'm faigheadh iad fèin uile dol as le 'm beatha 's an 
saorsainn. Ach an deigh so a ghealltuinn dòibh bhriseadh na cùmh- 
nantaii. Thugadh air falbh iad uile do'n Fhraing, 's chuireadh 'n am 
prìosiinaich 's na'n tràillibh iad air bòrd luingeas ràmhach na tìre 
sin. Bha iad air an ceangal le slabhraidhibh ri tobhtaichibh nan 
long sin, 's fo chruaidh smachd aig an luchd-greasaid a bha os au 
ceann. Ach fàgamaid a nis lain Nocs 's a chomh phrìosunaich. 
'n an suidh' aig an cuid ràmh an sud, 

6. Goìrid an dèigh bàis Sheumais Y. phill larl' Aonghais agus 
a chàirdean, na Dùghlasaich, do Alba. Thug rìgh Shasuinn ùgh- 
darras dhoibh air son an cuid fearainn fhaotainn air ais. Gheall 
iadsan gu'n cuidicheadh iad rioghachd Alba thoirt fo riaghladh rìgh 
ShasTv iii. Leig Eanruic, mar an ceudna, a nall do Alba na Mor- 
■aireai; n ghlacadh 'n am priosunaich air monadh Sholabhaigh 'sa' 
bhlìadhna 1542, air chumha gu'n deanadh iadsan na b' urrainu 
lad gu Alba thoirt fo riaghladh Shasuinn air sheòl air chor- 
eigin; agus mur soirbhicheadh leò gu'm pilleadh iad air ais do Shas- 
nim. Bha na h-oidhirpean uaigneach a bha na daoin* uaisle so a 
deanamh air a' chumha bha 'n sud a choimhlionadh a' meudachadh 
troimhe cheile na rioghachd. Ach 'n uair a thugadh an aire dhoibh 
's a thuig iad nach soirbhicheadh leò, thr6ig iad taobh Eanruic uile, 
ach Morair Lenocs. Chaidh, esan air ais do Shasunn, 's thug an 
rìgh dha ri pbsadh a* bhain-tighearna Mairireat Dùghlas, nighean 
a pheathar, bantrach Sheumais lY., agus larl' Aonghais. B* iad 
so pàrantan Eanruic, Morair Dàrnlaidh, mu 'n cluinnear an dèigh 
so. An dèigh bàis Eanruic VIII. Shasninn, 's a' bhliadhna 1 547, 
thàinig a mhac, Eideard YI. a dh'ionnsuidh a' chrùin, 's gu'n e ach 
naoi bliadhn' a dh'aois. Bha Diùc Shomerseit, le òrdugh 'athar, gu 
bhi 'na Thàinisteir air Sasunn gus an tigeadh e gu aois. 'An tois- 
each an fhoghair air a' bhliadhna sin fèin, bhris Somerset a steach 
air Alba, le feachd mara 's tìre, gus an èignicheadh e na h-Albann- 



MAIBI. 211 

^ich a' bhan-righ òg a thoirt ri pòsadh do Eideard, rìgh Shasuinn. 
TThàinig na luingeas gu acair mu choinneamh baile nam Feasgan, 
agus champaich an t-arm air tìr air cùl a' bhaìle sin. Thog an 
t-Iarl' Araineach armailt bu lionmhòire gu mòr na na Sasunnaich; 
ach tre a dhroch riaghladh fèin, 's nach gabhadh e comhairl' a 
^huid oifigeach, chuir an t-arm Sasunnach an ruaig orra, 's chaiU 
Alba ceithir mìle deug 's a' bhlàr ud, Blàr Phinci, Di-Sathuirn 
Dubh. Rinn an aon bhlàr trì cheud 'strì fichead bantrach 'an 
Duneidin. Agus chuir e gu mòr an cunnart saorsainn na riogh- 
achd. Ach chuala Somerset tuairisgeul à Sasunn mu thimchioU 
cuid eigin a bha tolladh f odh' aig a' chùirt, 's phiU e dhachaidh gua 
mòran buil a thoirt as a' bhuaidh. Ach bhris larla Lenocs *an 
dèigh sud, còmhladh ri armailt Shasunnach, a steach air ceann a 
deas Alba, 's rinn e mòran call' air feadh nan cearnan sin. Bha 
Alb' aig an àm so gu mòr air a roinn le cuid a bha 'g iarraidh 
taobh Shasuinn a ghabhail air sgàth an Ath-leasachaidh, agus a* 
chuid eile bhi 'n aghaidh nan teagasgan sin buileach. Ach an dèigh 
a' bhlàir fhuiltich ud, agus gach fòirneart eil' a rinn Sasunn orra, 
thionndaidh eadhon càirdean an Ath-Ieasachaidh 'an aghaidh na 
Tioghachd sin; agus mar sin fhuair na sagartan na bha iad ag iarr- 
aidh. Bha 'n Fbraing 'us Sasunn aig an àm so a* cogadh ri cheile, 
's chaidh Alb* 'an comh-bhoinn ris an Fhraing air son an cogadh an 
aghaidh Shasuinn a leantuinn. Thainig àireamh maith Fhrangach 
:a nall do Alba, 's chuidich iad leò na Sasunnaich a ghlan sguabadh 
a mach as an tìr. Rùnaich na tighearnan Albannach aig an àm 
cheudn' a' bhan-rìgh òg a chur a null do *n Fhraing, gus a cuid 
ìunnsachaidh fhaotainn aig cùirt na rioghachd sin; agus chaidh a 
ehònruchadh le Pàrlamaid, a choinnich ann am baile Haddingtoin, 
gu'm bìodh i air a pòsadh ri oighre crùin na Frainge. Sheòl Màiri 
bg Stiìlbhart o Alba 'am mìos meadhonach an t-samhraidh 1548, 
agus ràìnig i gu sàbhailte lùchairt Phàris /s an ath mhìos. Bha 
Jlorair Erscin 'us Morair Mac-an-L6igh aice mar oiieachaibh 



212 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

fòghluim, agus blia ceatlirar bhan-tighearnan bga còmhladh rith& 
mar chomh luchd cluiche, air an robh Màiri gach aon dìubh. 
Theirteadh Màiridhean na ban-righ riu. 



CAIB. XXVII. 

MAIRI. 



Lean cogadh eadar an Fhraing 'us Sasunn anns an robh Alb' a'' 
cuideachadh na Frainge rè dhà bhhadhn' an dèigh do M"hàiri òig 
Stiùbhart a dhol do'n Fhraing. Bha Sasunn a' call uiread ris a' 
chogadh 's a bha gach aon de na rioghachdan eile. Fadheoidh, aìr 
do Dhiùc Shomerseit aithneachadh gur call 's nach buannachd a 
bhiodh aige de'n chogadh, dh'aontaich e ri sìth a dheanamh 's a* 
bhliadhna 1550. Choisinn an t-sìth so do lain Nocs 's d'a chomh 
phriosunaich an saorsainn fhaotainn. Thàinig Nocs do Shasunn. 
Chuala rìgh òg na tìre sin a' searmonachadh e, 's chum e greis aig a* 
chùirt mar shearmonaich' e, 's chaidh easbuigeachd a thairgseadh 
dha; ach cha ghabhadh Noes dreuchd idir 's an eaglais ud, a bha e 
'meas ro mhi-sgriobtuireil 'na modh riaghlaidh. Ach air a shon sin 
lean e air searmonachadh greis aig a' chùirt, 's air f eadh na dùthcha. 
2. Bhàsaich Eideard YI. Shasuinn 's a' bhliadhna 1553, 'an ceann 
a shea bliadhna deug^a dh' aois. Rinn a bhàs-san atharrachadh 
mòr 's an rioghachd sin aig an àm. Bha Eanruic yill, air faot- 
ainn Achd air a dhaingneachadh leis a' Phàrlamaid, a bha 'dean- 
amh a dhithis nighean, Màiri agus Ealasaid, ain-dligheach, agus a' 
socrachadli a' chrùin air a phiùthaìr a b' bige, ban-Diùc Shufoic. 
Anns an Tiomnadh so sheall e seachad air teaghlach a pheathar bu 
shine, de nach robh neach beò a nis ach ban-righ òg Alba. A rèir 



MAIRI. 213 

an òrduchaidh ud b'i baìn-tighearn Sìne Nic-'Hle-Ghlais* aon lean- 
abh ban-Diùc Shufoic, ban-oighr* a chrùin, aig bàs Eideird. i3ha 
Diùc Xorthumberland air toirt air a bhan-phrionnsa so a mhac fèin 
a phòsadh. B'e Northumberland priomh mhinisteir Shasuinn aig an 
àm. Chaidh a' bhan-tighearn* Sine, èigheach 'na ban-rìgh; ach 
fhuair Mairi, nìghean bu shin' Eanruic 1 fein air a h-6igheach lea càir- 
dibh pàpanach. Chuir Northumberland armailt 'na h-aghaidh. Ach 
theich am feachd sin gu bratach Màiri, agus thàinig i gu buadhach a 
steach do Lunuinn gun neach a chur'na h-aghaidh. Chuir a* 
bhaoibh boirionnaich so 'an tearc de làithibh gu bàs a ban-charaid, 
a' bhan-tighearn Sìne, a bha neo-choireach o thoiseach gu deireadh 
's a' ghnothuch. Chuir i gu bàs a fear-pbsda 's a h-athair-cèir aig 
an àm cheudna. Mar so thòisich Màiri fhuilteach air rioghachadh. 
B' ise nìghean na ceud mhna 'bh'aig Eanruic, 's lean i ri creideamh a 
màthar. Fhad 's bu blieò a bràthair bha i fo chuing'; cha 'n fhaigh- 
eadh i cothrom a h-aidmheil fèin a leantuinn; ach co luath 's a 
fhuair i 'n uachdranachd 'na làmhaibh fein thòisich ì air geur-lean- 
mhuinn nam Pròstanach air feadh na rioghachd, le sùil ris a* 
chreideamh Phàpanach aiseag mar bha e roimh linn a h-athar. Chuir 
i coigear easbuigean gu bàs, a measg an robh Cranmer cliùiteach, 
agus dlùth nir trì ceud eile de'n mhuinntir bu shoilleire 's ba dìlse 
air taobh an Ath-leasachaidh. 

3. An uair a thòisich na trioblaidean so 'an Sasunn, chaidh Nocs 
gu tìr-mòr na h-Eòrpa. Dh' fhuirich c greis 'na mhinisteir aig 
coimbthional àraid ris an do thachair e'm baile Erancfort 'sa* 
''r^'irmailt. Ach 'nuair a dh'eirich troimhe cheile 's a' choimh- 
i il tre bhnidheann de eaglais nan easbuig 'an Sasunn a dhol 
'n an ccann, dh'fhàg e iad 's chaìdh e do bhàile Ghencbha, far an do 
chòmhnuich e gus an do phill e dh'AIba 's a' bhliadhna 1555. Bha 
àircamh lìonmhor de chàirdean an Ath-Ieasachaidh air teicheadh a 
nall d Sasunn an uair a thòisich a' gheur-Ieanmhuinn 's an tìr sin; 

* Ladj Jane Gray. 



214 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

agus bha cuid diubh sin a' saothrachadh mar luchd teagaisg feadh. 
Alba, leis an robh an obair air a cuideachadh air a h-aghaidh 
Bha 'n Tàinisteireachd air a toirt o 'n larl' Araineach a' bhliadhna 
roimhe sud, tre ais-innleachdaibh màthar na ban-righ, agus am 
boirionnach seòlta sin fèin air a suidheachadh 's an dreuchd. Bha. 
i 'na fior nàmhaid do theagasgaibh an Ath-leasachaidh. Ach air 
son a pàirtidh a neartachadh 's a' cheud dol a mach, tharraing i gu 
a taobh fèin cuid mhaith de na Morairean, a' gealltuinn doibh an 
uair a gheibheadh ise 'n cumhachd 'na làimh fèin gu'n dionadh i 
luchd teagaisg an Ath-Ieasachaidh. Mar so fhuair Nocs nithe a dol 
air aghart 'n uair a phill e fèin air ais à Genèbha. Dhùblaich e nis 
a chuid oidhirpean 'an obair an Ath-leasachaidli. Tliòisich e aig 
Duneidin, 'schuir e cuairt a mach air feadh Shiorrachdaibh Aonghais 
'us Mhearns a' searmonachadh, agus an duine cliùiteach sin, lain. 
Erscin, oìghre Dhuin, còmhladh ris. Lean e fad mìos air a' chuairt 
sin, 's bha tomhas mòr de bhuaidh 's de chumhachd a' leantuinn a 
shaothrach. 'S e 's coslaiche gur h-ann air son a' bhuaidh a bh'aig, 
a theagasg air an luchd èisdeachd, a tha Sadlier, an toscair Sasunn- 
ach, a' samhlachadh a ghuth ri f aaim mìle trompaid. Thug e 'n 
sin cuairt eil' a' searmonachadh tre Shiorrachd Ara, 's a' bhuaidh 
cheudn' a* leantuinn a shaothrach. 'An dèigh sin phill e air ais tre 
gach cearn' anns an do shearmonaich e 'n toiseach. 'An dèigh na. 
cuairte dùbailte so phiU e do Dhuneidin. 

4. Goirid an dèigh so thàinig Htrichean fiadhachaidh gu Nocs a 
Genebha a' guidheadh^air pilltinn do 'n bhaile sin a dh' ionnsuidh a 
choimhthionail a bha e air fhàgail ann. Dh' fhag e Alba rìs air a: 
thurus do Ghenèbha 'am mios deireannach an t-samhraidh 1556. 
Bha na sagartan Pàpanach an dèigh gairm mòid a thoirt da roimhe- 
sud a dh' ionnsuidh cùirt fhollaisich gu freagradh air son a theag-^ 
aisg, 's a cheannairc 'an aghaidh na h-eaglais, Fhritheil Nocs » 
choinneamh sin aig an àm 's anns an àite, gu seasamh air son a 
theagaisg; ach bha dream àraidh de chàirdibh an Ath -leasachaidh 
còmhladh ris. Dh' aithnich na sagartan a nis nach f reagradh dhoibb 



MAIRI. 215 

a dheanamh ri Nocs mar rinneadh ri Hamilton us Uiseart ; agus a' 
faicinn duinealais Nocs agus dìlseachd a chàirdean, leig iad seachad 
a choinneamh. Cha do chuireadh tuilleadh dragh air aig an àm siu. 
Ach a nis, co luath 's a thuig iad gu 'n robh e air falbh as an riogh- 
achd, thug iad an ath ghairm mòid dha. Agus 'n uair nach do 
fhriiheil e air a' cheannià, ui a bha eu-comasach, dhìt iad e mar 
cheannairceach 'an aghaidh lagh na rioghachd, 's loisg iad a dhealbh 
aig àrd-chrois Dhuneidin. Treubhantas nam fear a bha aon uair 
na 'n curaidh mhòr ! ! 

5. Chaidh an sgriobhadh ainmeil sin ris an abair luchd eachd- 
raidh "an CeudChùmhnant" atharruing a mach 'an Duneidin, agus 
ainmean mòran sluaigh ris air an treas là de mhios meadhonach a' 
gheamhraidh 1557. Anns a' Bhann sgriobhta so tha iad a' rùnach- 
adh agus a' gealltuinn gu'n seas agus gu 'n dion iad luchd teagaisg 
an Ath-leasachaidh, le 'n saothair, le 'maoin, agus ma 's èigin e, 
le'mbeatha; agus gu 'm bi iad dìleas, seasmhach, do aon a chèil' 
'an aghaidh gach nàmhaid a sheasadh 'n an aghaidh. Chuir larl* 
Earra-Ghaeil, larla Ghlinn-Càirn, larla Mhortoin, agus Morair 
Lathuirn, agus iomadh eile de mhaithibh na tlr', an ainmean ris a 
chùmhnant so. Agus mar a bha iad gu tric a' gnàthachadh an 
fhocail coimhthional, thugadh an Coimhthional mar shloinneadh 
air a' mheud 's a lean riu. Agus theirear Morairean a' Choimh- 
thionail ris na h-àrd-mhaithibh a chuir an ainmean ris a' Bhann. 
Bha 'm Bann so 'na mheadhon air làmhan chàirdean an Ath-Ieas- 
achaidh a neartachadh; agus bha iad uil' a* faireachdainn gu'm 
b* fheumail doibh sin a dheanamh. Bha ban-rìgh òg Alb' air pòs- 
adh mac rìgh na Fraing' air a' bhliudhna so. Fhuair màthair na 
ban-rìgh, le a seòltachd, a' Phàrlamaid gu aontachadh gu'm biodh 
fear pòsda na ban-rìgh 'na rìgh Alba,'agus gu'm biodh gach Reachd 
a'r a dhaingncachadh 'an ainm Frannsi 'us Màiri. Agus mar a bha 
r r) aig na h-easbuigibh 's na sagartaibh ga'm bu Phàpanaich an 
ngh 's a* bhan-rìgh, 's gu 'n robh iad ro dhian 'an aghaidh theag- 
asgan an Ath-Icasachaidh, bha iad a' gabhail misneachd, gu 'n tionn- 



216 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

daidheadh cùisean gu bhi nì b'fhàbharraich' dhoibh fèin fathast; gn'n 
deigheadh ac' air an Ath-leasachadh a chumail fodha, no chur sios 
gu h-iomlan 'an Alba. Bha 'n Coimhthional rùnaicht' air nach 
tachradh sud. 

6. Anns a bhliadhna 1558 chaidh an duine mu dheireadh a chur 
gu bàs 'an Alba leis na Pàpanaich. B'e ainm an Fhiùdhalaich so 
TJalter MiU. Bha e air bi 'na shagart aon uair. Ach phill e o 
mhearachduibh na Pàpanachd 'an toiseach an Ath-leasachaidh 'san 
tìr. Thugadh binn a bhàis a mach ri linn a' Ghàrdinail Bheutonaich. 
Ach fhuair e air teicheadh aig an àm sin, agus lean e àireamh mòr 
bhliadhnachan air searmonachadh an t-soisgeil mar bu trice gu 
h-uaigneach, ach air uairibh gu follaiseach 'an iomadh cearna de 'n 
rioghachd. Fadheòidh fhuair luchd-tòrachd nan easbuigean greim 
air 's thugadh 'an làthair an comhairl' e, 's thug iad binn a mach 'na 
aghaidh gu 'm biodh e air a losgadh. Cha 'n fhaigheadh an t-Ard- 
easbuig duin' a' ghabhadh os làimh gniomh crochadair a dhean- 
amh gus an tug e air fear de 'sheirbhisich a dheanamh. Agus air 
an ochdamh là fìchead de mhios mu dheireadh an earraich 'bhàsaich 
Ualter Mill 's na lasraichibh, agus e 'glaodhaich a mach, ''Air mo 
shonsa tha mi ceithir fichead bliadhna 's a dhà, 's cha b' urrainn mi 
bhi f ada beò co dhiù ; ach èiridh ceud fear a's fearr na mis' o luaithre 
mo chnàmhan. Tha mi 'n dòchas 'an Dia gur mi 'n duine mu dheir- 
eadh a dh'fhuilingeas am bàs 'an Alb' air son an aobhair so." Tha- 
chair mar a thubhairt Ualter 'san dà sheadh ud. Chuir an gniomh 
f uilteach gluasad neo-àbhaisteach 'am measg an t-sluaigh air feadh 
najdùthcha. Thog muinntir Chill-Rìmhinn càrn mòr chlach 's an ionad 
's an do chuireadh Mill gu bàs. Leag an t-Ard-easbuig e ,thog iad- 
san e, co tric 's a leagadh e, thogadh e, 's b' èigin fhàgail 'na sheas- 
amh. 'N uair a ghearain Morairean a' Choimhthionail ri màthair 
na ban-rìgh air son a bhi leigeadh a leìthid air aghart ghabh i mar 
leth-sgeul, gu'm bu shagart esan 's gu'm feumadh ebhi air'fhàgail 
aig breith na h-eaglais ; nach robhlàmh sam bith aice-se''s a'ghniomh, 
agus nach leigeadh i air aghart a leithid tuilleadh. Thòisich an 



MAIRI. 217 

luchd-searmonachaidli a nis air dùblachadh aa saothrach 's an 
dichill. Thòisich na sagartan 's na h-easbdgean air an ni cheudna 
'na 'n dòigh fèin. Thug na h-easbuigean air a' bhan-Tàinisteir 
gairm-mòid a thoirt do uile lilchd teagaìsg an Mh-Ieasachaidh ga 
tighinn 'am fianuis nan cùirtean Pàpanach air son freagairt do na 
cùisibh ditidh a bha 'n an aghaidh 'an coimhcheaiigal ri iad a dhean- 
amh àr a mach 'an aghaidh na h-eaglais. Choinnich na ministeirean ; 
ach choinnlch uiread de 'n càirdean còmhladh riu, 's gu 'n do ghabh 
a' bhanrTàinisteir, no mar their fear-eachdraidh comasach àraidh, 
**a' Chp'lleach," mòran eagail, 's gu 'n d' òrduich i dàil a chur 's a* 
ghnothuch. Aig a' cheud choinneamh so, thàinig cuid àraidh de 
'iaislibh^a' Choimhthiouail, a steach do sheòmar comhairle na 

Caillich," 'sdh'inuis iad dhi 'an rèidh sheanchas an ni a bha'u 
Coimhthional rùnaicht' a dheanamh na 'n taisbeanadh i dad sam 
bìth de nàdur ainneirt. 'N uair a chriochnaich iad an seanchas 
sgrog gach fear dhinbh a chlogaid stàilinn air a cheann. 'S maith 
a thuig a *'Chailleach" ciod a bha iad a' ciallachadh leis a chòmh- 
dach cinn ud. Ach 'an deigh gach geallaidh 'us miodail a dheanadh 
i, thug na h-easbuigean oirre gairm fhollaiseach a chur a mach a* 
toirmeasg do neach sam bith an soisgeul a shearmonachadh no na 
fiàcramaidean a flirithealadh gun cheàd fhaotainn o na h-easbuigibh, 
ar- "■'' -ochdarana na rioghachd a dh' ullachadh air son na Càisg' 
a ad a rèir riaghailteau na h-eaglais Pàpanaich. Chuir 

càirdean an Ath-leasachaidh a' ghairm so *an neo-shuim. Agus 'an 
ùi * ■ id fliuair ceithir uo cuigear de mhiuisteiribh an Ath-leas- 
:i ,yiirra-mòid gu iad fòin a nochdadh air beulaobh nan Mor- 

irean Dearg' 'an Sruileadh air an deicheamh là de cheud mhios an 
uiihraidh, gu freagradh air son an dimeas air gairra fhollaiseaeh 

: ii-uachdranachd. Aig an àra cheudna, thàinig fios a dh' ionn- 

i ! liii "CaiUich" gu'nrobh baile mòr Pheirt gu h-iomlan air 

ii ri teag&sgaibh an Ath-leasachadh. Cliuir i fios air àrd 

i^uaiiiidh a' bhaile sin, 'b bhagair i ga geur air, mur cuireadh e casg 



218 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

air an obair ucl, gu 'n tugadh ise air fèin, 's air muinntir a' bliaile • 
gu 'n gabhadh iad aithreachas. 

7. Bha 'n là a' dlùthachadh riù nis anns an robh na ministeireaii 
nd gu seasamh air beulaobh nam Morairean Dearga. Ach bha 
luchd riaghladh a' Choimhthionail an deigh fiadhachadh a thoirt do- 
lain Nocs e ghreasad a nall do thir a dhùchais. Agus air an dara 
là de cheud mhios an t-samhraidh 1559, thàinig e air tìr 'an Lìbhte, 
agus 's gann a tha ni sam bith eil' a tha deanamh ni's soilleire cia 
mòr an soirbheachadh a rinn an t-Ath-leasachadh 's an rioghachd 
o' dh'fhalbh e, 'na 'n t-uamhas a dhùisg a thighinn 'am broilleach 
nan nàimhdean. Air maduinn an ath là an dèigh dha tighinn air 
tìr, bha comhairle na h-eaglais Pàpanaich 'na suidh' 'an Dpneidirt' 
a' cur an cinn cuideachd mu ciod an rìan a ghabhadh iad gu cur aa^ 
do na ministeiribh a bha gu seasamh air beulaobh nam Morairean. 
Thàinig fear de'n àireamh a steach le ceud cabhaig, 'anail na 'uchd, 
'se 'gèigheach a mach, — "lain Nocs! lainNocs! tha lain Nocs air 
tighinn, — choidil e 'n reidhr 'an Duneidin." Bha chomhairr air an 
lionadh le uamhas. Gun fhocal a' radh dh' dirich agus sgaoil siad 
iad fèin thall 's a bhos air feadh a bhaile. Chuireadh teachdairegu 
màthair na ban-rìgh leis an naigheachd chruaidh so. Chuimhnich- 
eadh gu 'n dàil a' chùis dhìtidh a bha 'na aghaidh o dh' fhàg e 'n 
rioghachd roimhe sud, gu'm b' fhògarrach o cheartas e, 's gu'm feud- 
adh neach sam bith a bheatha thoirt deth gun choire. Cha d'fhan 
Nocs ach aon là 'an Duneidin. Chaidh e do Dhundeadha 's à sin 
do Pheirt,;far an robh mòran sluaigh air cruinneachadh a dh'fhaicintt 
ciod a dheanamh na Morairean air na ministeiribh. Fhuair càird- 
ean an Ath-leasachaidh a' *' Chailleach " gu ghealltuinn gu'n rach-^ 
adh dàil a chur 's a' ghnothuch a thaobh nam ministeirean. Ach 
an uair a thàinig an ceann là 's uach do thaisbean na ministeireaa 
iad fèin 'an làthair nam Morairean, thugadh binn a mach 'nan agh- 
aidh gu'n robh iad 'n am "fir-fuadain," agus chaidh a thoirmeasg 
gu foUaiseach do neach air bith fo pheanas ceannairc cuideachadb. 



MAIRI. 219 

sam bith a dheanamh riu. Bha uaislean àraidh air dol an urras 
orra gu'n taisbeanadh siad iad feìu, 'nuair a chuirteadh fios orra; 
chuireadh ùmhladh trom air na h-uaislibh so. Shearmonaich Nocs 
an là sin fèin, no *n ath là, *am baile Pheirt 'an aghaidh iodhal- 
aoraidh. Bha fear de shagartaibh a' bhaile co eudrahor air taobh 
na Papanachd 's gu'n thòisich e air seirbhis na h-aifrinn a fhritheal- 
adh co luath *s a sgaoil an coimhthional a bha 'g èisdeachd Nocs. 
Dh'fiian tearc de'n fheadhainn a b' òige 's bu diomhaine 's an eaglais 
an deigh an t-searmoin. Bha balachan dlùth do'n altair a thuirt 
focal, a bha ni-eigin tùmailteach, ris an t-sagart. Bhuail an sagart 
buiir air a' bhalachan so, 's thog an t-òganach clach a thilg e air 
an tsagart. Bhuail a' chlach air aon de na deilbh a bh'air an 
altair, 's chaidh an dealbh as a chèile 'na mhìribh. Ghabh na bha 
lathair de'n t-sluagh taobh an òganaich. Bhuail iad air an altair 
's air gach iomhaigh 'us greadhnas eile bha 'san eaglais; rinn iad 
mìrean diubh, 'us shaltair iad fo 'n cosaibh iad. Tharruing f uaim 
na h-iorghail a bha 's an eaglais mùran de dhaoine diomhain a* 
bhaile *n ceann a* chèile, *s ghabh iad air an aghaidh gu trì tigh- 
ibh mòra Mhanach a bha 's a' bhaile, 's cha ghabhadh iad casg a 
Bhàillidh no eile gus au do leag iad na trì gu talamh. Bha iomadh 
a' coireachadh Nocs air son na mi-riaghailt so, ach da rìreadh cha 
robh ncach sam bith ri 'choireachadh air a son ach corra-mhargaidh 
ft' bhaile, air am brosnachadh le amaideachd an t-sagairt ud ; no- 
mar tha Nocs fcin ag ràdh, " the rascal multltude.^* 

8. Thng iorghail Pheirt a nis cionfàth do mhàthair na ban-righ 
gu armailt lionmhor a thrusadh leis an tàinigi'n aghaidh baile- 
Pheirt, ma b' fhior gu peanas a dheanamh air a' mhuinntir a rìnn 
»* mhi-riaghailt. Bha i air cuid de chàirdibh an Ath-Ieasachaidh 
aomadh gu còmhnadh a thoirt di 's a* ghnothuch so, a' gealltuinn 
mich robh i ach a dol a pheanasachadh luchd na mi-righailt, agus 
ga'n comadh i saorsa coguis ri càch 'an gnothuichibh an aoraidh. 
Ach bha deadh fhios aig Mòraìribh a' Choimhthional ciod mu'n 
robh a' **ChaiIIeach." Bha fios aca nach robh ach lethsgcul anns 



220 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

a' char a gliabh i gu dhol a Pheirt a pheanasachadh luchd-bris- 
idh nan iomhaighean, agus gur e bh'aice 's an amharc an t-Ath- 
leasachadh a chur fodha gu h'iomlan 's an tìr. 'S na'm biodh teag- 
amh aig neach sam bith mu'n ghnothuch sin roimhe so cha robh 
-rùm teagaimh air bith a nis 'n uair a chunnaic iad ochd mìle de 
fheachd Frangach air tighinn a nall gu cuideachadh 's an obair 
fhulltich sin. Agus mar a bha fìos aca co ris a bha 'n gnothuch, 
cha d' fhan iad 'n an tàmh gus am buaileadh ise 'cheud bhuille. 
An uair a ràinig i Peirt air ceann an airm Fhrangaich ud 's na fhuair 
i de Albannaich thall 's a bhos còmhladh riu, bha armailt a' Choimh- 
thionail air fàs co làidir timchioli a' bhaille sin, 's gu 'n do mheas 
a' ''Chailleach" neo-thearuinte dhi fèin buille chogaidh a bhual- 
adh, 's gu'n do thòisich i rithist air cùmhnantau rèite a dheanamh 
jis na Morairibh. Chuir i larl' Earraghàeil, agus Morair Seumas 
Stiùbhart mar thoscairibh gu Morairibh a' Choimhthionail a 
thairgseadh cumhachan sith. Bu mhac diolain do rìgh Seumas 
V. am Morair Seumas so, agus cluinnear mòran uime fathast. 
Thuirt Morairean a' Choimhthionail ris na teachdairibh sith so, 
nach creideadh iad gealladh sam bith a dheanadh màthair na ban- 
rìgh. Ach 'n uair a gheall Morair Seumas agus Earraghàel gu 'm 
fàgadh iad taobh na "CaiIIich," 'sgu'n aonadh siad iad fòin o sud a 
macli ris a' Choimhthional, na'm briseadh i na ctimhnantan a dhean- 
tadh rithe aig an àm ud, fhuair i cothrom tighinn a stigh do Pheirt 
air chumha nach deantadh peanas air neach sam bith air son na 
thachair 's a bhaile 's nach atharraicheadh i luchd-dreuchd sam 
bith a bh'ann, 's nacli tigeadh saighdear Frangach a steach còmh- 
ladh rithe 's nach f àgadh i freiceadain shaighdearan 's a' bhaile 
'n uair a dh' f halbhadh i, Bhris i gach cumha dhiubh sin 'na 'n 
litir 's na 'n spiorad, co luath 's a fhuair i steach. 'N uair a chuir 
Morair Seumas agus Earraghàel a gealladh 'an cuimhne dhi, 
f huair iad beag taing air son an dilseachd. Dh'fhàg iad air a 
dlò i 'schaidh iad a null gu taobh a* Choimhthionail, a thòisich 
,a' cogadh ris a' "ChaiUich" a cheart da rireadh. Cha do dhòirt- 



MAIRI. 221 

eadh ro mhòran fola 's a' chogadh so. Chuir Ealasaid Shasuinn 
cuideachadh shaighdearan, mara 'stire, d'an ionnsuidh gus na 
Frangaich a rotadh air falbh; ach le seòladh na "CaiUich" neart- 
aich iadsan iad fèìn 'am baile Libhte, gus am faigheadh iad an 
tuilleadh còmhnaidh as an Fhraing. Bha iad gu maith eòlach air 
iad fèin a dhionadh air taobh a stigh nam ballachan a thog iad 
timchioll orra fèin. Ach le còmhnadh a' chàbhlaich Shasunnaich 
chaidh aig Morairibh a' Choimhthionail air sèisd a chur ri Lìbhte 
air muir 'us tir. Cha 'n f haighteadh biadh no còmhnadh sam bith 
eil' a chur a dh'ionnsuidh nam Frangach. Thàinig a' ghainne gu 
bhi co tròm orra 's gu'n robh iad ag itheadh feòil each mu'n do 
striochd iad. Bha màthair na ban-righ air i fèin a dhruideadh a 
stigh 'an Caisteal Dhuneidin, o 'm faiceadh i na h-uile car a chuir- 
eadh hichd a' chòmhrag dhiubh. Bha sàrachadh mòr aice dheth 
bhi 'faicinn a luchd-cuideachaidh dìleas mar sud air am fangadh 
gun chomas dad sam bith a dheanamh ach a' bàsachadh le gorta. 
Bhuail tinneas tròm oirre, leis an do bhàsaich i air an deicheamh là 
de mhios meadhonach an t-samhraidh, 1560. Striochd na saigh- 
dearan Frangach aig an àm sin fc^in, 's chaidh iad air bòrd an cnid 
luingeas gu i)illtinn dachaidh air an t-seathamh là deug de mhìos 
deireannach an t-samhraidh. Agus tri là an dèigh sìn chum Mor- 
airean a* Choimhthionail coinneamh 'an eaglais Naoimh Giles 
'an Duneidin, a thoirt buidheachais do 'n Tighearn air son an 
t-soirbheachaidh a fhuair an t-aobhar. Bha iad a'bhliadhna roimhe 
so, mu'n d' fhàg iad Peirt air an làmh a chur ri Bann eil', a' geall- 
tuinn gu 'n cuidicheadh iad aon a chòil* 'an aobhar a' chreidimh, 
'an aghaìdh gach uile nàmhaid. Theirear an Dara Cìimhnant ris 
a' Bhann so. Chuir Morair Seumas Stiùbhart, larl' Earraghàeil, 
larla Ghlinecàirn, Morair Bòid, agus Morair Ochiltre, agus Mata 
Caimbeul, tigheama Theringland, an làmh-sgrìobhaidh ris 'an 
ainm a' Chomhthionail uile. 

9. Choinnich a' Phàrlamaid air a cheud là de cheud mhios an 
Fhogharaidh. Agua tha e soilleir nach do shuidh Pàrlamaid 'an 



222 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

Alba riamli aig an robh gnothuichean co cudthromach ri rèiteach- 

adh 's a bh' aig a Pharlamaid so. Bha sùilean na Roinn-Eòrpa gu 

h-iomlan air a Phàrlamaid so. Chruinnich mòran sluaigh 'an Dun- 

eidin; ach cha robh coigrich riamh roimhe co rèidh 'an àrd-bhaile 

na rioghachd 's a bha iad aig an àm so. Dh' f han cuid de na h-ard- 

uaislibh a bha na *m Pàpanaich aig an robh còir suidlie 's a Phàr- 

lamaid air falbh. Ach shuidh Ard-easbuig Chill-IììniLiìiìì innte 

agus fear no dithis eile de na h-easbuigibh. Chuir càirdean an 

Ath-leasachaidh litir thagraidh 'an làthair na Pàrlamaid mu 

ghnothuichibh na h-eaglais. Thagair iad air son trì nithibb gu 

h-àraid. Gu 'm biodh saobh-theagasgan na Pàpanachd air an cur 

sios leis a Phàrlamaid, gu 'n gnàthaicheadh a Phàrlamaid a h-ùgh- 

darras air son aoradh glan simplidh'a rèir nan sgriobtuir a chur air 

chois, agus riaghladh Eaglais 'us oideas a rdir nan sgriobtuir agus 

a rèir gnàths na h-eaglais Criosduidh mu 'n tàinig truaillidheachdan 

na Pàpanachd a steach innte — agus gu 'm biodh maoin na h-eag- 

laìr, a mhi-bhuilich na h-easbuigean, air a buileachadh ann am 

ministrealachd dhiadhaidh, ghniomhach, dhleasnach, a chumail suas 

— ann am fòghlum iomchuidh a chumail suas a'measg an t-sluaigh, 

agus ann am furtachd air na bochdaibh — maoin na h-eaglais a bhi 

gu co-ionann air a roinn, anns na trì dòighibh so — air ministeiribh, 

sgoilibh, bochdaibh. B'e so a bhi 'dealbh nithe fiala. Ach bha e 

mò 's fial 'am beachd cuid de bhuiU na Pàrlamaid. Bha'n Eag- 

lais Phàpanach uamhasach beartach 'an Alba. Cha bhuin e do 'n 

eachdraidh so a bhi leudachadh air gach dòigh 's an d' fhuair i am 

mòr shaoibhreas so. Ach bha e air a mheas gu 'n robh dara leth 

fearainn na rioghachd, 'an aon dòigh no dòigh jeir aig an Eaglais 

Phàpanaich air a chruinneachadh da h-ionnsuidh fèin. Bha cur 

a stigh na bha 'n sin a dh' f hearann aice dhi fèin. Agus a nis 

'n uair a bha bhan-chreachadair gu bhi air a creachadh 's ann a bha 

roinn mhòr de na morairibh a bha glè dheònach air a' Phàpanachd 

a chur sios, a' rùnachadh na b' urrainn iad de 'n fhearann a ghlac- 

adh thuca fèin, mar a rinn Eanruic Shasuinn air cuid eaglais na 



MAIRI. 223 

riogliaclid sin. Tiiuìrt na morairean talmhaidli so, nacli robli aig 
lain Nocs agus a chomli luchd cuideacliadh ach faoin bheachdan 
cràbhach, nach gabhadh cur 'an cleachdadh. Ach aig an àm 
<;heudna dh' iarr a Phàrlamaid air ministeiribh an Ath-leasachaidh 
iad a sgriobhadh sios cinn, no suim nan teagasgan fa leth a mheas 
iad a bhi rèir nan sgriobtuir, agus a b' urrainn iad a dhearbhadh 
a bhi mar sin, agus a dh* iarr iad a chur air chois mar theagasg- 
aibh na h-Eaglais Ath-leasaichte. Chuireadh àireamh mhinisteir- 
ean air leth a measg an robh Nocs, air son an ni a dh' iarr a 
Phàrlamaid a dheanamh. An ceann cheithir laithean chuir iad air 
beulaobh na Pàrlamaid an leabhran sin ris an abrar Leabhar Aid- 
mheil a Chreidimh. An dèigh rian 'us òrdugh iomchuidh a ghabh- 
all air son brigh an leabhair so a thuigsinn, thug a' Phàrlamaid breth 
gu 'm biodh an leabhar air a ghabhail mar riaghailt theagasgan na 
h-eaglais o sin a mach. Agus air a cheathramh là fichead de cheud 
nihios an fhogharaidh dhaingnich a Phàrlamaìd an eaglais Ath- 
leasaichte mar eaglais na rioghachd ; agus thoirmisg iad do neach 
sam bith aoradh na h-aifrinn a 'fhrithealadh, 's chuir iad air cul 
gach lagh 'us riaghailt a rinneadh roimhe sud air taobh a Chreid- 
imh Phàpanaich. Chuir a' Phàrlamaid toscair do 'n Fhraing leis na 
Rcachdaibh so, gus an cuireadh a' bhan-rìgh agus a fear-pòsd', a 
"bha nis 'na righ na Fraing, an làmh-sgi'iobhaidh riu. Ach cha 
deanadh iadsan sin air aon chor, *s ann a bha iad làn feirg an 
uair a chual iad mar thachair, agus a rèìv coslais, rùnaicht' air 
gu'n cuireadh iad fodha 'n t-Ath-leasachadh 'an Alba an dèigh 
gach rud. Cha do mheataich so, air aon chor, càirdean na 
h-eaglais aig a bhaile. Bha fios aca roimh làimh gur h-ann mar 
80 a bhitheadh, agus mar a bha cumhachd air thoirt do Phàrla- 
maid na rioghachd, gnothuichean na h-eaglais a shocrachadh mar 
a chitheadh iad iomchuidh, leis a chìimhnant sìth a rinneadh eadar 
Sasunn 's an Fhraing agus morairean a Choimhthionail, 'n uair a 
ftguir an cogadh, bha buill na Pàrlamaid *s càirdean an Ath-leas- 
achaidh ga 'm faotainn fdin tòaruinte 's na h-uile ceum a ghabh 



224 EACHDRAIDH KA H-ALBA 

iad. Agus ma bha na h-easbuigean Pàpanach a' gabhail misneachd' 
sam bith o chumhachd righ na Frainge, chaidh sin a ghearradh 
uatha gu h-iomlan le bàs an rìgh sin air a 5 là de mhios meadhon- 
ach a gheamhraidh air a bhliadhna so fèin. Bha ban-rìgh Alba 
air a fàgail na bantraich 'an ceann a h-ochd bliadhna deug, agus 
ma bha i àrd-inbheach 's an t-saoghal, bha i air sheòl eile na ban- 
traich glè aonaranach — gun athair gun mhàthair, gun phiuthar 
gun bhràthair, gun mhac gun nighinn. Goirid an dèigh sin chuir 
Pàrlamaid Alba teachdairean uatha air son a fiadhachadh a Ttall 
d'a rioghachd fèin. 

Air a bhliadhna so fèin, air an fhicheadamh là de mhios meadh- 
onach a gheamhraidh, choinnich a* cheud Ard-Sheanadh de eaglais 
Ath-leasaicht' Alba 'an Duneidin. Cha robh de bhuiU 'san Ard- 
Sheanadh so, ach dà fhichead, agus cha robh ach seisear mhinist- 
eirean 's an àireamh bhig so, an roinn bu ro.-lionmhoire dhiubh 
na'n seanairibh. Go dheanadh tàir air là nan nithe bea^a? 



CAIB. XXVIII. 

MAIRI. 



Dh' fhaq ban-rìgh Màiri an Fhraing, nach robh i gu fhaicinn gu 
brath tuiUeadh, air 15 là de cheud mhios -an fhoghair 1561. 
Thàinig i air tìr 'an Libhte mu mheadhon an ath mhios air ìh co 
fliuch, ceathach 's bu chuimhne le muinntir na dùthcha fhaicinn. 
Tlireòraich iad i le aoibhneas 'us iolach gu lùchairt Holirud. Bha 
ileigeadh oirr' a bhi toilicht' air son tir a dùtbchais fhaicirn, 
agus an onair a bha 'n sluagh a' nochdadh dhi. Ach 's an trc'^ h 
a stigh bha a cridhe, 's a spiorad àrdanach, leònta. Bha suù'h- 



UAiRi. 225 

eachadh inntina *U3 beachdan na bantraich òig so, gld eadar-dheal- 
aicht' o bheachdaibh an t-sluagh a bha i nis a' dol a riaghladh. 
Bha e air a thoirt fainear d'a taobh, gu 'n robh i mi-fhortanach 
anns an luchd-comuinn a measg an robh i air a togail suas o h-òige. 
Thug a màthair, agus bràithrean a màthar dearbhaidhean soilleir 
air gu 'n robh iad cuilbheartach, fuilteach, neo-sgàthach 'an toirt 
air aghart droch-bheirt sam bith air an smuainicheadh iad 'an 
aghaidh chàirdean na flrinn, agus neo-sheasmhach ri 'n gealladh, 
co fad 's a gheibheadh iad sin freagarrach d' an rianaibh 's an càil 
fèin. Agus, ma 's fior na sgeòil, bha i ni bu ro mhi-f hortanaich 
na sin a thaobh a màthar-chèile. Ma tha firinn anns na tha kichd- 
eachdraidh ag innseadh mu 'n bhan-rìgh ud, Catrine de 3fedicis, 
bha ban-oide-fhòghlum aig Màiri òig Stiùbhart co coirbte 'sa 
b' urrainn a bhi. Leis na h-uile ni a bh' ann, cha'n urrainnear a* 
ràdh gu'n d' fhuair Màiri an ceartas a b' fhearr 'na h-òigc. Thàinig 
àireamh maith de luchd-frithealaidh Frangach na cuideachd do 
Alba. Nam measg sin bha sagart. Air a' cheud sàbaid an ddigh 
dhi tighinn chum i 'n t-aoradh 'an Abaid Holirud a rdir dòigh na 
h-eaglais Pàpanaich. B'i so a' cheud aifrinn a thuirteadh 'an Alba 
o chuireadh sios a' Phàpanachd le Reachd Pàrlamaid ; agus bha 'n 
sluagh ro dhiombach air son a' bhan-righ a bhriseadh air lagh na 
rioghachd. Labhair lain Nocs 'na aghaidh 's a chìibaid air an ath 
shàbaid Thuirt e gu 'ra b' fhearr leis d^ich mìle nàmhaid fo an 

lid armachd fliaicinn a' tighinn a steach do 'n rioghachd gu a 
ceannsachadh, na aon aifrinn a bhi air a cantainn innte. Dh'innis 
e na h-aobharan a bh' aig air sou a bhi de 'n bheachd ud. Thuirt 

iiithe eil* 'an coimhcheangal ris a' phuinc a bha cuid a* meas 
♦..-ii-urramach do'n bhan-righ. Chaidh na nithe sin uile a ghiùlan 
d'a h-ionnsuidh. Chuir i fios air an t-searmonaiehe, 's bha comh- 
l.ibhairt eatorra. An uair a phill e air ais dh'fheòraich a' chàird- 
c m deth a bharail air a' bhan-righ. " Mheall mo bhreithneach- 
adh mi," are' esan, "mur 'eil inntinh uaibhreach innte, deas 



226 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

bliriatliraclid chuilbheartach, agus cridhe cruadhaicht' 'an agh- 
aidh Dhè 'us fhìrinn." Bhiodh i mar bu tric', aig an àm so, a' cur 
a' comhairle ri 'bràthair, larla Mhàrr. Rinn i larla Mhuraidh 
dheth an ath bhliadhn an dèigh so, an tiodal leis am bheil e air 
ainmeachadh le luchd eachdraidh. Bha larla Mhuraidh a measg 
an fheadhainn bu sheasmhaiche de Mhorairean a' Choimhthionail. 
Bha e dol an lethsgeul na ban-righ 's a' cheud dol a mach, ag iarr- 
aidh a bhi foighidneach rithe, agus ùine thoirt di, gus an tigeadh 
i gu inntinn a b' fhearr. Cha ghiùlaineadh Nocs le leithid sin de 
lethsgeul idir, 's tharruing so beagan eas-còrdaidh eatorr' aig an 
àm. Ach 'an ùine ghoirid thug Morairean a' Choimhthionail an 
aonta dha gu'm feudadh a' bhan-righ a bhi 'g aoradh mar a b' àill 
leatha 'na h-eaglais fèin. Cha d' aontaich i riamh leis an Achd 
a rinn l^àrlamaid na rioghachd, 'sa' bhhadhna 1560, a' cur sios 
a' ChreMimh Phàpanaich, agus a cur a' Chreidimh Phròstanaich 
air chois mar aidmheil na dùthcha ; ach bha i gu sàmhach a' giù- 
lan leis an òrdugh 's an robh nithe a nis, le stiil ri gu'n tigeadh àm 
a b' iomchuidh air a' Phàpanachd a chur air chois fathasfe. 
Choinnich a' Phàrlamaid 's a' bhliadhna 1563, agus chuireadh an 
gnothuch so fa chomhair na ban-righ ; ach f huaradh gu 'n robh i 
co daingean 's a bha i roimh' 'an aghaidh a sheulachaidh. 
Ach dh' aontaich i gu 'm biodh Ard-easbuig Chill-Rìmhinn 
air a chur am priosun, 's air a thoirt gu mòd air son e bhi frith- 
ealadh na h-aifrinn. 

2. Feudar innseadh ann an so gu'n do bhàsaich Màiri fhuilteach 
Shasuinn 'an ceud mhios a' gheamhraidh, 1559, 's gu'n tàinig a 
piuthar a b' òige, Ealasaid, thun na caithreach 'na h-àite. B' i 
Anna Boulein màthair Ealasaid; 's mar nach d'aidich am Pàpa 
riamh gu'n robh e laghail do Eanruic i sin a phòsadh, bha na 
Pàpanaich uil' a' meas Ealasaid mar leanabh ain-dligheach, aig 
nach robh còir sam bith air tighinn thun na caithreach. Bha Ealas- 
aid air a togail 's a' Chreideamh Ath-leasaichte. Bha i air a geur- 



MAIRI. 227 

leanmhuinn fhad 's a bha 'piuthar air a chaithìr. Ach co hiath 
's a f huair i fèin an riaghladh dh' aisig i 'n rian aoraidh a chuir- 
•eadh air chois ri liun a bràthar. 

Dh' èirich eas-còrdadh mòr eadar a* bhan-righ agus Morairean 
a' Choimlithionail mu'n àm so, air son ionnsuidh a thug i, tre a 
lùn-Chlèireach, Lethingtou, air lain Nocs a ribeadh 'sa dhiteadh, 
a. rèir an làgha, mar ciontach de cheannairc 'an aghaidh na ban- 
ligh. Bha'n t-Ard-sheanadh an ddigh ùghdarras a thoirt dhasan 
<ìoinneamh a ghairm uair sam bith a chitheadh e cunnart ag èir- 
idh do aobhar an Ath-leasachaidh. Shaoil leis-san gu'm fac e sin, 
agus sgriobh e litir air son coinneamh a ghairm, 'sghnàthaich e 
cainnt a bh' air a meas cruaidh 'an aghaidh na ban-righ. Ach an 
•dèigh a bhi air a shumanadh 'an làthair na h-Ard-chomhairr, 
agus a bhi air a chasaid gu geur 'an sin le Lethington, dhion se e 
fèin co gleusta, curanta, 's gu 'n do shaor a' Chomhairl' o na 
L-uile diteadh 'us cunnart e. Ghabh a' bhan-righ am breitheanas 
5Ìn gu h-olc, 's chaill Lethington a fàbhar gu h-iomlan air son a 
ohion soirbheachaidh ann an casaid Nocs. Cha robh leithid so 
-de oidhirpeaii a' luGjlidachadh misneachd nam Pròstanach, acli bha 
ìad a' cuideiichadh a» sùilean fho8gladh gu bhi faiciiin ni b'fhearr 
•co ris a bha 'n gnothuch. 

3. Bha comh sgriobhadh aig an àm cheudu' a' dol air aghart 
■eadar ban-righ Ealasaid Shasuinn, agus Màiri, mu thimchioll a 
pòsaidh. Bha Ealasaid ag ràdh gu'n do bhòidich i nach pòsadh 
i \m feasd. Bha fios aice mar an ceudna gu'm bi ban-righ Màiri 
•an t-oighr' a b* fhaisge dhi f6ìn air crìin Shasuinn ; ach cha bu toil 
leatha bhi toirt iomraidh idir air sin. Bha 'càirdean ro dheònach air 
gu'm pòsadh Màiri ; agusbhaEalasaid a' leigeadh oirrenach robh dad 
AÌce fèin an aghaidh i phòsadh. Agus bha i 'dol co fada ri bhi 
'moladh a leithidsud 's a leithid so de àrd mhaitliibh Shasuinn dhi 
aÌT son fir-pò.sda; ach an uair a bhiodh an gnothuch a' fàs cos- 
.mhuìl ri ni eigin de chruth a ghabhail, thilgeadh i rud eigin 's an 



228 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

rathad a dheanadh eu-comasach gu 'n tachradh am pòsadh, gus mu^ 
dheireadh an d' aithnich Màiri gur h-ann a bha'n tè eil' a' caith- 
eamh bhead oirre, 's an do rùnaich i gun a comhairl' a chur rithe 
tuiUeadh. Roghnuich i fèin mar a fear pòsda Morair Eanruic 
Pàrnlaidh, mac bu shin' larla Lenocs, d'am bu mhàthair a' bhan- 
tighearna Mairireat Dùghlas. Phòs i Morair Dàrnlaidh air an 
naoidheamh là fichead de mhìos deireannach an t-samhraidh,, 
1565. Chuireadh fios gu Ealasaid Shasuinn gu'n robh i air pòs- 
adh, sgeul a thug i dearbhadh gu leòir air a bhi mi-thait- 
neach dhi. Bba cuid de àrd mhaithibh Alb' a bha mi-riar- 
aichte leis a' phòsadh so. Bha Dàrnlaidh agus an teaghlach 
d'am buineadh e na'n dìi Phàpanaich; agus tha cuid ag ràdh 
gur h-ann air son sin a bha larla Mhuraidh 'na aghaidh, 
agus their cuid eile gur h-ann a bha naimhdeas diomhair eadar 
an urra mhòr so agus teaghlach Lenocs. Dh'fheudadh an dara. 
ni dhiubh sin a bhi 'meudachadh an ni eile. Co dhiù dh' èirich 
an t-Iarla Muireach,'s an t-Iarl' Araineach,'us Gleanncàirn, 'us Ear-^ 
raghàel,' us Rothes, le'n cuid daoin', ann an ceannairc an aghaidh na 
ban-righ goirid an dèigh a pòsaidh. Bha iad air am misneàch- 
adh le Ealasaid Shasuinn gu sin a dheanamh ; ach cha robh sluagh 
na dùthcha fathast air f às co sgìth de Mhàiri 's gu'n tilgeadh iad 
dheth 'n chaithir i. Mharcaich i fèin 's Morair Dàrnlaidh air 
ceann an airm a dh'èirich 'na h-aobhar, agus 'an ùine ghoirid 
sguab iad a mach as an rioghachd larla Mhuraidh 's a' chuid- 
eachd. Ruith iad an sin gu cilirt ban-righ Ealasaid, 'an dìiil gu'n 
dìonaidh i iad ; ach 's ann a leig i oirr' a bhi ro fheargach riu._ 
Ghairm i tearc dhiubh 'na làthair, 's chuir i 'cheist riu 'an làthair 
an Toscair Fhrangaich, an tug no nach tug ise misneachd dhoibh 
gu èiridh 'an aghaidh am ban-righ fèin ? Einn iad gnè de dh'aid- 
eachadh nach tug, 's dh' fhuadaich i air falbh as a fianuis iad, ag 
ràdh gu'n cuireadh an ni a rinn iad droch eisimpleir fa chomhair a 
cuid iochdrana fèin. Phill na fògarraich allabanach an sin air 



MAIRI. 229 

•aìs thun na crìch', agus fhuair larla Charlile fios gu h-uaigneach 
o Ealasaid, na h-Albaunaich a chumail suas air a costas-se, gus 
am faigheadh iad àm iomchuidh air pilleadh d'an dhthaich fèin. 

4. Cha robh Dàrnlaidh 's a' bhan-rìgh fad pòsda n uair a thàinig 

iad gu cur a mach air a chdile. Bha esan ro bhras, uaibhreach 'na 

spiorad, 's cha bhiodh e idir riaraichte gus am faigheadh e 'n crùn 

Pòsda, mar theirteadh ris 'an Alba ; 'se sin e bhi 's an aon inbhe 

rÌ3 a' bhan-rìgh ft^in a chionn e bhi pòsd' aice. Cha robh bhan- 

rìgh deònacli air sin thoirt dhà, co hiath, co dhiti gun a comhairr 

a chur ris a' Pliàrlamaid. Ach ged a bha so 'na aobhar mòr còmh- 

stri eatorra, 'se rinn an gnothuch ni bu ro mheasa, gu 'n tug Dàrn- 

laidh gnìiis do 'n fheall chomhairl' eagalaich a rinn cuid de àrd- 

mhaithibh na tìr' air son Risio, rìin-chleireach na ban-rìgh, a chur 

gu bàs 'am fuil fhuair, mar theirear. B' Eadailteach Risio so. 

Thàinìg e gu cìiirt Alb' 'an cuideachd Toscair Shabhoidh 's an 

p]adailt a tuath. Bha e'na dheadh fhear-ciùil, agus gleusta, seòlta, 

anu an toirt gnothuich air aghart. Dh' èirich e àrd 'am fàbhar 

na ban-rìgh. Bha peinsean aig o 'n Phàpa. Cha robh ni a' dol 

nir aghart 'an Alb' a nieasg muinntir an Ath-leasachaidh nach 

robh e deanamh aithnichte do chìiirt na Roimhc. Tre a sheòl- 

aidhibhsan, chuir a' bhan-rìgh a seula ris a chomh-bhoinn eagal- 

riich ud a bh' eadar na Gìiisich, bràithrean a màthar, agus am 

Pàpa, 's rìgh na Spàinne gus an creidcamh Ath-leasaichte chur sios 

-an Roinn-Eorpa leis na Pròstanaich uil' a chur gu bàs. B'e 

t òiseachadh na h-oibre f uiltich so an casgradh mòr a rinneadh air 

I'ròstanaich na Fraing' air là Naoimh Bhartohneuis, 24 de cheud 

mhios an fhoghair 1572. Cha robh ach cuid de na h-ais-innleachd- 

aibh 80 a' briscadh a mach mu thimchioll Risio aig an àm. Co 

dhiii bha na Pròstanaich 'an Duneidin ag àithneachadli nach bu 

deadh charaid doibh e. Ach 's e bii' aig Dàrnlaidh 'na aghaidh, 

gu'n robh e fèin 's a' bhan-rìgh ro mhòr aig a à\6ììe. Air oidhche 

an naoidheamh là de dhara mios an earraich, threòraich Dàrnlaidh 

ceathairn maith de dhaoin' uaisl' a steach do sheòmar uachdrach 



230 BACHDRAIDH NA H-ALBA 

an lìichairt Holirud. Bha bhan-rìgh na suidh' aig suìpeìr còmhf 
ladh ri tearc de mhuinntir a teaghlaich a measg an robh Risio.' 
Thàinig Dàrnlaidh a steach do 'n t-seòmar, 's Morair Rutbhen air 
a shàil, 'us oighre Rutbhen agus Seòras Dùghlasach, 'us feadhainn 
eil' air an cìil sin, ullamh gus an luchd-treòrachaidh a chuideach- 
adli. Dh'fheòraich a bhan-righjciod bu chiall do'n iomairt ud. 
Thuirt Morair Rutbhen ri Risio 'e bhi ag èiridh, nach b'àite sud 
air a shon. Dh' èirich a' chuideachd a bha 'na 'n suidhe, 's rinnr 
Risio greim air a' bhan-rìgh, ach an dionadh i e. Chaidh a ghreim- 
a spionadh uaith' 'an tiota, 's a sguabadh a mach as an t-seòmary 
do 'n t-seòmar a b' fhaisg, agus à sin do rùm eile. Bha dìiil ac' a 
thoirt gu crois a' bhail' agus a chur gu bàs gu foUaiseach. AcK 
chual' iad fuaim airtaobh a muigh na h-aitreibh air a mhionaid so; - 
'smar gu 'n gabhadh iad eagal, gu 'n tigeadh cuid-eigin 's an ead- 
reigin a bheireadh uath' e, throimh lot iad gu bàs e le 'n cuitl 
armachd far an robh iad. Dh'fhàgadh an fhuil air làr an t-seòmair 
gun ghlanadh rè ùine fhad' an dèigh sud, agus chitheadh luchdT- 
amhairc sam bith a thigeadh an rathad an làr dearg leis an fhui. 
lè ioraadh bliadhna. Agus tha spotan dearga ri 'm faicinn anu' 
gus an diugh; 'stheir luchd-gleidhidh an Talla Rioghail ud, gur- 
h-ann leis an fhuil a chaidh a dhòirteadh, direach tri ceud bliadhna. 
roimhe so, a tha làr an t-seòmair ud mar sud air a dhath. Cha 
d' rinneadh atharrachadh sam bith air na seòmraichibh o'n uaÌE- 
ud. 'Am feadh a bha obair a' mharbhaidh a dol air a h-aghaidlt 
bha bhan-rìgh gu frasach a* sileadh dheur agus ag aslachadh orta 
gun iad ga mharbhadh. 'N uair a thuig i gu 'n deachaidh an deò- 
as, thiormaich i a deòir, 's thuirt i gu 'n smuainicheadh i 'nis air 
cionnus a dheanadh i dioghaltas. 'An dèigh a' ghniomh fhuiltich^ 
so, chum na mòrairean ud a' bhan-righ 'na priosunach 'an lùchairt; 
Holirud car tamuill,gu 'n duin' a leigeadh fagus dhi ach a fear-^ 
pòsda. Bha iad an dùil gu 'n atharraicheadh iad uachdaranachd 
Da rìoghachd gu buileach. Ach thug ise air Dàrnlaidh na h-uile- 
ni a bha o thoiseach gu deireadh timchÌQU air a' mhort ud aideach- 



MAIRI. 231 

adh. Dhit e càch uil' agiis thuirt e nach robh coire sam bith aige 
feia ris. Leig a bhan-rìgh oirre gu 'u do chreid i siu. Ach fhuair 
i dearbhadh au deigli làimh, gu 'n robh e co cioutach ri càch. Bha 
rathad uaigueach fo 'u talamh a macli as au luchairt, air nach robh 
fios ach aig t^arc de nihuinntir au teaghlaich. Dh' iarr a' bhau- 
rìgh 'us Dàrnlaidh cead air au luchd-gleidhidh a bh' oirr', a dh(ìl 
do sheòmar eile gii beagau tàimh a ghabhail. Chaidh i feiu 'us 
Dàrnlaidh air am màgaibh tre 'u t-slighe dhùldaidh, dhuirch ud, 
gus an d' fhuair iad a mach fo 'n ghàradh a bha 'cuairteachadh na 
lùchairt. 'N uair thàinig iad air uachdar au talmhainu 'au siu, 
air an oidhche reòtht' earraich ud, bha beagau mharcach a' feith- 
eamh orra 's dà dhioUaid falamh anns au do shuidh a' bhan-righ 
*s a companach. B' i 'u ath-sgeul a chuala na ^Moraireau a bha ga 
gleidheadh gu 'u robh i 'n Duubarr. Chuir i fios a sin gu a càir- 
dibh air feadh na dhthcha iad a thional da h-ionnsuidh. An tearc 
de laithibh bha còrr 'us ochd mìle saighdear air tighinu gu a 
bràtaich. Mharsail i air ceann ua harmailt do Dhuneidin, 
's b' (5igin do na Morairibh ceanuairceach teicheadh le 'm beatha. 
Bha larla Mhuraidh 's an fheadhainu eil' a rinn ceannairc còmh- 
ladh ris air pilltiun à Sasunu aig àm an troimh' chèil' a thachair 
an dèigh bàis Risio. Agus o nach robh fios aig a bhan-rìgh ciod 
a dheauadh i, no co as an earbadh i, thug i maitheauas do larla 
Mhuraidh, 's ghabh i steach 'na 'comhairl' e gus a cuideachadh 
<ia dioghaltas a dhcanamh air mortairibh Risio. Aig an àm 
cheudna dh' fhius i ni b' fhuatliaich air Dàrnlaidh na bha i riamh, 
*8 dhealaich iad gu buileach ri chèile. Dh' aiseadadh a' bhau-righ 
air prionnsa, Seumas VL, air an naoidheamh là deug de mhios 
meadhonach an t samhraidh. Aig àm baistidh an naoidhein so, 
bcagan làithean an ddigh sin, chaidh Dàrnlaidh a philleadh air 
falbh gu tàireil o 'n dorus, gun chothrom fhaotainn a leanabh fèin 
fliaicinn. Mar a bha 'm briseadh eadar a' bhan-righ 's a fear-pòsd' 
a' 8Ìor dhol am farsuingeachd, bha fear eile de mhaithibh na 
rioghachd ag èiridh ann am fabhar aig a bhan-rìgh. B' e so larla 



232 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

Blìotiieil, duin' aobhail olc, a bha 'n dèigh roinn mhòr de 'tiin' a 
chur seachad air tir-mòr na h-Eòrp', agus air mòran de dhroch 
cleachdaidhean nan tirean sin a thoirt dachaidh leis. Bha'n 
duin' ais-innleachdach so a' treòrachadh na ban-rìgh gu muUach 
creig' uamhasaich gus a tilgeadh sios. Chaidh Dàrnlaidh a 
thàmhachd do thigh 'athar 'an Glascho. Dh' fhàs e tinn leis a 
bhan-ghucaich an sin. 'N uair a chaidh e gu maith am feabhas 
chaidh a' bhan-rìgh a shealltuinn air, 's leig i oirre gur h-ann a bha 
i ro thaingeil air son e bhi air a chaombnadh, 'sgu 'n robh i maith- 
eadh dha na h-uile coir' a bha ri chur as a leth. Le mòran brìod- 
ail, dheth 'm b' urrainn i pailteas a' chleachdadh, bhreug i leatha 
gu ruig Duneidin e; 'so nach robh e gu h-iomlan fathast saor o 
lagacliadh an tinneis, chomhairlich i, gu 'n cuireadh e seachad 
beagan laithean 'an tigh Mhanach air taobh a muigh ball' a' bhaile 
ris an abradh iad Eaglais an achaidh. Bhiodli a' bhan-righ fèin gu 
maith tric a' tighinn a shealltuinn air an sin. Bha i còmhladh ris 
air oidhche na sàbaid an naoidheamh là de cheud mhios an earr- 
aich. Aig uair àraidh, 'n uair a bha e teannadh ri bhi gu maith 
anmoch, smuainich i, mar gu 'mb' eadh le gradaig, air ni a bh'air dol 
as a cuimhne; gu 'n do gheall i bhi 'làthair aig pòsadh aon de cuid 
searbhantan, agus dannsadh air a' bhanais, Bha i air a bonnaibh 
gu falbh ann am mionaid; phòg i a fear-pòsda, 's leìg i soiridh 
ghràidh leis. Air an oidhche sin fèin thàinig cuid de sheirbhisich 
larla Bhotueil, gu folchuidh thun na h-eaglais. Bha mòran fùdair 
ac', a f huair iad air a chur an òrdugh 's an t-seileir a bha fo 'n 
eaglais, dìreach fo sheòmar leaba Dhàrnlaidh. Bha iuchraichean 
meallt' aca leis an d' fhuair iad a stigh. Mu dhà uair 's a' mhad- 
uinn thàinig an t-Iarla f èin a dh' fhaicinn an robh gach ni 'an 
òrdugh. Bha na leusan tein' ac' air an cur 'na 'n àite goirid roimhe 
sin, 's cha b' f hada gus an do las am f tidar, 's an deachaidh an 
eaglais na smùid do na speuraibh. Chualas am fuaim anns gach 
ceàrpa de 'n bhaile. 'N uair a shoilleirich an là, fhuaradh cuirp 
Dhàrnlaidh 's a ghille-frithealaidh 's an lios ri taobh làthrach na 



MAIRI. 233 

h-eaglais. Chaidh Botuel a shealltuinn air a' chorp, mar a chaidh 
muiimtir eile, 'sphiU e dh* ionnsuidh na ban-righ a dh' innseadh 
mar a thachair, 's a' gabhail air a bhi làn iongantais mu cionnus a 
b' urrainn a leithid tachairt. Ghabh a' bhan-rìgh a biadh maidne 
gvL neo-smuaireanach. 'An seachduin no dhà, chaidh i mach thun 
na dìithch' a cMuiche còmhladh ri Botuel 'us dithis no thriùir de 
Mhorairaibh eile. Bha fios aig na h-uile ga 'm b'e Botuel am 
priomh ghniomhair 'am mortadh fhir-pòsda na bàn-righ. Fhuair 
Lenocs, athair an fhir a mhortadh, cothrom Botuel a shumonadh 
gu mòd agus a chasaideachadh mar mhortair a mhic Fhuair a' 
bhan-rìgh là air òrduchadh anns am feumadh am mòd suidhe. 
Ach bha 'n ìiine co goirid 's nach b' urrainn Lenocs na fianuisean 
uil' a tharruing, 's na nithe eile fhaotainn 'an òrdugh air son na 
cìiise. Dh' oidhirpich e tuilleadh ùine fhaotainn leis an là chur 
a mach ni b' fhaide. Cha 'n fhaigheadh e sin no taing. 'N uair 
a thàinig an ceann là 's gun Lenocs ullamh air an son, thàinig 
Botuel a steach do Dhuneidin le cuig mile marcach armaichte. 
Bha na fianuisean air an cur air falbh as an rathad, no ga 'm foluch 
f(ìin, 's bha fios aig an t-scòrsa bhreitheamhna a bh' ann gu'n cuir- 
eadh Botuel gu bàs cuid diubh iè'm na 'n abradh iad ni sam bith 
'na agliaidh. 'S e bun a bh' ann shaor iad e o na h-uile coire 's a' 
ghnothuch. Chaidh neart thar neart. 

5. Chuir Botuel uaith' a bhean phòsda fein, le lethsgeul gu'n robh 
i ro fhagus 'an dàimh dha ; agus an ddigh iomadh car cliceach, 
carach; a chur dliiìibh 's a' bheagan sheachduinibh sin, phòs ban- 
rigli Màiri e air a' chuigeamh là deug de chcud mhìos an t-samh- 
raidh, direach tri miosan an ddigh dha a ccud fhear-pòsd' a mhort- 
adh ; ach 's pòsadh gun sìth bh'ann, araon doibh fèin 's do'n riogh- 
achd. Cha b' fhada gus an do bhris nàdur coirbte Bhotueil a 
mach co fiadhaich 'sgu'n tàinig a beatha gu bhi gld shearbh do'n 
bhan-righ. Cha tàmhadh Botuel gus am faigheadh e sealbh air 
a' phrionns' òg, agus mar a bha fios aig na bha timchioU air a' 
chhirt gur h-ann air son a mhilleadh a bha e ga iarraidh rinn iad 



234 EACHDKAIDH NA H-ALBA 

an dìchioll air a cliumail uaithe. Ach cha ghiùlaineadh an dùth'-- 
aich ni b' fhaide le leithid sud de chùirt thruailUdh. Dh' èirich 
larla Mhortoin, 'us Mhaitlaind, 'us feadhainn eil, aig' an robh 
dearbh-chinnt air gu 'm b' esan am mortair, gus a thilgeadh a 
mach as an nead a bha a dol a dheanamh dha fèin. Thàinig iad orra 
's iad gu neo umhaiUeach a' fleadhachas 'an Caisteal Mhorair; 
Borthuic. Theich iad gu grad à sin, a bhan-righ air a cur 'an cruth* 
gille bùird. Ràinig iad Caisteal Dhunbàrr, air an robh robh Botueli 
"na cheannard. Chruinnich iad dà mliìle saighdear 'an sin leis an 
d' oidhirpich siad iad fèin a dhìonadh o na Morairibh ceannairc^ 
each. Sheas iad air cnoc Charberri, dlùth air làthrach blàr Phinci. 
Bha so air a' chuigeamh là deug de mhios deireannach an t-samh- 
raidh, dìreacli mios iomlan an dèigh dhoibh pòsadh. Thàinig na 
Morairean, le 'n luchd-leanmhuinn as an dèigh an sud, 's sheas. 
iad f'an comhair. Ach cha b' fhada gus an d' aithnich a' bhan- 
righ nach tarniingeadh duine de na bh'air a taobh arm d truailli 
air a sgàth. Bha fìos aca co bh'ann Botuel, 's ciod de'n robh 
c ciontach. Thòisich iad a' sgapadh 'n an ceudaibh 's n'an leth- 
cheudaibh, an sud 's an so. Chaidh fear dhiubh a null le 'shleagh 
gu ceannard an airm eile, 's leig e sios i air a bheulabh, mar 
chomharr air gu'm bu leòsan a' bhuaidh. Ged bu chruaidh so 
b' fheudar do Mhàiri a ghiùlan. Chomhairlich i do Bhotuel aii! 
àraich fhàgail. Ghabh e 'chomhairle so. Chunnacas e 'toirt a 
làimhe dhi 's a' marcachd air falbh. Cha 'n fhac iad a' chèile 
tuiUeadh. Thug esan am muir air, le tearc de luchd-leanmhuinn! 
eucorach coslach ris fèin. Lean e greiseag air a bhi 'na chreach- 
adair mara; chaidh a ghlacadh 's a chur 'am priosun an Lochluina 
a deas, far an do bhàsaich e 'na amadan deich bliadhn' an dèigh so, 
6. Thug Màiri suas i fèin do na Morairibh, 'an dùil gu'm buin- 
eadh iad fathast rithe mar bhan-righ, 's gu 'm biodh iad umhai 
dhi. Thug iadsan 'air ais gu buaidh-chaithreamach i gu Dun- 
eidin air an fheasgar sin fdin. Mar a bha iad ga treòrachadh air 
mharcachd tre shràidibh a' bhaile gu tigh a' Phrobhaist, 's a cuid. 



MAIRI. 235 

fuilt sgaoilte sìos mu 'broilleach, 's a h-aghaidh air atadh le deur.- 
aibh, bha muinntir a' bhaile 'sealltuinn a mach air na h-uinneagr 
aibh, agus 'u an seasamh 's na dorsaibh, a' tilgeadh mar athais. 
oirre na nithe d an robh i ciontach. Dh'èirich connsachadh mòr 
a measg nam Morairean 'us hichd riaghlaidh a' bhaile mu ciod 
bu chòir a dheanamh rithe. Bha Nocs agus Seònis Buchanan a/ 
cumail a mach ma bha righrean, no hichd-riaghlaidh, ciontach d& 
mhortadh, no droch ghniomh, gu'm bu chòir an toirt gu ceartas 
agus an cur gu dcuchainn air son am beatha mar mhuinntir eile. 
Ach 's e rinn iad aig an àm a cur 'na priosunach do chaisteal 
làidir a bh'air eilean Lochlebhein, agus paipeirean ullachadh ris 
am fcumadh i a seula 'chur gu'n robh i 'leigeadh dhi nan uile- 
nithe 'bhuineadh do rioghachadh ann am fàbhar a mic, agus gu'm. 
biodh a bràthair, larla Mhuraidh, 'na Thàinistear na rioghachd 
gus an tigeadh a mac gu aois. B' eigin di aontachadh ris na 
cùmhnantaibh sin uile, 's nithean eile aig an robh coimh- 
cheangal riu. 

7. 'S gann a bha Màiri aon mios deug na priosanach 'an Cais^ 
teal Lochlebhein 'n uair a fhuair i rian air teicheadh. Chuireadk< 
fear de fhreiceadain a' Chaisteil air falbh roimhe sin fo amharus^- 
gu*n robh e 'deanamh seòl air a leigeadh air falbh. Ach bh» 
comh sgrìobhadh eadar am fear so agus giullan òg eil' a bha 's a' 
Chaisteal, a ghabh an rian a chaidh a theagasg dha air a* bhan- 
righ a leigeadh air falbh. Bha fear a* Cìiaisteil a* cur na h-iuch~ 
rach air ceann a' bhìiird *n uair a bhiodh e aig a' bhiadh. Leig^ 
an t^òganach ud, a'^bha *na fliear frithealaidh aige, le 'nèipicin. 
tuiteam air a' bhòrd, air rauin na h-iuchrach; an uair a bha e 
*togail an nèipicin thog e *n iuchair leis. Bha gach ni eil' ullamh, 
an uair sin, 'sghrad dh'fhalbh e gu tìr le Màiri 'sle a maighdinn. 
sbeòmair, a* glasadh a' Chaisteil 'na dheigli. Bha Morair Seton 
le pàirtidh chàirdean 'a* feitheamh air bruaich an loch. Chaidh, 
a* bhan-righ *na diollaid air ball, 's mharcaich i gu Caisteal Ni(h*i, 
*B air an ath latha gu Ilamilton. Chuir i fios a dh* ionnsuidhi 



236 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

nam Morairean a shaoil leath a bhi dìleas dhi, 's choinnich àir- 
€amh niaith dhiubh. 'Am beagan làithibh bha sea mile saighdear 
aig a brataich. Rhnaich i fèin 's a kichd comhairle gu 'm biodh i 
air a cur do Ghaisteal Dhunbartoin gus a pearsa bhi tearuinte, 
's gu'n cogadh na saighdeara gus am faigheadh iad air a l;-aiseag 
i gu cumhachd. Cha d' fhuair an Tàinistear ri 'chèile 's an ùine 
ghoirid ud ach ceithir mile saighdear ; ach rìinaich e leis an àir- 
eamh sin fèin a dhol an coinneamh armailt na ban-righ. Mhàrsail 
ise air ceann a h-airm fòin gu Dunbarton; bha baile dìreach air an 
t-slighe a dh' fheumadh i gabhail an sin : agus dli' f heumadh iad 
gabhail troimh chaol shràid a bha ruith tre 'n bhaile sin. Mu *n 
àm an robh lad a tighinn a stigh do 'n bhaile, bha a chuid daoine 
fèin aig an Tàinisteir air an tarruing 'an òrdugh air cìil nan gàr- 
aidhean 's nan craobhan a bha 's a choimhearsnachd, far am biodh 
iad fo dhion. na h-ionadaìbh dionaidh sin loisg iad air armailt 
na ban-rìgh, 's mharbh iad mòran diubh, 's an dèigh greiseag 
chòmhraig a chumail ri arm an Tàinisteir b' èigin doibh an ciil a 
thionndadh, 'us teicheadh. Chaidh mòran a mharbhadh 'san 
ruaig. An uair a chunnaic a' bhan-righ thruagh a h-armailt air 
an sgapadh ri ceithir ghaothaibh nèimh, thionndaidh i ceann a 
h-eich gu deas, 's cha do lasaich i fèin 's an tearc a bha còmhladh 
rith' eang gus an d' ràinig iad Abaid Dhundreanain air cladach 
Sholabhaigh, trì fichead mil' o'n àite 's an do chuireadh am blàr. 
Bha fios aice nach robh e sàbhailte dhi fuireach ni b' fhaide 'an 
Alba, 's rinn i air son a dhol thar muir gun dàil. Chomhairlich 
a luchd coimhideachd dhi dhol do 'n Fhraing far am faigheadh i 
gabhail rithe gu caoimhneil 'na h-airc ; ach bha Màiri ni bu sgithe 
de 'n Fhraing na bha fios acasan. Eoghnuich si i fdin a thilgeadh 
air caoimhneas ban-righ Ealasaid. Sheòl i null air a chaol 's thug 
i suas i fèin do 'n cheud oifigeach Shasunnach a thachair rithe. 
Chum Ealasaid i na priosunach naoi bliadhna deug. 



CAIB XXIX. 



SEUMAS VI. 



Co luath 's a sheulaich Màiri na cumhachan a' leigeadh dhith na 

rioghalachd, chaidh a mac a chrhnadh fo ainm Seumas VI. ann aa 

eaglais Aird Shruileidh. Thug larla Mhàrr leis am phrionnsa 'na 

ghàirdeinibh, shearmonaich lain Nocs. Chuireadh an crùn os 

ceann an leinibh ; ghabh larla Mhortoin agus IMorair Home na 

mionnan air a shon ; bhean na tighearnan eile, agus an sin, "na 

h-uaislean ris a chrùn mar chomharr air an co-aontachadh. 'N uair 

a bha so uile deanta, thugadh an leanabh air ais d' a bhan-altrum. 

Cliaidh larla Mhuraidh do 'n Fhraing goirid an dèigh do Bhotuel 

a bhi ciontach de 'n mhort ud, a rèir coslais, a' meas nach biodh 

a bheatha fdin t(5aruinte na 'n (jireadh Botuel gu cumhachd. Bha 

e nis air pilltinn do Alba, agus air drcuclid na Tàinistearachd a 

ghabhail os làimh. Bha esan 'na dheadh charaid do aobhar an 

Ath-leasachaidh. Choinnich a' Phàrlamaid goirid an dòigh dha 'n 

Tàinistearachd fhaotainn, agus rinneadh laghan 's a' Phàrlamaid 

sin a bha gu maith fàbharrach do aobliar an Ath-leasachaidh. 

Anns an t-seisean so dhaingnichcadh gach lagh a bh' air an dean- 

amh 'n bhliadhna 1560 air taobh nam Pròstanacli 'san aghaìdh 

nam Pàpanach, 'smar an ceudna nach bitheadh neach sam bith air 

a chrùnadh 'na rìgh Alba gun a mbionnan a thoirtgu'n cumadh e 

suas an creideamh Pròstanach ; agus mar an ceudna nach bitheadh 

dreuchd flioUaiseach abhuineadh do chùisibh na rioghachd,ach aig 

Pròstanach. Bha 'n Tàinistear gu cinnteach 'na athair altruim 

do 'n eaglais. Bha e 'na inncal 'an làimh freasdail a bha ro fheum- 

ail anns a bhi toirt cumhachd aimsireil na rioghachd gu co-aon- 



-'238 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

tachadh, antomhas mòr ris na nithibh a bha 'n eaglais ag iarraidh. 
Ach bha mòran de àrd-uaislean eile na rioghachd air tighinn gu bhi 
nis air taobh an Ath-lcasachaidh. Dh' fhàgadh a' Phàtronachd 
fathast 'an làmhaibh na. muinntir aig an robh i roimhe so ; ach 
's gann a bha ni sam bith eil' a chunnaic an eaglais iomchuidh 
iarraidh air an uachdaranachd aimsireil, nach d' f huair i. Lean 
. an t-Ath-leasachadh air soirbheachadh mar so gu buadhach rè thrì 
bliadhna, ged a bha mòran aimhreit air feadh na tir', eadar pàirt- 
' idh na ban-righ, 's pàirtidh an righ. Ged a bha ise 'na priosun- 
ach 'an Sasunn, 's nach b' urrainn iadsan a toirt as, gidheadh bha 
dream àraidh a' gabhail orra bhi dìleas dhi, agus leis an leth-sgeul 
so a' cur 'an aghaidh an Tàinisteir. Bhiodh an dà phàirtidh so a' 
coinneachadh 's a marbhadh a chèile na 'm ficheadaibh mar gu 'm 
b' ann 'am blàr suidhichte. Ach mar is mo a bha càirdean na ban- 
rìgh, a b' iad da rìreadh càirdean a' Phàp' a' deanamh 'an aghaidh 
an Tàinisteir, 's ann a b' fhearr a bha e air a dhaingneachadh mar 
àrd uachdaran na rioghachd. Mu dheireadh, 'nuair a thuig iad 
nach buadhaicheadh iad 'na aghaidh air dhòigh chneasda no fhol- 
laiseach sam bith, chuir iad an conihairle ri ch^il' air son a 
bheatha thoirt deth le foill. Fiiuair i;i l iiuieal gun dol fad air a 
thòir a bha ullamh gus an gniomh fuilteach a gliabliail os làimh. 
B' e so Hamilton Bhotuel-haugh. Bha fios roimli làimh gu'n robh 
an Tàinistear gu dhol troimh bhaile LinHthgo, agus fhuair Hamil- 
ton a mach air an là sin fèin ciod an t-sràid a bha e gus a ghabhail. 
Ghaidh e stigh do aon de na tighean sin, 's shuidh e air cùl uinneig 
amn an seòmar uachdrach le 'ghunn' air a làn- togail. B' èigin 
do 'n Tàinistear a bhi marcachd gu mall a thaobh lionmhoireachd 
an t-sluaigh leis an robh e air a dhòmhlachaidh. Loisg Hamilton 
air 'n uair thàinig e fa chomhair na h-uinneig air chìil an robh e. 
Chaidh am peileir tre chorp an Tàinisteir 's mharbh e 'n t-each a 
bh' air an taobh eile dheth. Chaochail an deadh Thàinistear, mar 
theirteadh ris, air an oidhche sin fèin, gu foighidneach, giùlanta, 
a' toirt maitheanais da Daimhdibh. Bha bràthair Hamiltoin a' 



SEUMAS VI. 239 

Ìeitheamh air cìil an tighe le each diollta. Leum am mortair 'na 
-dhiollaid co luath 'sa chinnich leis an t-olc a chnr 'an gniomh, 
's theich e gu dùthaich a luchd-cinnidh, far an robh e tèaruinte. 
Rinneadh caoidh mhòr feadh Alb' uil' air son larla Mhuraidh. 
Ach bha'n fheadhainn bu ro fhuiltich 's bu naimhdeile de na Pàp- 
^naich ro aoibhneach air son gu 'n do chinnich an t-olc ud le Ham- 
ilton, agus bha gàir mhòr-aoibhneis a measg nan ctiirtean Pàp- 
anach air tir-mòr na Roinn-Eòrp' air son an call ud a thighinn air 
an Ath-leasachadh 'an Alba. Bha iad a' meas mar ni faisg air a 
bhi deanta, gu'n robh an t-Ath-leasachadh air a stampadh a mach. 
'an Alba. An sin cha robh dad ri dheanamh ach armailtean 
Frangach, 'us Spàineach, 'us Eadailteach, a chur air tìr 'an Alba, 
^gu. briseadh a steach air taobh tuath Shasuinn, 's armailtean eil* 
-a chur air tir *an ceann a deas na rioghachd sin a ghabhadh gu 
tuath, gus an coinnicheadh iad mar sin a chèil' an d<^igh na h-uile 
DÌ a bha 's an tìr 'an aghaldh a' Phàp a bhàthadh gu h-iomlan, 
''s nach biodh air an Ath-leasachadh cuimhne gu bràth no luaidh. 
Mar so bha iad ag àireamh, ach bha mearachd fuathasach 's a 
-chunntas 'an dèigh dhoibh sgur dheth. 

2. Fhuair larla Lenocs, athair Mhorair Dàrnlaidh, an Tàinisteir- 
•eachd, an dèigh larla Mhuraidh. Chaidh esan a mhortadh mar aa 
•ceudn* an ath bhliadhn' an deigh sin. Bha fear Circaldi, uachdaran 
tia Oràinnsich, 'na fhear-riaghlaidh air Caisteal Dhuneidin, a bha 
•e cumail 'an aobhar na ban-rìgh agus 'an aghaidh an Tàinisteir, 
's an rìgh hig. Bha baiie Dhuneidin 'an torahas mbr fo mheachainn 
an fhir so. Bha oifigich a' chaistcil a' cleachdadh mòran ain-tigh- 
«amais air a' bhaile. Cha 'n fhniHngeadh iad margadh a chumail 
ann. Cha leigeadh iad le neach sani bith biadh no conuadh a reic 
Ann. Dhìt iad gu bàs bean àraidh air son i dh' oidhirpeachadh nithe 
& thug i stcach o'n dùthaich a reic 'sa' bhaile. Thug iad air a h-ais 
^Q a balle fèio i 's chroch iad i. Chumadh càirdean na ban-rìgh 
Pàrlamaid an Daneidia mar a thogradh iad. Ach 's ann an Siai- 



240 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

leadh a blia càirdean an rigli 's an Tàìnisteir a' coinneachadh. Ghlac 
Lenocs Caisteal Dhunbartoin a bha gu sin 'an làmhaibh pàirtidh 
na ban-rìgh. Bha Harailton, Ard-easbuig Chill-Rìmhinn, bràthair 
màthar an fhir a mhort larla Mhuraidh, air teicheadh do 'n daing- 
neach sin air son dìdeiu. Shlaod iad esan gu Sruileadh, dhlt, agus 
chroch iad e, air son an làmh a bh'aig 'am bàs Dhàrnlaidh 'us larla 
Mhuraidh. Ach goirid an deigh sin, chuir Circaldi cuig ceud saigh- 
dear a steach do Shruileadh feadh na h-oidhche, 's ràinig iad tigh aii.' 
Tàinisteir gun neach a sheasamh rompa, 'srinn iad priosunach dheth. 
Mu'n do thàrr iad air tuilleadh a dheanamh, bha freiceadain a' chaist- 
eil, 's muinntir a' bhaile ga 'n cuairteachadh ; mharbh iad an sin an 
Tàinistear 's thug iad au casan leò. 

Chaidh larla Mharr a roghnuchadh an sin gu bhi 'na Thàinist- 
ear. Bha 'm Morair so cliùiteach air son. a thrèibhdhireis 'na latha. 
Ach tha cuid ag ràdh nach robh e co duineil 's a dh' fheumadh 
Tàinistear Alb' a bhi 's an àm charraideach ud. Shaoithrich e mar 
a b' urrainn e ann a bhi 'g aiseag coimhreit' eadar hichd na còmh- 
stri 'san rioghachd. Ach bha ro mhòran 'na 'aghaidh. Bhris na. 
doirbheasan a bha 'coinneachadh ris a shlàinte, 's bhàsaich e air a*^ 
bhliadhna sin ièìu. B'ann air a' bhliadhna so, 1572, an ceathramh là 
fichead de cheud mhìos an fhoghair, a rinneadh an casgradh uamhas- 
ach ud air na Pròstanaich 's an Fhraing, là Bhartolomeuis. Bha Nocs 
air teicheadh à Duneidin do ChiU-Rìmhinn roimhe so; agns e air 
fàs gu maith fann le droch shlàinte. Dhìrich e 'chùbaid an t-sàbaìd 
an dèigh an sgeula cràiteach a chluinntinn, 'sged a bha e lag, thog 
e 'ghuth gu maith treun, 's chuir e 'n cèìll breitheanasau an Tigh- 
earn' 'an aghaidh nam mortairean ud, agus an teaghlaich rioghail 
leis an robh sud air a' cheadachadh. Chaochail Nocs air a' cheath- 
ramh là fichead de cheud mhios a' gheamhraidh a' bhliadhna sin 
fèin. Air a' cheart là air an do bhàsaich lain Nocs, bha larla 
Mhortoin air a chur a stigh do dhreuchd na Tàinisteireachd. Cha 
robh e gle chàirdeach do Nocs rè a bheatha; ach 'na sheasamh air 



seumàs VI. 241 

bruaicli na h-uaigb, an dèigh an corp a chur 'na luidh' imnte, 
thuirt e, " Ann an sin tlia esan 'na luidhe nach do ghabh eagal 
riamh roimh ghnùis duine." 

4. Cha robh Morton ri 'mholadh air son ni sam bith ach a thap- 
achd 's a sgiobaltiichd 'an toirt gnothuich air aghart. Cha bu char- 
aid do 'n eaglais idir e, ach 's e 's coslaiche gu'n do chuidich pàirt- 
idh na h-eaglais ri 'fhaotainn do 'n dreuchd a chionn e bhi air taobh 
an rìgh òig, 's an aghaidh na bau-rìgh, 's nach robh e f urasda nèach 

eile fhaotainn, freagarrach air sou na dreachd aig au àm. Chaidh 
aa cogadh sìobhalt' eadar luchd rìgh, 's luchd ban-rìgh air aghart 
ni b' fhuiltiche na rinn e riamh. Bu Dùghlasach Morton, 's 
theirteadh naf cogaidhean Dùghlasach ris a' chasgradh a bha dol 
air aghart eadar e fein 's muinntir na ban-rlgh. Cha seamadh e 'u 
crochadh na 'm ficheadaibh 's na 'u ceudaibh mar thuiteadh iad 'na 
làmhaibh, gun an toirt gu mòd no Siorraimh. Bha 'n taobh eile mar 
a b' urrainn iad a' toirt a steach tòrachd siu; agus le sin dh' fheum- 
adh gu 'u robh staid na dìithcha ro thruagh. Ach 'an ùine ghoirid 
fhuair Morton còmhnadh shaighdearan 'us ghuunaidhean mòra o 
Ealasaid Shasaiun, Icis an do chuir e sèisd ri Caisteal Dhuneidin. 
Rinn na h-inneala cumhachdach sin a leithid de bhearnan air clach- 
aircachd làidir a chaisteil, 's gu 'm b* eigin do Chircaldi striochdadh. 
Chaidh e fein 's a bhràthair a chrochadh, 's 'n uair a chuuuaic Leth- 
ington, a bha air bith 'na Rùn-chleireach aig a' bhan-rlgh 's a bha 
còmhladh ri a càirdibh 's a' chaisteal, nach d' fhuair Circaldi trùcair, 
chuir se e f6in ga bàs anns a' chaisteal, mar tha cuid ag ràdh, le 
puinnsean. 

5. Chaiil taobh na baa-rìgh, mar so na bh' aca de chumhachd 
's an rioghachd, 's b' 6igin striochdadh do'n taobh bu ireise. 'N uair 
a fhuair Mortou e fòin air a dhaingneachadh 'an cumhachd mar so, 
gun ncach comasach air cur 'ua aghaidh, thòisich e air càrnadh sua.s 
airgid 'us saoibhreis gun sealltuinn co dhiù a b' ann leis a' chòir no 
leis an eucoir a bha e 'deanamh sin. Ach cha robh ni sam bith eilo 
ba rahò a choisinn de mhi-cliliu dha 'ua'n riau a ghabh c air maoia 



24:2 EACUDRAIDII NA H-ALBA 

na h-eaglais a ghlacadh (3ha fein. 'N uair a chuìreadh sios an creid- 
eamh Pàpanach aig an Ath lejisachadh, dh' fhàgadh dà thrian am 
beòlaind aig na h-easbuigibh 'us uiinìsteiribh eil' a' chreidìmh sin, 
fhad'sbubheò iad. Cha d'fhn;iir an eaglais Ath-Ieasaichi' ach 
trian de mhaoin na h-eaglais aig an àn sin. Blia i gu bhi 'faotainn 
na codach eile 'n uair a bhiodh ua h-easbuìgean Pipanach air bis- 
achadh. Ach bha sùil Mhorairean 'us dhaoine mòr eile na riogh- 
achd 'an deigh a bhi leigeadh na bha'n sud de fhearann a dh' ionn- 
suidh na h-eaglais; 's ann a bha gach fear dhiubh a' cleachdadh 
ìnnleachdan air son am fearann a bha dlùth air a chrlch a ghlacadh 
dha fèin. Feudar aon saimpleir comharraicht' innseadh air an 
dòigh a bha cuid diubh a' gabhail gu sin a dheanamh. Chaidh 
daoin' a'imeachadh leis a' Phàrlamaid aig an Ath-Ieasachadh ris 
an abrfì ■ Oommendators^ ris an d' earbadh fearann na h-caglais, 
aig an r ;bh cur a stigh an fhearaìnn ri 'roìnn air a' mhuinntlr d'am 
buineadh e, fhad 's bu bheò iad. Dh' fheumadh iad cunntas a 
thoirt as an stiùbhartachd air fear iiin Abaid no tigh Mhanach air 
bith. 'Sa' bhliadhna 1570 thug larla Chasilis fiadhachadh càlrd- 
cil do Aba Chroisragueil, 'an Siorrachd Ara, tighinn ga amharc. 
Thug an t-Aba, gu neo-umhailleach, ùmhlachd do *n fhiadhachadh 
so. An uair a fhuair an t-Iarla 'na chumhachd fein e, threbraich e 
lemeasgadh de cheilg's de ainneirt e gu tùr uaigneach a bha'n croch- 
adh a mach os ceann na mara. Anns an tùr so bha seòmar fol- 
chnidh anns nach robh airneis air bith ach greideal no pràis-obair 
iaruinn, agus teine foipe leis an robh i air a cumail dearg theth. 
"Mo Mhorair Aba," arsa Casilis, "nach bi sibh co raaith'sga'a 
cuir sibii 'ur làmh-sgriobhaidh ris na paipeiribh so," 's e spìonadh a 
mach as a phòcaid dòrlach phaipeirean air an robh samhbdh no 
cruth gabhail fhearainn sgrìobhta, a bha toirt fearainn na h-Abaìd 
ris an robh ceangal aige seachad do'n larla 's d'atheaghlach. " Cha 
chuir mi gu dearbh," ars' an t-Aba, " mo làmh ri leìthid -in da 
phaipeiribh leis am biodh an eaglais air a spùineadh dheth a cò.'-iich- 
ean." Dh'fhosgail an t-Iarl' an doras, 'sthàinig tearc de lachd 



SEUMAS VI. 243 

frithealaidh a steach, 's rag iad air an Aba *s rùisg iad e, 's shìn ìad 
air an iarnnn theth e, 's thòisich iad a' dòirteadh ol' air mar air feòil 
no iasg a bhiodh ga ròisteadh. Bha 'n t-Ab' a' glaodhaich co àrd 
^sa b' urrainn e, 's e 'tairgseadh a sporain do neach sam bith a ghrad 
mharbhadh e, 's nach biodh e 'fulang nara piantan ud. Thugadh 
air gealltuinn mu'n tàinig e à sud gu'n cuireadh e 'làmh-sgriobhaidh 
Ti ni sam bith. Thug Casilis an sìn an ath tharruing air na h-inn- 
ealaibh, 's chuir an t-Aba bochd, le làìmh leth ròist' 'ainm sios fo 
na cumhachan a bh'aig an larl' air an ullachadh roimh làimh. 
Bha 'n Abaid air a spùineadh. Le rian garbh cnapach èigin mar 
so ghabh mòran eile sealbh air fearann na h-eaglais. Ach do 
bhrìgh gu'n robh Morton 'na Thàinistear cha fhreagradh dha dòigh 
co ainneartach is sud a ghabhail gus an eaglais a chreachadh. 
B' e 'n dòigh a ghabh e feuchainn am faigheadh e aon de mhinis- 
teirean na h-eaglais fèin a ghabhadh os làimh a bhi 'na easbuig, no 
na àrd-easbuig 'an àite nam Pàpanach a chuìreadh sìos, ach gu 
h-aideachail 'na fhear dreuchd 'an eaglais Ath-leasaichte na h-Alba. 
Bhiodh pàigheadh na h-easbuigeachd an aon suim a bha i roimhe 
8ud; ach bhiodh a' chuid bu mhò dheth sin aig Morton, 's bheir- 
eadh e tabhartas maith do'n fhear eil' air son ainm na dreuchd a 
bhi aige. Shaoileadh neach nach faigheadh e ministeir air bith. 
's an eaglais Ath-Ieasaicht' a ghabhadh os làimh a leithid sin de 
thràillealachd; ach fhuair e sin gun dol fad' air a thòir. 

6. An nair a chuireadh gu bàs Hamilton, Ard-easbuig ChiII- 
Rìmhinn, dh'iarr agus fhuair Morton cead o 'n Phàrlamaid beòlaind 
na h-àrd-easbuigeachd ud a reiccadh. Cha leigeadh an lagh leis 
a bhi 'na Ard-easbuig e fein, ach bha e ga mòr 'au geall air a chur 
a stigh a churaail aige fein. Agus fhuair e lain Dùghlas, a bha na 
fhear teagaisg 'an Oil-thigh ChiII-Rìmhinn, air a chur a stigh do 
dhreuchd na h-Ard-easbuigeachd ud. Bha earrann an leòmhain 
gn bhi aige fèin de'n phàigheadh, agus cuibhrionn chuimseach aìg 
an Dùghlasach. Bha so mu'n d'fliuair Morton an Tàinisteireachd, 
's mu'u do bhàsaich Nocs; agus rinn e troirahe choile mhòr 'sau eag- 



244 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

lais aig an àm. Ach lean cuid eìl' air droch eisimpleir an duine so 
an dèigh sud. Agus o nach robh aig an easbuig ach beagan 's an 
t-ainm, 's gur h-ann a bha tromlach a chur a stigh aig a' Mhorair, 
thug muinntirna dùthcha "nah-easbuigean Tulchanach" mar ainm 
air an leth luchd dreuchd ud. B' e 'n Tuichan gu litireil craicionn 
laoigh air a lionadh le connlaich no ni eigin mar sin, 's air a chur 
ri taobh na bà leis a' bhanaraich 'an àm a bhi toirt a' bhainn' uaipe^ 
An uair a chitheadh a' bhò sud shaoileadh i gur h-e 'n laogh a 
bh'ann/s bheireadh i'm bainne gu pailt. Bha na Morairean sanntach 
ud a' faotainn rud maith bainu' air sgàth nan easbuigean Tulchain. 
B'e lain Dùghlas an ceud fhear de na Tulchanaich ; ach lean àireamh 
maith as a dheighsan, 's tha gach troimhe cheile 's eas-còrdadh a 
bhaiad ag aobharachadh co mòr air an toinneamh a stigh 'an 
eachdraidh na rioghachd 's nach comasach dhuinn faotainn troipe- 
gan a bhi coinneachadh gu tric ris na Tulchanaich, no na Tulchan- 
aich a bhi coinneachadh ruìnn. 

7. Thug an t-ana-ceartas 's am fbirneart a bha Morton a' guàth- 
achadh anns gach dòigh 's air gach duin' a b' urrainn e, gu saoibh- 
reas a chàrnadh suas, air dream àraidh de na Morairean bu tapaidh 
's an tìr, an guaillean a chur ri chèir air son a thilgeadh a mach as 
a dhreuchd. Chinnich leb sin a dheanamh 's au dòigh bu lugha 
cunnart sam bith dhoibh fein; b'e sin, impidh a chur air an rìgh hg 
gu nachdaranachd na tìr' a' ghabhail thuige fein. Cha robh Seumas 
ach dà bhliadhna dheug 'n uair a ghairm e Pàrlamaid cruinn 'na 
ainm fèin. Co luath 's a thuig Morton gu 'm b'i toil an rìgh an 
t-srian fhaotainn 'na làimh fèin, leig e gu h-umhail dheth an Tàinis- 
tearachd, nì a bha dùil aig mòran nach deanadh e. Agus o'n 
-channcas gu'n do leig e as a làimh a chumhachd gu'n dragh a chur 
air duine sam bith aig an àm, rinn a' Phàrlamaid de chaoimhneas ri» 
gu'n d' aoutaich iad uile ri Achd annsjan robhHàn mhaitheanas air 
a thoirt do'n larl' air son nithibh mi-chubhaidh sam bith a bha 
ri 'n cur as a leth fhad 's a bha e 'na Thàinistear. Ach 'n uair a 
fhuair se e fèin saor o na h-uile cunnart 'an soj^^cha b' fhada gus an 



SEUMAS yi. 245 

deacbaidh aig' air a churahachd a ghlacadh a rìs le luchd-comhairr 
an rìgh a thilgeadh as au dreuchd agus e foin a^ghabhail sealbh air 
pears' an rìgh 's tòiseachadh air riaghladh mar bha e roimh' ach 
'an ainm an rìgh. Agus a reir na h-uile coslais so an ni a bha 'na 
mheadhon air a bheath' a' ghiorrachadh. Thòisich an rìgh eadhon 
aig an aois òig so a' gabhail tlachd 'an luchd-fàbhair iosal. B' iad 
an dithis ris an robh dlù-chomunn aige mu'n àm so Esme Stiùbhart, 
mac bràthar larla Lenocs, agus 'oighre, agus am fear eile Caiptin 
Seumas Stiùbhart de theaghlach Ochiltre. 'N uair a b' èigin do 
Mhorton tomhas àraidh de 'shaorsainn a leigeadh leis an rìgh, ghabh 
an Caiptin so an cothrom air a' chasaid 'am fianuis nà Comhairle, 
mar neach a bha ciontach de bhàs athar an rìgh. Bha na h-uile 
nithe eil' air am maitheadh dha le Achd Pàrlamaid ; ach cha robh 
lomradh 's an Achd sin air an làimh a bh' aige 's an droch ghniomh 
ud. Mhol a chàirdean do'n larla teicheadh air falbh a nis le 
'bheatha, 's thairg iad, os iosal, na h-uile cuideachadh dha air son 
sin a dheanamh. Acli dhiult e teicheadh, mar a bha e smuaineach- 
adh gu'n dionadh se e fèin. Goirid an deigh Morton a chur 'am 
prìosun, thog an rìgh Caiptin Stiùbhart gu bhi 'na larl' Arain. 
'N uair a chuala Morton sin, thuig e nach robh dol as aige; gu 'n 
deanadh an rìgh ni sam bith a dh'iarradh am fear-fàbhair ud. 
Flmaradh breitheamhna 'us fianuisean a chur air chois leis an robh 
' lorton air a dhlteadh. Dh' aidich e roimh a bhàs gu'n robh fios 
-i'^e roimh làimh gu 'n robh 'am mort ga bhi air a dheanamh, ach 
nach tug e gnùis idir dha 's nach do rahol se e, agus gu 'n robh e 
air innseadh do Dhàrnlaidh fein, mur b'e gu'n robh e cinnteach gu'n 
innseadli esan do'n bhan-rìgh e, 's gu'n coisneadh sin am bàs dhàsan, 
Ach cha robh Seumas agus 'fhear-comhairle fuilteach a' dol 'thoirt 
6isdeachd do 'n dòigh dliionaidh so. Chuir iad gu bàs e mu 
mlicadhon an t-samhraidh 1581 le inneal ris an abrar a' Mhaighdean, 
a bha e fcin roirahe sud air thoirt & Sasunn gu eagal a chur air a 
.mhuinntir a bhiodh eas-nmhal dha. 

8. Fliiinir an t-Iarl' Araineach a nis cothrom dol air a:?hart mar 



246 EACIIDRAIDH NA H-ALBA 

a thogradli e. Chumadh e pailteas miodail ris an righ, 's dheanadh 
an rìgh air a chomhairle ni sam bith a dh' iarradh e. Theireadh an 
t-Iarla gu'm bu leis an rìgh na h-uile cumhachd spioradail co maith 
is tìmeil 's an rioghachd; chreideadh an rìgh sin 's chuidicheadh 
8 'n t-Iarla gus na h-uile neach a chuireadh 'na aghaidh a chumail 
fodha. Bha Morton an dèigh fear Adamson a chur a steach do 
Ard-easbuìgeachd Chill-Rìmhinn an dèigh an Dùghlasaich. Bha 'n 
t-Araineach no a chàirdean a nis a' faotainn a' bhainn' o'n Tulchan 
so. Bha Ard-easbuig Ghlascho air bàsachadh, agus thug a' Chomh- 
airle cur a stigh an àite sin do Dhiùc Lenocs, comh-fhear cluich'^ 
eil* an rìgh. Fhuair Lenocs fear Montgomeri, no Mac Gumerait, a 
ghabh os làimh Tulchanachd Ghlascho. Bha eaglais Ath-Ieasaichte 
na rioghachd a nis air a buaireadh 's air a sàrachadh gu ro mhòr 
leis na Tulchanaich nach bu tearc de gach seòrs', eadar easbuigean 
'us eile. Chuir Ard-sheanadh na h-eaglais, 's a' bhliadhna 1582, 
buidheann air leth air son a dhol air beulaobh an rìgh 's na Comh- 
airV, a thagradh air son gu'n tugtadh air falbh ainm 'us àite nan 
casbuigcan 's an eaglais. Bha litir thagraidh air a sgrìobhadh anns 
an robh aobharan an gearain air an cur sìos. Bha Aindrea Mel- 
bhil air ceann na buidhne ris an d' earbadh an gnothuch. An uair 
a fhuair iad'an làthair an rìgh's na Comhairle dh'fheòraich an t-Iarla, 
air dha sealltuinn ris an htir, "Co leis am bu dàn' an ainmean 
a sgriobhadh ris na nithibh ceannairceach so." '" S dàna leinne," 
ars' Aindreas a' chridhe leomhanta; agus a' dol air aghart thun a' 
bhùird, rug e air peann à làimh cleireach na Comhairl' agus sgriobh 
e sios ainm fèin ris an litir. Ilinn na ministeirean eil' air ball an nì 
ceudna. Chuir duinealas Mhelbhil 's a chomh mhinisteirean ni-eigia 
de athadh air an Araineach; 's ged a bha gu leòr a stigh, cha tàinig 
diog as a bheul; chum e air fèin. Labhair Lenocs gu ciùin, foigh- 
idneach ris na daoinibh, 's fhuair iad an sin cead falbh à làthair na^ 
Comhairle gu sìochail. 

9. Air a' bhhadhna an dèigh so ghlais buidheann bheag de na 
Morairean Seumas 'an Caisteal Rutbhein, anns an do chuir e seachad 



SEUMAS VI. 247 

oidhche 'an àm dha bhi air sgriob a' sealg feadh Adhoill. Bu le 
larla Ghouri an eaisteal so. Sgapadh droch luchd-comhairr an 
righ uaithe. Chaidh Lenocs do'u Fhraing far an d'fhuair e bàs, 
goirid an dèigh sin, 's cha'n fhaigheadh an t-Iarl' Araineach cothrom 
a thigliinn fagos d'a mhaighstir. Ach cha b' fhaide na bliadhna 
cliaidli ac air an rìgh a chumail 'sa' chuiiig so; ghoid e air falbh 
oatbi *.s thug e CiII-Rìmhinn air, 's chuir e fios air a sheana chàird- 
ean tighinn da ionnsuidh an sin, 's thòisich nithe a' ruith 's an t-seaa 
cLIais. Chuireadh impidh air an rìgh gealladh a thoirt naeh dean- 
tadh peanas sam bith air na Morairibh a chuir 's a' chuiug ud e, o'n 
is ann air son a leas a rinn iad e. Ach an deigh an gealladh sin a 
thoirt, chuir e larla Ghouri gu bàs 'n uair a fhuair se e fèin làidir 
gn leòr air son sin. Air a' bhliadhna sin fein chuireadh gairm lagha 
gu Aindrea Melbhil air son e ga thaisbeanadh fèin 'an làthair na 
Comhairle gu freagradh air son briathra ceannairceach, a bh' air an 
aithris a' labhair e'n aghaidh luchd-riaghlaidh na rioghachd. Nochd 
Melbhil gu soilleir o'n sgriobtuir gur h-ann aig an eaglais a bha 
gnothQch ris air son briathran, no ni mi-chubhaidh sam bith eile 
de 'm feudadh e bhi ciontach 'an aoradli follaiseach an Tighearna, 
Dhiùlt e an ùghdarras -san aiileachadh 's a' ghnothuch. Ach ghabh 
id an dòigh fèin air a dhìteadh. Chuir iad 'am priosan 'an Caist- 
eal Dhoncidin c 's chuireadh a chuid shaoghalt' uile fo bhreith an 
rìgb. Ach thnig Melbhil an deigh sin gu 'n robh iad gus a chur do 
Chaisteal Bhlacnes, a bhuineadh do 'n larl' Araineach. Bha fios 
aìge na'm faigheadh an dnìne BÌn fo a mheachainn e nach faigheadh 
6 as le 'bheatha; agus 's e rìiin e 'ii cothrom a ghabhail air teicheadh 
go Bernic. Fhuair e fàth air siii a dlieanamh am foadh a bha'a 
t-Iarr a eur air dòigh nan trùpairean a bha gus a ghiùlain gu Blac- 
nes. 'N uair a fhuair an rìgh 's an t-Iarl' Araineach Meìbhil as aa 
rathad shaoil leò gu'm biodh e furasda dhoibh an eaglais a thoirt 
go ooiitacbadh ri'n toil lèìn 's na h uilc uithibb. Lean iad an eis- 
implcir a chuir Morton roinpa, air son eaglais na h-Alba 'thoirt a' 
chnid 'sa' cboid go ùmblachd do na b-easbuigibh, agus tre na h-eas- 



248 EACHDRAIDH KA H-ALBA 

buigìbh gu ùmlilachd dhoìbh fèin. Bha Morton air còrdadh ri 
Ealasaid Shasninn mu'n ghnothuch so. Bha ise ga mholadh dha- 
san, 'sbha esan gle dheònach air a comhaìrle 's a h-eisimpleir a 
leantuinn. Bu nighean a h-athar fein Ealasaid. Their luchd- 
eachdraidh nìghean fhearail Eanruic rithe. Bha h-athair 's a sean- 
air roimp' an dèìgh uaislean 'us cumantan Shasuinn a chur gu 
h-iomlan fo smachd do 'n ùghdarras fèin. Lean ise na 'n cos-cheum- 
aibh-san, 's na h-uile nithibh a bhuineadh do riaghladh sìobhalta na 
rioghachd agus cha 'n fhuilingeadh i e bhi air atharrachadh dòigh 
'an gnothiiichibh na h-eaglais. Bha i gun teagamh ag aideachadh 
inòr fhuath do gach ni a bhuineadh do 'n Phàpanachd, agus 's an 
t-seadh sin bha i feumail 'na h-àite do aobhar an Ath-Ieasachaidh. 
Ach cha 'n fhaigheadh na h-easbuigean cothrom an t-atharrachadh 
bn lugh' a dheanamh air co-shuidheachadh na h-eaglais ach a rèir 
a focail-se, agus dh'fheumadh iad, olc air mhaìth leò, na h-uile nithe 
a bhuineadh do riaghladh na h-eaglais ann an teagasg, 's an oideas 
a chur 's an òrdugh an iarradh ise orra; cha robh dol a null no nall 
uaithe sin. Agus raar sin feudar eaglais Ealasaid a ràdh ri eaglais 
Shasuinn. Mar a dh'fhàg ise i, tha i gus an là 'n diugh aìr a riagh- 
ladh, cha'n ann leis na h-easbuigibh, ach leis an rìgh no bhan-rìgh, 
d' am feum na h-easbuigean a bhi umhail.* So ma ta, an dearbh 
chumadh gus an robh Seumas YI. agus a dhroch comhairleach, an 
t-Iarl' Araineach a nis ag oidhirpeachadh eaglais na h-AIba a thoirt. 
Se 'n dèidh mhòr a bh' aig' air an eaglais Albannaich a' thoirt a 
dh' ionnsuidh na h-aon dàimh ris fein 's an robh an eaglais Shasuun- 
ach do Ealasaid a thug e gu bhi cleachdadh uiread de ain-neirt anns 
a bhi fòirneadh easbuigean Tulchanach air an eaglais an aghaidh 
a toil, 's a bha e deanamh, agus a lean a mhac, 'us mac a mhic 'na 

* Rè còrr is ceud bliadhn' an dèigh an Ath-Ieasachaidh bha seirbhis 
còisrigidh nan easbuigean 's nam ministeirean eìl' an aon ni. Chaidh 
seirbhis a'choisgrigidh a mhùthadh leis na heasbuigibh 's a' bhliadhna 
1662, an uair a thòisich Ard-eaglaiseachd ga nochdadh fèin 'an Sasunn. 



SEUMAS VI. 249 

t3h6igh air a blii 'deanamh. Agus 's e 'n dearbh chinnt a bh* aig 
cinn-iùil na h-eagh\is giir i sud an inntinn de'u robh an rìgh, aon 
de na h-aobharan a thug orra cathachadh 'na aghaidh mar a rinn 
iad gu còraicheaa na h-eaglais a dhìonadh, agus a co-shuidh- 
eachadh a chumail air a' bhonn sgriobtuireil air an robh e air a chur 
le aithrichibh an Ath-leasachaidh. 

10. Aans a* Phàrlamaid a choiunich 'autoiseach an t-samhraidh, 
1584, fhuair an t-Tarl* Araineach na laghan mi-chliùiteach ud air 
an toirt air aghart, ris an abair Inchd eachdraidh "Na Reachda 
Dabha." Cha ruigear a leas an cur sìos focal air an fhocal, mar 
a chaidh iad troimh 'n Phàrlamaid. Ach *s e bu chiall doibh, na*n 
cuireadh neach sam bith an aghaidh àrd-chumhachd an rìgh, no 
iia h-ùrd-chomhairl' ann an nithibh spioradail no aimsireil, gu'm 
biodh e air a mheas mar a' deanamh àr a mach 'an aghaidh an 
lìohj *sgu'n deantadh peanas air a roir sin; agus ueach sam bith a 
a chuireadh an aghaidli a chumhachd cheudna bhi air a ghnàthach- 
adh lc trì stàitibh na Pàrlamaid, gu'm biodh e air a mheas ciontach 
irir an dòigh cheudna, agus nach feudadh iochdarana na rioghachd 
a nis cruinneachadh 'an ceann a' cheil' ann an coinueimh sam bith, 
ach a mhìlin na cùirtean lagha, gun chead agus ìlithne shonruicht* 
an rìgh a bhi aca chum sin; 'snach biodh e ceadaichte do neach 
sam bith, 'an uaigneas no'ra follais, 'an searmoiu, no 'n comhluadar 
eadar duin' 'us duine, coire sam bith fhaotainn do 'n rìgh, no d'a 
Chomhairle, ge b' e ni a dheanadh iad, fo eagal peanais a bhi air a 
:amh orra raar luchd ccannairc 'au aghaidh an rìgh. Bha "Na 
iv.,.:lida Dubha" air an daingneachadh leis a* Phàrlamaid, 's air 
an cur an c6ill gu follaiseach raar reachdaibh na rioghachd. Cha 
do thog a' bheag sam bith de mhaithean na dìlthcha guth an agh- 
£idh nan laghan ain-tighearnail ud. Ach thuig ministeirean na 
h-caglais gur h-ann 'nan aghaidh fein gu h-ìlraidh a bha iad air an 
tarruing, agus chuir iadsan 'n an aghaidh 's na h-uile dòigh *s au robh 
c 'n an comas. Ach 's ann a bha cìocras 'us conachd an Arainich 
f us na h-uile cumhachd fhaotainn dha fuin, a' dian ghrcasad an ama> 



250^ EACHDRAIDH NA H-ALBA 

's ann an seadh ag ullacliaclh nan innealan, a bha gns na h-uìr inbh' 
'us urram saoghalt' air an d' ràinig e 'spìonadh as a làmhaibh. Mu 
dheireadh an fhogharaidh, 's a' bhliadhna 1585, phiU na Morairean 
a bh' air teicheadh do Shasunn air son an rìgh a chumail car 
tamuill ann an Caisteal Rutbbein, dhachaidh do Alba. Ruith an 
càirdean agus sluagh na dùthcha gu'm brataich, 's ghabh iad air' 
an aghaidh gu ruig Sruileadh, far an robh a' chùirt a' fuireach aig an: 
àm. Cha 'n fhaigheadh an rìgh no'n t-Araineach duin' a dh'èireadhi: 
leò. B' èigin do'n rìgh aghaidh shullbhir a chur air, agus gabhail git 
suilbhir riu. Bha fios maith aig an Araineach ciod an laimhseachadk 
a gheibheadh e o na Morairibh, na'm faigheadh iad greim air, agus. 
'se rinn e chasan a thoirt leis. Chaidh an siosar mòr a ghabhail,. 
's tòiseachadh air rùsgadh a' mhuiltein ud a dh' ionnsuidh a' chroic- 
!nn. Cha robh cumhachd no saoibhreas, no tiodal a fhuair e riamhi 
nach do rùisgeadh dheth ; 's cha robh e dad ach Seumas Stiùbhart 
mar fhear eile 's an t-sreith. Chaidh a mharbhadh beagan bhliadh- 
Dachan an dèigh sin 'an ceann a deas Alba, le mac bràthar larla 
Mhortoin, a bha esan 'na mheadhon air a dhiteadh gu bàs. Ghearr 
am fear so, Sìr Seumas Dùghlas, a cheann deth, 's chroch se e air 
Toinn sleagh' air barra-bhalla a' chaisteil aige fèin, 's dh'fhàgadh a* 
chorp àireamh làithean a' lobhadh air nachdar an talmhainn. Thuit 
'^Na Reachda Dubha" 'n uair a thuit an t-Araineach. 

11. Air an ochdamh là de cheud mhìos an earraich, 1587, chuir- 
cadh an ceann de Mhàiri Stiùbhnrt, ban-righ Alba, le òrdugh Eal- 
asaid Shasuinn. B'i so an naoi(>!ieamh bliadhna deug de 'braigh- 
deanas. Tha mòran a' faotainn eoire do bhan-righ Shasuinn air 
Eon an ana-ceartais a nochd i d'a ban-charaid, Màiri Stiùbhart. 
Agus gun teagamh bha ana-ceaitas anns a' ghnothuch; ach ani 
uair a sheallar ri nithibh o thoiseach gu deireadh, chithear gu 'm 
bu ni ro chunnartach am boirionnach fuilteach, dìoghaltach, ud a 
leigeadh sgaoilt' air slòigh 'us rioghachdaibh; gu h àraidh 'sna 
h-amannaibh carraideach ud, anns an robh daoine co ullamh gu f uil 
an comh-chreutairean a dhòirteadh ann an dìonadh nan dòighean? 



I 



SKUMAS YI. 251 

's nam beachdan ris an abradh iad fein an Creideamh. Leig 
Searaas YI. air a bhi ro dhiombach an nair a chual c gun do chuir- 
eadh a mhàthair gn bàs; ach bha Eulasaid, tre 'n toscair a bh' aic' 
aig cùirt Alba, air fàs gle eòlach air cliù 'us nàdur Shenmais, 's bhiv 
i deanamh a mach nach biodh ro mhòran de chnr lei^ ai<2;c ged a 
ghabliadh e fearg. Bha comh-chòrdadh air bitli catorra roimhe 
snd mn thimchioll a bhi cumail a mhàthair ann au cuiiig. Bha 
Ealasaid ga dheanamh ciimtcach gu'n cuireadh a nihàthair dhcth 'n 
chaithir e, na'm faiglicadh i cead a coise, 's l)ha i^cum s a' creid- 
sinn gn'n deanadh i h-uile dad deth, 's bha e mar sin riaraichte gu 
leòir ìe bhi ga fliàgail fein air an stiùir. Agns a iiis 'n uair a chuir 
an gnolhucli car eile dheth, bha Seumas a' faìcinn nacli b' urrainn 
e dad a dheanamh 'an rathad dioghaltais air Ealasaid air son bàis 
a mhàthar, mur briseadh e steach le armailt air ceann a tuath 
Shasninn, a chreachadh 's a losgadh na b' urraiiin e de 'n dùthaich. 
Ach bha iomadh ni a' toirmeasg dha a leithid siu a dheanamh. B'e 
ni bu chudihromaiche dhiubh sin, gu'n robh e ga mheas fèin mar 
oighre dligheach crùin Shasuinn. Gnn teagamh b' i 'mhàthair na 
ath oighr' air Sasunn 'an deigh Ealasaid, 's mar a bha còraicheaii 
a mhàthar 's na h-uile seadh a nis air am fàgail dha fdiu, 's crùn 
ShasQÌnn mar an aon ba mhò dhinbh sin, bha e ga mheas mar ni 
cnnnartach car sam bith a chur dheth ieis am feudadh e diomb naii 
Sasnnnach a tharming air fèin. 'S mar so thraogh fearg an rìgh 
a chnid 's a chaid, 's thàinig e ga bhi co reidh ri cùirt Shasuina 
'sged nach roljh eas-còrdadh air bith cntorra riamh. 

12. Ged a bha Seumas a deanamh uireail dc fhòirneirt 'sde 
sharachadh air an eaglais leis na h-easbuigibh 'san caochladh. 
dhòighibh eile, cha 'n eil tcagamh nach robh dearbh chinnt aige 
gu *m b'iad lucìid-teagaisg na h-eaglais, ciXirdcaii a b' fheaiT a 
bh' aige 's an fir. Mun d* fhalbli c Lochluinn a dcas a phòsadh na 
ban-phrìonnh* Anna, nighean rìgh na dhthcha sin, dh' ainmich e 
baidheanii àraidh Inchd-comhairl'air am bir.dhciirun narioghachd 
gas an tigcadh c air ais. Bha Mr Ilaibeart Brus, leur dc mhinist- 



• 252 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

eirean Dliuneìdin 'na aon de 'n bhuidhinn so. Rinneadh am pòs- 
adh am baile mòrUpsal,aira'cheathramh là fichead de cheud mhios 
a' gheamhraidh 1589. Bha Seumas sea miosan air falbh ; agus bha 
sith 'us fois neo-àbhaisteach air feadh na rioghachd rè na h-ùine 
sin. Bha còmh-sgriobhadh daonann a' dol air aghart eadar an 
rìgh 's a' bhuidheann ris an d' earb e riaghladh na rioghachd. 'An 
aon de na litricliean a sgriobh e gu Mr Brus, tha e ag radh, "'Is 
fiach thu dhòmhsa ceithreamh earrann na rioghachd." 'N uair a 
phiU an righ air ais mu thoiseach an t-samhraidh, thug e taiug gu 
foUaiseach do'n eaglais air soii a dilseachd. Agus anns an Ard- 
Sheanadh a choinnich mu thoiseach an fhoghair an dèigh sin, rinn 
e 'n òraid ainmeil so a leanas 'an rathad molaidli air an eaglais. 
"Tha mi toirt buidheachais do Dhia gu 'n do rugadh mi aig a 
leithid de àm, 'an làn sholus an t-soisgeil, agus ann a leithid de 
àìte, 's a bhi ua 'm righ ann a' leithid de eaglais, an eaglais is treibh- 
dhirich air thalamh. Tha eagiais Ghenèblia a' coimhead na càisge, 
's na NoUag, ach cha 'n eil àithne sam bith air son sin a' dhean- 
amh, agus air son ar ban-choimhearsnaich, eaglais Shasuinn, cha'n 
'eil 'iia h-aoradh ach an Aifrinn Phàpanacli, 'an droch Bheurla; 
cha 'n eil uaithe de 'n Aifrinn ach a mhàin a togail suas. Tha mi 
ag àithneadh dhuibh mo dheadh shluagh,mo dheadh mhinisteirean, 
mo dheadli luchd-teagaisg, mo dheadh sheanairean, mo dheadh 
naislean uile, bithibh seasmhach ri gloinead 'ur n-eaglais; agus air 
mo shonsa, co fad 's a mhealas mi mo bheatha 's mo chrùn dion- 
aidh mi i o gach nàmhaid." Thaitinn so gu maith ri uile bhuill 
an Ard-sheanaidh a bha làthair. Bha iad mar gu 'm biodh iad'an 
dùil gu'n robh atharrachadh maith air tighinn air. Bha fios aca 
ciod a' ghnè duin' a bh' ann roimh' sin. Tha luchd-eachdraidh a 
labhairu air mar neach air an robh easbhuidh mhòr gu modhannail, 
nach robh ceud-faidh an fhàilidh aige; nach b' aithne dha 'n deal- 
achadh eadar maith 'us olc, fìrinn 'us breug, 'an ddiligeadh ri chuid 
iochdaranaibh, nach robh aig air, na 'm faigheadh e ponc sam bith 
troimhe, co dhiubh a b' ann leis a' bhrèig do leis an f hirinn a fhuair 



8EUMAS VI. 25S" 

e troimhe i. Theireadh e rìgh-chleas ris an t-seòltachd chealgach 
11 d. Bha inòr uaill air air soii a rìgh-chleas. Bha deadh fhios aig 
ministeiribh na h-eagkis gur h-ann mar sud a bha; agus ma 
smuainich iad a nis gu 'n tàinig e gii staid inntinn bu sheasmhaich' 
air taobh na fìrinn cha V fhada gus am b' èigin doibh tighinn gu 
atharrachadh beachd. 

13. Tha bhHadhna 1592 comharraicht' 'au eachdraidh na riogh- 
:ichd mar an t-àm 's an d' fhuair an eaglais tomhas do rditeachadh 
air a dheauamh air aobharaibh na còmhstri eadar i fdin 's an uachd- 
aranachd aimsireil. 'N uair a choinnich an t-Ard-Sheanadh 'an 
Duneidin toiseach an t-samhraidh, tharruing iad riaghailtean àraidh 
a dh'iarr iad a bhi air an daingneachadh leis an rìgh 's leis a' Phàr- 
lamaid. Shuidh a' Phàrlamaid mu leth an t-samhraidh, 's thugadh 
fainear riaghailtean na h-eaglais, agus chaidh Reachdan a dhaing- 
neachadh a bha gu maith fàbharrach dhi, a rdir an ama. Tha 
comas air a thoirt 'sna reachdaibh so do Ard-Sheanadh, do Shean- 
aidhibh, 's do Chldiribh, suidhe 's an ùghdarras fèin a ghuàthach- 
adh gu saor 'an 'cùisibh na h-eaglais; agus gu 'n robh an t-saor- 
sainn so gu leantuinn dhi 's na h-uile linn ri teachd. Dhaingnich- 
eadh mar an ceudna iomadli de phriomh riaghailtibh Leabliair an 
Oideis a thaobh ùghdarrais chìiirtean na h-eaglais. Tha cead air 
a thoirt gu'n coiùnicheadh an t-Ard-Sheanadh uair 'sa' bhliadhna, 
no ni bu trice ua'ra biodh aobhar air son sin; agus gu'm biodh 
àm na h-ath-choinneimh air ainraeachadh leis an rìgh, no le 'fhear- 
ionaid ; agus 'n uair nach biodh fear de'n dithis a làthair gu 'n 
comharraicheadh an t-Ard-Sheanadh f<3Ìn an t-àm, agus mar an 
ceudna nach robh àrd-uachdaranachd an rìgh gu tighinn eadar 
lachd dreuchd na h-eaglais agus ara breith fèin 's an ùghdarras a 
chleachdadh anns gach ni a bhuincadh do phoncaibh 's do theag- 
asgaibh na diadhachd; mu ana-creidimh, iom-sgaradh, agus min- 
ÌBteirean a chur a stigh 'na*n dreuchd, agus an cur a mach ; no 
mu chronuchadh sam bith a rcir riaghailt focail Dd. Chuir 
Beachdao na Pàrlamaid so, mar an ceudua, 'an nco-bhrìgh an 



254 EACIIDKAIDH NA H-ALBA 

t-iiglidarras a tlmg an righ do na li-Easbuigibli 's do bhreitheamli- 
, iiaibh aiinsireil 'an iiithibh spioradail, cha robh dad de sin gii bhi 
aca tuilieadh. Aig au àra cheudna, dh' fhàg an t-Achd so a' Phàt- 
ronachd na h-eira thruim air an eaglais mar bha i roimhe. Bha'n 
litir a bheireadh Pàtron do mhinisteir, gà ainmeachadh gu coimh- 
thional sam bifch, air a cur 's a' cheud àit' air beulaobh na Clèire, 
agus aig a' Chlèir a mhiin bÌLi comas an duine 'shuidheachadh 
"s an dreuchd a rèir inar a gheibhteadh iomchuidh air ason e; agus 
na 'n diultadh Clèir sam bith fear a fhuair litir Phàtronachd, agus 
a bha iomchuidh air son na dreuchd a chur a stigh, dh' fheudadh 
am Pàtron tighinn 's an eadraigin agus beòlaind na sgìreachd a 
churaail aigefèin. Ghabh an eiglais na nithe so aig an àm, ged 
a bha mòran 's na reachdaibh na h-aghaidh, gu h-àraidh a' Phàt- 
ronachd le sùil gu 'm faigheadh i àm a b' fhàbharraich' air saors 
iarraidh o'n chuiiig sin. Ach 'an àite nithe a dhol ni b' fhearr o'n 
taobh a mach 'sann a thòisich iad, 'an ìiiue glioirid, a' dol ni bu 
mheasa. Bha 'n rìgli, uair 'us uair an dèigh sud a' gabhail a' choth- 
ram air bacadli a Ciiur air coinneimh an Ard-Sheanaidh a chionn 
Dach robh e fèin no 'fliear-ionaid air an là ainmeachadh. 

14. Air an dearbh bhliadhna so fèin thachair troimhe chèile 
mòr 's an rioghachd, air lorg comh-fhoill a fhuaradh a raach am 
measg nam Pàpanach. Fhuaradh litrichean air siubhal fir d' am 
b' ainm Seòras Càrr, brathair Mhorair Neubatle, agus e gu dhol 
air thurus do'n Spàinn. Anns na litrichibh sin bha ainmean 
shagartan 'us Mhorairean Pàpanach a bha gealltuinn na b' urr- 
ainn iad a dheanamh gus au creideamh Pròstanach a chur sìos 'an 
Alba, na'm faigheadh iad còmhnadh skiaigh o rìgh na Spàinne. 
Bha 'ra prionnsa sin an dèigh àireamh mòr sluaigh a ghealltuinn 
doibh air chumh.ichaibh àraidh. Ach an uair a chuireadh an 
gnothuch mar so, fa sgaoil, 's a leigeadh a' ghaoth as na seòl- 
aibh, mar gu'm b' eadii, bha e air a dheanamli soiUeir nacli robh 
an rìgh fèin ach meagh-bhlàfch 'an aobhar a' chreìdimh a bha e 
'g aideachudh. Dhaisg am meagh-bhlàths so mòran eas-còrdaidh 



SEUAMS VI. 255 

eadar an eaglais agus e fèin. Thug an ni ceudna lethsgeul do 
bhuidhinn àraidh, a measg an robh larla Bhotueil ro chomharr- 
aicht', èiridh suas 'an ceannairc 'an aghaidh an righ, agus iom- 
adh ionnsuidh a thoirt air prìosunach a dheanamh dheth agus 
riaghladh na rioghachd a ghlacadh dhoibh fèin. Agus a rdir na 
h-uile coslais 's ann k*is an dearbh aobhar ud a bha larla Ghouri 
agus a bhràthair air am misneachadh gus an ainneart ud a thaisb- 
eanadh do phears' an righ *sa* bhliadhna 1600, ris an abair luchd 
eachdraidh, Comhfheall Ghouri. Thilg Alastair Rutbhen, bràth- 
^ir an larla, e fèin an rathad an righ, a bha sealg ann am fridh 
Falcland. Dh'innis e seanachas breugach dha leis an do tharruing 
e'nrìgh fein agus tearc de 'luchd leanmhuinn, gu Caisteal a 
bhràthar 'am baile Pheirt. Leis na breugaibh ceudna fhuair e 
air a dhealachadh e o na Morairibh a bha còmhladh ris, agus air 
a threòrachadh gu seòmar cumhang 'am mullach a' Chaisteil, anns 
an robh duine fo làn armachd 'na sheasamh a' feitheamh riu. 
Rinn e priosunach dheth 'n righ an sud. Ach cha robh 'n righ 
deònach air strìochdadL Lean e air gleachd ri Rutbhen gus an. 
do tharruing se e thun na h-uinneig, 's ghlaodh e mach, "Feallt 
cuideachadh ! " Thachair gu 'n robh a luchd coimheadachd a 
maigh; leum iad a steach, agus suas troimh gach seòmar 'us 
staidhir, gus an do ràinig iad an t-àit an robh an ùpraid. Ghrad 
mharbh iad Alastair Rutbhen, 's a' piUtinn air an ais, choinnich 
an t-Iarla fèin iad le claidheamh rùisgte anns gach làimh agus 
Beachdnar luchd-frithealaidh còmhladh ris. Chaidh an t-Iarla 
mharbhadh 'an toiseach a* chòmhraig, 's thug a sheirbhisìch an sin 
an casan leò; 's fhuaradh Seumas air falbh as gach gàbhadh; ach 
rinneadh beagan leònaidh air fear de 'luchd-coimhideachd. Bha 
gnn teagamh fuath aig an dithis bhràithrean rai-fhortanach ud 
do'n righ air son an athair a bhi air a chur gu bàs, mar dh' ainm- 
icbcadh roimhc so air son ceannairc; ach cha gliabhadh iad orra 
smnaincachadh air a leithid sud de ghnothuch cunnartach mar 
' ' ;dh ia-l a tuigsinn gu soiUeir gu'n robh mòrau eas-còrdaidh 'us 



256 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

an-amharuls air eiridh eadar an righ agus a chuid iochdaranaibh do 

gach inbhe; oir fhuaradh a mach an dèigh làimh gu'n robh Gouri 

'an co-bhoinn ri buidhinn eiF aig an robh 'n an amharc an rìgk 

fhaotainn air bòrd soithich a bha 'feitheamh air, gus a ghiùlan 

gu Caisteal Glaiste, daingneach làidir air oirthir a 's ear Fiofa, far 

an robh iad a' deanamh air son iad fèin a dhionadh gus am faigh- 

eadh iad còmhnadh à Sasunn, agus aig an àm cheudna gu 'm biodhi 

iad a' riaghladh na dùthcha mar a thogradh iad fèin, ach 'an ainm 
an rìgh. 



CAIB. XXX. 



SEDMAS VI. AGUS I. 



Bha ban-righ Ealasaid Shasuinn a nis air tighinn air agliart 
gu maith 'am bliadhnachaibh. Ged nach b' urrainnear a ràdk 
gu 'm bu bhoirionnach maith i mar bhoirionnach, gidheadh. 
bu deadh bhan-riaghlair i ; agus rinn Sasunn mòran soirbh- 
eachaidh fhad 'sa bha ise air a' chaithir, ann an saoibhreas agus. 
ann an cumhachd. Ach ged a bha i 'na ban-righ air an riogh- 
achd mhòir, chumhachdaich so, cha do chum an àrd inbhe sin i 
o iomadh trioblaid agus deuchainn, a thàinig mu dheireadh gu. 
luidhe trom air a spiorad. Bu bhoirionnach ro ghleusta, seòlta^ 
daingean i, 'an tiis agus am meadhon a latha ; ach mar a b'fhaisg, 
a bha i tighinn air a crìch dheireannaich 's ann a b' amaidiche bha 
i 'fàs. Agus thugadh fainear gu'n robh so am measg nan nithe 
amaideach eil' a bha timchioU oirre, nach fuilingeadh i uair air 
bith a chuimhneachadh dhi gu'n robh a crìoch gu thighinn, agua 
gu'm b' iomchuidh fìos a bhi aig a luchd comhairle co bha gus a 



SEUMAS YI. AQUS I. 257 

L-àit a thogaiL Ach ged nach fuiiingeadh ise iomradh idir a 
thoiit air a leithid, gidheadh bha fios aig na h-uile gu'm b' e 
rìgh Alb', oighre dhgheach Ealasaid, mar a b' i màthair Sheum- 
ais ogha peathar a h-athar ; agus bha 'n àireamh bu mhò de 
shluagh Shasuinn ro dheònach air Seumas a thighinn gu bhi 'na 
rìgh 03 an ceann. Cha bu lughaid air luchd dreuchd na li-eaglais 
e idir, gu'n robh iad a' cluinntuinn e bhi co dèigheil air eaglais 
eAsbuigeach a chur air chois 'an Alba. Bha Sir Raibeart Cesil, 
Priomh mhinistear Ealasaid, a' comh-sgriobhadh ri rìgh Seumas 
mu na dòighibh 's am bu chòir dha bhi ga chleachdadh fèin air 
son ìiigh nan Sasunnach a chosuadh 's a ghleidheadh, ged a blia 
fios aige gu'n robh e 'cur a chinn 'an cuunart le sin, na'm faigh- 
eadh a' bhan-mhaiglistir a mach ciod a bha 'dol air aghart. Ged 
a bha Ealasaid seòlta 'na dòigh fèin, bha Cesil agus a' chomh- 
luchd dreuchd co seòlta rithe. B* aithne dhoibh ciod a bh' ann 
car an aghaidh cuir. Bha iad air iunnsachadh dhi 'chreidsinn 
gu'm feudadh plàigh no tinneas gabhaltach sam bith a bhi air a 
gihlan o aon tir gu tir eile tre litrichibh ; agus co dhiùbh is firinn no 
bruug a bha 'n sud bha Eaksaid agus cuid eile ga chreidsinn 's an 
àm ud. Là de na làithibh, air do Chesil a bhi làthair còmhladh 
ris a' bhan-rigb, co thigeadh a steach le ceud cabhaig ach am 
post AlbaDnach, le pasgan tomadach litrichean a thilg e 'u 
uchd a' phriomh-mhinisteir. "Soso," ars' Ealasaid, "fosgail do 
pbaagan 'b cluinneamaid ciod na naigheachdan a tha as Alba.'^ 
Bha deadh flùos aig Cesil gu'n robh caochkdh nithe 's na litrich- 
ibh a bhuineadh do'n chomh-sgriobhadh a bh'eadar e fdin agus; 
Seamas mu thimchioll e thighiun gu righ-chaithir Shasuinn, ach 
gun dad a leigeadh air, ghabh e 'n sgian pheinn 's thòisich e air 
geanadh au t-snàthainn leis an robh am pasgan air a clieangal. 
An uair a bha e gu bhi fosgailt aige thàiniggnè stad ann : "Ma ta 
dearbh fhèin," ars' esan, "cha chaomh leam am fàileadh a tha 
dheth 80." "Air falbh leis as m' fliianuis," ars' Ealasaid, "'s fosg- 
Ail an àit air leth leat fèin e gus an agaoil am fàileadh." Cha 



258 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

robli Cesil ag iarraidli ach sìn. Thug e àit uaigneacli air, 's chuir 
e air leth, air a shocair fèin, dad sam bith d'am feudadh Ealasaid 
a shaoilsinn gu'n robh f àileadh comh-f hoill, 's thàinig e air ais da 
h-ionnsuidh le litrichibh dheth nach robh f àileadh sam bith. Be 'n. 
diùlanach so aon de'n fheadhainn bu ghniomhaich' a bha rdìteach- 
adh an rathaid roimh Sheumas gu crtin Shasuinn. 

2. Bhàsaich ban-righ Ealasaid air a' cheathramh là fichead de 
mhios meadhonach an earraich, 1603, 's an dà fhicheadamb. 
's a cùig de 'rioghachadh. Bha piuthar aig Sir Raibeart Cari 'an 
teaghlach na ban-righ a dh'innis dha mhionaid air an do bhàs- 
aich i, a bha mu thri uairean 's a' mhaduinn Dior-daoin. Cha bu 
luaith' a chuala Cari gu 'n do bhàsaich i na bha e 'na dhiollaid, 
agus air falbh do Alba. Ràinig e lùchairt Holirud 'an Dun- 
eidin, PM mheadhon oidhche Di-Sathuirn' 'an dèigh do'n teagh- 
lach riogìiail gabhail mu thàmh, 's chaidh e air a ghlùinibh aig 
taobh leabaidh an righ, a dh'innseadh dha gu'n robh e nis 'na righ 
air Sasnnn. Cha robh iomradh air telegram 's na h-amaibh ud, 
no air rathad iarruinn, 's mheasadh an turus ud anabarrach cabh- 
agach aig an àm. Tri làithean an dèigh so chaidh Seumas èigh- 
each aig Crois Dhuneidin 'na righ air Sasunn, Alb', agus Eirinn. 
Air an ath Shàbaid dh'èisd e searmoin 'an eaglais Aird Dhuneidin. 
An dèigh an t-searmoin rinn e òraid do'n choimhthional, ag inn- 
seadh dhòibh co neo-chaochlaideach 's a bhitheadh a ghràdh do thir 
a dhùchais, 's gu*m biodh e 'tighinn a shealltuinn orra uair *s na 
tri bliadhn*, air a' chuid bu lugha, a dh'fhaicinn gu*n robh ceartas 
ga chumail ri chuid iochdaranaibh, 's gu'm biodh an sin cead aig 
an neach a b' isle 's an rioghachd an gearan a dheanamh ris. Là 
no dhà an dèigh so ghabh e 'thurus do Lunuinn. Ghabh na Sas- 
unnaich ris gu cridheil. Ghabh na h-easbuigean ris mar cheana 
na h-eaglais ; agus bha dtiil aig dream eil' a bha ceangailte ais an 
eaglais, ris an abrar na Puritanaich, a bha faisg air a bhi de 'n 
aon bheachd ris na Clèirich 'an Alba, gu'm biodh e ni b' fhàbhar- 
raiche dhoibh fèin na bha Ealasaid; ach 's ann a chuir e gu mòr an 



SEUMAS VI. AGUS I. 259 

aghaidh bheachdan namPuritanach. Cha nfhuilingeadh e iomradh 
•a chluinntinn air eaglais gun easbuigean — mar theireadh e fèin, 
*'Gun easbuig, gun rìgh." 

3. 'N uair a fhuair Seumas an togail mhòr ud o bhi 'na rìgh air 
aon rioghachd bhig gu bhi 'na rìgh air trl rioghachdaibh, mheas e 
gu *m biodh e ni b' f husadh dha 'n eaglais Albannach a thoirt a 
•dh' ionnsuidh a chumaidh a thogradh e fèin, 's a bha riamh 's an 
amharc aige, b'e sin a' toirt gu bhi na h-eaglais easbuigich, air am 
biodh e fdin 'na cheann. Bha e air dol co fad 'sa b* urrainn e'n 
so mu 'n d' fhàg e Alba le measgachadh de chuilbheartachd, 'sde 
ain-tighearnas air nach b' urrainn sinn a bhi 'labhairt fa leth, agus 
a bha 'dearbhadh gu 'n robh e co suarrach, 's neo-sheasmhach rì 
'ghealladh ris an neach bu ro shuarraiche de'n mhuinntir o'n tàinig 
•€. B'e 'n dòigh air an do thòisich e ri 'sheòltachd a' chur 'an 
gniomh, cead no fiadhachadh a' thoirt do 'n eaglais cuid a 
thaghadh as a measg fèin a bhiodh 'na 'm buill 's a' Phàr- 
lamaid, mar gu 'm biodh so 'na shochair 's 'na chothrom mòr 
do 'n eaglais. Fhuair e tre mhealltaireachd 'us ain-tighearnafi 
àireamh àraidh de luchd-dreuchd na h-eaglais a dh' aontaich 
leis 'b an ni so, ged a bha cuid eil' ag radh gu 'n robh iad a' 
f aicinn adhaircean an easbuig a' briseadh a mach tre 'n chòmhdach. 
a b' fliearr a chuirteadh air a' ghnothuch. Ach aon uair 's gu 'n 
d* fhuair e do Shasunn, rùnaich e dhol air aghart ni bu chabhag- 
aicHe na bha e 'deanamh roimhe sin. Anns a' bhliadhna 1605, 
ggaoil e Ard-Sheanadh na h-eaglais tri uairean an ddigh a chèile, 
gun leigeadh leò na cìiisean air son an do chruinnich iad a thoirt 
gu ire cheirt. Bha cinn-ihil an Ard-Sheanaidh gu mòr air am 
brosnuchadh leis an righ a bhi 'dol mar so 'an aghaidh co-shuidh- 
eachaidh na h-eaglais, agus chruinnich iad coinneamh 'am bail' 
Abaraidhein, air an ùghdarras fòin. Thòisich an righ ag iomairfc 
lagh* an aghaidh trì duine deug dhiubbsan ; thugadh binn a mach 
'an aghaidh seisear dhiubh gii 'n robh iad ciontach de cheannairc 
an agliaidh aii rì 'li So a' choirc iIh <an abair luchd-lagli' Ard- 



260 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

fheall, a tha toillteanacli air bàs. Acli 'an àite na daoine curanf^ 
ud a chur gu bàs, 'sann a chuir Seumas 'am priosun iad car greis, 
agus an dèigh sin dh' f hògair e iad o thir an dtichais f had 's bu 
"bheò iad. Goirid an dèigh iad sud a chur 'an làimh, fhuair Seumas 
le Achd Pàrlamaid a shuidh 'am Peirt na^h-easbuigean air an cur 
a stigh 'na 'n dreuchd 'an iomadh àite mar bha e ag iarraidh. Ach 
an dèigh an cur a stigh bha cùirtean na h-eaglais ag iarraidh làmh 
an uachdar os an ceann mar bha iad roimhe. Fhuair an rìgh, le 
measgachadh de ainneirt 's de mhealltaireachd Aindrea Melbhil, 
agus Seumas Melbhil, mac a bhràthar, còmhladh ri seisear mhin- 
nisteirean eil' air am breugadh gu ruig Lunuinn; agus an dèigh 
beagan coluadair ris an righ anns an d' fhuair e mach nach gabh- 
adh lùbadh orra, dhruid e Aindrea Melbhil 's an Tùr, far an do 
chumadh 'na phriosunach e rè cheithir bliadhna. An dèigh sin 
fhuair e mach air chumha nach piUeadh e do Alba ri bheò. Bha 
Seumas Melbhil air a chumail an taobh stigh de chrìch Bheruic 
f had 's bu bheò e ; agus dh' f hògradh an seisear eile gu ceàrnaibh 
air leth nach feudadh iad fhàgail rè am beatha. 'Nuair a fhuair 
an rìgh na curaidhe^^n bu dìlse, mar so, air an cur as an rathad, 
shaoil leis nach leanadh an eaglais air cathachadh 'na aghaidh ni 
b* fhaide. Bha e air a mhealladh 's a' chùis sin. Co dhiù, f huair 
e le làmhachas làidir Cùirtean Breitheamhail a chur air chois, mar 
a bha 's an eaglais Phàpanaich roimh 'n Ath-leasachadh, tè dhiubh 
sin 'an Glascho agus tè 'an CiU-Rimhinn, agus Ard-easbuig- 
ean an dà bhaile sin mar cheann orra, le ùghdarras ministeir sam 
bith a bhiodh eas-umhal dhoibh a chur 'am priosun no as a 
dhreuchd gu h-iomlan. 'N uair a fhuair iad an fhad so air aghart, 
chaidh triùir de na h-easbuigean do Lunuinn gu bhi air an coisrig- 
eadh leis na h-easbuigibh Sasunnach, agus an dèigh dhoibh tighinn 
air ais, choisrig iad na h-easbuigean eil' a bha 'n Alba. Thachair 
so 's a' bhliadhna 1610. Ach an dèigh na b' urrainn an righ a 
dheanamh, cha robh aig na h-easbuigibh Albannach ach sior chath- 
achadh an aghaidh sruth 'us gaoith anns an eaglais Chlèirich xìs 



SEUMàS VI. AGUS I. 261 

an robh iad ceangailte. B' iad gnotliuicliean na h-eaglais, 's na» 
h-amaibh so, gaothuichean foUaiseach Alb' air mhodh sònruichte. 
Bha 'n rìgh 'na leithid de bhoil leis na bha ga choinneachadh 'au 
Sasunn, 's gu *n deanadh e air Alba mar a rinn an t-àrd-bhuid- 
ealair air loseph, mur b'e 'n geall a bh' aig' air eaglais na h-Alba 
a chomh-chumadh 's na h-uile seadh ri eaglais Shasuinn. Ach air 
son an aobhair sin, agus air dha uiread de airgiod fhaotainn cruinn 
's a phàigheadh a thurus, thàinig e shealltuinn air Alba 's a* 
bhliadhna 1617. Ghabhadh ris le mòr ghreadhnachas 'an ceann- 
bhaile na rioghachd. Ach 'n uair a chunncas an rian aoraidh a 
chuir e air chois an caglais na h-Abaid Holirud, air son an teagh- 
laich rioghail, thionndaidh inntinnean na bha de shluagh smuain- 
eachail 's an dìithaich 'na aghaidh. 

4. Goirid an dèigh do'n rìgh tighinn do Alba, choinnich a' 
Phàrlamaid, agus fhuair an righ Blll air a thoirt a steach, gu bhi 
daingneachadh mar lagh na tìre, gu 'm biodh ùghdarras lagh' aig 
Eeachd sam bith a thogradh an rìgh 's na h-easbuigean a' dhean- 
ainh, 'an gnothuichibh eaglaiseach. Thuig luchd-dreuchd na 
h-eaglaÌ3 gu maith ciod bu chiall da sin, 's chuir iad a steach 
Protest duineil na aghaidh do thigh na Pàrlamaid. Ghabh Seumas 
ni-eigin de fhiamh leis an troimhe chèile a bha coslach ri èiridh 
mu 'u ghnothuch, 's tharruing e air ais gu h-uaigneach am Bill. 
Ach 'n uair a chum luchd-dreuchd na h-eaglais coinneamh mhòr 
an CiU-Rimhinn an ddigh do'n Phàrlamaid sgaoileadh, chuireadh 
an làimh triùirde'n fheadhainn bu toisich* ann an cur a' Phrotest 
air aghart ; thugadh an làthair na h-àrd-chomhairl' iad, 's thugadh 
binn 'na 'n aghaidh gu 'n robh iad ciontach de àrd-fhoiU. Chuir- 
eadh dithis diubh, Simpson agus Euart, as an dreuchd, agus ann 
am priosun, agus dh' fhògradh an treas fear, Calderwood, air falbh 
as an rioghachd rò a bheatha. Dh' àithn Seumas, mar an ceudna 
d' a Cìil(5irich fòin, gu *m biodh na deas-ghnàthan so a leanas air 
an coimhead 'an Alba, mar 'an Sasunn. 1. Gu'n gabhadh daoine 
sàcramaid na suipeir air an glìiinibh, 's cha 'n ann 'n an suidhc. 



262 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

2. Gu*m biodh an t-sàcramaid air a fritliealadh gu h-uaigneaclj 
do mhuiimtir thinn, na'n iarradh iad sin. 3. Gu'm biodh am 
"baisteadh air a f hrithealadh gu h-uaigneach, na'n iarradh daoine 
sin. 4. Gu'm feumadh an òigridh a dhol fo làimh an t-sagairt 
air son comh-dhaingneachaidh, 5. Gu'm biodh fèillean na NoUag, 
Di-haoine Ceusda, na Càisge, an Dol suas gu nèamh, agus na Beal- 
tuinn an aon ni 's an dà rioghachd. Chuireadh impidh air Seumas 
le mòran brìdeil 'us mòidheanachd, gun e dh' èigneachadh an. 
t-sluaigh ceart còmhladh gus na gnàthanna ùra so a' ghabhail;. 
ach e ga 'm f àgail gus am biodh iad an toiseach air an daingneach- 
adh le ctiirtibh eaglaiseach. Dh' aontaich e le sin, 'n uair a rinifc, 
a luchd-comhairle cinnteach dha gu 'n tugadh iadsan air an Ard- 
sheanadh na Reachdan a dhaingneachadh. An dèigh do 'n rìgh. 
pilltinn a Lunuinn, choinnich Ard-Sheanadh 'am Peirt anns au 
tugadh air an àireamh bu mhò gabhail ris na cuig Reachdaibh,. 
agus bha iad air an daingneachadh leis a' Phàrlamaid a choinnick 
'sa'bhliadhnal621. 

5. Thàinig Seumas 'an deireadh a là gu bhi gu h-anabarrach 
air a thoirt suas do ith 'us do òl, ni a tha cuid a* smuaineachadhi 
a rinn ni bu bhuailtich' e do 'n tinneas leis an do bhàsaich e^ 
Chaochail e air an t-seachdamh la fichead de mhios meadhonacL 
an earraich, 1626, anns an dà fhicheadamh bliadhna 's a naoi 
deug de 'aois. Feudar a ràdh gu'm b' esan an ceud rìgh de theagh- 
lach nan Stiùbhartach a bhàsaich 'an sith. Bha tomhas de ain- 
iieirt ceangailte ri bàs gach aon diubh gu a là-san. Feudar a 
ràdh mar an ceudna gu'n tàinig an teaghlach a dh'ionnsuidh na 
li-inbh' a b' àirde 'na phearsa-san; oir 'na dhèigh-san thòisich iad 
a' dol air an ais, gus an do thuit iad gu h-iomlan. Agus an dèigh.. 
so uile b' e Seumas VI. an righ bu shuarraiche de'n teaghlach uile^ 
araon 'an corp 's an inntinn. Bha e co gealtach 's nach fuiling- 
€adh e claidheamh rtiisgt' idir fhaicinn. Bha e co an-earbsach as 
a luchd frithealaidh 's nach suidheadh e ùine sam bith 's an aon. 
bhad, ach a' suidhe 's ag èiridh cha mhòr gun tàmh, agus a' giùlan 



AN T-AONADH. 263 

deise o 'cheann gu 'cliasaibh co cruaidli *s co tiugh 's gur gann a 
b'urrainn an gàirdean bu treise biodag no claidlieamh a chur 
troipe. Bha e co neo-sheasmhach ri 'f hocal 's nach robh earbsadh 
sam bith aig duin à ni a ghealladh e ; agus na bha de ghràdh 
nàdurra 's de chuideachdas ann mar dhuine, 's ann a dh' ionnsuidh 
nan cuspairean bu shuarraichc 'bha sin a sruthadli. Cha robh 
tlachd aig ach 'an comunn dhaoinc suarrach. Bha e fad o bhi 
tlachdmhor 'am pearsa. Bha chasan co fann, 's gur gaun a ghiùl- 
aineadh iad cudthrom a chuirp, bha suilean mòra leathann aige, a 
bhiodh a null 's a nall gun fhois, bha 'theanga co mòr 's nach 
faigheadh i rùm 'na bheul, 's n uair a bhiodh e ag òl 's ann mar 
gu'm biodh e ag itheadh a bhitheadh e. Cha nigheadh e 'làmhan 
idir; agus mar sin bha nis mo de onair na de thaitneas ann am 
pògadh làmh an rìgh. 



CAIB. XXXI. 



0TÌLlD ÀLB AIQ AOKADH AH DA CnRUIK. 

Bba ìomadh seadh aniis am b' fheird Alb' a bhi air a toirt gu 
mread de aonadh ri Sasann 's gu'm biodh an aon rìgh a' riagh- 
ladh thairis orra le chèile. Mar aon ni chuir e crìoch am feasd 
air cogadh eadar an dà rioghachd. Co luath 's a shuidh Seumas 
air caithir Shasuinn thug e ma'u airidh gach caistearus daingneach 
làidir a bh' air gach taobh de'u clirlch a bhi air an leagadh gu tal- 
amh, agus luchd-àiteachaidh nan criochan a bhi air an earakch" 
adh ga bhi co càirdeil ri chèile 's gcd a b' aon chinneach iad* 
Agua le sùil ris an tuiUeadh neartachaidh a dheanamh air an Aon^ 
adb, thug c Brcatunn Mhòr mar ainm air an cilean gu h-iomlan; 



^4 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

agus an uair a bhitliear a' labhairt mu'n chuid detb air an robh 
Alba 's e dh' fheumar a ràdh Breatunn 4 Tuath. 'n uair sin 
gus an là 'n diugh, theirear Righ Bhreatuinn Mhòir 'us Eirinn ri 
righribh Shasuinn. 

2. Ach air a shon so uile cha b' fheird' ach bu mhisd' ceann- 
bhaile na rioghachd a' chùirt a dh' f halbh as gu buileach. Bha 
'chùirt a bhi 'n Duneidin ag aobharachadh rud maith marsant- 
achd a bhi timchioU air a' bhaile sin ; agus cha b' ann gu h-àr- 
aidh air sgàth an teaghlaich rioghail fèin, ach air sgàth na bha de 
àrd-mhaithibh na tir a' cruinneachadh, 's a' tùineachadh 'an Dun- 
cidin, a chionn gu'm b' e sin ionad còmhnuidh na cìiirte. Ach aa 
■uair a chaidh an teaghlach rioghail do Lunuinn, chaidh àireamh 
mòr de uaislibh Alb' an sin as an dèigh, 's thòisich iad air an 
dachaidh a dheanamh 's a' bhaile mhòr sin. Agus mar bha iadsan. 
a' caitheamh an sin an cur a stigh, a bha tighinn thuc à Alba, bha 
so a' deanamh Alba bochd 'an dà dhòigh ; agus o na h aobhar- 
aibh so dh'èirich gu'n robh mòran de dhaoine gun saibhreas idir a' 
dol do Lunuinn gus am faìgheadh iad air an aghart ni b' fhearr 
an sin no 'na *n tir fèin. Dh' fhàs an seòrsa bhochdan so 
co lionmhor 's gu 'n d' àithn an righ gairm fhoUaiseach a bhi 
air a deanamh, nach feudadh neach sam bith a dhol do Lunuinn 
à, Breatunn a Tuath gun litir fhaotainn o *n Ard-chomhairr 
air son sin. 

3. Thug na h-òganaich churant' Albannach an sin an aghaidh 
gu rioghachdaibh cèin-thireach na Boinn-Eòrpa. Bha cuid mhaith 
dhiubh a feuchainn ri 'm fortan a mheudachadh le marsantachd. 
Bha chuid bu mhò de na h-uile seòrsa bathair, 's na h-amaibh ud, 
ga reiceadh air na fèillibh suidhicht' a bh' anns gach dùthaich fa 
leth, agus na marsantan a' gitilan an cuid bathair air muin each. 
'S gann a bhiodh fèill shuidhicht' 'an àite sam bith de 'n Roinn- 
Eòrpa mu'n àm ud, aig nach biodh ni bu liugha na aon Albannach 
a làthair. Bha iad sin, mar bu trice, 'na 'n daoinibh glèidhtean- 
ach, ciiramach ciod a dheanadh iad ris a' pheighinn. Agus 'nuair 



AN T-AONADH. 265 

& tbrusadh iad dòrlach maith airgid, philleadh iad air an ais do'n tir 
fèin gus an còir de*n là 'chur seachad gu socair, dòigheil. Ach. 
's ann a bha chuid bu lionmhoire de na h-òganaich aJ gabhail anns 
an arm anns gach tìr fa leth da 'n robh iad a* dol Bha iad air an 
cleachdadh ri saighdearachd aig a* bhaile ; ach a nis o sguir gach 
còmhrag eile le claidheamh 'us loinn a bh' ac* an aghaidh nan eas- 
buigean Pàpanach 's nam Frangach, cha robh, aig an àm, coslas 
8am bith air iad a dh' fhaotainn seirbhis de 'n t-seòrsa sin aig a' 
bhaile. 'S gann a bhiodh cogadh 'an àite sam bith de'n Roinn- 
Eòrpa mu'n àm so nach faighteadh Albannach 'an aghaidh Alb- 
annaich ann; agus an nair a thigeadh an gnothuch gu dlùth 
chath, chhiinnt' iad a' fiadhachadh aon a chèile 'n an cainnt fèin 
thun a' chòmhraig. 

4. Ach ged a bha Aonadh Shasuinn* us Alba fo 'n aon chrìin 'na 
mhcadhon air sith a dhaingneachadh air criochaibh na rioghaclid, 
's ann a rinn so an gnothuch ni bu ro mheas' air Ghaeltachd Alba. 
Bha, gun teagamh, nithe aimhreiteach gu leòr 'an cuid de cheam- 
aibh 's a' Ghaeltachd roimhe sud, mar 'an Gall-thaobh 's an 
Cataobh, 's an dùthaich Mhic Aoidh, far an gann a bha tàmh idir 
a' dol orra, ach a' creachadh 's a* dòirteadh fola 'chdile, ged a 
dh' fhendar an cogaidhean a shamhlachadh ri cogadh nan starrag, 
nach robh air an leantuinn le buaidh sam bith, ach na bha iad a* 
dcanamh a dh' fhuaim 's a throimhe-chdir aig an àm. Bha nithe 
bu ghairge na sin a dol air aghart air taobh 's iar na dùthcha agus 
anns na h-eileanaibh mu'n àm so. Cha 'n urrainn sinn ach iom- 
ladh ath-glioirid a dheanamh air gaimpleir no dhà dhiubh sin; ciod 
a thachair 'an eilean Eige; ciod 'an eilean Le^^dhais. Bu le Clann 
Dòmhnuill uachdranachd nan eilcanan asiar araon mu'n tàinig na 
Lochlunnaich agus greis an d<5igli dhoibh falbh. Ach bha Clann 
Lcòid, trenbh chumhachdach, aig an robh mòran fearainn air a* 
mhòr-thir, a* briseadh a steach an dràsda 's a rìs, an cuid do na 
h-eileanaibh, 'sga'n toirt o Chlann DomhnuiII. Fhuair na Leòd- 
aich ìkmh an nachdar 's an Eilcan Phada, agus 'am pàirt de 'n 



266 EACHDRAIDH KA H-ALBA 

eilean Sgiathanach, gu maith tràth 'an eachdraidh nan diithchaa 
sin, ni a bha togail naimhdeas mòr, a bha leantuinn o linn gu linn 
eadar iad fèin 's na Dòmhnullaich. Bu leis na Dòmhnullaich eil- 
ean Eige mu'n àm am bÌieil ar n-eachdraidh a nis. Thachair air là 
àraidh gu'n tàinig eithir bheag air tìr an Eige, le dithis no thriùir 
de Leòdaich. Cha do chuireadh grabadh sam bith orra car greis 
an dèigh a dhol air tìr. Ach air dhoibh a bhi air an coireachadh; 
air son mì-stuaimeachd a measg mhnathan an eilein, rugadh air na 
Leòdaich 's cheangladh eadar làmhan 'us chasan iad, 's chuireadk 
'na 'n eithir fdin iad, a leigeadh air falbh leis a' mhuir, 's leis a^ 
ghaoith. Thachair bàt' a bhuineadh do Cheann-cinnidh naa 
Leòdach ris na ciomaich thruagh so, 's thug iad gu sàbhailt iad gu 
Caisteal Dhunbheagain, far an robh Mac Leòid a' fuireach. Dh'in- 
nis na daoine focal air an fhocal do Mhac Leòid mar a laimhsich 
muinntir Eig* iad. Chruinnich 'us dh'armaich Mac Leòid feachd 
lionmhor, leis an do lion e 'chuid bhàtaichean gus an tòrachd & 
thoirt a steach. An uair a chunnaic na h-Eigich an càbhlach a^ 
dltithachadh ris an eilean, 's a thuig iad c'arson, chaidh iad ga'm 
foluch fèin 'an uamhaig mhòir, air nach robh ach dorus cumhang, 
a^s allt a' sruthadh sios 'an eudan na creig' a bha 'foluch ao 
dorais. An dèigh do na Leòdaich tighinn air tìr, 's an t-eilean a 
rannsachadh, thairis agus thairis, cha 'n fhaigheadh iad duine; 
ach gheibheadh iad pailteas creiche. Chaidh iad air bòrd 
a nis gu falbh; ach thàinig fear eigin a mach as an uaimh a 
Bhealltuinn air fàth ach an robh iad air falbh thar àruinn an eil- 
ein ; 's thug na daoine bh'air bòrd 's a' chàbhlach an aire do 'n- 
duine so. Thàinig iad air tìr a ris, *s mar a bha sneachd air aa 
talamh, lorgaich iad an duine gu beul na h-uaimhe. Chuir Maa 
Leòid fios thun na muinntir a bha stigh, iad a chur a mack 
thuige-san na feadhainn a rinn an t-ainneart air a luchd cinnidh^ 
'a gu'n deanadh e riu mar a thogradh e. Cha deanadh iadsan: 
«ud, no taing, 'an diiil nach bu chomasach dha olc sam bith a 
dheanamh orra co dhiù. Thug an Leòdach air a chuid daoin& 



AN T-AONADH. 267 

cladLan eil* a dheanamh do'u eas a biia 'foluch beul na h-uaimhe, 
's thug e orra na gheibheadh iad de chonnadh tioram a thorradh 
suas 'am beul na h-uaimhe *s chur e ri thein' e. Chum iad an 
teine sin a' losgadh r^* iomadh uair a thìm, gus an do mhùchadh 
a h-uile duine bha 'san uaimh. Bha mu'n cuairt do dhà mhìr 
ann diubh, eadar bheag 'us mhòr, 'scha tàinig duine beò a mach 
aisde. Cha seanachas tormadach so, ach an tul-fhirinn. Tha^ 
ùjlar na h-uaimhe gus an là'n diugh a' fianuiseachadh gu 'n do, 
thachair a leithid. 

5. An uair a fhuair na Leòdaich sealbh aìr ceann a tuath an , 
Eilein Fhada, thug iad an ainm fèin air, Leòdas, agus 's ann mar 
sin a tha 'chearna thuathach de 'n Eilean Fhad' air a sgriobhadh 
anns na h-uile Map, agus sgrìobhadh eil', a nuas gus an t-seachd- 
amh linn deug. Ach ri ìiine thàinig an litir d ann an comh-labh- 
airt gu bhi air a bogachadh gu dh. 'An àite Leòdas 's e their- 
eadh iad, anns gach àit air Ghàeltachd, Leòdhas; agus 'sann mar 
sin is còir am focal a sgrìobhadh a nis. 

Bha Ruairidh Mac Leòid, an t-uachdaran a bV air an eileaa 
aig deireadh an t-seathamh linn deug, pòsda trì uairean. Bu 
nighean do Mhac Coinnich Cliinntàil' an dara bean a bh' aige^ 
Bhàthadh Torcull Ire, mac na ceud mhnà, agus mòran eile còmh- 
ladh ris a' dol air thurus d Leòdhas do'n Eilean Sgiathanach. Bha. 
mac aig N'ic Coinnich d'am b' ainm TorcuU Conalta, ach cha,. 
d* aidich seana Mhac Leòid riamh gu'm bu leis fèin e; bha e 
ghnàth a* cumail a mach gu'm bu le Breitheamh Leòdhais e; 's chuir 
e air falbh i air son i bhi ciontach de adhaltranas ris a' Bhreith- 
camb. *An d(;igh sin phòs e nighean do Mhac-lU Shcathainn.i 
Bha dithis mhac aig* o*n iè so ris an abradh iad TorcuU, *us Tormad. 
Ach an uair a bliàthadh Torcull Ire bha Torcull Conalt' air tighimr 
gu fcarachas, agus air socrachadh air mòr-thir, far an d' fhuair e- 
àit o cbàirdibh a mhàthar. Thàinig e nis a nall do Leòdhas & 
cbogadh ri Mac Lcòid, agus ga digncachadh gu gabhail ris mar a 
mhac, agus oighr' a dheanamli dheth air an eilcan. Eha chigear 



268 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

ro seisear de mhic dhiolain aig seann Ruairidh Mac Leòid, agus 
thug dithis no tritiir dhiubh sin làmh chuideachaidh do Thorcull 
Oonalta. Chaidh ac' air an t-seann duin* a chur an làimh, agus 
prìosunach a dheanamh dheth rè cheithir bliadhna ; ach leig iad 
fa sgaoil e 'n sin air chumha gu'n gabhadh e ri Torcull Conalta 
mar a mhac fèin. Ach bha na mic dhiolain a bh' aig Mac Leòid 
a' deanamh droch ceann ri chèile. Bha 'n athair a' dol 's an ead- 
raiginn gu peanas a dheanamh air an fhear a bhiodh 's a' choire, 
's thug so air Torcull Conalta tighinn do Leòdhas an dara uair, 
agus Ruairidh Mac Leòid a chur an làiinh, 's priosunach a dhean- 
amh dheth 'an Caisteal Steòrnabhaigh. Dh'fhàg e mhac fèin 'na 
cheannard air a' chaisteal, 's thug e leis uile phaipeirean còrach 
Leòdhais, 's lìbhrig e iad do Mhac Coinnich Chinntàile, bràthair a 
mhàthar. Ach mharbh na Leòdhasaich lain mac Thorcuìll Chon- 
alta, 's leig iad seana Mhac Leòid a mach à prìosun, 's chuir e 
seachad am beagan a bha roimhe de 'là 'an sìth. 'An dòigh bàis 
Euairidh thàinig Torcull Dubh a steach mar an t-oighre dìigheach. 
Rinn Mac Coinnich an sin air son an t-eilean fhaotainn dha fèin, 
còir an eu-coir, o'n chuireadh mac a pheathar a mach. Bha Mac 
Coinnich a' leigeadh air an toiseach gur e bh' aige 's an amharc 
mac a pheathar a' chuideachadh, 'nuair is ann a bha e da rìreadh 
a' deanamh air a shon fèin. Chum Mac Coinnich agus a hichd- 
comhairle coinneamh anns an robh Breitheamh Leòdhais, nàmh- 
àid Mhic Leòid, a làthair. Shocruicheadh aig a' choinneimh so 
gu'm feumtadh Torcull Dubh fhaotainn as an rathad. Ghabh am 
Breitheamh brib mhòr air son gealltuinn an gniomh so a dheanamh. 
Bha àireamh mòr aig an eucorach so gus a chuideachadh. Ghlac 
ìad long Dhuitseach aig eilean Radhasa le luchd fiona. Thug iad 
leò an long so do Loch Steòrnabhaigh, 's thug iad fiadhachadh do 
Thorcull Dubh 'us tearc eile chàirdean tighinn air bòrd a dh' òl 
fiona. Ach cha bu luaithe shuidh Torcull 's a chàirdean gu fleadh 
an fhiona na rinneadh grèim orra, 's cheangladh iad le còrdaibh. 
Crhiùlaineadh mar sin iad gu Mac Coinnich, a chuir an ceann 



AN T-AONADH. 26^ 

diubli uile, ach Tormad Mac Leòid, bràthair Th orcuilL Ghleidh 
e esan 'na phriosunach. Thachair so 'am mios deireannach an 
t-samhraidh, 1597. Bha dhòigh fein aig Mac Coinnich air coire nan 
nithe so uil* a' chur air na Leòdaich. 

Thug an rìgh mu*n àm so cothrom do àireamh dhaoiu' uaisle d. 
siorrachd Fiof a dhol do Lòedhas agus sealbh a' ghabhail air 
dhoibh fèin, 's an seann luchd-àiteachaidh fliuadachadh air falbh, 
a bha, rèir mar chual* esan do-cheannsaicht', agus eu-comasach 
air a bhi air an toirt gu feum sam bith. Thàinig na Fiofaich air 
tìr *an Leòdhas 's a' bhliadhna 1599, leis gach inneal a bha feumail 
air son aitreabhan a* thogail agus gach gnè cèird' eile. Thòisich 
iad air bail' a thogail 'an àite goireasach air taobh deas an eilein,. 
's bha iad coslach ri soirbheachadh 's a' cheud dol a mach. Bha so 
an aghaidh an ni a bh' aig Mac Coinnich 's an amharc. Cha 
fhreagradh dha dhol an aghaidh àithn an rìgh. Ach fhuair e feum 
do Thormad Mac Leòid, bràthair Thorcuill Duibh. Leig e fa 
flgaoil e, 's chuir e dhachaidh a Leòdhas e. Co luath 's a chunnaic 
na Leòdhasaich Mac Leòid òg, oighre dligheach na dùthcha, 
dh' èirich iad mar aon duine gu gabhail ris mar an uachdaran. 
Chuir Mac Leòid òg an sin sèisd ri càmp nam Fiofach, 's ghlac 
'us loisg se e, 's chuir e mòran de na daoine gu bàs. Rinn e prios- 
niiaich de n cinn-iùiL Leig e air falbh iad 'an ceann ochd miosan,. 
mr chumha nach tigeadh iad a Leòdhas gu bràth tuilleadh. Ach 
an ceann tearc dc bhliadhnachan thàinig iad air ais le càbhlach 
*us feachd lionmhor, 's thug iad fiadhachadh do Thormad Mac 
Leòid e ga thoirt fèin suas dhoibhsan an sith an ainm an righ, 
'sgu'n cuircatlh iad sàbhailtc gu ruig Lunainn e far an robh an 
Ti^ a nis, agus nach b' eagal da air son ni sam bith a rinn c roimhe 
80, 'sgn'm faigheadh e teachd-an-tir o'n rlgh. Air eagal nach 
V nrrainn e cur an aghaidh na bh' ann diubh a nis, ghabh Mao 
Leòid am fiadhachadh so; ach ged a thagair c 'chìiis gu duincil 

m fìanuis an righ, fhuair na Fiofaich dòigh air impidh a chur air 
an righ e ga chur air ais 'na phriosunach do Dhuneidin, far an do 



270 EACHDRATOH NA H-ALBA 

<cliuniàdli e mòran bMìadhnachan. Fhuair e mu dheireadh coth- 
Tom teicheadh do'n Olaind far an do bhàsaich e. Bha bràthair 
-diolain aig Tormad da'm b' ainm Nial. Thòisich Nial a nis a' 
eeasamh a mach air son an teaghlaich. Bha mòran costais aig na 
Piofaich ga dheanamh ris an eilean, 's cha robh 'an cur a stigh da 
rèir. Bha Nial a' cur na b' urrainn e de chall orra. Thòisich iad 
a' falbh a lion fear 'us fear gus an robh iad co tearc 's gu 'm 
feumadh iad uile falbh air eagal Neil. Bha'n gnothuch a nis 
gu bhi aig [^Mac Coinnich 'na làimh. Fhuair e còir dha-fèin 
air an eìlean fo sheula mòr na rioghachd, o àrd fhear lagh' Alba, 
-air sgàth na còrach a llbhrig TorcuU Conalta dha fada roimhe sin. 
Ach chuir daoin' uaisl' àraidh an gnothuch 'na leithid de sholus 
do'n righ, 's gu'n tugadh a' chòir so a rìs o Mhac Coinnich, agus 
'thugadh i do chomunn dhaoin' uaisl' a measg an robh Morair 
Bhalmerìno. Bha Mac Coinnich, ma b' fhior, riaraichte gu leòr 
le sud, agus gu dearbhadh 'thoirt doibh air gu 'm bu mhaith leis 
iad a shoirbheachadh chuir e 'bhràthair fèin còmhladh ris na-h-.uais- 
libh a bha 'dol a' Leòdhas, agus cha'b'ermhàin 'sin, ach,.thug e 
gealladh cinnteach dhoibh gu'n cuireadh e long le luchd bidh 
thuc ù, Loòdhas air sheòl 's nach ruigeadh iad a leas a bha fuireach 
TÌ biadh thoirt as an taobh deas. Dh' fhalbh na h-uaislean le 'n 
^cuid feachd 'an urra ri biadh Mhic Coinnich. Bha Fear Chinn- 
tàile co maith ri ghealladh. Ach bha e rud eigin eile. Chuir e 
fios gu Nial mu dheighinn na^luinge, 's mar a ghlacadh e i. Ghlac 
Nìal an long, 's cha bu doirbh dha. Chaidh e leatha far nach 
faigheadh na naimhdean e. Thug easbhuidh bidh air feachd a' 
chomuinn an t-eilean f hàgail, 's an taobh deas thoirt orra gu luath. 
Dh' fhàg iad freiceadain 'an Caisteal Steòrnabhaigh a' chumail an 
àite gus am pilleadh iad. 'N uair a thuig Nial nach robh ach tearc 
's a' chaisteal, chuairtich e le feachd e, 's ghlac se e, 's chuir e air 
falbh na deasaich an taobh as an tàinig iad. 'N uair a chunnaic 
an comnnn an f hanoid 's an call a bh' air a dheanamh orra, bha 
iad air an tàmailteachadh co mòr 's nach rachadh iad a Laòdhag 



AN T-AONADH. 271 

tuilleadh. Bha 'n claich a nis air a chluicheadh a mach gu *cheann» 
Thug Mac Coinnich blàthachadh pàighidh, feudaidh e bhi, làn a 
•dhùirn de sgiUinnean ruadha, do 'n chomunn air son an còraichean 
a reiceadh ris fèin. Ghrad dh'ullaich e'n sin air son sealbh a 
ghabhail air Leòdhas, 's a* bhliadhna 1608-9. Mar a bha na Leòdh- 
asaich bhochd seachd sgìth de chath 'us chòmhrag roimhe sin, cha 
do chuir iad saighead à bogha 'na aghaidh. Ach cha 'n ùmhlaich- 
eadh Nial Mac Leòid e fèin do Mhac Coinnich 's e beò. Mar 
dhuine fad-sheallach, ag ullachaidh roimh làimh air son an droch. 
là, bha e *n dèigh mòran storais a thasgadh suas 'an eilean beag air 
bun Loch an Ròg, ris an abrar Berisaidh. Theich e nis do 'n eil- 
ean so le tearc de luchd-leanmhuinn. Bha 'n t-eìlean co àrd os 
ceann na mara 's nach robh dòìgh air a ghlacadh. Ghlèidh Mac 
Leòid 's a luchd-leanmhuinn e fèin tri bliadhna 's an daingneach 
80. ,'N uair 'thigeadh gainn* air, bheireadh e sgriob gu tìr, 's cha 
b' ann leis an làimh fhalaimh a dh' fhalbhadh e. Ghabh Mac 
Coinnich car fuilteach gus fhuadachadh air falbh. Thionail e 
mnathan *us clann *us càirdean na cuideachd a bha còmhladh ri 
Nial, *8 chuir e iad ris a* mhuir tn\igh, air sgeir, co faisg air Beris- 
aidh, *8gu *n cluinneadh Nial an èigheach, *smhionnaìch e gu'm 
ftgadh e *n sud iad gu bhi air am bàthadh *n uair a dh* èireadh 
zm muir, mur fàgadh Nial 's a chuideachd an t-eilean. Bu rogh- 
nuiche le Nial 's le luchd-leanmhuinn fiUbh na 'n sealladh eagalach 
■ad fhaicinn. Bha Nial greis fo'n choill *s na h-Earadh an ddigh 
8ud. Ach ghabh Sir Ruairidh Mac Leòid na h-Earadh os làimh 
a cbur gu tearuinte do Lunainn. Ach chaidh a thoirt uaith* air 
r\ * 1, 'an Glascho, *s a chur gu bàs. Ghldidh teaghlach Mhic 

( an oighreachd a fliuair iad mar so, le measgachadh de 

mh^alltaireachd *8 de ainneirt, rd dà cheud 's dà fhichead bliadhna, 
gu-i an do roic iad i air a làn luach 'sa* bhliadhna 1844, ri Slr 
Scumas Mathanach, an t-uachdaran a tha nis air an eilcan. 



CAIB. XXXIL 



T£ABLACH I. 



An uair a shuidh Seumas YI. air caithir Shasuinn bha dithis mhae^ 
agus nighean aige. Ach bhàsaich Eanruic, a mhac bu shine, 's a* 
bhliadhna 1612. Thàiuig a bhràthair, Tearlach, an sin gu bhi 'nar 
oighr' a' chrùin. Phòs a nighean, Ealasaid, Elector Palatin, na 
Gearmailt ; agus cluinnear mu thimchioU a teaghlaich 'an deigh so, 
Bha Tearlach ceithir bliadhna fichead a dh' aois aig àm bàis 'athar, 
Bha e sluagh-mheasach gu leòir 's a' cheud dol a mach ; ach cha 
b' fhad a mhair sin. Phòs e Henrietta, no Eithrig, nighean rìgh 
na Erainge. Agus bha na Sasunnaich mì-riaraichte leis a' phòsadh 
sin, a chionn gu'm bu bhan-Phàpanach i. Bha air aithris gu'n robh 
cùmhnant pòsaidh eadar Tearlach agus nighean rìgh na Spàinna 
roimhe sin, 'sgu'n do bhriseadh e le àrdan Dhiùc Bhucinghamy 
seòrsa caraid a bh' aig an rìgh. Thog sin cogadh fuilteach eadar 
an Spàinn 'us Sasunn. Agus thog an caraid ceudn' a rìs cogadh 
eil' eadar an Fhraing 'us Sasunn. Bha Tearlach mar sin a' cogadh 
ris an dà rioghachd ud còmhladh, leis an robh e gu mòr air a chur 
thuige le cion airgid. Ghairm e cuideachd Pàrlamaid, agus sgaoil 
e iad trì uairean an dèigh a' chèile. Ach cha tugadh a' Phàr- 
lamaid airgiod dha gas an ceartaicheadh e 'n t-ain-tighearnas 
a bha chuid oifigearan a' deanamh air an t-sluagh. Thug e ionn- 
suidh an sin air airgiod a thrusadh air sheòl eile, gun a bhi 'n eis- 
imeil na Pàrlamaid. Thug na Sasunnaich cìsean mì-Iaghail mar 
ainm air gach càin a bha e togail mar sin. Chaidh naoinear Shas- 
unnach tapaidh a chur 'am prìosun air son a bhi seasamh chòraich- 
ean an t-sluaigh an aghaidh an rìgh, 's cha d' fhuair iad a mach gus 



TEARLACH I. 273 

an do bhàsaich fear dhiabh 's a* phrìosun. Ann an gnothuichibh 
eaglaiseach bha 'n rìgh air a riaghladh gu h-iomlan le Laud, Ard- 
easbuig Chanterbuirgh. Ged is ana ri eaglais Shasuiun a bha'n 
nrra mhòr so ceangailte, bha cus de nàdur na Pàpanachd 's na 
deas ghnàthaibh a bha e cnmail suas agus a' moladh 'an eaglais 
Sbasainn. Bha na Puritanaich, diadhairean ni'ramach a bha 's an 
Tioghachd ud, ag oidhirpeachadh an eaglais a ghlauadh gu h-iom- 
lan o na faoineasaibh truagha so. Sgrìobh fear dhiubh so, 's a* 
bhliadhna 1630, leabhran beag an aghaidh Easbuìgeachd. Chuir- 
eadh nasheasamh 'am brangas e, ghearradh a chluasan deth, sgoilt- 
eadh a shròn,agus sgriobhadh na Utrichean, S. L., le iarrunn dearg- 
theth *na leth-cheann. Goirid an dèigh sin sgriobh fear eil' an agh- 
aidh thighean cluiche; rinneadh an aon diol air-san, agus a chur 'am 
prìosun fhad 's bn bheò e. Ged a bha na Sasunnaich a' giulan leÌB 
gach ni dhinbh so, gnn àr a mach a dheanamh fathast, bha iad ga 
mòr air an ciùrradh leò. 

2. Bha Tearlach ochd bliadhna 'na rìgh air Sasnnn mu*n deach- 
aidh e idir do Alba gu bhi air a chrùnadh. Bha gach cogadh 'us 
troimhe chèil' a bh' aig* o'n bhaile 's aig a' bhaile, ga chumail 'na 
threatbal co mòr 's uach deachaidh e shealltuinn air seann rioghachd 
s flhiimsireao agos a bhreith gu meadhon an t-samhraidh 1638. 
Qhabh na b-Albannaich ris ga subhach, gu ro shubhach, 'n uair a. 
thiinig e. Ach bha iad gl6 mhìriaraichte leis a, mheasgachp.db d'e* 
easbaigeachd 's de phàpanachas a bh' air an clcachdadh 's an ti<^hi 
aoraidh rioghail air an t-sàbaid ; agns gu h-àraidh leìs na deas- 
gbnàthannaibh pàpanach a bh'air an cleachdadh aig àm a chrùnaidh. 
'An ùine ghoirid ghairm e 'Phàrlamaid cruinn, a bha e'n dùil a 
bhiodh mòran ni b' nmhaile na Pàrlamaid Shasuinn. Fhuair e barr- 
ftchd airgid o'n Phàrlamaid so na fhuair rìgh eile roimhe. Thug e 
fèio Bil'atteach do'n Philrlamaid, mu ghnothuichibh na h-eaglais, "-a 
'dhaiogneachadh mar lagh gu'm biodii cothrom aig an rìgh an 
t-endach a chitbeadh e iomchuidh àithne do rahinisteiribh na h-eag- 
ki8 'd uair a bhiodh iad 'an ceann an dreuchd fliollaisich, agiis gu'm 



274 EACIIDRAIDH NA H-ALBA 

biodh ùghdarras aìge f èin os an ceann 's na h-uile nithibh. Chuir a' 
Phàrlamaid an aghaidh a leithid sin de ghnothuch gun dol an cead 
na h-eaglais fèin. Dh' èignich an rìgh iad gu dol air aghart leis a 
ghnothuch, agus cha do leig e leb ùine sam bith a thogail ann an 
comh-labhairt air a' phuinc. Tre a sheòltachd fèin 'us breugair- 
eachd a Chlèirich rinn e mach gu'n robh 'Phàrlamaid leis; 's cha 'n 
fhaigheadh an fheadhainn a bha 'na aghaidh cothrom an gnothuch 
a rannsachadh, ach air chunnart am beatha. Leugh e litir thag- 
raidh a chuir an eaglais da ionnsuidh a' guidheadh saorsa o na 
ceanglaichibh fo an robh iad; ach cha tug e freagradh sam bith. 
Dh' fhàg Tearlach mar so gach Pàrlamaid 'us eaglais, 'us sluagh 
na dùthcha gu h-iomlan mì-riaraicht', ach na h-easbuigean a mhàin, 
's an cuid chreutairean. Air an turns a bha 'n so chuir e siol a thug 
a mach toradh searbh, searbh dha fèin 's da theaghlach 'an dèigh 
sia. Bha còmhrag aig Tearlach ris na Sasunnaich air son airgid 
luingeas, agus cìsean eil'a bha e 'cur air an tìr gun Phàrlamaid idir, 
agus air son deas-ghnàthaibh a bha 'n t- Ard-easbuig Laud a' fòir- 
neadh air an eaglais da h-ain-deoin, agus a bha co coslach rìs a 
Phàpanachd 's gu'n do thairg am Pàpa dha Ad Càrdinail dà uair. 
Bha mòran a' fàs co sgìth de na nithe so 's gu 'm b' fhearr leo an 
rioghachd fhàgail na bhi air an cleachdadh ann an seirbhisibh de'n 
t-seòrsa sin an aghaidh an coguis. 'Sa' bhliadhna 1637 sheòl a' 
cheud long o Shasunn gu ceann a tuath America le àireamh maith 
iuchd-imrich. Thug iad Sasunn Nuadh*air an àite 's an do thòisich 
iad air togail aitreabhan; agus ri ùine mheudaich 'us sgaoil iad sin 
's na lean as an dèigh gus an tàinig iad gu bhi na'n Stàitibh 
Aonaichte. 

3. Bha 'n t-àm a nis air tighinn anns an do shaoil le Tearlach 
gu'n robh e sàbhailte dha eaglais Alb' a chomh-chumadh 's na 
h-nile seadh ri eaglais Shasuinn. Phuair Laud, le òrdugh an rìgh, 
Leabhar Seirbhis air a dheanamh, a rèir am feumadh uile mhinist- 
eirean na h-eaglais Albannaich seirbhis an ionaid naoimh a' fhrith- 
ealadh. B' ann air an treas là fichead de mhìos deireannach an 



TBARLACH L 275 

t-samhraidh 1637, a rùnaich na h-easbaigean, le òrdagh an rìgh, 
an gnothgch a chur gu dearbhadh an gabhadh no nach gabhadh 
Alba ris an Leabhar Urnuigh Shasunnach. Bha iomadh ionnsaidh 
air a toirt roimhe sin air tòiseachadh a dheanamh, agus au fheadh- 
ainn bu ghlice de na h-easbuigean a* tarruing air an ais. Ach a nis 
chomh-dhuin iad gu 'm biodh an t-slìghe reidh rompa. Bha *ii 
t-aon òrdugh aig na h-uile ministcir 'san rioghachd dol air aghart 
leis an t-seirbhis Shasunnaich air an t-sàbaid ud; ach bha sùil nan 
easbuigean, gu h-àraidh air eaglais Aird Dhuneidin; 'sna'n soirbh- 
icheadli an gnothuch 's an ionad aoraidh sin, bha iad a' smuain- 
eachadh gu'n rachadh leò anns gach àit' eile. Tha ni a thachair 
san eaglais ud 'na chomharra cinnteach air an t-suidheachadh 
's an robh inntinnean an t-sluaigh a thaobh nan easbuigean 's au 
dMghean, 's co mòr 's a bha iad air an sàrachadh le fòirneart nam 
fe*r tuarasdail ud. Tha comh-fhulangas eadar inntinn 'us inn- 
tinn ciod sam bith fonn 's am bi iad, leis an lean iad a cheile mar 
an t-uisg' a bha glaiste suas 'an dàm, co luath 's a nithear bris- 
eadh 'an àite sam bith air, thig na bheil 's an lochan a mach air an 
aon bhriseadh. An uair a bhios daoine làn aoìbhneis bheir aon 
ghàir' air làn tighe briseadh air gàire. *N uair a bhios iad 'am fonn 
brònach, bheir oon ghuth guil air na bhios a làthair brùchdadh a 
mach gOQ.cbomas cumail orra fC>in. Cha b' ann làn bròin no aoibh- 
ncis a bha coimhthional na h-eaglais Aird anlà ud; bhaiad làn imnigh 
'os cùraim a* dol soas thun na h-eaglais, mu ciod a dh' fheudadh 
tachairt, . Ach 'n aair a chunnaic iad ciod a thachair gu h-achd- 
aidh, thàìnig iad gu cabhagach gu bhi làn feirge, Bha àireamh 
casbuigean air tighinn do'n bhaii' a thuilleadh air easbuig a' bhaile 
f6in a dh' fhaicinn ciounus a rachadh an "t-Seirbhis" air aghart. 
An deigh do'n choimhthional feithearah ùine fhada, thàinig fear-ion- 
• ■ ' ' ' * '" '. ti't airciùe.nlh leis an "leiiie bhàin," trusgan 
'• • 'h nam I*àpaiiach, 's thòisich e air leughadh 

lu Leabhair Urnaigb. Bha Beaoa bhean d' am b' ainm Seòuaid , 
tùdes 'oa saidh' air stòl beag Uthaidh loathpi fùiui faisg air a clm^, ^ 



276 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

baid. Ma 's gann a rinn am fear-ionaid ach tòiseacliadh air leugh- 
adh an Leabhair fhuathaich, dh' èirich Seònaid 'na seaRamh, agus 
a' lùbadh ri chèil' an stùil air an robh i na suidhe thilg i le neart 
a gàirdein e suas air ceann an fhir a bha 's a' chùbaid, 's i glaodhaich 
a mach, " A shlaoightir, a bheil thu 'g ràdh na h-aifrinn Pàpanaich 
aig bun mo chluaise!" Thug am fear a bha 's a' chùbaid an aire 
do'n pheileir mhòr a' tighinn, 's charaich e 'cheann air sheòl 's gu'a 
deachaidh e as o chloigionn brist' fhaotainn. Ach bha stòl Seònaid 
mar am fudar cluaise do 'n urchair. 'Am priobadh na sùl bha 'n 
coimhthional air am bonnaibh anns gach cearna de'n eaglais; 's cha 
robh nì a ghabhadh tilgeadh nach robh air a fhrasadh gu ceann an 
lenghadair thruaigh, 's an aon ghàir sin aca, " beiribh air a' Phàpa, 
cuiribh a mach am Pàpa." Leum cuid air gus a sgiùrsadh air falbh, 
ach thàrr e as uath' an dèigh do 'n "leine bhàin" a bhi air a reub- 
adh 'na luideagaibh. Bha dùil aig an easbuig gu'n robh beagan 
ùghdarraìs aige fèin, 's chaidh e do'n chrannaig gus an sluagh a 
chur na 'n tàmh. Ach bha e fèin gus an aon diol fhaotainn, mur 
b 'e gu'n deachaidh bàillidhean a' bhàile 's an eadraigin, 's gu 'n do 
shaor iad o làmhaibh an t-sluaigh e. Thòisich na bàillidhean 
's an luchd-cuideachaidh an sin air an t-sluagh a chur a mach, 's na 
dorsan a dhùnadh gus an t-seirbhis a chriochnachadh dhoibh fèia 
'fi do na h-easbuigibh. Ach bha leithid de èigheach 's de bhriseadh 
ninneagan 'us dhorsan a muigh, 's gu'm b' èigin doibh an gnothuch 
a leigeadh seachad an là sin. Fhuair an t-easbuig air ais gu 'thigh 
fèin gun ainneart tre chaoimhneas Morair àraidh, a ghabh a steach 
d'a 'inneal-siubhail fèin e. Sgaoil iomradh an ni a thachair 'an 
Duneidin air feadh na dùthcha gu h-iomlan an ùine ghoirid, 
's dhòmhlaich sluagh na tìre steach do'n àrd-bhaile, gun chomh- 
chòrdadh idir a blii eatorra roimh làimh air son an aon aobhair; b'e 
sin litir thagraidh a chur a dh' ionnsuidh an rìgh a guidheadh gu'n 
tugadh e air falbh a' chuing ud bhàrr am muinneil, a bha iad eu- 
comasach air a ghiulan, am Pàpanachas easbuigeach. Cha b' urrainn 
buiU na h-àird-chomhairl' car ceart a dheanamh leìs au eagal fhad 



TEARLACH I. t77 

*s a bba 'm baile co làn sluaigh, agus rinneadb còrdadh eadar iadsaa 
agus slaagh eile na dìithcha, ga'm fàgadh am mòr shlaagh am bail* 
an deigh lachd-ionaid fhàgail as an deigh air am biodh cùram an 
aobhair. Bha 'n lachd-ionaid so air an roinn na'n ceithir Baidhnibh 
— Bnidheann air son nam Morairean — aon eil' air sou uau aaislean 
— aon eil' air son nam ministeirean, agas aon air sou uam bailtean 
margaidh. Bha cuigeamh Buidheann ann a bh' air an deanamh saas 
de lachd-ionaid o na ceithir Buidhnibh eil', agus leis an robh na 
ceìthir eil' air an seòladh anns gach ceum a ghabhadh iad. Bha 
gach Buidheann air leth a' tional timchioll an aoiu bhuird au seòm- 
raichibh air leth a bh' air an solarachadh dhoibh 'an Tigh na Pàrla- 
maid; 's mar sin theirteadh na Ceithir Bùird riù. Bha ua Bùird a' 
deanamh laghanna do 'n robh an rioghachd gu h-iomlan, umhail. 
Thòisich na Bùird a' sgriobhadh thun an rìgh, 's bha teachdaireachd 
a* sior dhol air ais 's air aghart eadar cùirt an rìgh 's na Bùird. 
Ach bha 'u Ard-chomhairl' a bh' aìr a deanamh suas de na h-eas- 
buigibh 'ns nairahdibh eile na firiuu a' sior sgriobhadh thun na 
cùirt* an aghaidh na bha 'na Bùird ag iarraidh. An dèigh leantuinn 
air 80 fad bliadhna 's gun a bhi idir a' buadhachadh, rùnaich na 
Bùird 's an rioghachd gu h-iomlan, gur h-ann a dh' ath-nuadhaich- 
«adh iad an Càmhnant. 'S ann aig na Bùird a thòisich iad air labh- 
alrt mu'n ghnothùch an toiseach, ach bha gach ceàrna de 'n dùth- 
aich, deònach air gnùis a thoirt dha, acli aig an àm cheadn' a 'toirt 
fainear gar h-ann le rian 'us sòluimteachd a bhuineadh dhoibh a 
dbol *na cheann. Shonraich iad là trasgaidh air son peacaidhean 

na rioghachd aideachadh, 's iad fèin irioslachadh fo làimh au Tigh- 
earn', agas a sheòladh aslachadh. Chuireadh na ministeireau ba 
chomasaich a bha ri 'm faotainn a shearmonachadh fa chomhair nan 
coimhthionalan bu lionmhoire 's bu tuigsiche. Air an ath Dhì-luain, 
thagadh an gnothncli air a'^hart gu follaiseach, 's chuireadh daoin' 

' «ir leth air son an Còmhnant a tharruing. Chuireadh sios e 'an trì 
ceannaihh fiuleth. 'S a'cheud cheann,bha Cìimhnant loBl air ath 

'-^tkris mar a sgrìobhadh air tCls e. 'S an dara ceanu blia Ileachdan 



278 EACHDBAIDH NA H-ALBA 

na Pàrlamaid air an aithris leis an robh a' Phàpanachd air a dìteadh^ 
agus Reachdan Ard-Sheanaidh na h-Eaglais Ath- leasaicht' air aa 
daingneachadh. 'S an treas ceann bha co-char air a dheanamh ri 
cor na tìre 's a' cheart àm, air na nithibh a bha 's an dà cheann eile. 
B' e Alastair Henderson a sgriobh an co-chur, obair a tha dearbh- 
adh gu 'm bu duine neo-chumanta comasach e. B' ann air an ath 
Bhi-cìaduin, an ochdamh là fichead de cheud mhios an earraich a 
rùnaich iad gu 'n ath-nuadhaicheadh Alb' an Cùmhnant. Thionail 
iad gle mhoch'an eaglais Greyfriars; agus mu àm tòiseachaidh obair 
an là bha 'n eaglais agus an Cladh a bha timchioU oirre làn sluaigb 
a bh' air cruinneachadh do Dhuneidin as gach cearna de Alba. 
Rinn Mr. Henderson ùrnuigh. B'e larla Chataoibh, a bha 's an àm 
8in lag agus air chrith le aois, an ceud duin' a chuir sios ainm. 'An 
ùine co grad 's a ghabhadh deanamh chuir na bha 's an eaglais sios 
an ainmean. Thugadh an sin an Clàr a mach do 'n Chladh. Bha 
cuid 's a' choimhthional mhòr ud a' glaodhaich a mach le aoibhneas; 
air son na bha iad a' faicinn, cuid eil' a' gul le guth àrd; bha cuid 
a* sgriobhadh "gu bàs" an dèigh an ainmean; bha cuid a' fosgladh 
chuislean na 'n làmhaibh agus a' sgriobhadh an ainmean le 'm fuiL 
Bha e air a mheas gu 'n robh trì fichead mìle sluaigh cruinn fan Dun- 
cidin aig an àm, agus bha iad uil' air son a' Chùmhnaint. Chuireadh. 
a mach dùblachadh dheth do gach cearna de'n tìr. Agus mu! 
dheireadh an earraich 's gann a bha sgìreachd 'an Alba anns nachi 
do chuir a' chnid bu lionmhoir' an làmh ris a' Chùmhnant. Leis a*" 
Chùmhnant bha Alba banntaichte ri chèile, gu iad fèin a dhion- 
»dh o naimhdibh na firinn, 's gu cathachadh gu fuil 'an aobhar 
Chriosd. 

5. Dh'aithnich an rìgh 's a chùirteirean a nis nach b' ann ri feala- 
dhà 'bha naJBùird. Thuig iad gu'm feumadh iad ni-eigin a dhean- 
amh. Chuir an Ard-chomhairle buidheann a labhairt ris an rìgh 
mu staid na dùthcha, agus chuir na Cùmhnantaich, mar a ghoireap 
dhiubh tuilleadh 'an eachdraidh, càirdean àraidh, a measg an 
robh larla Hadingtoin, a mhìneachadh do 'n rìgh nàdur 'us aobhar 



TKARLACH I. 279 

an Di a rinn iad. Ach bha teachdairean nan easbuigean 'an Lnn- 
ninn rompa le cheile. Rinn na h-easbuigean an Cùrahnant 's na bha 
ga leantninn co beag 's co suarrach 's a b' urrainn iad; 's thug iad 
air an rìgh a chreidsinn gu'm biodh e furasda dha 'n cur fodha le 
faobhar airm. Bu mhadaidh-allaidh gharga da rìreadh, nach 
caomhnadh an treud, na h-easbuigean a bha 's an àm ud air Alba. 
Bq shnarrach aca na ficheadan de mhìltean sluaigh a chuir an 
ainmean ris a' Chùmhnant, a bhi air an cur gu bàs, n'an gleidheadh 
iad fein an àite 's an greadhnachas. O 'n là so a mach rinn Tear- 
lach suas 'inntinn gu dhol a chogadh ri 'ìochdaranaibh dìleas fèin. 
Ach cha robh e deas air son a' chogaidh fathast, agus rinn e Mar- 
cns Hamiltoiu 'na fhear-ionaid 'an Alba, gu bhi 'toirt air aghart nan 
ais-innleachdan a bha e 'n dùil a ghnàthachadh air son na Cùmh- 
naniaich a roinn na measg fèin. Bha na Bùird a' tuigsinn gu maith 
co ris a bha'n gnothuch; agus an dèigh do'n rìgh 'sdo Hamilton 
iomadh car mu chnoc a chur dhiubh, 'an dùil gu'n tugadh iad thar 
am buinn cinn-iùil nan Cùmhnautach, b' èigin doibh mu dheireadh 
■triochdadh co mòr 's gu'n tug iad cothrom dhoibh Ard-sheanadh 
a ghairm cruinn 'an Glascho air a' cheud là thar fhichead de cheud 
mhìos a' gheamhraidh sin f6in. Cha d' fhuair Ard sbeanadh na 
h-eaglais cothrom cruinneachaidh rè fhichead bliadhna roimhe sin. 
Thng an righ, mar an ceudna, cead do 'n Phàrlamaid tional air 
an ath Bhealltninn. Cha robh Pàrlamaid ann o cheann dusan 
bliadhna gn so, ach a' Phàrlamaid de' n d' rinn Tearlach cùis 
mhagaidh aig àm a' chrùnaidb. Bha ullachadh mòr air a dhean- 
amh air son an Ard-sheanaidh so. Bha na ministeirean agus an 
luchd-drcuchd eil* araon ro dheònach air an caglais a ghlanadh. 
An nair a shuidh an t-Ard-sheanadh roghnuich iad Alastair Hen- 
denon mar Cheann-suidhe do'n Chùirt. Chum Hamilton a' chùirt 
•ea li ri iarraidh nithe a r6ir toil an rìgh. An uair nach gèilleadh 
boill an Ard-sheanaidh leud ròine, 's a thuig am Fear-ionaid gu'a 
robb iad air tì bnntainn ris na h-easbuigibh a r6ir lagh eaglais na 
h-AIba, dh'èirìcb e 'oa sheasamb, agus sgaoil e t-Ard-shcanadh 'an 



280 EACIIDRAIDH NA II-ALBA 

ainm an rìgh. Bha deadb fhios aig buill an Ard-sheanaidh roìmli 
làimh gur h-ann mar sin a bhitheadh ; cha do ghabh iad ana-mis- 
neachd sam bith. Chaidh iad air aghart le gnothuichibh na h-eag- 
lais mar nach biodh a leithid a neach is Harailton ann. Ghabh iad 
air aghart a' comh-chur lagh na h-eaglais ri suidheachadh nan eas- 
buigean Albannach, agus gach riaghailt eile bha feumail, mar nach 
biodh gnothuch aca ri rìgh no Morair, ach lagh na h-eaglais a 
mhàin. Bha ochdar de na h-easbuigibh air an cur as an dreuchd, 
'sair an iomsgaradh o chomunn nan Criosduidh; bha ceathrar eile 
dhiubh air an cur as ^n dreachd gun an iomsgaradh idir; chuireadli 
dithìs eile dhiubh as aii dreuchd, ach fhuair iad cothrom cùram 
aoin choimhthionail a bhi orra. Dh' aisig an t-Ard-sheanadh an 
sin an t-ùghdarras a bhuineadh dhoibh do chùirtibh fa leth na 
h-eaglais. Dh' cirich an t-Ard-sheanadh comharraichte so air an 
fhicheadamh là de mhios meadhonach a' gheamhraidh, 'an dèigh 
gach ciiis a thàinig fa'n comhair a shocrachadh. Shuidhich iad 
mu'n do sgaoil iad an là a choinnicheadh iad a rìs, air an treas Di- 
ciaduin de mhios meadhonach an t-sam-hraidh, 1639. Anns a bhl 
co-dhunadh obair an Aird-Sheanaidh, thuirtMr Henderson, ^'thilg 
sinn a nis sios ballachan lericho ; agus esan a dh' oidhirpicheas am 
feasd ri 'n togail biodh e air fhaicill o mhallachd Hieil a Bhetelich." 
'An eachdraidh eaglaiseach theirear an dara Ath-leasachadh ris na 
Tinn an t-Ard-Sheanadh so, 's na lean as a dheigh. 



CAIB. XXXIII. 

AS COGADH SIOBHALT* GU BAS THEABLAICH. 

Ged a chuir càirdean na h-eaglais teachdair 'qs litir thun an rìgh 
a dh' innseadh dha nach robh na 'n amhar c àr a mach a dheanamh 
an aghaidh a riaghlaidh air aon chor, ach a mhàin an còraichean 
dligheach fèin a sheasanili, cha robh dad ac' air son sin. Thòisich 
Tearlach da rìreadh ag ullachadh air son cogaidh. Bha fios aig na 
Cùmhnantaich air sin, 's cha robh iad fein na 'n tàmh. Ghairm iad 
dhachaidh an luchd-dùthcha a bha'n armaibh fa leth na Roinn-Eòrpa 
gus an còmhnadh 'an |àm feuma. Thòisicheadh air uUachadh arm- 
achd anns gach baile mòr, agus air teagasg armchleas do òigridh na 
dùthcha thall 'b a bhos. Agus thàinig Seanalair Daibhidh Lesli 
a bha fada 's an arm Lochluinneach, dhachaidh gu stiùireadh an 
airm Albannaich a ghabhail os làimh. 

2. Fhuair Tearlach còrr *ns fichead mlle saighdear air an cur 'an 
nidheam, agns àireamh reisimeidean marc-shluaigh, agus càbhlach 
lionmhor a sheòl gu Libhte, 's na h-àitibh eil' a th' air gach taobh 
de'n ambainn Friù, aig an àm cheudn' un tùinig an t-arm tìre gu 
crioch a deas Alba. Cba 'n fbaigheadh na saighdeara mar' air tìr 
aìg 00 maith 's a bha 'n t-oirthlr air a dhionadh; Agus 'n uair a 

• Feamar aideachadh ga bheil am modh labhairt so ro choslach rìs a* 
Bbeurla. Thug luchd Beurl' am focal civil o 'n Laidinn. Theireadh 
Laidinnlch beltum civile ri cogadh a bhiodli aig aon phàirt de bhaile no 
do dhùthaich li pjiirt eile. \Se 8Ìn a tha (iaiU a' ciallachadh lo civil war^ 
agni *s o'n dearbh ni sìn, le easbhuidh focail is fear a thuigear, a tha fiinn 
a' dx l ÌThiidh 1« ** Cogadh bìobhall" — rìoghachd roiunte ua h-aghaidh 

lèÌD. 



3S2 EACHDBAIDH NA H-ALSA 

ràinig Tearlach ceann a tuath Shasuinn air cheann an airm thìre^ 
ehoinnich Seanalair Lesli an sin e' càmpachadh air mullach cnuic- 
Tis an abrar Duns Law, air cheann cuig mìle fichead saighdear.- 
'N uair a chunnaic Tearlach lionmhoireachd 'us èrdugh nan Albann- 
ach, agus craos fosgailte dhà fhichead gunna mòr a bh' air an soc- 
rachadh air malaidh a' chnuic fa chomhair, mheas e gu'm bu ghlice 
deanamh air a shocair. Bha Lesli deònach air gabhail ri cùmhnant- 
aibh sìth, agus dh' aontaich an rìgh ri sìth a dheanamh air chumha 
gu'n sgaoileadh araon an t-arm Albannach 'us Sasunnach, agus gu'm 
biodh Ard-Sheanadh agus Pàrlamaid Albannach air an gairm cruinn 
air son gach ni a bhuineadli do 'n rioghachd a chur ceart. Bha 
dùil aig Tearlach gu 'n gleidheadh e na h-easbuigean, co dhiù, air 
sheòl-eigin ceangailte ris an eaglais gus an tigeadh àm a b* lomchràdb 
guB an aiseag gu làn chumhachd. Ach bha'n ath Ard-Sheanadha 
ehoinnich co ionann fuathach air a' chuing easbnigich ris an Ard- 
Sheanadh a choinnich 's a' gheamhradh roimhe, 's a bhuin ria na^ 
h-casbuigibh mar dh' ainmich sinn. Thagair a Phàrlamaid, mar an 
ecadn', a dlighe fèin 's na h-uile seadh, air nach robh còir aig an 
TÌgh briseadh a stigh. Ghabh Tearlach a nis seasmhachd nan 
Albannach, mar a' toirt dùbhlan dha fèin air son na b' urrainn e 
dhcanamh; agus thòisich e as ùr ag uUachadh air son a' chogaidh. 
Co luath 's a thuig cinn-iùil nan Cùmhnantach sin, ghairm iad fèin 
au armailt 'an ceann a chèile. 'N uair a bha iad ga 'n leigeadh air 
felbh an uraidh fhuair na saighdeara cumanta rabhadh a bhì deas^ 
gu tional a rìs 'n uair a gheibheadh iad fios. Agus chum iad na 
h-oifigearan air leth pàighidh fad nah-ùine. Mar sin cha bu luaith* 
a bha fios air a chur air gach roinn fa leth de'n arm, na bha iad 
ileas air son ruith gu'm brataichibh a rìs. 

3. Phuair Tearlach sàrachadh mòr mu'n d' fhuair e ri chèir 
a' bheag sam bith de armailt le cion airgid. Ghairm e 'Phàrlamaidi 
Shasnnnach 'an ccann a' chèir air son caideachadh airgid a thoirt 
dha. Ach mar is maith a bha fios aig buiU na Pàrlamaid nach 
b' ann air son feam na rioghachd a bha 'n t-airgiod air iarraidb, acK 



AS COQADH SIOBHALT. 283 

air son peanas a dheanamh air Cùmhnantaich Alba, cha tugadh iad 
airgiod dha ; ach thòisich iad air cur an gearainean fèin fa chomhair 
an rìgh, 's a' rannsachadh a mach nithe a bha clì 's a' Phàrlamaid a 
bh' ann mu dheireadh. An deigh mòran mèigheanachd le luchd 
dreuchd an rìgh, ag aslachadh orra cuideachadh an rìgh a chur air 
thoiseach air gach ni eil', agus iadsan a' leantuinn air sin a dhiùlt- 
adh, dh'fhuadaich Tearlach air falbh a' Phàrlamaid so, mar aa 
ceudna, gun ni a dheanamh ach gearan. Thòisich an rìgh an sÌQ'' 
air trusadh airgid auns gach dòigh eil' a dh'fheudadh e. Thug 
easbuigean Shasuinn mòran airgid dha gus a chuideachadh 'an cur 
•ios Chùmhnantach Alba. Thug a chuid oifigeara fèin rud maith 
dha; agus leis na thug e o na ceannaichibh Spàinneach, agus o> 
luchd-luingeas, chaidh aig' air dbrlach shaighdeara fhaotainn 'n an 
uidheam mu dheireadh an earraich. 

4. Cha d' fhan na saighdearan Albannach aig an àm so gus an 
tigeadh Tearlach. Ghabh iad air aghart gu briseadh a steach air 
Sasunn, agus choinnich Morair Conbhaigh iad air e fèin a shuidh- 
eachadh air taobh deas amhainn Thaighnc, le Bateri ghunnaidhean 
mòr', agus sea mìle saighdear, gus an cumail air an ais. Chuir na 
b-Albannaich a chuid ghunnaidhean 'n an tàmh, *s ghabh iad seachad 
air an àth, 's chuir iad an ruaig air an arm Shasunnach, a theich gu 
ruig lorc co luath 's a b' urrainn iad. Bha so air an ochdamh là fich- 
ead de cheud mhìos an fhoghair, 1640. Ghabh na h-AIbannaioh 
sealbh air Northumberland, 'us Durham, far an d' fhan iad, rè 
bliadhna, gu sàmhach, riaghailteach, agus na Puritanaich Shasunn- 
»ch glè thoilicht' air son a bhi ga 'm faicinn ann, mar bha iad 'n an 
dion doibh fèin an aghaidh ain-tighearnais an rìgh 's nan easbuigean^ 
Thug Tearlach, 'na airc, an oidhirp air na Morairean Sasunnach 
ftomadh gu airgiod a' thogail dha gun dol 'au eisimeil tigh eile na 
Pàrlamaid idir. Cha deanadh na Morairean sud air ùilghios; bha 
floB aca nach freagradh e. Ged bu chruaidh e, b' èigin do Thearl- 
»ch a nÌB »' Phàrlamaid a ghairm cruinn an cuigeamh uair. Shuidhi 
AD crQÌnneachadh go, ris an abrar a' Phàrlamaid Fhad' an eachd- 



284 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

raidh Shasuinn,*air an treas là de cheud mhìos a' gheamhraidh 1640. 
'An àite tòiseaehadh air airgiod òrduchadh do 'n rìgh 's ann a chaidh 
a Phàrlamaid so fad air thoiseach air an fheadhainn a bha roimpe 
ann an cur an aghaidh ain tighearnais anrìgh 's a' luchd-comhairle. 
Chuireadh fear dhiubh, d'ara b' ainm larla Straford fo dlieuchainn 
air son a bheatha, *s chuireadh gu bàs e mu thoiseach an t-samh- 
raidh an deigh siu, Chuireadh Ard-easbuig Laud 'am priosun aìg 
an àm, 's chuireadh gu bàs e 'n dèigh sin. Theich an flieadhainn 
eile bu ro mheasa dhiubh, le'm beatha do rioghachdaibh cèin. 
'S ann mu thoìseacli an fhoghair, 1641, a fhuair a' Phàrlamaid iìine 
gu smuaineachadh air gnothuichibh airgiodach. Bha Tearlach 
roimhe so air deanamh sìth ris an arm Albannach, agus air geall- 
tuian gu'n rachadh e fèin a dh' Alba gu bhi làthair aig a' Phàrlamaid 
a bha gu coinneachadh an sin. Dhaingnich a' Phàrlamaid Shas- 
unnach a nis an còrdadh so, agus thug iad pàigheadh do 'n arm 
Albaunach rè na h-ùin' a bha iad 'an Sasunn — ochd ceud gu leth 
Punnd Sasunnach 's an là; agus trì ceud mìle Punnd Sasunnach a 
thuilieadh air sin gus an cuideachadh, na 'm feumadh iad eiridh aig 
àm sam bith an dèigh sin. 

5. Kàinig Tearlach Duneidin air a' cheathramli là deng de cheud 
mhìos an fhoghair, 1641. Bha e nis a' leigeadh air a bhi riaraichte 
leis na h-uile nithibh a dheanarah a' Phàrlamaid. Bha e le làimh 
fhialaidh a' buileachadh onairean 'us thiodhlacan air an fheadhainn 
is faid' a bha 'cur 'na aghaidh roimhe sin. Dh' àrdaich e Seanal- 
air Lesli gu bhi 'na larla Lebhen. Rinn e Marcus de larl' Ear- 
raghàeil; dh'àrdaich e cuid eile gu bhi 'nam Morairibh, 'sbhuilich 
€ tiodhlacan 'us duaisean saoibhir air cuid de na ministeiribh. Ach 
aig an àm cheudn' an robh Tearlach co suilbhir a sud a measg 
nan Cùmhnantach, fhuaradh a mach gu'n robh e gu h-uaigneach a* 
comh-sgriobhadh ri buidhinn a bha larla Mhontrois an dèigh a 
thogail 'na aobhar fèin, 'au aghaidh nan Cùmhnantach. 'An dèigh 
do Thearlach fantuinn re thrì mìosan 'an Duneidin, ghairmeadh air 
falbh e gu grad le àr a mach a thòisich 'an Eirinn. Dh' iarr e air 



AN COOADH SIOBHALT. 285 

a* Phàrlamaid Albannaich còmhnadh shaighdearan a thoirt dha gus 
a' cheannairc Eirionnach a chur fodha. Agiis tha e na dhearbh- 
adh comharraicht' air co beag earbsa 's a bh'aig an t-sluagh a measg 
an robh e nis à Tearlach, gu'n robh iad a* cur as a leth gur e fèin 
a ghluais na Pàpanaich Eirionuach gu ceannairc, air son dloghal- 
tas a dheanamh air na Pròstanaich. Bha na Pàpanaich Eirionn- 
ach 'an dìiil gu'u saoradh siad iad fèin o ùghdarras an rìgh 'an 
nithibh spioradail 'us aimsireil, mar a bha na h-Albannaich fèin. 
Ach ! cia eadar-dheakicht' an dòigli a ghabhadh 's au dà riogh- 
achd air son na crìche sin. Thòisich na h-Eirionnaich air obair a* 
mhortaidh, a bha 'dearbhadh cia uaith' a bha iad air an lasadh. 
Cha robh caomhnadh ac' air firionn no boirionn, beag no mòr, a 
bhuineadh do'n chreidimh Phròstanach. Fhad 's a mhair obair a' 
mhortaidh 'an taobh deas 'us 's iar Eirinn, tha e air a mheas leis 
a* mhuinntir is isle tha ga chur, gu'n do mharbhadh dà fhichead 
mil', eadar bheag 'us mhòr. Tha cuid eil' ag ràdh gu'n robh dhà 
uiread sin air am marbhadh. Chuir a' Phàrlamaid Albannach 
àireamh rèisimeidean a null gus an luchd-dtithcha fèin, a bha 'n 
taobh tuath Eirinn, a chuideachadh. 

6. Goirid an dèigh do Thearlach pilltinn air ais do Shasunn, 
cbaidh e fèiu 's Pàrhimaid na dìithcha sin, gu h-iomlan a mach 
air a cbèile. Chuir Buill na Pàrlamaid ri chòile litir-ghearain, ris 
an abrar 'sa Bheurla Remonstrance, anns an d' ainmich iad gach 
cùis ghearain a bh' ac' an aghaidh an righ, 's a luchd-comhairle. 
Bha iad fèin 'us Tigh nam Morairean gu còrdadh mu'u Litir 
chomharraichte soy agos dh' fheumadh an rìgh an sin aontachadh 
leU gach ni a bha iad ag iarraidh innte. 'Am measg nithe eile, 
chair iad au aghaidh nan easbuigean, 's nach feudadh àite-suidh' 
a bhi ac' 'au Tigh nam Morairean. Dh' iarr a' Phàrlamaid thap- 
aidh 80, mar an ccudna, riaghladh an airm a bhi air thoirt thairis 
do 'n Phàrlamaid uaithe sud a mach. Fhuair an righ, le òrdugh 
Ard-fhear lagha na rioghachd, cuigear de BhuiU na Pàrlamaid ud 
air an dìtcadh air son àird-chcannairc, agus chaidh e Uìn do thigh na 



'286 EAGHDRAIDH NA H-ALBA 

Pàrlamaid le àireamli shaighdearean gus aii cur an làimh. B*e so 
toiseach na h-aimhreit. Chaidh baile Lunuinn thar a chèile gu 
buileach a nis. Dh' fhàg an righ baile Lunuinn, 's chaidh e gu 
- àite ris an abrar Dòbher, far an do dhealaich a bhan-rìgh ris, agus 
an deachaidh i do'n Olaind' còmhladh ri a nighinn a bh' air pòsadh 
Prionns' Orange. Chaidh Tearlach an dèigh sin do bhaile lorc. 
Chruinnich àireamh maith uaislean da ionnsuidh an sin, agus chuir 
e suas a' bhratach rioghail mar shuaicheantas cogaidh aig Noting- 
ham air an dara là fichead de cheud mhios an fhoghair 1642. Bha 
'Phàrlamaid roimhe so air fiadhachadh a chur a mach feadh na 
diithcha, gu muinntir sam bith leis am b' àill airgiod iasaid a thoirt 
dhoibh, agus seudan, gu armailt a chur 'an uidheam air son iad 
fèin, agus pears' an rìgh a dhionadh o dhroch luchd-comhairle. 
Fhuair iad barrachd sheudan air na b' urrainn tigh-ionmhais na 
Pàrlamaid a chumail, agus mòran airgid mar an ceudna. Thòisich 
an cogadh air gach taobh. Fhuair Tearlach gràinne shaighdearan 
à Eirinn. Chuir a' Phàrlamaid fios air/an>arjn,Albannach gus an 
cuideachadh. Dh' aontaich na h-Àlbannaich tighinn air chumha 
gu 'n gabhadh a' Phàrlamaid an Cùmhnant. Bha mar so, a' chuid 
bu lionmhoire de shhiagh an dà rioghachd, banntaichte ri chèil' 
'an aghaidh an rìgh. Chuireadh mìle thar f hichead saighdear do 
Shasunn as Alba, gu bhi air am pàigheadh leis a' Phàrlamaid 
Shasunnaich, a dh'òrduich an Cìimhnant 's a' Chomh-bhoinn a bhi 
air an gabhail 's an dà rioghachd. 

7. An dèigh do 'n arm Albannach a dhol 'an ceann airm na Pàr- 
lamaid, thiòsich aobhar an righ, a bha roimhe sin soirbheachail, 
a' dol air ais. Mar thoradh air a chomh-aontachadh a thachair 
eadar Pàrlamaid an dà rioghachd, shuidh an t-Ard-Sheanadh 
ainmeil a chuir ri chèile Leabhar Aithghearr nan Ceist, agus Oideis 
na h-Eaglais, 'san lar-mhinisteir ann am mìos meadhonach an 
t-samhraidh 1643. Bha sea fichead ministeir 'us aon 'san Ard- 
Sheanadh so. Bha deichncar de na Morairean, agus fichead de 
uaislibh na Pàrlamaid còmhladh riu. Bha cuigear mhinisteirean 



Air OOGADH SIOBHALT. 287 

«8 Alba ann, a measg an robh Mr Alastair Henderson, agus Seòras 
Cillespi ; agus trihir de àrd-mhaithibh na rioghachd mar Sheanair- 
ibh- Lean iad air suidh' àireamh bhliadhnachan gus an do tharr- 
XLÌng iad rìaghailtean air son aoradh follaiseach, agus Leabhar 
Aìdmheil a' Chreidimh. 

8. Chriochnaich a* bhliadhna 1644 gu ro challail do 'n aobhar 
lUoghaiL Bha Cromuel a nis air èiridh àrd 's an arm Shasunn- 
nch. Thòisich an duine cruadalach so 'na chaiptin 'an ann na 
Pàrlamaid, agus 'an ìiine ghoirid dh' òirìch e gu bhi 'na Sheanalair. 
'S ann le marc-shluagh gu h-àraidh a bha esan a' deanamh gaisge. 
Cha sheasadh marc-shluagh an righ idir roimhe. Ach 'n uair a 
bha aobhar an rìgh air tuiteam iosal an Sasunn, bha e air a mhis- 
neachadh le bhi cluinntinn mar a bha Montròs, a sheirbhiscach 
dileas, a' soirbheachadh 'an Alba. Bha 'n saighdear fuilteach so 
'na phrìosunach 'an Caisteal Dhuneidin 'n uair a bha Tearlach an 
sin. Ach co luath 's a f huair e cead a choise, chaidh e do Shas- 
unn a chur a chomhairle ris an rìgh. Ghealladh àireamh shaigh- 
dearan a chur à Eirinn thuige. Phill e do Alba, 's thruis e beagan 
mhiltean rì chèil', a chuir e 'n ceann nan Eirionnach a thàinig air 
tìr 'an taobh 's iar Alba. Bha cadar a cuig 's a sea mhìltean aige. 
Leo 8Ìn chuir e 'n rnaig air a' bheagan airm a bha 'nis 'an Alba 
caochladh oairean. Feudar a radh gu'n do choisinn e 'bhuaidh 
sea nairean an car bu lugh' ad aghaidh arm bcag nan Ctimhnant- 
acb. Ged bu shaighdear seòlta Montròs, cha robh ann deth ach 
entroman. Bha e co mòr air a thogail suas le 'shoirbheachadh 
'flga'n do sgrìobh e mar so gu Tearlach, "cha *n 'eil mi 'g iarraidh, 
an dèigh an dUthaich so a' cheannsachadh do bhur Mòrachd, agus 
buaidh a thoirt o Dhan gu Beersdba, ach gu'n tugadh sibh dhomh 
cead a ràdh mar thuirt Seanalair Dliaibhidh rì 'mhaighstir, 'thig 
fdin, air eagal gu 'm bi 'n dùthaich air a h-ainmcachadh ormsa.' " 
Cha do lean »0 fada. Cha 'n fhòghuadh lc Montròs Alb' a chcann- 
sacli i ì Thog c air gu dol a steach air taobh tuath Shasuinu. 
Chair Omn-iiiil nan Cìimhnantach fios air Seanalair Liisli, larla 



288 BACHDRAIDH VA. H-ALBA. 

Leblien, greasad a nall à ceann a deas Shasuinn, agus comneamli 
a chumail ri Montròs. Air maduinn an treas là deug de cheud 
mhios an fhoghair, 1645, thàinig larla Lebhen le sea mìle saighdear 
tapaidh air Montròs gun fhios, aig àite ris an abrar Philiphaugh, 
faisg air Selcirc, Chuir e as gu tur do armailt Mhontrois; theich 
an ceannard fèin le 'bheatha do na beanntaibh le dà fhichead mar- 
cach. Goirid an dèigh sin fhuair e air teicheadh gu tìr mòr na 
h-Eòrpa; mar sin chaidh e as o'n chroich aig an àm sin; "ach bha 
chòcrach a' fàs." 

9. Bha Tearlach a nis air na h-uile dòchas a chall a thaobh 
Alba, agus bha gach cearna de Shasunn gu bhi air an toirt as a 
làmhaibh gu buileach mu'n àm so. Bha 'chuid saighdearan a' call 
am misneachd, agus saighdearan na Pàrlamaid air an robh Crom- 
uel 'na cheannard a' fàs 'am misneachd. Air a theannachadh air 
gach taobh, 's gu'n fhios aige ciod a dheanadh e, 's e smuainich e 
gu'n tilgeadh se e fèin air caoimhneas an airm Albannaich, a bha 
e 'n dùil a bhuineadh ris ni bu shuairce na arm na Pàrlamaid. 
Dh' f han e ochd mìosan 's a' champ Albannach ; ach bha 'n Cog- 
adh Sìobhalt a nis air sgur, agus an t-arra Albannach àir pilltinn 
dhachaidh; 's cha b' urrainn iad a chumail ni b' fhaide. Roghnuich 
e ftjin a bhi 'an aon de 'lùchairtean faisg air Lunuinn, air son 
comh-sgriobhadh a chumail ris a' Phàrlamaid; agus thugadh 
seachad e do arm na Pàrlamaid, 'an dèigh gealladh sòluimte 
fhaotainn nach deantadh coire sam bith no ainneart air pears' an 
rìgh. Threòraich larla Lebhen 'an sin an t-arm air ais do'n dùth- 
aich fèin. Tha cuid a' faotainn coire do'n arm Albannach airson 
an righ a thoirt suas do'n arm Shasunnach idir. Tha iad le so a* 
taisbeanadh am mi-ruin 's an aineòlais. Cha b' urrainn na h-Alb- 
annaich a chumail gun chogadh ris an arm Shasunnach, ni bha 'n 
aghaidh an aobhair air son an tàinig iad ga'n còmhnadh. Agus 
ged a chumadh iad e ciod a dheanadh iad ris ? agus co fad 's a bu 
UÌY do dhuin' aig an àm cha robh cunnart air bith gu'n tachradh 
do'n rìgh mar a thachair. 



AN COGADH SIOBHALT. 289 

10. Lean a' Phàrlamaid air coluadar 'an sgrìobhadh a chumail 
ris an rìgh greis an dèigh dhoibh fhaotainn 'n an làmhaibh fdin ; 
ach chum iad 'na phrìosunach e. Cha robh ni a dh'iarr iad air 
nach gealladh e dhoibh mu dheireadh ach dà ni ; b' e sin easbuig- 
eachd a chur sios *s an eaglais, agus a chàirdean no a luchd-corah- 
airle thoirt thairis gu peanas. Cha 'n aontaicheadh e ris an dà ni 
aiiL Ach na 'm biodh earbsa sam bith aig a' Pliàrlamaid d cliù 
Thearlaich, bha iad air bi riaraichte gu leòr leis na gheall e. Bha 
fio8 aca co luath 's a glieibheadh e 'n cothrora gu 'ra feuchadh e 
ri *n cur fodha ris, agus an saorsainn uile thoirt uatha. Bha 
Cromuel gniomhach anns a bhi riaghladh nan cumhachan a 
dheanadh an rìgh ris a' Pliàrlamaid. Bha àit aige-san 's a' Phàr- 
lamaid, a thuiUeadh air e bhi da rìreadh, 'na cheann air an arm. 
Bha 'n rìgh a' gabhail air a blù gld chàirdeach do Cliromuel. Cha 
robh inbhe no urram nach gealladh e dha. Ghlac Cromuel litir 
*!i rìgh thun na ban-righ a bha 's an Fhraing anns an dubhairt e 
gun eagal a bhi oirr' air son esan a bhi 'gealltuiim cus; — 
1 uair a thigeadh an t-àm, gu'm b' aithne dha-san ròpan cainb' a 
chàradh rau arahaichibh nan daoidhearan 'an àite gartan sìde.** 
Cha stadadh Cromuel an dòigh so gus an d' fhuair e amhach 
Thearlaich air an ealaig, ni a bha e cinuteach a dheanadh Tearlach 
airaaa iia 'm faigheadh e gu brhth an cothrom. Chuir an ceannard 
n3C^8greamhail so fear de 'chuid oifigearan le dà rdisiraeid gu Tigh 
na Pàrlamaid, agus sgihrs am fear sin air falbh dà clieud de BhuiU 
n\ cUirte sin. Cha d'fliàg e ann ach mu thrì fichead, a bha de 'a 
aon bheachd ri Cromuel fdin, agus ris an abair sgriobhadairean, an: 
Kampull. Thug e orra sia lieachd a dhaingneachadh leis aa 
Tobh an righ air a dhiteadh mar ciontach de àrd-cheannairc air 
■on oogaidh an aghaidh na Pàrlamaid. Chuireadh Tearlach fo' 
dhcuchainn a bheatha 'rèir an Ileachd so, ach cha 'n aidiclieadh e 
ùghdarras na Ciiirt a bha ga dhiteadh idir. Co dhiìi dhit iadt 
e gu bhi air a chur gu bàa. Chuireadh an ceann dheth, fa 
chomhair Ifichairt White-hall air an deicheamh là ficheadde'n 



250 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

cbeud mhios, 1649. Thug Cromuel, an^sin, ma'n airidh Comh- 
f hlaitheachd a bhi air a h-èigheach air son nan eileanaibh Brea- 
tunnach. 



CAIB. XXXIV. 

A* CHOMH-FHLAITHEACHD. 

'N UAIR a thuigeadh 'an Alba cionnus a bha Cromuel 's a luchd- 
cuideachaidh a' làimhseachadh an rìgh, bha sluagh na dùthcha glè 
dhiombach. Agus chaidh cuid co fad' 's gu 'n d* iarr iad a dhol a 
chogadhan aghaidh arm Chromueil fathast. Charobh Cinn-iùil nan 
Ciimhnantach deònach air dol co fada sud, agus labhair na minis- 
teirean mar le aon ghuth an aghaidh cogaidh. Ach fhuair Diùc 
Hamiltoin àireamh mhiltean de 'shaighdearan òga, dealasach air 
taobh an righ mar bha e fèin, gus a leantuinn do Shasunn a chuid- 
eachadh chàirdean sam bith a bh' aig an righ an sin. Thàinig 
Cromuel gu h-obann air an Diìic, aig àite ris an abrar Uarsìngton, 
's chuir e 'n ruaig air a shaighdearaibh neo-iunnsaichte ; chaidh an 
Diiic fèin a dheanamh 'na phriosunach, 's a ris a chur gu bàs. Cha 
tàinig ach tearc de a luchd-leanmhuinn air an ais. 

2. Ach 'n uair a chualas 'an Duneidin gu'n do chuireadh Tear- 
lach gu bàs, bha gacli àrd 'us iosal air an lionadh le feirg. Kàinig 
an naigheachd air an t-Sabaid ; agus air an ath là chaidh Tearlach 
II., mac 'us oighre 'n fhir a chuireadh gu bàs, digheach 'na righ. 
Cha robh an t-òganach so ach ochd bliadhna deug a dh' aois aig 
an àm — ^gill' àrd, caol, odhar, làn clicireachd 'us mealltaireachd. 
Bha e air teicheadh do 'n Olaind roimhe siid. Ach ged a bha iad 
dleasdanach do 'n righ, 'ua inbhe fèiu, cha robh iad gus a ghabhail 



a' chomh-fhlaitheachd. 291 

gnn chumhachan. Dh' flieuraadh e a' Cliomhbhoinn shòhiimte 'san 
Cùmhnant' aideachadh, 's a h\mh sgriobhaidh a chur riu, mu 'n 
gabhadh iadsan orra fèin bòideau a bhi dìleas dha. Chaidh teachd- 
airean a chur da ionnsuidh air son còrdaidh ris mu'n ghnothuch so. 
Bha Tearlach òg deònach gu leòr air na h-uile ni a dh' iarr a' Phàr- 
lamaid Albannach a dheanamh — 's e bha. Ciod an nì nach dean- 
adh 's nach gealladh esan, 'n uair a bhiodh sin gus a ghnothuch. 
fdin a chur air aghart? Ach bha e 'cumail a ghnothuich greis gun 
chur an dara taobh gus am faiceadh e ciod a thachradh do inn- 
leachd uaigneach eil' air nach robh fios an sin. Bha e 'n dèigh 
^fontròs fuilteach a chur a nall do thaobh tuath Alba le sea ceud 
Gearmailt^ach, agus tearc de Rioghalaich a bh' air teicheadh do'n 
Olaind an dèigh bàis 'athar. Na 'n soirbliicheadh le Montròs, 
mar bha e'n dìiil, glieibheadh Tearlach air ais gu rioghachd a shinn- 
sir gun taing do'n Phàrlamaid; gun a bhi fo Chtimhnant idir. 
S mar sin ged a bha e gealltuinn nan uile nithe a dh' iarr iad, bha 
e 'faotaÌQn leth-sgeulan gu dàil a chuir 's an ni. Thàinig Montròs 
.ir tìr 'an Arcu. Thug e air àireamh de òigridh an eilein sin gabh- 
'.il 's an arm aige. Leo sin 's na thug e as a' Ghearmailt, ghabh e 
lir aghart gu tir-mòr Alba. Ach choinnich oifigeach da 'm b' ainm 
^trachan fo chomannda Lesli e, air iomall a tuath Shiorrachd E-ois, 
' lir e as a chèil' a chuid shaighdearan. Theich Montròs 'na 
V, 's chuir e eudach saighdeir cumant' air fòin, gus a chur a& 
lithne. Thug se e fèin suas do Mhac Leòid Asainn, a bha air bith 
r')imhe 8Ìn, 'na 'arraailt ièin. Tlmg Mac Leòid suas e do oifigich 
.a Pàrlamaid. Bha binn a bhàis air a toirt a mach air son gach 
)lc a rinn e roimhe sin. Chrochadh e air an aona là fichead de 
hcud mhios an t-samhraidh, ir>50. 'N uair a chuala Tearlach mar 
■ : : hair do Mhontròs bha e ullamh gu 'ainm a chur ris gach 
^' idlinant 'us paipeir a dh' iarradh a' Phàilamaid. Dh' fliàg e 'n 
Olaind air an t-scathamh Ih deug de mhios racadhonach an t-samh- 
L,' c air tir aig bun amhainn Spdigh, 's gìiabh e .air 
. ...lcadh. B^'i M-^ 1i- M)>'Minaich ro aoibhucach air son 



292 EACHDRAIDH NA. H-ALBA 

e thighinn. 'Nochd muinntir Dhuneidin gu h-àraidh, gu 'n robh 
iad aighearach le teineachan aoibhinn a chumail a' losgadh rè na. 
h-oidhche, 's a bhi dannsadh timchioll orra. 

3. Bha 'm beachd fèin aig Pàrlamaid Shasuinn mu thighinn. 

Thearlaich. Bha Eirinn air dol troimhe chèile roimhe so — ^bha 

i roinnte 'na buidhnibh, cuid an aghaidh, 's cuid air taobh an 

lìgh ; cuid leis an aidmheil so, 's cuid leis an aidmheil eile. Chaidb 

Cromuel a nuU le dusan rèisimeid, 's an iiine ghoirid cheannsaich 

e gu h-iomlan an diithaich sin d'a riaghladh fèin. Agus a nis bha 

e air tighinn air ais, agus gun dàil rinn e deiseil air son a leithid 

a dheanamh air Alba 's a rinn e air Eirinn. Thàinig e nall do Alb* 

air ceaun feachd shea mìle deug eadar choisichean 'us mharc- 

shluagh. A rèir nòis Alb' o shean, chaidh teine fhadadh air mull- 

ach gach cnuic o 'n chrich Shasunnaich gu Duneidin, leis an robh 

rabhadh air thoirt do 'n t-sluagh gu 'n robli nàmhaid air briseadh 

a steach air an tir. Ghabh am feachd Sasunnach air aghart, a 

h-uile ceum gu Duneidin gun a bhi 'coinneachadh ri dad ach tlr 

air a fàsachadh — an sprèidh 's am biadh air an toirt air falbh, gua 

ni air fhàgail de 'm b' urraiun nàmhaid feum a dheanamh. Ach 

chuireadh stad orr' aig Duneidin. Bha Seanalair Daibhidh Lesli 

an sin an dèigh gàradh dionaidh agus sreath Dhaingnichean a. 

tharruing eadar Libht' agus Duneidin air nach bu chomasach do 

Chromuel faotainn seachad. Bha e mu'n cuairt do àm na Lùn- 

asdail, 's bha mòran uisg' ann leis an robh na Sasunnaich ro mhi- 

chomhfhurtail air chìil a ghàradh. 'N uair a dh' f hairtich air 

Cromuel an t-Albannach a thoirt idir gu ionad tharruing lann, 's a 

thòisich tinneas air lagachadh a chuid feachd, b' èigin da pilltinn 

a deas gu àite ris an abrar Dunbàrr, a tha fad an ear-dheas air 

Buneidin, ri cois na mara, far am faigheadh e biadh o 'n chàbhlach 

a bha ga leantuinn. Dh' f hàg Lesli an sin, 'ionad dionaidh, 's lean 

e air sàil Chromueil, 's ghabh e sealbh air mullaichibh nan cnoe 

a bha os ceann an airm Shasunnaich, air sheòl 's nach b' urrainn 

iad gluasad gu deas no gu tuath gun chunnart a bhi air an gearr- 



a' chomh-fhlàitheachd. 293 

tidh as. Cha b'e Lesli so*Iarla Lebhen, ach fear a b' òig', agus 
saighdear nach bu mheasa. 

BhaCromuel 's a luchd-leanmhuinn mar so 'an teinn mhòir le bhi 
air an cuairteachadh le naimhdibh. Agus 'an ùine ghoirid 
dh' fheumadh iad an cuid armac'lid a' leigeadh sios, agus striochd- 
adh do Lesli gun bhuill' a bhualadh. Ach bha mòran mhinisteir- 
•ean 'us dhaoin' eile 's an arm fo Lesli, aig an robh ùghdarras air 
iuntinnibh an t-sluaigh. Thòisich iad sin air àithne *s air teagasg, 
gu 'm bu chòir a dhol sios do 'n chòmhnard a chogadh ris na Sas- 
tinnaich. Sheas Lesli 'an aghaidh a' bheachd ud fhad 's a b' urr- 
ainn e, ach mar bha mòran ùghdarrais aca sud thairis air na 
- lighdearaibh, bhuadhaich an guthanna. B' c'igin do Lesli leig- 
eadh leis an arm a dhol a chogadh, ged a bha beachd aige nach. 
b' anu gu soirbheachadh. 'N uair a dh' innseadli do Chromuel 
^i 'u robh na h-Albannaich a' cromadh leathad nan cnoc, ghlaodh 
e mach, "Thug Dia thairis do ar làimh iad." Bha so mu fheasgar. 
Air a mhoch mhaduinn an ath là, an treas de dhara mìos aa 
f hoghair, mu *n d' fhuair na h-Albannaich gu ceart 'n an tarniing, 
r" -T na Sasunnaich garg ionnsuidh orra, 's chuir iad an ruaig orria. 
L:.aidh tri m'de de na h-Albannaich a mharbhadh 'san ruaig, agus 
ghlacadh deich mile dhiubh na'm priosunaich. 'Sann rì so a 
thcirear Dròbh Dhunbàr. Dh'fhosgail a' bhuaidh so baile Dhun- 
cidin do Chromuel. Theich a' Phàrlamaid 's an t-arm gu Sruileadh 
lir taobh tuath na Friù. Ged a chaidh blàr Dhunbàrr'n an agh- 
aidh, cha do chaill iad am misneachd. Thog iad armailt eile gu 
1,'oirid, 'sinar a thug Tcarlach làn-riarachadh dhoibh a thaobh 
gfj.illtuinn a bhi leis a' Chùmhuant,chrhn iad e'an lùchairt Scoinne, 
air là na bliadhn ùire, 1651, fo thiodail, Tearlach IL Chuir larl' 
Earra-Ghàeil an crìin air a cheann. Bhòidich àrd-mhaithean na 
tire 's an sluagh cumanta gu'm biodh iad dìleas do Thearlach, 
's gu'n deanadh iad seirbhis da lc 'maoin 's lc 'm beatha gu bàs, 
a rdir na Comhbhoinn shòluimte, 'sa* Chìimhuaint. Bu shcalladh 
80 co brònach 's a bha 'n Alba riamh; daoioc iirinncach, neo- 



294 EACnDRAIDH NA H-ALBA 

ghealtach, a' bòideachadh a bhi dileas, cha b' ann a mhàin da 
dhuine co mealltach 's co failteach 's a shuidh riamh air caithir- 
TÌgh, ach do dhuine 's ua h-uile seadh, co suarrach 's a shuidh 
TÌamh air caithir sam bith. 

4. Bha luchd comh-bharail, no sect air èiridh an Sasunn mu 'n 
àm so ris an abrar Independents, aig a bheil ceangal ri chèil* a 
thaobh barail, ach a tba dealaicht' o chèile 's na h-uile seadh eile; 
gach coimhthional fa leth a' riaghladh an gnothuichean fèin, guii 
chlèir no seanadh, no cìiirt caglais sam bith is àirde na seisean a' 
choimhthionail. B' ann diubh sin Cromuel. 'N uair a fhuair esari 
làmh an uachdar, thug e muinntir de 'bheachd fèin gu bhi riagh— 
ladh Shasuinn. Cha robh Cromuel ag iarraidh air eaglais Chlèir- 
ich^Alba ni sam bith a bhuineadh do a co-shuidheachadh ath-- 
arrachadh ; bheireadh e làn shaorsa dhoibh mar eaglais, ach cha 
leigeadh e leò a bhi dealaichte ri Sasunn, no Stiùbhartach a bhi 
'na righ aca. Bha na h-Albannaich 'n an aineolas, 's 'n an cath- 
lannas, 'an dùil gu 'm bu ni comasach saors' aimsireil 'us spiorad 
ail a bhi ac' agus righ Stiùbhartach. Bha dearbh-chinnt aig 
Cromuel gu'n robh sud eu-comasach, 'an nàdur nithe, agus uime 
sin cha robh e 'dol ga 'm fàgail gus an toil eu-cèillidh fèin a lean— 
tuinn. 'N uair a chaidh dùdhlachd a' ghearahraidh seachad 'sa. 
y urrainn an t-arm an t-achadh fosgailt' a' ghabhail, chaidh an 
gaisgeach Sasunnach air tòir Lesli 's a chuid feachd. Ghabh' 
Lesli an rian dionaidh a bh* aige roimhe, 's cha b' urrainni 
Cromuel a tharruing gu cath, no fhuadachadh air falbh o 'ion- 
adaibh làidir air taobh tuath na Friìi. Ach le dian chogadhi 
'us dòirteadh fola fhuair e buidheann shaighdearan air aw our; 
a nuli air Port na ban-righ a ghabh sealbh air Siorrachd Fio&;, 
agus leis am biodh an t-arm Albannach air a dhruideadh a mact 
o'n chòmhnard 'so'n oirthir a 'sear. Ghabh Tearlach an sia 
comannd an airm e fèin; 'sthug e Sasunn air le ceithir mile deug 
feachd, 'an dìiil gu'n èireadh na Sasunnaich leis, 's gu'n tilgeadh 
iad a mach CromaQl 's a' Phàrlamaid bheag. Thriall Cromuel aa 



a' chomh-fhlaitheachd. 295 

a dhèigh, *s astar là no dha eatorra. 'S gann a bha Tearlach a' 
fswtainn duine; ach bha feachd Ghromueil a sior dhol am meud. 
Thionndaidh Tearlach air Cromuel 'an àite ris an abrar Uorster. 
Bha arm Chromueil, an sin air meudachadh gu deich mìle fichead. 
ChaiU Tearlach an là sin gu h-iomkn. Chaidh àireamh mòr 
de 'shaighdearan cois' a mharbliadh, agus an còrr dhiubh a dhean- 
amh na 'm priosunaich. Theich am marc-shluagh air falbh mar 
z b' fhearr a dh' fheudadh iad. 'S gann a rinn Turcach no pàgan- 
ach sam bith eile ni riamh bu bhrìiideile na 'n laimhseachadh a 
riun Cromuel air na priosunaich a ghlac e 'n Dunbàrr agus 'an 
Uorster — cbuir e thar chuan do America iad, 's chaidh an reic mar 
thràillibh ri neach sam bith a b' urrainn an ceannach. 

5. Bha Tearlach a' faicinn blàr Uorsteir a' dol air aghart o mhull-. 
»ch na h-aitreibh a b' àirde 's a' bhaile. Ach an dèigh an là a bhi 
air a chall, b' èigin da 'cheann thoirt fodha; agus an dèigh iomadh 
caol-theamadh o thuiteam 'an cumhachd a nàimhdean, fhuair e 
mu dheireadh rian air teicheadh gur tir-mòr na h-Eòrpa, fiir an 
pobh e air chuairt, o dhùthaich gu dìithaich, rè àireamh bhliadh- 
nachan. Theich a' Phàrlamaid Albannach do 'n Ghàeltachd, 's cha 
b' urrainn iad armaìlt a thogail tuilleadh a chuireadh an aghaidh 
Chromueil, a gliabh làmh an uachdar air an rioghachd dha fèin 'an 
ainm na comh-fhlaitheachd. Shuidhich e Seanalair Monc 'an 
Alba mar àrd-cheannard an airm fodha fdin; 'san ùine ghoirid 
ahocraich an tir sios gu blii urahail do 'n bhuidhinn bu treise. B'e 
Camshronach Lochiall a b' fliaide sheas a mach a bh' ann 'an agh- 
aidh Cliroraueil. Ach 'n uair a mhìnicheadh dha nach robh aige 
ri ìimhlachd aideachadh do dhuine sam bith air leth, chaidh e, 
air ceaon a chuid daoine, gu achadh a bha dlù air Caisteal Inbher^ 
lòchaidh, agus am fianuis oifigearan a' chaistcil, leig iad sios aa 
annachd thun ao làir, a' ciallachadh sgur de chogadh air taobh 
Thearlaich, 's thog iad a rìs iad 'an ainm stàiteachan na rioghachd. 
An lin bha foLs aig an tlr. Goirid an ddigh do^Chromuel Tearlach 



296 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

fliuadachadh air falbh thar iian crioch, fhuair se e fèin air aium- 
eachadh 'na Dhionadair na Comh-fhlaitheachd leis an RumpuU. 
Bha barrachd cumhachd aige, fo 'n tiodal sin, na bh' aig rìgh 
Breatunnach roimhe. Bha e soirbheachail 'na chogaidhibh ris an. 
Olaind 'sri rioghachdaibh eile, 'sbha mar aon toradh air gach. 
còmhstri a bh' aige riu gu'm feumadh iad ùmhlachd a thaisbean- 
adh do 'n t-suaicheantas Bhreatunnach ge b' e cearna fo 'n ghrèia 
an coinnicheadh e riu. 

6. Rè na h-ùin' a bha Cromuel 'na Dhionadair air na trì riogh- 
achdaibh, bha ceartns air a fhrithealadh 'an Alba gu neo-sgàthach, 
's gu neo-leth-bhreithcach. Bha sìth 'us saorsainn aig eaglais na 
h-Alba 's na h-uile scadh, ach nach feudadh an t-Ard-Sheanadh 
ijoinneachadh air eagal gu 'm biodh iad a' gabhail gnothuch ri 
riaghladh aimsireil na rioghachd. Agus anns na h-uile seadh, bha 
tomhas neo-àbhaisteach de shoirbheachadh 's an rioghachd. Ach. 
a rèir 's na bha de airgiod a' ruith feadh na dùthcha, bha iad ga 
mheas 'na chìs ro throm a bhi 'pàigheadh ceithir fichead mile 
Punnd Sasunnach 's a bhliadhna, air son gach costas a bha 'n 
uachdaranachd a' tarruing. Dhùin Cromuel dorus na Pàrlamaid 
big aige fèin air là àraidh, 's dh'fhuadaich e air falbh na builluile 
'chionn nach robh iad umhail gu leòir dha. Thug e oidhirp uair 
no dhà a rìs air Pàrlamaid a ghairm ; ach fhuair e iad co eas- 
umhal do 'thoil fèin 's a bha Tearlach ga 'm faotainn. Chuir e 
roimhe gnothuch a dheanamh de'n easbhuidh; ach bha'n gnoth- 
uch a' sior dhol ni bu doirbhe, gus mu dheireadh an do thuit e 
fo chudthrom an uallaich. Bhàsaich e air an treas là de dhara 
mios an fhoghair, 1658, 'san naoidheamh bliadhna deugthar dhà 
fhichead de 'aois. Bha Pvichard, a mhac, air 'ainmeachadh a rèir 
tiomnaidh 'athar gu tighinn do 'n dreuchd as a dhèigh; ach 
fhuair e leithid de dhoirbheasan innte 's gu'n tug e suas i mu 
mheadhon an earraich 'an dèigh sin. Einn a bhràthair, Eanniic, 
a bha 'na riaghlair air Eirinn, an ni ceudna, 's dh' fhàgadh an 



AN at:i-aiseag. 297 

Stàite car greis mar luing gun stiùireadair, ach am fear a thog- 
xadh a' toirt tàmhaidh da h-ionusuidh, agus am fear eil' a thog- 
radh ga thilgeadh as àite. 



CAIB. XXXV. 



AN ATH-AISEAG. 



B* E Lambert, fear de oifigich Chromueil, an neach bu ghniomh- 
aich a measg chhich ann an atharrais air a mhaighstir a bh' aige 
xoimhc. Cha robh a dhol a mach a' còrdadh ri Seanalair Monc. 
Chuir Monc an t-arm a bha fodlia fèin 'an uidheam gluasaid- 
Dh' iarr agus fhuair e o Ard-chomhairl' Alba pàigheadh shea 
niiosau do 'chuid saighdearaibh. Ghabh e 'a sin air aghart thun 
na criche Sasannaich; 'sanuair a ràinig e amhainn Ticeed aig 
te m an abrar am Faarallt, bha Lambert aig a' Chaisteal Nomha 
a' tighÌDu 'na choinneamh gus a chumail air ais. Bha feaclid Lam- 
beirt dìibailt fcachd an fhir eile. Thòisich Lambert air teachd- 
airean a chur uaithe mu chumhaclian sith. Bha Monc uUamh gu 
èisdeachd, agos an ùinè chur seachad. Cha robh pàigheadh cinn- 
teach do 'n fhear eile mar bha dhasan. Mar a bha na cumhachan 
a' dol air aghart, 'san ùine 'dol seacbad, bha na Sasunnaich a' fàs 
^gith, mi-rìaraicht' agOB a' falbli. Ach ni bu mhèasa na so uile, 
ibàÌDÌg taairìsgeul thuige gu'n deachaidh an luchd-riaghladh a 
dh' fhàg e 'n Lunuinn troimhe ch^ile. B' <*igin dol air ais gus an 
cur ceart Bha Monc 'an Lunuinn air a shàil. Chuircadh Lam- 
bert am prìosunn, 'sb'èigin do gach neach eil' a bha 'gabhail 
i^othuch ri riaghladli iad fein tlioirt a& Chuir Mono a mach fiadh- 



298 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

achadh do na daoinibh a dh' fhuadaich Cromuel as a Phàrlamaid"^ 
iad a philltinn air an ais, agus an àite 'thogail'san tigh, 's gu 'm 
"biodh làn shaorsainn aca gu laghanna a dheanamh. Leùghdarras 
na Pàrlamaid so, chuireadh mòran oifigeara 'us shaighdeara ceann- 
airceach air falbh; 's an dèigh Reachdan eil' a dheanamh a bha 
iomchuidh aig an àm, sgaoil a Phàrlamaid i fdin,aig an àm cheudna- 
'deanamh Achd gu'n coinnicheadh Pàrlamaid eil* air a* chuigeamb 
là fichcad de'n ath mhios. B'i so a' Phàrlamaid Fhad' a choinnick 
fichead bhadhna roimhe sud. 

2. Bha Tearlach 'sa' chhirt bheag a bha ga leantuinn gl è fhurach- 
air air ciod abha tachairt 'am Breatunn. 'Nuair a choinnich a' 
Phàrlamaid ùr, bha litrichean air an cur fa 'ncomhair o Thearlach 
a' tairgseadh maitheanais do na h-uil' air son gach olc a rinneadh 
air an teaghlach rioghail, agus làn shaorsainn coguis, agus gach 
gealladh maith eil' a mheas e feumail air son an aomadh gu 'thaobh 
fèin. Bha cùmhnant uaigneach eil' air a dheanamh ri Seanalair 
Monc ; na 'm biodh e dìleas do 'n rìgh aig an àm ud, gu 'm bitk- 
eadh e air a dheanamh ^na Dhiùc, agus 'na chomanndair air an arrni 
Bhrcatunnach. Cha robh air domhan na gheibheadh a mach 
Toimhe so, co dhiù a bha Monc leis an rìgh no 'na 'aghaidh. Ach 
aon uair 's gu'n d' fhuair e so uile, bu ghille rìgh e da rireadh. 
Bha 'Phàrlamaid, cha mhòr, aonsgeulach anns a bhi 'toirt breith 
gu'm bu chòir an rioghalachd ath-aiseag, agus co-shuidheachadh 
Ban rioghachdan so a bhi *s na h-uile seadh mar bha c roimh bhàs 
Thearlaich I. 

3. Chaidh T^rlach II. a steach do Lunuinn air an naoidheamh. 
là fichead de cheud mhios an t-samhraidh, comh-ainm là a bhreith. 
Bha 'dhithis bhràithrean còmhladh ris, — Diùc lorc, mu'n cluinn- 
car fathast, agus Biùc Ghlouster, a bhàsaich òg. Ghabh na Lun- 
ninnich ris gu subhach ; agus an uair a chualas 'an Duneidin gu'n 
tàinig c gu rìgh-chaithir 'aithrichean, is beag nach deachaidh aa 
«Iuagh air mhisg le aighear. Shuidhicheadh bòrd fada, còmh- 
daichte le nithibh mils', agus fion air an t-sràid. Bha cothronL 



AS ATH-AISEAG. 299^ 

aig a h-uile neach a thogradh a ghloiane lionadh gu deòch slàint* 
an rìgh agus a bhràthar, Diùc lorc, òl. A chionn uach feudtadh 
gloinn' air an do chuireadh an onair a bhi 'g òl deoch slàint' an 
rìgh aisde chur gu feum sam bith eile, bha na h-uile fear òil a' 
sgailceadli a ghloinne ris a' chabhsair. Cbaidh trì ceud dusau 
gloinne fliìona bhriseadh air an dòigh so. Bha iad a* buaUxdh 
chlag, 'sa' deanamh gach gnè fhuaim eil' air an smuainicheadh 
iad. Ach Ah ! a dhaoine simplidh, cha 'n f hada gus an toir Tear^ 
lach port eile dhuibli gus a chluìch. 

4. Thòisich obair an dioghaltais an Sasunn air na beòthaibh 
's air na mairbh aig an robh làmh 'am bàs Thearlaich. Cbaidh 
deichnear a chrochadh ds na breitheamhnaibh leis an do dhìt- 
eadh e; chaidh corp Chromueil a thogail as an uaigli, agus a 
chrochadh ris a' ghrein; chaidh ceud corp eil' a thioundadh a 
mach as an uaighibh, 's an tilgeadh 'n an tòrr air muìn a' chdile 
gun adhlacadh idir, 'an cladh Naomh Mairireit. Bha corp màthar 
Chromueil na 'm measg sin. Loisg an crochadair leabhraicheaa 
Mhiltoin agus leabhraichean Sheòrais Buchanainn, airson iad a bhiv 
teagasg còir dhaoin' air a bhi saor o ain-tighcarnas. Bha Alastaìr 
Hendersou agus Seòras Gilleasbuig guiomhach' 'n an là ann aix. 
cur air aghaidh a' Chìimhnaint. Chaidh na h-ainmean aca sin a> 
ghearradh a mach le sgeilbibh as na leacaibh suain a bh' air au^ 
■uaighibh 'an Duneidin 'san Circakli. Ma blia cuimhn' idir aig 
Tearlach air a' chaoimhneas a nochd Alba dha 'an toiseach a là, 
'saDD 'an rathad dioghaltais a dheanamh orra air son cuing no 
cumha chur air, ach a mhàin a thoil fuin, 'na chleachdadli 's na 
bheachdaibh. Chaidh larl' Earra-Ghàeil suas do Lunuinn a 
dh* fbàilteachadh Thearlaich goirid an d<5igh dha tighinn do 
8hasaDD. Cliaidh a ghlacadh le òrdugh Thearlaich 's a dhruid- 
eadh a stigh 'an Tùr Lunuinn mar phriosunach. Chaidh a rìs a 
Wiur air aÌH do Alba gu dol fo dheuchainn a bheath' a ròir lagh na 
rìoghachd sin. Bha deadh luchd-Iagha Chromueil air an cur air 
iklbh » Dis, agUB feadhaÌDD eile *d an àit', a rdir cridhe Thearr- 



300 EACHDRAIDH KX H-ALBA 

laich 'sa luchd-comliairle. B'e Earra-Ghàel aon de na h-àrd- 
mhaithibh bu ro fhiachail 'an Alba 'na là. Cha robh coire sam 
l)ith dha, ach naimhdeas guineach a bhi aig Tearlach dha air son 
cronachadh dileas a thug an t-Iarla dha, 'n uair a bha e'n Alba 
deich bliadhna roimhe sud. Dhit seirbhisich Thearlaich 'an Alba 
Earra-Ghàel gu bàs, leis a cheann a chur dheth. Cha robh leth- 
sgeul ac' air son sin a dheanamh ach gu'n d' aontaich e le riagh- 
ladh Chromueil air an rioghachd. Co nach ròbh ciontach dheth 
so ? Bha làmh Sheanalair Monc, a nis Diùc Albemerl, 'am bàs 
Earra-Ghàeil. Chuir an duin' amhaidh, fuar-ohridheach ud, litrich- 
ean a nuas à Lunuinn thun an luchd-lagha, a fhuair e o Earra- 
Ghàel, 'n uair a bha e fèin 'na riaghlair air Alb', anns an robh 
'n t-Iarl' a moladh tighearnais Chromueil. 'S ann air na bha 's na 
litrichibh so a bhonntaich an luchd-ditidh binn bàis an larla. 
Thuirt e gu 'm b' urrainn e bàsachadh mar Ròmhanach, ach gu'm 
"bu roghnuiche leis bàsachadh mar chriosduidh. B' esan an ceud 
neach a dh' f huiling 'an Alb' o dhioghaltas Thearlaich. B'e Mr 
Seumas Guthri, Ministeir Shruileidh, an ath neach. Sgriobh esan 
leabhran beag an aghaidh thruaiUidheachdan an là. Air son an 
leabhair sin chaidh a dhìteadh gu bhi air a chrochadh. Shearmon- 
aich e fad uair a thim thar mullach na croiche, do 'n t-sluagh a 
thionail a dh' f haicinn an t-seallaidh, co òrdail 's ged a bhiodh e 
'na chtibaid fèin 'an Sruileadh. 'N uair a bha e gu bhi air a thilg- 
eadh a steach do 'n t-siorruidheachd, thog e suas an nèipicin geal 
o 'aghaidh 's ghlaodh e mach, "Na Cùmhnantan, na Cìimbnantan, 
bithidh iad fathast na 'm beothachadh do Alba." 

5. An uair a thug Tearlach 's a luchd-comhairle, dearbhadh 
mar so air gu'm b' urrainn iad fuil a dhòirteadh, 's gu 'n deanadh 
iad sin an uair a chitheadh iad iomchuidh, bha iad 'an dùil gu *m 
feudadh iad an rian eaglaiseach a bh' aca 's an ambarc a thaobh 
Alba thoirt air lom ; b' e sin an eaglais Chlèireach a chur s\os, agus 
au eaglais Easbuigeach a chur suas na h-àite. Fhuair e Pàrlam- 
.aid Shasuinn gu Eeachd a dheanamh leis am feumadh na h-uile 



AN ÀTH-AISEAa. 301 

mìnist^ar 's an rioghachd a bhi air an comh-chumadh ri dòighibh. 
nan easbuigean. Thug an Reachd so air dà rahìle ministear aig an 
robh coiinlithional 'an eaglais stèidhichte na dhthcha ud, an àitean 
*sam beolaind a threigsinn. Bha cumhachd nan easbuigean air a 
briseadh gu h-iomlan *8an tir ud, o thoisich a' Chogaidh Shiobhalt, 
's bha *n sluagh, gu coitchionn air tighinn gu bhi leantuinn dhòigh- 
ean na h-eagbis Clèirich, no Independents. Ach ged a chuunaic 
Tearlach 's a chhirteirean gu'm bu roghnuiche, le mòran eadhon 
'an Sasunn am beòlaind a leigeadh seachad na bhi de 'n eaglais 
easbuigich, rìinaich iad dol air aghart leis an ainneart cheudn' 'an. 
Alba. Bha eaglais na h-Alb' air aon de a cuid ministeirean fèin 
a chur suas do Lunuinn goirid an dèigh do Sheanalair Monc a dhol 
an sin, gu bhi furachar mu atharrachadh sam bitli a bhiodh luchd 
rìaghlaidh a' faicinn iomchuidh a' dheanamh a thaobh eaglais na 
h-Alba. B'e Seumas Sharp, ainm an fhir-ionaid a chuir an eagiaiS' 
gu tùr na faire 's an àm ud. 'N uair a tliuig Sharp gu'n robh an 
righ air tl tighinn air ais do Lunuinn, chaidh e gu choinneachadb* 
*Se bun a bh' ann, 'an àite Seumas a bhi Sharp* mu'n ghnothuch 
a dh' earb an eaglais ris, 's ann a tliionndaidh e mach a bhi Sharp 
mu àrdachadh saoghalt' fhaotainn dha f6m. Thàinig e fdin 's an 
righ g\\ còrdadh mu 'n easbuigeachd ath-aiseag do Alba ; agus thug 
an rìgh dha, 'sghabh esan a bhi 'na Ard-easbuig Chill-Rimhinn, 
no *na V' ' W air Alba gu h-iomlan. Bu mhòr an togail so, 

ma*8t*j„ .1 ann; agus ma's tuitcam, bu mhòr an tuiteam. 

Their sgriobhadairean, ludas na h-eaglais ri Sharp. Gun teagamh 
pcic e *n eaglais 's an deachaidh a thogail suas; agus cha bu bheag 
an greadhnachas talmhaidh a fliuair e niar a phrìs. Goirid an 
dòigh do'n duine mhòr so sealbh a ghabhail air Cill-Rìmhinn, 
chaidh seisear easbuìgean eil' a choisrigeadh agus le mòr ghreadh- 
nachas an cur a steach'n an àite. B* e'n ath cheum na ministeirean 
a thoirt f^ fimhlachd do Mhorairibh na h-eaglais. Thàinig òrd- 



Genr. 



302 EACnDRAIDH NA H-ALBA 

iigh a mach o'n Ard Chomhairle, a' sparradh air na h-uile minis- 
teir iad a fhrìthealadh nan coinneamhan a bhiodh aig na h-eas- 
hnigibh 'n an cuairtibh. Cha do chuir na ministeirean suim 's an 
òrdugh nd. Dh'fhnadaich an Ard-Chomhairr an sin na h-uile 
ministear nach do ghabh an comhairl' air falbh as an tighibh 
còmhnuidh, agus o'n coimhthionalaibh. Leis an sguabaig so bha 
ceithir cheud cùbaid air am fàgail falamh feadh Alba. B'e 'n ath 
cheum a nis na cùbaidean 's na coimhthionalan a lionadh suas. 
Agus o nach faighteadh daoin' aig an robh coguis a lionadh suas 
iad, b' èigin an lionadh le daoinibh gun choguis. Tha fear de na 
h-easbuigean fèin a' sgriobhadh gu'm b' iad na curates a chuir- 
eadh a steach 'an àite nam ministeirean a leig dhiubh am beò- 
laind, na creutairean bu truaighe de'n t-shiagh uìle. Cha'n èisd- 
eadh na coimhthionalan riu so. Bhiodh iad a' dol do na mon- 
aidhibh 's do àitibh uaigneach eil' a dh'èisdeachd nam ministeirean 
a chuireadh air falbh. 'S a' bhliadhna 1663, fhuair na h-eas- 
buigean Aclid air a dliaingeachadh, leis an robh gach duin' air 
èigneachadh gu eaglais na sgìreachd d' am buineadh e 'fhritheal- 
adh. Bha rola le ainm muinntir na sgìreachd aig a' churate, a 
bha e gairm an dèigh na searmoin, mar a dheanadh maighstir- 
sgoile, 's bha ùmhladh mòr ga chur air na h-uile nach freagradh 
'ainm. Bha saighdeara ga'n cur air chairtealaibh thuige gus am 
pàigheadh e'n t-suim a leagadh air; agus bha mòran theaghlaìch- 
ean air an toirt gu bochdainn le so. Bha mòran de tbaobh siar 
Alb' air a chreachadh leis iia saighdearaibh mar gu'm bu dìith- 
aich a thugadh a mach leis a' chlaidheamh a bh'ann. Theirteadh 
Lion Tarruing nan Easbuigean ris an Achd dhubh ud. 

6. Ged a shaoileadh duine gu'n robh sud cruaidh gu leòir, bha e 
ro las le Sharp. Rinn e gearan ri cnirt an rìgh air son co mall 
'sa bha Ard-Chomhairr Alb' ann a bhi peanasacliadh na muinntir 
a bha trdigsinn eaglaisean an sgìreachd. Fhuair e le sin an ni a bha 
e 'g iarraidh, cead o'n rìgh cìiìrt a chur air chois 'aii Alba, coslach 
ris an Inqulsition, no c^irt dhiabhluidh nam Pàpanàch. B'e 



a' CHEUR-LEAÌfMHUINN. 303 

Ard-easbuig Sharp fèin ceann-suidhe na cùirt so. Bha cothroni 
aig buill ua cùirt air an toil fèin a dheanamh. Dh'fheumadh 
gach trùpair 's gach earraid a bhi umhal doibh ; feumaidh iad uil* 
a dhol far an iarr Sharp oira, agus ni sam bitii a dheanamh a 
dh' òrduicheas e dhoibh. Tha cumhachd aig an ludas so, neach 
jsam bith is àill leis a ghairm gu a chìiirt, 's peanas sam bith is 
àill leis a' leagadh air, 's cha ruig e leas leth-sgeul no dionadh a 
ghabhail o neach sam bith ach mar thogras e. 'S i *n fliòirneart a 
bha Sharp air ceann na cìiirte so a' cleachdadh air gach bochd 'us 
beartach, soan 'us òg a bha 'tuiteam 'na làmhaibh, a dh' aobhar- 
aich an ni risan abrar 'un eachdraidh Alb', a' Gheur-leanmhuiuu. 



CAIB. XXXVI. 



A GnEUR-LEANMHUINN. 



'an toiseacha' gheamhraidh 1664 thàinig ceathrar de 'n mhuinntir 
A bh* air teichcadh do na beanntaibh 'an Gallabhaigh a nuas a 
-ebeannach bìdh gu baile beag ris an abrar Dalraidh. Bha buidh- 
eanu sbaìghdearan 'an sio, an dèigh seann duin' a clieangal, agus 
a* bagradh a lùsgadh 's a chur air greidcil dheirg theth, mur pàigh- 
eadh e hmhladhnah-caglais, ni nachb'urrainn e'dheanamh. Chaidh 
na falbbanaich sgìth ud 's an cadraigin, leòn iad fear de ua saighd- 
earan, 'sle còmlinadh muinntir eil' a' bhaile dh' fhuadaich iad air 
*" '■ ' 1 1 1 r- • • ]/sshaor iad an scann duinc Tlmì^ 
•.inh'sa' ghniomh ud 'gu'm b' e'n gliocas 
a Di 1 ri chèilc 'siad fèin a dhionadh mar a b' urrainn iad. 

'*Aq uinu ghoirid, theich feadhainn eilc do 'n ionnsuidh 's dh' f hàs 



304 EACHDRAlDn NA H-ALBA 

iad 'n an rdislmeid ; ach clia robli bheag sam bith de armachd 'n am 

measg. Mar bu trice, 's iad spealan air an deanamh direach a 

bh' aca. Bha Cornalair Uallas aca 'na cheannard. 'An dùil gu 'n 

èireadh an dùthaich leò, rùnaich iad an aghaidh a' chur air Dun- 

eidin gus an lu chd-dùthch' a bh' air am foireigneadh a chur saor. 

Ach cha tug an sluagh gniiis sam bith dhoibh. 'S ann a dh' èir- 

icli baile Lìbhte gu seasamh 'n an aghaidh. Rinn iad air son piU- 

tinn air ais an sin rathad cnuic Phentland. An dèigh an sàrach- 

adh a' coiseachd, stad iad aig àite ris an abrar Glasach RuUion. 

Kug Seanalair Dalsiel orr' an sin le arm an righ, agus a thri uir- 

ead aige 's a bh' ann de na Cùmhnantaich. Ach sgith 's mar bha 

an naoi ceud falbhanach ud, sheas iad gu iad fèin a dhionadh mar 

a b' fhearr a b' urrainn iad. Ach 'A uair a dhorchaich an oidhche. 

theich a chuid mhòr dhiubh air falbh feadh na 'n cnoc — chaidh 

leth-cheud diubh a mharbhadh, agus rinneadh priosunaich do 

cheud eile dhiubh. Leig iad sin sios an armachd air chumha 

gu'm biodh am beatha air an caomhnadh. Ach coma air son a 

leithid sin a ghealladh. Chrochadh deichnear dhiubh air an aon 

chroich'an Duneidin,agus cuig deug thar fhichead mu choinneamh 

an dorsan fèin 'an àitibh fa leth de 'n dùthaich. Bha dithis de na 

priosunaich air an d' rinneadh peanas na Bòtuinn — inneal eagal- 

ach a thugadh as an Fhraing air son a bhi 'g èigneachadh dhaoine 

gu bhi brath na muinntir a b' aithne dhoibh a bhi briseadh aon 

sam bithde laghanna fuilteach an droch là ud. 'An ddigh do'n chois 

a bhi air a cur 's an inneal so, bha geinn an ddigh geinn air an 

slacadh sios leis a' chrochadair gus am biodh na cnàmhan air an 

spealgadh as a chèile. Rinneadh am peanas sin aig an àm so air 

Mac Neil, uachdaran Chòrsac, agus air Uisdean Mac Càil, searmon- 

aich' òg. Chaìdli Mac Càil a chrochadh an dèigh peanas na^Bòt- 

uinn fhulang. Ilinn e searmon do 'n luchd-amhairc aig bonn na 

croiche. Chomhdhuin e leis na briathraibh so. ''Slàn leibh ath- 

air 's a mhàthair, a chàirdean's a luchd-dàimh ; slàn leibh a shaogh- 

ail agus uile shòlasan; slàn leibh a ghrian, a ghealach 's a reultan. 



a' GHEUK-LEAKMHUINir. 305 

Pi-bheatha Dia agus an t-Athair. Di-bheatha a Thighearn' losa 
mhilis. Di-bheathaSpioraidbheanuuiohtenauGràs. Di-bheatha 
Glòir. Di-bheatha a' bheatha mhaireannach. Di-bheatha am bàs." 
Cha Tobh shil thioram a làthair 'n uair a leig am Fiùdhalach so 
8Ìos a bheatha. Lean geur-leanmhuinn thròm t6 a' ghL'amhraidh sin 
uìV an aghaidh bichd-leanmhuinn a' chùmhnaint. Agus fhuair 
Morair Lauderdàil a bha 'na fhear-ionaid aig an rìgh 'an Alba> 
rian air Ard-easbuig Sharp agus na h-easbuigean eil' a chur a macK 
as a* Chomhairr agus triùir de àrd-mhaithibh na tìr' a thoirt a 
steach do 'n Chomhairle còmhladh ris ft^in. Cha 'n 'eil e coslach 
gu*m bu chàirdean do'n Chùmhnant an trii\ir sin, Morairean 
Thiughdail agus Chinn-Càrdin, agus Sìr Raibeart Muireach; ach 
bha iod ni b' fliearr mar luchd-riaghlaidh na Sharp agus a bhuidh- 
eann. Fhad 's a ghl<5idh iad sin an àitean, bha lasachadh aig na 
Cùmhnantaich. Fhuaradli Reachd air a dhaingneachadh a* toirt 
maitheanais do na h-uil' a ghabh pi\irt 'sa' cheannairc mu dheir- 
eadh. Ach 's e bh' ann gnothuch mealltach. 'S ann aig an àm so 
a rinneadh an t-Achd ris an abrar Indulgences. Thàinig litir o'n 
righ 's a' bhliadhna, 16()i) a' toirt ìighdarrais do 'n Chomhairle na 
ministeirean a leigeadh a steach do na h-eaglaisibh falamh. A 
mheud *s a ghabhadh cur a stigh o na h-easbuigibh, gu 'm faigh- 
eadh iad pàigheadh ; a niheud *h nach gabhadh sin, gu 'm faigheadh 
iad tigh còmhnuidh agus glib, agus cothrom searmonacliaidh. 
Kinn an Reachd .so troimhc cheile mòr *s an eaglais, ni a bha beachd 
aig au righ a dheanadh e. Ach tre ais-innleachdaibh droch mhna> 
bau larla Dhisairt, thionndnidh Landerdàil 'n an aghaidh sud, 
schaill iad au dreuchdaii. Fhuair Sharp 'sna h-easbuigean eile 
steach an sin, 's au ùioe ghoirìd thòi^ich a* ghcur-leanmhuinn ni 
bii '• na bha i roimhe. Rinncadh laghan cruaidh* 'an agh- 

aid.. ' ,.... ,Ulclt4t no,Clioinneamhan-FoIclmidh. Ach audc'igh gach 
ni cha tigca<lli afi sluagh a dh' di.sdeachd a' churate. Bha ùmh- 
laidhcao troma ga 'u cur air gach neach a gheibliteadh aig Coinn- 
eimb Fholchuidh. Bha iad a'deauamh an lagha ni bu chi laidhe 



306 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

'an dtiil gu'n cumadh sin air an ais an sluagb. Agus rinn e sin car 
tamuiU 'n uair a rinneadh an Reachd fòirneartach ud — gu'n robh 
gach fear labhairt 's gach fear èisdeachd aig Coinneimh-Fholchuidh 
buailteach do pheanas sam bith a thogradh a' Chomhairr a dhean- 
amh air — gu 'm feumadh gach maighstir a sheirbhiseach a thoirt 
8uas, agus gach uachdaran fearainn a chuid tuatha, air eagal iad 
fèìn a bhi buailteach do na h-aon pheanasaibh. Agus mar sin. 
gach dàimh sam biodh daoine 'seasamh da chèile gu'm feumadh 
iad aon a chèile thoirt suas, agus nach feudtadh comhfhurtachd 
sam bith a chomh-pàirteachadh ri neach a bha ciontach de'n mhi- 
ghniomh ud> no comhluadar a chumail ris. Car tamuiU bha 
mar gu'm b' eadh buaidh lagachaidh aige so air cuid de'n t-sluagh ; 
agus tha luchd-eachdraidh ag innseadh gu 'n robh iad mar 'n an 
tàmh 'sa' bhliadhna 1676. Ach 'an dèigh sin 's ann a neartaich- 
eadh na nithe a 'bha ullamh gu bàsachadh. 'S a' bhliadhna 1677 
rinneadh peanas air seachd mile deug pearsa, eadar ùmhladh 'us 
prìosun, 'us druideadh a mach o chàirdibh. Agus an uair a chun- 
naic Sharp 'us Lauderdàil nach robh sud uile ga 'n cumail o 'n 
Choinneimh, rinn iad ni bu truime an t-Achd, le chur ann gu 'm 
biodh càraid sam bith a bhiodh air am pòsadh, no neach a bheir- 
cadh a leanabh ri 'bhaisteadh do aon de na ministeiribh a chuir- 
eadh a mach, buailteach do 'n aon pheanas riu fdin. Thàinig 
daoin' uaisl' o thaobh 's iar na dùthch' a' ghearan ri Lauderdàil 
air son co ro chruaidh 's a bha iad 'an dèigh an Reachd a dhean- 
amh. Ach 'an àite taiseachadh 's ann a rìiisg fear-ionaid an rìgh 
a ghàirdean thun na h-uinnle, agus a' toirt buiUe do bhòrd na 
Comhairle le 'neart, mhionnaich e air ainm lehòbhah gu'n co- 
èignicheadh esan iad gu iad fèin a chur fo'n bhann ud. Ach cha 
b' fhada gus an d' f huair am fear cuthaich so a mach gu'm feum- 
adh e'n dara cuid am bann a theannachadh fathast ni bu 
chruaidhe, no leigeadh as gu h-iomlan. B' e 'n ath char air an do 
gmuainich a' Chomhairle gu 'm fiadhaicheadh iad na Gàeil a nuas 
thun na machrach gus na Goill a chreachadh. Bha aig an àm so 



a' gheur-leakmhuinn. 307 

-cuid de na tlghearnaibh Gàeìach an aghaidh, 's cuid air taobh. 
eaglais nan easbuigean, mar a bha na GoiU fèin ; 's ge b' e taobh. 
sam bith a leanadh an ceann-cinnidh, bha 'n tuath mar bu trice ga 
•leantuinn-san. Bha Camshronach Loch-Iall 'us mòran eile dhiubh 
air taobh an rìgh. Cha robh aca sin ach fead a leigeadh, 's bha 'n 
cuid daoin aig an sàil. Thug oifigich nan Gàel orra a chreidsinn. 
gu'n robh iad gu bhi air an treòrachadh an aghaidh muinntir a 
bha 'g èiridh 'an ceannairc 'an aghaidh an rìgh, 's ghealladh pailt- 
-eas creiche dhoibh mar an tuarasdal. Chaidh deich mìle dhiubh 
thuu na machracha'bhliadhn' ud, 's choinnich gràinneshaighdearan 
Galld' iad aig Sruileadh ; chuir iad an aghaidh air taobh 's iar na 
dùthclia, 's b' ioghnadh leò air fhad 's de 'm falbhadh iad, nach 
robh arm nan naimhdean idir ga 'n coinneachadh, ach an sluagh 
anns gach cearna de 'n dìithaich 'an ceann an gairmean laghail gu 
'siochail. Ach 'n uair a thuig na ceatharnaich ni b' fhearr an 
ii-aobhar air son an tàinig iad, 's an cothrom a bha 'n lagh a 'toirt 
doiblì, leum iad air a' chreich. Cha robh each, no mart, no caora, 
110 gnò rud a ghabhadh iomaiu no giùlain,nach robh iad a' ''togail." 
'S e bha Sharp 's a chomh luchd comhairl' a' cunntadh gu 'n èir- 
eadh gach àrd 'us iosal 'an taobh 'siar na dùthcha 'an ceannairc 
'an aghaidh an tighearnais, agus nach biodh dad ri 'dheanamh aca 
fc^in an sin ach leum air an cuid fearainn, 's a roinn eatorra fèin 
'sancàirdean mar cliitheadh iad iomchuidh. Tha luchd-eachd- 
raidh ag innseadh gu'n robh iad gu h-achdaidh an dèìgh. croinn a 
tharruing air cuid de 'n fhearann, mu'n do thuig iad nach freag- 
radh an dòigh ud idir. Las spiorad sluaigh na rioghachd co mòr 
an aghaidh na Comhairle 's gu'n do thuig iad gu 'n robh iad Uìn 
'an cunnart mòr, 's ghreas iad a ghairm air ais nan Gàel le ni 's mò 
<le chabhaig na bh' orra a' cur air an tòir. Cha do mhair sgriob 
nan Gàel ach dà mhios, ach tha air a ràdh gur co mòr an cruinn- 
eachadh a rinn iad 's gu'n do mhcasadh sea mile deug tliar fhich- 
ead Punnd Sasunnach do'n chall a rinn iad 'an Siorrachd Ara 
na h-aoaar. Gun teagamli, bha 'n cuid fdin aig na saighdearaibh 



308 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

Gallda de 'n chreich, ach o 'n bha na Gàeil ainmeil air son ceath- 
amachd, 's ann orra-san a dh' fhàgadh tròmlach na coire. Ghiùl- 
ain Cùmhnantaich an taobh 's iar creachadh am maoin le luath- 
ghair, 's cha robh niread de thoileachadh aig a* Chomhairle 's an ni 
a rinn iad 's gu'n do ghluais iad a' mhuinntìr chreacht' ud gu 
ceannairc. 

4, B' e 'n ath leum a thug Sharp as lagh fhaotainn deanta lei» 
am biodh e ceadaichte do na h-uil' oifigeach airm neach air bith 
a chitheadh e^dol no tighinn air ais o Choinneimh-Fholchuidh a 
mharbhadh air a' bhad, gun seisean no mòd, ged nach deanadh an 
t-oifigeach ach a shaoilsinn gur h-ann a' dol gu 'leithid de choinn- 
eimh a bha'n coigreach, no a' pilltinn uaipe. Bha 'n càmhal so 
To mhòr air son na Comhairl' a bhi aon-inntinneach mu 'shlug- 
adh. Ach fhuair Sharp an àireamh bu lionmhoire dhiubh air a 
thaobh. Bha Dreachd* de'n lagh so gu bhi air a chur suas do 
Lunuinn, air an t-seathamh là de cheud mhìos an t-samhraidh 
1679, agus bha Sharp fèin gu falbh suas aig^an àm cheudn', air 
son an t-Achd a chuideachadh air aghart; ach roimh dha dol do 
Lunuinn chaidh e air ais do ChiU-Eimhinn air an dara là de 'n. 
mhios. Stad e 'n oidhche sin an tigh Chaiptin Setoin, fichead mìY 
o Chill-Rìmhinn. Ghabh e air aghart air an ath mhaduinn, agus 
Toimh mheadhon là thug buidheann a bh' air tòir Uilleim Car- 
mìchael an aire dha. Bha Carmìchael so 'na earraid aig Sharp,. 
a* niith sìos agus suas a' glacadh nan Cùmhnantach 's na ceàrnaibh 
Tid. Chaidh an naoinear mharcaichean ud gu grèim a dheanamh 
air an earraid, agus ni-eigin de pheanas a dheanamh air; ach 
chaidh e as uath' an là ud. An uair a bha iad a' dealachadh ri 
'chèìY a' pilltinn dhachaidh fhuair iad sgeul gu 'n robh inneal- 
siubhail an Ard-easbuig gu gabhail an rathad ud. An dèigh. 
beagan comh-labhairt 's e rùnaich an luchd tòrachd, ged a chaidh 
an ciontach beag as uatha, gu 'n tugadh iad làmh air a' chiont- 

• Draft. 



A* GHEUR-LEANMHUIim. 309 

ach mliòr. Roghnuicli iad fear Hacston gu bhi 'na cheannard 
orra 'deanamh a* gkniomh, 's gu'n tugadh iad uil' ùmhlachd dha. 
Dhiùlt esan. *An sin chuir fear eile dhiubh, d'am b' ainm Bur- 
iaidh, spuirean ri *each, a* glaodhaich ri *chompanaich, "Leanaibh 
mise, 'dhaoin' uaisle." Bu charbad Lunuinneach inneal-siubhail 
an Ard-easbuig, *s bha e air a tharruing le sea eachaibh meanm- 
nach. Bha e fdiu 's a nigliean a stigli, 's a chuid sheirbhiseach a 
muigh a' marcachd 's a' greasadh nan each. 'N uair a chunncas a* 
bhuidheann ud a' dian mharcachd as an dèìgh, ghlaodh esan a 
mach ris an fhear-ghreasaidh, "Greas, Greas." Ach an dèigh rèis 
mhaith, rug na marcaichean air. Dh' aslaich e orr' a bheath' a* 
chaomhnadh 's gu'n caomhnadh esan am beatha-san, 's gu'n tugadh 
€ airgiod dhoibh. Dh' aslaich iadsan air e dhol a dh' ùrnuigh, *s 
nach robh aig' ach beagan ùine. Cha deanadh esan sud, 's air dhoibh 
earalachadh gu a dhleasdanas car ghreis thug iad ionnsuidh air a 
mharbhadh a stigh 's a nighean ri 'thaobh ; ach air dhoibh a 
thuigsinn nach robh e gu mòr air a lotadh thug iad a mach e, 
'sshàthgach fear dhiubh a chlaidheamh 'na chorp. Mharcaich 
iad an sin air falbh, a' glaodhaich ris na seirbhisich, "Togaibh leibh 
a nis 'ur sagart." 

5. Ach ged a bha Sharp marbh bha e fathast a 'labhairt. Chuir- 
eadh an droch lagh a rinn esan suas do Luuuinn 's thàinig e air a 
ais le scul an righ ris, 's thòisich àm a chasgraidh a nis da rir- 
€adh. Air a' cheud Sàbaid de'n ath mliios an deigh bàis an Ard- 
easbuig, bha Coinneamh-Fholchuidh aig àite ris an abrar Abhon- 
dàil, an iar air amhainn Chluaidh. Goirid an d^igh do 'n t-seirbhis 
tòiaeachadh loisg am fear-fair' an urchair a bha 'na ghunn' a 
dh' innseadh gu'n robh an nàmhaid a' dlùthachadh, 's ruith e fèìn 
thun a' choimhthionail. Tliarruingeadh na daoin' armaichte 'mach 
air ball 'an òrdugh gu seasamh 'am f(5in dhion. Cha robh ann 
diubh ach mu dhà chcud gu leth. Ghluais a' chuid eile de 'n 
choimhthional gu àite tearuinte. Bha Cleabhars uaibhreach nan 
each, air chcanD ainii.na tòrachd. Bha boglach domhain eatorra. 



310 EACHDRAIDH KA H-ALBA 

far an do choinnich iad. Thug Cleabhars òrdugh losgaidh an tois- 
each. Co luath *s a dh' fhairich na Cùmhnantaich gu 'n robh iad 
li losgadh, ghrad thuìt gach fear dhiubh air an talamh, ach 'am 
priobadh na sùl bha iad air an cosaibh, gun neach leònta, 'sloisg 
iad làdach air trìipairibh Chleabhairs leis an robh iomadh diollaid 
air a falmhachadh. Cha do sheas an cath ùine sam bith. Theick 
Cleabhars fèin dheth 'n àraich le 'each reubta, 's ged a bha còm aa. 
eich aige ga shlaodadh as a dhèigh, mharcaich e mir e air sgàth a. 
bheatha fèin. Chaidh dà fhichead de na naimhdean a mharbhadh^. 
agus mòran a leònadh, 's a ghlacadh 'na 'm priosunaich. Cha do 
chaiU na Cìimhnantaich ach seisear. 

6. An dèigh na buaidh so thòisich mòran a' sruthadh as gach 
àite de 'n dùthaich do 'n ionnsuidh. Thàinig iad gu bhi 'n an 
Coimhthional mòr anns an robh dh'ith air cuig mile comasach air 
armachd a ghiùlain. Thòisich cùirteirean an righ a nis a' smuain- 
eachadh gu'm bu ghnothuch cudthromach e, 'schuir iad sios do- 
Alba Diùc Mhonmouth, mac diolain do 'n rìgh, gus an t-arm a 
threòrachadh an aghaidh nan Cùmhnantach. 'An ceann thri 
seachduiuean an ddigh là Dhruimclog,* bha coimhthional mòr eil* 
ag èisdeachd searmoin air monadh Hamiltoin, faisg air drochaid 
Bhotueil. Chunncas Diùc Mhonmouth a' tighinn air ceann an 
airm gu bualadh orra. Ghreas na Cìimhnantaich gu sealbh a- 
ghabhail air an drochaid, 's an cumail gun dol thairis. Ach cha 
deachaidh ac' air sin a dheanamh fada. Bha cuig mìle deug duin* 
aig Moumouth, cha robh aca-san ach trian sin ; 's cha robh hiaidh*' 
'us fìidar gu leòr aca. Agus bha iad roinnte na measg fèin^ 
Theich iad air falbh o'n drochaid, 'snuair a fhuair Monmouth a 
null, cha robh doirbheadas sam bith dha an ruaig a chur air na 
Cùmhnantaich. Cha robh ac' ach droch ceannard a bh' air 
e fèin a chnr 's an dreuchd gun iarraidh idir. 'N uair a dhlùth- 
aich cunnart rìa, thug e 'chasan leis. *K uair a channaic jx%^ 

* Àinm an àit* au do ebaireadh am blàr. 



A GHEUR-LEANMHUINN. 311 

daoÌQe mar bha iad air ani brath 's air an treigsinn, leig iad sios aa 
armachd, 's mar siu cha do dhùirteadh tuilleadh fola 's a' chath. 
Bha air a mheas ga *n do thuit ceithir cheud ann uile. Rinneadh 
priosunaich dhiubh, 's thugadh 'n an càraidibh iad do Dhuneidin. 
Cha ghabhadh na prìosunan iad uile. Chuireadh cuig ceud deug 
a steach do Chladh eaglais Greyfriars, far an do chuir Alb' a h-ainm 
ris a' Chàmhnant dà fhichead bliadhna roimhe sud. Chumadh 'aa 
sud iad re chuig mìosan, gun fhasgath o fhuachd no theas, air an 
cumail beò le aran airce 's le uisg' airce. Leigeadh cuid diubh air 
falbh air dhoibh an ainm a chnr ri bann nach togadh iad arm a 
choidhch 'an aghaidh an rìgh — thàrr cuid a bha eutrom, beothail, 
as, le leum feadh na h-oidhche seachad air gàradh a chlaidh. Mu 
mheadhon eeud mhios a' gheamhraidh, chuireadh dà cheud gu leth 
dhiubh air bòrd soithich an Lìbhte, gus an cur a dh' America, air 
son an reic mar thràillibh. 'N uair a bha iad a' dol seachad air 
Arcu, sheid a' ghaoth co mòr 's gu 'm b' eigin doibh dol a steach 
do loch beag. Mu mheadhon oidhche dh' èirich onfha mòr air aa 
oìrthir a thilg an soitheach gu tìr air sgeir far an do bhriseadli i. 
Bha na priosunaich fad na h-ùiu' air an glasadh fo rùm. 'N uair a 
thnig iad ciod a bha gu tachairt, ghlaodh iad cothrom fhaotainu 
tighiun a mach. Ach thug a'bhrùid Caiptin a bh' orra teann òrdugh 
na bùird-dhoruis a bhi air an druideadh gus nacli faigheadh aon 
diubh a mach. Ghearr na seòladairean an crann, 's rinn iad riau 
air faotainn thun na sgcir' air an drochaid chaoil sin; 'n uair a fhuair 
i.i 1-an air tlr 's a sgoilt an soitheach, thàinig mu leth-cheud de na 
du' iiie thun a chlàir uachdair 's chaidh an tearnadh. Ach bhàthadh 
ao dà ehead eile, le coire a' chaiptin, 's nan seòladairean. 

7. Oed a chaill àireamh co mòr am beath' aig Drochaid Bhotueil, 
bha'a tighearnas a' gabhail creideis dhoibh foin air son nach robh iad 
eo craaidh 's a dh'fheudadh iad a bhi. Cha bu daine f uilteach Mon- 
nioutli. Chaisg e 'chaid saighdearan mar a b' urrainn e o dhòirt- 
ca4Ìh fola 'an dcigh do na Cììmhnantaich an airm a' leigeadh sìos. 
Agus le 'oidhirpibh-san rinneadh Keachd air son stad a chur air a' 



312 EACHDRAIDn NA H-ALBA 

gheur-leanmliuinn, acli tre naimlideas nan easbuigean 'an Alb', agus 
Lauderdàil, a blia nìs air a dheanamh 'na Dhiùc, bha 'n reachd so 
'na litir mhairbh fhad 's a mhair e, agus 'an ùine ghoirid thuit e gu 
tur, agus thàinig a' gheur-leanmhuinn gu bhi ni b' fhuiltiche re naa 
ochd bliadhn' an dèigh sud na bha i riamh roimh' 'an Alba, no 
feudaidh e bhi, 'an rioghachd eil' air domhan. Phòs Diùc Lauder- 
dàil ban-Iarla Dhisairt, 's bha sin mar gach ni eil' an aghaidh nan 
Cùmhnantach. B' aon de na boirionnaich gun nàir ise, 's a rèir 
gnàths an t-seòrsa, bha i anabarrach caithteach; agus dh' fheum- 
adh a spàinn a bhi 'n càl gach fir, gu a h-ana-measarrachd a 
chumail suas. Cha robh dreuchd àrd no iosal a bh' aig an Diùc ri 
bhàirigeadh, nach feumadh ise duais fhaotainn o neach a gheibh- 
eadh aon diubh sin. Bu droch là so da rìreadh. Gluaisidh gach 
aon taobh luchd au uilc, 'us togaidh iad an ceann, 'n uair a chuirear 
suas na daoino ^narrach. An duine bu shuarraich' 'am Breatunn 
aìr a' chaitììlr, 's a* bhean bu mheasa 'an Alba ri riaghladh na 
tìre sin. 

8. Ach co dhiùbh is ann ni b' fhearr no ni bu mheasa bhìodh 
nithe leis a' chaochladh, 's e rùnaich cùirtearan an rìgh gu 'n tig- 
eadh Diùc Torc, bràthair an rìgh, a nuas do Dhùneidin a riaghladh 
Alba thruaigh a bha nis air a h-an-riaghladh. Cha b' ann ni 
b' fhearr ach ni bu mheas' a chaidh nithe leis an Diùc a chur a 
làimh air an stiùir. Bu dù-Phàpanach Diùc lorc; b' e sin an 
t-aobhar gu'n d' fhuadaicheadh do'n Olaind e 'n toiseach, agus 'an 
Bin do Alba. Bha e bhi 'na Phàpanach a' meudachadh a naimh- 
deis do Chùmhnantaich Alba. Fhuair an riaghlair ùr so Reachd 
air a dheanamh, a rèir am feumadh na h-uil' air am b' àill leò sin 
iarraidh, mionnachadh gu'm biodh e dìleas do Leabhar Aidraheil a* 
Chreidimh, mar air a dhaingneachadh le Pàrlamaid Alba, agus gu'n 
aidicheadh e làn ùmhlachd do'n rlgh 's na h-uile nithibh spioradail 
*us aimsireil. Bha còir aig larl' Earra-Ghàeil suidhe 's an Ard- 
Chomhairl', agus raar aon de bhuill na Comhairle chuireadh air 
gu'm feumadh e na mionnan so thoirt. Thuirt an t-Iarla gu'n 



A GHEUR-LEANMHUINN. 313 

deanadb e snd anns co fad *8 a bha n t-Achd comh-sheasmliacli ris 
fèin, agus a bha e comasach a dheanamh gnn chall do eaglais Alba. 
Air son a' chùl-earalais so chuireadh 'an làimh e, 's fhuaradh air a 
dhìteadh e mar ciontach de àrd cheannairc, 's chaidh aghlasadh a 
stiirh 'an Caisteal Dhuneidin. Bha fios aige gu'n cuireadh iad gu bàs 
€ mnr a rinn iad air 'athair roimhe, agus mar sin ghabh e cothrom 
air leicheadh a raach as a* Chaisteal 'an cruth *s an àite fir-fritheaU 
aidh a dhalta. Bha ban-tighearnan 's an àm ud a* giùlan eàrradh 
fhada. Thug a' bhan-tigheurn thapaìdh so fear-frìthealaidh a 
steach leatha do'n Chaisteal, a blia cumail suas a h-eàrraidh. Bha 
ceann an fhir so còrahdaichte le luideagaibh, mar gu'm biodh e air 
■bith 'an sabaist. Dh'fhàg i 'm fear so 'an àit' an larla, 's thug i 'a 
t-Iarla mach 'na 'riochd. O'n bha 'n oidhch' air dorchachadh mu'n do 
phìll i mach, fhuair i fèin 's an t-Iarla seachad air gach geàrd gu 
sàbhailte. 'An tearc làithibh an dèigh sin ràinig larla Earra- 
Ohàeil an Olaind gu tearuinte. Chaidh a chuid fearainn 's gach ni 
talmhaidh a bhuineadh dha a bhuileachadh air na tràillibh ud a bha 
nmhal do phàirtidh an rìgh. Chuireadh airgiod ceann mòr air. 
Bha so 's a' bhliadhna 1681. 

0. Goirid 'an dèigh blàr Dhrochaid Bhotnel chuir DbmhuU Car- 
gille, ministeir co cliììiteach 's abh' aig na Cùmhnantaich, gairm fhol- 
laiseach a mach feadh na dùthcha, gu'n robh iadsan 's na leanadh 
rin, uaithe so a mach, a* diùltadh na h-uil* iimhlachd aimsireil co 
maith *us spioradail do rìgh Tearlach 's d'a luchd-muinntir, *s gu*n 
robh iad ga iomsgaradh o choraunn nan Criosduidh. Bha cuid de 
na Cìimhnantaich nach rachadh co fada snd, a bheireadh ùmhlachd 
-do'n rìgh 'an nithibh aimsireil. Agus bha raar so càirdean au 
aobhair air an roinn an aghaidh a chòile. Ach bha àireamh mòr 
•de'n aoa bheaohd ri Cargìlle. B* esan agus Hichard Camshron an 
dithis rahinisteirean a b' ainraeile de 'n fheadhainn a bha gu follaìs- 
€ach air an rnagadh o chnoc gu cnoc. Cha b' nrrainn mòran diubh 
a bhi còrahladh ri chèil' nair sara bith fad na seachduin. Ach aig 
an àm an robh iad a' smaaìneachadh ga'n robh t^ir air Richard 



314 EACHDBAIDH NA H-ALBA 

Camshron, bha geàrd beag air thoirt dhà anns an robh trì ficliead 
fear. Air maduinn an dara là fichead de mhios meadhonach an. 
t-sambraidh 1680, thug bean an tigh' anns an robh e air an oidhche 
chur seachad uisge dha air son a làmhan 'us aghaidh ionnlad. 'An. 
deigh a làmhan ionnlad thuirt e, *'So an t-ionnlad mu dheireadh, 
feumaidh mi 'n glanadh, 's iomadh neach a chì iad." Air an là sin 
"bha e fèin 's a gheàrd air an cuairteachadh le rèisimeid air an robh 
Brosach Earlshall 'na cheannard, aig àite ris an abrar Monadh 
Ara. Bha sea fichead saighdear 's an rèisimeid so, mu choinneamk 
^ tri fichead a bh'aig a' Chamshronach. 'N uair a thuig am min- 
ìsteir duineil so gu'n robh an còmhrag gu bhi ann, rinn e ùrnuigh 
ghoirid, anns an do ghuidh e trì uairean, *' an glàs a bhi air an. 
caomhnadh, 's an t-abaich a bhi air an toirt air falbh." Thionnd- 
aidh e ri 'bhràthair an sin 'sthuirt e ris, "Cogamaid a nis gu duin- 
eil thun na crlche." Chuir ceannard na buidhne bige so a chuid 
daoine 's an òrdugh a b' fhearr a b' urrainn e. Ach cha do sheas 
an còmhrag ro fhad' eadar iad 's na trùpairean. B' e 'n Camshron- 
ach fèin aon de'n cheud fheadhainn a thuit. Mharhhadh ochdnar 
eile ri 'thaobh. Dh' fhuadaicheadh an fheadhainn eile do oisinn. 
de'n bhoglach, anns nach faigheadh an eachraidh d' an ionnsuidh^ 
Ghearradh an ceann 's na làmhan de'n Chamshronach, 's chuireadk 
air stobaìbh iaruinn iad 'an caochladh àitibh de Dhuneidin. 'Siom- 
adh duin' a chunnaic iad. Dìreach 'an ceann bliadhn* 'an dèigh sin. 
ghlacadh Dòmhull Cargille, 'sthugadh do'n phrìosun e gu bhi air 
a chrochadh. An uair a bha e 'labhairt ris an t-sluagh thar fàradh 
na croiche bha òganach àraidh 'na sheasamh aig a bonn a measg 
an luchd èisdeachd. An uair a sguir Cargille a labhairt, 's a chuir 
e 'aghaidh air a' bhàs, thionndaidh an t-òganach so air falbh ga 
oisinn aonaranach, le cridhe tròm, goirt. B' e so Seumas Reinic, 
mu'n clulnnear fathast. 

10. Aig an àm cheudn' an robh 'n fheadhainn bu ro dhèine de 
Da Cùmhnantaich air an sealg, 's air an gearradh slos mar so, bha 
'chuid sin diubh bu mheasarra glè mhì-riaraichte le'n staid, agus a* 



A GHEUR-LEANMHUINN, 315' 

tnigsinn nacli robh an tomhas de shìth a bha iad a' mealtuinn glè 
chinnteach. Sgaoil eagal mòr na measg an nair a cliunnaic iad mar 
a thachair do larl' Earra-Ghàeil. Cheangail àireamh de na h-uais- 
libh iad fèin ri chèir ann ann comunn gus an cuid fearainn 'us- 
eile reic, 'sa dhol air imrich do America. Bha comunn saibhir 'an 
Lunuinu aig an robh còir-shealbh air sgrìob mhòr fearainn 'aat 
America à Tuath, agus chuir na h-uaislean Albannach dithis no- 
triùir uatha fein suas an sin a chòrdadh ri luchd-gnothuich a'' 
chomuinn ud, gus na dh'fheumadh iad de fhearann a Qheannach,' 
natha. Air dhoibh sin a dhol a Lunuinn air cheann a' ghnoth- 
uich so, fliuair iad a mach gu'n robh cuid de mhaithibh Shas-- 
uinn ag ullachadh gu h-uaigneach air son eiridh 'an aghaidli 
ain-tighearnais an rìgh, agus a' chomh-èigneaehadh gu blii riagh- 
ladh a rèir co-shuidheachaidh na rioghachd lc dà Thigh naPàrlam- 
aid. Dh'aontaich na h-uaislean Albannach ri gnùis a thoirt do'n> 
bheachd so 'n an dùthaich fein. Leig iad seachad America aig aa 
àm; ach mu'n robh an t-innleachd abaich air son briseadh a mach,. 
chaidh diùlanaich Shasuinn a bhrath le feadhainn aig an robh fios- 
air a ghnothuch, agus a bha rùnachadh dol mòran ni b' fhaide ua • 
bha 's a' cheud bheachd, — a bha 'g iarraidh Tearlach agus a bhràth- 
air a chnr gu bàs 'san riaghladh a' ghabhail na'n làmhaibh fèin.. 
Theirear ri so 's a Bheurla, Bi/e House Plot. Chuireadh Morair 
Rusal agus fear eile da' m b' ainm Sidne gu bàs 'an Sasunn air son 
'an coimh-cheangail ri so; agus rinneadh gròim 'an Lunuinn air Mr 
Bàillidh lerbhisad a chuireadh suas as Alba air son an aobhair a< 
dh' ainmicheadh. An deigh mòrau pianaidh a dheanamh air ach 
am fàisgleadh a mach as ni-eigin mu dheighinn a cJiomh-Iuchd- 
dùthch' a thug gnùis do 'u chomh-flioill ud, chuireadh air ais do 
Dhuneidin e gu dol fo bhreith an sin a reir lugh Alba. Aig an àm 
cheudna thòisich an luchd-riagidaidh 'an Duneidin a* togail fàileidhi 
cuid de àrd-mhaithibh na tìre, agus a' cur shaighdcara ga 'n glac- 
adh guD fhios doibb. Bha cuid diubh air au glacadh, 's cuid eir. 



316 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

a* faotainn rabhadh an tràth gu leòr gu teicheadh. Fhuair Morair 
Melbhil sanas tre chàirdeas an fhir do 'm b' èigin barantas a thoirt 
air son a chur an làirah. Bha buidheaun eile shaighdearan aig a* 
cheart àm a' dol a' ghlacadh fiùdhalaich eil' da 'm b* ainm Sìr Pàr- 
uig Hume, uachdaran Pholairt. Stad iad p.ig tigh duin' uasail a 
gabhail ùrachaidh bìdh. Ged nach feudtadh foighneachd c' àit an 
robh iad a' dol, fhuair bean an tigh' a bha càirdeil do na Cùmh- 
nantaich a mach gur h-ann air Caisteal Pholairt a bha'u aghaidh. 
Cha bu d^na leatha teachdair' a chur gu Sìr Pàruig a dh' innseadh 
dha gu'n robh cunnart aHn, 's cha 'n fheudadh i litir a chur thuige; 
ach 's e rinn i giullan a chur tarsuinn a mhonaidh le paipeir gu Sìr 
Pàruig anns nach robh focal sgriobhta, ach iteag bheag air a lùb- 
adh ann. Bha fios aig Sìr Pàruig roìmhe sud gn*n robh e 'na chns- 
pair fuatha do 'n luchd-riaghlaidh. Smnainich e nis gu'm bu ghlice 
<lha falbh air sgeith taobh eigin. Cha robh ùin' ann gu ullachadh 
air son falbh fada, agus 's e rinn e 'chairtealan a thogail anns an 
naimh 's an robh aithrichean air an adhlacadh. Fhuaradh leabaidh 
air a cur suas dha 'san talla dhorch sin, 's bha Griseal, a nighean 
l3u shine 'dol do 'n chladh na h-aonar air mharbhan mheadhon oidh- 
che, le biadh thuige. Bu nighean chuireadach i so aig an aois am 
feumndli i bhi mu'n àm ud. Tha cuid ga deanamh sea bliadhna 
dh' aois, 's cuid eil' a thrì uiread sin, ach cha b' urrainn gn'm biodh 
i barrachd air naoi no deich a thaobh an dòigh 's an robh i 'dean- 
amh gnothuch puist eadar a h-athair 'us Mr BàiIIidh 'am priosun 
Dhuneidin. Cha 'n fheudadh sgriobhadh a bhi ann; gheibhteadh 
rian air Griseal a chur a Dhuneidin; bhiodh i cluiche mu dhorus a 
phriosuin còmhladh ris a chloinn bhig eile. 'N uair a thigeadh fear 
a phriosuìn a dh' fhosgladh an doruis, shleamhnaicheadh i steach air 
a shàil, mar le seòrsa de ioghnadh; dheanadh i seanachas ri Mr 
BàiIIidh co ciallach ri 'seanmhair, 'sbheireadh i teachdaìreachd air 
ais uaithe gu h-athair. 'N uair a dh' fhalbh an tòrachd, fhuair Sìr 
Pàruig fàth air teicheadh do 'n Olaind; chaidh a theaghlach as a 






a' gheur-leanmhuinn. 317 

dhèigh an sin,andèighancreachadh de'ncuid shaoghalta; ach thàinig 
iad air an ais aig àm na saorsa, 's chaidh esan àrdachadh gu bhi 'na 
larla Mharchmont. 

11. Goirid an dèigh do DhòmhuU Cargille a bhi air a chur gu 
bàs thòisich na Cùmnantaich air coinueamhan uaigneach a chur air 
chois. Bha gan teagamh tòiseachadh ac' air a dheanamh roimhe 
sin; ach dhùblaich iad an oidhirpeau mu'n àm so air a' mheud 's a 
bha 'n am fio" chàirdibh do'n Chùmhnant aonadh ri cheik\ gu h-àr- 
aidh a' mheud 's a bha deònach fuiang air sgàth ainra 'us aobhair 
Chriosd. Bha iad anabarrach teann, faiciollach, 's na riaghailtibh 
a bh' ac' air son buill a ghabhail a steach do'u comunnaibh, air 
eagal gu'm biodh iad air au lionadh le brathadairibh. xinns a* 
bhliadhna 1683, bha còrr 'us ceithir fichead de na comuinn sin air 
feadh gach cearna de 'n dùthaich, agus bha seachd no ochd de 
mhìltean air iad fèin a cheangal riu. Ach bha iad a' sior dhol au 
llonmhoireachd na h-uile bhadhna gu àm tuiteam nan Stlùbhartach. 
Anns na cleachdaidhibh uaigneach a bh'aca bha roinn de'n ùiu' air 
a caitheamh 'an dleasdanasaibh aoraidh, agus 'am fòghlum arm- 
chleas a' chogaidh. Bha comh-sgriobhadh a' dol air aghart eadar 
iad 'us mòran de chomunnaibh eil' air tìr-mòr na h-Eòrp', aig au 
robh comhfhulangas riu, gu h-àraidh Pròstanaich Huni;'ari, na 
XJaldensich, agus na h-Olaiudich. Ach 's ann a' meudachadh a bha 
teas na h-àmhainn theinntich 's an robh iad air an tilgeadh. Bha na 
trì bliadhn* ad an deigh a' chèile, 1683, 1684-85, anabarrach fuilt- 
each. 'Sann ris an dà bhhadhna so mu dheireadh a theirear Am 
cC Mharbhaidh, 'an eachdraidh Alba. Bha fuil air a dòirteadh 
gach là, anns an tigli, 's anns a' mhachair; fuil sheann daoine, 
'h dhaoin' òga; fuil sheana mhnathan, 's mhnathan òga. Cha robh 
cnnntas ri ghabhail de na saighdearaibh air son na thogradh iad a 
chur gu bàs, agas anns an dòigh an togradh iad. Fhuaradh fear 
a* gabhail an rathaid agus Biobull aige 'na phòcaid ; 's chaidh am 
peilear a chnr ann. Rinneadh grcim air caileig a' giùlan BiobuiII 
gn 'ban-rahaighstir; chaidh a crochadh. Chunnaic Cleabhars uaibh- 



SJ8 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

reach duine raarcachd seachad air, ris an do ghlaodh e "stad." 
Cha tag an duin' an aire dha, 's cha do stad e. Thug Cleabhars 
^rdugh am peilear a chur ann. Fhuaradh a mach a rìs gu'n robh an 
duine co bodhar 's nach cluinneadh e guth. Fhuair an t-àrd mhort- 
air so fèin ceathrar ag ùrnuìgh 'an aon tigh faisg air amhainn Dhì ; 
bu leòr sin. Thug e mach iad a lion duine s' duine, 's chaidh an 
cur fo bheul a ghunn' aig an dorus. Thàinig e air ais goirid an 
•dèigh sin, 's thug e raa 'n airidh an cuirp a bhi air an cladhach, 
's air an tilgeadh a mach as an uaighibh. Aig àm na Bealltuinn 
1685 chaidh Mairireat Nic Lachlainn, bantrach a bhi trì fichead 
's a sea a dh' aois, agus Mairireat Uilson a cheangal ri dà phost 
'an iochdar na tràghad, agus am fàgail 'an sud gus an do bhàthadh 
iad 'ri uair a dh' èirich am muir. 

Ach feudaidh gur h-e raortadh lain Mhic'illeDhuinn Chnuic an 
t-sagairt, a thachair mu'n cuairt do'n àm so fèin, ceud mhìos an 
t-samhraidh, ]685, gniomh co fuilteach 's anns an do chuir Cleabh- 
ars làmh riamh. Thàinig e gun fhios air an duìne chneasda so 's e 
'g obair le spaid 'an àit' eigin dhì do 'n tigh. Cha d' rinn e ach 
tearc mhionaidean a thoirt dha gu ùrnuigh, agus an sin am peilear a 
•chur troimh' 'cheann le 'làimh fèin, agus an sin grad thionndadh air 
falbh, a' glaodhaich ris a bhantraich bhochd, a shuidh gu deurach 
ri taobh a' chuirp, "ciod i do bharail a nis mu 'd' cheile." 'N uair 
a bha obair a' mharbhaidh air tighinn gu a làn àirde bha rìgh Tear- 
lach air a sguabadh air falbh do 'n t-siorruidheachd le buille de 'n 
Bpad-thinneas, air an t-seathamh là de cheud mhìos an earraich 
1685, anns a' cheathramh bliadhna deug thar an dà fhichead de 
'aois, Dh'aidich e 'n eaglais Phàpanach air leabaidh a bhàis, 
's dh' adhlaiceadh e reir nòis na h-easlais sin. 



CAIB. XXXVII. 

TUITEAM AN TIGHB FHUILTICH. 

S'e Seumas Diìic lorc, bràthair bu shine Thearlaich, oighr* a" 
chrùin, a chiona nach d' fhàg esan duine cloinne dligheach. Bha 
teaghlachmòr aige de chloinn,diolain ma dh'fheudarteaghlach a radh 
ri 'n leithidibh sin. Bha seisear de na mic sin air an deanamh na 'u 
Diùcaibh, agus dithis nighean air an deanamh 'n am ban-Iarlaibh. 
Bha mòran 'an Sasunn leis am bu roghnuiche Diùc Mhonmouth, 
mac bu shine Thearlaich, a thighinn thun na caithreach a chionn e 
bhi 'na Phròstanach. Ach da 'n aindeoin sin, fhuair Dìùc lorc a 
bhi air a chrùnadh fo thiodail Seumas II. Shasuinn. Bha Seumaa 
ag aideachadh a' chreidimh Phàpanaich iomadh bliadhna roimhe so» 
Thàinig e nis gu follaiseach gu bhi 'g aideachadh gu'n caitheadh e 
'neart ag oidhirpeaehadh Sasunn 'us Alb' iompachadh thun a chreid- 
imh sin no gu'm bàsaicheidh e *s an oidhirp. Agus bha e co maith 
ri 'fhocal. Bhàsaich e fein 's a theaghlach, mar rìghibh, *s aa 
oidhirp. 

2. Cha d' rinn bàs rìgh Tearlaich lasachadh sam bith air fulang- 
isaibh nan Cilmhnantach *an Alba. B' ann an dèigh sin a chuir- 
eadh gu bàs an fheadhainn a dh' ainraicheadh 'an deireadh a chaib- 
deil roimhe so. Bhàsaich Alastair Peden ris an abradh iad am 
Fàidh, an toiseach 16G6. Bha esan air bith 'na mhinisteir 'au 
Gleann-Lus, agus chuireadh a raach e 'n uair a rùnaich rìgh Tear- 
lach Easbuigeachd a chur suiis 'an Alba. 'N uair a bha Pcden a' 
fàgail na h-eaglais an deigh a shearmoin mu dheireadh, bhuail 
• dorus na cùbaid trì uairean leis a' Bhiobull, ag radh, " Aitk 
leam dhait 'aii ainm mo mliaighstir uach fosgail thu ach do 



320 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

neacli a thig a steach mar thàinig mis' air aii dorus." Thachair 
mar a dh' àithn Pèden. Bha e fèin re dheich bliadhn' an deigh sin 
air an allaban. Bha e measg nan ceud nihinisteirean a thòisich 
air Coinneamh-Fholchuidh a chumail. Chaidh a ghlacadh ann an 
1673 agus a chur *na phriosunach do 'n sgeir mhara ris an abrar 
Bas, rè chuig bliadhua. Chuireadh an sin e fèin 's a chompanaich 
air bòrd soithich do Lunuinn gus an cur air falbh a dh' America 
gus an reic mar thràillibh. Fhuair Pèden 's a chompanaich an 
saorsainn 'an Lunuinn. Bha e riamh tuilleadh rè a bheatha, mar 
neach fo 'n choill eadar taobh 's iar Alba, 's taobh tuath Eiriun. 
'Nuair a dh'fhairich e gu'n robh chrìoch a' teanadh ris 's a' bhliadhna 
1686, dh' iarr e gu Achanacloich, àìt' a bhreith. Ach mar bha 'n 
tòìr co teann air, cha 'n fhaigheadh e do thigh còmhnuidh idir. Bha 
e 's na h-uamhaibh. Bhàsaich e 'n tigh duin' uasail, 's chaidh adh- 
lacadh gu h-uaigneach 'an tuaim teaghlaich Bhosueil. Ach 'an 
ceann shea seachduinean, fhuair na saighdearan a mach c' àit an 
robh e air adhlacadh, 'sthog iad a chorp, 's chroch iad e air a 
chroich chumant' os ceann Chumnoc; dh' adhlaic iad an sln e aig 
bonn na croiche. Bha cladh na sgìreachd anns a' ghleann, aig bonn 
a chnuic air an robh a' chroich, ach 's ann a thòisich iad a nis ag 
adhlacadh far an robh corp Alastair Phedein an Fhàidh. Tha àit 
adhlacaidh na sgìreachd air a' chnoc sin gus an là 'n diugh. 

3. Goirid an deigh do Sheumas tighinn thun na caithreach, agus 
a dheanamh aithnichte gu 'n ro])h e rùnaicht' air a' Chreideamh 
Phàpanach a chur suas 'am Breatunn, rinn Diùc Mhonmouth agus 
larl' Earra-Ghàeil cuim ri chèile gu thighiuu a nall as an Olaind, 
agus tòiseachadh a' togail dhaoine — an dara fear 'an taobh 's iar 
Shasuinn, 'sam fear eil' an taobh 'siar Alba, gus an righ-chaithir a 
thilgeadh bun os ceann. Dh'èirich mn'n cuairt air cuig mìle le 
Monmouth; ach bha iad gu bochd air an armachadh, 's chaidh an 
cur SÌ03 gu h-ath-ghoirid le arm an righ. Ghlacadh Monmouth 
fèin 's chuireadh gu bàs e; 's chuireadh àireamh mòr de na dh'èirich 
leis gu bàs mar an ceudna. Thog an spiorad fuileachdach a thais- 



TUITEAM Alì TIGHE FHUILTICH. 321 

bean Seumas aig an àm so, mòran faath 'an aghaidh 'ain-tighearnais 
'an Sasunn. Bha (ìos roimh làimh aig an luchd rìaghlaidh 'an 
Alba gu'n robh larl' Earra-Gbàeil a' tighinn, 's chuir iad 'an làimh 
na h-uile dnin' uasal de 'chinneadh ris am fendadh sùil a bhi aig' 
air sou cuideachaidh. An uair a thàinig an t-Iarla 's a' chuideachd 
a lean e as an Olaind air tlr 'an taobh 's iar Alb', a measg a chuid 
tuatha fein, cha d'èirich ach ro thearc; ach chruinnich e eadar a 
dhà 's a trì mhìlteau thall 's a bhos, 's chaidh e mach gu Galldachd 
'an dùil gu'n eireadh Cùmhnantaich Ara, 's na dùthcha mu'n cuairt 
leis. Ach bha e air a chuairteachadh le arm an rìgh co mòr 
*s gu'm b' èigm da chuid dhaoine sgapadh mu'n d' fhuair e nuU air 
amhainn Chluaidh. Ghlacadh e fcin 's thugadh a Dhuneidin 'na 
1 hrìosunach e, far an do chuireadh gu bàs e rèir na binn a thugadh 
a mach 'na aghaidh an nair a theich e do'n Olaind. 

4. Bha Seumas a nis, a rèir coslais, air fhàgail gun nàmhaid a 

b' urrainn a thilgeadh air falbh thar an àit' àird air an robh e 'na 

luidhe. Thàiuig seòrsa de shàmhchar chunnartach air an t-sluagh 

s, an àm so feadh Bhreatuinn uile. Bha na Coinneamhan-Fol- 

luidh 'antomhas mòr air an cur sìos 'an Alba. Cha robh miuis- 

teir aig na Cùmhnantaich ach Seumas Reinic 'na aonar; ach bha na 

' 'muinn uaigneach a' soirbheachadh. Bha Seumas agus a' chùirt- 

ran, le sùil ris a' Chreideamh Phàpanach a neartachadh, aa 

igh lagh a dheanamh a' toirt Ceadachadh do na h-uile luchd 

comh-bharail aoradh a dheanamh gu follaiseach a rèir an dòigh 

"in, 'snach feudadh neach sam bith dragh a chur orra. Rinn 

II lagh so 'an aghaidh toil Phàrlamaidean Shasuinn 'us Alba. Ged 

ann air son nam Pàpanach a thugadh an Ceadachadh so au toìs- 

irh, 's ged a bha Senmas 'an dùil a thoirt o gach Sect eile 'n uair 

a Miiodh na Pàpanaich lionmhor, làidir, gu leòr; gidheadh bha e 

ruigFÌnn air caglais Chlèirich na h-AIba fhad 's a mhaireadh e. Bha 

throra aig a' mhcud diubh Bin 'sa bha 'g aideachaah ùghdarrais 

un rìgh 'coinncachadh 'an Ard-shoanadh, 's bha iad ag uìlach- 

adh air son sin a dheanamh. Ach bha luchd nan Coimieamhan- 

X 



322 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

Folchuidli 'an taobh a muigh de 'n Cheadachadh so. Bha gach 
fear labhairt 'us èisdeaclid aig a leithid sin a dh' àite co buailt- 
each do pheanas sam bith a chitheadh a' Chomhairl' iomchuidh 
's a bha iad riamh roimhe sin. Bha, mar sin, an tòir air Seumas 
Eeinic co geur 's a bha i roimhe. Bha airgiod ceann mòr air a 
chur air. Bha 'n t-òganach so anabarrach saothrachail, araon 'au 
searmonachadh 's an comh-sgriobhadh eadar na comunnaibh uaig- 
neach. Bhiodh each luath-chosach ullamh fo shrèin 's f o dhiollaid 
dlù dha, 'n uair a bhiodh e 'searmonachadh, a chum na 'm faict- 
eadh cunnart sam bith gu'm biodh e air a ghlacadh, nach biodh dad 
aig' ach leum'na dhiollaid, 's car mu chnoc a thoirt do na trùpairibh 
bu hiaith' a thigeadh ga ruagadh. 'N uair a bhiodh e 'na chodal 
bhiodh freiceadain air gach cnoc a' sealltuinn mu 'n tigeadh nàmh- 
aid thaobh sam bith. Bha e, mar so, coslach 'an sealladh 
dhaoine, gu'n deigheadh e as o mhi-run an luchd tòrachd, car 
ghreis. Ach b 'i toil an Ard-riaghlair gu'n seulaicheadh an t-ògan- 
ach curanta so le 'fhuil na teagasgan a bha e 'toirt seachad. Chaidh 
€ steach do Dhuneidinaig a' bhliadhn' ìiir, 1688, gu Protest a chur 
an làmhaibh ceann-suidh' an Ard-Sheanaidli an aghaidh na cìiirt 
eaglais sin, 's an aghaidh a' Cheadachaidh a chionn gu'n robh e neo- 
fhreagarrach ri nàdur a' Chùmhnaint fo an robh eaglais Chlèireach 
A-lb' an dèigh i fèin a chur. 'An ddigh an gnothuch so a dhean- 
amh, ghabh e nuU do Shiorrachd Fiofa, ach phill e Dhuneidin mu 
dheireadh a' mhios, agus chuir e seachad an oidhche an tigh fìr 
lain Locup, Camshronach de 'n fheadhainn bu teinne. Bu mhar- 
sant' an duine so, a bha dèiligeadh 'am bathar Sasunnach ; bha 
muinntir an Tigh Chusbainn an-amharusach gu'n robh e gabhail 
a steach nithe air nach'do phàigh e cìs. Bha oifigear a' rannsach- 
adh air son bathair de 'n t-seòrsa sin aig àm an aoraidh. Thuig e 
gu'n robh Beinic a làthair. Ghràdhaich e duais na h-eucorach ; 
bha 'n t-airgiod ceann mòr. Chuairtich e 'n tigh deireadh oidhche 
le àireamh dhaoin' armaichte. 'N uair a thuig Reinic gu'n robh an 
tòir ann, theich e air dorus cùil. Ach rugadh air mu'n deachaidh e 



TUITEAM AK TiaHE FHUILTICH. 32S 

ro fhada, *s thugadh air ais do'n tigh-gheard e. An dèigh a chur fo 
dheuchainu a bheatha, 's fhaotainn ciontach de bhi 'g àicheadh. 
ùghdarrais an righ *s e bhi teagasg nach bu chòir airgiod a phàigh- 
eadh gu saighdearan an rìgh a chumail suas, agus a teagasg aig 
Coinneambaibh-Folchuidh, puincean ns an do sheas e thun na 
crìche ; cbaidh a chrochadh am Margadh an Fheòir air an t-seachd- 
•camh là deug de cheud mhios an earraich, 1688. 

T). Tha hichd eachdraidh beath' an òigfhir chlitiitich so ag 
aithris gu'm b' esan an aon duine de na mairtirich mu thimchioll 
an robh eagal sam bith air na naimhdean a bheatha thoirt air 
falbh. Agus shaoileadh neach o'n dòigh 's am bheil iad ag aith- 
ris 8Ìn, gur h-ann o 'n tlachd a bh' aca de 'phearsa 's a dhòigh a 
dh' èirich e. Cha robh sin ach aon eilimeid 's a* ghnothuch. Bha 
atharrachadli mòr air a dheanamh a measg bhuiU na Comhairle, 
's a measg àrd luchd lagha na rioghachd aig an àm so. Bha Lau- 
dcrdàil air fàbhar an rìgh a chall, 's bha Diùc Phuirt na ban-righ, 
a thàinig 'na àit' air tuiteam mar an ceudna, 's bha larla Pheirt, 
a thionndaidh 'na Phàpanach air àilghios an righ, 'san dreuchd a 
b' àird 'an Alba. Bha Sir Seòras Mac Coinnich, a fhuair mar 
fhrith-ainm, Mac Coinnich Fuilteach, air call dreuchd Fir-tag- 
raidh Alba, chionn nach robh e deònach air na laghan peanasach 
a chur sios. Fhuair Sir Seumas Stiùbhart an dreuchd. B' ann 
de na Camshronaich esan ; ach gu 'n robh e ag aideachadh ùgh- 
darrais an righ. Chaidh luchd lagh' eil' a ghairm de 'n mhuinntir 
a bha roimhe sud air am f^ir-eigneadh. Cha robh tlachd aig aon 
sam bith dhiubh sin beatlia 'thoirt air falbh ach na dh* fheuraadh 
A. Bha'n fheadhainn a fhuair na drcuchdan so, co-ionann ris 
an fhcadhainn a chaill iad, mi-riaraichte le dòigh an rigli. Bha 
i.'id cinnteach nach b' fhada gus an tugadh e araon an drcuchdan 
' ^ am beatha uatha, mur aidichcadh iad an Creideamh Pàpanach. 
' 'ha robh feum a dhol thoirt comhairl' air righ Seumas. Bha e 
lanaicht' air a' Chreideamh Phàpanach a chur suas 'am Breatunn 
mar a chuir Eanruic VIII. suas an creideamh Pròstanach, air iigh- 



324 EACHDBAIDH NA H-ALBA 

darras fèin. Chuir e seachd easbuigean Sasunnach na 'm priosun- 

aich do Thùr Lunuinn, a chionn nach leughadh iad 'na 'n eaglais- 

ihh fèin Reachd a bha 'fosgladh an doruis do na Pàpanaich a 

dh' ionnsuidh gach dreuchd gus an òrduicheadh an rìgh iad. Bha, 

mar so, lionmhoireachd an t-sluaigh araon 'an Sasunn 's an Alb* 

air an gonadh 'n an spioradaibh leis a' chuthach a bh' air an rìgh 

gus an Creideamh Pàpanach a chur suas. Cha d' fhan beò de 'n 

teaghlach a rugadh do Sheumas ach dithis nighean — Màiri agus 

Anna. Bha 'n tè bu shine dhiubh sin air mac peathar a h-athar, 

Udleam, Prionns' Orange, a phòsadh. B' i bhan-phrionnsa so agus 

a companach, a rèir coslais, oighreachan a' Chrùin Bhreatunnaicli. 

Bha iad le chèile 'na 'm Pròstanaich. Bha Prionns' UiUeam 'na 

shaighdear co ainmeil 's a bha 'na latha. Bha iomadh de ùrd 

mhaithibh Alba 's Shasuinn a' sgriobhadh thun a' Phrionns e thigh- 

inn a nall ga 'n saoradh o ain-tighearnas bhràthar a mhàthar 

agus athar cèile. Bha Uilleam ag iarraidh orr' a bhi foighidneach, 

agus nach deigheadh ain-tighearnas an rìgh ni b' fhaide na bheatlia. 

fèin, agus nach robh e coslach gu'm biodh sin ro fhada mar a bha 

e nis na leth sheann duine. Agus gun teagamh bha e 'meudachadh 

foighidin mhòran de àrd uaisHbh Bhreatuinn fios a bhi aca gur 

h-ann mar sin a bha. Ach chaill iad araon am misneachd 's am 

foighidin gu h-iomlan, a thaobh furtachd fhaotainn air an dòigh ud,. 

'n uair a dh' aiseadadh a bhan-rìgh air leanabh mic air an deich- 

eamh là de mliios meadhonach an t-samhraidh. Rinn na Pàpan- 

aich gàir mhòr aoibhneis ri so, mar ni a fhuair iad tre eadar- 

ghuidhe na h-òigh Muire, 's Naomh eile na h-eaglais sin. Ach 

chaidh e air sheòl eile do na Pròstanaich. Cho-aontaich mòran 

de 'n mhuiuutir a b' àird-inbhich ri dian fhiadhachadh a thoirt do 

Phrionns' Uilleam a nall gu rìgh- chaithir Bhreatuinn. Agus bha 

e 'na shaimpleir comharraicht' air ragaireachd dhaoin' anns a* 

mhearachd a' ghleidheadh 'n uair a thogras iad, an aghaidh gacli- 

dearbhadh a' bheirear dhoibh air a' chaochladh, gu 'n do sgaoil e 

feadh Bhreatuinn mar fhirinn, gur e bha'n sud naoidhean meallta 



I 



TUITEAM AN TIGHE FHUILTICH. 325 

'cbuireadh *an leabaidh na ban-righ gu a thoirt a chreidsinn air an. 
t-sluagh gu'm bu leatha fèin e. Rinn an righ gu neo-ghUc mòran 
saotbrach gus a dhearbhadh gu'm bi bhan-rìgh màtbair an lein- 
ibb. Cha ruigeadb e leas, bha 'n dearbhadh co soilleir 's nach iarr- 
adh e dearbhadh. Ach lean an sluagh air a' bheachd a thog iad 
fèin a' ghleidheadh fhad 's a thogair iad. 

6. Thuig Prionns' Orange a nis ma bha e gu crùn Bhreatuinn 
fhaotainn am feasd gu'm b' e so an t-àm, 's thòisich e air ullach- 
achadh iomchuidh a dheanamh air son tighinn a nall air iarrtas 
an t-sluaigh. B' esan mac nighinn bu shine Thearlaich I., agus 
mar sin b' c 'n t-oighr' a b' fhaisg' air tritiir chloinne rìgh Sheu- 
mais. An uair a fhuair an rìgh litir o 'fhear-ionaid 's an Olaind 
a' deanamh cinnteach dha gu'n robh am Prionns' a' tighinn a nall 
le feachd lìonmhor mara's tìre, chaochail e snuadb, 'sthuit an litir 
as a làimh. B' e 'n ath char a chuir e dheth sgrìobhaidhean a 
•'Chur a mach a ghairm na Pàrlamaid cruinn mu thoiseach a* 
gheamhraidh, agus a h-uile car a rinn e fad na bliadhna gus a' 
Piiàpanachd a thoirt a steach a mhilleadh, 's na h-easbuigean a 
chuir 6 do'n Tùr anns an t-samhradh a ghabhail mar a luchd:- 
comhairle. Chruinnich e cuideachd arm mara 's tìre gu cur an 
aghaidh a' phrionnsa. Ach cha tug aon duine creideas dha air son 
trcibhdhireis 'sna nithibh sin. Chuir stoirm mhòr ghaoithe 
càbhlach a' Phrionns' air ais 's b' èigin da fuireach beagan làithean 
a* càradh a' challa 'rinneadh air na longaibh. Chuireadh a leithid 
de dhath air so do Sheumas 's gu'n do shaoil leis nach b' urrainn 
am Prionnsa seòladh tuilleadh, 's ghrad ghairm e air ais an 
sgrìobhadh a chuir e macli mu thimchioll na Pàrlamaid. Bha e 
soiUeir do na h-uile gu'n robh Seumas mar bha e riamh, 'sgu'n 
robh an coslas maitheis a bha'n sud mar neul na maidne. Ach 
fiheòl am Prionns' an ceann beagan làithean le gaoith a bha fàbh- 
arrach dhasan, 's a' chum an càbhlach Sasunnach gun dol a mach 
'na aghaidh. Bha ceud long chogaidh, agus cuig ceud soithcach 
«1* 'an càbhlach a' Phrionnsa. Bha cuig mile deug saighdear 



326 EACHDRAroH NA H-ALBA 

tìr' aig*, a measg an robh iomadh BreatunDacli a bh' air fògradh 
's an Olaiud o'n aiu-tighearnas a bh' aig a* bhaile. Thàinig e air 
tìr, guu neach a' cur 'n a aghaidh, 'an àite ris an abrar Tòrbaigh, 
'an ceann an iar-dheas Shasuinn, air a' chuigeamh là fichead de 
cheud mhìos a' gheamhraidh. 'An tearc làithibh thòisich an 
sluagh agus an t-arm a' ruith gu 'bhrataich. Ruith a' bhan- 
phrionns', Anna, thuige mar an ceudn', a bh' air pòsadh mac do 
rìgh Lochluinn a deas, d'am b' ainm prionnsa Seòras. An uair a 
fhuair Seumas e fèin air a thrèigsinn, theich e fèin; ach ghlac 
iasgairean e 's thug iad air ais e, gun f hios cò a b' e. Dh' iarr e 
nis cothrom o'n Phrionns' air a dhol gu ruig Rochester. Fhuair e 
cothrom. Chaidh e à Rochester do 'n Fhraiug, far an robh a* 
bhan-righ 's am prionns' òg air teicheadh roimhe. Dh' fheudadh 
iad a nis a sheinn, *' Thuit, thuit, 's cha 'n òirich an Tigh Fuil- 
teach." Cha robh sud ach beagan 'us sea miosan an dèigh do 
Sheumas Eeinic a bheatha leigeadh sìos air son e bhi 'g àicheadh 
ùghdarrais an rìgh. Bha lionmhoireachd sluaigh Bhreatuinn a 
nis ciontach de'n dearbh ni air son an do leig an diùlanach ud 
aos a bheatha. 



CAIB. XXXVIIL 

UILLEAM ni. AGUS MAIRI. 

Theirkar Revolutioìh uo Kigh-chuairt 1(^88 ris an atliarrachadh 
a rinneadh a nis air cràn Bhreatuinn, a chionn gur h-anu 's a* 
bhhadhna siu a thàinig Prionns' Uilleam a nall, 's a theich Seumas 
air falbh. Ach 's ann air au treas là deug de cheud mhios an 
earraich, 1689, a chaidli Uilleam 'us Màiri èigheacli mar rìgh 'us 
blian-righ Bhreatuinn, 'n uair thàinig a Phàrlamaid gu bhi aon- 
inntinneach air an tiodal sin a bhuileachadh orr' araon. Cha» 
d' rinneadh atharrachadh air Biaghladh Bhreatuinn 'an linn sam 
bith co cudthromach, agus 'an seadh àraidh co buannachdail ris an 
atharrachadh so. Cha b' e mhàin gu 'n robh aon rìgh air a thilg- 
eadh a mach agus righ eil' air a ghabhail a steach ; ach bha na 
h-uile lagh co-cheart a rinneadh 'an linnibh roimhe sud, agus a» 
mhilleadh le ain-tighearnas nan rìghrinn a bh' ann xè a' cheud 
bliadhna mu dheireadh, air an ath-bheothachadh, 's air an cur 'an 
aon Chlàr, mar gu 'm b' eadh, ris an abair iad Cur an Ccill Chòr- 
aichean. Agus gheall an righ gu sòluimte gu'n cumadh e suas na 
Còraichean ud, 'an nithibh spioradail 'us aimsireil, mu'n d'aontaich. 
a Phàrlamaid ri e bhi air a chrùnadh. B'e UiUeam an Treasamh 
an Tiodal fo an do chrìinadh e, air bhi do dhà Uilleam na 'n rìgli- 
ribh air Sasunn roimhe. 

2. Cha robh na h-Albannaich co buileach aon-inntinneach air 
gabhail ri Uilleam 's a bha na Sasunnaich. 'N uair a dh' fhairich 
righ Seumas an cunnart ag iadhadh uime Um, mu dheireadh an 
fboghair, chuir e teann òrdugh tliun an airm Albannaich greasad 
do LuDuinn. Cha robli ann diubh ach mu sheachd mile. Bha 



328 EACHDRAroH NA. H-ALBA 

Seaualair Dìighlas, bràtliair Dliiiic Phuirt na ban-righ, 'na àrd 

Cheannard air an armailt sin, agus Cleabhars 'na oifigeach a 

b' fhaisg air sin. Bha'n Dàghlasach, gu h-uaigneach, càirdeach 

do Uilleam, agus bha e màrsail gu mall An uair a ràinig iad 

Lunuinn, bha Seumas air call a mhisneachd, 's a chuid shaigh- 

dearan a' teìcheadh gu bratach Uilleim. Thairg Cleabhars do 

Sheumas a thoirt air ais do Alba, mur robh e toileach cathachadh 

ri Uilleam 'an Sasunn, 's gu'n togadh esan armailt lionmhor dha. 

Bha Seumas deònach air siu a dheanamh, ach aig an dearbh àm 

fhuair e mach gu'n robh àireamh mòr Mhorairean 'us uaislean 

Albannach air tighini! a nios as an ceann fèin a' dh' aslachadh air 

Uilleam riaghladh na rioghachd ud a ghabhail os làimh. Thuig 

Seumas an sin nach robh e tearuinte dha 'aghaidh a chur gu tuath. 

An dèigh do 'n righ òrdugh a thoirt do 'n bheagan airm a lean ris 

iad a sgaoileadh, dh' fhan Cleabhars far an robh e car greis. 'N uair 

a chunnaic e Uilleam air lunn a bhi air a dheanamh 'na 

righ, dh' fhàg e'n t-arm, 's ruith e dhachaidh le deich marcaich 

fhichead mar gheard, a' rùnachadh gu'n deanadh e na b' urrainn 

e 'n Alba gus am bacadh o rìgh Uilleam a roghnuchadh. Air iarr- 

tas nan uaislean a choinnich e 'an Lunuinn, chuir an rìgh fios a 

nuas do Dhuneidin air son Co-chruinn nan Stàitean Albannach a 

thional gus an roghuinn a thogradh iad fèin a dheanamh. Chruinn- 

ich iad air a'cheathramh là deug de mhios meadhonach an earraich. 

Bha Cleabhars agus hichd-leanmhuinn eil' an t-seann rìgh a* dean- 

•amh mòran gleadhraich an toiseach. Ach chaidh Dihc Hamiltoin, 

•a bha càirdeach do 'n Righ-chuairt a roghnuchadh mar Cheann- 

'suidh' a' Cho-chruinn. Bha càirdean rìgh Uilleim a' fàs co lion- 

mhor 's nach robh 'n taobh eil' a' faotainn aon phonc leò. Their- 

'ear Seumasaich ri càirdibh an t-seann rìgh 'an eachdraidh Alb,' 

^agus 's ann fo 'n ainm sin a bhithear ga 'n luaidh an dèigh so. Bu 

/Sheumasach Diùc Gòrdon, abha 'na cheannard air Caisteal^Dhun- 

■'eidin. 'N uair a bha na h-uile ni eil' a' dol 'an aghaidh nan Seu- 

• masach 's a' Cho-clu-uinn, bhagair iad gu'n tugadh iadjair an 



UILLEAM III. AGUS MAIRI. ; 329 

Di^c losgadh air a' bhaile. Bha mu 'n cuairt do naoi mile de na 
Cìimhnantaich bu sheasmhaich* iin dèigh arm chleas a' chogaidh 
iuunsachadh 'sna comunnaibh uaigneach a bh' ac' air feadh na 
dìitlicha. Bha iad sin uUamh gu èiridh air taobh Uilleim co luath 
's a gheibheadh iad an t-òrdugh. Thug an Co-chruinn fiadhach- 
adh do rèisimeid diubh sin tighinn a steach a Dhuneidin gu bhì 
mir gheard orra fèin fhad 's a bhiodh iad 'na 'n suidhe. Thàinig 
i:i.l gu h-uaigneach do'n bhail' an toiseach, 'sbha iad'an cleith 'au 
ionadaibh folchuidh. Ach 'nuair a dh' fhàs na Seumasaich bag- 

rnich, nochd 's iad iad fèin, 'sghabh iad sealbh air na sràidibh. 
",S aun gu h-achdaidh fo dhion nan daoine so, uachfeudadh ceanu 
a thogail beagan mhiosan roimhe sud, a chuir Co-chruinn Alba 
rian air an righ 's a' bhan-righ a bhi air an roghnuchadh. Cha 
1 )isgeadh an Diùc air a' bhaile, 'schaill na Seumasaich am mis- 
ueachd, 's dh' fhalbh gach fear a dh'ionnsuidh a thighe fèin. 
Fauair an Co-chruinn air aghart gu gasd an dèigh do luchd na 
\nnairc am fàgail, 's roghnuich iad gu h-aon-inntinneach Uilleam 

a- Jlàiri air an aona là deug de threas mios an earraich gu riogh- 
achadh air Alba. Chuir iad a nis ri chèil' am paipeir ris an abrar 
Tagar Chòraichean, anns an do chuir iad sios 'an òrdugh na nithe 
a bha mi-laghail *an riaghladh nan rìghrean a bh' ann roimhe, agus 
a dh' fheumadh a bhi uil' air an coimhead an dèigh so, na measg 

iu bha'n Easbuigeachd air a cunntadh mar dhosguinn do-ghiùl- 

nta. Gheall an righ 's a' bhan-righ gu sòluimte na Còraichean 
n a dhionadh an Alb', araon 'an nithibh spioradail 'us aimsìreil. 

'lieirear R(*iteachadh na Righ-chuairt ris a chomh-aontachadh so 

idar an righ 'us sluagh na h-Alb' aig an àm ud. 
3. Leis an Rditeachadh so thàinig a' phàirtidh a bha 'n iochdar 
roimhe gu bhi nis an uachdar, agus a' phàirtidh a bha 'n uachdar 
gii bhi 'n iochdar. Ach ghnàtliaich a' mhuinntir ud a bh' air 
r *" ' irtachadh t6 ochd bliadhna fichcad an lamh an uachdar 
ii id gl6 mheasarra. Bha rìgii Seumas an dòigh tigh 

aoraitlh a^'us Collalst Pàpanach a chur suas 'an lùchairt HoHrud. 



330 EACHDKAIDH NA H-ALBA 

Thug àireaiuh maith de luchd-ceirde 's de bhalaich a' bhair ioun- 
suidh air an iùchairfc a ghlacadh, 's chaidh ac* air sin a dheanamh 
'an dèigh beagan cathachaidh ris na saighdearaibh a bha cumail 
freiceadan ann. Bhris 'us loisg iad na h-iomhaighean, 's gach ni 
eil' air an robh comharra na Pàpanachd, 's cha 'n fheudadh Col- 
laist de'n t-seòrsa ud a blii ann tuilleadh. Bha na curates a*" 
criothnachadh air an son fein, mar a bha iad a' faicinn gii'n robh 
an eaglais air sgàth an d' rinneadh uiread de fhòirneart, 's air soii 
an do dhòirteadh uiread de fhuil, a nis gn. bhi air a cur sìos. 
Na'm faigheadh iad buill' airson buille, 'sfiacail air son fiacla, 
bha, gun teagamh, aobhar aca. Bha iad mar bu tric^, 'an aon 
dòigh no'n dòigh eile, 'n an coin luirg aig Cleabhars agus gach 
fear de sheòrs' 'an glacadh hichd nan Coinneamhan-Folchuidh. 
Cha d' fhuaradh riamh làn chinnt air an àireamh a dh'fhuihng 
rè nan ochd bHadhna fichead a mhair a' gheur-leanmhuinn; ach 
bha sgriobhairean an là fèin ga chunntadh gu measarr' eadar 
ochd mìle deug 'us fichead mìl', a dh'fhuiling an crcachadli, no'm 
priosunachadh, no'n reic mar thràilUbh 'an dùthchaibh cdin, no 
leig sìos am beath' 's gach dòigh fa leth an robh iad air an gairm gu 
8Ìn a dheanamh. Bha so an taobh a muigh dheth gach caighnoachas 
'ns iimhladh, 'us reubainn a riuneadh air luchd leanmhuiun nau 
Cùmhnantach, leis an robh iomadh cearna de'n dùthaich air an 
toirt gu bochduinn. Bha càirdean nan daoine sin agus cuid 
diubh fèin anns gach sgìreachd air feadh na dùthcha ; ach fuath- 
ach 'smar a bha 'n sluagh air an hichd tuarasdail dhiomhain ud, 
cha d' rinneadh ainneart sam bith air pearsa no air maoin aoiu 
neach dhiubh. Thug an sluagh a raach do'n chladh no gu crois 
a' bhail' an curate, chuir iad an cèill a lochdan da, thug iad dheth 
a chòta fraoidhneasach, suaicheantas a dhreuehd, reub 'us shaltair 
iad fo'n cosaibh e, dh'fhalbh iad leis an òlach gu iomall na sgir- 
cachd 'sthug iad a chead da, le rabhadh sòluimte gun e thighinD 
a steach air na crìochaibh ud tuilleadh. Chuireadh mu'n cuairt 
do cheithir cheud diubh a mach air an dòigh so ; ach mar a bha 'n 



UILLEAM III. AGUS MAIRI. 331 

eaglais gann de mhinistearaii fhuair cuid diubh cothrom fuireacli 
'n an àitibh, air chumha gu'n aidìcheadh iad an eaglais Chlèir- 
each. Cha tàinig air an ais ach mu thri fichead de'n cheithir cheud 
a chuireadh a mach. Mhol an rìgh a' mheasarrachd so do'n eag- 
lais aig an àm ; ach 's call 's cha bu bhuannachd a bh' aic' air son 
a cathrannais. 

4. An uair a theich Cleabhars d Duneidin, còmhladh ris na 
Seumasaich eile, dh' fhàg e fios aig Diìic Gòrdon an Caisteal a 
ghleidheadh 'an aobhar Sheumais, gus am faiceadh esan cuideach- 
adh thuige. Thug e fèin a' Ghaeltachd air, 's thòisich e air cruinn- 
cachadh dhaoine gu cogadh 'an aobhar a sheana mhaighstir. Bha 
na daoin' uaisl' a fhuair sealbh air fearann Earra-Ghàeil agus nan 
uachdaran eil' a chaidh a chreachadh, ro dheònach air èiridh leis. 
Chruinich e eadar ceithir 's cuig a mhiltcan sluaigh air feadh 
nan garbh chrioch do 'n do gheall e mòran creiche mar an tuaras- 
dal. Fhuair e àireamh cheudan à Eirinn còmhladh riu sin.* Ach 
bha na Gàeil a' leaghadh air falbh na 'm ficheadaibh 's na 'n 
ceudaibh leis an sprèidh a bha coinneachadh riu. Co dhiù ghlèidh 
e mu'n cuairt do thrì mìle dhiubh leis an robh e deanamh fuaim 
air feadh na dùthcha. Chuireadh Seanahair Mac Aoidh 'na agh- 
aidh le tri no ceithir a mhìltean saighdear. Choinnich an dk 
armailt a chciii' 'an àite ris an abrar Coille-Chragaidh, faisg air 
Adhol, air an seachdamh là deug de mhios meadhonacli an trsamh- 
raidh. Chaill Mac Aoidh an là 's moran de chuid daoine, 's theich 
e fdin gu Peirt. Ach thuit Cleabhars anns a' bhlàr sin 'an toiseach 
na buaidhe. Bha e sìneadh a làirah' a' toirt òrduigh, 's bhuail 
peilear e 'n toU na h-achlais, far nach robh 'n còta màilich ga dhion- 
adh, 'sbhàsaich e'n là sin fein. Còmhladh risan bhàsaich dòchas 
nan Seumasach 'an Alba. 

5. Ghabh fear Canon, a thàinig a nall air ceann nan Eireannach,. 
aa riaghladh an dèigh Chlcabhars ; ach cha d' rinn e tapadh sam 

* B* Ann inu*n im so a tbàiuig Colla Ciotach ainineil a EirÌHn. 



332 , ; EACHDRAIDH NA H-ALBA 

bith. Chuir na Camshronaich, a bh' air an cumail f o 'n choill sru 
beagan mhìosan roimhe sud, dà cheud deug fear air leth uatha 
fèin gu dhol a chòmhnadh Sheanalair Mhic Aoidh. 'N uair a bha 'n 
rdisimeid so air a mharsail do 'n Ghàeltachd rathad Dhun-Caillinn, 
thug Canoiì ionnsuidh air an gearradh as. Bha tri mìle fear aig 
Canon mu choinneamh aon rèisimeid nan Camshrouach. Ach 
dhion na Camshronaich iad fèin 'an tigh mòr le Marcus Adhoil, 
agus air taobh a stigh a' ghàraidh leis an robh e air a chuairt- 
eachadh, 's mar an ceudna air taobh a stigh gàraidh a' chhiidh 
leis an robh e air a chuairteachadh. Thug Canon le chuid Ghàel 
trì no ceithir de gharg ionnsuidhean air na Camshronaich f huadach- 
adh a mach à sud, ach bha iad mar a bualadh an cinn ri creig — 
dh' fhuadaicheadh air an ais iad na h-uile turus. Chaill iad mòran 
dhaoine. Mu dheireadh thug iad thairis an gnothuch gu h-iomlan, 
'sbhuail na Camshronaich drum as an dèigh mar ga'n rotadh 
dhachaidh. B'e so deireadh na sabaist air sgàth Sheumais. Bha 
Biùc Gordon an dèigh Caisteal Dhuneidin a lìbhrigeadh ceithir là 
roimh bhlàr Choille-Cragaidh, 's leis na nithibh so sguir na Seumas- 
aich a thoirt ceann do thighearnas rìgh Uilleim 'an Alba. 

6. Aig a' cheart àm 'san robh Co-chruinn nan Sàitean Alb- 
annach a' suidhe gus an crhn a shocrachadh air Uilleam 'sair 
Màiri, bha rìgh Seumas an dèigh pilltinn as an Fhraing le armailt 
a fhuair e o Lùthais XIV., rìgh na dùthcha sin, agus air tighinn 
do Eirinn, far an do ghabhadh ris gu h-aoibhneach leLs a' chuid 
mhòr de shluagh na tire sin, a bha nam Pàpanaich. Thriall e 
g\i buadhach do IBhail'-àth-Cliath, àrd bhaile na h-Eirinn, choin- 
nich e ris a' Phàrlamaid, 's rinn e gach lagh 'us reachd a thogair 
; iad sin ian-aidh^ ann an cur sios 's an creachadh nam Pròstanach, 
agus an cuid fearainn 'us eile thoirt do na Pàpanach. Ghabh 
rioghachd Eirinn uile ris ach an cearna ris an abrar Ulster, 'an 
taobh tuath na dtithcha. Chuir Seumas sèisd ri Lunuinnderi, 
àrd bhaile na cearna sin. Ach dhion an luchd àiteachadh iad 
fèin gu duineil, gus an do chuir Uilleam Seonalair Circ a null, a 



UILLEAM III. AGUS liAIRL 335 

thogail iia sèìsd. Thòisich aobhar Sheumais a dol air ais an sin. 
Chuir Uilleam mòran feachd a null an ath bhliadhna. Agus air 
a' cheud là de mhìos deireannach an t-samhraidh, 1690, chuir- 
cadh blàr na Bòighne, eadar an dà armailt. GhaiU Seumas an là, 

:i mhisneachd leis an là, 'sthuge 'chasan leis do'u Fhraing. 
Sheas na h-Eirionnaich a mach an dòigh sin. Ach an taobh stigh 
de cheann bliadhna bha iad uil' air an ceannsachadh 's b' ^igin 
doibh Uilleam 'us ^làiri aideachadh mar an rìgh. Chaidh dà mbìle 
dheug Eirionnach a null do 'n Fhraing an dòigh Sheumais. Bhàs- 
aich Seumas 'san Fhraing anns a bhliadhna 1701. Dh' fhàr;- e 
mac ud mu'n cualas cheana. 

7. Eha nis na tiì rioghachdan fo'n aon chrùn mar bha iad roimhe. 
Ach thachaìr ni no dhà 'an riaghladh Uilleim air Alb' a bha na'm 
meadhon air sluagh na dùthcha sin a thionndadh glè mhòr 'na 
aghaidh. B' e'n ceud ni dhiubh, sin ris an abrar Casgradh Ghìinn 
Comhann. Mar a bha cuid de na ciun-fheadhna Ghàelach, a bha 
na 'm Pàpanaich, fathast a' seasamh a mach o Uilleam 'us i\Iàiri 
aideachadh, fhuair larla Bhraidalbainn fichead mìle Funud Sas- 
uunach o'n Ard-chomhairle gus a roinn a measg nan ceanu-feadhna 
8Ìn, agus an ìimhlachd do 'n rìgh a cheannach. Ma 's fìor na sgeòil, 
rlnn an t-Iarla roinn Mhurchaidh 'us Fhearchair air an airgiod. 

-dhifi thàinig na Gàeil gu bhi sàmhach. Ach bha Mac Dhòmh- 
liuill Ghlinn Comhann 'sa dhaoine an ddigh creach a ghitilan air 
falbh thar fcarainn an larla. Chuir aii t-Iarla fios gu Mac 
DhòmhnuiU gu'n robh e 'cumail aige fein, air son pàigheidh na 
creich' a' chuid sin de'u airgiod a bhuiueadh dhasan fhaotainn ; 
ach gu'm feumadh e'n rìgli aidcachadh mar a rinn na ciun-fheadhn' 
eilc a fhuair au t-airgiod. Cha ghabhadh Mac Dliòmhnuill sud; 
mur faigheadh e 'chuid de 'n airgiod, eheasadh e mach. Bha 
Rcachd air a dhaingneachadh aig an h\n chcudna leis a' Chomh- 
airl' a ròir òrduigh an righgu'ni feumadh nah-uilc ceann-feadhna 
*• a* Ghàeltachd an ìimhlaohd do righ Uiilcam aideachadh air an 



:834 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

là mu dheireadh de'n bhliadhna 1691, no roimhe sin, fo phèin 
teine 's claidheamh. 

Thug na h-uile aon diubh ùmhlachd do'n reachd so roimh'n àm 
shuidhichte, ach Mac Dhòmhnuill Ghlinn-Comhann. Au uair a 
dh'aithnich esan gu'n robh e 'na aonar chaidh e fòin gu Gearas- 
don Inbherlòchaidh, gu ùmhlachd a thoirt do cheanuard an 
daingnich sin. Dh' innis an ceannard dha nach robh ìighdarras 
aige-san gu sud a ghabhail, agus gu'm feumadh e dhol gu Sior- 
raimh Inbhcraoraidh, air son an gnothuch sòluimt' ud fhaotainn 
deanta. Leugh Mac DhòmhnuiU an t-eagal; 'sged a bha e 'na 
sheann duine, 's an talamh còmhdaichte le àirde nan crann de 
shneachda, ghreas e thun an t-Siorraimh. Bha'n ceann làair 
dol seachad aon là; ach ghabh an Siorraimh iimhlachadh an 
duine, 's thuirt e ris gu'n sgriobhadh esan tlmn na Comhairl' a 
mhìneachadh aobhar na moille, 's nach b' eagal do Mhac Dhòmh- 
nuill, '8 ann mar sud a bha. Chaidh Mac Dhòmhnuill dhachaidh, 
's chaidh litir an t-Siorraimh a Dhuneidin ; ach dh' f holuich Sìr 
lain Dalrimpil, àrd Chleireach Alb' i, agus cha robh dearbhadh 
sam bith air gu'n d' ùmhlaich Mac Dhòmhnuill e fèin. Bha Sìr 
lain, 's an t-Iarla na 'm fior naimhdibh do Mhac Dhòmhnuill, agus 
*an guaiUibh a chèile, rìinaicht' air cur as da. Chuir iad a' bhreug 
fa chomhair an righ 's fhuair iad iighdarras gus am peanas a chur 
an gniomh. Dh' earb iad so ri Caiptin Caimbeul a' bhuineadh do 
Earra-Ghàel. Gus an gnothuch a dheanamh furasda dhoibh fèin 
ach da rìreadh ni bu mheasa, thàinig esan le àireamh shaighdearan 
do Ghleann Comhann dà sheachduin roimh dha 'n t-olc a dhean- 
amh. Bha e air aoidheachd aig na Dòmhnullaich rè na h-ùine 
sin. Air maduinn an treas là- deug de cheud mhìos an earraich 
thòisich obair a' mharbhadh. Chaidh ochd duine deug thar fhìch- 
ead a mharbhadh a measg an robh seann Mhac Dhòmhnuill fèin 
'sa bhean; bhàsaich mòran 'san t-sneachda 'nuair a thòisich an 
sluagh air teicheadh. Thug na saighdeara leò na ghabhadh iomain 



DILLEAM III. AGUS MAIRI. 335 

'us giùlain de chreich — naoi ceud bò, ceithir cheud each, agus 
caoraich *U3 gabhair gun àireamh. Bha so ua ni co sgreataidh 's a 
thachair 'an àite sam bith; ach cha robh aig an righ ach a' chuid 
bu higha de'n choire, ma bha sin fèin aige. Agus cha leanadh 
coir' idir ris na'm bitheadh e air Slr lain 's an t-Iarl' a pheanas- 
achadh mar a thoill iad. Thàrr dithis mhac 'Ic lain as le'm 
beatha. 

8. B* 6 'ni eil' a dhìiisg diomb 'am broilleach nan Albannach 
'an aghaidh an rìgh, an dòigh 's an do laimhsich e iad ann an 
gnothuch Dharien. So an t-ainm a th' air a' bhràighe no *n 
amhach chumhang a tha ceangal ceann a tuath 'us ceann a deas 
America ri chèile. Cha 'n 'eil ann ach mu astar là air leud. Bha 
iomadh ìir-threabhachas aig Sasunn 'an tiribh cein, o'n robh iad a' 
faotainn mòran buannachd le malairt. Cha'n fheudadh na mar- 
santan Albannach a bhi malairt ris na h-àitibh ud idir. Bha 
Darien air a mholadh do na h-Albannaich le fear Paterson, a bha 
eòlach 's na cearnaibh ud, mar àit' a bha freagarrach ri malairi 
taobh *8 iar 's taobh 's ear dà cheann America. Thug àireamh 
mòr de uaislibh 's de cheannuichibh Alba gnìiis do 'n bheachd so, 
'schruinnich iad ceithir cheud mile Punnd Sasunnach 'na msasg 
fèin, *8 fhuaradh mbran eil' as an Olaind 'sà Lunuinn gus na h-ulle 
costas a bha feumail gu tìiìneachas a dheanamh 's an àit' ud a 
phàigheadh. Gheall an righ gnhis a thoirt doibh 'sa* ghnothuch, 
's fbuair e Achd Pàrlamaid a' daingneachadh an còir air mir de'n 
fhearainn, agus malaìrt a dheanamh ris na dìithchaibh mu'n cuairt. 
Ach bha leithid de fharmad aig ceannuichibh Shasuinn ris na 
h-Albannaich air son an t-soirbheachadh air an robh eagal orr* a 
ruigeadh iad 's gu'n tug iad air an righ diùltadh gnàis a tlioirt dha 
idir. AgU3 rinn na SpJiinnich gearan an aghaidh nan Albannach a 
bhi tùineichadh'an coimhearsnachd ìir-threabhachas leòsan. Alìon 
cuid 'us cuid tharruing an righ air falbh o *n ghnothuch gu h-iom- 
lan. Chaidh àiremh m.')r de luchd-imrich a null gu bail' a thog- 
ail 'an àite goireasach air an oirthir. 'N uair a dh' fhàs iad ginn 



336 KACHDRAIDH NA H-ALBA 

a bhiadli, fhuair iad a mach nach reiceadh na dùthchannan a Llia 
inu*n cuairt biadh riu. Fhuair an fheadhainn de eileanaibh nan 
Innsean a 'siar, agus a' chuid de stàitean tir-mòr America a bha 
fo uachdaranachd Shasuinn, òrdugh gun dad a reiceadh. Bhàs-^ 
aich mòran diubh le plàigh a sgaoil ua measg air a h-antromacli- 
adh le gainne. Sheòl àiroamh shoithichean eil' d Lìbhte le ochd 
ceud deug duine, mu'n cualas ciod a bh' air tachairt do'n cheud 
chuideachd. Bha 'n gnothuch ni bu mheasa 'n uair a ràinig iad 
sin. Agus còmhladh ris gach olc eile 'thàinig armailt Spàinneacli 
ga 'm fuadachadh air falbh, ag agairt còir air an àite, ged a bha'n 
tùineachas fad air falbh o Dhuneidin ìir, baile nan Albannacli. 
B' èigìn gèilleadh do na Spàinnich, 's an t-òit' fhàgail aca. 'S e ro 
thèarc dhiubh a thàinig air ais do Bhreatunn. ClioÌsinn so mòran 
diomb do 'n rìgh 'an Alba 's thug e cus misneachd do na Seumas- 
aich. 

9. An uair a chaochail Seumas anns a' bhhadhna 1701, blia 'in* 
prionns' òg a mhac trì bhadhna deug a dh' aois; agus thug rìgh 
na Frainge ma'n airidh e bhi air èigheach 'na rìgh Bhreatuinu. 
fo'n tiodal Seumas III. Ghabh Pàrlamaid Shasuinn so co olc 
'sgu'n tiig iad binn ceannaircich a mach 'an aghaidli a'phrionnsa. 
's a mhàthar ; 's ghabh righ Uilleam a lcithid de fheirg 'sgu'n 
d' ullaich e air son a dhol a chogadh ris an Fhrangach. Ach mu *ii 
d' fhuair e sin air a dheanamh, chaill e 'bheatha le tuiteam thar 
'cich, no'n t-each a thuiteam leis, air an ochdamh là de'n mhàirt, 
1702, agus anns an dara bhadhna deug thar dhàfhichead de 'aols. 
Bha bhan-righ air bàsachadh cuig bliadhna roimhe so. Bha ligh 
UiUeam cliùiteach 'na là air son a chomasaibh mar shaighdear; 
air son 'fhuath do gach uil' eucoir 'us fhòirneait; 's air son 'eud . 
air taobh a' Chreidimh Phròstanaich. Bha e 'na inneal air mòran 
bacaidh a chur air na Cumhachdaibh Pàpanach feadh na Roinn- 
Eòrpa. Cha bu duine garbh 'am pearsa, no slàu e; ach bha e 
neo chumanta fad-sheallach, eadhon a measg phrionnsachan. Bha. 
e fuar, fad as 'na ghnàths, ach anabarrach dealasach 'am blàr 



ÀJH T-AOHU>n. 337 

catha. Bha e 'na eilimid air ceann airm fo theine. Ri 'linn-sau 
chuireadh air chois araon Banc Shasuinn agus Banc Alha; *s thòis- 
icheadh air dcanamh phaipeircan 'us ioraadh ni eil* 'an Alba, a 
bha iad a' tarruincr ^ dàthchaibh eile roimhe sin. 



GAIB. XXXIX. 



ANNA. — AN T-AONADH. 



Cha robh duinc cloinn* aig lìgh UiUeara, agus a. rèir Kèit- 
eachaidh na Rìgh-chuairt, thàinig a phiuthar-chèilo, a* bhan- 
phrionns Anna, thun na caithreach. Bha i ochd bliadhua deug 
thar fhichead an uair a thòisich i 'rioghachadh. Lean i air a* 
chogadh ris an Fhrangach. Bha Diìic Mharlboruigh air ceann 
an airm, agus a* cosnadh ainm dha Uìn *s do Bhreatunn air son 
a gliaisge 'sa shoirbl'Cachaidh. An uair a bha *n criin air a shoc- 
rachadli air Anna, laur fàgadh rìgh Uilleam clann, bha teaghlach 
; ic', ach bha 'n teaglilach q.ir bàsachadli mu'n do thòisich i 'riogh- 
achadh, Agus thug so air Pàrlamaid Shasuinn atharrachadli 
cile dlieanamh a thaobh a* chriiin. Shuldhicli iad an crùn air 
Sophia, bau-Electrach Hanobhair. Chaidh innseaUi a chcan 's an 
cachdraidh so gu'n do phòs a' bhan-phrionns' Ealasaid, nighean 
Sheumais VI. prionnsa na Palatin 's a' Ghearmailt. Bu nighean 
iìophia 80 do 'n bhan-phrionns', Ealasaid, agus mar sin b' ogh' i 
do Sheuma.s VI. Leis a' chrùn a shocrachadh air a' bhan- 
phrionnsa so, 'saira teaghlach, a bha 'n am Pròstanaich, bha aig a' 
Phàrlamaid Shasunnaich 's an amharc na huile dòchas a ghearr- 
adh a mach o mhac Shcumais Stiùbhairt gu'm biodh e gu bràth 



338 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

air aiseag gu rìgh-chaithir na rioghachd ud. Dhaingnich Pàr- 
lamaid Shasuinn an Reachd so 's a' bhliadhna 1700. 

2. Bha Thàrlamaid Albannach mu'n àm so air a roinn 'na trl 
pàirtidhibh. Bha 'cheud aon diubh sin air taobh na Bìgh-chuairt, 
agus theirteadh UiUeamaich riu ; bha pàirtidh eil' air taobh an 
righ a chuireadh air falbh, agus theirteadh Seumasaich riu ; agus 
bha 'n treas pàirtidh, a rèir an aideachaidh fèin, a' seasamh a 
mach air son chòraichibh Alba mar air leth o Shasunn, agus 
theirteadh a' phàirtidh Dhùthchasach riu sin. Bha 'phàirtidh so 
mu dheireadh mar gu'm b' eadh a' cothromachadh na dhà eile, ga'n 
cumail gun dol ro fhada taobh seach taobh. Fo threòrachadh na 
buidhne so dhaingnich Pàrlamaid Alba Reachd ris an abrar Achd 
an Dìonaidh, leis an robh e air a shocrachadh nach biodh o sud a 
mach an aon duin' a* mealtuinn crìiin Alba 's Shasuinn, ach air 
cliumha gu'm biodh Alb' a* comhpàirteachadh 's na h-uile còir 
'us sochair a bhuineadh do Shasunn, a thaobh malairt ri tìribh 
cèin, agus gach ni beag 'us mòr eil', aig a' bhailè 's o 'n bhaile. 

AÌT chùl so, 's an coimhcheangal ris, dhaingnich iad Achd eil' a 
Tèir am feumadh na h-uile duine 'san rioghachd, a bha'n aois sin 
a dheanamh, arm-chleas a' chogaidh iunnsachadh, a chum gu 'm 
T^iodh iad comasach air naimhdean sam bith a thigeadh orra, fad 
as no dh'ith air làimh, a chumail air falbh. 

3. Bha na Sasunnaich gu mòr air am feargachadh le Pàrlamaid 
Alba bhi co neo-eisimeileach, 's co dàna. Bha iad a' faicinn gu'm 
feudadh cunnart a bhi ann, na'n aonadh an treas buidheann ud a 
•dh' ainmich sinn a dh' ionnsuidh taobh nan Seumasach, gu'n tig- 
■eadh am prionns' òg gu chmhnantan feallsa 'dheanamh riu, a rèir 
nòis nan Stiùbhartach, gu'm faigheadh e air ais gu caithir Alba, 

's gu'm , biodh sin 'na mhàthair aobhair air mòran dòirtidh fol* y 
eadar an dà rioghachd. Ach feargach 's mar bhà na Sasunnaich, | 
cha robh aobhar maith sam bith aca fathast air son a dhol a chog- 
adh ri Alba. Cha d' rinn a' Phàrlamaid ach ni a bha dligheach 'us 
laghail dhi a dheanamh, 's nach robh còir no cumhachd aig riogh- 



AN T-AONADH. 339 

achd eile dhol a dh' f haotainn coire dhi air a shon. 'S e bun a 
bh' ann gu'n dorùnaich a' Phàrlamaid Shasunnach, goirid an dèigh 
<lo Anna tighiun thun a' chrìiin, gu'm biodh an dà rioghachd gu do- 
sgaraicht' air an aonadh ri chèile, cha 'n e mhàin fo 'n aon chrtin 
ach fo 'n aon lagh-thabhartachd mar an ceudna. Le saothair mhòr 
'us costas nach bu bheag, fhuaradh cumhachdairean a chur air leth, 
deichlhar fhichead air gach taobh,gu bonn rèiteachaidh a shocrach- 
-adh eadar Alba 's Sasunn. Cha robh iad ach ro mhall a tighinn air 
aghart 's a 'cheud dol a mach. Smuainicheadh mu dheireadh gu'm 
'.)\i luathaid a dh' fhalbhadh na cuibhleachan na 'n cuireadh a* 
bhan-rìgh fèin an onair orra gu'n deidheadh i o àm gu h-àm ga'n 
amharc. Chaidh i dhà no thri uairean a shealltuinn orra; 's bha 
>in a' deanamh beagan greasaid orra. 'S e bha na cumhachdairean 
-Mbannach an toiseach ag* iarraidh, ceangal cùmhnantach a bhi 

adar an db. rìoghachd; tha sin a' ciallachadh gu'm biodh an aon 
neach a' rioghachadh os an ceann, 's gu'm biodh na h-aon chòr- 
^ichean aca thaobh malairt, 's nan uile nithe eile, ri tiribh cèin; 
ich gu 'm biodh a Pàrlaraaid f^in air leth aig gach rioghachd, 
: ijus gu'm biodh na h-uile seòrsa cis air an leagadh air gach riogh- 
'ichd le 'Pàrlamaid fèin. Cha 'n èisdeadh na Sasunnaich ri so; cha 

hiodh iad riaraicht' ach leis an dà Phàrlamaid a bhi air an aon- 
Ah, agus a' Phàrlamaid Aonaicht' air a deanamh suas le buill à 
^asunn 'us Alb' ann au cuimseachd fhreagarraich. 'Sann an so 
L bha *n aon doirbheadas, mu 'n d' fhuaradh air a reiteachadh e. 
liha suim mhòr airgid air a gealltuinn do Alba, ceithir cheud mile 
Punnd Sasunnach, air son deanamh suas calldaich a dh' fhuiling 
i cheana, 's calldaich sam bith a dh' fhuilingeadh i air los an Aon- . 
aidh. Chaidh deich mile fichead de 'n airgiod so a roinn a measg 
nan cumhachdairean. An ddigh sin chuir iad uil' an ainm ris a* 
P>hann, ach Mr Locart, triath Chàrnatli. Cha chuireadh esan 
linm ris 'ge beò. 

4. B' aoQ mu mhcarihon niio; (lcirf^anniich :in earraich, 1700, a 
shuidli Da h-uaislcan ud gas am Baun ainmeii so a chur ri cheilc. 



340 SACHDBAIDH NA H-ALBA 

Thàinìg iad a nnas leis a Dhuneidin mu mheadhon an fhoghair gus^ 
a char fa chomhair Pàrlamaid Alba. Bha air a sholarachadh 's a' 
Bhann Aonaidh so gu'm biodh crùn Bhreatuinn air a shuidheachadh 
air a* bhan-phrionnsa Sophia agus a h-oighreachaibh ; gu 'm biodh 
niriochdarana na Rìoghachd Aonaichte'mealtuinn comhphàirteachd 
chòraichean 'us shochairean; gu'm biodh na laghannan a bhuineadh 
do 'chòir fhollaisich, gnothuch ri tìribh cèin, 'us riaghladh sìobhalt',. 
an aon nì anns an dà dhiithaich, agns gu'm biodh a h-eaglais Chlèir- 
cach fèin aig Alb,' agus a rian lagha fèin 'an nithibh sìobhalta, 's an 
òrdugh bhailtean, agus a cùirtean ceartais fèin; gu maireadh na 
h-uìle dhreuchdan 'us thighearnasan oighreachail mar roimhe so; 
gu'n seasadh còraichean 'us sochairean nam Borgh Rìoghail 'an 
Alba gun bhriseadh sam bith; gu'n cuireadh Alba cuig bniU 'us dà 
fhichead do 'n Phàrlamaid Aonaichte; gu'n gleidheadh a' Mhorair- 
cachd Albannach na h-nile sochair eil'a bhuineadh do'n inbh,'ach gur 
h-ann aig a sea deng dhiubh a mhàin a bhiodh suidheachan 'an Tigh 
nam Morairean Breatunnach. 

6. 'N nair a chualas 'an Alba mar chaidh an gnothuch, chaidh 
sluagh na dùthcha, cha mhòr gu h-iomlan, air bhoil le corruich ,. 
'S e bha gu h-àraidh ga 'n cur air bhoil gu'n d' aontaich na Cumh- 
achdairean ris a' Phàrlamaid a bhi air a cur as; agus bha e 'meud- 
achadh an corruich co ro thearc 's a bha 'n àireamh a dh' fheudadh 
fiuìdhe 's a' Phàrlamaid Aonaichte. Ach ged rinn na Ciimhachdair- 
can na rinn iad, dh' fheudadh a Phàrlamaid na h-uile ni a bh' ann a 
thilgeadh bnn os ceann, 's gun ghnothuch a bhi aca ri Aonadh air 
na cumhachaibh ud, na 'm b'e sin an toil fèin. Chruinnich a' Phàr- 
lamaid air an treas là de mhìos deireannach an fhoghair gus na 
ourahachan aonaidh a thoirt fainear. Bha tional na Pàrlamaid, ris 
an robh muinntir Dhuneidin cleachdta o cheann co iomadh lìnn, a 
ghnàth greadhnach, sòluimte. Bha na Buill uile dol' air raharcachd 
o lùchairt Holirud gu tigh na Pàrlamaid, anns a bheil Cùirt an 
t-Seisein a' snidhe nis. Cha robh ann ach aon sràid dhìreach o 
'h-iochdar gu'h-uachdar. Luchd-ionaid nam BorghRioghaiI an tois- 



ÀS T-AONADH. 341 

'eacb, dithis rì taobh a chèile; luchd-ionaid nan Siorrachdan an sin; 
nan dèigh-san na Morairean *s na h-Iarlachan, *s an sin na Mar- 
cusan, 's na Diùcachan, le 'n gillibh fritheaìaidh a* coiseachd ri *n 
taobh, a rèir an inbhe; aon fhear dhiabh sin aig a' cheud dream; 
ochd aig au dream mu dheireadh; trombaidean a' seìrm rompa; 
mòran shaighdearau cois 'us each a* cumail freiceadain air gach 
taobh de *n t-sràid, agus rèisìmeid eachraidh a* marsail gu mall na 'n 
dèigh. B'e so an turus mu dheireadh a mharcaich i, *s bha mar sin, 
cuimhne ui b' fhaid' aig a' ghinealach ud air. Thàinig sluagh na 
dùthcha *n an treudaibh as gach ceàrna steach do 'n bhaile, gu bhi 
cluinntinn ciod an di-bheath' a bheireadh a' Phàrlamaid do na 
cumhacliaibh aonaidh a thàinig à Sasunn. Thòisich Athchuingean 
no iarrtuis a* dòirteadh a steach as gach ceàrna 'n aghaidh an Aon- 
aidh. Bha na Seumasaich *s a* Phàriamaid air bhoil' an aghaidh an 
Aonaidh air son aobhair a tha furasd a thuigsinn. Bha na h-UilI- 
eamaich, no Chuigsg mar theirteadh riu, co dian sin air taobh an 
Aonaidh, le ro chus eagail roimh ni a bha na Seumasaich ag iarr- 
eidh, Ach bha 'n treas buidheann de 'n robh a' Phàrlamaid air a 
deanamh suas,air an robh a' Bhuidheann Ghnanach mar fhrith-ainm, 
a' feitheamh an fhàth, a' dh'fhaicinn ciod an car a ghabhadh nithe; 
ciod a bhiodh a chum am buannachd fèin, agus mar theireadh iad- 
san, a ehum buannachd na rìoghachd. Feudar a ràdh gu'n robh na 
meidhean aig a' Bhuidheinn so 'na 'n làimh. Na 'u leanadh iad a 
cheile, ghiùlaineadh iad a phuinc ge b'e taobh gus an aomadh iad. 
Bha na Seumasaich ro dheònach air a' Bhuidheinn so aomadh do *n 
ioimsuidh fèÌQ, ach cha robh ni aca bu treise na argumaidean gus 
an tarruing. Bha *n taobh eile co ionann de^nach air an aomadh 
do'n ioonsuidh fòin; agus mar bha fios aoa gu'm feumadh iad ni- 
cigin ba bhaadhaiche na argumaidean a glinàthachadh air son sin, 
cbaidh còrdadh a dheanamh eadar miuisteiribh a' chrùin 'an Alb' 
agos na Combachdairibh Sasunnach, leis an robh fichead mìle Punnd 
Sasaonach de 'n airgiod a bh' air a ghcalltuinn do Alb' air a roinn 
« measg an Aireamh ud de BhuiII na Pàrlamaid ris an abrar a' 



342 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

Bhuidheann Ghuanach. 'N uair a fhuair na laochain so 'na 'm pòc- 
aidibh dh* aom iad gu socair, dòigheil, gu taobh nan TJilIeamachy 
's cha robh moille sam bith tuilleadh gus a chur air an Aonadh air 
an taobhsan. 

6. A measg na h-uir.Athchuing eil* a chuireadh do thighnaPàr- 
lamaid 'an aghaidh an Aonaidh, thàinig aon o Bhuidheann-cumh- 
achd eaglais na h-AIb', anns an robh air iarraidh gu'n cuirteadh aa 
aghaidh an Aonaidh a mnigh 's a mach. B' e 'm bonn air an do> 
thagair an eaglais 'an aghaidh an Aonaidh, agus an aon bhonn air 
an robh e dligheach dhi mar eaglais sin a dheanamh, a chionn gur 
h-ann air son cur 'an aghaidh riaghailtean na h-eaglais Sasunnaich 
a ' dh' fhuiling ise geur-leanmhuinn co fuilteach rè nan ochd 
bliadhna fichead roimh 'n Rìgh-chuairt, agus nach robh, a rèir 
coslais, atharrachadh sam bith gu thighinn air luchd-riaghlaidh na 
h-eaglais sin, gu'n robh mòr aobhar eagail an uair a gheibh- 
eadh an lagh-thabhartachd Shasunnach còir air gnothuichean Alb" 
a riaghladh, gu'n deanadh iad fòirneart air an eaglais a bha co fad 
'an aghaidh an dòigh 's am beachdan fein, agus aig nach biodb 
luchd-dìonaidh an aghaidh an fhòirneirt sin. Cha b' urrainn a- 
Phàrlamaid gun fhaicinn nach robh aobhar imnigh air a' phuinc so. 
Bha àireamh maith de chàirdean aig an eaglais 's a' Phàrlamaid ; 
agus mar bha fios aca sin gu 'n robh 'chuid bu lionmhoire de 'a 
t-sluagh co-cheangailte ris an eaglais, 's e rùnaich iad Achd as ùr 
a dheanamh, agus a bhiodh 'na phàirt de 'n Bhann-aonaidh, anns 
am bìodh e air a chur sios 'an cainnt co làidir 's co soilleir 's a 
ghabhadh cleachdadh, gu'n robh an eaglais gu bhi air a seasamh 
'na h-uile chòraichibh 'us shaorsainnibh 's na h-uile linn ri teachd 
mar a bha i aig an àm a ta làthair, agus gu'm biodh an t-Aonadb 
gu h-iomlan 'an crochadh ris a' Phàrlamaid Shasunnaich a dhaing- 
neachadh an Achd so. An uair a chunnaic an eaglais gu'n d' rina 
a* Phàrlamaid dìlseachd a nochdadh 's a' ghnothuch so, mar hm 
chòir, leig i dhi a bhi cur an aghaidh an Aonaidh ; cha robh bonn 
tagraidh tuilleadh aice 'na aghaidh. Thàinig Pàrlamaid Shasuinm 



AN T-AONADH. 343 

gu cbrdadh aìr a' phuinc so, 's air gach puinc eile fa leth 's a' 
Bhann; agus 'an dèigh gach ni bhi air a reiteachadh eatorra, sgaoil 
a' Phàrlamaid Albannach, gun chruinneachadh tuilleadh, air an 
dara là fichead de'n Ghiblin, 1707. 

7. Ged a bha 'n t-Aonadh air a dheanamh, 's a' Phàrlamaid 
Bhreatunnach a nis a' toirt a steach laghan air son na Rìoghachd 
Aonaichte, gidheadh lean sluagh Alb' air a bhi 'fuathachadh an 
Aonaidh co mòr 's a rinn iad riarah. Is co fad' a chaidh cuid mhòr 
de na Camshrouaich le'm fuath do bhi air an aonadh ri Sasann air 
na cumhachaibh a dh' ainmicheadh, 's gu'n do chòird iad ris na 
Seamasaich a chuideachadh gu mac an rìgh a thoirt as an Fhraing 
's a chur air rìgh-chaithir Alba. Bha rìgh na Frainge 's au àm sin 
a' cogadh ri ceithir no cuig a rìoghachdan ua Roiun-Eòrp' a bha 'n 
comhbhoinn 'ua 'aghaidh. Bha Sasunn 's a' chomhbhoinn so, agus 
mbran de 'n arm Shasunnach air tir-mòr aig a' chogadh. Bha 'm 
Frangach 'na aonar agus gu mòr air a shàrachadh leò, 'S e smuaìn- 
ich e Seumas òg Stiùbhart a chur a nall do Alba le beagan armailt 
gu troimhe cheile thogail 'am Breatunn. Cha b' olc leis idir an 
Stiùbhartach a shoirbheachadh, ach 's e bu mhaith leis gu h-àraidh 
gu'm biodh ban-righ Anna air a h-cigneachadh gus a h-armailt a 
thoirtdo Bhreatunn's gu'n lagaicheadh sin cumhachd nan naimhdean 
a bha 'cathachadh ris f6in. Theirteadh Chebhalier de St. George, 
ris a' Phrionnsa 's an Fhraing 's air feadh tir-mòr na h-Eòrpa; their- 
eadh naSeumasaich Shasunnach, Seumas III. ris; theireadh na Seu- 
masaich Albannach, Seumas YIII. ris. Bha e fichead bliadhna 
dh'aois a nis. Chuir rìgh na Frainge gu cabhagach ochd mìle 
saighdear air bòrd àireamh luingeas gu falbh do Alba le Seamas 
Stiùbhart. Chaidh Seumas fein air bòrd aon de na luingeis so, agus 
sheòl iad o àite ris an abrar Duncirc air au t-seachdamh là deug de'n 
Mliairt, 1708. B'e so gun teagamhàm co fàbharrach do aobhar a 
phrìomua sa bh' ann rìamh roimhc sad no na dhèigh, a chionn na 
h-AIbannaich a bhi air bhoil au aghaidh an Aonaidh Shasannaich. 
3^a 'm biodh am prionns* air faotainn air tir 'an Alba bha àircamh 



344 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

mht sluaìgli air èiridh leis. 'S e 's coslaiche p^u'n robh iad air a 
chrùnadh 'na rìgh air Alba; oir cha'n eil nì a dh' iarradh iad nach 
gealladh e m^ a leithid a dh' àm, mar b'j dual ; agus a dh' aindeoin 
's ne thachair t)ha mòran diubh f athast co gòrach 's gu'n creideadh 
iad Stiùbhartach. A.ch bha 'n Sasunnacli 'na 'fhairbheanadh. Bha 
fios gu'u robh Seumas Stiùbhart a* tighinn, agus ciod an rathad. 
Fhuair an t-Admaral Frangach air aghart gu dòigheil gus an do 
ràinig e Caolas na Friù, mu choinnearah Lìbhte. Bha càbhlach 
Sasunnachair a shàil an sin,mòran a bu chumhachdaichna'n càbhlach 
Frangach. Gun urchair a chur à gunna tharruing e air falbh, 
*s ghreas e do Dhuncirc as an tàinig e, co luath 's a bheireadh gaoth 
e, a' fàgail te dheth 'elinid luingon': an làmhaibh an t-Sasunnaich a 
bha ga ruagadh. Mar so chriochnaich ceud oidhìrp a' riirionnsa. 

7. Bhàsaich Priounsa Seòras, fear-pòsda na ban-righ, air a* 
bhliadhua so, 's tha luchdcachdraidli a' toirt fainear gu'n do thòis- 
ich a' biian-righ a' chuld 's a' chuid a' tuitcam 'an cianalas. Cha 'a 
'ell droch nithe sam bith air an aithris mu 'timchioll mar bhoirion- 
nach ; ach tha e air a thoirt fainear gu'n robh i ni bu flireagarr- 
aich' air soa inbhe nì b' ìsle 's an t-saoghal, na bhi 'na ban-righ, 
Cha robh a comasan inntinn co geur no co farsuing 's a dh' fheura- 
adh neach 's an t-suiilheachadh an robh ise. Thàinig i gu bhì 
'sealltuinn air na nithibh a bha 'coinneachadh rithe ann ara freasdal 
an Tighearna — a bantrachas, 's call a cloinne — mar bhreitheanais 
air son a' ghaàis a thug i do bhi 'fuadachadh a h-athar air falbh 
dheth *n chaithir. Co dhià bha i leigeadh oirre ga 'n robh na 
beachdan so aice. Agus air chùl so, 'us co-cheangailte ris, bha 
'na beachd gu 'm b' e 'brithair aiseag thun a* chrùin an aon 
dbigh 's am b' urrainn i dioladh a dheanamh air son na ceannairc 
de'n robh i cloatach. Cha ghabhadh i oirre sin a ràdh air a' cheann, 
air eagal nan UiUearaach, leis an robh i air a cuairteachadh — 
a' Chuigse, raar theirteadh riu, agus aig an robh làmh an uachdar 
*an Sasunn aig an àm. Ach fhuaradh a mach a' chuid 's a' chnid 
gu'n robh i thaobh a bràthar mar bha Daibhidh a thaobh Absa- 



Alf T-AOBTADH. 345 

loim, *an cion air a thoirt air ais. Bha e nàdarra gu leòr do 'd 
bhan-righ barrachd gràidh a bhi aice d' a h-aon bhràthair ua bhiodh 
aice do theaghlach peathar a seanar, air an do shocruich a* Phàr- 
lamaid Bhreatunnach an crùn. Ged a bha fios maith aice nacli 
Tobli slaagh Bhreatuinn a* dol idir a ghiùlan le rìgh Pàpanach a 
bhi riaghladh os an ceann, *s ni bn luaithe na dheanadh iad sin ga'm 
bu roghnaiche le lionmhoireachd an t-sluaigh a bhi gun rìgh idir; 
gidheadh bha 'h-aigneadh nàdarra d'a bràthair a* dol os ceann 
sohiis a coguis agus a tuigse 's a' ghnothuch, gus mu dheireadh an 
tàinig i gu h-iomlan gu bhi air a toirt suas do 'n bheachd so, gu'm 
faighteadh a bràthair gu tighinn thun na caithreach as a dèigh 
lein. Chuir i air falbh an luchd-rùin, araon mnathan agas 
daoin' a bha timchioll oirre, *s ris nach bu dàna leatha bhi 'dean- 
amh luaidh air na nithibh ud, 's fhuair i luchd-rùin 'us comhairr 
cile, cha 'n e mhàm a ghiùlaineadh leis na beachdaibh ud, ach a 
mhisnicheadh 's a sheòladh i anns na dòighibh bu choslaiche tì 
soirbheachadh fhaotainn 's an ni a bha 'na beachd. *Na measg sìn 
bha boirionnach ro dhàna, clìceach, ris an abradh iad Mrs Masham, 
Agas fear tapaidh d'am b' ainm Morair Bolingbroc. 

8. Cha b' fhad' 'an deigh so gus an deachaidh aig a' bhan-righ 
air i f6in a chrathadh saor o chuing na Caigse, lcis an robh i air a 
sàrachadh. Thachair sin air an dòigh bo a leanas. An uair a bha 
Scumasaich Shasuinn a nis a' fòghlum nach robh dòigh eil* air 
sluagh na dùthcha dhùsgadh suas *an aghaidh na Cuigse, thòisich 
iad air glaodhaich 's air searmonachadh gn'n robh eaglais Shasuinn 
gn mòr 'an cunnart, seadh gu'n robh i gu h-achdaidh gu tuiteam, 
leis a' Cheadachadh a bha a' Chuigs' a' toirt do gach sect no luchd- 
comh-bharail a* bh'air taobh a muigh na h-eaglais. Sgaoil na 
leagasgan so feadh Shasainn, 's gan teagamh bha iomadh sèideag 
a tighinn à àitibh àrda gus an sgaoileadh a chuideachadh. Anni 
a' cheud Phàrlaraaid a ghairmadh cruinn an doigh so, bha 'n àir- 
camh ba mhò 'na 'n Toraich, no Seumasaich, a chuir an sluagh do 'n 
Pbàrlamaid, cha b' ann o dhàimh sam bith a bhi aca ri Seamas òg 



346 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

Stiùbliart acli 'an dùil gu'm biodh laghanna ni bu chraaidh a nis air 
an deanamh air taobh na h-eaglais Sasunnaich, 's nach faigheadh an 
fheadhainn a bha maeh aisde, cothrom a bhi 'deanamh uiread de 
thàir oirre. Mar so fhuair a bhan-righ an luchd riaghlaidh a 
bh' aice roirahe, 's a bha cumail ni eigin de chuing oirre, thilgeadh. 
a mach as an àit', agus Toraich no Seumasaich a chur anns gach 
àrd-dhreuchd 's an rioghachd. Thòisich iad sin a nis gu folchuidh,. 
ach gu gniomhach a' rèiteachadh an rathaid do 'n ni a bh' aig a* 
bhan-righ 'na beachd. Is leòr dhuinn ainmeachadh ciod a rinn iad 
'an Alba. Chaidh innseadh cheana, gu'n do dhaingnich a' Phàr- 
lamaid Albannach Reachd, anns an robh e air a sholarachadh nach 
tachradh an t-Aonadh eadar an dà rioghachd idir mur daingnich- 
cadh a' Phàrlamaid Shasunnach a còraichean fèin do eaglais na 
h-Alba, air sheòl 's gu'm biodh iad sin air an dìonadh, 's air an cum- 
ail suas anns gach linn ri teachd, co slàn no iomlan 's a bha iad aig 
an dearbh àm ud. Rinn Pàrlamaid Shasuinn sud, agus mar sin, 
chaidh an t-Aonadh gu dòigheil air aghart. Bha eaglais na h-AIha 
aig an àm ud mar a dh' fhàg Ard-Sheanadh Ghlascho i 's a 
bhliadhna, 1638, 'nuair a thubhairt Alastair Henderson, ''Leagsin 
ballachan lericho." Cha robh 'n t-Achd a rinn Pàrlamaid rìgh 
Uilleim, 's a' bhliadhna 1690 ach daingneachadh air an obair a rinn 
an t-Ard-Sheanadh ud, agus a bh' air a saltairt fo chosaibh. 
ain-tighearnan fad leth-cheud bliadhna. Nis 's e smuainich 
luchd-comhairle na ban-righ agus i fèin, gu'n cuireadh iad buaìreas 
air sluagh na h-AIba le briseadh a steach air còraichibh na h-eag~ 
lais, gus an tionndadh an aghaidh an Aonaidh. Fhuair iad Achd 
air a dhaingneachadh 's a' Phàrlamaid Thoraich a dh' ainmich sinn^ 
leis an tugadh a' Phàtronachd a steach mar bha i ri linn Sheumaia 
TI. leis an robh còir air a toirt do uachdaranaibh fearainn 'an 
caochladh àitibh, 's do uaislibh eile, ministeirean a thaghadh air son 
»an coimhthionalaibh feadh na b eaglais. Bha aon phonc 'san 
Achd dhubh so, 's an robh air a sholarachadh gu'm feudadh an 
eoimhthional guth a thogail 'an aghaidh a' mhinisteir ud 'an làthair 



AN T-AONADH. 347 

na Clèire, 's gu*m feudadh a' Chleir an gnothuch a rannsachadh, 
's na 'm biodh aobhar cothromach aig a choimhthional gu'm feud- 
tadh a chumail air ais. Ach eadhon ged a bha sin ann, bha nì a 
rinn a' Phàrlamaid Bhreatunnach 'na bhriseadh uamhasach air a' 
ghealladh shòluimt' a rinneadh do Alb* aig àm an Aonaidh. Agus^ 
thog Alba guth 'an aghaidh an fhòirneirt a rinneadh orra leis an 
Achd ud. 'S e 'n dà nì a bh' aig ministeìribh Seumasach a' chrùin 
's an amharc leis an Achd ud, gu'n tionndaidheadh iad sluagh na 
h-AIba, 's gu h-àraidh càirdean na h-eaglais, 'an aghaidh an Aon- 
aidh, agus a ris gu'm biodh cothrom aig na h-uachdaranaibh Seu- 
masach a bha 'n Alba, agus aig a' bhan-righ fèin, d' am buineadb 
Pàtronachd iomadh eaglais, ministeirean a chur a steach a bhiodh 
deònach, os ìosal, air an eaglais easbuigich a chur suas 'an Alba< 
Na 'm faigheadh iad a' chuid bu lionmhoire de 'na ministeirean gu 
bhi deònach air sin, bha iad a' deanamh a mach gu'n soirbhicheadh 
leò co dhiù; agus gu'n cuidicheadh sin gus an rathad a reiteachadh 
air ais do theaghlach nan Stiùbhartach. Cha robh so co follaiseacb. 
aig an àm; ach tha litrichean a bha 'ruith eadar Seumasaich 'an 
inbh' àrd feadh Bhreatuinn, agus a chaidh a chlò-bhualadh an deigh 
sin, a' deanamh a' ghnothuich soilleir gu leòir. Cha 'n urrainn sinn 
tuilleadh a ràdh mu'n Phàtronachd aig an àm, ach cha 'n fhaigh sinn 
air aghart troimh 'n eachdraidh gun i ga 'r coinneachadh mar chrois 
'an 80 's an sud. Thugadh a steach an t-Achd 's a' bhliadhna 1711,. 
agus thàinig e gu bhi air a chur 'an cleachdadh air an ath bhhadhna. 
Ach mu *n do ràinig dad sam bith de thoradh an saothrach air na 
daoinibh cuìlbheartach a thug a steach e, bhuail am bàs air a' bhan- 
righ, agus chaochail i air a' eheiid là de cheud mhios an fhoghair 
1714, anns an leth-cheudamh bliadhna de 'h-aots, agus an dara 
bliadhna deag de 'rioghachadh. 



CAIB. XL. 

TEAGHLACH BHRUNSUIO. — SEOSAS I. 

Bha 'b^^an-phrionnsa, Sophia, air bàsachaflh goirid roimh bhan- 
righ Anna, agus mar sin thàinig a mac bu shine, Elector Hano- 
bhaìr, gu rìgh-ohaithir Shasuinn, fo'n tiodal, Seòrus I. Bu Sheum- 
asaich au lachd-dreuchd a bh' aig' a' bhan-righ a dh' fhalbh; agns 
chaidh iad gu mòr 'n am boil an uair a dh'fhairich iad a crìoch a* 
dlùthachadh, agiis na beachdan a bh* ac' air son ath-aiseag Sheumais 
00 fad o thìghinn gu crnth. Ach cha robh dol a nnll uo uall ann ach 
.Seòras èigViench 'na rìgh. Thàinig e air tìr 'an Luuuinn sea seachd- 
uinean 'an dòigh bàis na ban-righ. Bha e ceithir deug *s dà 
fhilchead bliadhn' a dh' aois. Thàinig gach Senraasach 'us Uilleam- 
ach a dh' yi'''oaohadh ùmhlachd dha, 's a' ghabhail ris mar an 
rìgh. Ach cha tug e gnùis idir do na Seumasaìch. Feudaidh gur 
h-ann air corahairle na dream a bha 'n an aghaidh sin a ghnàth ach 
se e fèin co fuarraidh riu sud aig an robh riaghladh ghnothuichean 
fo bhan-righ Anna. Ach tlia iomadh fear eachdraidh ga choir- 
eachadh air s(Jn nach do lean e dòigh rìgh Uilleim — taobh rèidh a 
churaail ris gach buidhcann fa feth, 's na'm biodh e air sin a dhean- 
arah nach biodh toiscach a rìoghachaidh co stoirmeil '.s a bha e. 
Dh'fhuadaich e aìr falbh gach fear dreuchd a bh' aig Anna, 's 
chuir e 'Chuigse 'n an àite. Theich a' chuid bu lionmhoire 
dhiubh sud gu tìr-mor, far an robh Seumas fèiu. Thugadh nath- 
an tiodalan 's an oighreachdan, 's chuireadh neach no dithis de 'n 
fheadhaiun a b* f hollaisich a bh' air taobh Sheumais do Thùr 
Lunuinn. 

2. Bha larla Mhàrr 'na Rùn-chlèireach na Slàìt aig ban-righ 



SEORAS I. 349" 

Anna, 's bha e *n dùil gn'm baanaicheadh an rìgh ùr *s an dreuehd 
sin e. Chuir e litir thagraidh a steach as a leth fein, 's a leth cuid 
file de na cinn fhcadhna Ghàelach; ach cha ghabhadh an rìgh a 
litir, *s thug e dhreuchd o 'n larla. Ghabh Màrr tàmailt mhòr. 
Dh' fhan e 'n Luuninn air a* bhliadhna sin; ach uiu dheireadh an 
t-samhraidh, 1715, ghoid e nall do Alba gu folchuidh, — cbuir e 
fios feadh Shiurrachd Fiof' a dh' ìnnseadh ciod a bha roimhe 
dheanamh, 's chuir e Gos gu 'chuid tuatha fein iad a choinneachadh 
air là àraidh 'au àit èigin air son a dhol a shealg. An uair a 
chrninnich na fir cha b' e sealg fhiadh no ruadh bhoc a mhol an 
t-Iarla dhoibh, ach iad a dh'èiridh 'an aghaidh rìgh Feòras, agus 
Seumas Stiùbhart a chur air caithir Bhreatuinn. Cha mhò na trì 
ceud fear a bha làthair air a' cheud choinneimh ; ach cha b' fhada 
gos an do choinnich iad a rls. Air an t-seathamh là de mhìos raeadh- 
onach an fhoghair chuir larla Mhàrr bratach ri craun *an ainm 
an Stiùbhartaich, ann am Baile Chaisteil 'am Bràigh-mhàrr, agus 
dh' èigh iad 'an sin e fo'n tiodal, Seumas YIII. Alba, agua Seumas 
III. Shasuinn agus Eirinn. 'An iiine ghoirid bha deich niìle 
saìghdear cruinn aig larla Mhàrr gu cogadh air taobh Slieumais. 
Bha fios aig na h-uile gu'u robh comh-sgrìobhadh eadar Màrr agus 
Bolingbroc a theich do'n Fhraing, far an robh Seumas air chuairt. 
Bha dùil aig a' mhuinntir a dh' èirich gn 'n robh gealltannas cinnt- 
each ac' air còmhnadh dhaoiu' 'us armachd as au Fhraing. Bha 
Luthais XIV. air gealltainn do Sheumas IL aig àm a bhàis gu 'a 
caidicheadh e 'mhac ga rioghachd a shìnnsir fhaotainn air ais. 
Agus thug e oldhirp no dhà air sin a dheanamh. Ach bha Lnth- 
ais air bàsachadh beagan sheachduinean roimhe so, agus Diìlc 
Orlcana air tighinn gu bhi 'na Thàinistear air an rioghachd. Cha 
robh dàimh sam bith aig an fhear so ris na Stiùbhartaich, agus riha 
e air son rèit' a chumail ri rìgh Shasuinn. Cha robh nì follaiseach 
•' tachoìrt 's an dùthaich nach innseadh e do larla Stàir, fear-ionaid 
Sheòrais aig cùirt na Frainge. Ach bha larla Mhàrr a* toirt air 
gach Gall 'as Gàel a bha ga leantuinn a chreidsiun gur li-ann a 



350 KACHDRArDH NA H-ALBA 

bha Orleans anabarracli fàbharrach do aobhar Sheumais, 's ciod ris 
iiach feudadh sùil a bhi ac' fhaotainn uaithe. Leis a' bhrèig thug 
Màrr orr' èiridh uile, 's leis a' bhrèig bha e 'cumail suas am mis- 
neachd an dèigh èiridh, co fad 's a b' urrainn e. 

3. Bha Diùc Earra-Ghàeil ro fhad 'an aghaidh teaghlach nan 
Stiùbhartach, 's cha b' ioghnadh e. Theireadh iad lain Ruadh nan 
Cath ri Diùc Earra-Ghàeil an là ud. B' esan àrd Sheanalair ainu 
an rìgh 'an Alba. Chaidh e 'n coinneamh larla Mhàrr gus a chum- 
m\ air ais o dhol gu deas, mar bha e cuivroimhe. Cha robh aìg 
Diùc Earra-Ghàeil ach mu leth uiread de armailt 's a bh' aig an 
larla. Thàinig an dà fheachd 'am fradharc a chèil' air an dara li 
deug de cheud mhios a' gheamhraidh. Chaidh iad a chath air an 
treas deug a bu là sàbaid, aig àite faisg air Dunblathain ris an abrar 
Sliabh an t-Siorraimh. Bhuadhaich gach taobh de 'n luchd catha so 
air an làimh dheis, agus mar sin chaill gach taobh air an làimh chli. 
Thagair gach taobh gun do choisinn iad an là. Ach ghleidh an 
Diùc an làthrach. Thuit eadar seachd 'us ochd ceud de dhaoin' 
larla Mhàrr 'am blàr Sliabh an t-Siorrairah, agus chaill an Diùc 
eadar cuig 'us sea ceud, ach ghleidh e 'bhuaidh làthraeh. Theich 
an t-Iarl', an oidhche an deigh a' bhlàir, air falbh gu ruig Peirt, a' 
fàgail a dhaoine leònta 's na mairbh, 's mòran de threallaich chog- 
aidh, fo mheacliainn an nàmhaid. Bhris an aon bhlàr ud cumh- 
achd 'us misneachd nan Seuraasach gu h-iomlan, 's thòisich iad a' 
sgaoileadh o chèile gu tuath 'us deas. Bha larla Mhàrr roimhe 
sud air sea ceud deug fear, fo stiùireadh Mhic an Tòisich, aiseag 
a nuU gu Beruic air los na ceannaircich a bha 'g èiridli an ceann 
deas Alba a chuideachadh. Bha àireamh dhiubh sin, air gach taobh 
de 'n chrìch Shasunnaich, air èiridh fo threòrachadh larla Deruent- 
U^ter, agus Mr Foster. Bha rud maith feachd acasan 'n uair a chuir 
Mac an Tòisich a dhaoìne fèin còmhladh riu. Ach air an dearbh là 
an do chuireadh blàr Sliabh an t-Siorraimh, ghlac Seanalair Uilis le 
arm an rìgh, na ceannaircich ann am baile ris an abrar Preston, 'an 
taobh tuath Shasuinn. Chuireadh mòran diubh gu bàs air son an 



SEORAS I. 351 

ceannairc, 's chaireadh mìle dhiubh mar thràìllibh do na b-Innsibh 
's iar. Chaidh Deruentuater a chrochadh. Theich Mac an Tòisich 
a priosun do 'n Fhraing. Fhuair an Cebhalier de St. George, a 
luchd-leanmhuinn, araon *an Alba *s an Sasunn, air an lagachadh 
's air am meatachadh 'n uair thàinig e fèin air tìr 'an Ceann Phàd- 
ruig air an dara là fichead de mhios meadhonach a' gheamhraidh. 
Bha larla Mhàrr an dèìgh fios a cbur thuige 'n uair a bha na mìl- 
tean a ruith gu 'bhrataich. Ach leis gach moiU' a chuireadh air a' 
phrionns' a thaobh Tàinistear na Fraing' a bhi 'na nàmhaid dha, 
cha deachaidh aig air tighinn gus an robh gach nì air a chall. Co 
dhiù thug larla Mhàrr mu'n cuairt gu Peirt e, far an robh beagaa 
feachd aige fathast ga 'n cumail ri cheile. Chuireadh là air leth 
air son a chrùnaidh. Ach mar a bha 'n là a' dlùthachadh, bha 'n 
gnothuch a* dol ni bu mhi choslaich. Thainig Diiìc Earra-Ghàeil 
co teann air a' Phrionns' 's a luchd-Ieanrahuinn, 's gu 'm b' èigia 
doibh Peirt fhùgail air an deicheamh là fichead de mhios deireann- 
ich a' gheamhraidh, agus 'an ceann là no dhà an dèigh sin chaidh 
e fein 's larla Mhàrr air bòrd soithich 'am Munròis anns an do theich 
iad do'n Fhraing. Sgap na saighdearan o cheil' air feadh na dùth- 
cha, 's mar sin chriochnaich a' cheannairc. 

4. Bha ceann-cinnidh Chloinn Choinnich, a bha roimhe sud air 
'àrdachadh gu bhi 'na larla Shi-phort, a measg nàn ceannairc- 
each air Sliabh an t-Siorraimh. 'An dèigh a' bhlàir sin ghreas e 
do'n taobh tuath, gus a chuid fearainn a dhlonadh o larla Cha- 
taoibh, a bh' air taobh an rìgh. Gheall e fèin 's feadhainn eil' a 
theich as a' bhlàr, striochdadh do'n rìgh, 's fhuair iad maitheanas. 
Ach an uair a ràinig Mac Coinnich Leòdhas, thog e na Leòdhas- 

LÌch *an aobhara' Phrionnsa. Chuireadh feachd 'na aghaidh mu'n 
d' fhuair e 'n òrdugh , 's theich c do 'n Fhràing, 's d sin do 'n 
Spàinn. Anns a' bhliadhna 1719 chuir Càrdinal Alberòni, 
prìomh mhinistear righ na Spàinne, roimh' an oidhirp a thoirt 

ir Seumas a chur air caithir Blireatuinn. Fhuair am Prionnsa 
liadhficliadh do Mhadrid, ccanna bhaile na Spàinne, far an do 



352 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

ghabbadh ris le mòralachd rioghail. Chuireadh càbhlach dheich 
luiageas cogaidh air dòigh, airns aa do chuireadh sea mile saighd- 
ear, agus armachd air son d^ mhile dheug eile. Ach chog na 
reulta fèin, o' n slighibh àrd' 'an aghaidh Sheumais Stiùbhairt,. 
mar an aghaidh Shisera. An dèigh do 'n chàbhlach àìte ris an 
abrarCape Finisterre,* air oirthir na Spàinn, a ruigsinn, shèid 
stoirm eagalach ghaoithe 'n an aghaidh a lean dà là, 's a dh'fhuad- 
aich air an ais iad, air an cur as òrdugh co mòr 's nach gabhadh iad 
cuan tuiUeadh. Bha Mac Coinnich air bòrd tè dhiubh sud; 
agus sheas a long-san 'us tè eile ris a' ghaillinn, 's ghabh iad air 
agbart gus an do ràinig iad Leòdhas. Cha robh ach tri ceud fear 
feachd 's an dà luing. Thog Mac Coinnich na Leòdhasaich, 
'sdh'fhalbh e gu tir-mòr gus na Tàilich 's a luchd-leanrahuinn 
Mòr-thireach eil' a thogail 'an aobhar a' Chebhalier. Thruis e rud 
maith dhaoin', ach thàinig Seanalair Uightman air gu grad 4 
Inbhernis le arm an rìgh, agus Gàeil eil' a bha dileas da. Fhuair 
iad Mac Coinnich a dionadh bealaich chumhaing ris an abrar, 
Srathchells, faisg air Gleann Seile. Dh' oidhirpich an Seanalair air 
Mac Coinnich fhuadachadh air falbh, ach cha deachaidh sìn leis. 
B' èigin da falbh, a' fàgail àireamh de 'chuid dhaoine leònta 'us 
marbh far an robh iad. Cha do mharbhadh ach aon duin' air 
taobh Chloinn Choinnich, ach leònadh Mac Coinnich fèia, 's cha 
b' urrainn e seasamh air an ceann ni b' fhaide. Chaidh e fèin 
'sditìiis no thriùir eil' air bòrd luinge 's theich iad do 'n Fliraing. 
Sgap a chuid dhaoine feadh na dùthcha. 'N uair a fhuair na 
Spàinnich iad fèin air an trèigsinn, leig iad sios an armachd, 
'sthug iad suas iad fèin mar phriosunaich. Mar so chuireadh aa 
an t-sradag. 

5. 'Sa' bhliadhna 1724 chuir a' Phàrlamaid Bhreatunnach ds 
air Alba ris an abrar Braich chis. Bha leann saor 'gu leòr ac* 'an 
Alba gu sin, agus rinn cuid de 'n t-sluagh 's na bailtibh tuasaid 

* Rudha Ceaim-tìre, 



SEORAS I. 353 

'na aghaidh, ged nach robh ann ach trì sgiUinn air a bharaile 
leanna. Dh' èiricli mòran de chorra-mhargaidh Ghlascho *an 
ceannairc air son na cis ud, 's chuireadh rdisimeid ga 'n ceannsach- 
adh. Loisg iad siu air an t-sluagh, 's chaidh cuid dhiubh a mhar- 
bhadh. Ach *s ann a rinn sin ni bu ro ghuinich' am math-shluagh ; 
mar bheachain thionndaidh iad air na saighdearaibh 's dh' fhuad- 
aich iad gu Caisteal Dhunbartoin iad. Bhris 'us chreach na ceann- 
aircich so, mar an ceudua, tigh còmhnuidh Mhr Caimbeil, Ball Pàr- 
lamaid air son Ghlascho, a chionn gu'n d' aontaich e ris a' chìs 
ud a leagadh air braich. Ach chuireadh armailt bu treise do 
Ghlascho a thug na ceannaircich ud gu strìochdadh ; 's chaidh an 
gnothuch fa làr leis a' chaiptin a bh' air a' cheud bhuidhinn a 
thoirt gu mòd, agus e bhi air a dhìteadh gu bàs air son losgaidh 
air an t-sluagh. Ach thug an righ maitheanas dha, agus dreuchd 
a b' àirde. 

6. Cha do thachair ni àraidh tuilleadh 'an Alba ri linn Sheòrais 
I. ach an t-ìighdarras a bh' air a thoirt do Sheanalair Uaid air son 
na Gàeii a dhi-armadh. Bha cuid diubh sin, clann Choinnich gu 
L-àraidh, a* seasamh a mach an aghaidh a' BhàilHdh a chuir an 
righ os aa ceann, agus a* toirt màil an fhearainn do* BhàiUidh a 
roghnuich iad fèin, agus a bha ga chur gu poncail thun an larla 
gu tir-mòr na h-Eòrpa far an robh e 'na fhògarrach. Ghiùlain 
luchd dreuchd an righ greiseag le sin, ach chuir iad a nis rompa 
stad a chur air a' mhi-riaghailt ud, gus an èignicheadh iad tuath- 
cheathaim gach uile Cheannaircich o 'n tugadh a chuid fearainn, 
mar thugadh o larla Shi-Phort, am màl iocadh do Bhàillidh an 
rigL B' èigin air son sin, an cuid armachd a thoirt uatha. Thug 
iad seachad armachd air chor-eigin gun mhòran connspoid. Ach 
thagadh fainear gu'm b' armachd anns nach robh feum a chuid bu 
mhò dhi ; gun teagamh ghl(^idh cuid diubh folchusan maith, gun 
ios ciod a dh' fheudadh tighinn. Rinneadh ratliaidean mòr' 'aa 
uKihladh àitibh de *n Ghàeltachd mu 'n àm so air son goireis an 
airm, ach thàinig iad gu bhi ro ghoireasach do shluagh na dìithcha. 



354 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

Bha, mar an ceudna, ua sgoilean a thug Ard-Sheanadh na h-eag- 
lais ma 'n airidh a bhi air an cur suas feadh na Gàeltachd an dèigh 
na Righchuairt, a nis air tighinn gu bhi feumail do cheàrnaibh fa 
leth de 'u dhthaich. Bha 'n Comunn a bh' air son Eòlais Criosdail 
a sgaoileadh air feadh Gàeltachd 'us Eileanaibh na h-Alba, gniomh- 
ach a' cur a mach mhaighstirean-sgoile. Ach bha iad gu h-amaid- 
each a' cumail nan sgoilean ro Ghallda. Bha iad a' feuchainn ri 
cainnt na dùthcha 'churaail fodha gu buileach, agus eòlas a phàirt- 
eachadh ris an òigridh 'an cainnt nach tuigeadh iad, Leis an 
riaghladh gheàrr-sheallach so cha robh na sgoilean an deicheamh 
cuid co feumail no co measail 's a dh' f heudadh iad a bhi. Ach 
fhuair a mheud 's a lean rè ìiine mhòir air am frithealadh maith 
dhiubh. Rinn an Comunn ceudna mòr fheum do 'n Ghàeltachd le 
iad a dh' eadar-theangachadh nan Sgriobtuirean gu cànain na 
dhthcha. Bha nithe a' dol air an aghart, mar so, gu cuibheasach 
sìochail, gu àm bàis an rìgh a thachair air an aona là deug de mhìos 
meadhonach an t-samhraidh, 1727, anns an ochdamh bliadhna 
thar an trì fìchead de 'aois. Bha e air thurus 's a' Ghearmailt aig an 
àm, agus dh' adhlaiceadh e 'an uaigh 'aithrichean. 



CAIB. XLI. 



SEORAS n. 



Thainig Seòras II. gu àit 'athar air righ-chaithir Bhreatuinn 
anns a' cheathramh bliadhna 's dà fhichead de 'aois. Bha Sasunn 
beagan ùine roimhe so 'an cunnart mòr gu 'm briseadh gach Banc, 
''us ceannuiche, 's duine mòr eil' a bh' ann, le innleachdaibh seòlt' a. 



SEoRàS II. 355 

rinn daoine sanntacli gu saibhreas fliaotaìnn le cabhaig. Tha e 
air àireamh gii'n robh ceud de na h-inaleachdan sin ann; agus 
chaidh mòran mhuilleannan airgid a chruinneachadh gus an oib- 
reachadh. Bha iad uile mar ghucaig 'an cobhar an uisg/ a* bris- 
eadh 'n uair bu mhò shaoileadh duiu* a bhitheadh iad. Ach b' e 'a 
t-aon a b' ainraeile 's bu mhò rinn a chall diubh, sin ris an abrar 
Innleachd a* Chuain a Deas.* Bha fortan mòr air a ghealltuinn 
do luchd-pàirt na gucaig mòire so 'an tiine ghoirid an dèigh tòis- 
eachadh. Dh' èirich pris nau earrannan gu deich uiread am 
prìorah luach. Thrus luchd-riaghlaidh a' ghnothuich suim ro mhòr 
airgid doibh fèin 's do 'n càirdibh. 'N uair a bhris a' ghucag 's a 
chunuaic an sluagh mar bha iad air am mealladh leis an luchd- 
reubainn ud, 'sbeag nach deachaidh an rioghachd thar a chèile. 
'S e rìinaich hichd comhairr an righ *na leithid de chàs, cunntair 
comharraichte do'm b'ainm RaibeartUalpol a dheanamli'na Kiagh- 
lair na Cist-ionmhais, agus cumhachd a thoirt dha 'n rian a thog- 
radh e ghabhail air sou creideis na rioghachd ath-aiseag. Chaidh 
aig Ualpol air sin a dheanamh 'an ùine ghoirid, agus anns a bhi 
ga dhcanamh thug e o ua mealltairibh ud a h-uile sion a bh' aca 
de 'n t-saoghal. Ged a thachair so uil' 'an Sasunn thàinig Alba gu 
bhi 'fulang air a lorg, a chionn gu'n deachaidh cis ni bu truim' a 
leagadh air gach gnè bathair a blia tighinn do'n rioghachd, no aìr 
a dheanamh innte. Chuireadh cis ni bu truim' air nithibh air an 
robh i roimhe, 's chuireadh i air caochladh nithibh air nach robh 
i idir. Thug truimcad na cis' air iomadh fear, araon a tuath 's a 
deas, tòiseachadh air toirt a stcach 'us reiceadh dibh 'us bathair 
gun chls idir iocadh. Theirear gu Gallda smugalairean riu so. 
Bha mòran de'n ghnè malairt so a' dol air aghart air oirthir Sior- 
rachd Fiofa. Ghlac muinntir an tigh Chusbainn am bathar fol- 
rlmiflh ud air dithisd'am b'ainm Uilson 'us Ilobeston, 'sthugiad 
uath' c. Gu dioghaltas a dheanamh air a shon so, fhuair na h-òl- 

• South-Sea Fchemo. 



356 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

aich ud buidheann a chaidh còmhladh riu feadh na h-oidhche gu 
tigh fir-tionail na cushainn 'an Circaldi gus a chreachadh. An 
uair a dh'fhairich am fear-tionail a bheath' 'an cunnart, theich e 
mach air uinneig, 'sdh'innis e do ^bhuidhinn shaighdearan a bha. 
's a' bhaile ciod a bha dol air aghart. Thàrr an luchd reubainn. 
as le dà cheud Punnd Sasunnach mu*n do ràinig na saighdearan. 
Ach chuireadh air an tòir 's rugadh orra 's a' bhraide 'na'n. 
làmhaibh. Thugadh gu mòd iad, 's chaidh an dìteadh gu bàs. 
Bha so 'an toiseach na bliadhna 1706. Bha na nithe a dh'ainm- 
icheadh a cheana fo'n cheann so ag oibreachadh le chèil' air son 
a bhi 'toirt mu'n cuairt a leithid so de staid. Ach feumaidh sinn 
an luchd reubainn fhàgail 's a' phrìosun fo bhinn bàis, agus ni- 
eigin eil' aithris a thachair roimhe sud. 

2. Dh'aithriseadh a cheana 's an eachdraidh so gu'n do chuir- 
eadh cuing na Pàtronachd air ais air eaglais na h-Alba ri linn ban- 
righ Anna, Chaidh aithris, mar an ceudna, gu'n d' fhàgadh àir- 
eamh mòr de na curates a stigh 's an eaglais an dèigh na Rìgh- 
chuairt. Mhol rìgh Uilleam do 'n eaglais gihlan leo sud a bha 
neo-dhioghaltach rè na geur-leanmhuinn. Chaidh mu thrì ceud 
diubh fliògradh air falbh o 'n sgìreachdaibh leis an t-sluagh. Ach 
'n uair a chuimhnichear gu'n robh còrr 'us ceithir cheud sgìreachd 
'an Alba, 's gu*n robh iad uile gu ìre bhig air an lionadh le curatm 
rè na geur-leanmhuinn, feudar a thuigsinn gu'n d' fhàgadh tuill* 
eadh 's a' chòir dliiubh 'na 'n àitibh 'n uair a thàinig an t-saorsa. 
Ged a ghdill iad ud uile do theagasgaibh 's do oideas eaglais na 
h-Alba, air sgàth am beòlaind 's an àite, gidheadh bha iad 'na 'n 
nàdur 's 'na 'n gnàths mar bha iad roimhe ; cluicheach, neo-chùr- 
amach, 'n an companaich aig daoinibh faoine. Tha na h-uile fear- 
eachdraidh is fiach creideas a' deanamh a mach gu soilleir, gur 
h-ann eadar na curates agus a' Phàtronachd a thàinig eaglais na 
h-Alba gu bhi air a cumadh air sheòl 's gun d' fhàs i mod^rate* 

* Tha *m fooal Moderate gu litireil a' ciallachadh measarra no stuaim, 
agus mar ein is deadh ainm e. Ach cha 'n eil aon f hocal 's a' Ghàelic a 



SEORAS IL 357 

'san ochdamh linn deug, ris an abrar linn dhorch* eaglais na 
h-Alba. Bha e mar aon argumaid aig na daoinibh mòr' a bha 
na *n luchd dreuchd aig righ Uilleam, gu'm biodh daoin' earbsach 
air an cur 'an àite nan curates, mar a bhiodh iad a* bàsachadh 
's nach bitheadh iad 'na 'n call do 'n eaglais ach rè am beatha 
fèin. Ach bha na daoine dearbhta, dìleas, a sheas ri teas 
an là a' bàsachadh mar a bha na curates. Agus bha iad so 
mu dheireadh, a rèir na h-uile coslais, anns a' cheud dol a 
mach, ro eudmhor anns a bhi 'toirt air daoine mòra na sg\r- 
^achdan a lìonadh le 'n leithidibh fèin, an dèigh do'n Phàt- 
ronachd tighinn a steach. Rè fhichead bliadhn' an dèigh do 'n 
chuing so a bhi air a cur air an eaglais, leanadh air ministeirean 
a roghauchadh mar roimhè sin, a chionn gu'n robh na maithean 
aig an robh Pàtrouachd 'na 'n làmhaibh a' faicinn gu'n robh ana- 
ceartas ann, 's gu 'n robh inntinnean an t-sluaigh gu mòr an agh- 
-aidh iad a bhi 'cleachdadh a' chumhachd a thug an lagh dhoibh. 
Ach lion cuid 'us cuid thàinig na daoine mòr' ud gu bhi 'cleachd- 
adh 'an cumhachd, agus a' dol ni b' eudmhoire mu ni ris an abradh 
iad an còir laghail, agus a' sealltuinn sios air gairm a' choimh- 
thionail. A rèir lagh na Pàtronachd, bha e gu h-iomlan 'an làmh- 
aibh na Clèire, gairm o choimhthional a sheasamh, no gun a seas- 
amh, a rèir an àireamh ainmean a bhiodh rithe, a bhi tearc no 
lionmhor. Bha na curates a ghnàth air son na h-uile fear a fhuair 
presentatioìi a bhi air a shuidheachadh, co dhiù a bha tearc no 
iomadh ga ghairm. Agus chì uile luchd leugliaidh eachdraidh 
eaglaisich gur h-ann a* dol ni b' ain-tighearnail a bha cùirtean 
na h-eaglais a h-uile bliadhn' anns a bhi 'suidheachadh mhinisteir- 
ean nach robh ach ro thearc de 'n t-sluagh air son a ghabhail. 
Anns a* bhliadhna 1733 'chuir tearc de mhinisteirean 'an taobh 
'sear Alb' an aghaidh làmh a' bhi ac' 'an suidheachadh ministeir 
nach robh an sluagh air son a ghabhail. Thug cìiirtean na h-eag- 

tha giùlao làn chiall an fhocail Moderate 'na flheadh eaglaiseach, agus xnar 
aia cha 'n oidhirpich ftian air eadartheangachadh idir. 



358 lACHDRAroH NA H-ALBA 

lais achmhasan doibh air son an ni ris an abradh iad fèìn eas-ùmh- 
lachd. Agus an dèigh do na ministeirean ud diùltadh as 'us as 
gnothuch a bhi aca ri leithid de sheirbhis, chuireadh 'na'n tosd 
iad car ùine. Ach cha ghabhadh iad cur 'na'n tosd. Lean iad 
air dleasdanaìs an dreuchd a fhrithealadh gu duineil, agus air an 
t-seathamh là deug de cheud mhios a' gheamhraidh, sgar siad iad 
fèin gu sòluimt' o chomunn eaglais na h-Alba mar a bha i nis air 
a riaghladh, 's thog iad an cùis a dh' ionnsuidh a' cheud Ard- 
sheanaidh dhileis agus ath-leasachaidh a bhiodh 's an eaglais sin. 
B' e so an ceud bhriseadh a thàinig air eaglais na rioghachd. Cha 
robh ann ach ceathrar mhinisteirean — MrEbenèser Erscin, Uilson, 
Moncreif, agus Fisher. Ach lean àireamh maith sluaigh riu. Rinn 
an dealachadh ris an eaglais mòran fuaim feadh na rioghachd- 
Fhad 's a dh' fhuirich iad gun aonadh ri buidheann sam bith eile, 
theirteadh na seann Sesèders riu. 

3. Dh'fhàg sinn an luchd reubainn, Uilson 'us Exjbeston, ann 
am prìosun Dhuneidin, fo bhinn bàis. Bha e 'na chleachdadh an 
uair .sin a bhi toirt phriosunach fo bhinn bàis do'n eaglais a 
dh' èisdeachd searmoin au t-sàbaid mu 'm biodh iad air an croch- 
adh. Thugadh an t-sochair sin do 'n dithis so. Bha dithis 
shaighdearan a' gleidheadh gach fir dhiubh. Bha Uilson 'na 
dhuine ro chalma. An uair a bha'n t-seirbhis gu bhi crioch- 
Daichte, thuirt e ri Robeston e ga thoirt fèin as. Biun e grèim le 
*fhiaclaibh air aon de na saighdearan a bha ga ghleidheadh, 
*8 chum e fear anns gajch làimh de'n dithis a bha ga ghleidheadh. 
fèin. Chrath Robeston e fèin saor o'n fhear a bha ga chumail, 
*sthug e chasan leis, gun duine *cur làimh ann, 'sdh'fhàgadh 
Uilson 'na aonar air son a chrochaidh. Bha comhfhulanga^ 'us 
truas aig math-shluagh Dhuneidin ris air son a' ghniomh euchdail 
a rinn e, ann an cur fa sgaoil a chompanaich, agus bha eagal air 
an luchd riaghlaidh gu'n tugadh iad oidhirp air a chur fa sgaoil 
ìh a' chrochaidh. Agus gu sin a bhacadh bha dream shaighd- 
earan a làthair, a thuiUeadh air geàrd a* bhaile. Rinneadh an 



SEORAS II. 359 

crochadh air a' cheathrarah là deug de mhìos deireannach an ear- 
raich, 1736, agus cha do ghluais am math-shluagh gus an robh 
an corp ga thoirt a nuas. Thòisich iad an sin air sgeig 'us fanoid 
air a' chrochadair 's air na saighdcaraibh, 's air tilgeadh chlach 
orra. Thug Caiptin Pòrteus a bh' air cheann geard a' bhaile 
òrdugh losgaidh air a' mhath-shluagh. Chuir so am bànaidh buil- 
each orra, *s b' èigin losgadh a ris 's a ris orra. Chaidh cuid a 
mharbhadh 'scuid a leònadh dhiubh; thugadh Caiptiu Pòrteus gu 
mòd, 's chaidh binn a bhàis a thoirt a mach air son an òrduigh a 
thug e, agus shònruicheadh an là anns am biodh e air a chroch- 
adh. Ach thàinig òrdugh a nuas à Lunuinn dàil a chur 'na 
chrochadh, agus bha ullachadh ga dheanamh air son làn mhaith- 
eanas a tharruiug a mach dha. An uair a thuig math-shluagh. 
Dhuneidin gu 'n robh Pòrteus gu dhol as, mar chaidh Caiptin 
Buiseil, chruinnich.àireamh mòr dhiubh air oidhch' an t-seachd- 
amh là deug de mhìos meadhonach an fhoghair, 's dhi-armaich 
iad luchd freiceadain nan geatachan, 's ghabh iad air aghart gus 
an do ràinig iad am priosun 's an robh Pòrteus 'na chiomach; 
bhris iad na dorsan, 's thug iad a mach e, 's chroch iad e air crann 
tiormachaidh dathadair. 'N uair a bha Pòrteus marbh phill iad 
gu'n àitibh fèin gu siochail. Ghabh luchd-dreuchd an righ ana- 
barr feirg' air son na tuasaid ud, 's dh' oidhirpich iad Reachd 
fhaotainn tre 'n Phàrlamaid leis an deantadh peanas mòr air baile 
Dhuneidin, 's air luchd-dreuchd a' bhaile. Chuir Buill Albannach 
na Pàrlamaid an aghaidh sin 'sb' digin a leigeadh seachad. Ach 
fhuair iad Achd eil' air a dhaingncachadh leis ani b' digin do 
Bhuneidin dà mhile Punnd Sasunnach a phàigheadh do bhantraich 
Giaiptin Pòrteus. 

4. 'S e ni bu ro iongantaich a bha timchioll air Tuasaid 
Phòrteuis,nach d'fliuaradh uiread is aon duine riamh a mach dheth 
na bha 's a' chnap an oidhch' ud, ged a bha àireamh cheudan 
sluaigh ann, 'sged a leanadh àireamh bhhadhnachan air rannsach^ 
adh air an son. Bha aon phonc de 'n Achd Pàrlamaid a dh' ainm- 



360 KACHDRAIDH NA H-ALBA 

iclieadh leis an robh air a dhaingneachadh gu 'm feumadh minis- 
teirean na h-eaglais Albannaich a bhi uair 's a' mhios gu ceann 
bliadhna, a' leughadh paipeir o'n chiibaid, a' gairm air a' choimh- 
thional an uile dhichioll a dheanamh gu mortairean Chaiptin 
Pòrteus fhaotainn a mach. Thug so mòr oìlbheum araon do 
mhinisteiribh 's do phobull na h-eaglais. Bha iad a* sealltuinn air 
mar a' toirt gntiis do'n teagasg Erastaich, gu 'bheil an t^uachdaran 
siobhalt' os ceann na h-eaglais 'an nithibh spioradail co maith is 
aimsireil. Bha connsachadh mòr eadar a' mhuinntir a thug ùmh- 
lachd do *n Achd so, agus a' mhuinntir nach tug. Bha e ga 'n 
deanamh ni bu ro eudmhoire thairis air a chèile gu 'n robh bris- 
eadh air tighinn air r.a eaglais o cheann ghoirid, 's gu'n robh an 
fheadhainn a dh' fhàg an eaglais a' tomhadh am meòir ri sud mar 
aon ni a bha 'dearbhadh ga'n robh 'n eaglais air dhroch riaghladh, 
agus air a tionndadh gu feum coitchionn. 

5. Lean Sir Raibeart Ualpol air a bhi 'na phriomh mhinistear 
crtiin Shasuinn o'n bhliadhna 1720, gus a' bhliadhna 1741. B'e 
aig an àm cheudna, ceud Mhorair na Cist-ionmhais. Bha e 'na 
dhuine glò chomasach, ach bha e anabarrach truailHdh 's an t-seadh 
a bheil na Sasunnaich a' co-chur an f hocail sin riu-san a tha gnàth- 
achadh an cumhachd le bhi gabhail 's a toirt bhribean. Cha robh 
rìoghachd Bhreatuinn 's an àm ud a cosd ach mu ochd muiUeanan 
's a' bhliadhn' eadar shaighdearaibh mara 's tire, 's luchd dreuchd. 
B' e sin an cosdas cuibheasach. Bhiodh e air uairibh ni bu mhò 
's ni bu lugha na sin. 'N uair a bhiodh am priomh mhinistear, 
no 'm Priomhair, mar their sinn ris tuilleadh, a' toirt do 'n Phàr- 
lamaid, an ceann gach bliadhna, cunntas air na fhuair e, 's air na 
phàigh e de airgiod, bhiodh àireamh mòr mhiltean 's a' chunntas, 
a phàigheadh air son seirbhis uaignich. Cha bu dàna le aon sam 
bith de bhuiU na Pàrlamaid a dhol a cheasnachadh a' Phriomhair 
mu'n dòigh 's an robh 'n t-airgiod air a roinn. Cha robh freagradh 
ri 'fhaotaìnn ach gu'n do phàigheadh e air son seirbhis uaignich. 
Bha Ualpol a' toirt roinn mhaith de 'n airgiod so do luchd-sgriobh- 



SBORAS n. 361 

aidh phaipeirean BaigKeacbd *us ìeabhraichean, a bha 'moladh a' 
Phrìomhair air son co dileas ag is fad-sheallach 's a bha e 'na 
mhodh riaghlaidh air an rìoghach.l, agus a' cur an ceill meud nan. 
comainean fo an robh Breatunn dha air son nan iomadh subhailc 
a bha ri 'm faicinn timchioll air ann an coimhlionadh a dhreuchd 
chudthromaich ! ! Ach bha 'chuid bu mhò gu mòr de 'u airgìod ud 
air a roinn a measg BhuiU fa leth na Pàrlamaid, mar is ann riu sin 
gu h-àraidh a bha giiothuch a' Phriomhair, a chionn nach faigh- 
eadh e ni sam bith air aghart gun an aonta-san. Agus ma 's fior 
na sgeòil, bha tuilleadh 's a' chòir de 'n chreich a' tuiteam air cuid 
de na Buill Albannach. Tha iomradh air ni 's liugha na aon f hear 
dhiubh a rinn fortan 'an Lunuinn, a' frithealadh na Pàrlamaid, 'an 
àite f às bochd, mar dheanadh iad na 'm fàgtadh 'an urra ri 'n sp or- 
anaibh fèin iad. An dèigh beagan eòlais fhaotainn air dol a mach 
Tigh nan Uaislean, cha bhiodh aig fear de na BuiU ùr ud a thàinig 
a nios o cheann ghoirid ach seasamh suas, agus innseadh gu'n robh 
esan a' dol a dheanamh motion, air là àraidh nach robh fad as, 
gu'm feumtadh sealltuinn ri leithid sud no leithid so de ghnoth- 
nch air nach tug am Priomhair cunutas cothromach sam bith. 
Ach air maduinn àraidh, 'an àm èiridh, mu'n tàinig là mhotion, 
gheibheadh e air bòrd a sheòmair poca beag, trom, trom, air a 
lionadh le bonnaibh de mhiotailt ro luachmhoir nach feudar ainm- 
eachadh. Bha e 'faotainn ainm fèin air cluais a' phoca. Clia robh 
teagamh nach h-ann thuige fòin a bha e air a chur. Cha robh fios 
co uaithe no cia as a thàinig e. Bha 'ghlas-ghuib air a' Bhall ud 
tnilleadh gu deireadh an t-seisein. Na'n gluaiseadh e idir a 
theanga 'na cheann, 's ann air taobh a' Phriomhair. 'S ann ri so a 
theirteadh truailleadh aig an àm, agus o'n àm ud. Cha robh 
'Phàrlamaid Bhreatunnach riamh co truaillidh 's a bha i ri linn 
Ualpol. 

6, Bha e 'na nl ionmholt' ann an Sir Raibeart gu'n robh e 'dean- 
amh dichill air Breatunn a chumail o chogadh. Blia sith aig 
an tir fhad 's a lean esan air a bhi 'na Phriomhair. Ach anns a 



362 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

bhliadhna 1740 hhris cogadh a mach eadar Breatunn 's an Spàinn, 
gu mòr 'an aghaidh toil Ualpol, a hha deònach air cumhachaa 
Eith a dheanamh ris an rìoghachd ud. 'Sann air taohh nan Sas- 
unnach a hha 'choire. Bha còir ac', a rèir còrdaidh, air makirt 
feadh pàirt de America a bhuineadh do 'n Spàinn. Ach bha iad 
a' deanamh malairt 's na tiribh sin a bha 'n aghaidh lagh na 
Spàinne, 'sbha na Spàinnich a' gabhail orra 'bhi rannsachadh nan 
luingeas Shasunnach, mu 'm biodh a' cheannachd mhi-laghail ud 
annta. Chuireadh a leth nan Spàinneach gu'n d' rinn iad eucoir 
anns an rannsachadh. Thog so droch fhuil 'sna Sasunnaich^ 
"sb' èigin do Ualpol gèilleadh, agus comhairleachadh do 'n rigk 
cogadh digheach, ged a thairg a' chùirt Spà'inneach suim mhòr 
airgid a phàigheadh gu call nan Sasunnach a dheanamh suas. 
Chuireadh dà chàbhlach Shasunnach 'an uidheam, an dara aoa 
diubh air son cogaidh 'an aghaidh oirthir na Spàinn', agus an aon 
cir an aghaidh nan dùthchan Americanach a bhuineadh do 'n. 
Spàinn. Ach 's e beag soirbheachaidh a bh' aca 's a' chogadh' aa 
dà chuid air son eas-aonachd a bhi measg nan àrd oifigearan^ 
agus gu'n do bhris cogadh eil' a mach ris an Fhraing. An uair a- 
bhàsaich Tearlach VL, Impire na Gearmailt, 'sa' bhliadhna 1740, 
b' i 'nighean, Maria Teresa, ban-righ Hungari, ban-oighre na 
h-Impireachd. Ach sheas Babhària 's an Fhraing na h-aghaidh, 
agus chaidh Teàrlnch, Elector Bhabhària, a chrùnadh 'na Impire, 
le còmhnadh na Frainge. Agus a thuiUeadh air sin chaidh an 
dà rioghachd sin a chogadh rithe 'na tighearnas fèin. Thug righ 
Seòras air a' Phàrlamaid Bhreatunnaich a chreidsinn gu 'n robk 
esan 'an cunnart a rioghachd fèin, Hanobhar, a chall leis aìi 
troimhe chèil' a chuir sud feadh na Gearmailt, 's fhuair e mis- 
neachd o'n Phàrlamaid a dhol a chogadh air taobh Mharia Teresa,. 
ged nach robh buntanas sam bith aig Breatunn ris a' chòmhstri,. 
ach a mhàin farmad ris an Fhraing. Roghnuicheadh Pàrlamaid 
ùr goirid an dèigh sin, agus bha àireamh co mòr innt' 'an aghaidh. 
modh riaghlaidh Ualpol, 's gu'm b' èigin da 'dhreuchd a chur dheth. 



SEORAS n. 3Ga 

'an toiseach 1742. Ach lean e air a bhi measail, 'an sùilibh an 
righ a rinn larl' Ocsford dheth. An dèigh sin chuir a' Phhrlamaid 
Buidheann air leth gii dhol troimh chunntasan nan deich bliadhna 
mu dheireadh. Rinn a' Bhuidheann so a mach gu'n do ghabh 
Ualpol dha fèin faisg air muillean gu leth de airgiod na rioghachd. 
Fhuair Morair Carteret an t-àit' a dh' fhàg Ualpol. Bha 'n duine 
so eòlach air gnothuichibh tir-mòr na h-Eòrpa ; bha e 'misneachadh 
an rìgh gu leantuinn air a' chogadh, 's fhuair e 'Phàrlamaid gu aon- 
tachadh leis. Tre chuideachadh Shasuinn, chaidh aig Maria 
Teresa air na Frangaich 's na Gearmailtich a chumail air an ais. 
An dèigh do *n Fhrangach ceud mile duine chall 's a' chogadh 
dh' iarr e sìth. Cha tugadh a bhan-righ sin dha gus an deanadh 
i tuilleadh ìsleaehaidh air. Ann an 1743 chaiU am Frangach 
mòran sluaigh ann am blàr 's an robh rìgh Seòras fèin agus am 
Priomhair Carteret a làthair, aig baile ris an abrar Ditengen. Bha 
righ na Frainge gu mòr air a shàrachadh leis a' chogadh so, agus 
a* faicinn dian dheasboireachd na Pàrlamaid Breatunnaich, a bha 
gu mòr air a roinn, bha e 'n dùil gu'n robh Breatunn ag abachadh 
air son Righchuairt eile. Cuidichidh so sinn gus na nithe air 
an toirear iomradh 's an ath chaibdeil a thuigsinn. 



CAIB. XLII. 



BLIADHNA THEARLAICH. 



Dh'fhag sinn 'n ar dèigh an Cebhalier de St. George o'n bhliadhna 
1719, anns an do chriochnaich an oidhirp mii dheireadh a thug 
an Spàinn air 'aiseag gu caithir Bhreatuinn le blàr Ghlinn Seile, 
larla Shi-Phort a bhi air a leònadh, agus a thrì ceud Spàinneach 
a bhi air an deanamh 'n am prìosunaich. Ach feudar a' mheud 
's ris am bheil gnothuch againne de eachdraidh a bheath' o 'n uair 
sin a chur sìos 'an tearc bhriathraibh. Anns an dearbh bhliadhn' 
ud fèìn, 1719, ann an toiseach an t-samhraidh, phòs e 'bhan- 
phrionnsa, Clementlna Sobiesci, nighean do Phrionnsa Seumas Sob- 
iesci, agus ogha do lain Sobiesci, rìgh Pholand. Dh' oidhirpich 
cùirt Shasuinn bacadh a chur air a' phòsadh. Bha sìth-chòrd- 
adli eadar Sasunn 'us Austria aig an àm. Thug Impir' Austria 
gèill do aslachadh fhir-ionaid Sheòrais aig a' chùirt, a' bhan- 
phrionns' a ghlacadh 'n uair a bha i 'gabhail troimh a chrìoch- 
aibh air los pòsaidh 's an Eadailt. Ghaidh a cur an làimh maiUe 
ri 'màthair an uair a bha i dol troimh Innspruc 's an Tirol, 'an 
ceann a tuath Austria, agus a glasadh a stigh 'an tigh Mhanach 
'sa' bhaile sin. Ach tre sheòltachd culd a bha dìleas do 'n Che- 
bhalier fhuair i rian air teicheadh as a priosun, agus 'am beagan 
ùin' an dèigh sin phòs iad aun am Bologna. Rugadh mac do 'n 
Chebhalier air an là mu dheireadh de 'n bhliadhna 1720. B' e 
Teàrlach Eideard ainm a' phrionns' òig so. Rugadh an dara mac 
'dha air an t-seathamh là de mhios meadhonach an earraich 1725. 
B' e Eanruic Bonedict ainm an fhir so. Mar bu trice 's anns an 
Eadailt a bha 'n Cebhalier a' tilineachadh. Ach bha e 'triall o 



BLIADHNA THEARLAICH. 365 

chùìrt gu chirt feadh na Roinn-Eòrpa, far an cluinneadh e 'n robh 
cogadh coslach ri briseadh a mach eadar cùirt sam bith agus 
Breatunn. Ach bha de chumhachd aig cùirt rìgh Sheòrais a 
measg chìiirtean eile na Roinn-Eòrpa, nach robh e 'faotainn coth- 
rom tàmh fad 'an àite sam bith; gu'n robh e air fhuadachadh o 
thir gu tìr, ni bu choslaiche ri fògarrach, d'am b' èigin tìr a dhùch- 
ais fhàgail, na ri neach sam bith eile. Bha atharrais de chùirt aig 
a' Chebhalier 'ga leantuinu do na h-uile dùthaich d'an rachadh e. 
Mar 80 chaith e na cuig bliadhna fichead de 'bheath' air na leum 
sinn thairis. 

Ach anns a' bhliadhna 1744, air do rìgh na Fràing' a bhi 'cog- 
adh ri Breatunn, agus gu mòr air fheargachadh leis na bha e 'call 
de 'chuid 's de 'dhaoine ris a' chogadh sin, dh' aontaich e còmh- 
nadh sluaigh 'us armachd a thoirt do'n Chebhalier gu briseadh a 
steach air ceann a deas Bhreatuinn. Ged nach b' olc leis an 
Fhrangach an Cebhalier a shoirbheachadli, cha b' e sin gu h-àraidh 
a bh' aige 's an amharc, leis a' chòmhnadh so thoirt seachad, ach 
gu'n tugadh e air righ Seòras, 'n uair a gheibheadli e 'thigh a' dol 
ri theine mu 'chluasaibh, a chuid saighdearan a ghrad ghairm air 
an ais o thir-mòr na h-Eòrpa. Chuireadh càbhlach 'an uidlieam co 
folchuidh *s a ghabhadh deanamh. Chuir 'athair a nall am Prionns* 
òg, Teàrlach, as an Eadailt gu bhi faicinn cionnus a bha nithe a' 
dol air aghart, 'an toiseach ceud mhios an earraich ; thog e 'chairt- 
ealan 'an àibe ris an abrar Gravlines, fo ainm Cebhalier Dìighhis. 
Fhuaradh an càbhlach deas gu h-ath-ghoirid 's chuireadh cuig mile 
deug feachd mara 'stìr' air bòrd, 's ghabh iad thun an oirthir 
Bhreatunnaich. Ach bha na Sa.sunnaich 'na 'm fairfeanadh mar 
bu nòs. 'N uair a ràinig iad Tòrbagh, 'an ceann deas Shasuinn, 
bha càbhlach bu chumhachdaiche gu mòv fga 'm feitliearah, 
fo Admaral Norris. Cha sheasadh am Frangach ris an neart 
in. Ach mu'n gann a rinn an cath ach tòiseachadh sìidid na 
gaothan co doinionneach 'sgu'n d* fhuadaicheadh air falbh na 
Frangaich dheth 'n oirthir. B' digin do gach Sasunnach 'us Frang 



366 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

nch ruith roimh'n ghaoith. Fhuair na Frangaich le èigeannas, 
agus an dèigh calla, gu'n oirthir fèin. Agus mar gu'n smuainich- 
eadh an righ gur h-ann a bha e fèin 's na Spàinnich 'us eile 'cog- 
adh an aghaidh an athair, 'n uair a bha iad a' còmhnadh teaghlaich 
nan Stitibbartach, fùnaich e nach bitheadh tuiUeadh gnothuich, 
aige riu. Chuireadh am feachd air tìr, 's na luingeas air cheann 
gnotìiuich eile. 

2. Bha na Seumasaich air fàs mòran ni bu teirc' 'an Sasunn 
mu n àm so na bha iad ann an 1715. Bha na Pàpanaich uile, 
gun teagamh air a thaobh, ach rinn am peanas uamhasach a rinn- 
eadh air na priosunaich a ghlacadh ann am Preston, mòran meat- 
achaidh orra. Ach bha mòran Sheumasach 'an Alb' aig an àm 
so; agus bha iad ni bu lionmhoire gu mòr anns an leth Ghàelach 
na*san leth Ghallda de'n rioghachd. Cha robh iad sin a' smuain- 
^achadh gu'n tigeadh an Cebhaher fèin do Alba gu pearsant*, 
ach bha iad a' cluinntinn gii'm b' òganach spioradach, dealasach, 
a mhac bu shine, Prionnsa Teàrlach ; agus mar a bha luchd gnoth- 
nich uaìgneach, abh* air ais 's air aghart eadar iad fèin 'us esan, ag 
innseadh dhoibh gu'n robh làn bharantas aig' o 'athair, air son a 
bhi 'na Thàinistear air an rìoghachd, bha iad a' creidsinn gu'n robh 
e ullamh gu tighinn a nall uair sam bith a gheibheadh e cothrom 
fàbharrach. Mu dheireadh an t-samhraidh an dèigh do 'n ghnoth- 
uch Fhrangach mealladh air, chuir iad Mr lain Muireach, triath 
Bhroughtoin, air theachdaireachd do 'n Fhraing tbun a' Phrionns', 
a thoirt rabbaidh dha gu'n smuaineachadh air tighinn a dh' Alba, 
mur biodh, air a' chuid bu lugha, sea mile fear feachd còmhladh 
ris, armachd air son dheich mil' eil', agus deich mile fichead 
louis d'or* Bha iad air cluinntinn gu'nrobh ecurroimhetighinn'na 
aonar. 'N uair a thug Mr Muireach seachad a theachdaireachd, 
'se'm freagradh a fhuair e o'n Phrionnsa, gu'n robh e sgith a* 
feitheamh ri cìiirt sgàthaich, shlaodaich, na Frainge, 's nach robh e 

* Dlùth alr deich mìle fichead Punnd Sasunnach. 



BLIADHNA THEARULICH. 367 

dol a dh* fhuireach. ni b' fhaide; ga'n robh e dol a dh* fheuchainn 
'fhortain 'an Alba, co dhiìi a rachadh leis no nach racliadb. Cha 'n 
e h-uile fear 's an t-sreith is urrainn aghaidh a chumail ri prionnsa; 
ach thug Mr Muireach rabhadh sòluimte dha gun e dheanamh 
mar a bha e ag ràdh. 

3. Cha deachaidh am Prionns' air ais do'n Ròimh, far an robh. 
'athair, tuilleadh air a' bhliadhna sin. Chuir e seachad am foghar 
's an geamhradh 'am Pàris. Chuir e nall Mr Muireach toiseach na 
h-ath bhliadhna do Alba le barantasaibh thun na muinutir bu 
dilse do theaghlach 'athar a b' aithne dha. Bha na barantasan 
sin sgriobhta 'na ainm fèin mar Phriouns' Uèils, agus mar Thàin- 
istear na rioghachd 'an àit' 'athar. 'N uair a ràinig na sgriobh- 
aidhean siu Alba dh' aobharaich iad gluasad nach bu bheag a' 
measg nan Seumasach uile. Chum iad coinneamh mhòr 'an Dun- 
eidin aìg na chomh-dhuin iad gu h-aon-sgeulach nach èireadh iad 
leis a' Phrionnsa 'na leithid sud a chor. Bha Diìic Pheirt 'na aoaar 
an aghaidh sud. Thuirt csan gu'n ceangladh se e fèin ri Teàrlach 
ged a thigeadh e 'na aonar. Ach bha' choinneamh gu h-iomlan 
'an aghaidh an Diìic, 's chuir iad uatha Mr Muireach, a dh' ioun- 
suidh oirthir a 'siar na Gàeltachd gus am prionns' a choinueach- 
adh na *n tigeadh e, 's innseadh dha uatha-san nach robh duine 
dhiubh a' dol a dh' diridh leis's an t-suidheachadh 's an robh e fèin 
'us iadsan aig an àm, 'se 'philleadh do 'n Fhraing. Dh' fhan Mr 
Muireach air taobh 's iar na Gàeltachd, fad mìos meadhonach an 
t-samhraidh, agus o nach do nochd am prionns' e fèin rè na h-ùine 
sin, shaoil leis a' Mhuireach gur h-ann a lcig e dheth tighinn idir, 
's phill e dhachaidh do 'n taobh deas. 

1 . Mar a rhnaich Prionnsa Teàrlach taisdeal nan tonn dhbh- 
ghorm a dheanamh air a' bhliadhna so, bha e gu h-uaigneach 
ag ullachadh, mar a dh'fheudadh e, air son an turuis, ie bhi 
'trusadh armachd de gach se5rs:>, 's a' gabhail airgid 'an iasad, a 
thuilleadh air a' bheagan a bh' aige {6'm. Thug aon Bhancair a 
bha*m Pàris dha cuig milc Punnd Sasuunach 'an iasad, leis an do 



368 EACaEIDRAIDH NA H-ALBA 

cheannaicli e rud maith armachd. Cha robh coluadar sam bith: 
eadar e fèin 'scùirt na Frainge mu 'n àm so; ach bha Cardinal 
Tencin, air an robh cùram ghnothuichean cèin-thireach na 
rìoghachd sin, a' toirt gnùis dha, agus sJ labhairt ri càirdibh 
as a leth. Tre a sheòladh-san fhuair càirdean a' Phrionnsa 
dà luing chogaidh, Ealasaid agus Doutelle, o dhithis cheann- 
iiichibh Eireannach a bha 'm Pàris. Chaidh am Prionns' air 
bòrd an Dontelle, agus sheòl an dà luing o oirthir na Fraing' air 
a' chuigeamh là de mhìos deireannach an t-samhraidh, 1745, le 
soirbheas fàbharrach. Air a' cheathramh là dhoibh aig fairge 
choinnich long chogaidh Shasunnach iad, d 'am b' ainm an 
Leòmhan. Thòisich an long so 'san Ealasaid a' losgadh air a* 
chèile. Bha Teàrlach ag iarraidh air maighstir na Doutelle a dhol 
a chuideachadh na h-Ealasaid. Bha Ueils d'am buineadh an long 
airbòrd, 's cha ghabhadh e comhairle Theàrlaich gu dhol alosgadh 
air an t-Sasunnach. Mu dheireadh, an d<figh do'n Fhrangach 
's do'n t-Sasunnach a chèir a laimhseachadh co olc 's a b' urrainn 
iad, chuir iad cìil ri 'chèile 'an tuiteam na h-oidhche. Bha 
mòran de làmhan na h-Ealasaid air am màrbhadh, an caiptin 
'nam measg sin, agus bha 'crannadhail co mòr air am milleadh 
*s gu 'm b' èigin dhi pilltin* do 'n Fhraing le mòran de threathlaich 
chogaidh a' Phrionnsa. Ghabh an Doutelle air a h-aghart, a' 
cumail taobh 's iar eileanan Innse-Gall gus na ràinig i caolas Eir- 
isca aig ceann Uidhist a chinn a deas, far na lcag i acair air an 
treas là fichead de mhios deireannach an t-samhraidh. Agus air 
dhoibh fradharc cuain a dheanamh air dà luing chogaidh Shasunn- 
aich, ghreas iad air tlr do 'n eilean sin leis na bh' aca dh' armachd. 
5. Chuir Teàrlach agus a chompanaich an oidhche seachad 'an 
tigh an tuathanaich a bha'n Eirisca. Bha'n t-seachdnar dhaoin' 
Tiaisle so a leanas còmhladh ris a' Phrionnsa mar a luchd-coimh- 
eadachd. Marcus Thulibàrdin, mac bu shine Dhiùc Adholl, a 
theich à Sliabh an t-Siorraimh ann an 1715, Sìr Tòmas Sheridan, 
Sìr lain Dòmhnullach, oifigeach a bha 'b an arm Spàlnneach,. 



BLIADHNA THEARLAICH. 369 

0' Sulibhan, oìfigeach a bha 's an arm Fhrangach, Mr Kelly, min- 
isteir Sasunnach, Mr Stricland, duin' uasal Sasunnach, agus Aon- 
ghas Dòmhnullach, tàinistear thriath Cinn Loch-Mùideirt, a bha 
air bith 'na Bhancair 'am Pàris. Gus e fèin a chur as aithne bha 
Teàrlach air an taisdeàl so a' caitheadh deise sagairt; agus thuirt 
a chompanaich ri muinntir Erisca gur sagart Eireannach a bh'ann 
air thurus do Uidhist. Fhuair Teàrlach a mach gu'n robh Mae 
'Ic Ailein agus a bhràthair, fear Bhaosdail, 'an Uidhist aig an àm, 
agus gu'n robh oighre Mhic 'Ic Ailein air tir-mòr 'am Mùideart. 
B' e fear Bhaosdail comhairleach a bhràthar, Mac 'Ic Alein, a 
thaobh e fèin a bhi lag le aois. Chuir am Prionnsa fios air fear 
Bhaosdail, agus dh'fheuch e ri thoirt air a bhràthair a chomhair- 
leachadh gu Clann DòmhnuiU a thogail 'na aobhar fèin. Ach cha 
deanadh fear Bhaosdaìl sud air aon chor. Chaidh am Prionnsa 
's a chuid daoine air bòrd do'n hiiug an ath latha, agus sheòl iad 
gu tir-mòr. Lean fear Bhaosdail greis de'n t-sligh' iad, agus 'an 
àite cuideachadh a ghealltuinn do'n Phrionnsa 's ann a dh'aslaich 
e air pilltinn do'n Fhraiug gus am faigheadh e àm a b' fhàbhar- 
aiche. Cha deanadh Teàrlach sin ; 's chaidh fear Bhaosdail d' a 
blìàta, 's ghabh am Prionns' air aghart gu mòr-thir. Leag 
c acair' an Loch nan Uamh, eadar Mùideart. 'us Arasaig. Ghrad 
chuir e litir gu tighearn òg Chlann Raonail. Co luath 's a 
fhuair an duin' uasal sin an litir, thàinig e ièìn 's cuigear eile 
(Ihaoin' uaisl' air bòrd. Thug Aonghas DòmhnuUach mar an 
ceudn' air bòrd a bhràthair fèin, tighearn Chinn Loch Mùideirt. 
B' e so an ceud Cheann Cinnidh a dh'aontaich eiridh le Teàrlach. 
Ghrad clmireadh air falbh e le Ktrichibh gu Diiic Pheirt, agus 
Muireach Bhroughtoin. 'An dèigh beagan coluadair ris a* 
Phrionnsa dh* aontaich oighre Mhic 'ic Ailein òiridh leis, agus 
chuireadh air theachdaireachd e do 'n eilean Sgiathanach gu fiadh- 
achadh a thoirt do Shir Alastair DòmhnuUach 's Mac Leoid Dhun- 
bheagain. Ach dhiùlt na daoine mòra sin gnùis idir a thoàt do'n 



2A 



370 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

•cTieannairc, 's chuir iad fios mu'n ghnothucli gu luchd-dreuchd an 
rìgh 'an Duneidin 's an Lunuinn. 

5. Chaidh Teàrlach 's a luchd-coimhideachd air tìr air a' chuig- 
eamh là fichead de 'n mhios, ann an àite ris an abrar Borghadal 
ann am Mìiideart, a bhuineadh do Mhac 'ic Ailein no tighearna 
Chlann Raonail. Ghabh Aonghas DòmhnuUach, tuathanach a 
bhaile sin, ris fèin 'sri 'luchd-leanmhuinn gu subhach. Chuireadh 
ceud saighdear mar gheàrd air a' Phrionns' an so. Bha Camshron- 
ach Lochiall a measg a' cheud fheadhainn a thàinig a dh' amharc 
Theàrlaich an dèigh dol air tìr. Chaidh an ceann-feadhna so a 
dh' fhaicinn Theàrlaich air los comhairleachadh dha pilltinn do'n 
Fhraing gus am faigheadh e àm a b' fhàbharaich. Ach an dèigh 
greis chonaltraidh ris dh' aontaich esan cuideachd a' chuid 
dhaoine thogail. Thòisich àireamh maith eile de na cinn-fheadhna 
bu lugha 'leantuinn 'eisimpleir. Rùnaich Teàrlach a nis a' bhrat- 
ach rioghail a sgaoileadh ri crann ann an Gleann-fionain air 
an naoidheamh là deug de cheud mhios an fhoghair. Bha 
e a* deanamh imrichean beag* o àm gu h-àm leis an robh e dol ni 
b' fhaisg air an àite sin. Chaidh e air feasgar an ochdamh là 
deug gu tigh Ghlinn Ealadail, tùineachd uachdarain eile de na 
J)òmhnullaich. A sin sheòl e 'n là air-na-mhàireach le cuig fir 
tfhichead 'an tri bàtaichibh, 's chaidh e air tìr aig taobh 's ear Loch 
ìSeile, fagus do 'n àite 's an robh e gus a shuaicheantas a chur suas. 
'N uair a ràinig e 'n t-àite cha robh ach tearc a làthair, a thàinig 
gu e fèin fhaicinn. Ach goirid an dèigh mheadhon là thàinig còrr 
'us seachd ceud Camshronach thun an làthraich, agus dà fhichead 
fear de 'n arm dhearg ac' a ghlac iad mu 'n Cheapaich ga 'n iomain 
Tompa. Dh' èirich Marcus Thulibàrdin an sin 'na sheasamh, agus 
sgaoil e bratach nan Stiùbhartach ri crainn, 's chuir e mach sguilm. 
• dheas-bhriathrach ag innseadh àn àobhair air son an tàinig Teàr- 
lach Stiùbhart a nall, agus air son na thogadh a' bhratach so. 
Dh' fhàiltich na Gàeil a' bhratach le caithream mhòr aoibhneis. 



BLIADHNA THKARLATCH. 3,71 

Bha i air a deanamh de shide dearg agus ball geal sròil 'na 
meadhoa, air an robh dealbh crìiin rìgh agus ciste luidhe. 

6. Bha rìgh Seòras ann an Hanòbhar an uair a bha 'n 
troimhe chèile so a* dol air aghart air taobh siar na Gàeltachd. 
Bha riaghladh na rioghachd fhad 's a bhiodh esan air falbh 
'an urra ri àireamh luchd dreuchd ria an abradh iad Morair- 
ean Ceartais. An uair a fhuair iad sin a mach le cinnteas 
gu'n robh Teàrlach a' togail na 'm Fineachan Gàelach gu dhol 
a chogadh ri cumhachd Blireatuinn, thòisich iad air gach ullach- 
adh a bha 'n an comas air son cur 'na aghaidh. Chuir iad an 
-cèill lagh a bh'air a shuidheachadh roimhe sin, gu'n robh deich 
mile fichead Punud Sasunnach de dhuais gu bhi aig neach sam 
bith a ghlacadh Teàrlach, 's a bheireadh suas do luchd dreuchd 
na rioghachd e. Bha Sìr lain Cope 'na Ard Sheanalair air an arm 
Albannach 's an àm sin. Cha mhò na trì mìle saighdear a bha 'n 
Alb' aig an àm, saor o na bha 'cumail freiceadain 'an gearasdan- 
aibh na rioghachd. Thriall Sìr lain Cope air cheann na feachd so 
6. Duneidin air an dearbh là air na chuir Teàrlach suas a bhratach 
'an Gleann-fionain. B' e òrdugh agus rùn Shir lain gabhail dìr- 
each 'an coinneamh a' Phrionnsa, 's cath a thoirt dha leis an cuir- 
eadh e fodha 'cheannairc a dh'aon tarruing. Ach b' digin da 'n 
eachraidh fhàgail 'an Sruilcadh a chionn nach biodh feum sam 
bith annt' air feadh mhonaidhean na Gàeltachd, 'sged a thug e 
leis àireamh cheudan mhusgaidean 'an earalas gu'n èireadh cuid 
de na Gàeil leis mar a bhitheadh e 'dol gu tuath, b' digin an 
cur air an ais a ris gu Sruileadh. 'S gann gu'n robh duin' ag èìr- 
idh leis. 'N uair a ràinig e Coire Ghearraig far an robh diiil aig* 
am Prionns' a choinneachadh, chual e gu'n robh feachd co lionmhor 
air diridh leis 's nach ruigeadh c leas sùil a bhi aige ri buaidh 
fhaotaioD. 'S e comhairr a chinnich aige fdin, 'sa chomh oifigich, 
ibhail rompa gu ruig Inbhemis far an robh sìiil aige 'chuid fcachd 
rnheudachadh .tre chòmhnadh nan tighoarnan Gàelach a bha 
leas do righ Seòras. Bha *n duiu' ainmeil sin, Foirbeasach Chuil- 



372 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

fhodair, ceanii suidhe Cùirt an t-Seisein, air bith aig a Ihùineachd 
dhùthchail an sin, 's chuir an Seanalair a chomhairle lis mu ciod 
"bu chòir a dheanamh. 

7. Goirid an dèigh do Theàrlach a bhratach a sgaoileadh ri 
crann chual e gu'n robh Sir lain Cope a' marsail 'na chginneamh 
gu Coire Ghearraig, gu sgapadh nan cearc breac a dheanamh air a 
chuid Ghàel. Rinn na Gàeil gach cabhag a bha 'n an comas gu 
bhi air bràigh' a' Choire mu'n ruigeadh an t-arm dearg an t-àite, 
's gu'm biodh cothrom a' bhruthaich ac' orra. Ach 's ann a ghabh. 
iad mòr ioghnadh 'n uair a ràinig iad muUach na beinne, nacli 
robh nàmhaid idir ri 'fhaicinn, agus mu dheireadh 'n uair a ràinig 
Teàrlach agus a chual e gu'n do theich Sir lain do Inbhernis, dh' òl 
e 'dheoch slàinte, 's thug e taing do Mhr lain Cope gu h-aignidheil, 
a' guidheadh gu'm b' ann mar sud a dheanadh na h-uile nàmhaid 
eile 'chuirteadh 'n an coinneamh. Bha 'n rathad rèidh a nis roimh 
Theàrlach gu machair Ghall, agus ghabh e roimhe gu deas, a 
luchd-leanmhuinn a' sior dhol a' meud. Bha àireamh maith de 'n 
tuath ag èiridh leò, ach bha na daoin' uaisle, mar bu tric, a' teich- 
eadh air falbh. 'N uair a ràinig na Gàeil Caisteal Bhlàir, theich 
tàinistear Dhiùc AdhoU air falbh, 's ghabh Marcus Thulibàrdin 
sealbh air an fhàrdoich mar a chuid fèin, B'esan mac bu shin* 
an Diùc a bh' ann roimh' ach air dha bhi ciontach de cheannairc 
1715, thug righ Seòras an Diùcachd 'sgach ni a bhuineadh dhi do 
'bhràthair a b' òige. Thug am Marcus, ris an abradh Teàrlach 
's a chàirdean Diùc Adholl, aoidheachd chridheach do'n Phrionnsa 
's do gach ceann feadhna 's an f heachd. Dli' òl am Prionnsa deoch 
slàinte gach aoin de na cinn fheadhn' 'an Gàelic ghloin, a dh' iunn- 
saich e o thàinig e dh' Alba. 'An ceann dhà là, mharsail iad gu 
tleas, a^s chaidh iad a steach do bhaile Pheirt air an treas là de 
mhios meadhonach àn fhoghair. Chaidh Seumas èigheach aig 
crois a' bhaile 'na righ Seumas VIII. Alba. Theich bàiUidhean a' 
bhaile 's na daoine mòr 'air falbh, ach bha 'n sluagh cumant' a' leig- 
eadh orra mòr aoibhneas a dheanamh ri teachd Theàrlaich. 



BLIADHNA THEARLAIOH. 373 

Dh' fhan e ochd là 'am baile Pheirt a tmsadh airgid feadh na 
dùthcha 's a' cur an airm 'an òrdugh. Chaidh Teàrlach do 'n eag- 
lais, an tsàbaid a bha e 'm Peirt. B* e sin an ceud àit' aoraidh 
Pròstanach 's an do sheas e riamh. Bha e o òig' air a thogail suas 
anns a' chreideamh Phàpanach, agus auns na h-uile beachd ain- 
tighearnail eil' air son an robh teaghlach nan Stiàbhartach ainm- 
eil ; fèin chumhachd, àrd-ùghdarras thairis air gach ctiis spioradail 
'us aimsireil a bhuineadh do 'n rioghachd. A rt^ir an f hòghluim a 
fhuair e, cha robh e gu tiodal no ponc de na nithibh air son na 
chathaich gach Teàrlach 'us Seumas a chaidh' roimhe, leigeadh 
as. Ach thugadh fainear gu'n do ghabh cuid de shluagh na 
dùthcha, a bha dileas dha, oilbheum ri 'athair 'sa' bhliadhna 1715 
air son e bhi co teann 's a' Phàpanachd 's nach fuilingeadh e idir 
an t-aoradh Pròstanach fhaicinn no chluinntinn. Feudaidh gu'n. 
deachaidh Teàrlach do 'n eaglais Phròstanaich air sou ni-eigin de 
thoileachadh a thoirt do mhuinntir a' bhaile 'sna coimhearsnachd; 
air son mòran de 'luchd leanmhuiun, bu choma leò ged nach seas- 
adh e 'n eaglais sam bith ri 'latha. 

8. Air an aonamh là deug de'n mhios thriall Teàrlach gu deas 
air los Duneidin a ghlacadh. Bha gluasad mòr 's a bhaile sin o 
'n uair a chual iad gu'n tàinig e gu machair Ghall, 's gu 'n robh 
Seanalair Cope co fad' air falbh a tuath. Rinn muinntir a' bhaile 
mòran saothrach air son ballachan a' bhaile 'neartachadh, agus 
àireamh shaighdearan a thogail 'na measg fèin gus ara bail' a 
dhionadh. Agus mu'n d' fhàg Teàrlach Peirt thàinig teachdair* 
o lain Cope a dh' iarraidh air seirbhisich an righ 'an Duneidin 
àireamh shoithichean a bha 'n an luidhe 'am Port Libht' a chur 
8103 do Abaraidhean, far an robh an t-arm dearg a* triall, gus na 
daoin' aiscag gu ruig Dunbhàrr, an car-dheas air Duneidin. 
Chuireadh air falbh na soithichean, *sbha sùil riu air an ais a 

^ gach là. Cha do chuircadh a bhcag de mhoiU' air fcachd 
Theàrlaich ann a thriall do Dhuneidin. Bha'm bcagan cachraidh 
a bha 's a' choimhcarsnachd a' tighinn 'na choinneamh air uairibh. 



^74 ^ACHDRAroH NA H-ALBA 

ach gun a bhi tighinn idir gu ionad tharruing lann. Chuir Teàrlach 
litìr a steach do*n bhail' o Chorstorphin,"^ mu dhà mhir an iar air 
Dnneidin, ag àithneadh do luchd riaghlaidh a' bhail' iad a dh'fhosg- 
ladh nan geatachan dha-san mar Thàinistear na rìoghachd 'an ainm 
'athar, 's a' gealltuinn gu'm buineadh e gu^^suairce ris gach neach 
'ns nì 'sa' bhaile; ach a' bagradh mur fosgladh, gu 'n deanadh e- 
àrd pheanas air na gheibheadh e 'an armachd 'na aghaidh, mar a 
bha e cinnteach as a' bhail' a ghlacadh. Chuir an litir so a' Chomh- 
airle 'n an cabhaig glè mhòr, agus bha e 'meudachadh an troimhe 
chèile, gu'n robh Seumasaich uaigneach 'n a measg, a bha 'cluich- 
eadh 'an rathad a bha fàbhharach do 'n Phrionnsa, 'n uair a bhiodb 
iad a' gabhail orr' a bhi dìleas do'n rìgh. Chuir a' Chomhairle fios 
thun a* Phrionnsa mu dheighinn nan cumhachan air am fosgaileadh 
iad. Ach aig an àm so chunncas an càbhlach a' tighinn gu clad- 
ach Dhunbàrr leis an arm dhearg, agus chuireadh an ath fhios gu 
Teàrlach ag iarraidh beagan ùine gu smuaìneachadh ciod a dhean- 
adh iad. Dh' aithnich Teàrlach a nis gur h-ann a' caitheadh bhead' 
air a bha iad, 's cha leughadh e 'n litir — thuirt e rìs an teachdairV 
"e bhi dol." 'N uair a thuigeadh 'an carap' a' Phrionnsa gu'n robh 
'n t-arm dearg a' dlùthachadh, 's misneachd, na Comhaìrl' ag èiridh,. 
rinn iad air son am bail' a ghlacadh le'car. Chuireadh naoi ceud 
Camshronach timchioU gu taobh deas a bhaile, 's chaidh iad, fo sgàil 
na h-oidhche, co dlùth air na ballachaibh 's a dh' fheud iad gun a^ 
bhi air am faicinn. Bha buidheann bheag eile glè dhlùth air a' gheata.. 
Chuireadh fear dhiubh sin 'an riochd seirbhisich oifigich Shasunn- 
aich a dh' iarraidh rud-eigin a dh' fhàg a mhaighstir aig a thigh fèin 
's a' bhaile. Ach bha Beurla Chamshronaich ro Ghàelach; thuig 
am freiceadain ga'm bu mhealltair e, 's chaidh òrduchadh air falbh. 
Ach'an ùine ghoirid thàinig an t-inneal-siubhail a bha leis an teachd- 
aìr a muigh aig a' champ air ais, 's bha e gu dhol tre 'n gheata sin. 
Chunnaic an luchd feall-fholuch an carbad so a' dlùthachadh, 's bha 
iad fèin aig a' gheata mu'n d' rìnn an t-inneal-siubhail ach a bhi 
troimhe, 's bhrùchd iad a steach mu 'n deachaidh aig an fhreiceadain 



BLIADHNA THEARLAICH. 375 

air an geata chrannadh. Mar a bha 'chuid eile de na Camshronaich 
fagus a làimh, cha robh ac' ach ruith a steach air a' gheat' 'us 
sealbh a ghabhail air a' bhail' *an ainm a' Phrionnsa. An là air-na- 
mhàireacb rinn am Prionnsa turus timchioll air a' bhaile, le tròmlach 
an airm, a' cnmail nan cnoc eadar e 's gunnaidhean a' ChaisteiL 
Ghabh iad a steach 's an hig a th' eadar Caithir Airt 'us Creagan- 
aibh Shalus-borgh. 'N uair a ràinig Teàrlach an leargan fo Fhnaran 
Naoimh Antoni, 's ann a fhuair e 'n ceud shealladh air lùchairt a 
shinnsir. Theirinn e bhàrr an eich agus stad e greis ag amharc 
maise na h-aitreibh. Chaidh e 'n sin 'na dhiollaid 's mharcaich e 
thun na lùchairt, — geard dùbailte ga chuairteachadh. Bha mòran 
de mhuinntir Dhuneidin a' dòmhlachadh an ràthaid air gach taobh 
gu sealladh fhaicinn dheth, agus mòran diubh ga fhàilteachadh le 
gàir aoihhneis 'us bualadh bhas. Bha na Camshronaich 'an dèigh 
beàrn a dheanamh air a' bhalla fa chomhair na lùchairt, air an 
deachaidh e fèin 's a luchd coimhideachd a steach dìreach rompa. 
Co luath 's a shuidh Teàrlach 'an lùchairt a shinnsir, thugadh ma'n 
airidh Seumas a bhi air èigheach 'na righ Alb' aig crois Dhun- 
eidin. Thug na Gàeil uir na maoir d'am bu dreuchd sin i dhean- 
amh, au deiseachan rìomhach a chur ùmp' am feadh a bha iad 'aii 
ceaim an dleasdanais ud. Bha mòran sluaigh a làthair aig an àm ; 
agos leugh maighstir-sgoile Pàpanach litir, a' soilleireachadh do 'n 
t-sluagh gn'm b' e Seumas rìgh dligheach Bhreatuinn, 's gu'm b' e 
Teàrlach an t-oighre dligheach a thigeadh as a dhèigh. 

9. Cha d* fhuair Teàrlach mòran ùin' aig an àm so gu suidhe 
aàmhach 'an lùchairt Tlolirud. Bha Sìr lain Cope 'an deigh a 
chaid daoin' 'us armachd fliaotainn air tìr 'an Dunbhàrr air an 
naoidheamh là deug, 's ghluais e 'n aghaidh Theàrlaich. Dh' fhàg 
Teàrlach Duneidin leis na Gàeil gtis an nàmhaid a choinneachadh, 
Air feaagar an fhicheadamh là choinnich an dà arm a cheil' aig 
àite ris an abair na Gàeil, Sliabh a' Chlamhain, — na GaiII, Preston. 
Bha blàr aimhleathan bog eatorr' air nach robh e furasda. do na 
Gàcil faotainD seachad. Bha Sir lain Cope 'an dcigh àitc fein a 



376 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

roghnucliadh air taobh sear a' bhoglaich sin. Chuir na Gàeil 
aeachad an oidhche air a thaobh si^r. Chomhairlich Còrnalair 
Oardener 'us oifigich thùrail eile 's an fheachd, do lain Cope doram 
ibadaibh nan Gàel air an fheasgar sin fèin, a' deanamh cinnteacL 
dha mur rachadh, gu'n tigeadh iadsan 'na bhadaibh-san an uair ba 
lugha 'shaoileadh e. Cha do ghabhadh an comhairle, 's bha fios 
aca mar sin ciod a thachradh. Fhuair na Gàeil seachad air a' 
bhoglach feadh na h-oidhch' 'an àite nach robh air a dhìonadh. 
Ann am briseadh na fàire rinn iad air son tòiseachadh air cath. 
Thàinig an guothuch co cabhagach air lain Cope 's nach robh 
ùin* aig' air son faotainn gu ceart 'an òrdugh. Bha faisg air an aoa 
àireamh aig Sìr lain '.^ aig a' Phrionnsa — mu thrì mU' air gacb 
taobh. Cha robh na Gàeil co maith air an armachadh ris au 
taobh eile. Bha mòran diabh aig nach robh ach spealan air an dìr- 
^achadh. Chaidh làdach urchraichean ghunnaidhean mòr' a losgadh 
'an eudan nan Gàel, mar a bha iad a' dlùthachadh; agus gu grad. 
'an dèigh sin làdach gliunnaidhean caol' o cheann gu ceann de 'n 
arm dhearg. Cha do^Ioisg na Gàeil gus an robh iad mu dhusan 
slat do'n nàmhaid. Loisg gach fear an sin an urchair a bha 'na 
ghunna 's thilg e uaith' i, 's thòisich iad air bualadh le claidheamli 
's le speal. Cha do sheas na Gaill fad sam bith ri so. Theich 
an eachraidh an toiseach, 's na coisichean gu grad as an deigh. Cha 
do mhair a' mhire chath ach beagan mhionaidean. Thuit eadar 
ceithir 'us cuig ceud de'n arm dhearg 'sa' chath, eadar na mharbh- 
adh 's na leònadh. Chaill na Gàeil mu cheud fear, eadar marbh 
'ns lebnta. 'S anns an eachraidh a bha Còrnalair Gardener. B' e 
so fear co cliùiteach 's a bha 'na là, mar dhuine 's mar shaighdear. 
Bu shaighdear cràbhach e 's an t-seadh is fearr. Ged nach tuit- 
eadh 's a' chath ach esan 'na aonar cha bu bheag an call e. Bha, 
rèir coslais, beachd aige roimh làimh ciod a bha gu tachairt, 's chaith 
e'noidhche mar gu'mb'i'n oidhche mu dheireadh. An uair a 
theich a chuid daoiue mar chlaghairibh dheth 'n àraich, chuir e fein 
le glè thearc chàirdibh aghaidh air na ceannaircich, mar bha e ga 



BUADHNA TIIEARLAICH. 377 

ceart ga' meas, 's lean e air am marbhadh le claidheamh 'us dag' air 
gach làimh dheth, gus an do thuit. e bhàrr an eich air a leònadh. 
Ghiùlameadh e gu tigh a* mhinistelr dlùth do làimh, 's bhàsaich e 
beagan uairean a thlm an deigh sin. Theìch Sìr lain còmhladh ris 
a' chuid bu mhò de'n eachraidh thun ua crìche Sasunnaich; ged a 
dh'oidhirpich e thoirt orra tionndadh mu'n cuairt ris an uàmhaid, 
cha ghabhadh sin deanamh idir. 'S e àireamh beag de' na cois- 
ichean a fhaair air teicheadh. Ghlacadh mar phrìosunaich còrr 
'us caig ceud deug. 'S e àireamh ro bheag a theich dheth 'n àraich 
gon an glacadh. Ghlac Teàrlach mòran creiche 's a* chath ud. 
!Bha moran de na Gàeil mar an ceudn', a' cosnadh air an ceann feia 
feadh na raoin. Chleachd am Prionnsa 's a chuid oifigeach mòran 
daontachd ann an cùram de 'n mhuinntir leònta, na Sasunnaich co 
maith ris na h-Albannaich. Air feasgar na Sàbaid, an ath là aa 
dèigh a' bhlàir, phill Teàrlach gu lùchairt Holirud ; bha 'n t-arm 
air dol roimhe do 'n bhaile leis na priosunaich 's leis a' chreich. Bha 
Teàrlach an dèigh teachdair a chur do 'n bhaile feasgar là a' bhlàir 
ag iarraidh air na ministeiribh iad a leantuinn ri 'n dleasdanasaibh, 
's nach cuirteadh grabadh sam bith orra. Ach ì)ha na h-aodhairean 
xkd uil' an duigh an casau thoirt leò mach air feadh na dùthcha, ach 
dithis no triùir, 's cha do phiU iad fhad 's a dh' fhan am Prionnsa 
's a' bhaile. 

10. Dh' fhan Teàrlach 'an Daueidin sea seachduinean an dèigh 
blàr sliabh a' Chlamhain. Bha e rè na h-ùine sin a' saothrachadh. 
mar b' urrainn e anns a bhi 'meudachadh àireamh a chuid saighd- 
earan. Chaidh mòran de na Gàeil dhachaidh leis a' chreich a ghlac 
iad 's an àraich, agus tharruing iad ùine mhòr mu'n do phill iad do 
Dhuneidin. Thàinig àireamh de dhaoin' uaisle na Galldachd thuige le 
buidhnibh sluaigh leis an robh 'fheachd a' dol a* meud. Chuir e 
sùrd aig an àm clieudn' air trusadh airgid. Ghrad ghreas e teachd- 
air do *n Fhraing aa dèlgh a* bhlàir, air an d' iarr e 'bhuaidh a 
dbeanamh co mòr 's a h' urrainn e. Thàinig trì soithichean au 
dèigh a ch^ile thuig* as an Fhraing le armachd 'us airgiod. Bha 



378 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

mèran de Sheumasaicli na dùthclia 'tighinn ga fhaicinn do 'n lùch- 
aìrt, 'sbha e 'cur seachad na h-ùine mar rìgli a measg iochdarana 
fèin. Ach mar a bha Caisteal Dhuneidin fathast a' cumail a mach 
'na aghaidh, bhiodh e fèin 's ceannard na daingnich sin gu tric a' 
caigeadh air a chèile. B' eigin do Theàrlach an saorsainn fèin a 
leigeadh le muinntir a' chaisteil 's le muinntir a' bhaile mach 's a 
steach as a' chaisteal. Fadheòidh air do Theàrlach cèrr 'us cuig 
mìle fear feachd fhaotainn cruinn, dh' fhàg e Duneidìn air an aon« 
amh )à deug thar fichead de mhios deireannach an fhoghair, gu bris- 
eadh a steach air Sasunn. Ach ged a bha fheachd-sanairdol gu maitb 
a' meud rè nan seachduinean ud, bha 'n t-arm Sasunnach air dol'an: 
treisead a rèir sin, 's an tomhas mòran bu mhò. Co luath 's a chuala 
Sebras II. mar thachair air Sliabh a' Chlamhain ghreas e nall do 
Shasunn le sea mìle de *n fheachd a bh' aige cogadh 'am Fiànrais, 
agus sea mìl' eil' a thug an Olaind dha, a rèir còrdaidh. Bha Sean- 
alair TJaid a' cur ri chèile feachd lìonmhor eil' aig a' Chaisteal Nomh*^ 
air taobh 's ear Shasuinn; agus bharlgh Seòras a' cruinneachadh an 
treas armailt timchioll air Lunuinn gus am baile mòr sin a dhionadb, 
's gn bhi air a stiùireadh leis fèin. Ach ged a bha so uil* an agh- 
aidh Theàrlaich, chnir e aghaidh air baile Lunuinn 'an dùil gu 'n 
Tobh na Sasunnaich co dèigheil air èiridh leis 's a bhana Gàeil, agus 
ni bu dèigheile. Ghabh e taobh 's iar Shasuinn gu faotainn seachad 
aìr Seanalair Uaid. Ach mu'n do ràinig e 'chrioch Shasunnach thrèig 
còrr 'us mìle de 'ua G àeil e 's phill iad dhachaidh. Ach air a lagach- 
adh 's mar bha e, ghlac e bailc Charlìle, 's dh' fhàg e freiceadain 'an 
daingneach a' bhaile. Ghlac e Manchester an dèigh sin. Ach cha 
robh bheag sam bith de shluagh na dùthcha 'g èiridh leis. 

Air a' cheathramh là de mhìos meadhonach a' gheamhraidh 
ràinig Teàrlach Derbi, mu thuaiream sea fichead mìl' o bhaile 
Lunuinn. Bha Seumasaich a' bhail' ag aithris gu'n robh cuig mìla 
deug 'am feachd Theàrlaich, 's gu'n robh deich mìl' air tighinn air 
tìr 'an ceann a deas Shasuinn, gu iad fèin a churfo a chomannd a. ' 
Ghabh muinntir Lunuinn a leithid a dh' eagal, 's chaidh gach 



BUADHNA THEARLAICH. 379 

bancair *us duine mòr eile 'na leitliid de bhreislicli 's gu 'n tugadh 
Bi-haoine Dubh air an là sin. Ach seachad air Derbi cha rachadh. 
na Gàeil aìr aon chor. Leugh iad an t-eagal 'n uair a dh' fhairich- 
Biad iad fein 'an tìr aineoil, air an enairteachadh letrì feachdaibh, a 
bha gach aon diubh dà uair ni bu mhò na feachd Theàrlaich Bha 
Diùc Chumberland, dara raac rìgh Sheòrais, a bh' air bith air tlr- 
mòr na h-Eòrp' air cheann an airm Bhreatunnaich, a nis air tigh- 
inn dachaidh, agus 'na cheannard air an dà mhìle dheug ud a 
dh'ainmich sinn, a thug rìgh Seòras do Bhreatuun. Bha Diùc Chum- 
berland glè dhlùth air an aon aois ri Teàrlach. Bha 'n rìgh 
fèin air cheann armailt Lunuinn, agus Uaid a' dlùthachadh riu o 
thuath, 's gu'n dnin' ag eiridh leò. Chumadh comhairle chogaidh^ 
's rùnaich na h-oifigich pilltinn do Alba, fhad 's a bha sin so- 
dheanta. Cha robh Teàrlach a' dol a ghabhail an comhairle; ach 
a* cheod nair o thàinig e 'Bhreatunn, dh'èignich iad e gus an comh^ 
airl' a ghabhail, no bhi air fhàgail 'na aonar. Air an t-seathamh là 
de mhìos meadhonach a' gheamhraidh ghluais an t-arm air ais ga 
tuath. An uair a thuig Diùc Chumberland gu'n do phill na Gàeil,- 
chuir e 'chuid thrùpairean as an deigh gu moille chur orra, no gach 
grabadh a dh'fheudadh iad. Rug iad air na Gàeil aig àite ris an 
abrar Penrith, ach dh'fhuadaicheadh air an ais iad le call. Cha do 
chnireadh tuilleadh grabaidh air na Gàeil. Air an naoidheamh là 
deug dc 'n mhios, stad iad aig Carlìle, 's dh' fhàg Teàrlach na 
dh' èirich leis de shaighdearan 'an Sasunn mar fhreiceadain 's a" 
cbaisteal. Theireadh iad reisimeid Mhanchester riu ; còmhladh riu 
8in dh' fliàg e àireamh beag de na rèisimeidean Machrach, beagan. 
Fhrangach 'us Eireannach. Bha iad uile mu thimchioll trì ceud 
fcar. 'N aair a dh' fhalbh Teàrlach air an ath là thug e òrdugh 
dhoibh mar a chleachdadh siad iad fèin gus an cuireadh esan feadh- 
ainn eìl' i Alba 'n an àite. Air feasgar an là sin fèin ruinig iad amh- 
ainn Ea«g, a th' anns a' chrìch eadar Sasunn 'us Alba. Bha àth na 
h-aimhne gu mòr air atadh le fliuìchead na h-aimsir. Ach chaidh 
an armailt aile tbairis an oidhche sin fòin, air eagal gn 'm fàsadh i 



380 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

ni bu ro dhoimhne. 'N uair a fhuair iad gu taobh Alba de 'n amh- 
ainn, thog iad iolach aoibhneis air son an casan fhaotainn a ris air 
fraoch Alba. Bha faothachadh aig na Sasunnaich a nis o 'n uamhas 
a ghabh iad roimh na Gàeil. 'S gann a gheibhear saimpleìr sam 
bith 'an eachdraidh co soilleir air a' bhoil a chuireas tnù no farmad 
air inntinnibh dhaoine, 's air co ullamh 's a ni sin iad gus a' bhreug 
a labhairt 's a chreidsinn, ris na seanachasaibh breugach a bha na 
paipeirean naigheachd Sasunnach a' sgaoileadh feadh na tìre 's an 
àm ud. O nach urrainn sinn leudachadh orra sin, aithrisidh sinn 
mar aon eisimpleir an comh-labhairt a bh' eadar Lochiall agus bean 
an tighe 's an do thog e 'chairtealan an dà là bha iad 'an Derbi. 
'N uair a chaidh e steach do 'n tigh thuit a' bhean air a glùinibh 's le 
deuraibh air a gruaidh thuirt i ris e dh'fhàgail a dithis leanaban 
beò, ach e ga marbhadh fèin 'n an togradh e. Thuirt an Ceann- 
feadhna rithe an robh i 'na cèill? Fhreagair ise gu'n robh na h-uile 
duine na 'measg-san a' creidsinn 's ag ràdh gu'n robh na Gàeil ag ith- 
eadh na cloinne bige. Ghabh e 'n rian bu fhreagarraich air na 
smuainich e gu ni-eigin de chlos a chur oirre. Chualas i 'n dèigh 
sin a' fosgladh pris 'an oisinn de 'n tigh 's ag ràdli ris a' chloinn, 
*'Thigibh a mach, cha'n ith an duin' uasal sibh!!!" Bha iomadh 
seanachas eile do 'n t-seòrsa so air an aithris aig an àm. Ach 's e 
th' ann ni a tha ghnàth a' tachairt do dhaoinibh, 'n uair tha 'n inn- 
tinnean troimhe chèile, 's air bhoil le gamhlas, 's iad mar sin a' dean- 
amh barrachd croin doibh fèin no do 'n mhuinntir 'an aghaidh am 
Tbi iad air bhoil. 

11. Thrìall feachd a' Phrionnsa gu tuath o amhainn Easg 'nan 
trì buidhnibh. Chaidh a' chend bhuidheann a steach do Ghlascho 
;air là Nollag, 's an dara buidheann air an ath là fo chomannd' a* 
Phrionnsa fèin. Chuir Teàrlach cls air Glascho gu eudach 'us 
caiseart a chur air an fheachd. An uair a fhuair e na daoin 'am 
brod uidheam thriall e gu Sruileadh air an treas là de 'n bhliadhn' 
nir, 174&. Bha'n t-arm dearg an dèìgh sealbh a ghabhail air Dun- 
eidin roimhe so, 's bha na h-uiread de rèisimeidean a* brùchdadh 



BLAR CHUIL-FHODAIR. 381 

a nall a Sasunn do'n cheann-bhaile. Ach mu 'choinneamh so bha 
feachd nach bu bheag air tional aig Peirt 'us Sruileadh le càirdibh 
Theàrlaich, o dh'fhalbh e 'Shasunn, agus gus a neart a mheudach- 
adh leò sin 's ann gu tuath a thriall e. Thòisich e 'n toiseach air 
sèisd a chur ri Sruileadh, 's ris an daingneach làidir a bh'ann; ach 
mu'n gann a riun e ach tòiseachadh thriall Seanalair Hùlaidh à 
Duneidin leis an arm dhearg gu là blàir a thoirt dha. Dh' fhalbh 
Teàrlach gu misneachail gus a choiuneachadh mu leth na slighe. Air 
an t-seachdamh là deug de'n mhìos, dà sheachduin 'an dèigh Glas- 
cho fhàgail, choinnich Seanalair Hàlaidh 's am Prionns' a chèil' air 
sliabh na h-Eaglais Brice. Fhuair na Gàeil an toiseach gu mullach 
a' 'chnuic, 's bha cothrom a bhruthaich ac' air an arm dhearg. 
Agus a thuilleadli airs in bha cur 'us catliadh uamhasach ann, a* 
sèideadh an aghaidh nan Sasunnach. Chuir làmh dheas airm a' 
Phrionns'an teieheadh air làmh chlì Hàlaidh, a bha mu'n coinneamh; 
ach ghleidh làmh dheas an airm dheirg an làthrach 's chuir iad air 
theicheadh làmh chll an airm Ghàelich. Ach a labhairt na firinn 
's ann air taobh a' Phrionus' a bha 'bhuaidh. Theich an Sean- 
alair Sasunnach, 's chuir e 'phàilliun ri 'theiue, 's dh' fhcàg e mòran 
treathlaich chogaidh as a dhèigh a thuit 'an làmhaibh a' Phrionnsa. 
Cha do mharbhadh de na Gàeil ach dà fhear dheug thar fhichead, 
agus leònadh mu shea fichead fear. Chaill an t-arm dearg, eadar 
na mharbhadh 's na leònadh, mu thrì ceud fear; agus ghlacadh 
mòran diubh na 'm prìosunaich. B'e Sìr Raibeart Mac au Rothaich, 
tighearna Fòlais, an aon duine de 'n arm dhearg a bha na Gàeil a' 
caoidh. Fhuair esan adhlacadh duin' uasail 'an cladh na h-Eaglais 
Brice. 



CAIB. XLIIL 



BLAR CHUIL-FHODAIR. 



An uair a chualas 'an Lunuinn mar thachair aig an Eaglais Bhric, 
thuit misneachd luchd-riaghlaidh na rìoghachd gu mòr. Bha iad 
'an dùil 'n uair a phill na Gàeil air an ais à Sasunn nach robh iad a* 
dol a dheanamh tuilleadh tapaidh ; gu'n robh am f aobhar air maol- 
adh. Bha 'n ana-misneachd mòr a rèir sin an uair a chual iad mar 
a dh'èirich do Sheanalair Hàlaidh. Rùnaìch luchd comhairl' a' 
chrùin, co luath 's a fhuair iad fo 'n anail, nach feudtadh àrd 
chomannd an airm Albannaich fhàgail aig Hàlaidh ni b' fhaide, 
agus gur h-ann a dh' fheumadh Diùc Chumberland a dhol a dh* Alba, 
's an cogadh a' leantuinn an aghaidh uan ceannairceach. Chuir an 
Diùc aghaidh air Alba gun dàil, 's ràinig e Duneidin air an deich- 
eamh là fichead de threas mìos a' gheamhraidh. Ghrad thòisich e 
air cur an airm 'an uidheam air son marsail an aghaidh nan Gàel; 
agus air'an ath là, thriall e fèin air an ceann thun na h-Eaglais 
Brice, 's o sin gu Sruileadh. Bha còrr 'us deich mìle fear feachd fo 
a chomannd' eadar Ghearmailtich 'us eile. Bha Teàrlach air 
cluinntinn gu'n robh 'n Diùc a' tighinn, 's bha e 'rùnachadh cath a 
chur air mar chuir e air Seanalair Hàlaidh. Ach bha mòran de 
'chuid daoin' air dol dhachaidh an dèigh blàr na h-Eaglais Bric le'n 
cuid creiche 's air son aobharan eile. Chumna cinn-fheadhna comh- 
airle chogaidh 's dh' èìgnich iad Teàrlach gu teicheadh do 'n taobh 
tuath leìs na bh' aige de fheachd, 's gu'm biodh e ni b' ullaimh fo 
dheireadh an earraich air son deannal a thoirt air an arm dhearg. 
Bha Teàrlach co ain-deònach air a dhol a tuath 's a bha e air Sasunn 
fhàgail. Ach b' èigin geilleadh do na cinn-fheadhna. Thriall an 



BLAR CHUIL-FHODAIR. 8 83 

t-arm Gàelach gu tuath air a' cheud là de cheud mhìos an earraich 
'n an dà bhuidhian. Ghabh aneachraidh an rathad mòr tre Mhon- 
tròs 'us Abaraidhean, 's na coisichean an rathad àrd tre Bhraigh- 
Màrr. Bha Teàrlach fèin air cheann na cuideachd so. Air an 
t-seatheamh là deug de'n mhios ràinig e Tigh na Mòidhe, mu thuair- 
eam sea mìle deug o lubhernis. Bha bain-tighearna Mhic an Tòis- 
ich ro dhìleas do aobhar Theàrlaich ged a bha 'fear 'san arm 
dhearg. Bha Teàrlach air son beagan làithean a chur seachad 
's an fhàrdoich so. Chuala Morair Loudon a bh' air cheann nan 
Gàel a bha dìleas do 'n rìgh, an iQbhernis, gu'n tàinig Teàrlach 
thun na Moidhe gun còmhladh ris ach prasgan beag dhaoine. Rinn 
am Morair air son Teàrlach a ghlacadh. Dh' fhalbh e le cuìg ceud 
deug fear gu tighinn air gun fhios feadh na h-oidhche. Ach chuir ban- 
charaid eigin teachdair à Inbhernis a dh' innseadh sin do 'n bhain- 
tighearna. Ghabhan teachdair aithghearra talmhainn, 'sbha e aig 
£k Mhòidb 'an trà gu'n do chuir a' bhain-tighearna gobha dubh na 
Mòidhe le seisear fear mar fhreiceadain timchioU air an tigh mu 'u. 
tigeadh baoghal thun a' Phriounsa. Chuir an gobha na daoine 's an 
' -rdugh a b' fhearr a ghabhadh deanamh. Cha b' fhada bha iad a* 
f eall-fholuch 'n uair a chualas piobaireachd an airm a' teannadh riu. 
'N uair a bha 'm pìobaire mu uidh' urchair gunna dhoibh loisg an 
gobha 'n urchair a bha 'na mhusgaid fcin, 's rinn càch an ni ceudna, 
's ghrad eirich e dheanamh sguilm dheas-bhriathrach mar a toirt 
^rduigh do na DbmhnuIIaich, Clann Chatain, 's na Frisealaich. Bha 
peileir air dol 's a' phìobair a bh' air thoiseach, a chuir an ceòl 'na 
thàmh. 'Shaoil leis ua Gàeil aig Loudon gu'm b'e Lochiall no fear 
eigin eile de na cinn-fheadhna bh' ann, 's ghrad phill iad air an ais a' 
saltairt air a cheile. Bha 'n oidhche co dorch' 'b nach bu lèir dhoibh 
cia lion a bh' air an tòir. Bha cuid anns an fheachd sin a chunnaic 
mòran cogaidh, ach a dh' aidich nach fac iad ruaig riamh co dòr- 
uinneach ri ruaig na Mòidhe. 'N uair a fliuair am Prionns' a chuìd 
daoine ri ch6ile bcagan làithean an deigh sud, chaidh c steach a 
dh' Inbbernis a thoirt a mach tòrachdna h-ionnsuidh a tliu;?adh air 



384 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

'an tigh na Mòidhe. Ach theìch am Morair a null air Port Cheasaig^' 
do Shiorrachd Rois, 's dh' fhàg e Inbhernis fo mheachainn a* 
Phrìonnsa fèin. 

2. Stad TJilleam, Diùc Chnmberland, beagan ùin' ann am Peirt^ 
'an dèigh do na Gàeil an taobh tnath thoirt orra. Bha 'n aimsir 
co fnar 's nach b' urrainn an t-arm dearg aghaidh a thoirt air 
beanntaibh na Gàeltachd. Ach an dèigh tearc sheachduinean 
thriall e gu Abaraidhean, a ràinig e air an t-seachdamh là deug 
de cheud mhìos an earraich. Mu'n àm so bha còmhnadh sluaigh 'us 
airgid air tighinn as an Fhraing gu Teàrlach. Thàinig an long a 
ghirilain iad gu Ceann Phàdruig. Thàinig tearc de na h-oifigich air 
tìr le rud de'n airgiod, ach mu'n do thàrr an còrr air tìghinn gu tìr 
bha Diùc Uilleam rompa. Chaidh pàirt diubh a ghlacadh 's an 
cnr do Lunuinn, 's phill an soitheach do'n Fhraing leis a' chuid eile, 
Goirid an dèigh sin chuir na Sasunnaich as an rathad soith- 
each eile d'am b' ainm " Prionns' Teàrlach," air bòrd an robh ceud 
gu leth fear feachd air son a' Phrionnsa, agus deich mìle Punnd 
Sasunnach. Bha long chogaidh ga ruagadh 's a' chuan a tuath, 
agus an dèigh ruith le cheile tre'n chaol, eadar Arcu agus tir-mòr, 
ruith na seòladairean an soitheach air tìr air tràigh Mhealnais, an 
Tunga Mhic Aoidh, 's chaidh iad fèin 's na saighdearan air tìr leis 
an airgiod. Thog iad orra do Inbhernis an là air-na-mhàireach, 
ach ghlacadh iad leis na Cataich 's le daoinibh Mhorair Mhic 
Aoidh, 'us saighdearaibh Loudoin a bh' air am fuadachadh anull do'a 
dùthaich sin. Chaill am Prionnsa mar so na daoine 's an t-airgiod. 
Air an ochdamh là de mhìos deireannach an earraich dh'fhàg Diuc 
XJiIleam Abaraidhean agus thriall e gu tuath, agus air a' chuig- 
eamh là deug ràinig e Inbher Narainn, far an do champaich an . 
t-arm an oidhche sin. B' e sin co-ainm là breith an Diùc, agus 
roinn e air gach saighdear 's an fheachd cuibhrionn arain 'us 
chàis 'us bhranndaidh, 's thòisich iad air fleadhachas. Bha càbh- 
lach a' leantuinn an Diuc ris an oirthir le biadh 'us deoch mar a 
dh'fheumadh an t-arm a chur air tìr. 



BLAR CHUIL-PHODAIR. 385 

3. Bba tròmlach feachd a' Phrìonnsa 'na luidh' 'an Inbhernis aig 
an àm so, agas ga mòr air a lagachadh le cuid diubh a bhi air 
sgaoileadh feadh na dùthcha mu'n cuairt a dh'fhaicinn an teagh- 
laichean, 's a thional bldh, 's air cheann seirbhis a' Phrionns' ann 
an caocliladh àitibh. Bha buidheann diubh air dol a Chataobh a 
sgapadh rèisimeid Loudoin, 's cha robh iad air piUeadli fathast. 
Bha Claainidh Mac Phearsoìu, le mìle de 'luchd-leanmhuinn agus 
an coimhearsnaich, air dol d'a dhìlthaich fèin air son gu'm biodh e 
ni b'fhusadh dhoibh beathachadh fliaotainn 'an sin. Blia dùil 
gu'm pilleadh iad so uil' 'au ùine ghoirid. Ach air a lagachadh 
's mar a bha feachd Theàrlaich rinn e air son là blàir a chumail ris 
an Diùc leis ua bh' aige de armailt. Agus leis an rùn sin tharruing 
€ mach am feachd à Inbhernis air feasgar a' cheathramh là deug, 
an nair a chual e gu'n robh an t-arm dearg a' dlùthachadh. Air 
an ath là thriall na Gàeil gu Druim Usaidh, dà mhil' an ear air 
Caisteal Chuil-Fhodair. Ged a bha 'm feachd deònach air Teàr- 
lach a leantuinn, gidheadh bha na h-oifigich an aghaidh dha blàr a 
sheasamh rìs an Diìic 's an staid 'san robh an t-arm; an dà chuid, 
beag 'an coimeas ris an arm dliearg, agus gann a bhiadh. Ach 
mar a bha'n t-olc 'an dàn do Theàrlach 's d'a theaghlach cha ghabh- 
adh e combairle nan oifigeach, aon chuid gu teicheadh rud beag 
gu taobh sam bith, 's dàil a chur 's a' bhlàr, no gu làthrach a rogh- 
nachadh a b* fhàbharaiche do na Gàeil,' s a bu nco-fheagaraiche 
do'n arm dhearg na Monadh Chuil-Fhodair. 

Fadheòidh, an uair nach gabhadh Teìlrlach seòladh sam bith ach. 
a thoil fein 's na nìthibh ud, rùnaich e, le còmhnadh nan oifigeach, 
ionnsuidh a thoirt air feachd an Diùc feadh na h-oidhche. Bha 'n 
t-àit* an robh e air campachadh mu dheich mll' o Chuil-Fhodair, 
Bha Tcàrlach agus Morair Seòras Muireach 'an dùil gu'n ruigeadh 
iad an t-àite sin roimh dhà uair *s a' mhaduinn, 's gu 'u cuireadh 
id an t-arm dearg thun na ruaigc gu furasda. Dh'fhalbh iad ma 
K'hd uairean a dh'oidhchc, ach blia'ntriall co mali le olcas an 
rathaid a gbabh iad, 's nach do rùinig iad gus an robh solus na 

SB 



386 EACHDEAIDH NA H-ALBA 

maidne gu briseadli. Cha robli maitli smiiaineachadli air tòiseach- 
adh air an arm dhearg an uaìr sin. Phill iad air an ais air a' 
cheum cheudna, gun dad ach an sgìos air son an turuis. Cha *n e 
mhàin gu'n robh easbhuidh codail 's mòran sgìos air an armailt air 
maduinn an là fhuiltich so, bha easbhuidh bìdh orra mar an 
ceudna. Chaidh cuid de'n eachraidh do Inbhernis a dh'iarraidh ùrach- 
aidh bìdh dhoibh fèin 's do'n ainmhidhibh. Luidh mòran diubh sìos 
air an achadh, air toirt thairis le sgìos 'us ocras; thòìsich cuid air 
glacadh 'us marbhadh bheathaìchean chaorach a bha 's a' choimh- 
earsnachd, 's ga'n deasachadh. Fhuair Teàrlach fèin beagan bìdh 
'us deoch 'an Caisteal Chuil-Fhodair. B' e so giullachd feachd a' 
Phrionns' air toiseach an là ainmeil ud, air an 16 de'n mhios. 

5. Chuala Teàrlach mu ochd uairean 's a mhaduinn gu 'n robh 
feachd an Diiic ri tighinn. Loìsgeadh urchair gunna mhòir an sia 
gu rabhadh a thoirt do na saighdearaibh tional as gach àit* an. 
robh iad. 'An ceann ghreis chunncas an t-arm dearg a' tighinn 
air aghart 'an òrdugh catha. Bhuaileadh gach druma 's eile gus 
na bha ri 'm faotainn de na Gàeil a chur an òrdugh. Cha robh 
ann gu lèir dhiubh ach cuig mile fear. Na 'm biodh Teàrlach air 
faotainn an fheachd gu h-iomlan cruinn, bhiodh naoi mìle aig' air a 
chuid bu higha. Bha e furasda gu leòr dha cath a leigeadh 
seachad an là ud, na 'm b'e sin a thoil. Mu 'n àm an robh an t-arm 
dearg faisg air an àit' a thogail mu'n coinneamh, bha feachd a* 
Phrionns' 'n an òrdugh. Chaidh iad 'n an dà chuideachd. Ghabh 
Morair Seòras Muireach comannda na ceud chuideachd, agus 
Morair lain Drumaind comannda na cuideachd eile. B* àbhaist 
do na DòmhnuUaich anns gach blàr o là Allt a' Bhonnaich a bhi 
aiif an làimli dheis. 'S aun air an làimh chli a chuireadh iad là 
Chuil-Fhodair, co dhiìibh is ami le meud na cabhaìg a thachair sin, 
's nach robh hin' ann gu bhi toirt cuid de na fineachai), sgapta mar 
bha iad, gu àìt' eil' ach far an do thachair do thròmlach a' chinn- 
idh a bhi aig an àm, no is ann le leth bhreth cuid de na h-oifigich 
a thachair e, ag iarraidh urraim na làimhe deis a thoirt do thrèibh 



BLAR CHUIL-FHODAIE. 387 

eìl* aìg nacli robh c roimhe sin. Ghabh na DòmhnuUaich so 
gu h-olc, *s bhagair iad nach deanadh iad car. 'N uair a 
bha 'n dà armailt mar so a tighinn gu maith dlìi air a chdile, 
shèld garbh fhras chlachan meallain direach an aghaidh nan 
Oàel. Thug iad oidhirp an sin air taobh an fhuaraidh fhaot- 
ainn air na Sasunnaich. Ach bha na Sasunnaich a' gluasad 
mu 'n coinneamh air sheòl 's nach bu chomasach dhoibh taobh an 
fhuaraidh fhaotainn. An dèigh greis chòmhstri mar so, thàinig 
an dà armailt a dh' ionnsuidh an dearbh shuidheachaidh 's an robh 
iad roimhe. Thòisich an cath le gunnaidhibh mòr' air gach taobh, 
mu uair an dèigh mheadhon là. Bha mòran aig an arm dhearg 
dhiubh sin a bharrachd air na bh' aig Teàrlach, agus bha'n cus- 
paireachd mòran ni b' fhearr. Loisg taobh a' Phrionnsa mu cheud 
urchair gun dad a dheanamh air an nàmhaid ach aon duin' a leòn- 
adh ; ach bha na gunnaidhean Sasunnach a' deanamh sgathadh 
uamhasach air na Gàeil 's bha iadsan a' fàs ro mhì-f hoighidneach 
nach robh iad a' faotainn òrduigh ruith mar a b' àbhaist an agh- 
aidh an nàmhaid. 'N uair a bha Morair Seòras Muireach ullamh 
gus an t-òrdugh a thoirt leum Clann Mhic an Tòisich air aghart 
thun an nàmhaid. Ach threòraich Morair Seòras air an aghart 
na rèisimeidean eil* a bh' air an làimh dheis diubh sin, 's bha iad 
thall aig an nàmhaid le ceum cabhagach ; ach anns an dol air agh- 
art fhuair iad làdaichean uamhasach de ghunnaidhean mòra 's de 
ghunnaidhean caola, lcis an robh an sreatha gu mòr air an tanach- 
adh. Chuir sin 'an tomhas as an òrdugh iad. Ach ghabh iad 
rompa 'sbhuail iad co cumhachdach a* cheud sreath de'n arm 
dhearg a choinnich riU 's gu 'n do ruaig iad an còrr nach do mharbh 
iad diubh air an ais gus an dara sreath. Ach sheas an dara sreath 
1 àite, 's an ddigh làdach a losgadh 'an eudan nan Gàel sheas 
l aca le 'ra b<5igileidibh. Rinn iad marbhadh uamhasach air a 
/•ile. nach robh na Gàeil ach tearc 'an ^ireamh a nis fhuar- 
!h Ihmh an uachdar orra. Bha stad air a chur air neirt a chatha 
le 8ud fèin. B' e àireamh ro thearc de *n chuideachd ud a f huair 



388 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

air an ais le 'm beatlia. Bha na DòmhnuUaicli air an làimh chli a* . 
faicinn so uile gun ghluasad air an taobh fèin. 'N uair a chunn- 
aic iad gu 'n d' fhuaradh làmh an uachdair air an làimh dheis gu 
buileach, tharruingiad air an ais thun na darabuidhn' a bha fagas 
doibh air an cùlaobh. Chaidh Fear na Ceapaich, an ceannard, air 
aghart le prasgan beag, ach mharbhadh e. Ach 'n uair a fhuair 
Diùc Chumberland na sreathan a bhriseadh 'na fheachd fèin air an. 
deanamh suas le saighdearaibh eile, thug e òrdugh do 'n each- 
raidh feachd a' Phrionns' a' chuairteachadh o 'n taobh chùiL 
'Nuair a thuig na Gàeil so, thionndaidh iad air falbh gu teich- 
eadh. Bh' oidhirpich Morair Elcho a thoirt air Teàrlach e ga 
chuir fèin air ceann na bha slàn fathast de 'n f heachd 'us ionn- 
suidh a thoirt air an dara ceann de armailt an Diiic. Ach thug 
Sheridan agus Sulibhan air gun sin a dheanamh. Bha làmk 
dheas 'us chli an airm a nis air tionndadh an cbl air an nàmhaid 
agus air teicheadh. Agus rug Sulibhan air srèin an eich aig 
Teàrlach gus a threòrachadh air falbh dheth 'n àraich. 

6. Bha 'bhuaidh gu h-iomlan air taobh an airm dheirg. Cha^ 
do mhair a' mhire-chath ach mu dhà fhichead mionaid. Theick 
feachd a' Phrionnsa 'n an dà bhuidhinn, aon diubh gu deas, seachad 
air uisge Narainn, agus an aon eile gu bail' Inbhernis. 'N uair a. 
fhuair an eachraidh Sasunnach 'an òrdugh, an dèigh troimha 
chèil' a' bhlàir, lean iad 'n an dà bhuidhinn an dèigh nan Gàeh 
Ràinig buidheann diubh sin am beul-àth 'an uisge Naraiuu 's sheas 
iad roimh na Gàeil gus an cumail air an ais. Chaidh a' bhuidheann 
eil' air tòir na muinntir a ghabh rathad Inbhernis. Bha eagal aca 
roimh'n mheud de'n armailt 's a lean dlùth ri chèile 's an ruaig; 
ach ghearr iad sios mòran de 'n fheadhainn a bha dol air leth o 'n. 
mhòr chuideachd, 's mharbh iad cuid de shluagh na dtithcha, aig 
nach robh armachd idir, a thàinig le neònachas a dh' fhaicinn a' 
bhlàir. Cha d' rinn eachraidh a' Phrionns' a bheag sam bith a 
dhion do 'n fheachd aon uair 's gun do theich iad. A' chuid diubh 
nach do mharcaich air falbh còmhladh ri Teàrlach fèin, ruith iad 



BLAR CHinii-FHODAIB. 389 

air falbh, gu iad fèin a dhionadh. 'N uair a ràinig na coisichean 
a ghabh gu deas uisge Narainn, bha *n eachraidh Sasunnach air 
faotainn rompa, 's na 'n seasamh's a' bheul-àth gus an cumail air an 
ais. Ach bha luchd nam breacan co colgail, neo-sgàthach, a' tighinn 
air an aghart's gu'ndo rinn na Sasunnaichbeàrna 'n an reang troimh 
na leig iad seachad iad gun ghrabadh. Ach thug aon trùpair 
ionnsuidh air fear de 'na Gàeil a chumail air ais an dèigh chàich. 
Thog an Gàel a chlaidheamh air a ghualainn 's thug e 'n trùpair 
gu talamh leis an aon bhuille. Cha d' fhoghainn leis a bheatha 
thoirt air falbh, ach chròm e os a cheann gus an t-uaireadair òir a 
spionadh dheth 's a chur 'na' phòcaid fèin. Bha na trùpairean eile 
gabhail alla ri tapachd an t-seòid so gun ghrabadh sam bith a chur 
air, mu 'n dìiisgeadh iad fearg na cuideachd lionmhoir eil' a bh' air 
thoiseach air. 

7. Cha d' fhuaradh a mach riamh, le cinnteas, fior àireamh na 
chaidh a mharbhadh 'am blàr Chuil-Fhodair. A rèir a' chunntais 
a chuir seirbhisich an righ a mach cha do mharbhadh de 'n arm 
■dhearg ach mu leth cheud fear, agus mu dhà cheud 'us trì fichead 
a leònadh, Agus bha cuid a' deanamh a mach aig an àm gu'n do 
chaill na Gàeil mu dhà cheud deug gu leth ; b' e sin ceithreamh 
earann na h-àrmailt, agus gu'n robh so a filleadh a' stigh ann na 
mharbhadh air an ruaig agus na mhort saighdearan an Diùc de 'n 
mhuinntir leònt' 'am fuil fhuair an dèigh a' bhlair. Tha e gus an 
-diugh, 's bithidh anns gach linn, sgreataidh ri leughadh na dhòirt- 
^adh de fhuil nan Gàel leònta le òrdugh Dhiùc UiUeim 'an dèigh 
'X bhlàir. Fad thrl là bha 'chuid saighdearan a' tional ri chèile na 
gheibheadh iad de dhaoine leònta 's a choimhearsnachd agus ga 'n 
' ;usgradh na 'm ficheadaibh 's an aon àite. 'An ddigh am peileir a 
-chur annta bha iad a' cur nan eanchainnean asda le stoc a' ghunna. 
Bha clcachdadh Dhiùc Uilleim 's na h-uile ni eil' a rèir so 'an 
-ddigh a' bhlàir. Thug na h-Albannaich am Feòladair air mar 
fhrith-ainm air son co cìocrach 's a blia e gu fuil a dhòirteadh, 
'adh' aidicli a luchd dhthcha f{tin gu 'n robh an t-aiiim freaij'arrach. 



390 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

Fhuair e sealbh air mòran de threathlaich ch ogaidh Theàrlaich ; 
agus ghlacadh àireamh de 'chuid bhrataichean air an àraich, a 
chaidh a chur gu ruig Duneidin agus a losgadh leis a chrochadair 
aig crois a' bhaile. 

Chuireadh iomadh blàr 'an Alb' a b' fhuiltiche na blàr Chuil- 
Fhodair, eadhon leis gach brùidealachd a thaisbein an Diù^ 
'an dèigh an là. Ach cha do chuireadh blàr riamh ann, mur 
robh AUt a' Bhonnaich 'na aonar, is mò ris an robh an urra, 
's is mò a thàinig 'na lorg, na blàr Chuil-Fhodair. Bha mis- 
neachd an t-sluaigh, feadh Bhreatuinn uil' air tuiteam gu h-ana- 
barrach leis an tomhas de shoirbheachadh a bh' aig Teàrlach 's an: 
dà bhlàr a chuir e roimhe sud, 's na 'm biodh am fear so air dol 
leis, bha 'rèir coslais, an rioghachd air dol gu mòr troimhe chèile. 
Ach 'n uair a chaill e là Chuil-Fhodair co buileach, bha sluagh na. 
rìoghachd mar mhuinntir a fhuair saorsa o eallach ro thròm» 
Ach 's e rinn mòr là Chuil-Fhodair gu h-àraidh, aig an àm ud agus> 
o sin a mach gu bràth, gu'n robh dòchas teaghlaich nan Stiùbhart- 
ach gu h-iomlan 's am feasd air a ghearradh as. Fhuair 'us ghabh 
Diùc Uilleam uiread de chothrom air a' Ghàeltachd an dèigh an là- 
ud, 's gu 'n tàinig e gu bhi 'na ni eu-comasach gu'n èireadh a. 
leithid de cheannairc tuilleadh air taobh nan Stiùbhartach. 

8. Theich Teàrlach dheth 'n àraich le àireamh maith eachraidh. 
Chaidh iad a null air uisge Naruinn aig àth na Fàile, mu cheithir 
mìl' o Chul-Fhodair. Sheas iad an sin tacan air cnoc, a' cur an 
eomhairle ri 'chèile mu ciod bu chòir a dheanamh. Chomhairlich 
Da h-oifigich do'n Phrionnsa na ghabhadh deanamh a thional ri. 
chèile de'n fheachd, agus iad a thoirt nam beann orra, far am 
feudadh siad iad fèin a dhìonadh o fheachd sam bith a b' urrainu 
an righ a chur 'n an aghaidh, gus an nàisgteadh an t-sith gu 
h-onarach 's gu fàbharach dhoibhsan, mur faigheadh iad còmh- 
nadh tuilleadh o'n Fhraing no 'n Spàinn. B' i so gun teagamh 
an aon chomhairl' a bha ceart, agus a rèir coslais, a bhiodh soir- 
bheachail dhoibhsan, agus feumail do'n luchd dùthcha na'm biodK 



BLAE CHUIL-FHODAIR. 391 

iad air a gabhail. Ach mar a bha Teàrlach misneachail thar 
tomhais air maduinn an là; uamhasaich so, bha e thar tomhais 
ana-misneachail air an fheasgar. Cha robh e 'faicinn teàrnadh 
ann dha fèin, ach le teicheadh gu taobh 's iar na Gàeltachd, agus 
à sin do 'n Fhraing, far am faigheadh e tuilleadh sluaigh a bheir- 
eadh deannal eil* air an arm dhearg. Chuir e uaith an eachraidh 
*s a chàirdean uil' ach seisear no mòr-sheisear; 's leò sin chuir e 
'aghaidh air taobh 's iar Alba. Bha 'chuid a bha cruinn de 'n 
fheachd gu fuireach ann am Bàideanach gus an cluinneadh iad 
uaith 'an dèigh sin. An uair a chuir Teàrlach a chìil ri 'luchd 
leanmhuinn air an dòigh so, clia robh còmhladh ris de na Gàeil 
ach aon duiue d'am b* ainm Imhear Burc, a bha greiseag 'na Phor- 
tair sràid 'an Duneidin, agus aig an robh beagan Beurla. Bha e 
so gu bhi 'na fhear-iùil do 'n Phrionns' air feadh nan garbh 
chrioch. Threòraich Burc am Prionnsa gu Gortulaig, far an robh 
^Morair Lòbhat, no Mac Shimidh, mar a theireadh iad ris, a' tàmh- 
achd aig an àm. Cha do choinnich am Prionns' agus Mac Shim- 
idh riamh gu so, ach chuir e iomadh teachdaireachd a dh' ionn- 
suidh Theàrlaich o thàinig e dh'Alba. Cha robh ceann feadhn 
eil' ann co lùbach ri Mac Shimidh. Bha e nis 'na fhior sheann 
duine; egus bu bhodach eadar dhà cheathairn e da rireadh. 
Bhiodh e leis an righ, 's bhiodh e leis a' Phrionnsa. Thug e air 
a mhac èiridh 'an aobhar Theàrlaich. Cha robh a' cheud choinn- 
eamh so gle thaitneach ; ach co dhiìi f huair Teàrlach 's a chomh 
luchd turuLs biadh 'us deoch 'am fàrdoich Mhic Shimidh, agus an 
dèigh sin ghabh iad an turus gu Inbher-Garaidh. Cha robh aon 
chuid biadh no àimeis 's an teach a bha 'n so, agus choidil iad air 
an làr 'n am breacanaibh, mar a bha iad sgith 'an ddigh dà fhich- 
cad mile choiscachd. 'An d(5igh iasg geal a ghlac iad 's an amh- 
ainn a dheasachadh, thog iad orra mu mhcadhon an ath là gu 
Glcann Peighinn, ri taobh Loch Arcaig, far an do chuir iad 
scachad an oidhche 'an tigh Dhòmhuill Chamshroin. Chuir Teàr- 
lach litir d so do Bhàidcanach thun nan ceann feadhii', iad a 



892 BACHDRAIDH NA H-ALBA 

sgaoileadh o chèile, 's deanamh air an son fèin mar a b* fhearr a 
dh'fheudadh iad. B' èigin do na fògarraich bhochd an cuid each 
fhàgail 'an Gleann Peighinn, agus triall d'an cois gu Meàth PoU, 
agus sin gu Gleann Biasdail, faisg air an àit' an tàinig Teàrlach 
air tir an toiseach. Dh'innseadh dha a nis gu 'n robh luingeas 
Shasunnach 's a' choimhearsnachd air son a ghlacadh. Ach 
thairg tighearn òg Chlann Raonail agus càirdean eil' àite foluich 
a thogail dha anns nach bu chomasach do nàmhaid sam bith a 
lorgachadh. Ach cha 'n f hanadh e idir air tir-mòr, rùnaich e dhol 
a mach air feadh eileanan Innse Gall, gus e fèin a chleth 'na 
measg sin. Fhuaradh lorg air fear DòmhuU Mac Leòid a mhuinn- 
tir an eilein Sgiathanaich a bha air bith am Barraidh ag iarraidh 
suim airgid a thàinig air tìr thun a' Phrionns', air son a bhi nis 'na 
fhear-iìiil dha feadh nan ceàrnan sin. Fhuaradh ochd-ramhach bàt* 
'an uidheam ; chaidh Teàrlach 's a luchd-leanmhuinn air bòrd, 
*s mòr-sheisear sgiobaidh, air an t-seatheamh là fichead de'n mhios. 
An dèigh gach ni fhaotainn uUamh chomhairlich Dòmhull do 'n 
Phrionnsa fuireach an oidhche sin, a thaobh coslas ro ghailbheach. 
a bhi air an oidhche. Ach cha 'n f hanadh Teàrlach car aon oidh- 
che ged a rachadh e fèin 's na bha còmliladh ris do 'n doimhne. 
B',èigin falbh. B'e Dòmbull an stiìiireadair. Agus mar a dh' innis 
e roimh làimh, thàinig an oidhche gu bhi doinionneach da rìreadh. 
Bha e ag ràdh'gu'm b' i sud an oidhch' ab' eagalaich, a bha e riamh 
air Chuan Sgith, ged a bha e gu tric air ais 's air aghart eadar 
mòr-thir 'san t-Eilean Fada. Ach 'n uair a shoiUeirich an là fhuair 
siad iad fèin air oirthir Uidhist. Chaidh iad air tìr ann an Rois- 
innis 's a' Bheinn Mhaol. Bha ceithir peicean de mhin choirc aca 
's a' bhàta. Ghlac iad bò a ghrad spad iad, 's dheasaich iad pàirt 
de 'feòil. Mar sin rinn iad rian air a' cheud bhiadh a ghabhail 'san 
eilean so. 

9. Dh'fhan Ditic UiUeam beagan sheachduinean 'an Inbhernis 
'an dèigh là Chuil-Fhodair. Ach mu mheadhon ceud mhìos an 
t-samhraidh chaidh e suas do Chille-Chuimein, gu bhi ni b' fhaisg 



BLAR CHUIL-FHODAIB. 393 

air dìithaich nan Seumasach. Bh\ armailt a' Phrionns* an dèigh 
an daingneach a bha 'n sin a leag.t Ih gu làr, agiis b' digin camp a 
dheanamh air son an airm dheirg. A so thòìsich an Diùc a' cur 
a mach buidhnean shaighdearan fcadh na dùthcha mu'n cuairt, a 
"bhuineadh do na ciun fheadhn a dh'èirich le Teàrlach, a' losg- 
adh 's a chreachadh, 'sa ghlacadh. Bha na neo-chiontaich, co maith. 
ris na ciontaich, a* fulang call le bhi losgadh an tighean, 's a toirt 
uir falbh an cuid sprèidhe. Bha dùil aig Diìic Uilleam gn'n glacadh. 
aon de na buidhnean ud am Prionnsa fèin, agus mar nach robh e 
air son fhaicinn beò, thug e òrdugh gun iad a dheanamh phrìos- 
uuach idir, a bha 'filleadh ann gur h-ann a mharbhadh iad na 
h-uir a bha coslach ri bhi da rireadh 's a' cheannairc. Agus uaith 
fc;o chaidh mòran a chur gu bàs gu neo-chiontach air son iad a bhi 
teicheadh o na saighdearaibh. Ach bha cuid de na h-oifigich nach 
tug ùmhlachd do 'n òrdugh so agus a thug a steach mòran phrìos- 
unach. 'N aair a lionadh priosunan an taobh tuath leò sin, 
thòisicheadh ga 'n cur a Lunuinn air soithichibh mall, mì-ghoìr- 
easach. Bha mòran de 'n t-sluagh sin a' bàsachadh air an taisdeal 
leis an droch ghiullachd a bha iad a' faotainn, 's cothrom aig na 
Bcòladairibh an toil fdin a dhcanamh riu. Rinneadh àireamh mòr 
de *n t-sluagh chumanta 'na 'm priosunaich, ach cha do thuit de 
na cinn-fheadhn 'an làmhaibh au luchd riaghlaidh ach seachdnar, 
— larla Chròmpa, larla Chilmàrnoc, Marcus Thulibàrdin, a thàinig 
a nall còmhladh ri Teàrlach, Morair Morèna, agus Morair Lòbhat, 
agus Mr lain Muireach, an Rfin-Chldireach. Fhuair a chuid eile 
dc na cinn fheadhn' air tcicheadh gu cèin thiribh fa leth na Roinn- 
Ebrpa, no air iad fèin f holuch 's a' Ghàeltachd gus na nàisgeadh an 
t-sith. Bha Alb' uile, gu h-àraidh a* Ghàeltachd, air a cuairteach- 
aih le càbhlach gus na h-uile fear-fuadain a b* urrainn iad a ghlac- 
adh ; agus thog na cinn-fheadhna 'bha dileas do 'n rìgh an cuid 
dioine gus na fÒgarraich a choinneachadh anns gach ceàrna de 'n 
tir air an tugadh iad aghaidh. Agu.s b* iongantach a chaìdh duin' 
idir dhiubh as. Air .s^ii na chaidh a thlon.il de chreich le saigh- 



394 EACKDRAIDH NA H-ALBA 

dearaibh an Dihc, cha robh cunntas idir ga chumail air. Bha^ 
maoin nan dùthchanna fa leth 's a* Ghàeltachd, aig an àm ud, a' 
comh-sheasamh, cha mhòr gu h-iomlan, ann an sprèidh. Agus 
'an àm an t-samhraidh, bha 'n tuath, cha mhòr gu h-iomlan, 'an 
urra ris an sprèidh air son cumail suas. Agus bha mòran diubh 
a' bàsachadh leis a' ghort 'n uair a thugadh uatha gach creutair 
gluasadach a dheanadh feum do dhuine. Bha sprèidh co lìon- 
mhor air an tional gu coimhearsnachd Chille'Chuimein, 's gu 'm 
biodh air uairibh dà mhile mart air an aon dròbh ; 's ceithir chos- 
aich eile rèir sin. Thàinig dròbhairean à Sasunn le sporanaibh 
troma 'cheannach na sprèidhe so. Bhiodh mart no each air leth- 
chrun, 's caoraich 'us gabhair a rèir sin. Bha 'n Ditic a' roinn au 
airgid so air na buidhnibh a bha trusadh na sprèidhe. Bu co lòm 
an lèir sgrios a rinn iad air na ceàrnaibh ud 's gu bheil neach a> 
"bha 'na shùil fhianuis air na thachair a' sgriobhadh gu 'm feudadh. 
duine leth cheud mìl' fhalbh gun duine, gun ainmhidh, gun tigh 
fhaicinn, ach làthrach loisgte. Ged a bha fulangais an t-sluaigh 
tròm, cha d' èirich a dheanamh dioghaltais air na saighdearaibh 
air son sud uil', ach seachdnar cheathairneach Ghlinn Moiristoin* 
Binn iad sin iomadh creachadh air na creachadairibh. Bha iad 
air iad fèin a cheaugal ri chèile le mionnaibh nach dealaicheadk 
iad ri chèile, 's gu'n seasadh iad a mach gus an tigeadh an t-sìth^ 
Bhiodh iad air uairibh a' dol roimh na saighdearan an àite 
cumhang 's a losgadh làdach no dhà na measg, agus an sin a' dol 
air ais leis an sprèidh gus an àit' o 'n tugadh an toiseach iad. 
Dh' fhalbh an Diiic à Cille-Chuimein air an ochdamh là deug 
de mhiosdeireannachan t-samhraidh's thàinig rud-eigin lasachaidh 
an dèigh sin air obair a' chasgraidh 's a' chreachaidh. 

10. 'An ceann beagan làithean'an dèigh do Theàrlach 'sdo 
'luchd coimhideachd tighinn air tir 's a' Bheinn Mhaol, rùnaich 
iad a dhol do Steòmabhagh a dh'iarraidh soithich anns am faigh- 
eadh am Prionns' a null do 'n Fhraing. Air an taisdeal sin, mu'n 
gann a bha iad leitheach slighe shèid a' ghaoth gu stoirmeil, agu& 



i 



BLAB CHUIL-FHODAIR. 395 

b* èigin doibh dol air tir 'an eilean Scalpaidh, mu choinueamli 
Tairbeart a 's ear na h-Earadh. Bha Dòmhull Mac Leòid eòlach 
air Dòmhull Caimbeul, tuathanach an eilein, 's threòraich e 'phàirt- 
idh gu tigh an duine sin. Chuir siad iad fdin fo ainmibh eile; 
b' e Sulibhan athair a Phrionnsa; bu chcannaichean Arcach iad 
a chaill an loog air an Du-Irtich, air taobh 's iar Ile, agus bha iad 
a' dol a Steòrnabhagh gu soitheach fharadh a bheireadh dbach- 
aidh iad. Thug an Caimbeulach a bhàta fèin 'an iasad do Mhac 
Leòid gu dhol air an turus sin, 's gu'm fanadh càch far an robh 
ìad gus an cluinneadh iad uaithe. Air an treas là de 'n Mhàigh 
thàinig fios gu'n do shoirbhich le Dòmhull, 's ghluais na falbhau- 
aich uil' air an turus; ach mar a b' àbhaist shèid a' ghaoth gu doin- 
inneach *an aghaidh Theàrlaich, 's an àit' a dhol timchioll na Pàirc* 
air a' mhuir, b' èigin da gabhail a steach gu Ceann Loch Shi- 
Phort, agus coiseachd tarsuinn a' mhonaidh gu ruige Steòrna- 
bhagh, a bha còrr 'us fichead mil' uaithe, feadh oidhche fhliuich, 
dhuirch. Mu mheadhon an ath là ràinig a' phàirtidh Rudh' 
Aranais air bun Loch Steòmabhaigh, 's chuir iad fios gu Mac Leoid 
e thighinn thuca le biadh. Ghreas an Leòdach gu sin a dliean- 
amh, *8threòraich e iad gu tigh bain-tighearna Chill-Duinn, abha 
tùineachadh/an Aranais aig an àm. Chuir am Prionnsa 's a chàird- 
ean an oidhche seachad 'an siu. Ach air do Mhac Leòid pilltinn 
do Steòrnabhagh, fhuair e mòran de mhuinntir a' bhaile fo 'n arm- 
achd, air dhoibh a chluinntinn o mhinisteir Uidhist gu an robh am 
Prionns' air tighinn le feachd lionmhor a ghlacadh 's a chreachadh 
a' bhaile. Auns a' chàs so cha d' àicheadh Dòmhull nach robh am 
PrioDDs' air tighinn, ach ars esan 's beag a tha'dh' iomradh aig air 
tigh no bail' a ghlacadh. 'N uair a thuig na Leòdhasaicli mar 
bhà, thuirt iad nach robh iad air son cron sam bith a dheanamh 
air a' Phrionns' ach e bhi falbh. Feudar ainmcachadh an so gu'u 
robh Mac Coinnich òg, mac an fliir a leònadh 'an Glcann Seile, air 
igurablii 'na Sheumasach, agus aira' cliuid fcarainn fhaotainn air 
aiiio'n chriiD. Chuir e fios air na Leòdhasaich roimhe sud gu 



396 EACHDRATOH NA H-ALBA 

Tuige Brathain gu dhol a chogadh. 'N uair a thuig iad gur h-ann 
:an aghaidh a' Phrionns*, cha deigheadh iad idir ann. Phill iad 
dhachaidh. 

1 1 . Cha 'n f haigheadh Teàrlach a nis duin' a dh'f halbhadh leis. 
Bhris an sgiobair ris na chùmhnantaich Mac Leòid an còrdadh, 
air eagal gu'm biodh e air a ghlacadh leis an luingeas Shasunn- 
ach ; 's cha robh maith a dhol a labhairt ri duin' eile mu'n ghnoth- 
11 ch. Mar sin b' èigin do Theàrlach 'aghaidh a chur air fairge le 
bàta beag a' Chaimbeulaich. Bha e 'rìinachadh cumail thun na 
icQÒr-thir; ach mu'n deachaidh iad fad air an ag hart chunnaic iad 
dà luing a' tighinn 'n an coinneamh, 's ruith iad suas gu bun 
Loch Shì-Phort, 's chaidh iad air tìr 'an eilean Shi-Phort, anns 
nach robh ach tearc de iasgairean a' fuireac h, agus a bha caoin- 
eachadh an cuid èisg air au leacaidh an uair a chunnaic iad am 
l)àt' a' tighinn gu tìr. Shaoil leis na h-iasgairean gu'm bu luchd 
preasaidh a bh' annt' a chuir an dà luing ud uatha, 'sthug iad an 
■casan leò, a' f àgail an cuid èisg air an sgaoi Itich. Chòmhnuich am 
Prionnsa 's a luchd leanmhuinn ceithir làithean air an eilean aon- 
aranach so, anns a' bhothaig a bh' aig na h-iasgairibli, agus seòl a' 
bhàt' air a sgaoileadh thairis orr' air son dion. Bha iad a' deas- 
achadh am feumalachd de'n iasg chaoin, agus bha bain-tighearna 
-Chill-Duinn an dèigh bò a reic riu, agus pailteas siùcair 'us 
branndaidh a thoirt doibh a nasgaidh, agus beagan de mhin 
<;hoirce, nithe a bha ro fheumail doibh aig an àm. Air an deich- 
-eamh là de'n Mhàigh sheòl iad air aghart do Uidhist. Thaghail 
iad 's an eilean Ghlas, no Scalpaidh mar theirear ris a nis, gu 
Dòmhull Caimbeul a phàigheadh air son a' bhàta. Bha ceathrar 
dhaoine gà 'm feitheamh mar bha iad a' dol gu tìr. Chuireadh 
Imhear Burc a bhruidheann ris na daoinibh so, ach ciod a bh' air 
an aire. Thuig Imhear gur h-ann air son am bàta a ghlacadh a 
bha iad, co luath 's a thigeadh i air tir. Ghrad leum e steacb, 
's shàth e mach o 'n laimrig i mu'n do thàrr na h-eascairdean 
grèim a dheanamh oirre. Mar a bha iad ag iomradh 's a seòladh 



snas 



BLAR CHUIL-FHODAIR. 397 



oirthir na h-Earadh bha na luingeas Shasunnach a dlùthach- 



adh riu, 'sa cur eagail orra; 'sb' èigin a bhi dol a steach do na. 
geothachaibh ga 'm foluch fèin. Tha luchd eachdraidh na codack 
so de thurus a' Phrionnsa, le aon ghuth ag innseadh nach robh 
boinn' uisg' ac' air bòrd 's a' bhàta, 's gur i dràmag air mhear shàl 
'us min choirc an dinneir a bh' aca. Ach 's e 'n aon reuson is 
urrainnear a thoirt air son sud, eagal am beath' a bhi orr', a dhol 
air tir 'an àite sam bith eadar an Tairbeart 'us Ròghadal, oir 's gann 
a tha ionad 's an uidhe sin anns an tugadh iad sròn a' bhàta gu tìr 
nach faigheadh iad pailteas uisg 'ann. An dèigh caol theàrnadh 
iomadh cunnart, chaidh luchd a' bhàta steach do Loch Uisge- 
bhaidli 's a' Bheinn Mhaol. Chaidh iad gu bothan àiridh a sin a 
bha trì mìl' o'n chladach, far an do stad iad beagan làithean. 
Chuir Teàrlach fios a sin gu seana Mhac 'ic Ailein a bha chòmh- 
nuidh 'an Uidhist, gu'n robh e air teachd gu 'choimhearsnachd,^ 
agus air dhroch càradh. Thàinig an duin' uasal sin air ball a 
dh' amharc Theàrlaich, 's thug e feumalachd bidh 'us eudaich da 
ionnsuidh. 'An ceann là no dhà bha bothan grinn air ullachadh 
do'n Phrionns' ann an Gleann Criibasdail, 'am meadhon Uidhist a' 
chinn a deas, far an robh e gu comhfhurtail fad dhà sheachduin. 
Bha cur seachad na'h-ùin' ag iasgach 's a' sealg. Bha Mac 'ic 
Ailein 's a* bhain-tigheam gu tric a' tighinu ga amharc; agus thug 
iad dha dà fhear dheug a bha ghnàth air freiceadain mu'n tigeadh 
eascaraid am fagas. Ach air do oifigich an righ cinnteachd fhaot- 
ainn air gu'n robh e 'san Eilean Fhada, chuireadh uiread de 
shaighdearan 's de luchd rannsachaidh air tir an Uidhist, 's bha e 
air a chuairteachadh leò air gach làimh co mòr 's nach b' urrainn 
e fuireach ni b' fhaide 's a' ghleann ud. Air a' cheathreamh là deug 
de mhios meadhonach an t-samhraidh, chaidli e fè'm 's a hichd 
leanmhuinn do 'n bhàta, 's fad cheithir là deug eile bha iad air an 
ruagadh o shliabh gu tràigh leis na nàimhdibh co dian 's nach robh 
ac' ach caol theàmadh gach uair dc 'n là 's de 'n oidhche o thuiteam 
'n an làmhaibh. Air a' cheathramh là fichead b' 6'mìii dealachadh 



398 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

ri Mac Leòid 's ris gacli caraid dealaidh eil' ach Neil a mhàìn. 
A rdir coslais b' ann air an oidhche sin fèin a threòraich Neil 
am Prionnsa gu bothan àiridh anns an robh Fionghall Dhòmh- 
nuUach gus a choinneachadh. Bu nighean Fionghall do sheann 
fhear Baile Mhuilinn. Bhàsaich a h-atbair 'nuair a bha i na 
leanabh, 's phòs a màthair a rìs Uisdean Dòmhnullach, fear Arma- 
dail'san Eilean Sgiathanach. Bha Uisdean DòmhnuUach 'na 
cheannard air aon de na buidhnibh a bha nis 'an Uidhist air tòir 
-à Phrionnsa. B' ann còmhladh ri 'màthair bu trice le Fionghall a 
bhi 'fuireach ; ach bha i air tighinn a nall a dh'amharc a bràthar 
aig an robh Baile Mhuilinn, 's d'am buineadh an àiridh 'san robh 
i 'n oidhch' ud. Chunnaic Neil an ribhinn so ann an Orm- 
acleit, 'an tigh Mhic 'Ic Alein 's tha cuid ag ràdh gu 'n robh 
comh-chòrdadh eadar esan 'us i gu 'n coinnicheadh i *m Prionnsa 
'san àiridh ud air a leithid sud a dh'oidhche. 'S ann mar sud a 
T^ha. 'N uair a ràinig Teàrlach agus Neil an àìridh chaidh 
Neil a dh' fhaicinn co bha stigh ; 's thuirt e ri Fionghall gu 'n tug 
e caraid ga h-amharc. Dh'fheòraich ise am b'e'm Prionnsa? 
Thuirt . Neil gu 'm b' e. Thug Neil 'an sin a steach am 
Prionnsa, a dh'fhàiltich Fionghall, 's fhuair e fèm 's a 'charaid an 
t-àite suidhe b' fhearr a bha stigh. 'An dèigh comh-pàirteach- 
adh de mhèìs bhainne 'sghruith, chaidh còrdadh a dheanamh 
eatorra gu'n tugadh Fionghall am Prionns' a mach do 'n Eilean 
Sgiathanach 'an riochd mnà muinntir gu tigh a màthar. 

12. 'An dèigh iomadh grabadh 'us cunnart nach urrainn sìnn 
aìnmeachadh, fhuair Fionghall litir cead-siubhail o 'h-oide, air a 
son fèin 's air sonta mnà muinntir, Beti Burc, an t-ainm a bha'm 
Prionnsa gu f hreagairt ; agus litir eile bha Beti Burc gu ghiùlan 
gu bean an tighe mar theisteanas, ag innseadh gu'n robh i maith 
sàr calanas, 's air nithibh mar sin. Chuireadh trusgan bainionn 
mu Theàrlach air feasgar an ochdamh là fichead de'n mhìos, agus 
mu chiaradh na h-oidhche sheòl iad o'n Bheinn Mhaoil. B' èigin 
do 'n Phrionnsa dealachadh ri Neil an sud. Cha leigeadh 



BLAE CHUIL-FHODAIB. 399 

Fionghall a skacli air stoc an eithir e, o*n a bu Ghall e, air eagal 
gu'm brathadh c iad 'n an tigeadh baoghal air bith 'n an caraibh. 
Bha Nial Mac Eachaìnn, comhalta do Mhac lc Ailein, aig Fion- 
ghall fèin mar ghille freasdail. Ma mheadhon là na Sàbaid, an 
naoidheamh là fichead de*n mhios, chaidh iad air tir *s a' Chamus 
!Mhòr 'an CiUe-Mhuire Thròtarnais, faisg air tigh Mhòghstard, a 
bhuineadh do Shir Alastair Dòmhnullach. Chaidh Fionghall 'us 
Nial suas gu tigh Mhoghstard, a* fàgail Bheti Burc air a* mhoL 
Ged a bha ceannard aon de na buidhnibh rannsachaidh a stigh 
roimpe, fhuair i rian air a' ghnothuch innseadh do 'n bhain-tigh- 
earna. Bha Sir Alastair 'an CiUe-Chuimein còmhladh ris an Ditic. 
Thachair do Mhr. Alastair Dòmhnullach, fear Chinnse-Borgh, 
Siamarlan Shìr Alastaìr, a bhi am Mòghastard aig an àm. Bu 
deadh charaid esan do'n Phrionnsa. Cha 'n fhanadh an Siamar- 
lan ri *dhinneir. Thug a' bhain-tighearna dha dòrlach bhrioscaid- 
ean 'us botal beag fion* air son lòn siubhail. 'S e rinn an Dòmh- 
nullach còir an cladach a thoirt air 'sbiadh a thoirt do Bheti 
Burc; agus an ddigh sin am falbhanach sgith a threòrachadh gu 
thigh fèin 'an Cinnse-Borgh. Dh' fhan Fionghall 's Mac Eachainn 
ri 'n dinneir 'san tigh mhòr; an ddigh sin mharcaich iad còmhladh 
ri dithis no thriùir eile, mar gu'm b' ann dachaidh. Ach dhealaich 
iad riu sud agus chaidh iad do Chinnse-Borgh, an oidhche sin. 
'N uair a shuidh Teàrlach gu 'shuipeir, bha Fionghall air a dheis, 
agus bean Chinnse-Borgh air a thoisgeul. Choidil Teàrlach deich 
tiairean a thim 'an Cinnse-Borgh. Ach b* èigin falbh leis do Phort- 
Tigh an ath là. Bha solarachadh air a dheanamh air son fhaot- 
ainn do eilean Rasaidh an oidhche sin. Dli' fhàg e tigh Chinnse- 
Borgh 'san trusgan cheudn' anns an tàinig e aun. Ach cheangail 
fear an tighe deadh dheise Ghàelach ann an neipicin, a thug e leis 
fo achlais gus an d* ràinig iad bad coille nach robh fad as; agus an 
sin mhhth am Prionns' cudach. Lcig fcar Chinnse-Borgh slàn leis, 
's ghabh Teàrlach 'us Nial Mac Eachainn air an aghart do Phort- 
rigb, astar chcithir mile dcug, agus giullan òg aca 'na fhear iliil. 



4:00 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

GKabh Fionghall rathad bu ghiorra agus nighean bheag còmhladh 
rithe, 's bha i 'm Port-rìgh greis roimh Theàrlach. Choinnich iad 
a chèile 'an tigh òsd' a' bhaile, mu thuiteam na h-oidhche. Dh'fhan 
Teàrlach greis mhaith 's an tigh sin, a' còmhradh ri fear Dòmhull 
Ruadh a bha 'n dèigh eithir a sholarachadh anns an gabhadh e 'n 
t-aiseag do Rasaidh. Dhealaich e 'n so ri Nial 's ri Fionghall, a' 
toirt iomadh taing dhi air son na thachair. Mu bhriseadh an là 
an ceud là de mhios deireannach an t-samhraidh, chaidh e do 'n 
bhàt* aisig, 'schaidh e air tir 's a Ghlàm 'an Easaidh. Chuir e 
suas a chairtealan 's an eil ean sin 'am bothan chaorach, 's choidil & 
air leabaidh fhraoich. Cha d' f han e 'n sin ach dà là. Air feasgar 
an treas là de 'n mhios, ghabh e gu fearann an Eilein Sgiathan- 
aich a ris, 's an eithir a thug do Easaidh e, agus Callum Mac Leòid 
'na sgiobair, 's na fhear treòrachaidh dha. Mu aon uair deug a 
dh' oidhche chaidh iad air tir aig Creag Mhic Neacail, fagus do 
Sgorabreac. Thog iad an cairtealan 'am bà-theach salach, agus 
gu maith tràth air an ath mhaduinn dhealaich Teàrlach ris aa 
sgiobadh 's ris a' bhàta, 's dh' fhalbh e fèin 's Callum Mac Leòid gu. 
Srath Mhic lonmhuinn. Bha Teàrlach 'na ghill' aig Mac Leòid, 
a' giùlain na màlaid air a mhuin. Bha deich mile fichead aca ri 
choiseachd thun an t-Srath ; agus thug iad là 'us oidhcli', aìr a 
choiseachd, a' cumail, mar a b' urrainn iad à sealladh nam bailt- 
ean. Thug Mac Leòid am Prionnsa gu tigh peathar dha, a bha 
pòsd' aig lain Mac lonmhuinn, a bha 'na oifigeach 'an cogadh a* 
Phrionnsa gu là Chuil-Fhodair. B'e Luthais Caw an t-ainm a 
bh' air gille Challuim 'ic Leòid. Ach dh' innis Callum an gnothuch 
gu h-uaigneach do fhear a pheathar; a bha ro aoibhneach air son 
Teàrlach fhaicinn. 

13. Ghabh Teàrlach biadh 's an tigh sin, 's rinn e slaic chodail; 
ach dh'fhalbhadh leis gu tir-mòr an oidhche sin fèin. Dh' fban.. 
Callum còir far an robh e, agus dh' fhalbh fear a pheathar agus 
Mac lonmhuinn an t-Srath fèin leis a' Phrionnsa. Air maduinu 
an ath là chaidh iad air tir 'an àitè ris an abrar a' Mhalach 



BLAR CHUIL-FHODAia. 4:01 

Eheag, air taobh deas Loch Neimhis. Bhuineadh am fearaim 
mu'n cuairt do 'n àite sin do na cinn-fheadhn' a dh' èirich le Teàr- 
lach. Ach *s ann a choisinn sin do'n dùthaich a bhi ni bu teotha 
do'n Phrionnsa, Bha gach ceàrna de 'n dùthaich làn shaighd- 
earan 'us luchd rannsachaidh air son nan uaislean a bh' air bith 
's a* chogadh. Agus mar sin 's ann a bha 'n gnothuch ni bu 
chuunartaiche do Theàrlach 'an so na bha e 'sna h-eileanaibh 
fèin. Rè chuig là fichead cha robh aig' ach caol theàrnadh a là 
's a* dh'oidhch' o bhi air a ghlacadh. PhiU a chàirdean a thàinig 
leis as an Eilean Sgiathanach dhachaidh, 's bha fear Ghlinn Eala- 
dail 'na fhear-iùil da. Thug fear a mhuinntir Ghlinn Garaidh 
sgeul doibh air seachdnar cheathairneachGhlinn Moireastoin, a bha 
e cinnteach a nochdadh gach caoimhneas a b' uiTainn iad do Theàr- 
lach. A rèir seòlaidh an fhir so fhuair fear Ghlinn Ealadail lorg 
air an uamhaig 's an robh iad a' taghal, 's dh'f heòraioh e dhiubh 
an gabhadh iad cùram dheth fèin 's de thighearn òg Chlann Raon- 
aill, 's iad air an sàrachadh a' teicheadh o naimhdibh a bh' air 
an tòir. Thuirt na gaisgich gur h-iad a ghabhadh, iadsan ga'n 
coinneachadh air a leithid so a dh'uair aig Coire Ghoth, 'am bruth- 
aichibh Ghlinn Moireastoin. Air an uair shònruichte thàinig fear 
Ghlinn Ealadail agus am Prionnsa, agus ga fhàgail-san tacan air 
falbh, chaidh e fèin dh'fhaicinn cò bha stigh. Cha robh làthair 
ach triìiir de na ceathairnich aig an àm. Thug iad fiadhachadh do'n 
cheann feadhna tighinn a steach. Ach an uair a chunnaic iad nach 
b' e tigheama Chlann RaonaiU a bh'aca, ghlaodh iad a niach le 
aoibhncas, "Am Prionns'! am Prionns'! abheatha do Choire Ghoth." 
Thàinig an ceathrar eile goirid an dèigh siu, 's bhòidich iad uil' 
air an cuid biodag gu'm biodh iad dileas do 'n Phrionnsa, 's nach 
cluinneadh duine gu 'n robh e còmhladh riu gu ceann là 'us 
bliadhna. Bha so air an naoidheamh là fìchead de chcud mhios 
an fhoghair. Goirìd an dèigh sin ghluais e gu deas air los faotainn 
do'n ionad fholuich 's an robh Cluainidh agus Lochiall. Bha e air 

iaotainn a mach gu'n robh iad 'au àitc teàruint' 'am bcanntaibh 

i c 



402 EACHDRAIDII NA H-ALBA 

BhàideaTiach. Ach mar a bha 'n dùtliaicli làn sliaighdearan, a 
bha falbh 'n am buidlinibh beaga, cha b' urrainn e dheanamh ach 
aghartas beag gach là. B' ann air an deicheamh là fichead dc 'n 
mhios a ràinig e bothan Mheall an lubhair, maille ri ceathrar 
luchd leanmhuinn. Bha Cluainidh agus Lochiall air bith chòmh- 
nuidh 's an asdail so, cha mhòr là Chuil-fhodair; 'sbha càird- 
ean a' cumail riu gach goireas 'us comh-fhurtachd a bha feumail 
doibh. Feudar a ràdh gu'n tàinig crioch air allaban Theàrlaich, 
anns co fad 's a bhuineadh sin do Alba, 'an là fhuair e 'n com- 
unn Chluainidh agus Lochiall. 



CAIB. XLIV. 

TEICHEADH THEARLAICH DO 'n FHRAING. 

Beagan làithean an dèigh do Theàrlach dol do bhothan Mheall 
an lubhair dh'atharj^ich na fògarraich an ionad fohiich gu àit' 
eir air Leitir na Lic, mu dhà mhile ni's faide shuas ann am Beinn 
altair. Thug iad an sìth-bhruth mar ainm air an ionad fhol- 
uich so ; agus tha 'n fheadhainn a chunnaic e, ag ràdh gu 'm bu 
mhaith an t-ainm e, gu'n robh iad co teàruint' ann o thuiteam 
'an làimh an nàmhaid, 's a b' urrainn na sithichean a bhi 'n am 
bruth fèin. Ach cha robh aig Teàrlach ri fuireach fada 's an 
fhàrdoich so. Mu'n t-seathamh là de mhios meadhonach an 
fhoghair thàinig dà luing chogaidh Fhrangach do Loch nan 
Uamh, d' am b' ainm L' Herus, agus La Princessi, air los am 
Prionns' aiseag do'n Fhraing. Fhuair Teàrlach an naiglieachd 
thaitneach sin air maduinn an treas là deug, 's theirinn e fèin 's a 



TEICHEADH THEARLAICH. 403 

luchd leanmhuinu do 'n chòmhnard gun dàil ; ach o nach feud- 
adh iad a bhi coiseachd ach feadh na h-oidhche, cha do ràinig iad an 
luingeas gus au naoidheamh là deug. Chum Teàrlach na luingeas 
tri là *aa dèigh dha dhol air bòrd, gus am faigheadh àh-eamh mòr 
de na fògarraich sgìth a bha feadh na dtithcha cothrom air teich- 
eadh. Sheòl iad air an treas là fichead de'n mhios. Ghabh tri 
fìchead duin' uasal, agus cuig fichead 'sa seachd de 'n tuath 
cheathairn an t-aiseag do'n Fhraing còmhladh ri Teàrlach. Air 
an naoidheamh là fichead ràinig iad gu sàbliailte Morlaix 's an 
Fhraing, ni a bha 'na mhòr chomhfhurtachd d'a athair 's d'a 
bhràthair, prionns' Eanruic, a bha ro imneach mu 'thimchioll o là 
Chuil-Fliodair. 

2. Theireadh Teàrlach gu tric, ann a thurusaibh sgith air feadh 
-eileana 'us gharbh chriochan na Gàeltachd, nach robh 'an dàn 
<da tuiteam le teine no uisge, no bhi air a ghlacadh le naimhdibh, 
a* thaobh co tric 's a bha e 'caol theàrnadh o gach gàbhadh dhiubh 
fiin. Gun teagamh thachair iomadh ni ris rè a chuig miosan alla- 
bain, o!m biodh neach ullamh air tighinn gu leithid sin a chomh- 
dbunadh. Ach 's e ni sonruicht' a tha ri thoirt fainear mu thim- 
chioll Theàrlaich, an dilseachd a bha gach àird 'us iosal ris an 
d* carb se e fdin a* taisbeanadh dha rè na h-ìiine a bha e fo 'n choill. 
Bha na deich mile fichead Punnd Sasunnach ud de airgiod ceann 
as, agus o ià Chuil-Fhodair, sin air a sheirm 'an chiasaibh gach 
neach, air gach dòigh a ghabhadh deanamh gus am buaireadh a 
dheanamh ni bu ro chumhachdaich; ach ged a bha mìle Punnd 
Sasuunach -an là ud co luachmhor ri 'chuig no shea uiread sin an 
diugh, cha mhò a bha de bhuaidh aige sud air na ceudaibh do 
fhir 'sde mhnathan da'm b'aithne dol amach 'ustighinn asteach 
a' Plirionnsci, na ged a b' iad sligean a* chladaich a bhithteadh a* 
tairgseadli dhoibh. Cha bhrathadli iad e air son an t-saoghail. 
^ ann fo'n ainm Mòrag a bhiodh chirdean a' labhairt uirae. Rinn- 
f i " ' ' M 'dlia fo'n iiinm ^o, *'Agus ho Mhòrag," &c. Tha 
«g :i gach rìoghach l 'us cànain 'san Roinu-Eòrp' a' 



404 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

moladh na 'n Gàel air son na dìlseachd so. Agus 's e 's o an' 
aon ni co-cheangailte ris a' cheannairc uamhasaich ud, air soni 
am bheil dad sam bith de aobhar uaill aig Gàeil. Air son làmK 
sam bith eil' a bh* aig ar sinnsearaibh 'an cur air aghart na ceann- 
airc, buinidh nàire dhuinne, agus mòr aobhar taingeileachd gu 'n- 
do chuireadh fodha i mu'n do rinn i tuilleadh calla, 

3. Ged a chaol theàruinn am Prionnsa fèin, mar a rinn e, o- 
thuiteam fo mheachainn a naimhdean, bu daor a phàigh mòran. 
de 'luchd-leanmhuinn air son an dilseachd dha. B' iad a' cheud- 
fheadhainn a dh' fhuiling *na aobhar am freiceadain a dh' fhàgadk 
'an Caisteal Charlile 'an dèigh dha pilltinn d Sasunn. Ghlac Diùc 
UiUeam an daingneach sin an ceann là no dhà an dèigh do Theàr- 
lach dealachadh riu. Libhrig iad suas an daingneach air chumha.. 
gu 'm faigheadh iad as le 'm beath' aig an àm, 's gu'm biodh iad; 
air am fàgail 'an làmhaibh an rìgh. Rinneadh priosunaich 
dhiubh uile. Chuireadh na h-oifigich uile gu bàs, agus an cÒir 
nach do chuireadh 'am prìosun de na saighdearaibh, chuireadh. 
mar dhaorsannaich do America iad. Cha 'n 'eil e furasd a dhean- 
amh a mach le cinnteas ciod an àireamh do phriosunaich Charlile 
a chuireadh gu bàs, a chionn gu'n do chuireadh dream lionmhor 
de na priosunaich a ghlacadh 'an Cul-Fhodair suas do Charlile gu 
bhi air an cur fo bhiifn 'an Sasunn, air eagal gu 'm biodh luchd 
lagh' Alba ro bhàigheil riu. Bha còrr 'us tri ceud 's a' bhuidhinn! 
ud. Agus tha gu tric binn bàis an fheadhainn ud mu dheireadk 
air a measgadh suas le binn an fheadhainn a bh' ann rompa.. 
Chuireadh mu'n cuairt de cheithir fichead gu bàs gu lèir. Bha 
cuid diubh sin de na chuireadh an ceann, agus cuid eile dhiubh a 
chrochadh an toiseach, agus a ghearradh as a chèile 'na' miribh a 
ris. B'e so peanas a' chionta ris an abrar- Ard-Fheall. Bha Mor- 
airean Chilmàrnoc, Bhalmerino, 'us Lòbhat a' measg an fheadh- 
ainn a chaiU an cinn 'san oighreachdan air son ng, Ceannairc. Bha 
larla Chròmbaigh air a dhìteadh gu bàs, ach fhuair e maitheanas ; 
o 'n righ, beagan ùine roimh 'n là a bha e gu bàsachadh. Bha^ j 



TEICHEADH THEARLAICH. 405 

bhan-Iarla mòr thorrach aig an hm air an do dhiteadh gu bàs a 
fear-pòsda. *N uair a dh' aiseadadh i, bha comharra mòr air amh- 
ach an leinibhj'an cumadh ceann tuaighe. Fhuair Morair Seòras 
Muireach agus tearc dhaoin' uaisl' eile dòigh air teicheadh gu tir- 
mòr na h-Eòrpa gu folchuidh. Bhàsaioh Marcus Thulibàrdin 'am 
priosun, agus bhàsaich Diùc Pheirt air a tliurus do 'n Fhraing *s an 
aon luing ris a' Phrionnsa fèin, 's thionndaidh Mr lain Muireach, 
an Rìin Chleireach, gu bhi 'na righ-fhianuis, ag innseadaireachd 
air a' mhuinntir a bha gu h-uaigneach a' toirt gnùis do aobhar 
"Theàrlaich. Ghlacadh 'us chuireadh 'am priosun a* chuid bu lion- 
mhoire dhiubhsan aig an robh làmh 'an dionadh Theàrlaich anns 
na h-eileanaibh agus air taobh 's iar na mòr-thir. 

4. 'Am mìos meadhonach an t-samhraidh, 1 747, rinn a* Phàrla- 
maid Bhreatanuach Reachd leis an robh sUh air a nàsgadh ris gach 
neach a bha 'm prìosun, no 'an àìtibh foluich air son gnùìs sam bith 
a thag iad do aobhar Theàrlaich, ach mu'n cuairt do cheithir fich- 
ead dnin', a* chuid a bu lìonmhoire daoin' uaisl', a bha ro dhomh- 
ain 's a' cheannairc agus nach fendadh maitheanas fhaotainn. Chuìr 
an reachd so mòran fa sgaoil, 's thug e cothrom do mhòran a bha 
fo'n choill an cinn a thogail. Bha fear Chinnse-Borgh, Fionghall 
Dhòmhnallach, 'as Callum Mac Leòid air an glacadh goirid an 
deigh dhoibh dealachadh ri Teàrlach. Bha iad greis 'n am prlosun- 
■aich 'an Lanainn. Fhuair Fionghall còrr 'us cuig ceud deag 
Paond Sasannach de airgiod o Sheumasaich Lanainn 'an dèigh 
faotainn a mach ù. prìosun. Fhaair i carbad dhi fein anns an do 
thriall i dh' Alba, 's Callum Mac Leòid còmhladh rìthe. Phòs i 
mac do fhear Chinnse-Borgh. Rinn a' Phàrlamaid cheudn' Achd 
air 8on na Oàeil a dhì-armadh ; agus Achd eile leis an robh an 
deise Ghàelach air a cur as, 's nach feudadh gnè thartan, no suaich- 
•eantas eil' a bbi air an cleachdadh leis an robh aon chianeadh aith- 
nicht' o chÌDDeadh eilc. Rinn iad an treas Achd Icis an robh còir 
iTÌaghlaidh'nan uachdaran air an t-sluagh a bh* air au cuid fearainn 
.air a toirt uir fall)]i (nj l)r.\th, agus leis an robh Siorraimhean air 



406 EACIIDRAIDH NA H-ALBA 

an ainmeachadh leis an rìgh gu ceartas a fhrithealadh a measg an 
t-slaaigh anns gach cearna de Alba. Phàigheadh còrr 'us ceud gu 
leth mìle Punnd Sasunnach do luchd fearainn Alba, air son iad a 
leigeadh seachad an seana chòraichean air ceartas a fhrithealadh a 
measg an cuid tnatha. Comh-cheangailte ri sud bha fo-Achd eiF 
a rèir nach feudadh uachdaran sam bith màl-duine ghabhail o 'chuid 
tuatha mar roimhe sud, ach gu feumadh iad màl airgid no luach a 
peighinn a ghabhail. Agus a thuilleadh air so uile rinneadh Achd 
eile leis an robh saorsa na h-eaglais Easbuigìch 'an Alba gu mòr 
air a lughdachadh. Fhuaradh a mach roimh' là Chuil-Fhodair 
gu'n robh na ministeirean Easbuigeach anabarrach dealasach 'an 
aobhar Theàrlaich. Agus goirid an dèigh an là sin chaidh 
mòran de 'n cuid eaglaìsean a dhùnadh le òrdugh an Diùc, agus 
chaidh na saighdearan co fad ri cuid diubh a losgadh. Mar is ann 
leis na righribh Stiùbhartach a chuireadh an eaglais Easbuigeach 
suas 'an Alba 'n toiseach agus a bha i air a cumail suas, bha a 
luchd dreuchd uile ro dhìleas do 'n teaghlach sin. Bha iad a' mionn- 
achadh a bhi dìleas do 'n t-sHochd sin. Ach leis an Achd Pàr- 
lamaìd so dh' fheumadh iad na mionnan sin àicheadh 's mionnach- 
adh do theaghlach Hanòbhair. Cha 'n fheudadh fear sam bith nachs 
deanadh sin a dhreuchd a fhrithealadh ni b' fhaide na mìos meadh- 
onach an fhoghair a' bhliadhn' ud fèin. Bha mòran diubh nach 
deanadh sud, 'sthog sin geur-Ieanmhuinn 'n an aghaidh co mòr 'sa 
bha 'n aghaidh na h-eaglais Clèirich ri linn rìgh Teàrlaich, 's righ 
Seuraais. Bha na Gàeil anabarrach diombachairsonancuidarmachd, 
'us bhreacan a thoìrmeasg dhoibh ; ach ri ùine thàinig iad gu bhi 
rad-eigin sàrahach, agus gus an aire thionndadh gu saoithreachadh 
na talmhainn, 'us malairt, 'an àite iomairt le claidheamh 'us sgèith>. 
mar roimhe sud ; 's mar a bha luchd lagha na rìoghachd ag èigneach- 
adh an t-sluaigh gu ùmhlachd a thoirt do gach Achd dhiubh sud^ 
bha 'bhuaidh ud ga leantuinn sin, gu 'n robh aobhar nan Stiùbhart- 
ach a' chuid 's a' chuid a' tuiteam, gus mu dheireadh gur gann a 
l)ha iomradh idir air, ach a measg na seana mhuinntir aig an robh. 



TBICHEADH TnEARLAICH. 407 

beag no mòr a dh' eòlas air a' rhrionns', agus a 'bha de'n aon chreid- 
eamh ris fein. 

5. Ged bu ghann a fhaair Teàrlach as le 'bheath' aig an àm a 
bha 'n sad, cba robh smuaineachadh sam bìth aige feiu no aig na 
lean e do'u Fhraiug air a' chogadh a thoirt thairis. Beagan làith- 
eau au dèigh dol air tìr dh'iarr 'us fhuair e cothrom air Luthais 
XV., rìgh na Fraiuge, fhaicinn. Ghabh an rlgh ris gu subhach, 
's rinn e òraid ghoirid, a' moladh a' rhrionns' air son a mhisneachd 
's a threubhantais. Bha, reir coslais, eagal mòr air luchd ùghdarr- 
ais Bbreatuinn gu'm biodh Luthais ro chaoimhneil aig an àm so ri 
Teàrlach — gu'n tugadh e armailt dha gu thighiun air ais cbmhladh 
ris na Gàeil, gus an ath dheannal a thoirt air an arm dhearg. Agus 
mar sin chum iad na bha dh'arm 'am Breatunn gun dol gu tir-mòr 
ua h-Eòrpa, ged a bha 'n cogadh a' slor dhol air aghart *an sìfì. 
eadar iad fciu 's an Fhraing. Agus air an aobhar sin fhuair an 
Fbraing buaidh air Sasnnn 's a luchd cuideachaidh aig an àm ud, 
Ach fhuair cùirt Sbasuinn a mach a' chuid 's a' chuid, nach robh 
am Frangach gl6 dheònach air armailt a thoirt idir do Theùrlach; 
agus mar sin, chaidh an t-arm a chur a null far an robh feum mòr 
dha. Rinn sin ni bu ro dhoirbhe do 'n Fhrangach cuideachadh lo 
aobhar nan Stiùbhartach. Bha rìgh na Frainge gle dheònach air 
a bhi co càirdeach do Tbeàrlach 's a b* urrainu e. Rinn e solarach- 
adh saibhir air son nan uaislean a lean e null as Alba. Chuireadh 
BQÌtn mhòr airgid air leth air 8on a bbi ga roinn orra sin gach 
bliadhna, reir an inbhe; agns rinneadh dithis diubh 'u an ceannard- 
aibh air reisimeid 's an arm. Ach 'n uair a thuig Tcàrlach nach 
robh e dol a dh' fhaotainn a' cbòmbnaidh air an robh 'inntinn suidh- 
ichte, ba mhòr a chràdh cridbe, 's bba 'cbion foighidin a r6ir siu. 
'NuU a thog e do 'n Spàinn an sin, a dh* fhaicinn ciod a dheanamh 
rìgh na tìre sio air a shon. An deigh beagan caitheamh bhead a 

dheaDamh air 'an ccann-bbaile na Spàinne, thaig e nach b' fhearr 
SpàÌDDeach na Frangach, 'sphill e air ais do Pbàris. 

6. Ach fadbeòidh, ma tboiseach na bliadhna 1717, thàinig e ga 



408 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

bbi soilleir gu'n robb na Frangaicb a' fàs sgltb de 'n cbogadb. Ged 
a bha iad a' cosnadb mìr fearainn 'an àite 's an àite, bba iad air call 
an cuid luingeas cogaidb, cba mbòr gu b-iomlan; agus bba call ro 
mbòr a* dol air an cuid malairt. B' e rìgb na Fraing' a thairg 
cumbacban sìth an toiseacb, agus ann am mìos deireannacb an earr- 
aicb, cbum na rìgb-tbeacbdairean, aig an robb cumbacbd an t-sìth a 
nàsgadh, coinneamb 'an àite ris an abrar Aix la-Cbapelle 's a' Ghear- 
mailt. Leugb Tearlacb an t-eagal 'n uair a ebual e iomradb air sith 
eadar Breatunn 's an Fbraing; agus sgrìobh e Protest^ a chuir e 
db' ionnsuidb gacb fir-ionaid rìogbachd aig an robb gnothucb ris au 
t-sìtb a dbeanamb, a' togail fianuis 'an aghaidh iad a dbeanamh nì 
sam bltb nacb robii po-sbeasrabach ri 'atbair-san aideacbadh mar 
rìgb nan eileanan Breatunnach. So na b' urrainn Teàrlach a dhean- 
amh. Rinn 'atbair an ni ceudn' air a shon feìn. Ach cha do 
chuir lucbd deanamh na sìtb mòr sbuim, 'am Protest nan Stiùbh- 
artach. Cbaidh bann na sìtb a sheulacbadb leis na rìogbacbd- 
aibh fa leth, gun tuilleadb a cbur ris, air an t-seacbdeamb là 
de mhìos deireaunacb an fbogbair. 

'Am measg nitbe eile ris an d' aontaich rìgb na Fraing' air sgàth 
sìtb, b' eigin da gealltuinn nach feudadh Teàrlach Stiùbbart fuireach 
*an àite sam bìth an taobb stigb de chriocban na Frainge. Cbaidh 
so innseadh do Tbeàrlach. Acb cba robh e 'cur suim sam bitb ann- 
Bba e 'seasamb air comb-chòrdadb eil' a bh* eadar e fein 's Luthais 
mu'n deacbaidb e db' Alba, gu 'm biodb iad a gbnàtb 'an comh- 
bhoinn ri'chèir an agbaidh rìgh Shasuinn. Cha b' urrainn Luthais 
seasamb ri so, 's fbuair Teàrlacb iomadh rabhadb gus an Fhraing 
fbàgail. Cbuireadh paipeir bàn d' a ionnsuidb leis an rìgh gus e 
fèin a cbur sìos suim sam bitb a tbogradh e iarraidb, 's gu'm pàigb- 
eadh an Fbraing sin dha's e dhol do àite sam bith eil' a thogradh e. 
Ach cha ghabhadh Teàrlacb sin. Bha e air son fantuinn *am Pàris 
air gacb aon chor. Chuir Luthais teachdair' 'us litir do'n Ròimh 
tbun a' Chebhalier de St George, a' gearan air do-lùbaidheachd 
Theàrlaich. Cbuir an Cebbalier litir air ais tbun an rìgh, 's tè eile 



TBICHEADH THEARLAICH. 40^ 

ga Teàrlach a* guidheadh air comhairr an rlgh a ghabhail. Ach 
bha Teàrlach co rag 's a bha e roimhe. Cha ghiùlaineadh ministeir- 
ean Luthais le Teàrlach ni b' fhaide. Chuir iad thun an rìgh ga 
barantas a sheulachadh air son Teàrlach a chur 'an làimh. Air 
maduinn an deicheamh là de mhìos meadhonach a' gheambraidh thug 
duin' uasal rabhadh do Theàrlach, mur teicheadh e gu'm bitheadh. 
e aìr a chur 'an làimh an là sin fèin. Ach cha do chuir e snim sam 
bith an sin. Riun e air son dol do 'n tigh chluich an oidhche sin, 
'N uair a theiriun e as 'inneal-siubhail aig dorus an tigh chluiche, 
'am beul na h-oidhche, bha seisear oifigeach ga fheitheamh; riun iad 
grèimair, 's ghiùlain iad e do chùirt na lùchairt rìoghail a bliadliìth 
air làimh. Thugadh 'armachd uaith' an sin, 's cheangladh a làmhaa 
le còrd làidir sìoda, 'a chuireadh air falbh e 'an inueal-siubhail, fo 
gheàrd làidir gu Caisteal Uicennes. Chuireadh a steach do sbeòmar 
beag 'am mullach a' chaisteil e gun duine còmhladh ris ach Nial 
Mac Eachainn, gille frithealadh Fhionghaill Dhòmhnullaicli, a lean 
-e as Alba.* Fhuair e beagan saorsainn a ris gu ceum sràideachd a 
ghabhail timchioll a' chaisteil. Agus air a' chuigearah là deug, air 
dha 'ghealladh a thoirt nach pilleadh e air ais do 'n Fhraiiig, fhuaire 
cothrom falbh gu ruig Avignon, a bhuineadh do 'n Phàp' aig au àm 
8Ìo, ged a tha e 'm meadhon na Frainge. 

7. Feudar a' chuid de eachdraidh TheàrUiich a thachair an dcigh 
sud, co fad 's a bhaincas sin do Bhreatunn, innseadh am bcagan 
bhriathraibh. Cha robh e ùine sam bith 'an ATÌgnon an uair a 
thng e cheann fodha, 's cha robh fios c' àit' an deachaidh e. Fhuar- 
adh a mach 'na dheigh sin gn 'n deachaidh c air ais do 'n Fhraing 
gu folchuidh, gun còmhladh ris ach aon duine, 's gu'u robh e *m 
Pàris toiseach an t<samhraidh. Ach chaidh e rìs air chall, 's cha 
robh fios c' àit' an robh e fad còrr 'us bliadhna. Bha Prionns' Ean- 
ruic. a bhrìkthair, air a dheanamh 'n.t Chàrdinal leis a' Phàpagoirid 

• Phòs Nial M ic I ,i fiainn 's an Fhraing, *8 bha mac aig' a dh' òirioli 
ga bhi 'da Mbarfchiil Mm Donald, Duke of Tarontum. 



410 EACHDRAIDH NA II-ALBA 

Toimhe so, 's thug sìn air Teàrlach cùl a chur ris; cha 'n fhuilingeadb: 
c fhaicinn. Ach bha e gu tric a' sgrìobhadh ga 'athair. B' ann 
'an Lunuian a rinneadh an ath lorgachadh air Teàrlach, ann am 
mios meadhonach an fhoghair, 1750. Chuir a chàirdean a bh' air 
tir-mòr 'na cheann tighinn a nall a dh'fhaicinn an robh na Seumas- 
aich Shasunnach uUamh gu èiridh air a thaobh. Ach cha d' fhani 
e 'n Lunuinn ni b' fhaide na cuig làithean, an uair a thuig e naclt 
robh ullachadh air bith ga dheanamh. An dèigh falbh à Lunuinn 
air an turus ud thuit e dh'ionnsuidh nan dòighean folchuidh a 
W aige roimhe. Fhuaradh an ath shealladh dheth 'an eilean Mhidel- 
borg ann am mìos meadhonach an earraich, 1752. Tha cuid a*" 
smuaineachadh gu'n do thaghail e 'n Lunuinn an ath bhliadhna, 
'sgu'n do chuir e dheth an creideamh Pàpanach. Ach cha 'n'eil 
dearbhadh sam bith air sin, no fòs air gu'n robh e 'n Lunuinn aig. 
àm crunaidh Sheòrais III. Bha e call a mhisneachd a lion cuid 
'us cuid an dèigh sìth A.ix-la-Chapelle, agus a' call a mheas mar an 
ceudna. Chuir a chàirdean Sasunnach teachdairean d'a ionnsuidh 
caochladh uairean ga chomhairleachadh air son cuid a rudan a bha 
dol air aghart 'na fheaglilach. Ach cha 'n fhuilingeadh e chluinn- 
tinn gu'n gabhadh a chaid iochdarana orra esan a chomhairleach- 
adh; 'sthàinig iad mar sin gu bhi fàs leth choma dheth. Bha e 
còmlinuchadh 'an Avignon an deigh so gu bàs 'athar, a thaohair 'am 
mios meadhonach a' gheamhraiclh 1766 'san Ròimh, far an d' adh- 
laiceadh e le greadhnachas rìoghuil. Dh' fhàg athair mòran sheudan 
luachmhor, 'us cur a stigh cuibhcasach aig Teàrlach, a thog ionad 
còmhnuidh 'an Albàno 's an Eaduilt. Goirid an dèigh sin phòs a 
ban-Phrionns' à teaghlach Gearmailteach ris an abrar Stolberg 
Guediran. Ach thionndaidh e mach gu bhi 'na phòsadh mi-fhort- 
anach, mar theirear. Cha robh e fèin 's a' bhan-Phrionnsa rèidh, 
's dhealaich iad ri chèile, 's bha esan an dèigh sin a' tuiteam ann am 
meas gus an do bhàsaich e' air an là mu dheireadh de 'n gheamh- 
radh 1788, trì fichead bliadhna 's a seachd a dh' aois. Dh' adhlaic- 
eadh e 'an eaglais Frescàti air an robh a bhràthair, Càrdinal lorc,. 



I 



TEICHEADH THEARLAICH. 41 ì 

'na Easboig. Cha robb duin' a làthair a nìs de theaghladi nan 
Stiùbhartach gus an crùn Breatunnachathagradhach an aou Phears* 
eaglais so. Agus mar a leig esan deth na huile siuuain air dragh 
sam bith a chur air teaghlach Hanòbhair, shuidhich rìgh Shasninn 
ceithir mìle Punnd Sasuunacb *s a' bhliadhna de phàigheadh air rè a 
bheatba. 

8. Bha*n ceud bhrìseadh a* tighinn air seann dòighibh nam 
fineachan Gàelach mu'n àm soleisgach Reachd a riuneadh a thaobh 
an èididh'san armachd. Gha robh fine sam bith eile bu mhò bha dean- 
amh a dh' fhuaim 'an eachdraidh na Clann Ghriogair. Bha maa 
aig Coinneach Mac Alpainn, mu mheadhon an uaoidheamh linn, 
d' am b' ainm Griogair. Bha na Griogaraich a' cumaii a raach gur 
h-ann o theaghlach a' phrionnsa so a thainig iad fein. Bha mòran 
fearainn ac' aon uair 'an Siorrachdaibh Earra-Ghàeil 'us Pheirt- 
Anns a' bhliadhna 1296 ghlacadh lain Mac Ghriogair Ghlinn XJr- 
chaidh 'na phrìosunach 's a' chogadh 'an aghaidh rìgh Shasuinn;. 
ach fhuair e 'shaorsainn 's a chuid fearainn air chumha gu'n rach- 
adh e gu tir-mòr na k-Eòrp' a chuideachadh an t-Sasunnaich 'aik 
aghaidh an Fhrangaich. Bha lain so air pilltinn dhachaidh mu 'n 
deachaidh am Brusach a chrùnadh 's a' bhliadhna 1306. Agus an 
uair a b' {-igin do'n rìgh òg sin teicheadh o 'naimhdibh gu fasgadh 
iarraidh 'an tìr eile, 's a bha e air a ruagadh le Morair Lathairu, aìr- 
dha bhi 'gabhail troimh a chuid fearaiun, thug na Griogaraich 
làmh chuideachaidh do'n Mhorair ann an ruagadh an rìgh. Ach 
an uair a fhuair an curaidh ud e fèin air a dhaingneachadh air 
caithir Alba, rinn e tròm dhìoghaltas air na Griogaraich air son 
an ain-iochd a nochd iad dha 'an àm 'airce. Thug e mòran de 'n 
cuid fearainn uatha, a thug e do chinn-fheadhna dhìleas eile. Cha'n 
ìslicbeadh am fine uaibhrcach so iad fcin gu tiodal sgrìobhta iarr- 
aidh no ghabhail 'n rìgh air son |an cuid fearcinn, a' curaail a. 
mach gu *m bu leòr leòsan a* chòir a bheireadh an claidheamh 
dboibb. Bha iad ag oidhirpeachadh sealbh a ghleidheadh air aa 
coid fearainn an uair a bba na tighearDan do'n tug an rìgh e ag. 



412 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

oidhirpeachadh an ainm a ghearradh as. Bha so ag aobharachadh 
mòran dòirtidh fol' air gach taobh. B' iad na Caimbeulaicli 
nàimhdean ba chumhachdaich a bh' aca. Ach bha 'n làmh 'an agh- 
aidh gach duÌDe *s làmh gach duine *n an aghaidh-san. Rinneadh 
iomadh Achd Pàrlamaid air son ainm Chloinn Ghriogair a sgathadh 
gu^tur a mach as Alba. Rinneadh aon de na h Achdan so 's a* 
bhliadhna 1563. Chuireadh iomadh Griogaireach gu bàs aig an àm 
nd. Ach mar gu'm biodh daoin' a gabhail gràin do dhòirteadh fola, 
chuireadh rud-eigin de stad air an fheadhainn bu ro bhuirbe de 'n 
naimhdean. 

9. Bha Ciann Alpainn chruadalach a' seasamh ris gach olc a bha 
tighinn 'n an caraibh. Mu dheireadh thàinig an cinn fheadhna gu 
bhi toirt atharrais ùmhlachd do lagh na tìre. Ach mar bu trice 
iDhiodh an luchd leanmhuinn mar bha iad roimhe. Ma 's fior na 
sgeòil bhiodh larl' Earra-Ghàeil a' deanamh mòran magaidh orra, 
's ga'm brath. 'S a' bhliadhna 1603 mharbh Alastair Ghlinn Stràigh, 
ceann-feadhna nan Griogaireach, le trì cheud de 'luchd leanmhuinn, 
mòran de thuath cheathairn Mhic a' Chombaich, triath Luis, ann 
am blàr Ghlìnn Fraoin. Chaidh còrr 'us dà cheud bantrach nan 
daoin' a thuit 's a chath, a dh' ionnsuidh an rìgh a dh' iarraidh tòr- 
achd a thoirt a mach, a' giùlan lèintean fol' an cuid fear leò mar 
dhearbhadh faicsinneach air gach ùrsgeul a b' urrainn iad aithris 
le 'm bilibh. Thug an rìgh an sin mu 'n airìdh Reachd a dheanamh 
as ÙY, bu ro fhuiltiche na aon a rinneadh riamh 'an aghaidh nau 
Griogarach. 'N uair a thuig Alastair na creachan a bha gu thighinn 
air fèin 's air a chinneadh, rùnaich se e fèin 's priomh dhaoine na 
treibh a thoirt suas do larl' Earra-Ghàeil air chumha gu'n cnirt- 
eadh gu sàbhailt a raach as Alb iad. Ghabh an t-Iarla ris a' chùn- 
radh sin, 's chuir e freiceadaìn làidir leis na seòid gu ruige Sasunn. 
Ach a* smuaineachadh gu 'n robh a thaobhsan de 'n choimhcheangal 
air a choimhlionadh le sud, ghrad thug e air an ais iad do Dhun- 
eidin, far an tugadh binn am bàis a mach, 's chaidh Alastair 'us 
..seachdnar eile dhiubh a chrochadh. 'N uair a bha Alastair fo 



l 



TEICHEADH TnEA-RLAICn. 413- 

dheuchaina a bheatha chuir e 'n cèill gu follaiseach ga 'm b'e larr 
Earra-Ghàeil a chuir thuig e chum gach cath 'us còmhraig a rinn e 
air Mac a' Chombaich, no neach eile. 

10. Re iomadh bliadhn' an deigh so, bha 'gheur-leanmhuinn 'an 
•ghaidh nan Griogarach anabarrach teth. Bha iad a nis gun fhear- 
tuin, gun cheann feadhna. Bha e'n aghaidh lagh ua rìoghachd 
gu'm biodh aon sam bith air a shloinneadh air an trèibh ud. Bha 
'chuid mhòr dhiùbli air an sgapadh a measg nam fineachan mu 'ii 
coairt diubh, 's ghabh iad sloinneadh na treibh a measg an robh iad 
air fògradh. Mu 'n cuairt do cheud bliadhn' an deigh Alastair 
Ghlinn Stràigh,dh* èirich Rob Ruadli suas gn bhi'na cheann-feadbna 
do bhnidheann lìonmhor dhiùbh. B' e Rob duine co ainmeil 's a 
bha 'na linn. Bha e 'na dhròbhair 's na cheathairneach. Bha e 
làthair 'am blàr Sliabh an t-Siorraimh ann an 1715, gu h-aideach- 
ail 'an aobhar nan Stiùbhartach. Ach cha tug e claidheamh a 
tmaill. An deigh iomadh caol thearnadh o thuiteam fo mheachainn 
a naimhdean, fhuair e bàs a' chinn aghairt 'sa' bhliadhna 1738, 'na 
fhìor sheann duine. Bha e air bith 'na Phròstanach 'an làithibh 
'òige, ach thionndaidh e gu creidimh an t-sagairt mu dheireadh. 
Ach 'se dh'fheudadh e ràdh "cha'n'eil mise tròm aircreidimh sam 
bith." Thàinig fear Mac Labhrain, aon de 'sheann nairahdean ga 
'amharc air leabaidh a bhàis. Mu'n do leigeadli a steach do'a 
t-seòmar e, thag an seann laoch ma'n airidh e fcin a bhi air a thog- 
ail 'na shaidhe 's an leabaidh, a bhreacan a chur timchioll air, a' 
chaid dhagachan, a bhiodag *s a chlaidhearah, a bhi làimh ris, ag- 
ràdh nach faiceadh Mac Labhrain Rob Raadh ri bheò ach fo làn 
armachd. Am feadh a bha 'n dithis cas-cairdean ud a comh labh- 
airt 's ao t-saidheachadh shòluimte *8 an robh iad, cò thigeadh a 
Bteach ach an sagart, a dh' oidhirpich air luchd na c^mhstrì ud a 
thoirt gu bhi raaitheadh d'a chcile, ag ainraeachadh an sgriobtuir 
*' maith dhainn ar fiachan, mar a mhaitheas sìnn do ar luchd f6ich.'* 
"Oh!" ars'an Qriogarach, "thug thu dhomh lagh 'us soisgeul air 
a* phainc. Ib cruaidh an lagh sin, ach tha fios agam gur soisgeul . 



414 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

■«." Tliionn laidh e 'n sìq ri aon de 'mliic, Rob òg, a bha làthair, 
'sihuìrt e ri.=5, ''Tha rao bhiodag 's mo chlaidheamh 'nan luidli' an 
sud; tha mìs' a' toirt maitheanais do m' nairahdibh; ach a Rob, 

seall thus' as a dhèigh, no gu" Chuir an sagart stad air a' 

chòrr, 's thosd an seann duine. Goirid an dèigh do Mhac Labh- 
rain falbh, dh'fhairich Rob a' chrìoch a' teannadh ris, 's dli'òrduich 
e do 'n phìobaire tòiseachadh air cluich' a' phuirt, "'Chatillmi 
tuilleadh," agus am feadh a bha 'm port sin ga chluicheadh 'na èis- 
deachd, chaochail e. 

11. Ged a thàinig sìth gu Breatunn le còrdadh Aix-Ia-Chapelle 
bha mòran aisìth 'an Alba le droch riaghladh na ministeirean Mod- 
>erate 'an ciìirtibh na h-eaglais. Rè ùin' fhada roirah'n bhliadhna 
1752 bha lagh air a dheanamh 's an Eaglais, a rèir an robh e cead- 
«,ichte do bhuidheann mharcachd, air an òrduchadh leis an Ard- 
rSheanadh, ministeir sam bith a shuidheachadh ann an coimhthìonal, 
-^n uair a bhiodh buill na Clèire 's an robh au coimhthional sin ain- 
deònach air an dleasdanas a choimhlionadh a chionn ansluagh a bhi 
'ua aghaidh. Ach 's a' bhliadhna so a dh* ainraicheadh chinnich leis 
na Moderates lagh cile a thoirt a steach a reir an robh e fiachaicht' 
air fo-chùirtibh na h-eaglais ùmhlachd a thoirt do 'n Ard-Sheanadh 
's na h-uile nithibh fo phèin iad a blii air an garg chronuchadh, no 
-^ir an cur as an dreuchd, na'm faiceadh an t-Ard-Sheanadh sin iom- 
chuidh. Bha Fear Mr. Aìndrea Richardson an ^qì^ presentatlon 
fhaotainn do sgìreachd Inbherceìthing, ann an Clèir Dhunfermlìn, 
ach cha robh an sluagh deònach air a ghabhail. Bha 'Chleir a' 
diùltadh a shuidheachadh an aghaidh an t-sluaigh. Thug an 
t-Ard-Sheaaadh breith gu'm feumadh iad a shuidheachadh. An 
^èigh so uile dhiùlt seisear de bhuill na Clèir' ùmhlachd a thoirt 
do'n bhreith ud. Bu mhòr leis an Ard-Sheanadh ara peanas 
bu mhò dheanamh air an t-seisear. Ach chuir iad as a dhreuchd 
aon fhear dhiubh, Mr. Tòraas GiIIespi Chàrnaich. An uair a 
<?huireadh a' bhinn an cèill, fhreagair an duin' urraraach gu ciùin, 
gu'n robh e 'deanamh aoibhneis aìr son gu'n tugadh dhasan air 



TEICHEADH THEARLAICH. 415 

sgàth Chriosd, cha 'n e mhàia creidsina ann, ach mar an ceudna 
fiilang air a shon. B' e so an dara briseadh a thàinig air eag- 
lais na h-Alba. Qhabh Mr. Gillespi 's na lean ris an Belief Si/nod 
mar ainm. 

12. Bhris cogadh a mach a rìs eadar Breatunn 's au Fhraing 's a' 
bhiiadhna 1755. B' e eas-còrdadh mu na crìochaibh eadar ìochdar- 
anaibh Bhreatuinn 'sna Fraing' 'an America, aobhar an tòiseach- 
aidh. Cha robh bheag sam bith de shoirbheachadh aig Breatunn 
's a' cheud dol a mach. Ach an uair a thàinig Uilleam Pit, a 
dh* àrdaicheadh an dèigh sin gu bhi na larla Chathaim, gu rijgh- 
ladh ghnothuichean Bhreatuinn fhaotaiun, thòisich an t-arm air ath- 
chosnadh na thug na Frangaich uatha de fhearann 'an America, 
's anns an Roinn-Eòrpa, 's an Innsibh na h-Aird' an ear aig an aoa 
àm. Bha Canada gu h-iomlan aig Breatunn air a thoirt o'n Fhrain^ 
'sa* bhliadhna 1759. Aig an àm cheudna fhuair Admaral Hawk 
buaidh air a' chàbhlach Fhrangach 'an Camus Chuiberoin. Cha 
mhòr nach do chuireadh as gu buileach do fheachd mara na» 
Frainge leis a* bhuaidh so. Mu'u cuairt do 'n àm cheudua spìon 
an t-arm Breatunnach Bengàl à làimh prionnsa na dììthcha sin, agus 
thug iad o na Frangaich tigh-ceirde Chandernajor, àite co saibhir 
's a tha 's an tìr sin. Thuit mòran creiche 's armachd 'n an làmh- 
aibh 's na h-àitibh ud. Lean Breatunn mar so air buadhachadh 
'an aghaidh nara Frangach 's phrionnsachan na tìre gus, ara beagaa 
bhliadhnachan, an do chnir iad suas ìmpireachd mhòr 'san Aird' an 
car. Cha bhuin na nithc so do eachdraidh na h-AIba gu h-àraidh; 
ach raar a bha i aonaichte ri Sasunn, cha b' urrainn nach robh 'n 
cuid fèin aig mic Alba de 'n chnnnirt, 's de 'n chruadal a bh' air an 
toirt gu cleachdadh leis na cogaidbibh f uilteach ud. Cha robh riarach- 
adh sam bith aig Breatunn de'n tomhas de shoirbheachadh a bha 
'coinneachadh ris an fheachd a chuir iad do'n Ghearmailt. B'e'n 
t-aobhar àraidh air son na chuireadh feachd do 'n eheàrna sin, a 
chum gu'n cuidicheadh iad le rìoghachd Hanòbhair a dhìonadh o 
na Frangaich. Ach 'am meadhon gach ml-riarachadh a bh' aun. 



416 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

chaochail rìgh Seòras 11. ga h-obann, air a' chuigeamh là fichead de 
mhìos dheireannach an fhoghair 1760, anns an 77 bliadhna de 'aois 
agns 'an ceathramh bliadhna deng thar fhichead de 'rioghachadh. 
Bha *mhac bu shin* air bàsachadh roimhe, agns be mac bu shin* aa- 
fhir sin u rìoghaich 'na àite fo 'n tiodail, Seòras III. 



CAIB. XLV. 



SEORAS III. 



Cha robh Seòras III. trì bliadhna fichead a dh'aois an uair a thòis- 
ich e 'rioghachadh. Phòs e goirid an dèigh sin a' bhan-phrionnsa- 
Charlot, de theaglach Mheclenburg 's a' Ghearmailt. Thug e aon 
de àrd dhreuchdan na Stàite do larla Bhòid, a bha air bith 'na 
fhear-teagaisg dha. Bu Shenmasach larla Bhòid, agus mar sin cha- 
bhiodh e co deònach air an cogadh a' leantuinn. Ach b' e TJiIIeam 
Pit fathast Prìorah Mhinisteir Bhreatuinn, agus cha robh esan idir 
air son an cogadh a leigeadh seachad. Fhuair e mach gu 'n robh 
comh-bhoinn eadar an Fhraing 's an Spàinn an aghaidh BhreatuinUy 
agus b' àiU leis cogadh èigheach 'an aghaidh na Spàinn air ball, acb- 
clia 'n fhuilingeadh a chomh-mhinisteirean sin a chluinntinn. Leig 
Pit dheth a dhreuchd an sin, 's dh' fhàg e h-iomradh 's a h-eigheach 
aca fèin. Ach 'an ùine ghoirid fhuair iad a mach air an cosdas gu'n 
robh Pit ceart, 's b' èigin doibh fèìn an dearbh ni a dheanamh a 
mhol esan doibh. Lean Breatunn air cogadh ris an dà rìoghachd 
chumhachdaich ud, agus aìr buadhachadh orra cuideachd, gus anns^ 
a' bhliadhna 1763 am bu bhuidhe leò cumhachan sìth iarraidh. 
Chaidh an t-sìth a nàsgadh 'an ceud mhìos an earraich ann am 



SEORAS III. 417 

Pàris, agos goirid an dèigli sin nàisgeadh sìth ann an Hubertsburgh 
cadar na rìoghachdaibh Roinn-Eòrpach a bha 'cogadh, 's bha, mar 
8Ìo, BÌth araon 's an Roinn-Eòrpa 's an America. Choisinn Breat- 
Don mòran fearainn 'an America agus 's na h-Innsibh a' siar leis a* 
chogadh fhadalach ud. Ach mu choinneamh sin bha na fiachan air 
atadh gu h-anabarrach. Roimh thòiseachadh a' chogaidh mu dheir- 
eadh, bha fiachan Bhreatuinn mu n cuairt do cheithir fichead muill- 
eao. 'N uair a sguir an cogadh bha iad air dìreadh gu dlùth air 
ceud 's dà fhichead muillean. Bha sluagh Bhreatuinn, gu h-àraidh 
Da Sasunnaich, ro dhìombach do larla Bhòid, am Prìomh rahinis- 
teir, air son nach d' fhuair e cumhachan ni b' onaraiche do Bhrea- 
tunn, 's gu'n robh a cuid armailtean co soirbheachail air muir 's air 
tìr rè a' chogaidh. Bha na Sasunnaich ni bu ro bhuaireasaich 'na 
aghaidh a chionn gu 'm b' Albannach e. B' èigin da 'n dreuchd a 
leigeadh dheth, agus chaidh fear Mr Grenbhil, a dh' àrdaicheadh an 
deigh 8in gu bhi 'na Mhorair, 'na àite. 

2. B' e aon de na ceud nithe a rinn Grenbhil, an dèigh tighinn 
do 'n dreuchd, tòiseachadh air cath ri luchd sgrìobhaidh nam paip- 
eirean naigheachd air son an càinidh 's an ana-cuinnt 'an aghaidh an 
tighearnais. Thòisich e ro gharg. Cha deachaidh leis ach 'an 
CQÌd. Ach *8 e ni àraidh air son a bheil a thighearnas-san aiumeil 
an oidhirp a thug e air na h-Americauaich a chur fo chìs, agus mar 
a dh'eirich iadsan suas air lorg sin gus an ceangal eadar iud feia 
'b an dùthaich mhàthaireil a bhriseadh gu h-iomlan. Mar a bba 
fiachan na rìoghachd air tighinn gu àirde co mòr, 'sa dh' fheumadh 
tighearnas riadh nam fiachan a phàigheadh gu bliadhnail, leag iad 
clseaD ni bu truim' aig a' bhaile; 'so'n bha iad air dcanamh mòran 
cosdais ri Amcrica a dhìonadh o na Frangaich 's o naimhdibh eile, 
bha iad 'an dùil gn'n robh e laghail dhoibh ni-eigin de chur a stigh 
a thogail o' na Stàitibh fa leth do 'n robh America a tuath air a 
roÌDo. Fhuaradh Reachd troimh 'n Phàrlamaid leis an robh na 
h-Americanaich gu bhi gnàthachadh Paipcircan Stamp air an robh 
CÌ8 bhcag. Ach 'n uair a fhuaradh siii a macìi air taobh thall a' 



418 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

cliuain, dh' eirich iad 'an ceannairc. Thuìg a' Phàrlamaìd Bhreat- 
unnach gu'm bu co maith an t-Achd a chur aìr chùl; agus rinneadh 
BÌn, agus sgrìobhadh a null do America a dh'innseadh nach robh 
cìs gu bhi air a leagadh orr' air an doigh ud. Ach aìg an àm 
cheudn' a' tagairt gu'n robh còir aig Breatunn air cls a leagadh air 
gach ùr threabhachas a bhuineadh dhi, mar chitheadh i iomchuidh. 
Cha do chuir na h-Americanaich mòr shuim anns an tagairt sin, 
fhad 's nach robh e ach 'am focal a mhàin. Bha Grenbhil a nis an 
dèigh an dreuchd a leigeadh dheth, agus Marcus Rocingham air 
tighinn 'na àite. Goirid an dèigh sin thàinig Morair North gu bhi 
'na Phrìomh Mhinisteir. Rùnaicheadh a nis cìs a chur air na 
h-Americanaich air sheòl co eutrom 's air an smnainicheadh iad. 
B' 6 sin beagan a phàigheadh fo ainm cìs' air son bathair a bha dol 
a null à. long Phortaibh Breatunnach. Bha i air a tri no ceithir 
de nithc fa leth an toiseach; ach thugadh dheth na nithibh sia 
uil' i, acli ti a mhàin. Bha trì sgillinnean de chis gu bhi air a 
phunnd. Agus thug a' Chuideachd Innseanach an ti seachad co 
saor, air son a chur a dh* Amerìca, 's gu'n robh e ni b' fhusadh a 
cheannach 'an America na 'm Breatunn fèìn, ged a bha ainmeacha"? 
cis air. Ach dh' èirich na h-Americanaich 'na aghaidh. Chaidh 
long le luchd a steach do Phort Bhostoin, 's chruinnich àireamh 
mòr de mhath-shluagh a' bhaile; fhuair siad iad fdin air an arm- 
achadh, 's chaidh iad air bòrd nà luinge, 's thilg iad an luchd a 
a mach air a' mhuir. 'An Niu lorc, 's am Philadelphia, cha 
d' fhuair na luingeas cothrom dad a bh' air bòrd ac' a chur air tìr. 
Agus 'am baile Theàrlaich, far an d' fhuair iad cothrom a chur air 
tìr, chaìdh a ghrad ghlasadh a stigh 'an tighibh stòir, far nach bu 
dàna le Breatunnach meur a chur air. Bha 'n cogadh air a bhonn. 
Rinneadh cabhag air feachdan lionmhor mara 's tir' a chur a null 
air los an fheadhainn ud a bh' air èiridh 'an ceannaìrc a thoirt ga 
striochdadh. Ach 's cogadh daor a bha 'n sud do na Breatunn- 
aich. Bha chuid ud de America, eadhon an uair ud, air a roinn. 
'na Stàitibh fa loth. Thionail Cochruinn lionmhor as gach Stàite 



SEORAS m. 419 

dhiubh 8Ìn do Philadelphia 'am mios meadhonach an fhoghair, 
1774. Chuir iad an cèill 'an sin a mea^g nithe eile, gu'n robh iad 
deònach air a' cheaugal eadar iad fèin 's an dhthaich mhàthaireil a 
bhi air a bhuanachadh, ach cothrom a bhi aca fèin a mhàin gach 
cìs a chitheadh iad iomchuidh a chur orra fèin. Ach cha 'n èìsd- 
eadh Breatunn ri cumhachaibh uatha ui b' fhaide. Agus fhuaradh 
a mach an dèigh làimh gu'm b' e aon aobhar mòr air son iad a 
dh' èiridh 'an ceannairc, gu'n robh mòran de *n cuid mharsantan 
a' deanamh fortain le smuglaigeadh, no goid-mhalairt ri eileanaibh 
nan Innsean a' siar a bhuiueadh do'n Spàinn. 

3. Thòisich an cogadh mu thoiseach an t-samhraidh, 1775. Bha 
cuid a' saoilsinn nach maireadh e ni b' fhaide na 'bhliadhna sin 
fèin. Cha mhò na tri muilleana sluaigh a bha 's na ceàrnaibh ud 
de America aig an àm. Blia sin beag 'an coiraeas ri sluaghmhoir- 
eachd Bhreatuinn 'us Eirinn. Ach bha na h-Araericanaich a' cog- 
adli'n an dìithaich fèin air an robh iad eòlach ; 's bhaiad anabarrach 
dealasach, agus la 's gu'u do thòisich iad, aon-sgeulach 'n an rìin air 
a' chuing Bhreatunnaich a thìlgeadh dhiìibh, bha car 'an aghaidh 
cuir aca ga chumail ri Breatunn ; agus aii uair a chriochnaich cam- 
pachadh a' cheud shamhraidli 'us fhoghair, bha iad co fad o bhi air 
401 ceannsachadh 's a bha iad 'an àm tòiseachaidh. Bha cuid de 
iloghachdan na Roinn-Eòrp* a chiosnaich Breatunn 's a' chogadh 
roimhe sud, ro aoibhncach air son America òg a' bhi 'cumail ccann 
lis an t-scann leòmhan Bhreatunnach, 's chaidh mòran oifigearan 
'ns shaighdearan Frangach a null, air an ceann fèin, a chuideach- 
adh nan Americanach. Anns a' bhliadhna 1778, tri bhadhn' an 
dèìgh do'n chogadh tòiseachadh, dh'aidich an Fhraing a bhi 'gabh- 
ail ri America mar rioghachd shaoir, agus ghabh chirt Bhreatuina 
sin co olc, 's gu'n d' èigh iad cogadh 'an aghaidh na Frainge mar an 
ceudna. Aìr an ath bhliadhna thòisich lioghachd na Spàinu a' 
oogadh còmbladh ris an Fhraing 's ri America 'an aghaidh Bhrea- 
tuinn. Bha 80 a* deanamh a' ghnothuich mòran ni b' fhusadh do 
America, o*n a dli'fheumadh Breatunn a cuid feachd, mara 's tir'. 



420 EACHDRAIDH KA H-ALBA 

a roinn an aghaidh nan tri nàimlidean. An uair a bhiodh na 
h-Americanaich a' cogadh air tìr bhiodh an càbhlach Frangach 'us 
Spàinneach ag obair air a' mhuir, mu 'n coinneamh, agus mur 
deanadh iad tuilleadh, a' cumail a' chàbhlaich Bhreatunnaich o 
chòmhnadh a dheanamh leis an arm thìre. Leis gach còmhnadb 
a bh' ann bha America a' soirbheachadh 's a' chòmhrag co maith 
ri Breatunn; agus shaoil leis an Fhraing 'sleis an Spàinn gu 'n 
rachadh ac' air eileanan nan Inusean a 's iar, a bha Breatunn air 
a chosnadh roimhe sud, a spionadh uaipe, 's an roinn eatorra fèìn^ 
Ach mu mheadhon an earraich, 1782, chuir Admaral Rodneidh as 
gu buileach do na càbhlaichibh Frangach 'us Spàinneach, a* glac- 
adh cuid diubh, a measg an robh long an Admarail Fhrangaich 
fèin. Dh' fhàs an dà rioghachd so a nis co bacach 's nach b' urr- 
ainn iad mòran còmhnaidh a dheanamh tuilleadh ri America. AcL 
goirid roimhe so bha 'n Olaind air dol 's a' chomh-bhoinn an agh- 
aidh Bhreatuinn ; agus b' èigin cogadh èigheach 'n an aghaidh-san- 
mar an ceudna. Lean Breatunn car tacain air ceann a chumail 
ris a' cheathrar nàimhdibh cumhachdach ud; ach bha sin a' tarr- 
uing tràghadh mòr air a cuid ionmhais 's air a cuid daoine, agug^ 
mar a bha'n gnothuch a' fàs ni bu mhi-choslaiche, 's cuid eile de 
rioghachdan na Roinn-Eòrp' airti dol 's a' chomh-bhoinn, mheas. 
luchd-comhairl' an rìgh iomchuidh sith a mholadh dha. Bha righ. 
Seòras glè aindeònach air sith a dheanamh. Ach an dèigh do 
'chuid mhinisteirean an dreuchd a leigeadh dhiùbh, 'sfeadhainnr 
eile dhol 'n an àite, dh'aontaich iad sith a dheanamh ri America, 
'an ceud mhios a' gheamhraidh, 1782, 'an dèigh leantuinn seachd 
bliadhn' air cogadh. Bha Stàitean Ameriea a nis air an aideach- 
adh mar rioghachd no tighcarnas air leth, gu h-iomlan saor a 
uachdranachd Bhreatuinn. Mios no dhà roimhe sin thug Breat- 
unn fuasgladh do ghearaston Ghiberalter, a sheas s6isd thri bhadhn* 
'an aghaidh na Spàinne 'sna Frainge. Rinneadh sìth ris na. 
dùthchannaibh sin, mu'n aon àm an do nàisgeadh an t-sith ri Am- 
erica. Feudar a ràdh nach iad na nithe so gu h-àraidh eachdr- 



i 



SB0BA8 m. 421 

r&idh nah-AIba; ach bha 'cuid fèia aig Alba de gach dosgaina 
'us cruadal a bha *n lorg nan cogaidhean ud. Bu Ghàel Albann- 
ach a bha 'deanamh na bàrdachd mu dhèighinn na chunnaic e 
ièìn "an Amcrica thall," a thuirt, 

" Gur lìonmhor òganach curanta 

Dheth na chuireadh an ceann ; ^ 

'Us gus an èighear an t-slth 

'D è cha 'n innsear an call." 

4. Eadar'dhealaicht* o'n arm, b'i mheur cile de eachdraidh fhoU- 
'AÌsich na rioghachd, staid 'us dol air aghart na h-eaglais. Fior 
eachdraidh eaglaiseach cha'n'eil sinn idir a'gabhail oirnn a sgriobh- 
adh ; ach cha chomasach do leughadair sam bith beachd cothrom- 
ach a thogail air staid na rioghachd, eadhon *an seadh aimsireil, 
^n a bheag no mhòr a shealladh o àm gu h-àm air na nithibh ud, 
<»-cheangailte ri staid na h-eaglais, a bha so-fhaicsinneach do na 
h-uile, agus aig an robh buaidh àraidh air an t-sluagh chumanta, 
B' ann diìibh sin an gluasad cumhachdach a bha uieasg an t-sluaigh 
araon 'an Alba 's an Sasunn, 's a' bhliadhna 1780, mu dhèighinii 
saorsainn nam Pàpanach. Bha Achd Pàrlamaid air a dhaing- 
neachadh goirid roimhe sin leis am feudadh tomhas mòr de shaor- 
sainn a bhi aig na Pàpanaich 'an Sasunn ; cha 'n e mhàin gu 'm 
biodh cothrom ac' aoradh a dheanamh 's an dòigh an togradh iad, 
ach gu'm feudadh iad a bhi air an gabhail a steach do dhreuchd- 
aibh follaiseach 's an rioghachd mar luchd lagha 's an leithidibh 
sin. Bha iad a nis ag iarraidh an Reachd so a shineadh gu Alba 
mar an ceudna. Dh' 6ìnch. mòran de shluagh na h-Alba 'na agh- 
aidh. Chuirearlh mòran iarrtasan a steach tliun an Ard-Sheanaidh 
air son iad a chur litir thagraidh thun na Pàrlamaid an aghaidh 
an Achd. Bha na ministcirean soisgeulach 's a' chìiirt sin ag iarr- 
aidh gnhis a thoirt do na h-iarrtasaibh ud, agus a leithid de litir 
Diagcaidli a chur thun na Pàrlamaid. Bha na Moderates 'an 



422 EACHDRArDH NA H-ALBA 

aghaidli sin a dheanamh; ach'air an làimh eile bheireadh iad na 
h-uile misneachd a' b' urrainn iad do 'n Reachd a bhi air a shìn- 
eadh gu Alba; agus a chioun gur iadsan bu lionmhoire 's an Ard- 
Sheanadh b' ann air a' bhonn sin a dh' fhàg a' chùirt urramach ud : 
an gnothuch. Ach chaidh mòran de shluagh ceann a deas Alba 
gu buileach troimhe chèile air son aomadh Pàpanach an Ard- 
^heanaidh. Thionail iad a steach a Dhuneidin, 's loisg iad tigh 
còmhnuidh an Easbuig Phàpanaich agus eaglais a bha ccangailte 
ris. Rinn iad a leithid cheudn' air eaglais Phàpanaich a bha 'ii 
àit' eile de'n bhaile. Agus mar a b'e Prionnsapal Robertson 
ceann-feadhnanami^<?(^^ra^^s aig an àm,ninaich am math-shhiagh 
an aon diol a dheanamh air a thigh-san, 's air tigh fir lagha da 'm 
b' ainm Crosbi. Ach fhuaradh buidheann de 'n arm gu seasamh, 
rompa, 's casgadh a chur orr' aig an àm. Bha *n Robastonach ni 
bu ghlic' aig àm ath-choinneimh an Aird-Sheanaidh, 's thug e oidh- 
irp air a hichd leanmhuinn aomadh gu comhairle nam ministeireaa 
soisgeulach a ghabhail. Thug sin ni-eigin de riarachadh aig aa 
àm. Cha 'n 'eil ni annasach sam bith ri 'innseadh mu riaghladb. 
na h-eaglais fhad 's a lean Dr. Robertson air a bhi na cheann-iiiil. 
Bha 'n aon chreud 's an aon chleachdadh aig an taobh bu treise. 
*s an eaglais ga 'n leantuinn rè na h-ùine sin. Ach feudar aoit 
saimpleir a thoirt air a' chumhachd a bheireadh Presentation do 
dhuin' aig an àm ud, agus air a' ghreimeachadh a dheanamh cuid 
dihbhsan ris, air sgàth meudachaidh an stipein. Fhuair fear Mr 
Mac Thòmais, ministeir Ghargunoc, Presentation gu sgireachd St» 
Ninian, 'an Clèir Shruileidh. Bha sluagh na sgireachd, chamhòr, 
gu h-iomlan, 'na aghaidh. Bha buill na Clèir 'ag obadh a dhol ga 
shuidheachadh 's an sgireachd. Bha iad a' gabhail na h-uile leth- 
sgeul a ghabhadh deanamh air son dàil a chur 's a' ghnothuch, le 
bhi togail sud 'us so o aon chtiirt eaglais gu ciiirt eile. Mhair sia 
seachd bliadhna. Ach 's a' bhliadhna 1773 thug an t-Ard-Shean- 
adh teann òrdugh do 'n Chlèir a dhol air aghart, agus uile bhuill 
na Clèire bhi làthair. B'e Mr Finlay, Dhollair ceann-suidhe na. 



SEORAS m. 423 

Cldire, 's rinn esaa searmon, mar a b' àbhaist aig a leithid de àm. 
*N uair a bha sin seachad, dh' iarr e air Mr Mac Thòmais seasamh. 
air sou gu'm bruidhneadh e ris, mar a bhithear a' deauamh aig a 
leithid de àm. Ach an àit' na h-earail chàirdich àbhaistich, 's ann a 
thug Mr Findliiy aa aghaidh air, 'an disdeachd a' choimhthionail 
mhòir a bha làt'aair air sou an dragh a bha e cur air a' chldir, 's air 
an sgìreachd lo bhi leantuinn ris a* Phresentation^ ged a bha sea 
ceud ceanu teaghlaich 'na aghaidh, agus tri fichead aig an robh 
fearann saor 'sa' choimhearsnachd, agus seauairean a' choimh- 
thiouail uil' ach aon duine. Chuir e'n cuimhne dha, ni air au 
rjbh fios aige, nach èisdeadh au coimhthional e ri 'là; gu'm biodb. 
fuatli aca air, 's gu'n deanadh iad tàir air. Cho-dhiiin e le teana 
sparradh air e leigeadh dheth a' Phresentation air sgàth tròcaireaa 
Dhè, air sgdth leas spioradail sluaigh lioumhoir na sgireachd; agus 
air sgàth na sith inntinn bu mhaith leis aige fèin ri uchd bàis. 
Bha tosd feadh na h-eaglais car greis an dèigh na h-òraid so. Ach 
bha Mac ThòmaLs de stubh rud-eigin ni bu chruaidhe na maide; 
agus 'an àite taiseachaidh, 'sann a thionndaidh e ris an fhear eile, 
'sthuirt e, "tha mi toirt maitheanais duibh a' dhuine air son na 
thubhairt sibh, gu'n tugadh Dia maitheanas duibh; rachaibh air 
aghart 'an ìirahlachd do 'n mhuinntir tha os 'ur ceann." Bha 'a 
ath thosdachd feadh na h-eaglais an ddigh an taisbeanaidh so air 
Gomas an fhir a bha 'na sheasamh. Thuirt Mr Fiudlay an sin, ana 
an guth iosal, cianail, "tha mise, mar cheann-suidhe Cldir Shruil- 
eidh ga d' leigeadh a steach mar mhinisteir St. Niuians, ann am 
fior sheadh agus spiorad na binn a tìiug an t-Ard-Sheanadh a mach 
o cheann ghoirid; agus le so, tha thu stigh a rèir sin." Cha robh 
aig muinntir na sgireachd ud air, ach tigh coinneimh a thogail 
doibh ftìin, mar a bha na h-iomadaidh eil' a' deanamh a bh' air 
am f^ireigneadh air an dòigh cheudna. 

5. Bba 'Ghàeltachd'sa' Ghalltachd air an aon diol leis a' Fhàt« 
Tonachd; ach bha cothrom mòr 'an nithibh eaglaiseach aig luchd 
Beurla 'bharrachd air luchd GàcHc. Aca sud bha ua Sgriotuir- 



424 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

ean gu h-iomlan 'n an cànain fèin ; aca so clia robh na Sgriobtuìr- 
ean idir 'n an cànain fèin. Bha 'm Bìobull gun teagamh roimhe 
so air a chur 'an clò *s a' Ghàelic Eireannaich ; ach 's gann gu 'n 
robh stà sam bith 'an sin do na Gàeil Albannach, a chionn iad a 
bhi aineolach air an litreachadh Eireannach. Ma bha litreachadh 
sam bith 'na measg 's ann 's a' chainnt Shasunnaich a bha e, tre 
nach b' urrainn ach ro thearc dhiùbhsan ruigsinn air eòlas a 
chionn i bhi 'na cainnt mhairbh dhoibh. Cha robh ach tearc 
eadhon de na sgoilean Beurla fèin 'na measg, ged a bha Eaglais na 
h-Alba riamh o àm an Ath-leasachaidh ag òrduchadh aon sgoil 
diubh sin a bhi 'sna ^i-uile sgìreachd. Anns a' bhliadhna 1758 
chuir an Comunn a bh' air son Eòlas Criosduidh a. sgaoileadh air 
feadh na Gàeltachd, fa chomhair an Aird-Sheanaidh gu 'n robh 
ceud agus cuig deug 's trì fichead sgìreachd air feadh na Gàel- 
tachd anns nach robh sgoilean sgìreachd. Feudaidh e bith gu'n 
robh an Comunn ud fèin a' cur sgoil 'an àite 's an àite dhiubh sin; 
ach cha robh mòran 'n an comas. Bha fios aig ministeiribh na 
Gàeltachd air sud; ach tha e coslach gu'n robh iad caoin shuarr- 
ach mu 'n ghnothuch. Bha lionmhoireachd an t-sluaigh mar so 
gu h-iomlan 'an urra ris na theireadh am ministeir riu. Ach bha 
aon ni a lean mar bhuaidh air an easbhuidh mhòir so a thoirt fa 
cliomhair an Aird-Sheanaidh, gu'n do thogadh dà fhichead eag- 
lais aig an àm ud 'an caochladh àitibh de'n Ghàeltachd, agus gu'n 
do shuidhicheadh ministeir anns gach aon diubh ; ged nach 
d' fhuair iad sin cothrom suidhe ann an cùirt eaglais gu fad an 
dèigh sin. 

6. Anns a' bhliadhna 1780 leig Dr. Robertson dheth a bhi 'na 
cheann-iùil air na Moderates 's an Ard-Sheanadh, agus e fathast 
'an trèin a neirt. Cha d' innis e riamh an t-aobhar a bh' aig air 
son sin a' dheanamh. Ach tha uile sgrìobhadairean eachdraidh 
èaglaisich a' comh-dhùnadh gur h-ann tre eagal nach b' urrainn 
e 'chosan a ghleidheadh anns an dian shiubhal a bh' aig an eag- 
lais air aghart o aon cheum mearachdach 'na teagasg 's na 



SEORSA m. 425 

cleachdadh gu ceum eile. Bha mearachdan an t-saohh-chreid- 
mhich Socinus a' togail an cinn 'san eaglais'an caochladh chruth- 
aibh, gu h-àraidh a measg an fheadhainn a b' òige de na minis- 
teirean. 'S mar a bha iad sin 'an aghaidh theagasgan Leabhair 
Aidmheil a' Chreidimh, bha na diadhairean òg ud a' fàs dàna gu 
bhi 'tagradh, air sgàth coguis, nach robh e cothromach a bhi 'toirfc 
air ministeirean an ainm a chur ris an Leabhar Admheil'an àm a bhi 
ga'n suidheachadh 'an coimhthionalaibh. Cha robh an Robaston- 
ach ullamh gu dol co ro fhada sud. Agus o'n a bha eagal air 
gu'm feudadh an sruth a bhi ro làidir air a shon, theich e ann an 
tràth ; ach cha do thachair an ni roimh an robh eagal airsau 's air 
cuid eile. An uair a thuig cuid de na h-uachdarain ciod mu 'n 
robh curaidhean òga na h-eaglais, bhagair iad, co luath 's a sguir- 
eadh iad a chur an 'ainm ri Leabhar Aidmheil a' Chreidimh, gu'n 
sealladh iadsan air an eaglais mar air a dealachadh o'n Stàite, agus 
gu'n rachadh grad stad a chur air an cuid stìpeinean a phàigh- 
€adh. Bu leòir sud aig an àm. Cha robh iomradh tuiUeadh air 
Lcabhar Aidmheil a' Chreidimh a chur air chùl. Thàinig Dr. Hill 
Chill-Rimhinn 'an àit' an Robastonaich, mar cheaun iùil nam 
Moderates *s an Ard-Sheanadh. Bu duine comasach esan ; 's bha 
c soirbheachail da rèir. Bha sea dreuchdan buannachdail, onar- 
ach aig' an co-cheangal ris an eaglais Albannaich; ach fo a 
riaghladh-san bha i air a treòrachadh air frith ròidibh ni bu ro 
fkaid' o a ceud cho-shuidlieachadh. nach feudar mòran leud- 
achaidh a dheanamh 'an so, cuiridh aon saimpleir de 'n spiorad a 
bha taobh nam òloderates a' taisbcanadh ann am beaehd air ciod 
anDS an robh leas an duine a' co-sheasamh, solus air a' mhodh 
riaghlaidh a bh* ac' air an eaglais. Anns a' bhliadhna 1796, cuig 
bliadhna deug an dòigh do'n Olladh HiU tighinn gu bhi 'na 
cheann-ihil air an Ard-Sheanadh, chuireadh litricheau tagraidh o 
chuid de chUirtibh eile na h-eaglais, a' guidheadh air an Ard- 
Sheanadh gnùis a thoirt do shaothairibh a' Chomuinn a chuir- 
eadh air chois a' bbliadbn' ud fèin 'an Duneidin 's an Glascho, ga 



426 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

lucbd-teagaisg a chur a macli a measg phàganach dliorcli' aa 
iodhail aoraidh. Bha Dr. Erscin 'na cheann-siiidh' air a' Chom- 
nnn a bha 'n Duneidin. Bha e mar an ccudna 'na bhall de *a 
Ard-Sheanadh ud, 's thagair e cùis a' Chomuinn air an robh e 'na 
cheann-suidhe. Chuir Dr. Hill agus a thaobh de'n tigh gu buiU 
each 'an aghaidh airgiod a thrusadh air son a leithid de aobhar; 
's gbnàthaich iad argumaidean gu eagal a chur air muinntir sam 
bith an cuid airgid earbsadh ri Comunnaibh de 'n t-seòrs' ud, a 
bha nis ag èiridh suas 'an caochladh àitibh, 'sa' cumail suast 
comh-sgriobhadh daonnan catorra fèin, 's gu 'n f hios an uair a 
gheibheadh siad iad fèin làidir nach h-ann a thionndaidheadh iad 
an aghaidh na rìoghachd, gus a co-shuidheachadh a thilgeadh 
bun os ceann. Le leth-sgeulaibh dubha de 'n t-seòrsa so, 's le bhi 
cumail a mach gu 'n robh na Pàganaich sona gu leòr mar bhà iad, 
thug iad ciil an doniis do aobhar a' Mhisionari. 

7. Bha sìth aig Breatunn, 's 'feudar a ràdh aig an Roinn-Eòrpa,, 
o nàisgeadh an t-sith ri America gus an do thòisich an iorghail 
mhòr 'san Fhraing 'sa' bhliadhna 1789. Bha iochdarana na 
rìoghachd sin gu ro mhòr air am fòirneartachadh le ain tighear- 
nas an luchd riaghlaidh rè tiine fhada roimhe sud. Ach air 2k 
bhliadhna so dh' èirich luchd àiteachaidh na tire le chèil' 'an agh- 
aidh an luchd riaghlaidh, nan daoine mòra, 's tighearnan an f hear- 
ainn ; agus mar thuil a sguabas roimpe gach gàradh 'us comhara 
crich' a bhios 'na rathad, thi!g iad bun os ceann na h-uile gnè 
tghdarrais aimsireil 'us spior.iJail 'san rioghachd; roinn iad am 
fearann 'us dreuchdan fa let!i na rioghachd mar a thogair iad, 
's cha bu dàna ie rìgh no ridir a ràdh gu'm b' olc. 'S e 's dòcha 
gu*m biodh na Frangaich air a:i cùisean a' chur air seòl le ni èigia 
de chèiil 's de riaghailt *n uair a dh' fhalbhadh cuthach' 'us boil 
na fòirneirt diiibh, na'm biodh iad air am fàgail dhoibh fèin gu sia 
% dheanamh. Ach mar a ghabh rìghrean *us luchd riaghlaidh eile 
na Roinn-Eòrpa mòr eagal gu'n èireadh an cuid iochdarana fèia 
air aa dòigh cheudn' 'an ceannairc, 's ann a dh* fheumadh cuid 



SEORAS nL 427 

diiibh a dhol 's an eadraigin gii gnotliuichean na Fraing' aìseag gii 
an ceud staid. Chaìdh Impire Austria, 's righ Phrusia 'an comh- 
bhoinn air son an aobhair so, 's chruinnich iad feachd cumhachd- 
ach leis an do bhris iad a steach air taobh deas na Frainge. 
'N uair a thuig na Frangaich an t-aobbar mu 'n robh 'mòr shluagh 
ud a' tighinn *u an aghaidh, thàinig am bànaidh buileach orra. 
Cha 'n earbadh iad gnothuch cudthromach sam bith ris an rìgh no^ 
ri 'lucbd comhairle; 'sthug iad uaith' am faileas de chumhachd a 
bha iad air fhàgail aige. Chuir iad dheth 'n chaithir buileach e^ 
's dhruid iad suas 'am prìosun e; 's an ùine glè ghoirid thog 'us 
dh' armaich 'us dh' iunnsaich iad àireamh shaighdearan leis an do 
sgiìirs iud air falbh am Prusianach 'san t-Austrianach o'n crioch- 
aibh, 's an do ruith iad thairis air na ceàrnaibh tuathach de 'a 
Roinn-Eòrpa ris an abrar an Tir-iochdrach. Thug iad aig an àm 
cheudna fiadhachadh do na h-uile sluagh 's an Rolnn-Eòrp' a bha 
sgìth dheth an luchd-riaghlaidb, iad a dh' òiridh 'n an aghaidh 
's gu'n cuidicheadh iadsan iad. 'Nuair a bha 'n cuid armailtean 
a* ruith troimh 'n Tir-iochdraich, dh'fliosgail iad seòladaireachd na 
h-aimhne Scheld, a bha Breatunn air gealltuinn a chumail dìiint*^ 
'am fàbhar na h-Olaind. Ghabh Breatunn so mar leth-sgeul air 
8on cogadh a chur an cèill 'an aghaidh na Frainge. Air an aonamh 
là fichead de threas mios a' gheamhraidh, 1793, thàinig an Rìgh* 
chuairt Fhrangach gu a h-àirde le iad a thoirt ceann an righ, 
Luthais XVI., thun na h-ealaig. Chuireadh an sin mòran gu bàs 
tre an-amharus iad a bhi air taobh an righ. Bha na h-uile riogh- 
achd 'sau Rf)inn-Eòrp' a nis a' cogadh an aghaidh na Fraing ach 
a tri. Bha'n rìoghachd sin car tamuill a' fàihieachadh 'na comas 
fèin dhionaidh ri aghaidh na bha 'n sud de nàimhdean. Ach air 
do phàirtidh bu gliniomhaiche riaghladh na dìithcha fhaotainn^ 
fo threòrachadh Robespierre ainmeil, thog na Frangaich orra;. 
'sdh' fhàs iad co deahisach 's gu'n robh na nàimhdean a teicheadlx 
TOiEpa air gach làimh. Chuir cùii-t Bhreatuinn armailt a nuU do 'n 
Tlr-iochdraich a chuidcachadh nan Gearmailteach 'an aghaic 



428 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

nam Frangach; ach cha robh coimh-rèit' iomchuidh a' measg 
luchd stiìiiridh an airm, 's cha robh seasamh aca ris na Frang- 
aich. B' èigin an t-arm Breatunnach a thoirt air ais do Shasunn. 
Bha'n càbhlach Breatunnach a' deanamh sgathaidh eagalaich air 
luingeas chogaidh nam Frangach, ach air tìr bha na Frangaich 
mar bu tric' a' buadhachadh. Agus anns a' bhliadhna 1795 tharr- 
uing Tuscani, Prusia, agus an Spàinn air falbh o 'n chomh-bhoinn 
'an aghaidh na Frainge. Bha gainne mhòr 'am Breatunn air a* 
bhliadhna so; 'sbha'n cogadh a' meudachadh prìs gach seòrsa 
bidh. Bha muinntir Shasuinn gu h-àraidh air an dorranachadh 
co mòr le so, 's gu 'n tug mòran diùbh ionnsuidh air inneal-siubh- 
ail an rìgh 'nuair a bha e 'dol a dh' fhosgladh na Pàrlamaid, air 
son e bhi 'leantuinn air a' chogadh 'siad gu bàsachadh le gorta. 

8. Rè dhà bhliadhna 'an dèigh sud cha d* rinn Breatunn ach 
,glè bheag còmhnaidh le Austria, a bha nis 'na h-aonar a' cogadh 
'an aghaidh na Frainge. Anns a* bhHadhna 1796 thòisich Napo- 
leon Bonaparte a* togail a chinn 's an arm Fhrangach. Bu mhac 
fir-lagha Napoleon, 'an eilean Chorsica, air taobh siar na Frainge. 
Fhuair e 'fhòghlum 'an aon de àrd sgoilean saighdearachd na 
Fraiuge. Thòisich e aig dreuchd glè iosal 's an arm ; ach bha e 
'dìreadh gu maith cabhagach. Ràinig e nis air a bhi 'na Shean- 
alair air a' chuid de 'n arm a bha 's an Eadailt; o 'n là a fhuair esan 
comannd an airm, charobh ach buaidh an dèigh buaidh ga cosnadh 
gus an d' fhuadaich e na h-Austrianaich a mach gu buileach as an 
Eadailt. Thug so air Austria sìth a dheanamh ris an Fhraing. 
Bha aig Breatunn a nis 'na h-aonar ri bhi 'cath ri cumhachd na 
IVainge. Bha mòran de na h-Eireannaich glè mhi-riaraichte fo 
chuing Bhreatuinn, agus chuir iad air a' bhliadhna so fiadhach- 
adh thun an luchd-riaghlaidh Fhrangaich cuideachadh a chur 
thuca gus a' chuing Shasunnach a thilgeadh dhiùbh. Sheòl càbh- 
lach Frangach, air bòrd an robh ochd mìle deug saighdear a nall 
gu oirthir Eirinn. Ach shèid doinionn ghaoithe co garbh 'n an 
aighaidh 's gu'n do philleadh air an ais iad do 'n Fhraing an dèigh 



SEOEAS III. 425 ' 

ceithir de 'n cuid luingeaTa dhol as an rathad agus aon diubh a 
bhi air a glacadh leis na Sasunnaich. Goirid an dèigh so dh' aom 
luchd riaghlaidh na Frainge cùirt na Spàinne gu dhol 'an comh- 
bhoinn riu fèin *an aghaidh Bhreatuinn. Thòisich a nis an cogadh 
da rireadh air taobh Bhreatuinn. Air a' cheathramh là deug de 
cheud mhìos an earraich 1791 fhuair an t-Admaral Sasunnach, Sir 
lain lerbhis buaidh air a' chàbhlach Spàinneachaig àite ris an abrar 
Cape St. Vincent. Ghlac e ceithir de 'n cuid luingeas. 

9. Ged tha na nithe air a bheil iomradh 's na h-earrannaibhi 
80 ni's coslaiche ri eachdraidh na Roinn-Eòrpa na ri eachdraidh- 
Alba, gidheadh tha e feumail do 'n leughadair fios a bhi aig air na» 
DÌthibh so gu a tliuigsinn gu ceart ciod a b' aobhar do 'n ùpraid a- 
thòisich 'an Gàeltachd Alba mu'n àm so 'an co-cheangal ri togail 
dhaoin', agus a dh' oidlnrpicheas sinn innseadh 'am briathraibh co 
tearc 's a ghabhas deanamh. Ged a rinneadh lagh goirid an dèigh 
bliadhna Theàrlaich leis an robh ùghdarras nan tighearnan Gàelacb 
thairis air an cuid tuatha gu bhi air a bliriseadh, 's a rèir nach 
feudadh an tuath-cheathairn a bhi ni b' fhaide air chomhairl' aa 
ceann cinnidh, gidheadh fhuaradh a mach gu'n robh uiread de 'u 
t-seann nòs fathast a' measg nan Gàel, 's nach faighteadh àireamh 
sam bith dhiubh gu gabhail 'sa 'n arm mur biodh an ceann— 
cinnidh, no co dhiù na daoin' uaìsle a b' fhaisg air 's an dùthaicb 
a' dol air thoiseach orra. Cha b' urrainn luclid riaghlaidh na 
rioghachd po a leasachadh. Agus 's e smuainich iad cothrom a 
ghabhail air anns a bhi ga thionndadh gu 'm feum 's an goireaa 
fèin. Tliòisich iad a' toirt Commission no barantas do gach uachd- 
aran fearainn fa leth rc^isimeid a thogail air a chuid fearainn fèiny 
'sa'toirt òrduigh dha mar an ceudnaoifìgich a shuidheachadh os an 
ceann mar a thogradh e, agus barantais nan oifigeach sin gu bhi; 
ris air an daingneachadh leis an righ. 'N uair a bha 'n gnothuch 
mar so air fliàgail eadar an t-uachdaran 'san tuath-cheathairn, 
bha iadsjin gu h-iomlan aig toii an uachdarain. Cha robh cùirt - 
cbeartais aun gus an togadh fear sam bith a bha aindcònach air a> y 



430 EACHDKAIDn NA II-ALBA 

^hol do 'n arm a chìiis. Cha robh ann dhoibh ach a bhi umhal do 'n 
uachdaran, no a chuid fearainn fhàgail, 's a dhol do cheàrn' eile 
far am feudadh iad a bhi air an glacadh air son an aobhair cheudna. 
A' tòiseachadh aig Bliadhna Theàrlaich anns na thogadh rèis- 
imeid larla Loudoiii, chaidh ceithir rèisimeidean fichead a thogail 
's a Ghàeltachd gus a' bhliadhna 1800, anns an robh trì mìle fichead 
fear 'n uair a thogadh iad, 'sabha tarruing an cuid dhaoin' aa 
dèigh sin o 'n Ghàeltachd mar a dh' f heumadh iad. Bha iad so 
gu seirbhis a dheanamh 'an àite sam bith de 'n t-saoghal, far am 
faiceadh tighearnas iomchuidh an cur. Agus a thuilleadh air so 
thogadh 's a' Ghàeltachd eadar a' bhliadhna 1760 agus 1800 sea 
rèisimeidean fichead ris an abradh iad Dionadairean (Fencibles) a 
bha gu seirbhis a dheanamh 'am Breatunn no 'n Eirinn. Bha 
neart nan rdisimeidean so gu mòr ag eadar dhealachadh. Bha iad 
o sheachd ceud gu dà rahile 's tri cheud. Tha cuid beò fathast, 
cha 'n e mhàin aig am bheil ciiimhn' air an fheadhainn mu dheir- 
eadh de na rèisimeidean so a thogail, ach a bha gu h-achdaidh a' 
deanamh suas pàirt diùbh. 

10. 'An ddigh do Napoleon Bonaparte a bhi co soirbheachail 
ann am fuadachadh nan Austrianach a mach as an Eadailt, thòis- 
ich e 'fàs car ceannasach air an luchd-riaghlaidh a bha os a 
cheann. Ach gu faotainn cuibhteas e 'an dòigh a bhiodh feum- 
«.il do sheirbhis na dùthcha chuir iad do 'n Eiphit e anns a' 
bhliadhna 1798, air cheann buidheann lìonmhor de'n arm gus an 
tìr sin a cheannsachadh dhoibh fèin, 's gu'm biodh e ni b' fhusadh. 
dhoibh o'n dùthaich sin cothrom fhaotainn air impireachd Bhrea- 
tuinn 'sna h-Innsibh a 'sear. Bha Napoleon soirbheachail 'na 
chuid fèin de'n ghnothuch. Fhuair e buaidh air na h-Eiphitich; 
ach bha 'n t-Admaral Sasunnach, Nelson, air an oirthir, 's thug e 
ionnsuidh air a' chàbhlach Fhrangach, an dèigh do na saighdeara 
tir' an casan a thoirt leò, agus sgrios no ghlac e na luingeas 
Fhrangach uil', ann an Camus Abucir, air a' cheud là de cheud 
mhios an fhoghair. 'An dèigh sin ghabh Napoleon air aghart do 



SEORAS in. 131 

Shiria, 'sbha dol leis gus an do chuir an Riaghlair Turcach, le 
còmhnadh nan Sasunnach, air ais e aig St. Jean d' Acre. Phill 
€ *n sin do 'n Eiphit far an do choisinn e blàr eile faisg air an àit' 
's an do chaiU e 'n càbhlach. Fhuair e mach *an so nach robh tigh- 
earnas na Fraing' a' tighinn air aghart gu ro mhaith. Fhuair e 
soitheach beag anns an do sheòl e gu folchuidh a nall do 'n Fhraing 
le rùn a* bhuidheann aig an robh an tighearnas a thilgeadh bun 
os ceann, agus fhaotainn 'na làmhaibh fèin. Fhuair e fear dileas, 
Lisies, gus a chuideachadh 's a' ghnothuch. Fhuair se e fdin air 
òrduchadh le Comhairle nan Seanar gu bhi 'na cheannard air a 
chuid de'n arm ris an abrar geard a' bhaile. B' e 'n ceud char a 
linn e 'n dèigh so an luchd rìaghlaidh atharrachadh o na Tulleries 
gu St. Cloud. Cha do leig e fada leò 'an sin an uair a chaidh e 
steach là àraidh air am muin leis an arm, 'sa dh'fhuadaich e 
mach iad feadh an t-saoghail aig roinn na bèigileid. Fhuair e'n 
8Ìn e fein air ainmeachadh 'na Cheud Chonsul, agus dithis elle 
còmhladh ris gu bhi ga chuideachadh. Bha tri buidhnean eil* 
ann fo ainmeachas luchd comhairlc, ach *s ann aig Napoleon a 
bha *n cumhachd. Air a* cheathramh là fìchead de mhìos deir- 
cannach a' gheamhraidh, 1799, co luath 'sa chualas anns an 
Eoinn-Eòrpa gu'n do sgriosadh an càbhlach Frangach chaidh tri. 
no ceithir dc na rioghachdan eil* an comh-bhoiun ri Breatunn *an 
aghaidh na Frainge. B' aon diubh sin Austria, 's thòisich i air 
ath chosnadh nan àitean a thug Napoleon uaithe roimhe sin. Ach 
an dèigh do Napoleon oidhirp a thoirt gu dìomhain air slth a 
dheanamh ri Brcatunn, chaidh e do *n Eadailt le dìi fhichead 
mUe fear, *8 thòisich e air na h-Austrianaich a sgiùrsadh air falbh 
mar a rinn e roimhe. Bha Breatunn a* bhliadhna roimhe so air 
cur cuig mile deug thar fhichead fear a null do 'n Olaind gus na 
Easianaich a chuideachadh ann am fuafkcliadh nam Frangach a 
mach 88 an dhthaich ud. Ach b' èigin doibh a dhol ajr tir le side 
njhi-fhiibharraich, 'an àite *8 an robh cus cothroim aig na Frangaich 
orra; agus *8 e bh* ac' air son an turuis gu *m b' (^igin doibh coth- 



432 BACHDRAIDH NA H-AT.BA 

xom a thigliinn air an ais gun ghrabadh sam bith a cheannach, lè 
ochd mìle priosunach Duitseach no Frangach a bha 'n làimh 'aa 
Sasunn a leigeadh fa sgaoil. Bha Ard Sheanalair Frangach eile 
ann da 'm b' ainm Moreau aig an robh comannd air an roinn de'n 
fheachd a chuireadh do 'n Ghearmailt. Bha esan co soirbheachail 
's a' Ghearmailt 's a bha Napoleon 's an Eadailt. Thug so air rìogh* 
achdan na Roinn-Eòrpa sith a dheanamh ri Napoleon, a chaidh a 
nàsgadh' 's a' cheud mhios de 'n bhhadhna 1801. Bha crìochaa 
na Frainge gu mòr air am farsuingeachadh leis an t-sith ud. 

11. Bha Breatunn air a fàgail a nis na h-aonar a' cogadh ris aa 
Fhraing 's ris an Spàinn. Ach 's ann air fairge bha luchd a' chòml>- 
raig a' coinneachadh mar bu trice. Cha robh am feachd Breatunn- 
ach co lionmhor 's gu 'm b' urrainn mòran diubh a bhi air tìr-mòr 
na h-Eòrpa. Bha mòran de 'n arm Bhreatunnach 's na h-Innsibh 
a' sear aig an àm. Cha b'e mhàin gu'm feumadh armailt a bhl 
'gleidheadh na fhuair iad de fhearann an sin, ach bha iad fatliast 
a' sior chur am farsuingeachd an criochan 's na ceàrnaibh ud. 
'An toiseach an t-samhraidh 1799 cheannsaich iad rioghachd air 
an robh Seringapatan 'na cheann bhaile, 's thuit an righ fèiu 's £u 
chath a' dionadh na daingnich 's a' bhaile sin. Bha mar an ceudna . 
cuid de 'n f heachd 'an Eirinn. Bha ceannairc eagalach 's an dùtk- 
aich sin 's a' bhliadhna 1798. Bha cuigear de àrd luchd riagh- 
laidh aig na ceannaircich air nach robh eòlas ach aig an fheadh- 
ainn a* b' fhaisg orr' 'an dreuchd. Bha mu 'n cuairt air leth muiU- 
ean duine fo bhòidibh a bhi dileas do 'n chomh-f hoill. Bha iad. 
gu èiridh air là àraidh. Ach f huaradh a mach roimh 'n àm ciod 
mu 'n robh iad, 's mheataich sin gu mòr iad. Co dhiù dh' èirich 
iad air an là 'n ceithir no cuig a dh' àitibh. Ach chaidh an ceann- 
sachadh air an aonamh là fichead de mhios meadhonach an 
t-samhraidh, Thug so air tighearnas Bhreatuinn oidhirpeach- 
adh a' Phàrlamaid Eireannach aonadh ris a' Phàrlamaid Bhreatunn- 
aich. Bha na h-Eireaunaich co mòr an aghaidh an Aonaidh so 
"s a bha na h-Albannaich ri linn ban-righ Anna. Ach thugadh 



SEORAS III. 433 

mu'n cuairt e air an aon dòigh *s an tugadh an t-Aonadh Albann- 
ach, le frasaibh de òr Sasunnach. là na bliadhn' ùire 1801 tha 
'Phàrlamaid Eireannach air a h-aonadh ris a* Phàrhimaid 'an 
Lunuinn ; *8 theirear Pàrlamaid Bhreatuinn mhòir 'us Eirinn rithe. 
Air a' bhliadhna so fdin, toiseach an earraich, chuireadh armailt 
Bhreatunnach do 'n Eiphit 'an aghaidh an fheachd a bha Bonapart 
aìr fhàgail ann, 's a bha 'ii dòigh an Eiphit a chur fòpa ièìn. Air 
an fhicheadamh là, de'n Mhàlrt fhuair an t-arm Breatunnach 
buaidh orra sti,'s dh'fhàg iad an dhthaich air chumha gu'n cuireadh 
Breatunn a nall iad do 'n tìr fèin. Ach mar a bha Breatunu a nis 
na h-aonar a' còmhrag ris an Fhraiug 's an Spàinn, gun mhòr 
aobhar air a shon, dh' aontaich i ri sìth a dheanamh mu mheadhon 
an earraich 1802. Bha 'n cogadh ud glè dhaor do Bhreatunn 
'an airgiod. Ach cha do chaiU i ach dà luing 'an cogadh mara; 
mu choinneamh sin thug i o *n nàmhaid, no sgrios i, 1819 de shoith- 
ichean eadar bheafj 'us mhòr. 



CAIB. XLV. 



8B0RAS IIL 00 CRIOf;iI A RIOGHACHAIDH. 

Cha do mhair an t-sìth eadar Breatunn 's an Fhraing ach aoa 
bhliadhna. Fhuaradh Napoleon co neo-sheasmhach 'na ghcalhidh 
'snach giiilaineadh an tighcarnas Breatunnach leis nib'fhaide. 
Cliuir iad pàirt dc 'n chàbhlach gus na h-eileanan a bhuineadh do 'n 
Fhraing *8 na h-Innsibh a siar a ghlacadh. Air a' cheud là de 'n 
t-samhradh 1801 fìiuair Napoleon c fdin air èigheach 'ua Impir' 
Air an Fhraing. Clileachd e na h-aon chlicean a' direadh thun na 



434 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

h-àirde sin 's a ghnàtliaich e mu 'n d' fhuair e Llii 'na Chonsiil. 
Bha cuid a' dealbhadh ÌTinleachdan 'na aghaidh ; 's chuir e cuid de 
na neo-chiontaich, co maith ris na ciontaich gu bàs 'am fuil fhuair. 
Chuireadh fear de Phrionnsan an teaghlaich rìoghail gu bàs na* 
measg sin. Theich Moreau curant' airfalbh le eagal a bheatha. 'S 
a' bhliadhna 1805 fhuair Pit, am Prìomhair Breatunnach, Rusia *us 
Austria'us Naples 'an comh-bhoinn ris fèin'an aghaidh na Frainge. 
Bha Napoleon ag ullachadh air son briseadh a steach air Breatunn 
'nuaira chual e gu'n robh Austria ag arraachadh 'na aghaidh, 
'sEusia deas gus an nàmhaid sìn a neartachadh le a feachd fèin. 
'An ath là an dèigh so a chluinntinn dh' fhàg e Pàris le ceithir 
fichead mìle fear, a' cur gach buidheann a gheibheadh e air an 
rathad riu sin. 'Am beagan làithibh ghlac e daingneach Ulm a 
l)huine?.dh do Austria, anns an robh deich mìle fichead fear, agus 
mòran r ■ nachd. Mìos an dèigh sin chaidh e steach do Uienna, 
<;eann-! «01* Austria, gun duine ga choinneachadh. Lean e air 
tòir an teaghlaich rìoghail, 'us feachdan Austria 'us Busia, do 
Mhoràbhia,'s air an dara là de dhara mios a' gheamhraidh chuir e 'n 
ruaig orra le chèil' aig àite ris an abrar Austerlits. Bhris sin a 
chomhbhoinn. Ach bha cumhachd Busìa fathast gun bhriseadh. 
Bha tir-mòr na h-Eòrpa sàmhach mar so fa chomhair an Fhrang- 
aich. Ach air an aonamh là fichead de mhios deireannach an 
f hoghair bha 'n càbhlach Breatunnach, fo chomannda Nelsoin, air 
an càbhlach Frangach 'us Spàinneach a sgrios aig Trafalgàr. 
Ghlac Nelson naoi deug de hiingeis an nàmhaid. Ach leònadh e 
fèin 's a' chòmhrag, 's bhàsaich e 'n là sin fdin. Bhàsaich Pit goirid 
an dèigh dha chluinntinn cionnus a chaidh do Austria 'sdo Busia. 
Thàinig Mr Fox 'na àite, 'sbhàsaich esan sea miosan an dèigh sin. 
Tha cuid ag ràdh gu 'm b'e 'n gnothuch a bhi dol 'n an aghaidh 
aobhar bàis an dithis. B' e Mr Percival Priomhair an tighearnais 
a thàinig gu cumhachd 'n an dèighsan. B' e aon de na ceud 
nithe a rinn iadsan càbhlach Lochluinn a deas a thoirt do Shasunn 
mu 'm faigheadh Napoleon grèim orra. 



SEORAS m. 435 

2. 'Sa' bhliadhna 1806 bhris Napoleon cumhachd Phrusia, agus 
'an tomhas mòr cumhachd Rusia, a rinn sith ris a^is a chaidh 'an 
comhbhoinn ris 'an aghaidh Bhreatuinn gus a cuid luingeis *us 
malairt a chumail a mach as gach long-phort air tir-mòr na 
h-Eòrpa. B' i Breatunn a uis an aon churahachd a bha ga h-achd- 
aidh a* cogadh *an aghaidh an Fhrangaich. Bha gach rìoghachd 
eile gun neart, 's fo eagal. Bha Napoleon a nis air bith co soirbh- 
eachail, 's gu'm feudadh e fois a ghabhail, na 'm b' àill leis. Ach 
bha 'shannt a cumail coiseachd ri 'shoirbheachadh. Thhiuig e gu 
bhi soilleir gur e 'n dearbh ni gus an robh Alastair mòr ag iarraidli 
a bh' aige-san 'na amharc, an saoghal a chur fo chcannsal dha fèin. 
Thòisich e nis air na gniomharan a dheanamh le 'làmhaibh fèin a 
bha 'n a' meadhon air an Roinn-Eòrp' a dhùsgadh suas 'na 'agh- 
aidh, le rìin nach do dhealaich riu gus an d' fhàgadh e co lòm ris 
an t-saighdear bu bhochda 'na 'armailt. Bha cùirt na Spàinn air 
bith ghnàth umhal dha, gu 'chòmhnadh 'an aghaidh a naimhdean. 
'Se 'u duais a thug e dhoibh an teaghlach rioghal a chur dheth *n 
chaithir, agus a bhràthair fèin, loseph, a chur 'n an àite. Bha e air' 
a dbeanamh 'na rìgh air Naples roimhe sin. Chuir e loachim 
Murat, fear a pheathar a nis 'na àite air a' chaithir sin. Rinn e 
'bhràtbair eile, Luthais Bonapart, 'na righ air an Olaind. Thug e 
rioghachda bcag' eile do bhuill fa leth a thcaghlaich. Dhtiisg na 
nithe .sni nàimhdeas 'na 'aghaidh anns gach broillcach. Bha na 
laighdeara de gach inbhe co guineach 'ua aghaidh ris an luchd 
riaghlaidh fèin. Dh' èirich na Spàianich 'an aobhar an righ fèin; 
'sb* e 8Ìu a* cheud mhisneachd 'us chòmhnadh a fhuair Breatunn 
mu'n àm chunnartach .so 'an aghaidh an nànihaid mhòir. 'An 
toiscach an t-samhraidh 1808 dh' (5irich na Spàinnich 'an aghaidh 
an righ ùir, 'ab* èigin da Madrid fhàgaii 'an ceud mhios an fhogh- 
air 8Ìn, agus Sir Artur Uelcsli ga'n cuidcachadh. Chaidh mac 
an rigìi a bh' ann roimh' òigheach 'na righ. Bha Napoleon an dèigh 
rìgh Phortugail fliuadachadh air falbh roimhe sud. Dh* èirich na 
Portugaich còmhladh ris ua Spàinnich. Chaidh Napoleon do'àU 



43 G EACHDRiODH NA H-ALBA 

Spàinn a nis le 'cliuid Frangach 's chuir e 'bhràthair a ris air a'" 
chaithir, 's gach ni eile mar bu mhaith leis. Ghairmeadh Sir 
Artur do Shasunn mu *n àm so, *s bha Sir lain Moore air ceana 
an airm Bhreatunnaich. 'An toiseach'^1809 b' èigin da teicheadh 
air falbh, ach gu h-òrdail, roimh armailtibh lionmhor Napoleoin. 
Sheas e là blàir riu ann an Corunna, far an robh na Breatunnaich- 
gu dhol air bòrd an luingeis. Chum iad a' bhuaidh làthrach, ach 
mharbhadh Sìr lain fuin. Ghabh Austria a nis an cothrom air an 
dragh a bh' aig an nàmhaid o na rioghachdaibh ud a bh' air èiridh 
*na aghaidh/s dh'uUaich i fèin leth muillean duin' air son a' chatha. 
Cha bu luaithe chuala Napoleon sin na thug e 'chasan leis do^ 
Austria. Bha lerom Bonaparte aig air a chur 'na righ air Uest- 
phàlia, 's bha sluagh na dùthch' air fhuadachadh air falbh mar rinu 
na Spàinnich air loseph. Ach 'n uair a thàinig ^^^01^0^"^^ cath 
ri Ard Sheanalair Austria aig Uagram, choisinn e buaidh co iomlaa 
'snach robh seasamh aig Austria tuilleadh. B' èigin sith adhean- 
amh. B* aon de chumhachan na sithe so, gu 'm pòsadh Napoleon 
Maria Luisa, nigliean Impir Austria. A chum gu 'm feudadh e 
80 a dheanamh, chuir e air falbh losdphin, a bhean a bh' aige 
roimhe, a chionn nach robh duin' cloinn' aige uaithe. 

3. Ghabh Breatunn an cothrom air Napoleon a bhi 'n Austria,. 

'schuireadh Uelesli do Phortugal le feachd làidir; dh' fhuadaich 

e'm Frangach, Soult, a mach as an tir sin; 'sgoirid an dèigh siii^ 

fhuair e buaidh eil' air righ loseph fèin. Rinneadh Morair Uel- 

ington de Uclesli air son so. Mu dhcireadh an fhoghair air a* 

bhliadhna so chuir Breatunn ceud mile fear a nuU do 'n Ghear- 

mailt gu gearaston làidir a chur suas o 'm feudadh iad seòladair- 

eachd na h-aimhne, Scheld, a riaghladh. Chuireadh air tir iad 

'an àite mi-fhallain, 'an eilean Uelcheren; bhris plàigh a mach 

'na measg, 'sthòisich iad a* bàsachadh 'n am miltibh. Thugadh 

*ir an ais na mhair beò dhiubh, gun dad ach an call air son an- 

tuTuis. A measg ghnìomharan euchdaidh eile Napoleoin mu'tt- 

tàinig e air ais à ceann bhail' Austria, chuir e mach òrdugh gu'm- 



6E0RAS III. 437 

feumadh fearann a* Phàp' a bhi air aonadh r's an Fhraing. Chuir 
e gach Càrdinal a bha 'sau Ròimh 'am prio un, 'sam Pàpa còmh- 
ladh riu. Chumidh trì bliadhna 'sa' phriosun sin e; agus anns 
a' bhliadhna 1812 thugadh do 'n Fhraing e 'na phriosunach. 
Dh'fhan Morair Uelington eadur an Spàinn 'us Portugal rd thrl 
bliadhna 'cumail còmhraig ris na Seanalairibh Frangacli. Bha e 
00 seòlta ris an fhear bu sheòlta dhiubh. 'An dèlgh teicheadh 
rompa air a shocair Wm fàà àireamh mliiosan as an Spàìnn do 
Phortugal, a bha 'g aobharachadh call mòr dhaoine do'n Fhrang- 
ach, phill e air ais 'sa' bhliadhna 1812, 'sghlac e gach daing- 
neach a bha roimhe gus an d' ràinig e Madrid, a thug air an righ 
loseph e fèin a thoirt as. 

5. Rugadh mac do Napoleon 'am meadboi an earraich, 1811, 
s chaidh a ghiirm an uair sin fèin 'na rìgh na Ròiraho. Ged a bha 
Rusia fad o'n Fhraing, 's an sìth rithe aig an àm so, gidheadh bha 
Alastair, Impir e nan ceàrnan sin de 'n Roiun-Eòrp', a' L\s eudacb- 
ail ma*n chumhachd a bha gu bhi aig Napoleon o 'chleamlnias ri 
Austria; agus thòisicb e chuid *s a' chnid a* briseadh nan curah- 
acban sìth. Bha long-phorta na Roinn-Eòrp' uìl' aig an àui so air 
ao glasadh suas 'an aghaidh malairt Bhreatuinn. Bha so 'na ghrab- 
adh mòr do mbalairt Rasia f6in, nach feudadh aon chuid reic no 
ceannach ris a' chusbadair a b* fhearr a bh' aice. Bhris an t-Im- 
pir', Alastair, na curahachan air a' phainc so le fios ciod a thigcadh 
'aa lorg. Ma mheadhon an t-samhraidh 1812, ghairmeadh cogadh 
'an agbaidh Rasìa. Beagan làithean 'an d6igh sin bhris Napoleon 
a stcacb air Rasia le leth maillean duine. Bha 'n Rusianach a' triall 
gu mall roimb'n Fhrangach gun bhaille bhualadh, ach aon bhL\r 
acbair iad aig Brodino.' Mu dheireadh an fhoghair ràinìg Napo- 
loon Mosco, baile m^r 's ati robh e 'n dìlil foÌ3 'us fasgadh fhaot- 
ainn. Thag Ard Sheanalair Rasia òrdugh do fhear riaghUiidh a' 
bbaile teÌQ* a cbar ris 'an ceuduibh àit' air oidhch' àraidh aig aa 
aon àm. Ann am bcagan ùine bha'm baile 'na lasnìr, 's an ath là 
■'na laaith. Chuir Nupolcon fìos than an Rusianaich gn'in fcudadh 



438 EACnDBAlDH NA H-ALBA 

cogadh na bìiadlm' ud sgur, 's chnir an Rusianach fios freagairt 
gur h-aun a bba e 'tòiseachadh. Ach chura ìad àireamh sheachd- 
uinean e 'ii dèigh sin a' gealltuinn chumhachan sìth dha. 'N uair a 
thuig e gui" h-ann a' caitheamh bhead air a bha iad, ghreas e air 
ais gu baile mòr eile d'am b' ainm Smolecs, far an gabhadh e fasg- 
adh 'us fois. Chuireadh 'na lasraichibh am baile sin mar an ceudna, 
Chaidh Napoleon 's a luchd leanmhuinn a nìs 'a am breisUcb, *s thug 
gach fear gu teieheadh mar a b' fiiearr a dh' fheud e, o fhuachd 's o 
reothadh na dùthch' ud ris nach seas duine no aiumhidh. ChaiU 
Napoleon dà cheud 's dà fhichead mìle duin' air an ratreut ud, eadar 
na bhàsaich leis an reothadh, 's na mharbh na Rusianaich a bha ga'a 
ruagadh. Co luath 'sa ghabhadh e deanamh, thàinig an t-Impiro 
Rusianach a nali as a thalamh fuar do Phrusia, 'sthug e air rìgh 
Frederic cuing Napoleoin a thilgeadh dheth, 's èiridh 'na aghaidh. 
Fhuair iad cuid eile de phrionnsachan na Gearmailt a chaidh 'aa 
comhbhoinn riu, 's b' èigin do lerom Napoleon teicheadh air falbh.. 
'S ann ris a' chomh-èiridh so a their luchd eachdraidh 'an Seathamb. 
Comhbhoinn 'an aghaidh na Prainge. 

5. 'N uair a ràiuig Napoleon Paris an dèigh na bha 'n sud de 
shluagh fhàgairau Rusia,thug an Seanadh umhail a bh' aige cothrom 
dba ceithreamh a' mhuillein a thogail gu call an airm a dheanamh 
suas. Bha e air ceann a chuid dhaoine 's a' chàmp gu maith tràth 
air a'bhhadiina 1813, agus 's ann leis a bha dol' an toiseach a*chàmp- 
achaidh. Rinneadh còrdadh air son fosaidh eadar e fèin 's luchd. 
na comh' hoinn rè dhà mhìos. Thàinig Impir Austria gu bhi 'na 
fhear rèit* eatorra. Thairg iad do Napoleon an Fhraiug fhàgail 
aìge mar a bha a crìochan roimh'n bhliadhna 1805. Ach cha leìg- 
eadh e leo uiread is aon bhaile de na choisinn e o 'n uair sìn. 'N uair 
a thòisich au cogadh a rìs 'au deireadb an t-sàmhraidh chaidh aa 
t-Impir Austrianach 's a' chomhbhoinn còmhladh ri càch an aghaidh 
m chliamhuinn. Rinn Prìonnsa Mùrat, fear a pheathar, an ni ceudna*. 
Bha iadsan a* mendachadh 'an neart rè an dà mhios a bha iad 'n aa. 
tàmh, 's neart Napoleoin a* dol 'an lughad. Bha còrr 'us muilleau 



SEOfLàs m. 439 

•laaìgh aca-san; an treascniddesìnaige-san. Bharighrean'ns prionn- 
sachan na h-Airde 'n ear a' tighiim air o 'n ear; Morair Uelington leis 
na Breatunnaich *s na Spàinnich *s na Portagaìch a' tighinn air o 'n 
taobh 's iar. Qed a bha e fein a' buadliachadh aniis gach àit' am 
biodh e làthair gu pearsontti, 's a' briseadh curahachd nan armailtean 
a bhiodh ma 'choinneamh, gidheadh bha 'chuid Sbeanalairean a' call^ 
'sesan a' call le sin, 'siad ga iomain a lion ceuin 'us ceum rompa, 
gus mu dheireaih na bliadhn* an robh iaJ a' cuairteachadh chrìochan 
ua Fraing' an ear 'san iar. Thairg iad eadhou a nis dha an 
Fhrain^ le a seana chrìochaibk a bhi air a fàgail aige; ach cha 
ghabhadh e sin, ged a bha gach cinneach 'us Prionns' a bha e riamh 
air a cheannsachadh, a rìs air eiridh 'na aghaidh. 'An toiseach na 
bliadhna 181-1: thog Napoleon cha mhòr gach òganach Frangach a 
b' arrainn armachd a ghiùlain, 's thòisich e air na nàirahdean a phill- 
eadh air an ais. Ach ged a bha e ga 'm briseadh thall 's a bhos far 
an robh e ga 'n coinneachadh, bha iad co lioumhor, 's mar chearcall 
ga chuairteachadh, 's gu'n robh iad a' sìor dhol air aghart gu neo- 
Bgàthach, ged a bhiodh esan air an cùl. Air an là mu dheireadh 
de 'n Mliàirt chaidh Impire Rusia, 's rìgh Phrnsia a steach do Phàris 
gu buadhach air ceann an cuid feachd. Bha Napoleon a' ruagadh 
buidhn' eile fad air falbh o 'n bhaile. 'N uair a thuig e gu'n do 
ghlacadh Pàris chaidli e do bhail' eile 's a' choimhearsnachd, Font- 
ainbleau. Thag an Seanadh Frangach an tighearnas do chuigear 
dhiùbh fèin, air an robh Tallerand ainmcil mar cheann. B' cigin do 
Napoleon bann a slieulachadh, a' leigeadh dheth gnothuch a bhi 
aige ris au Fhraing ga bràth, aii a shou foin 's air son a theaghlaich. 
Thag aa lachd comhbhoian an sia dha mar oighreachd eilean 
Blba, eadar Corsica 's oirthir a tuath na h-EadaiIt, agus ceud 'us 
eeithir mìle Punnd Sasuunach 'b u' bhhadhna, 's cotiioin ceithir 
cbead fear a bhi 'n an geàrd air. Goirid an dèigh so thàinig aa 
t^igbre dligheach, Luthais XViII. air ais do Phàris, an dcigh a 
bhi ochd bliadhna fichead air fògradh. Cimidh ain Pàp' air ai3 
do'n Ilòimh, 'schaidh righ dligheach na SpVmn air ais thuu ua 



440 EAClIDRArDH NA H-ALBA 

caithreach a b* èigÌQ do losepli Bonapart fhàgail; 's co luath 's a 
ghabhadh deanamh chruinnich fir-ionaid o rìoghachdaibh fa leth 
na Roinn-Eòrpa do Uienna gu ni èigin de òrdngh a chur air nithibh. 
an dèigh gach troimhe chèile 'thug Napoleon air an Roinn-Eòrpa 
rè nan deich bliadhna mu dheireadh. 

6. Anns a' bhliadhna 1810, thàinig trioblaid inntinn rìgh Sebrais 
gu leithid a dh'àirde 'sgu'm b'eigin au cumhachd riaghlaidh a 
thoirt uaithe, 's thug dà Thigh na Pàrlamaid e d'a mhac bu shine, 
Prionnsa JJCìh. Blia rìgli Seòras air bith mach à cleachdadh a 
reusoin uair no dlià rr-Imlie sud; ach chaidh e 'm feabhas 'an ceann 
ùine ghoirid. Tha cuid ag ràdh gu 'n robh bàs a nighinn, a' bhan- 
phrionns' Amelia, 'na mheadhon aìr a thrioblaid a thighinn air ais 
aig an àm ud; 'an dcigh so bha e mach a cleachdadh a reusoin 
tuilleadh gu là a bhàis. Anns a' bhliadhna 1795 bha Prionnsa 
Uèils air pòsadh ua bana-phrionnsa, Carolin, nighean Diùc Bhrun- 
suic; ach bha iad mì-shona còmhladh ri cheile, 's dhealaich iad buiU 
each 'an ùiue nacli robh fada. Cha robh aca de theaghlach ach aon 
nighean, a' bhan-phrionosa Charlot. B' ise ban-oighre 'chrùin 'an 
dèìgh a h-athar. Cha robh an cumhachd rìoghail gu h iomlan a.ig 
Prionnsa Uèils. Ghleidh a' Phàrlamaid aca fèin cumhachd oifigich 
òrduchadh 's an arm, 's nithe de 'n t-seòrsa sin. An uair a bha 
Napoleon a' glasadh suas long-Phorta na Roinn-Eòrp' 'an aghaidh 
malairt Bhreatuinn, riun an tighearnas Breatunnach, 'an rathad 
dìoghaltais air sud, Achd eil' a rcir nach feudadh cinneach sam 
bith malairt a dhcanamh 's an Roinn-Eòrpa gun chuspainn a phàigh- 
Cadh do Bhreatunn. Bha so a' buntainn ri malairt Stàitean Aon- 
aìcht' America, a bha gu mòr air am feargachadh roimhe sud leis a* 
chleachdadh a bh' aig luingeas cogaidh Bhreatuinn air rannsachadh 
an cuid luingeas malairt air son sheòladairean Breatunnach, 's ga 'm 
preasadh do 'n seirbhis fein. 'S e bun a bh' ann gu'n do chuir Stàit- 
ean America au ceill cogadh 'an aghaidh Bhreatuinn 'am meadhon 
an t-samhraidh 1812. Chuir tighearnas Bhreatuinn air cliul an 
t-Achd dubh ud. Ach lean cogadh America gu deireadh 1814. 



SEORAS III. 441 

Bha Breatann gu mòr 'na cabliaig leis an dà chogadh ud air a 
làimh aig an aon àm. *S ann air a* mhuir, mar bu trice, bha iad fèin 
'sna h-Americanaich a* coinneachadh. Thug na h-Americanaich 
caochladh ionnsuidhean air Canada, ach cha robh iad a' coinneach- 
adh ri soirbheachadh idir an taobh sin. 'N uair a sguir iad 'am 
mìos meadhonach a* gheamhraidh, 1814, cha robh dad aìg taobh 
seach taobh air son na h-aimhreit ach an call 's an cosdas. 

7. Cha d' fhan gille nan car 'an eilean Elba ach deich mìosan. 
Bha 'dhòigh fèin aig air faotainn a mach ciod a bha dol air aghart 
's an Fhraing. 'N uair a phill Luthais XVIII. chuir e fios air àrd- 
mhaithibh na rioghachd a bh' air fògradh 'an dùthchaibh fa leih na 
Roiuu-Eòrpa; thug e air an ais gu dreuchdaibh faleth a' chrùin na 
seann teaghlaichean a bh' aig a roimh aithrichean 'an dreuchd. 'An 
aon fhocal bha e air son nan uile nithe a thoirt gus an t-suidheach- 
adh 's an robh iad ri linn nan rìghrean a bha roimhe. Aig àm na 
JUghchnairt chaidh fearann nan daoine mòra 's na h-eaglais a rolnn 
'na mhìltibh, 'sna cheudaibh mìl' oighreachd bhoag. Bha na 
Bagartan a* bagradh iom-sgaradh eaglaiseach air gach neach a chum- 
adh slat de fhearann na h-eaglais. Bha mar so claidheamh gach 
duÌQ"an aghaidh a chompanaich; an Fhraing 'an staid co dona 's a 
1/ ' ' ili, 's bu leòr sin. Air a' cheud là de 'n Mhàirt 1815 thìiinig 
iN ^ air tìr 'an Cannes, 'an ceann a deas na Frainge, le mìle 

fear, ghabh e air aghart tre 'n dùthaich gun duine beò a' car grab- 
aidh air, agus air an fhicheadamh là de 'n mhìos chaidh e gu buaidh- 
chaithreamach a steach do Phàris, 's ghabh e scalbh air an lùchairt 
as an do theich Luthais air a' mhaduinn sin fèin. Chuir Nnpoleoa 
fios air an luchd dreuchd a bh' aige roirahe, 's na h-uile nì eile 's aa 
òrdngh an d' fhàg e iad. Thug e cothrom do na Frangaich an 
roghuirm a char an c6ill co dhiìibh a b' e fcin no 'm Bourbonach a 
bhiodh a' riaghladh os an ceann.* Bha muillcan gu leth Vote air a 
tbaobh; agos nl ba lagha na leth muilleau 'na aghaidh. Co luath 

* Ba BhourboD&ich an teaghUca a chuireadh dbeth 'n chaithir. 



442 EACHDRAIDn NA H-ALBA 

's a chuala fir-ionaid nan rioghachdan a bha cruinn ann am Uienna 
gu'n tàinig e air aìs, chnir iad an cèiU gairm lagh' a dh' innseadh 
ga'n robh e 'na dhuin' an taobh mach a lagh, agus fosgailte do 
dhìoghaltas follaiseach, air son a' bhrisidh coimhcheangail a rinn e. 
Air a* chnìgeamh là fichead de'n mhìos chaidh Breatunn, Anstria^ 
Busia 'us Prusia 'an corahbhoinn 'na 'aghaidh; 's an ùine ghoirid 
Tinn gach cinneach 's an Roinn Eòrp' an ni ceudn' ach an t-Suain 
a mhàin. Bha sùrd an sin air ullachadh feachd anns gach ceàrna 
gus an t-ain-tìghearn 'fhaotainn 'an làimh. Cha b' ann air Napoleon 
bn lugha bha de chabhaìg a' cur armailtean 'an òrdugh gus e fèin a 
dbìonadh o 'naimhdibh lìonmhor cumhachdach. 'An toiseach mìo3 
meadhonach an t-samhraidh, bha còrr 'us leth muillein saighdear 
aig' air an togail. Ach dh' fheumadh e beagan ùine gu iad sia 
iuansachadh 'us armachadh. Bha còrr 'us muillean aig luchd na 
comhbhoinn. Bha TJelington (nis na Dhiùc) an dèigh armailt lìon- 
mhor Bhreatunnach 'ns Ghearmailteach fhaotainn cruinn 'am Bel- 
gium 'an toiseach a' mhios mheadhonaich. Bha Marsal Blucher a* 
dlùthachadh ris le cend mìle Prusianach. Bha feachdan Rusia 'us 
Austria ag ullachadh air son marsail as an dùthchaibh fèin. Thng 
»n t-eagal gu 'n tigeadh iad sin uil' 'an ceann a chèile, air Napoleon 
10 chus cabhaig a dheanamh gu dol air tòir Uelingtoin 'us Blucher, 
'us là blàir a thoirt doibh air letb, na 'm bu chomasach e. Air a* 
chuìgearah là deug de'n mhìos chaidh e seachad air a' chrìch l^hrang- 
aich le sea fichead mìle fear. Bha Diùc Uelingtoin ann am Brusels, 
ceann bhaile rioghachd Bhelgium, aig an àm, 'schual e'n oidhche 
■iu fèin gn'n robh 'm Frangach a' tighinn. Air maduinn an ath là 
mharsail e roinn mhaith de'n iheachd gu àite ris an abrar Quartre 
Bras, sea mìle deug à Bruselì-, far an robh dà rathad mhbr a' dol 
tarsuinn air a chèile. Bha'ni Frangach ro dhèigheil air sealbh 
Jhaotainn 'sa ghleidheadh air an àite so gus an cumadh e feachdaa 
an Inchd comhbhoinn o chèile. Bha Uelington ro dhèigheil air ait 
àìt' fhaotainn, 's a chumail gus an gleidheadh e sligh' fhosgailt eadar 
€ fèin 'b Blucher. Air an t-seathamh là deng chaidh Napoleon a 



SEORAS ra. 443 

chogadh ri Blucher air leth, ach choir e Marsal Nei le dà fhichead 
mìle fear a' ghleidheadh sealbh air Qaartre Hras. Eha na Frang- 
aich agas feachd Uelingtoìn a' tighinn gu Qnartre Bras mu'ii cuairt- 
de 'n aon àm, *s lean iad air còmhrag ri 'chèile' a' chuid mhòr de 'n là^ 
gun taobh sam bith a theicheadh. Cliaidh mòran a mharbhadh aìr 
gach taobh. Chnìr Napoleon, aig Ligni, an ruaig air Rlucher, a 
theich air falbh dheth 'n àraich an dèigh àirearah mhìltean a chalL 
Ach theiuh e 'an òrdugh maith; 's chuir Napoleon Marsal Gronchi 
le cuig mìle deug thar fhichead ga ruagadh, 'n uair a chnidh e fèia 
gu deannal a thoirt air Diùc Uelingtoin. *N uair a thuig Ueling- 
ton ga 'n do theich Blucher, mharsail e fèin air ais gu baile beag 
ris an abrar Uaterlù, mn naoi mìl' o Bhrusels, far am biodh e ni 
b' fbaid' air falbh o Napoleon agus ni b' fhaisg air còmhnadh sam 
bitb a dh' fheudadh Blucher a dheanarah leis. 

8. 'Sgann a tha eachdraidh a sgrìobhadh 's an Roinn-Eòrp' o'n 
àm ad anns naeh 'eil iomradh air blàr Uaterlù ; ach cha 'n 'eil fear 
sam bith a' gabhail air làn chunutas a thoirt air gach car a chuir 
an dà fheachd a bha 'còmhrag ri chèile dhiubh rè an là ainmeil nd. 
Bha mu cheitUr fichead mìle fear fo threòrachadh Uelingtoin. Ba 
Bhreatnnnaich deich mìle fichead diubh sin, a measg an robh trl 
rèisimeidean Gàelach.* Dh' fheumadh gu 'n robh feachd Napoleoìa 
gu. maith ni bu lìonmhoire na feachd an Diùc. Bithidh an t-ochd- 
amb là deag de mhìos meadhonach an t-samhraidh, 1815, iomraid- 
«acb ga bràth mar Là Uaterlìl. B' aithne do'n Diùc an t-àite 

• Bha e *na ni ccmhairaichte gu'n robh meadhon Chatoibh ga fh&sachr 
adb, 'b na tighean ga*n loscadh on ccann [an luchd . àiteachaidh aig an. 
dearbh àm *san robh àireamh mòr de shliiagh na Siorrnihd bin a' cath- 
achadh 'an aghaidh naimhdean Bhrfatuinn, *b naimhdean na Roinn- 
Xòrp', araon 'unH h-Innsibh a 'aear, agua 'an aghaidh Napoleoin. Ged 
a ihigf>adh am Finngach fuilteach fòin air llr lo 'chuid feat-hd air taobb 
<}eas no tuath C hatoilh 'Bgann a b' urrainn e leir sgrioB a b'tagalaich' a 
dheananih air aitilh c<'mhnuidh phàrantan na mainntir a bha 'leigeadh. 
BÌos am bealh' aoo oa dùthcbaibh cèin air son dion na rioghachd 's a còr- 
aicbeao. 



-444 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

roirahe siid; 'sblia e 'n dèigli a làthrach a roghnacliadh mu'n tàinig 
na Frangaich. Thog Napoleon 'àite mu choinneamh an tulaich. air 
an robh feachd an Diùc air socrachadh. Thòisich an cath mu 
dheich uairean 's a' mhaduinn leis an eachraìdh Fhrangach a thoìrt 
garg ionnsuidh air armailt an Diùc fhuadachadli o 'n àraich; ach, 
chuireadh air an ais iad le mòran call' air gach taobh. Mar so 
lean an cath gu feasgar; ionnsuidk fhuilteach an deigh ionnsuidh 
air taobh nam Fràngach, agus gun an Diùc a' deanamh dad ach 
a' gleidheadh a làthraich. Bha lagan ìosal eadar an dà thulaich 
air an robh'na h-airmailtean 'n an seasamh. Fhad'sa bha na 
Frangaicli a' dol no tighinn tre 'n ìsleachd sin bha gunnaidhean an 
Diùc a' deanamh sgathaidh uamhasaich orra. Ach 's ann a bha na 
Breatunnaich a' fulang gu h-àraidh an uaìr a thigeadh na Frang- 
aich gu ionad tharruing lann riu. Ghlèidh an Diùc fad an là au 
làthrach a roghnaich e; ach bha e 'fàs iomguineach mar a bha'm 
feasgar a' tighinn 's nach robh Blucher a' tighinn. Ach mu 
Bheachd uaireau chualas fuaim ghunnaidhean mòr' a' Phrusianaich 
ag eigheach gu'n robh e 'tighinn co cabhagach 's a b' urrainn e. 
Bha Blucher an dèigh car mu chnoc a thoirt do 'n Fhrangach a 
chuireadh air a thòir; ach chuir sin e fein air fìor dhroch rathad, 
troirah 'n robh e doirbh a' chuìd throm de 'n fheachd a ghiùlain. 
Thuig Napoleon a nis gu'n robh e dheth, mur briseadh e neart an 
Diùc mu'n ruigeadh còmhnadh an fhir eil' e. Chuir e rèisimeidean 
àr a steach a nis, agus leis na bh' aige de neart thug e ionnsuidh 
air na Breatunnaich 's na bha còmhladh riu; ach sheas saìghdear- 
an an Diùc eadhon rìs an ionnsuidh so. Agus mar a bha 'cheud 
■dol air ais aig na Frangaich chaidh Blucher, le 'chuid Phrusianach, 
'an òrdugh cath' air làimh chlì an Diùc. Thug an Diùc au sin òrd- 
ugh do a chaid dhaoin' iad a ruagadh air falbh an nànihaid. An 
nair a dh' fhairich na Frangaich gu'n robh nàmhaid ri 'n taobh co 
maith 's ri 'n aghaidh chaill iad an tapadh, 's mar thonn 'an dèigh 
a neart a chaitheamh, phill iad air an ais. Mar thonn ag èiridh 'na 
neart leum gach Breatunnach 'us Gearmailteach air an sàil' ga 'n. 



SEORAS III. 445r 

gearradh bìos, *8 ga'n sgaabadh rompa mar chlachaibh a' mhuiL^ 
B' èigÌQ do Napoleou 's do gach fear eil' a b' urraiim a chasan a 
thoirt leis. Chaidh mòran diubh as an rathad a' dol seachad air 
a' ehead drochaid a thachair riu. Mar a bha Gearmailticli 'us* 
Breatunnaich an Diùc air an sàrachadh le obair an là, cha robh iad 
ro luath-chosach 's an raaig. Cha robh na Prusianaich a' marsail' 
ach glc mhall tre 'n là. Bha iad a nis air talamh lòra, ròidh. Bha 
cothrom ac' an tòrachd thoirt a steach air son an ruagaidh a rinn- 
eadh orra fein dà là roimhe sud. Ghabh iad an cothrom le cìocras., 
Eadar na trl là blàir ud 'an deigh a cheile, chaidh dà fhichead mìlo- 
Frangach a mharbhadh ; bha àireamh mòr air an leònadh 's air aii^ 
glacadh 'na 'm prìosunaich. Thnit mòran de 'n cuid armachd, 's an^ 
treathlaich chogaidh uil' 'an làmhaibh na muinntir a bhuadhaich. 
Chaill Blucher sea mìle deug fear; chaill Diùc Ueliujijton trì mìle^ 
deog. Bha Napoleon 'am Pàris air an fhicheadamh là, a dh' inn« 
seadh sgeul a' bhrùìn. Thug e oidhirp air an t-Seanadh aomadh 
gu feachd eil' a chur 'an uidheam dha. 'N uair nach gabliadh sin 
deanamh, rinn e atharrais de lìbhrigeadh air crùn na Frainge d' a. 
mhac. Dh' ullaich e *n sin air son ruith air falbh a dh' America. 
Ràinìg e port ris an abrar Rochfort air an treas là de threas mìos ao: 
t-samhraidh. Ach bha 'n t-oirthir air a chuairteachadh Ic Cclbhlach 
Bhreatuinn, 's gach rioghachd eil' a bha cogadh ris, co dòmhail ' 
'snachrobli rian aig' air teicheadh. Air a' chuigeamh lìl deug 
de *n mhìos thug se e fein suas do chaiptin na luinge Sasunnaich 
Bellerophon, gas a thoirt ga Prionnsa Ueils a bha 'na Thàiuistear^ 
*an dùil gu'n deanadh e fàbhar ris 'na airc. 'An deigh do 'n luing 
tighÌQQ do Shasunn leis, cha 'n fhaigheadh e cothrom cas a chur air 
tìr. Chaidh 'òrduchadh do eilean beag ris an abrar St. Helèna, air 
taobh 'siar Africa, far na chumadh e 'na phrìosnnach cogaidh gu 
àm a bbàis, a thachair air an treas là de cbend mhìos an t-samhraidh 
1821. Bhàsaich a mhac 'an ccann a thrì bliadhn' a dh' aois. 'Sa 
bhliadhna 1810 fhaair na Frangaich colhrom a chorp athuirt ilo'n. 



446 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

Fhraing, far an deachaidh adhlacadli le mbr ghreadhnachas a measg 
dhaoin' ainmeil na tìre sin. 

9. An uair a thàinig an t-sìth, 's a thuit tuarasdal gach seòrsE 
luchd-oibre, thòisich muinntir nam bailtean mòr air feadh Bhreat- 
uinn ri tuasaid 'us troirahe-chèile, a' gearan air an droch riaghladh 
a bh' air a dheanamh orra. Bhiodh iad a' cumail choinneamhan 
'an caochladh àitibh gu bhì 'tagradh air son na Pàrlamaid a 
cheartachadh. Bhiodh cuid a' call am beath' aig ua coinneamhan 
sin an uair a bhiodh an t-arm ga 'n cur o cheile, 's bha mòran diubh 
air an cur 'am prìosun. Bha e 'meudachadh mì-thoileachadh an 
t-shiaigh gu'n robh gach cìs 'us cuspaìnn a bh* air an leagadh aìr 
nithibh rè a' chogaidh, air am buanachadh ri àm sìth. Bha riadh 
nam fiachan 'na eallach tròm air an dùthaich. 'N uair a thòisich 
cogadh na Frainge 's a' bhliadhna 1793, bha fìachan Bhreat- 
uinn dà cheud agus deich muilleana fichead (£230,000,000). 
An uair a sguir an cogadh 'an deigh blàr Uaterlù bha 'n càrn air 
fàs suas gu ochd ceud 's trì fichead rauillean (£860,000,000). Bha 
bàrr neo-àbhaisteach bochd 'san rìoghachd 's a' bhlladhna 1816. 
Bha gach seòrsa lòiii dùblachadh na prls a bha e uair sara bith o'n 
àra sìn. 'An toiseach an t-samhraidh 1816 phòs a' bhan-phrionnsa, 
Charlot, prionnsa Leopold, à Sacs-Còburg. Air an dara là fichead 
de cheud mhìos a' gheamhraidh. 1817, bhàsaich i'n deigh a h-ais- 
ead air leanabh marbh. Cha robh i ach dà bhhadhna thar fhichead 
a dh' aois. Bha i gu mbr air a caoidh feadh Bhreatuinn gu lèir. 
Air an naoidheamh là fichead de dhara mìos a' ghearahraidh, 1820, 
chaochail rìgh Seòras III., anns an trì ficheadamh bliadhna de 
'rìoghachadh, agus anns an dara bliadhna thar a' cheithir fichead 
de 'aois. Thàiuig a mhac bu shine, Tàinistear Bhreatuinn, thun na 
caithreach 'na àite, fo'n tiodal, Seòras lY. 



CAIB. XLVI. 

SEORAS 17. — UILLEAM IV. 

'GoiKTD an deigh do Sheòras IV. tighinu than na caitbreach fhnar- 
adh a mach comhfheall eagalach a bha ga h-uìlachadh le buidhiutt 
du dhaoine dàn' am baile Lunaìnn, aìg an robh fear Thistlewood 
'na cheann-iìlil. 'S e bha iad a' gealltuinn doibh feiu gu marbhadh. 
iad uile mhinìsteirean an rìgh an uair a bhiodh iad cruinn aig dìnn- 
eir 'an àit* àraidh; gu'n cuireadh iad Lunuinn ri thein* 'au caoch- 
'ladh àitibh aig au aon àm, *s gu'n gabhadh iad fèin sealbh air an 
tighearnas. Ach bhrathadh iad le neach èigin, 's chaidh an glacadh 
:an dearbh oidhch* a bha dùil ac' an t-olc a dheanarah. Chrochadh 
»«liigear dhiabh. Mu'n eaairt do*n àm so dh'èirich buidheann bheag 
• efle, mn leth-cheud "an àireamh, 'an ceannairc ann an Cill-Saoidli 'an 
taobh 's iar Alba. Bha iad armaichte le spcalaibh 's le dagaichibh. 
Chaidh an sgapadh leis an arm dhearg, 's naoi deug dhiubh a ghlac- 
adh, dheth *n robh dithis air an crochadh, 's an còrr air an cur d* 
dhìichaibh c6in, mar chiomaich. An uair a chual* a' bhan- 
phrionni?a, Carolin, gu'n tàinig a fear-pòsda thun na caithrcach^ 
thàiuig i nall as an Eadailt, far an robh i air chuairt o chcauB 
; iomidh bliadhno, 's thigair i bhì air a h-àrdachadh gu iubhe ban- 
^TÌgh Bhrcatninn. Cha rob'i an rìgh no 'chuld rahinisteirean.deòn- 
ach 8in a leigcadh air aghart. Thug iad oidhirp air Reachd a 
dhaingneachadh 'an Tigh na Morairean 'na h-aghaidh, a' dearbhadh 
ga'n robh i neo-dhllcas d'a feir-pòsda. Ach bha sluagh na riogh- 
achd co mhr air an glua'ad leis an fhòirneirt a rinneadh oirre r6 
ùinc co fada, 'ggu'm b' èigin a' chùis-dhìtidh a leigeadh fa làr, 
'Noair a bha'n rìgh gachrìinadh air an uaoidheamh ììi deug do threa« 



448 EACITDRAIDn NA H-ALBA 

mìos an t-samhraidh, 1821, dh' iarr a' bhan-righ cothrom a dhol a^ 
steaeh a dh' fhaicinn a* chrùnaidh. Ach cha d' fhaair i eadhon aa 
cothrom sin. Bhàsaich i trì seachduinean an d^igh sin, mar tha. 
cuid ag ràdh, leis a' bhriseadh cridhe. Goirid an dèigha chrùnaidh^ 
chaidh an rìgh cuairt do Eirìnn, 'san ath mhìos do Hanobhar, 
rioghachd a shìnnsir. Air a' chuigeamh là deag de chend mhìos an 
fhoghair, 1822,thàinig an rìgh do AIba,rioghachd air nach do chuir- 
eadh an t-urram sin o àm na Rìgbchuairt. Dh' fhan e *n Alba gus 
an t-seachdamh là fichead de'n mhios. Bha e 'caitheamh nah-ùine^ 
sin 'am fleadhachas còmhladh ri àrd-mhaithibh na tlre. 

2. Bha 'n'dà bhliadhn' 'an dèigh so, neo-àbbaisteach soirbheach- 
ail a thaobh malairt air feadh Bhreatuinn uile. Bha'n t-airgiod. 
anabarrach pailt. Thòisich daoin' a' toirt 'an iasachd do gack 
Stàite 's an Roinn-Eòrpa 's au America. Thòisich cuideachda, no^ 
Luchd-pairt, ag èiridh anns gach ceàrna. Ach bha mòran a' raeall- 
adh 's a' caradh a chèile, 's bha na gnothuichean air an robh iad a* 
tòiseachadh a' dol 'n an- aghaidh. 'S e bun a bh' ann, 'an ceana- 
bliadhna no dhà thòisich na comunnan a' seargadh 's a briseadh o 
eheile co cabhagach 's a bha iad a' dol cuìdeachd. 'S an dà, 
bhliadhna, 1825-6, bhris iomadh Banc air feadh Bhreatuinn,'s mòraa 
de na comunnan ud a chuireadh suas air son malairt a' chur air agh- 
art 'an caochladh àitibh de 'n rioghachd. Thug na nithe sin air 
mòran cheannaichean briseadh, agus sgaoil an call a measg gach 
inbhe sluaigh. Ach le misneachadh fhaotainn o Bhanc Shasuinn,. 
bha creideas a lion cuid 'us cuid air aiseag a measg luchd malairt^ 
3. Bha ministeirean a' chrùin ag atharrachadh mu 'n àm so co- 
tric *s ged a bha iomadh lagh feumail air an deanamh loò, nach. 
bìodh e glè thaitneach a bhi ga'n ainraeachadh uile. 'Aa toiseach 
na bliadhiia 1828, thàinig Diùc TJelingtoin gn bhi 'na Phrìomhair.. 
Bha Mr Peel (an dcigh sin Sìr Raibeart), a measg a chorah luchd. 
dreuchd. Goirid roimhe sin, 'am meadhon an t-samhraidh 1827,, 
sheulaicheadh còrdadh 'an Lunuinn eadar ministeiribh Bhreatuiun, 
'b na Frainge, 's Rusia air son stad a chur air a' chogadh fhnilteacli'. 



SEORAS III. 449 

»bb* eadar an Tarcach, agus na Greugaich a bh' air èiridh'na agh- 
aidh gns a chuing a thilgeadh dhiùbh. Agus air an fhicheadamh 
là de threi\s mìos an fhoghair sgrios càbhlaichean aonaichte nan trì 
rioghachdan sin an càbhlach Turcach ann am Camus Nabharìno. 
Annb a' bhliadhna 1830 fhuair na Greugaich an saorsainn o chuing 
an Turcaich. Tha iad o 'n uair sin 'n an rioghachd air leth leò 
fèin. *S e nì àraidh air son a bheil tighearnas Uelingtoin ainraeil, 
gu'u d' riuneadh dà lagh ro fheumail ri linn e bhì air ceann an tigh- 
earnais. B'e 'n ceud aon diubh sin atharrachadh a dheanamh air 
an Reachd a rinneadh ri linn Theàrlaich II. a reir nach fendadh 
duine sara bith a bhi air a ghabhail a steach do dhrenchd fhollais- 
ich gnn e ghabhail na sàcramaid a reir riaghailtean na h eaglais 
Btèidhicht' ann an Alba 's an Sasunn. Bha so a' cnmail a mach 
as gach drenchd fhollaisich *s an dà rìoghachd mòran de dhaoine 
saibhir, comasach, ni a 'bha 'g aobharachadh mòran mì-thoileachaidh 
a measg an t-sluaigh. Chaidh an lagh atharrachadh aig an àm so, 
air sheòJ 's gu'm feudadh dnin' uasal sam bith a bhi air a ghabhail 
a steach do dhreuchd fhollaisich gnn a chreud atharracliadh. 
Chaidh logh eil* atharrachadh 'am fàbhar nam Pàpanach. Cha 'n 
fheudadh aon diùbhsan roimhe so o àra na Ilìghchuairt dreuchd 
fhollaiseach sam bith fhaot'ainn 's an rioghachd, Ach bha na Pàp- 
anaieh aig an àm so, gu h-àraìdh 'an Eirinn, air tighinn gu buair- 
eas mòr air son an leth-bhreth a l)ha air a deanamh orra. I3ha 
fcar Paiiiel O Connel 'na chnraidh aca, gu bhi tagairt an cùisean 
feadh Shasuinn. Anns a' bhliadhna 1829 thug ministeirean a 
chrùin Bil a steach do'n Phàrlamaid air son an lagh so atharr- 
achadh air sheòl 's gu'm feudadh Pàpanach sam bith a bhi 
'na fliear-dreuclid le e rahionnachadh gu *m biodh e dileas do 'n 
rlgh, 'saideachadh nach 'eil tighearnas aimsireil aig Pàpa no aig 
neach sam bith eile 'san rìoghachd so, ach luclid riaghlaidh dligli- 
each na rloghachd f6in. Air an treas là dcug de mhìos mcadhonach 
an carraich chuireadh an Seula Rloghail ris an Achd sin; agus o'n 
oair sin tha oa Pàpanaich a' faotainn nan aon chòraichean ri ìochd- 



450 EACnDRAIDH NA H-ALBA 

arain elle im rìogliachd. Chaochail Seòras IV. air au t-seathamh 
là fichead de mhìos raeadhonach an t-samhraidh 1830, 'san ocxd- 
amh bliadhna thar an trì ficbead de 'aois, agns thàinig a bhrMhair 
a b' fhaisge, Diùc Chlarens, thun na caithreach, fo 'n tiodal, Uill- 
eam lY. 



CAIB. XLVIII. 

UILLEAM lY. 



Mu'n cuaìrt do mhlos 'an dèigh do righ Uilleara tighinn tlmn na 
caitlireacj thachair Rìghchuairt eile 'san Fhraing a chuir buair- 
easmòr.iirna Breatunnaich. Chuireadh aìr falbh o'n chaithir 
TeàrlacL X., bràthair Luthais XVIIL, a' mheur bu shiue de'n 
teaghlach rioghail, 's thugadh a steach Diùc Orleans, meur a 
b' òig' an teaghlaich, fo 'n tiodal, Luthais Philip, Righ nam 
Frangach. Bha gluasad mòr roimhe sud a measg nam Breatunn- 
ach, ag iarraidh co-shuidheachadh na rioghachd a dheanamh ni 
V fharsuinge, air sheM 'sgu'm biodh guth aig cuid mhaith ann an 
roghnachadh Buill Pàrlamaid, aig nach robh fathast còir air 
sin. Roimhe sud bha mòran de Bhuill na Pàrlamaid air an cur 
a stigh le seana Bhuirgh, anns nach robh ach tearc de luchd àit- 
eachaidh, an uair a bha Buirgh ùr air èiridh suas anns an robh 
mòraa luchd àiteachaidh, aig nach robh còir idlr air Ball a chur 
a steach. Mar bu trice 's ann do theaghlaichibh nam Morair- 
ean a bhuineadh na Buirgh ud, no 'm fearann air an robh iad, 
's gheibheadh iad an càirdean fèin air an cur a stlgh; 's theirt- 
eadh Buirgh Pòcaid riu air son sln. Bha iad ag iarraidh 
co-cheartas 's an t-seadh so. Agus ni eil' a bha iad ag iarraidh 



UTLLEAM IV. 451 

^tbarrachaih, gu'm bìodh Votd aig cuici do naoh buinead'i 
sin roimhe, a thiobh laghad an cnr a stigh: cuiil ag iarr.iiJh 
an cur a stigh a bhi 'n t-suim so, 's cuid an t-suim ud ei!e, m.i'm 
faigheadh ia;i Voie. Thug Morair lain llusel Bil a steach do n 
Phàriamiid air son an co-shuidheachadh a leasachadh a rèir nan 
nithe so. Ach bha 'n àireamh bu mhò *na aghaidh, agus sgaoil an 
rìgh a' PIiirlamaid,*s roghnaicheadh Pàrhimaid nuadh aig àmris am 
feudtadh da rìreadh àm carraideach a ràdh. Bha 'n àireamh ba 
mhò de'n Phàrlamaid sin air taobh a' Bhil; ach bha mòran de 
Thigh nam Morairean 'na aghaidh, 's b' èigin tuiUeadh Mh^rairean 
s dheanamh mu'n d' fhuaradh troimh 'n Tigh-san e. Tliàiniff a' 
chuid deth a bhuineadh do Shasann gu bhi 'na lagh air an 
t-seachdainh là de mhìos meadhonach an t-samliraidh, 1832, agus 
s' chuid dcth a bhuineadh do Alba 'sdo Eirinu air an dà mhìos 
'an dèigh sin. Thug an lagh so a bhi air a dhaingneachadh mòr 
fihìth di 'n rìoghachd aig an àm; ach bha mòran de na h àrd uais- 
libh 'iia aghaidh. Bha 'n reachd so a' toirt Vote air son Ball 
Pàrlamaid a roghnachadh do gach Albannach a bha pàigheadh 
leth-cheud Punnd Sasunnach de mhM air son a chuid fearainn, no 
deich Puiniid Shasunnach de mhàl tighe ann am baile mòr, no 
ina's fcalbhadair e air tigh ann am baile mòr is fhiach deich 
Puinnd Shasunnach 'sa' bhliadhna. Tha 'chuid de 'n lagh a 
bhuinea^ do Shasunn 'sdo Eirinn faisg air a bhi coslach ri so. 

2. Bithidh a* bhliadhua 1833 ainmeil am feasd 'an eachdraidh 
Alba, raar a' bhliadhna 'sna thòisich an còmhrag da rìreadh eadar 
an dàphMrtidh 'san eaglais mu'n Piihtronaclid; an dara phirtidh 
ag iarraidh an lagh ud a chur as gu h-iomlan, mar ni ro chronail 
do'n caglais, no mur faightcadh a cur as gu builencli. a dean- 
arah co neo-chronail 'sa b'urrainn iad. Acli bha 'phàirtidh cilo 
'dlftth leantuinn ris a'Phàtronachd, marni ris nacli robli e shhliailto 
dealachadh, no co-dhiù a bha so-ghihlaiiite. Bha caochladh iiithe 
araon 'an taobh a stigh dhi fdiii, 'san t;iobli a mach dhi, ga cur 
thuig'a dh* ionnsuidh a* chòmhraig so aig an àni ud. Tlia eachd- 



452 EACHDRAIDH NA H-ALBA 

raidh ag innseadh gu'n tàinig eaglais na h- Alba gii bhi co iosal 's a 
bha i riamh mu'n bhliadhna 1779. B'ann air a' bhliadhna sin a rinn 
a h-Ard-Sheanadh an t-Achd a bha curaail a mach as a cùbaidibh 
searraonaiche sam bith nach robh de 'comunn fèin; agus nach 
feudadh ministeip-sam bith, ged a bhuineadh e do 'n eaglais, sear- 
moin a dheanamh 'an coimhthional air bith gun aonta ministeir a' 
choimlithionail sin a bhi aige. Bha e air a ràdh gu 'm b'e sgriob 
a thug Rowland Hill feadh AIV a b' aobhar dha so. Bha i air 
Achd eile a dheanamh bliadhna no dhà roimhe sin a rèir nach 
feudtadh eaglais ùr a thogail, no coimhthional ùr a dheanamh 'ait 
àibe sam bith, ged a bhiodh an shiagh deònach 'us comasach air- 
RÌn, agus feuraach air mar an ceudna, gun chead an Ard-Shean- 
aidh. Le so bha i gu h-achdaidh a' cumail eaglaisean gun a bhi 
air an togaìl. 

3. Ach aig an dearbh àm 's an robh 'n eaglais air a toirt co iosal 
so leis an dream aig an robh làmh an uachdar an taobh a stigh 
dhi, bha ministeirean treubhach, dileas, ag diridh innte Wm a 
"bha gniomhach, soirbheachail, eudmhor mu dheadh oibribh. 
Feudar sreath dhiubh ainmeachadh, abha 'n an cinn-iùil, fear au 
dèigh fir, agus aig an robh eòlas pearsonta, gach aon diubh air an 
fhear a bha roimhe; Dr Erscin, Sìr Eanruic Moncrief, Dr Aindrea 
Tomson Dhuneidin, duine comharraicht', agus Dr Chalmers. Agus 
a thuilleadh orra so uile, bha Dr Hill fdin, ceann-iìiil taobh nam 
Moderates, agus fear-teagaisgna' ministeirean òg'an Cill-Pàmhinn^. 
a' fàs ni bu sholusaiche 's ni bu shoisgeulaiche gu deireadh a latha. 
Mar so bha solus 'us eud na h-eaglais a' meudachadh, air sheòl' 
'sanns a' bhliadhna 1828 gu'n d' aidich i gu'm bu chòir luchd 
teagaisg a chTir a null thun nam Pàganach. Agus air an ath 
bhliadhna chuireadh Dr Duif do na h-Innsibh a 's ear. Aig an àm- 
cheudua bha caoshladh nithe a' dol air aghart air taobh a muigh 
na h-eaglais aig an robh buaidh faobharachaidh 'us dìisgaidh suas 
oirre gu i fdm a chrathadh o'n duslach. Bha na geugan a bh' air 
dealachadh ris an eaglais o àm gu h-àm roimhe sud, a' sior dhol. 



UILLEAM IV. 453 

'an gairbhead, 'sbha ciiid diubli ag aonadh ri ch(^ile, *s mar a bha 
iad sin ga'm faireachadh fiin Sìor o chuiiig sam bith a bhi aig aii 
Stàite thairis orra, clia 'n fliuilingeadh iad a chUunntinn, gu'n 
robh an eaglais Shuidhichte ni b' fhearr na iadsan, no eadhon co 
maith riu, co f id 's a bha cruaidh-shnaim na Pàtronachd ri 'fhaic- 
inn timchioll àir a muinneal. Uaithe so dh' eirich cogadh phkip- 
eirean eadar an'eaglais Shuidhicht' agus sliochd nam fiddhalach a 
bha roimhe sud air fàgail a comuinn, a tha gu so a' nochdadh cia 
00 anabnrrach dealasach, buan-leantalach, gleusta fo 'n cuiil 
armachd, 'sa bha na cinu-ihil ud, air gach taobh, a bha gu togarr- 
ach ga 'n tilgeadh fè'm do 'n chath bu dèine. Mar uach b' urraina 
Lii^IkI t.'griidh n.i h-eagl,ii? Snidliicht' rVichoadh P.achrobh ^ohbcr 
nàir* ac' air son tràiUealachd na Pàtronachd, *se rhnalch iad 'sa* 
bhliadhna 1833 gach oidhirp a ghabhadh deanarah a chleachdadh 
air son a cumhachd a lagachadh, mur b' urrainn iad a crathadh 
dhiìibh gu buileach. Ach bha taobh nam Moderates ga' dionadh 
's an Ard-Sheanadh, 's chaidh ac' air a cumail 'na neart au aoa 
bhliadhn' ud fathast. Ach f liuaradh an àireamh bu mhò 'an oghaidh 
na Pàtronachd ann an Ard-Sheanadh 1834. Air a' bhliadhna sìn 
dhaingDÌch an t-Ard-Sheanadh an Reachd ris an abrar Veto Law^ 
a rèir an robh comas aig coimhthional ministeir a fhuair Presen- 
tatton, a dhiultadh, ma bha coirean aca 'na aghaidh a sheasadh air 
beulaobh nau cùirtean eaglaiseach. Bha 'n lagh so 'sa' mhòr- 
chuid ag oibreachadh gu maith. Ach bha tearc de na ministeir- 
can a fhuair Presentation, agus nach robh an sluagh deònach air 
an gabhail, m\-riaraichte leis a* chumhachd so a bhi aig coimh- 
thional sam bith. Agus 'an iiine ghoirid thMsich fear 'us fear 
dhihbh 8Ìn a* tarruing nau Clèirean gu Cùirt an t-Seisein a chiona 
nach robh lad ga'n suidheachadh 's na h-àitibh a blia'm Pàtron 
a' tairgseadh dhoibh. Ma bha Clòir sam bith co soirbh 'sgu'a 
robh iad a' suidheachadh minibteir an aghaidh toil an t-sluni^h 
air chomhairle Cùirt an t-Scisein, bha *n t-Ard ^^hccnr.dh a* 
xleachdadh an hghdarrais Ì(\n os ccann buill fa lcth na Ckir* ud 



454 EACnDRAlDn na h-alba 

le "blù ga'ti crouacliadli gu follaiseacb, no ga'n cur 'n an tosd car 
ùìue, no eadhon gà 'n cur as an dreucbd. Bha Cùirt an t-Seiseiu au 
sin a' tigUinu 'san eadraigin a cllum na ministeirean a Uia umhail 
doibh a dhìoaadh o ùghdarras an Ard-Sheanaidh. Bha 'n riogh- 
achd aig an àm ud, da rireadh roinnte na h-aghaidh fèin. Cùirt 
an t-Seiiein ag àicheadh gu'n robh cumhachd aig an eaglais am 
Veto Law 'dhaingneachadh, agus an eaglais a' cumail a mach gu'a 
robh còir aic' air a leithid sud de Reachd a dhaingneachadh. Cha 
bhuin e do 'n eachdraidh so leudachadh air na fulangasaibh a 
bh' aig cuid de luchd dreuchd na h-eaglais anns a bhi toirt ùmh- 
lachd iio hghdarras an Ard-Sheanaidh 'an co-cheangal ris a' Veto 
Law, no idir a dhol a dh' fhasguadh nau argumaidean leis an robh 
taobh seach taobh a' dìonadh an gniomharan fèin, ach a mhàia 
iomradh ath-ghearr a dheanamh air aobharaibh na h-aimhreit, a 
chionn nach robh ni sam bith eil' a bhuineadh do 'n rioghachd, aii 
taobh a muigh, no'n taobh stigh dhi, leis an robh gach inbhe 
measg an t-sluaigh co mòr air an gluasad rè nan deich bliadhn'^ 
ud, 's a bha iad le cor na h-eaglais. 

4. Ajqus a' bhhadhna 1834 dhaingnich a' Phàrlamaid Eeachd. 
leis an robh na Daoine Dubha 'bha 'n an tràilhbh 's na h-Innsibli. 
a 's iar air an cur gu bràth saor o fhòirneirt 'us ain-tighearnas arii 
luclid-sàrachaidh. Bha 'n Reachd maith so gu bhi air a chur 'an. 
gniomh o 'n cheud là de cheud mhìos an f hoghair. Ach 'an àite- 
na Daoine Dubh' a' leigeadh air an gurt fèin, gun neach a' seall- 
tuinn as an dèigh, bha 'n t-Achd d! solarachadh gu 'm feumadh- 
gach aon diubh fantuinn còmhladh 'ri 'mhaighstir, mar fhòghluide 
rè thri no clieithir bhadhna, agus a bhi 'n ceann seirbhis dà fliichead 
uair 's a cuig de thìm 's an t-seachduin. A chum 's nach fuihng- 
eadh neach sam bith air son an Achd oircheasaich ud a bhi air &». 
dhaingneachadli dii' aontaich a' Phàrlamaid ri fichead muilleaoi 
Punnd Sasuauach a' phàigheadh do na maighistiribh air son aa 
saorsainn a thoirt do na tràillibh. 

5. Air a' bliliadhua 1835 bha aire na Pàrlamaid gu niòr air a 



BAN-RIGH UICTORIA. 455 

togail le gnothuichibh Eirinn, gu h-àraidh staid na h-eaglais 
Shuidhichte 's an tìr sin. Ach an dèigh mòran deasboireachd 'ug 
connsachaidh dh'fhàg iad nithe dìreach mar bha iad roimhe. 
Anns an ath bhliadbna riun a' Plihrlamaid caochladh Achdan a 
bha feumail do Bhreatunn. Ach *s e 'n t-aon is ainmeile dbiubh 
sin an t-Achd coitchionn air son cur air chuimhne Breith 'us Pòs- 
aidli *us Bàis anns ra tri rìoghachdaibh. 

6. Chaochail Uilleam IV. 'au Lnnuinn air an fhicheadamh là 
de mhìos meadhonach an t-samhraidh, 1837. Cha robh aig aa 
rìgh ach dithis de chloinn dhlighich ; agus bhàsaich iad sin 'n an 
cloinn bhig. B' e 'bliràthair a b' fhaisge, Diìic Chent, oighr' a* 
chrìiin aig bàs Uineim IV. Ach bha Diìic Chent air bàsachadh 
iomadh bliadhna roimhe so, agus gun aige de theaghlach ach aoa 
DÌghean, a' bhan - phrionnsa Uictoria. B' i so a nis a' bhan- 
oighre dlih'gheach, agus chaidh a h-èigheach 'na ban-righ Bhreat- 
uian an dèigh bàis bhràthar a h-athar. 



CAIB. XLIX. 



BAN-RIGH UICTORU. 



Bha rìghrcan Bhrcatuinn o linn Sheòrais I. 'n an righribh air 
Ilauòbhar mar an ceudna; ach bha Lagh àraidh air a dheanamh 
roimbe sud, leis an robh e eucomasach do bhan righ a bhi air 
Hanòlhar. Theirear gu Gallda Sallc Law ris an Achd so. A 
rèir an lagha so thàinig mac bhrathar a h-athar, Diùc Chumber-" 
land. gu Lhi 'na rìgh Ilanòbhair, ged a bha e leis an lagh Bhreatr- 
UDuach air a chumail a mach o chrùn nan rioghachdan so. 



456 EACHDRAIDn NA H-ALBA 

2. Mii 'n dearbli àm *s an tàinig Uictoria tliun na caithreach 
bha mòr throimhe chèir a msasg luchd-àiteachaidh Cbanada. 
Bha iad ro mhi-riaraichte roimhe sin air son ghniomharran fèin- 
thoileach an Riaghlair, air son gu 'm b' iad a' mhuinntir a thogradh 
c fèin a bh' air an òrduchadh gu bhi 'na 'm buill de 'n Chomhairle, 
's gu'n robh feum mì-laghail ga dheanamh de airgiod follaiseach 
na dìithcha, agus e bhi sgaoileadh na Pàrlamaid 'n uair a thogradh 
e, gun aobhar; agus nithe eile de'n t-seòrsa sin. Agus mu dheir- 
eadh na bliadhna 1837, dh'eirich mòran diubh 'an ceannairc 'an 
aghaidh an rìaghlaidh a bha Breatunn air a chur suas na' measg. 
Ach 'an ùine ghoirid sgapadh na ceannaircich as a chèile. B' ann. 
air lorg na tuasnid so ^ chaidh co-shuidheachadh na diithcha ath- 
arrachadh goirid an uJigh sin. A' chuid 's a' chuid, fhuair iad am 
Pàrlamaid fèin a bhi, gu ire bhig, gu h-iomlan saor o ùghdarras na 
Pàrlamaid Breatunnaich. Bha troimhe chèile mòr, goirid an 
dèigh an ama so, aca 's na h-Innsibh a 's iar air lorg nan tràiUeau 
a dh' fhaotainn an saors', agus mar an ceudna, bha Eirinn 'an staid 
glè luaisgeanach. Ach ged a bha luchd riaghlaidh an là air an 
cur 'na 'm boil leis na nithibh ud, cha do thachair ni neo àbhaist- 
each sam bith air an ruigear a leas a bhi leudachadh. An uair a 
dh' innseadh do'n Phàrlamaid 'sa' bhliadhna 1840 gu'n robh 
bhan-righ a' dol a phòsadh Prionns' Albert à Sacs Coburg, dheòn- 
aich iad dha deich mile fichead Punnd Sasunnach 's_a' bhliadhna 
de chur a stigh. 

3. Bha cogaidhean mòr' aig an tighearnas' Bhreatunnach ga'n 
toirt air aghart mu'n àm so. An ceud aon diubh sin, ri cinn- 
fheadhna nan tirean a' th' eadar Persia agus na h-Innsean an ear rìs 
an abrar Afghanistan. Bha na cinn-fheadhna so ro chuilbheartacb. 
's ro fhuilteach, anns co fad 's a chuir Breatunn earbs' annta. 'S e 
1)un a bh'aun gu'n do mheudaichBreatunna'cumhachd's a'choimh- 
earsnachd ud, agus b' èigin do gach ceann-feadhna hmhlachd aid- 
eachadh dhi, no a càirdeas a chall. Bh' èirich cogadh aig an àm 
cheudna ri China agus ri Mehemet Ali, uachdaran na h-Eiphit. 



BAN-RIGH UICTORIA. 457 

Chtildich Breatiinn ris an duine sin a chumail o rioghachd an 
Turcaich a' reubadh uaithe. 

4. Anns a' bhìiadhna 1840 chuir daoin' oircheasach, fad-sheall- 
ach *an Duneidin Comunn air chois air son Lagh nam Bochd 'an 
Alb* atliarrachadh. Bha na Bochdan roimhe sud air an cumail 
suas le cuideachadh a bha iad a* faotainn o gach Seisean eaglais 
fa leth feadh na rioghachd, agus a thuilleadh air sin blia cothrom 
aca dhol mu 'n cuairt, mar a b' àiU leò feadh na dfithcha gu cuid- 
eacliadh fliaotainn o neach sam bith a bheireadh dhoibh e. Ach 
thng an Comunn ud ma *n airidh gu 'm feumadh tighearnas Achd 
Pàrlamaid fhaotainn gu staid nam Bochdan 'an Alba rannsachadh 
j» rv.' •» h^. ^hW ri "Reochd iiuadh a dheanamh a rdir am feumadh 
uachdarana fearainn, 'us tuath-cheathairu 'us daoine comasach 
eile gach sgìreachd fa leth na Bochdan a chumail suas; agus nach 
biodh cead aca tuilleadh a bhi dol mu 'n cuairt a dh' iarraidh ddirce 
'an àite sam bith. B' e Dr Alison clihiteach aon de 'n mhuinntir 
bu ghniomhaich' anns a bhi cur air chois a' chomuinn so. 'Aa 
ceann clieitliir bliadhna dhaingnich a' Phàrlamaid a leithidsud de 
Beachd leis a bheil staid nam Bochdan 'san rioghachd gu mòr ag 
eadar-dhealachadh o 'n t-suidheachadh 's an robh iad roimhe sud. 
Clia robh na daoine mòra 's na h-uil' àite deònach air ìimhlachd 
a thoirt do 'n lagh so *s a' cheud dol a mach. Ach a' chuid 's a' 
chuid tbàinig e gu bhi air a clileachdadh 's na h-uil' aite de 'n 
rioghachd. Bha leithid sud de lagh air a dheanamh air son Eirinn 
goirid roimhe sud. Ach bha e air bith 'an Sasunn ùine mhòr 
roimhe sud. 'S a' bhliadhna 1842 rinneadh lagh air son 
saor mhalairt ann ann arbhar (Corii Laws). Bha mòran 'an 
aghaidh an Reachd so a bhi air a dhaingneachadh ; luchd 
fearainn 'us tuath nihòra. A lion cuid 'us cuid fhuaradh air 
a dhaingneachadh e. 

5. Bithidh a' bhliadlina 1843 a ghnàth ainraeil 'an eachd- 
raidh Alba mar bhliadhn' an Doalachaidh. Bha cbirtean na 
h-eaglaÌ3 'sna cUirtean lagha air an toiit aghaidh ri h-aghaidh 



45S EACnDRAIDn na h-alba 

timcluoll air a' Veto Law. Bha Cìiirt an t-Seisein a' cumail a- 
macb uacli robli còir aig an eaglais air Eeacbd de 'n t-seòrs' ud a 
dbaiiìgneachadb idir, agus mar sin gu 'm feudadh ministeir no Clèir '^ 
sam bitb a tbogradh an lagb ud a bhriseadb, agus gu 'n dìonadh. 
iadsan hicbd dreucbd sam bith a tliogradb sin a dbeanamh. Bha'a 
eaglais a' tagradh gu'n robb còir aic' air a' Veto Law 'dhaingneach- 
adh, a rèir ceud cho-shuidheachaidh Eaglais ua h-Alba, a fhuair atK 
dhaiugneacbadh aig àm na Bìghcbuairt, agus nach b' urrainn a' 
Phàtronachd a tboirt air falbh. Bha àireamb mòr de luchd dreuchd 
na h-eaglais a bha deònach air gèilleadb do'n bheachd a bha 
Cìiirt an t-Seisein a* toirt air a' phuinc. Ach cba robb Moraireaa 
an t-Seisein fèin aon-sgeulach na'm beachd air a' phuinc. Bha 
cuigear dbiubh a' tighinn faisg air an aon bheachd ris an àireamh 
bu mhò de lucbd dreuchd na h-eaglais. Bha'n cuigear sin air am 
ineas 'n an luclid lagha co comasach 's a bba 'm Breatunn air fad, 
Agus uaithe so thuirt aon de churaidhean na h-eaglais,* na 'm 
"biodh Cùirt an t-Seiseìn air an cotbromachadh 'an àit' a bhi air 
*n cunntadh gu'n robh 'chuid bu mhò air taobh na h-eaglais. 

7. Anns a' bhhadbna 1842 chuir an t- Ard-Sheanadh litir-tbag- 
raidh tbun na ban-righ tre làmhaibh a Fir-ionaid, Marcus Bhòid, a 
bha làtbair aig an Ard-Sheanadh, anns an robh aobharan a* chòmh- 
raig eadar an eaglais agus Cìiirt an t-Seisein gu soiUeir, rdidh, air 
an cur sìos. Bha air ainmeachadh 's an litir so, na'n gabhadh a* 
bhan-rigb, le aout' a luchd-coiiihairle, beachd fàbharrach air cùis 
na b-eaglais, gu'm feudadh i rìan a ghabhail air Cìiirt an t-Sèìs- 
ein a thoirt gu atharrachadh cleachdaidh ann am modh dèilig- 
idh ri nitbibh a bh' air a me.is spioradail, agus an taobh thall 
dheth an cumhacbd. B' e Sir Raibeart Peel Prìomhair Bhreatuinni 
aig an àm, agus 'sann aig Sìr Seumas Greumach a bha riaghladk 
ghnothuicbean lagha na rioghacbd aig a' bhaile. Agus le comhairL* 
an luchd-riagblaidh sin thàiuig fios air ais gu Buidheann an Ard- 

• Dr. CunnÌEghair* 



BAN-KIGH UICTORIA. 45^ 

Sheauiuaii iiiica rui^eadh iad a le^xs sail a blù aca ri còmhnadh 
aam bith o iia h-ioiiadaibh àrd' ud. Rùnaicheadh an sin cìiiseaii 
na h-eaglaÌ3 a chur fa chomhair dà Tlugh na Pàrlamaid, le sìiil 
ris gu'u tigeadh fuaim ni bu chiuntich' a mach uatha sin na o 
Chùirt an t-Seisein. Air an t-seachdamh là de dhara mìos an earr-- 
aich, 1843, tliug Mr. Fox Maul fa chomhair tigh nan uaislean; 
Litir-thagraidh ua h-eaglais. Rinn e fèin òraid glileust, acU- 
stuaim, anns a bhi 'fosgladh suas gach ponc fa leth a bha 's aiv 
Tagradh. 'An dèigh a dhìi no thri làithean a chaitheamh 'aa 
deasboireachd mu na nithibh sin, chuir an àireamh bu mhò do 
Thigh na Pàrkmaid 'an aghaidh gnìiis sara bith a thoirt do 'a 
eaglais ann a h-oidhirpibh air saorsainn fhaotainn o ain-tighear- 
nas Cùirt aa t-Seisein. Cha robh bonn teagaimh air fhàgail aig; 
miuisteiribh a nis nach feumadh iad am muinneal a chur fo chuing. 
abha iad a' meas ro chruaidh, no an co-cheangal ris an Stàit' a bhi' 
airabhriseadh. Agus roglmuich àireamh mòr dhiubh an nl so mU' 
dheireadh a bhi air a dlieanamh. 

7. An uair a chruinnich an t-Ard Sheanadh air an ochdamh là 
deug de cheud mhios an t-samhraidh, shearmonaich Dr. Ueils,. 
CeaDD-suidhe ua cùirt eaglais sin, ann an Eaglais Naoimh Giles;.- 
agus an deigh an t-searmoin chaidh an Ceann-suidh' 'us buill eir 
an Aird-Sheanaidh do Eaglais Naoimh Aiudreis, far an robh aa- 
t-Ard-Sheanadh gu suidhe, agus an robh caithir àrd, rìoghail, air a 
cur suas do Fhear-ionaid na ban-righ. Rinn Dr Ueils ùrnuigk 
agus an àè'ìgìi do 'n choimh-thional mhòr suidhe thuiit e gu'm b'e 
sud an t-àm àbhaisteach air son rol' ainmean an Aird-Sheanaidh , 
a dheunamh suas; ach a thaobh nithe àraidh a thachair o cheanar 
gboirid, 'an coimhcheangal ri co-shuidheachadh na h-eaglais, 'aa 
rathad a bhi tilgeadh a còraichean bun os ceann, " tha mi," ars' esaa 
"a'togailiLOgl.uth 'an aghaidh sinD adhol nis faid'^air aghart. Tha 
Da reusoDa lcis an robh mi air mo threòrachadEL gus a' chomh-dhuD- 
adh 80 air an cur sios anns a' phàipeir so a tha 'n am làimh (am . 
Protest)" Lcugh c'u aiuam rrok'H fuda; agus co luath 'sabha'a. 



460 EACHDRAIDn VA H-ALBA 

cHeasdaiias sin criochnaichte tliionndaidh e ri Fear-ionaid na ban- 
righ, Marcus Bhòid, agus a' cromadh a chinn fa 'chomhair mar 
thaisbeanadh air urram, chuir e 'm Protest air a' bhòid, thog e *ad 
'na làimli 's dh' flialbh e mach, air a leantuinn an toiseach leis an 
fheadhainn bu shine 's a b' urraoaaiche de na ministeiribh, agus as 
an dèigh-sau còmhlan mòr de mhinisteirean 'us luchddreuchd eile 
na h-eaglais, a bha 'n am Buill an Aird-Sheanaidh. Bha Tall' 
air uUachadh air an son roimh làimh 'an àite ris an abrar Canon 
Mills air taobh tuath Dhuneidin. Ghabh iad dìreach a dh' ionn- 
suidh an Talla sin, anns an do chum iad a' cheud choinneamh 
Aird-Sheanadh na h-eaglais Saoir, air an deachaidh Dr Chalmers 
a roghnachadh gu bhi 'na Cheann-suidhe. Eadar na lean a mach 
à Eaglais Naoimh Aindreis iad de Bhuill an Aird-Sheanaidh agus 
lìa chuir an ainmean a steach an dèigh sin,bha ceithir cheud, ceithir 
deug 'stri fichead ministeir a leig dhiubh an àitean 'san Eaglaìs 
Shuidhicht' agus a cheangail iad fèin ris an EagLais Shaoìr. A 
thuiUeadh orra sud lean àireamh maith de mhinisteirean òg aig 
nach robh coimhthionalan fathàst, ris an eaglais Shaoir, agus mar 
an ceudna na ministeirean a bha 'searmonachadh do Phàganaich. 
an iodhail-aoraidh anns gach àite de'n t-saoghal* 

7. B'ann 's a' bhliadhna 1845 a chaidh Lagh nam Bochd air 
son Alb' a dhaingneachadh leis a' Phàrlamaid. Agus gìè ghoirid 
'an dèigh sin thàinig bochdan Alba gu bhi ni bu ro Honmhoire na 
bha iad o cheann hine mhòr roimhe sin, leis a* Bhuntat' fhàil- 
neachadh anns gach ceàrna de'n rìoghachd. Lean an galar ris a' 
chuid so de thoradh na talmhainn sea no seachd a bhliadhnachan 
*an dèigh dha tòiseachadh ann an 1846; agus cha'n 'eil e idir 



* Tha lAn chunntas air an Dealachadh 's na nithibh a dh' aobharaich o 
^s an Fhianuis Ghaelich leis an Olla Mac Aoidh, agus 'an Còmhrag nan 

Deich fìhadhua le Dr Huchanan Ghlascho. Sgriobh Dr Biyce agus Dr 
-Mac Farlane o 'n taobh ris au robh an f headhaiun a dh* 1 han 'h au eaglaia 

Shuidhicht' a* sealltuìnn. 



BAN-RIGH UICTORIA. 461 

saor uaithe fathast *an iomadh àite. Agus bha e 'deanamh a'' 
ghnothuich ni bu ro thruim* air an rìoghachd so gu'n d' fhuiling 
Sasunn, agus eadhon cuid de dhìithchanna tìr-mòr na h-Eòrpa 
o*n aon phlàigh aig au aon àm. Cha robh dhthaich sam bith eile 
'san Roinn-Eòrp' a dh*fhuiling uiread ri Eirinn o ghalar a' Bhun- 
tàta.* Bha roinn mhòr de thuath-cheathairu na dùthcha sin, o 
cheann ìoraadh bliadhua roimhe sud, cha mhòr gu h-iomhxn, 'an 
urra ris a' Bhuntàta mar bheathachadh ; agus an uair a dh* fhàil- 
nich am bàrr sin gu h-obann 'sgu h-iomlan 'an aon bhliadhna, 
thàinig èigin 'us fulangais air a lorg a bha dèistineach, eadhoa 
ri'n cluiuiitiun, gun luaidh air am faicinn. Bhuadhaich a*" 
ghainne co mòr 'an iomadh cèarna, 'sgu'n robh cuid eadhon a*^ 
bàsachadh leis a' ghort. B' ann rè a' cheud dà bhliadhn' an dèigh". 
do *n ghainne ud tòiseachadh a Uiidh i ni bu truim' air gach ceàrna 
fa letli de na riogliachdan so. An dèigh sin f huaradh 'am freasdal 
maith an Tighearna rian air biadh a thoirt à tìribli 's an robh e ni 
bu phailte, agus a' sgaoileadh air feadh nan àitean 'sam bu truime 
a' ghainue. Bha e air a ràdh nach robh ceàrna sam bith eil' au 
Alb' is mò a dh' fhuiling aig an àm ud na 'Ghàeltachd a tuath 
'sna h-eileana. Agus is còir aideachadh gu'n do rinn muinntir 
ccann a deas Alb', araou 's na bailtibh mòr' agus air an dùthaich, 
co maith rÌ8 na h-uaislibh a bhuiueadh do'n Ghàeltachd fein, 
mòran fialachd a tliaisbcanadh ann an leasachadh uireasbhuidh an 
taoibh tuath. Ach aig an àm cheudna cha 'n flìeudar a chleith • 
nach robh 'snach 'eil na Goill gu mòr anns a' mhearachd, agus a' 
deanamh croin orra fèiu 'sair muinutir eile, leis na beachdaibh a 

• B' © Sìr Ualter Raleigh a thug am Buntat' an toiseaoh do Eirinn à 
Virgiiiia. 'im C'.'aiin a Tuuth America, 's a' bhliadhna 1G23. Thòisich e 
air ciiinearh.Mlli gu ro mailh 's aii dùlhnith 8Ìn; ach 'sann mu leth cheud 
bliadhn' aii dèi^h ein a ih; inig nm"pòr gu bhi cumanta feadh ^hajuiun ; 
agus mu'n cmiirt do 'n hhliadhna 1750 ihàinii^ o gu bhi gu inaith cumaiit* 
an connii n dwas .Mla, agus 'au ùiiie nach robhfad' an dèigh siu air feadh 
c% GàeUacl d. 



462 EACnDRAIDH NA H-ALBA 

tha iad a' togail 's a' sgaoileadh mu na Gàeil Albannach, naar 
mhuiuntir leis nach àill obair sxm bith a dheanaish, easJhon obair 
co furasda, mar their iadsan, ri iasgach; leis an roghnuiche bhi beò 
's na luideagaibh 's am bochduinn na saothair sam blth a dhean- 
amh air muir no air tìr. Cha'n fheudar leudachadh 'an eachd- 
raidh ghoirid mar so air na nithibh a tha dearbhadh nach ann 
mar sud a tha. Feumar rian eil* a ghabhail air na Goill a chur 
ceart 'sna nithibh so, mur b'e nach gabh iad cur ceart. 

8. Mu'nàmudbha'nRoinn-Eòrpachamhòrgu h-uil'airagluasad 
leis gach crathadh 'us troimhe chèil' athachair'an ceithir no cuig 
de rìoghachdan a' cheithreimh so de 'n chruinne. Ann an toiseach 
na bliadhna 1848 thòisich an iorghail 'am Pàris, àite na h-iorghail. 
Bha mòran de shluagh na Frainge roimhe sud air bi m\-riaraichte 
le modh riaghlaidh an righ, Louis Phih'p ; agus thugadh ionnsuidh 
air a bheatha caochladh uairean, ged a bha e dol as gun bheud. 
Rùnaich mòran de shluagh Phàris fleadh mhòr a chumail air aon de 
shràidibh a' bhail' air an fhicheadamh là de chend mliìos an earr- 
aich, a bu là sàbaid. Thoirmeisg an tighearnas dhoihh an fhèisd 
a chumail, gun mhòran atharrachaidh air an òrdugìi 's an robh iad 
gus a cumail. Ghabh an fheadhainn a bha fuathach air an rìgh's 
air a thighearnas so mar leth-sgeul gu tuasaidadhhsgadh's a'bhaile. 
Air Di-ciadne chaidh àìreamh dhaoin' a mharbhadh leis na saigh- 
dearaibh a chuir an tighearnas gus an tuasaid a chur sìos. Rinn so 
an gnothuch ni bu mheasa. Thàinig an iorghail gu leithid de 
àirde an ath là, Diordaoine,'s gu 'm b' èigin do 'n rìgh 's d' a theagh- 
lach teicìieadh a mach as an lùchairt air dorus folchuidh, agug an 
casan a thoirt leò thun an oirthir, gach aon fa leth dhiubh 'an cruth 
eile agus sgapta o chèile. Goirid an dèigh sin ghabh iad an t-ais- 
eag a nall do Shasunn far an do ghabhadh riu gu caoimhneil. 
Chuir na Frangaich suas Comh-fhlaitheachd, agus thug iad mis- 
■ neachd do na h-uile shiagh eile 's an Eoinn-Eòrp' a blia mì-riar- 
aichte le 'n cuid rìghribh, iad a dheanamh a leithid cheudn' air 
gach aon diubh sin 's a riun iadsan air an rì^h fèiu. Mu 'n deach- 



BAU-RIGH UICTORIA. 46$ 

aìdh aa atli shambradh seachad dh' èirich a dhh, no tiì de riogh- 
achdau na h-Eadailt an aghaidh an cuid uachdarau, 'sdh'fhuad- 
aich iad air falbh iad. Bha 'm Pàpa 'na aon de *n luchd-riaghlaidh 
a dh' fhuadaicheadh air falbh. Dh'èirich na h-Austrianach an 
aghaidh Impire nan tìrean fiirsuing sin, agus thilg muinntir Hun- 
gari dhiìibh cuiug Austria, 's chuir iad suas Comh-fhlaitheachd, 
air an do roghnuich iad Louis Cosuth gu bhi 'na Riagldair. 

Ged a bha Breatunn ui b' fhaisg air an Fhraing na aon sam bitb. 
-de na rioghachdan sin 'sgann gu'n robh dad sam bith a ghluasad 
a measg na muinntir a bha mi-thoilichte le'n staid. Dad sam 
bith a ghluasad a bha measg an fheadhainn a b' isle de'n mhath- 
shluagh 'an ceann a deas Alba 's gann gur f hiach e tuasaid a ràdh 
ris. Ach dh'èirich troimhe chèile mòr ann an Eirian aig an àm 
so. Gheall Lamartin, Riaghlair na Comh-fhlaitheaclid Frangiich, 
do na h-Eireannaich gu'u dionadh an Fhraing ial, na'm b'urr- 
ainn iad fèin cuing Sh;isuinn a thilgeadh dhiìibh. Chuir fear 
Smith Brian, Gàel Eireannach, a bha 'na uaclidarau fearainn, e 
fèin air ceann luchd na ceannairc, 's rinn iad buaireas m^r feadh 
na dìithcha. Ach bha na Breatunnaich, 'scàirdean Bhreatuinn 
'au Eirinn fèin, ro làidir air an sou. Chuireadh Suiith Briaa 
"'an làìmh, *sdhlteadh e gu bhi air a chur thar chuan mar dhaors- 
annach, 'sair a chumail 'an sin rè a bheatha. Acli tliug a' bhan- 
rìgli maitheanas dha 'n ceann beagan bhliadhnachan, 's fhuair t 
cothrom a dhol far an togradh e. 

Bithidh e iomclmidh anu an co-dhunadh na h-Eichdraidh so 
cnnntas aith-ghearr a thoirt air sluaglimhoireachd Alba aig caoch- 
ladh amaibh, o thòi.sicheadh air gabhail an àireamh. Tha e air a 
mheas nach robh 'san rioghachd mu dhcireadli na seachdarah 
linn deug ach aon mhuillean sluaigh. Rinneadh a' cheud oidh- 
irp gu àireamh an t-sluaigh a ghabhail anns a' bhliadluia 1755. 
B'c'n àircamh an sin 1,265,380. Tlia «\ireamli sluMÌ^^h nati trl 
Tioghachdan air a ghahhail an ccann a h-uile deich bliadhna o'n 
bhliadbn 1801, agus aig gach àm fa lcth dhiubh BÌu tha sluagk 



464 EACHDEAIDH NA H-ALBA 

Alba a* dol a meud aims an òrdugK so a leanas: — 

1801, 1,599,068 j 1841, 2,600,000 

1811, 1,805,637 I 1851, 2,888,742 

1821, 2,093,456 | 1861,* 3,062,294 

1831, 2,365,114 

Tha cnr a stigh na rìoghachd a* meudachadh ni's ro mhò na 
lionmhoireachd an t-shiaigh. Bha cur a stigh agus cosdas Bhrea- 
tuinn a nuas o'n bhliadhna 1841 mar a leanas : — 



COSDAS. 

£53,444,000' 
50,130,000 
72,842,000 
66,474,000 



'Se àireamh Arm Tire Bhreatuinn 138,000; agus nan saighd- 
caran Mara, 68,400. Neart a' Chàbhlaich, 497 Long-chogaidh. 
Cha tàinig mòran mùthaidh air Càrn nam Fiach o sguir cogadh 
ra Frainge. Tha iad a* scasamh mar so: — £794,655,000. Tha. 
Tiadh sin a tighinn gu £26,233,000. 

* Sluaghmhoireachd Ehieatuinn gu h iomlan anns a' Lhliadhna 1861^. 
29,986,508. 



CUR A STIGH. 


1811, ... 


£51,693,000 


1851, ... 


53,057,000 


1861, ... 


70,283,000 


1866, ... 


67,812,000 



A. SinclcUr, Printer, C2 Arffytt Street, Glaiijcw. 



BAHAIliEAISr MXJ»N OBAIR, 



Cfn Urramach an t-Olla T. Mac Lachlainn Dhuneiden. 

Tha e ro iomchuidh gu 'm bitheadh eòlas aig na Gaedheil air 
eachdraidh na dùcha do *m buin iad. B' iad na Gàedheil a ceud 
luchd-àiteachaidh, mar a tha ainmean amhnaicheau, bheanntan, 
agus bhailtean air feadh na tire a* nochdadh, agus ged a thàinig 
na Goill a stigh 'nan àite ann an iomadh ceàrnaidh dhi, air 
chor 'us gu 'n d' fhuair iad fhdin, an cainnt, agus an cleachdadh 
an làmh-an-uachdar anns a* chuid a's farsainn agus a's tarbhaiche 
dhi, bu dùthaich Ghàidhealach i air fad o shean, agus is i a 
h-eachdraidh anns na ceud linnibh eachdraidh shinnsearachd nan 
Gàidheal Albannach. Tha mòran ri innseadh mu 'n àm ud, mar 
a sheas aens mar a chog daoine na h-Albainn an aghaidh cumh- 
achd na Ròimh, agus mar a thug iad an sud air luchd-ceannsach- 
aidh an t-saos^liail gu'n do theich iad roimh au cruadal agus an 
euchdaibh cliùiteach mar a dhìon iad an tìr an a^haidh Ghall 
Lochluinn fad iomadh linn 'us ginealach, agus mar a thaisbean iad 
gliocas cho maith ri gniomh ann a Ohi riaghladh le laghan coth- 
romach, air an deadh fhrithealadh, an tìr a bhuineadh dhoibh. 
Ach a riamh sios gus an là an diugh, anns na cogaidhean a chuir- 
eadh air taobh saorsainn na rioghachd o aintighearnas Shasuinn, 
ri linn an Ath-leasachaidh, agus ri linn gach cogadh agus cath a 
chuireadh le Breatunn o 'n uair 'san d' thàinig Alba agus Sasunn 
gu bhi 'n an aon rioghachd, bha an cuid aig na Gàidheil ann an 
gniomharaibh na rioghachd. agus cha bu bheag an t-urram agus 
an cliti a choisinn iad, air chor 'us nach 'eil fine 's an t-saoghal a's 
fiù ainmeachadh am mcasg nach 'eil an cliti iomraideach. Tha e 
iomchuidh air an aobhar sin, gu'm bitheadh eachdraidh na tire 
air a cur sios 'n an cànain shnasmhoir, fhonnmhoir, bhlasda fèin ; 
agus tha Mr Mac Coinnich airidh air cliìi 'us cabhair o chàirdibh 
nan Gàidheal 'us na Gàilig a chionn gu 'n d* thug e oidhirp air so 
a dhcanamh. Anns cho fad 's a thug sinne sùil air an leabhar tha 
sinn ag aontachadh ris a' mhòr chuid de'n chunnaic sinn ann, agus 
18 e ar dìirachd gu 'n tachair e ri làn dìth a bheatha o luchd-àit- 
eachaidh na . Gàidhealtachd 's an luchd-dìicha, ciab'eàite 'sam 
fÌEÙghear iad 

??0'» Phaipeir Naigìieachd, Curier Inbhernis. 
Tha sian a* mesis gu bheil an leabhar so 'na oidhirp chliàitich 
«gU3 ahoixbheach&il air gearr eachdraidh ^'Thir nam BeauDi naa 



BAHArLEAN-MTj'N OBAIR. 

Gleann, 'snan Gaisgeach," a tlioirt do'n Gliàel Albannacli 'sa* 
chainnt niliàtbaireil. Is ^iorrachadh e o na ceud linnibh gus au 
àm a ta làthair. Ann an dol troimh raoin co farsning tha'u doirbh- 
eadas is mò ag èiridh o bhi 'taghadh na nithe 's cudtiìroniaich' agus 
is buadhmhoir' a thachair. . . Tha siun de'n bharail gu n do 
nochd ùghdar .a' ghiorrachaidh so air Eachdraidh Alba deadh 
bhreithneachudh 'san t-seadh so, air do uile chinn nan nithe 's nan 
tuiteamasan a tha ion-chuimhneachaidh a bhi air an toirt a 
steach ann an rìim co beag. A thaobh a' chladhain tre'm bheil i 
air a toirt seachad, eadhon a' chainnt Ghàelach, l'eumaidh sinn 
labhairt 'ara briathraibh àrd mhohiidh air a' cheart-sgriobhadh, 
soilleireachd a' mhodh hxbhairt, agus co-fhreagarachd ri gnàths 
na cainnte. Gun ar n-aont' a chur ri uile bharailibh 'us chomh- 
dhunaidhibli an ìighdair, tha sinn gu dtirachdach a* moladh an 
leabhair mar thabhartas fiachail do fhòghlum Gàelach, agus tha 
sìnn 'an dòchas gu 'm bi àireamh co mòr air an reic 's nach fuiling 
e call airgiodach sam bith. 

O'ìi Phaipeìr Nalgheachd, Adtertiser Inhhernis. 

Feudar a ràdh gur i Eachdraidh Alb' anns a' chainnt Ghàelich 
aon de na h-oidhirpean litreacliaidh co ìongantach 'sco fer.mail 

's a tha 'tighinn a mach mu'n àm so Cha d' fhuair 

sinn ach a' cheud leth de'n eachdraidh nuaidh so air ar dìithaich, 
a tha 'toirt na sgèil a nuas gu rìoghachadh ban-rìgli Màiri. An 
uair a bhios i crìochnaichte bithidh e 'na leabhar eireachdairs am 
bi faisg air cuig ceud taobh, agus bithidh an obair uil', a tha 
'tighinn a mach air an ath mhìos, air a reic aig prìs is isle na 
leabhar'sam bith 'sa' chainnt, ach na Sgriobtuirean a mhàin. 
Tha e aoibhneach leinn a ràdh gu'm feud sinn an cHìi is àirde 
'thoirt air an leth a tha f'ar comhair. Tha 'n seòl-labhairt ana- 
barrach glan, air sheòl 'sgu mol e'n leabliar do gach aon a tha 
gràdhachadh a chànain mhàthaireil. Cha'n eadar-theangair a 
mhàin an t-ùghdar; air an làimh eile tha e aithnichte gu 'n do 
smuainich e cùisean a mach air a shon fèin; agus ged a dh'fheudar 
aomadh beag fhaicinn 'an so 's an sud 'am fàbhar nan Gàel — an 
sinnsireachd 'san gniomharan, — gidheadh tha spiorad neo-leth- 
bhreitheachd gu coitchioun air a chumail suas air feadh na 

h-eachdraidh. Bu chòir do na h uile leis an ion- 

mhuiiiu cainnt an ddthcha dìbheath' athoirt do'n leabhar 'nuair 
a bhios e criochnaichte. 



Phaipeir Naigheachd an Ohain. 

. , Tha sinn gii dùrachdach a* guidheadh soirbheachadh 
do'n leabhar, agùs ga mholadh do gach. leughadair Gàelic. Tha 



mAILEAN Mu'N OBAIB. 

esan a chnidicheas gu togarrachd *an dèigh fòghlum eachdraidh- 
eil a chruthachadh a measg sUiaigh a tha co gann de mheadh- 
onan eòlaia 's a tha na Gàeii, a' buileachadh maith mòr orra, 's tha 
e airidh air a mhisneachadh. 



0*11 Urramach G. Cleireach, CillemhailUhk. 

Tha e araon taitneach agus tarbhach a bhi 'beachdachadh aìr 
eachdraidh nan làithean a dh' fbalbh, 'sgu h-àraidh air eachdraidh 
ar dùthcha fèin. Gheibh sinn iomadh eòlas feumail ann a bhi 
*lorgachadh nao ceum trè an do dhìricli i, le beannachd an Tigh- 
earna uidh air n'uidh, a chum an fhòghluim, an t-saibhreis, agus 
na saorsa 'tha i a dìs a' sealbhachadh. 'Nuair a smaoinicheas 
siiin air na nithean so, 's a sheallas sinn air a liuthadh fichead 
eachdraidh Bheurla 'chuireadh a mach tha fàth ioghnaidh nach 
d'thugadh riamh roimhe so cothrom do na Gàedheil air eachd- 
raidh an dùthcha a lenghadh 'n an cànain fèin. 

Ach 'an àite 'bhi 'caoidh na chaidh seachad, thugamaid taing 
dhasan a tha 'nis air an dith mhòr so a dheanamh suas, agus air 
a' Ghàelic a shaoradh o 'n athais so. Tha againn ann an so eachd- 
raidh mhion, phoncail air na gnothaichcan àraidh a thachair ann 
an Alba o na linnean a's cèine gu àm aLh-leasachaidh a' chreidimh, 
a bha 'na bheannachadh co mòr do'n Roinn-Eòrpa, 's co ro mhòr 
do dh' Alba. Tha 'n còrr ri 'bhi air a chur f' ar comhair ann an 
ùine ghearr; agus, an uair nach toir mi breith ach air ua chunnaic 
mi, their mi, ma bhithcas cunntas nan linnean deireannach co 
soilleir, agus co ciallach ris a' chunntas a thugadh dhuiun air na 
linnean a tha fad' air falbh, gu 'n coisinn an t ùghdar mòr chliìi. 
A thaobh na Gàelic gheibh muinntir Earraghàedheil lomadh focal 
'an 80 air am h\ iad a' cur coimhicheis; ach so aon fheum a tha 
ann an leabhraichean a chur a mach, gu 'n lcig iad fhaicinn do 
mhuinntir nadaraceàmade'ndùtbaich ciod andòigh labhairta tha 
aig muinntir cheàrnan eile, agus mar so ciud an iionmhoireachd 
bhriathar a tha 'n ar seana chànain. Fhad 's a chunnaic mise an 
leabharso mholainn e do gach Gàedheal, agus tha mi 'n dòchasgu'n 
dcan gach duinc tuigseach,suairce'n am measg còmhnadh leis-san a 
thug a' cheud oidhirp air eachdraidh an dìithcha a thoirt dhoibh 
ann an cànain aosmhoir nam Bcann, cànain a bha aon uair air a 
labhairt feadh Alba uilc, air a' mhach-thir co maith agus anns na 
monaidhean, anns an lùchairt co maith agus anns a' bhothan, ged 
tha i ni.s air a cur ann an cùil chumhainn, agus a rèir coslais air 
an rugha 's faid' a mach dc 'n rioghachd 



CLAR MHBARACHDAN, 



Taobh. 


Sreath. 


Leugh. 


Taobh. 


Sreath. 


Leugh. 


1 


8 


Cantanasan 


84 


28 


d'a ghealladh 


10 


14 


dìonadh 


94 


30 


là 's gu'n tàinig 


10 


23 


smuainich 


95 


23 


theann 


10 


30 


deas air an àite 


96 


19 


armaibh rùisgte 


11 


2 


Antonìnuis 


105 


5 


thagh e 


11 


4 


troidhe 


105 : 


; 19 


còcairean 


11 


31 


bheil 


124 


23 


Bha mar sia 


12 


13 


Antonìnuis 


125 


20 


Marjori 


13 


1 


dragh 


129 


18 


spleadh- 


14 


23 


laj^hannt. 


138 


11 


thogadh 


18 


32 


ceàroaibh 


142 


2 


aonamh là fichead 


29 


25 


ma'n 


144 


9 


deigheadh 


31 


2 


sgrìobhadair 


168 


18 


eatorra 


31 


10 


faotainn 


181 


23 


fearr 


32 


18 


àr a macli 


188 


14 


a' cur an aghaidh 


35 


29 


Mairireat 


200 


12 


na h-oidhirpean 


36 


9 


fhògarracli 


217 


25 


ceathrar 


57 


22 


Maoil 


256 


5 


ear 


62 


9 


seana mhathar 


278 


12 


B'e 


64 


28 


mar sin a b'e 


284 


22 


dheanadh 



^ 



University of Toronto 
Library 



DO NOT 

REMOVE 

THE 

CARD 

FROM 

THIS 

POCKET 




Acme Library Card Pockct 
LOWE-MARTIN CO. limited